comann nam pÀrant (nÀiseanta) · 2020. 4. 29. · 548 gu 558. tha 31 àrd-sgoil air feadh na...

11
COMANN NAM PÀRANT (NÀISEANTA) Aithisg Bhliadhnail | Annual Report | 2016/17

Upload: others

Post on 16-Mar-2021

5 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

Page 1: COMANN NAM PÀRANT (NÀISEANTA) · 2020. 4. 29. · 548 gu 558. Tha 31 àrd-sgoil air feadh na h-Alba a’ tabhann Gàidhlig mar chuspair airson fileantaich le 1,272 sgoilear. Às

COMANN NAM PÀRANT (NÀISEANTA)Aithisg Bhliadhnail | Annual Report | 2016/17

Page 2: COMANN NAM PÀRANT (NÀISEANTA) · 2020. 4. 29. · 548 gu 558. Tha 31 àrd-sgoil air feadh na h-Alba a’ tabhann Gàidhlig mar chuspair airson fileantaich le 1,272 sgoilear. Às

2

Comann nam Pàrant Ghlaschu

Page 3: COMANN NAM PÀRANT (NÀISEANTA) · 2020. 4. 29. · 548 gu 558. Tha 31 àrd-sgoil air feadh na h-Alba a’ tabhann Gàidhlig mar chuspair airson fileantaich le 1,272 sgoilear. Às

Ro-ràdh a’ Chathraiche Tha mi toilichte Aithisg Bhliadhnail Tha mi toilichte Aithisg Bhliadhnail Chomann nam Pàrant 2016/17 a thoirt thugaibh.

B’ e siud an ceathramh bliadhna agamsa mar Chathraiche air Comann nam Pàrant (Nàiseanta), aig àm a th’ air a bhith air leth dùbhlanach airson foghlam Gàidhlig, ach cuideachd àm far am faca sinn leasachaidhean cudromach.

Gun teagamh sam bith, tha an dùbhlan as motha an lùib nan duilgheadasan co-cheangailte ri dìth luchd-teagaisg aig a bheil Gàidhlig fhileanta tron t-siostam foghlaim gu lèir. Gu h-àraid, tha tàladh is cumail thidsearan na dhuilgheadas mòr. A dh’aindeoin an leudachadh a th’ air tighinn air na cothroman a th’ ann airson trèanadh thidsearan agus a liubhad cùrsa ùr a tha ri fhaighinn, tha fhathast uallach mhòr ann a thaobh solar thidsearan. Mar a thuigeas neach, tha am fàs a th’ air tighinn air foghlam meadhan Gàidhlig anns na bliadhnachan mu dheireadh air cur ris an duilgheadas a thaobh dìth thidsearan, agus tha sinn a’ leantainn le ar n-iomairt gus innleachdan ùra a chur air bhonn a bheir fàs air an àireamh de thidsearan a tha a’ tighinn a-steach dhan t-siostam agus a’ fuireach san t-siostam. Tha e duilich do phàrantan gabhail ris an àireamh de chlasaichean ann am FMG a th’ air an lìbhrigeadh anns a’ Bheurla agus tha seo cuideachd neo-sheasmhach ma tha dùil againn ri ìre àrd de dh’fhoghlaim meadhan Gàidhlig.

Chaidh an àireamh chloinne aig ìre na bun-sgoile am meud bho àireamhan na bliadhna an-uiridh de 2,920, le 3,145 sgoilear gu h-iomlan ann an 57 sgoil air feadh Alba. Tha an àireamh a thòisich ann an P1 am-bliadhna air a dhol suas bho 548 gu 558. Tha 31 àrd-sgoil air feadh na h-Alba a’ tabhann Gàidhlig mar chuspair airson fileantaich le 1,272 sgoilear. Às na 31 sgoiltean sin, tha 16 a’ teagasg chuspairean a bharrachd tro mheadhan na Gàidhlig ann an AS1-3 agus 4 le sgoilearan air cùrsaichean teastanais aig ìre AS4-6. Tha 3,159 sgoilear air cùrsaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh ann an 28 sgoil.

B’ e an leasachadh bu chudromaiche a thachair air a’ bhliadhna seo am foillseachadh den Stiùireadh Rachdail air Foghlam Gàidhlig le Bòrd na Gàidhlig. Mus deach fhoillseachadh, bha co-comhair-leachadh ann a mhair trì mìosan agus chuir mòran bhuidhnean Chomann nam Pàrant is dhaoine fa leth am beachdan an cèill gu feumail air an dreachd sgrìobhainn. Tha an Stiùireadh, a tha reachdail is nàiseanta, a’ tabhann soilearachd is co-chòrdachd airson an dà chuid ùghdarrasan ionadail agus pàrantan co-cheangailte ri solar is toradh foghlam Gàidhlig. Ged a tha Comann nam Pàrant air leth toilichte gu bheil leithid de Stiùireadh air tighinn gu buil, tha tomhas de thàmailt ann a thaobh cuid de na nithean a chaidh fhàgail às an sgrìobhainn. Mar eisimpleir, bu chòir stiùireadh a bhith ann air cuin a dh’fheumas ùghdar-rasan ionadail gluasad air adhart le solar meadhan Gàidhlig gu sgoil sònraichte. Bha Comann nam Pàarant cuideachd an dòchas gum biodh molaidhean na bu làidire ann a thaobh an àireamh de chloinn a bu chòir a bhith an urra ris gach tidsear, a’ gabhail ri na h-iarrtasan a bharrachd an th’ ann an clasaichean meadhan Gàidhlig.

Chair’s IntroductionI am pleased to present you with Comann nam Pàrant (Nàiseanta)’s Annual Report for 2016/17.

This has been my fourth year as Chair of Comann nam Pàrant (Nàiseanta) in what has been a particularly challenging period for Gaelic education, but also one which has seen important developments.

Undoubtedly the main challenge continues to be issues relating to the lack of sufficient fluent Gaelic speaking staff throughout the education system. In particular, teacher recruitment and retention continues to be a major problem. Despite the increasing opportunities for teacher training and a number of new courses on offer, significant concerns over teacher supply remain. Of course, the recent growth in GME creates a further rise in demand for teachers, and we will continue to campaign for new initiatives which should increase teacher supply and encourage retention of teachers. The number of classes in GME which are now regularly being taught in English is not only unacceptable to parents but also unsustainable if we are to experience a high quality Gaelic medium education.

The total number of GME pupils at primary level has grown from last year’s figure of 2,920 to a current total of 3,145 pupils in 57 schools throughout Scotland. The number of entrants at P1 this year has increased from 548 to 558. There are 31 secondary schools across Scotland offering Gaelic as a subject for fluent speakers with 1,272 pupils. Of these 31 schools, 16 teach additional subjects through the medium of Gaelic in S1-3, and 4 with pupils on certificated courses at S4-6 level. There are 3,195 pupils on Gaelic learner’s courses in 28 schools.

The most important development this year was the publica-tion of the Statutory Guidance on Gaelic Education by Bòrd na Gàidhlig. Prior to publication there was a three month consultation period and many Comann nam Pàrant groups and individuals helpfully responded with comments the draft document. The Guidance, which is statutory and national, provides clarity and consistency for both local authorities and parents on the delivery and outcomes of Gaelic education. Whilst Comann nam Pàrant is delighted to see this Guid-ance in place, there is a degree of disappointment at some of the omissions in the document. For example, there should

be some guidance on when local authorities should progress their Gaelic medium provi-sion to a stand-alone school. Comann nam Pàrant had also hoped for stronger recommendations on teacher/pupil ratios given the extra demands in Gaelic medium classrooms.

3

Page 4: COMANN NAM PÀRANT (NÀISEANTA) · 2020. 4. 29. · 548 gu 558. Tha 31 àrd-sgoil air feadh na h-Alba a’ tabhann Gàidhlig mar chuspair airson fileantaich le 1,272 sgoilear. Às

Tha an reachdas air còirichean phàrantan airson foghlam meadhan Gàidhlig , a chaidh a chur air bhonn fo Achd an Fhoghlaim, ag iarraidh gun tèid fios a chur gu buidhnean, Comann nam Pàrant nam measg, nuair a thig cùisean gu ìre measaidh slàn, agus gun tèid beachdan iarraidh air na buidh-nean sin. Tha Comann nam Pàrant air freagairt a thoirt do aon de na h-iarrtasan seo bho chaidh an Achd a chur an cèill sa Ghearran.

Tha a’ chomataidh nàiseanta, le taic bho ar n-Oifigear Phàrant, cuideachd air freagairt a chur gu grunn cho-chomhairlichean eile thairis air a’ bhliadhna a chaidh seachad, a’ gabhail a-steach Feu-machdan Taic a Bharrachd, ‘Blueprint’ airson 2020, Leudachadh de dh’Ionnsachadh Tràth is Cùram Chloinne ann an Alba, STEM, an Lèirmheas air Riaghladh agus Fastadh is Cumail Thidsearan.

Ged is e fhathast buidheann gu math beag a th’ annainn, tha sinn toilichte gun d’ fhuair sinn maoineachadh am-bliadhna a tha a’ ciallachadh gun deach againn air an dreuch Oifigear Leasachaidh a chumail a’ dol, leis an neach stèidhte ann an Glaschu. Tha seo air cothrom a thoirt dhuinn togail air an obair a chaidh a dhèanamh ann a bhith a’ leudachadh mar a tha pàrantan a’ gabhail compàirt ann am FMG leis an solar de bharrachd taic do phàrantan is do bhuidhnean Chomann nam Pàrant tro ghrunn iomairtean ionadail. Gu sònraichte, tha buidheann Chomann nam Pàrant ùr ann am Bun Easain, le iarrtas airson foghlam meadhan Gàidhlig, agus Comann nam Pàrant an Òbain le iarrtas airson sgòil Gàidhlig. Ged a tha sinn toilichte gu ruige seo leis an adhartas a thathar air fhaicinn ann am Bun Easain, tha sinn tàmailteach gu bheil oifigearan bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bòid a’ diùltadh còmhradh a chumail le na pàrantan a tha a’ sireadh sgoil Ghàidhlig. Le dùil gun tèid againn ri ar dleastanasan a choileanadh fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016, tha sinn làn dòchas gun tèid againn air an dàrna dreuchd seo a chumail.

Chaidh an rannsachadh aig Meriel Young Consulting air obair Chomann nam Pàrant “A’ toirt Fiosrachadh is Taic do Phàrantan ann an FME’ fhoillseachadh air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig. Anns an fharsaingeachd, bha an aithisg air leth fàbharach a thaobh obair is dreuchd Chomann nam Pàrant. Cuideachd, chuir an aithisg an cèill molaidhean sònraichte airson gluasad air adhart leis an obair seo, gu h-àraid tron Sgeama Comhairleachaidh Phàrant. Tha sinn an dòchas a dhol an sàs ann an còmhraidhean le Bòrd na Gàidhlig air mar a ghabhas co-dhiù cuid de na molaidhean a bhuileachadh. Tha sinn an comain gach pàrant is buidheann Chomann nam Pàrant a ghabh compàirt san rannsachadh seo a chaidh a chur air bhonn le Bòrd na Gàidhlig.

Tha Comann nam Pàrant (Nàiseanta) fada an comain Bhòrd na Gàidhlig airson an taic maoineachaidh agus an comain Chomunn na Gàidhlig airson leantainn le taic rianachd.

Bu mhath leam taing a thoirt do gach pàrant anns na buidh-nean ionadail de Chomann nam Pàrant a tha air a bhith ag iomairt agus a’ toirt taic do dh’fhoghlam meadhan Gàidhlig thairis air a’ bhliadhna. Tha sinn mothachail gu bheil mòran dhleastanasan air pàrantan agus tha sinn a’ cur luach air an ùine a tha iad a’ toirt do dh’obair CnP aig ìre ionadail agus nàiseanta.

The legislation on parental requests for Gaelic medium educa-tion made under the Education Act requires that a number of bodies, including Comann nam Pàrant, are notified at the stage of full assessment, and comments solicited. Comann nam Pàrant has responded to one such notification since the Education Act became live in February.

The national committee, with the support of our Parental Officer, has also responded to a number of other national educational consultations over the year, including Additional Support Needs, A Blueprint for 2020: Expansion of Early Learning and Childcare in Scotland, STEM, the Governance Review and Teacher Recruitment and Retention.

Although we remain a relatively small organisation, we were pleased to receive funding this year which allowed us to main-tain the Development Officer post based in Glasgow. This has allowed us to build on our work on increasing parental en-gagement in GME with the provision of more support for par-ents and Comann nam Pàrant groups through a range of local initiatives. In particular the new Comann nam Pàrant group in Bunessan with their application for Gaelic medium educa-tion and Comann nam Pàrant in Oban with their request for a standalone Gaelic school. Although pleased so far that some progress has been made in Bunessan we are disappointed with the refusal of Argyll & Bute officials to engage with parents re-garding their request for a school. In anticipation of fulfilling our responsibilities under the Education Act (Scotland) 2016 we very much hope to be able to maintain this second post.

The research by Meriel Young Consulting conducted on the work of Comann nam Pàrant ‘Informing and Support-ing parents in GME’ was published on the Bòrd na Gàidhlig website. Overall the report was extremely positive regarding the work and role of Comann nam Pàrant; in addition, the report made specific recommendations for progressing this work, especially through the Parental Advisory Scheme. We are hoping to engage Bòrd na Gàidhlig in discussions on how to implement at least some of these recommendations. We are grateful to all the parents and Comann nam Pàrant groups who participated in this research which was commissioned by Bòrd na Gàidhlig.

Comann nam Pàrant (Nàiseanta) is grateful to Bòrd na Gàid-hlig for their financial support and to Comunn na Gàidhlig for continuing administrative support.

I would like to thank all the parents in the local Comann nam Pàrant groups that have campaigned for and supported Gaelic medium education this year. We realise that parents have many commitments and the time and effort they give to CnP at both local and national level is hugely appreciated.

4

Page 5: COMANN NAM PÀRANT (NÀISEANTA) · 2020. 4. 29. · 548 gu 558. Tha 31 àrd-sgoil air feadh na h-Alba a’ tabhann Gàidhlig mar chuspair airson fileantaich le 1,272 sgoilear. Às

Anns a’ bhliadhna a tha romhainn, tha mi a’ coimhead air ad-hart ri bhith ag obair gu dlùth còmhla ri buill eile de CnP(N) agus na buidhnean co-cheangailte, gu h-àraid ann a bhith a’ coileanadh ar dleastanasan fo Achd an Fhoghlaim.

Mu dheireadh, tha a’ chomataidh air a dhèanamh suas le buidheann de phàrantan a tha ag obair gu saor-thoileach agus bu mhath leam taing mhòr a thoirt do gach ball airson an cuid taic thairis air a’ bhliadhna agus airson an oidhirp, an ùine agus an dealas, Aig a’ cheann thall, tha còir gum faigh gach teaghlach aig a bheil ceangal ri foghlam meadhan Gàid-hlig buannachd às a seo.

Bob McGowan,

Cathraiche Chomann nam Pàrant (Nàiseanta)

Cèitean 2017

In the coming year, I look forward to working closely with other members of CnP(N) and associated groups in the forthcoming year, particularly in fulfilling our responsibilities under the Education Act.

Finally, the committee is a voluntary body of parents and I would like to sincerely thank all members for their sup-port this year and for all their effort, time and commitment. Ultimately all families involved in Gaelic medium education should derive some benefit.

Bob McGowan,

Comann nam Pàrant (Nàiseanta) Chairperson

May 2017

5

Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann | Edinburgh Gaelic Week

Page 6: COMANN NAM PÀRANT (NÀISEANTA) · 2020. 4. 29. · 548 gu 558. Tha 31 àrd-sgoil air feadh na h-Alba a’ tabhann Gàidhlig mar chuspair airson fileantaich le 1,272 sgoilear. Às

Sgeama Comhairleachaidh PhàrantTha Comann nam Pàrant air leantainn le bhith a’ leudachadh an iomairt foillseachaidh nàiseanta foghlam meadhan Gàid-hlig (FMG), a tha ag amas air lionradh de luchd-comhair-leachaidh phàrant a stèidheachadh air feadh Alba a thogas mothachadh air cothroman FMG air feadh na dùthcha. Ged is e prìomh amas an sgeama comhairleachaidh an àireamh de sgoilearan a tha a’ frithealadh FMG a mheudachadh, tha cuideachd dleastanas air dèanamh cinnteach gu bheil tuigse cheart aig pàrantan air FMG agus an uallach a th’ orra taic a thoirt dhan chloinn aon uair ’s gu bheil iad air an seòrsa foghlam seo a thaghadh dhaibh. Tha an fheart seo den sgeama air fàs nas cudromaiche mar a tha an àireamh de chloinn a tha a’ tighinn a-steach do sgoiltean Gàidhlig air a dhol am meud agus tha barrachd theaghlaichean againn aig nach eil eòlas sam bith air Gàidhlig. Tha pàrantan a’ faighinn fiosrachadh mun taic a tha ri fhaotainn, m.e. clasaichean do phàrantan, buidhnean pàrant is pàiste, maidnean cofaidh agus gnìomhan thar-churraicealar a-mach às an sgoil. Tha taic air-loidhne bho www.gaelic4parents.com agus làraich eile uab-hasach feumail do phàrantan agus tha e cudromach gun tèid aig comhairlichean na làraich seo a thoirt gu aire phàrantan.

Tha an Sgeama Comhairleachaidh Phàrant ga lìbhrigeadh ann an com-pàirteachas le Bòrd na Gàidhlig, le obair ga dhèanamh gu dlùth leis an sgioba Tràth Bhliadhnachan gu h-àraid. Tha comhairlichean phàrant cuideachd ag obair ann an co-bhonn le oifigearan leasachaidh Gàidhlig ann an sgìrean Iomairt Ghàidhlig agus còmhla ri Oifigearan Leasachaidh aig Ùghdarrasan Ionadail.

Tha Comhairlichean Phàrant a’ brosnachadh phàrantan gu bhith a’ frithealadh buidhnean tràth bhliadhnachan, sgoilte-an-àraich agus foghlam meadhan Gàidhlig. Tha iad a’ cur air dòigh na gnìomhan aca gus ceangal a-steach ri feumalachdan na sgìre ionadail. Ann an cuid de sgìrean tha Comhairlichean Phàrant an sàs ann a bhith a’ tabhann taic san raon tràth bhliadhnachan. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach a bhith a’ cur air dòigh seiseanan Bookbug, rhyme time, seise-anan blasad ann an Gàidhlig do chloinn ro-sgoile no a bhith a’ cur air bhonn buidhnean Pàrant is Pàiste.

Tha grunn ghoireasan sgrìobhte rim faighinn do phàran-tan nuair a tha iad a’ gabhail com-pàirt ann an tachartasan is làithean fosgailte. ’S e an leabhran “Fios is Freagairt” an goireas as trice a thathar a’ cleachdadh. An-uiridh, chaidh againn air grunn ghoireasan ùra a chruthachadh airson adh-bharan margaidheachd agus mar stuthan airson taic a chur ri ionnsachadh Gàidhlig san dachaigh agus tha sinn air a bhith a’ sgaoileadh nan stuthan seo.

Tha an làrach-lìn aig Comann nam Pàrant www.parant.org.uk a’ tabhann fiosrachadh air an Sgeama Comhairleachaidh Phàrant cho math ri seòlaidhean post-d nan comhairlichean agus ceangal ris an duilleig Facebook againn.

Parental Advisory SchemeComann nam Pàrant has continued to deliver this national Gaelic Medium Education (GME) promotion initiative which involves establishing a network of parental advisors who raise awareness of GME opportunities across Scotland. Although the main aim of the parental advisory scheme is to increase the number of children accessing Gaelic-medium education it also has a role to play in ensuring parents have a firm under-standing of GME and the expectations on them to support their child once they have committed to this route of learning for their child. This aspect of the scheme has become more important as the numbers of children accessing the Gaelic schools have grown so much and we have many more families with no previous knowledge of Gaelic. Parents are advised on support available to them e.g. classes for parents, parent and toddler groups and out of school extra-curricular activities. Online support from www.gaelic4parents.com and other websites is hugely valuable for parents and it is important that Advisors are able to direct parents to these sites.

The Parental Advisory Scheme is delivered in collaboration with Bòrd na Gàidhlig in particular the Early Years team. Par-ent Advisors also work in collaboration with Gaelic Develop-ment officers in Gaelic Initiative areas and Local Authority Development Officers.

Parent Advisors encourage parents to attend Gaelic early years groups, nurseries and Gaelic medium education. They arrange their activities to meet the needs of their local situation. In some areas Parent Advisors are involved in providing direct support to the Gaelic early years sector. This may involve organising Bookbug sessions, rhyme time, taster sessions in Gaelic for pre-school children or setting up and supporting Gaelic Pàrant is Pàiste groups.

There is a range of written resources available for our parents to use when participating in events and open days. The main source of information is the “Fios is Freagairt” information booklet on GME. Last year we were able to produce a number of new resources both for promotional purposes as materials in support of Gaelic learning in the home and we have been distributing these.

The Comann nam Pàrant website www.parant.org.uk has in-formation on the Parental Advisory Scheme as well as e-mail contact for advisors and is also linked to our Facebook page.

Gnìomhan | ActivitiesTha Comann nam Pàrant (Nàiseanta) fo chùmhnant bhliadhnail le Bòrd na Gàidhlig airson àireamh de phròiseactan a thoirt gu buil. | Comann nam Pàrant (Nàiseanta) are contracted annually by Bòrd na Gàidhlig to deliver a number of projects.

6

Page 7: COMANN NAM PÀRANT (NÀISEANTA) · 2020. 4. 29. · 548 gu 558. Tha 31 àrd-sgoil air feadh na h-Alba a’ tabhann Gàidhlig mar chuspair airson fileantaich le 1,272 sgoilear. Às

Seachdain Gàidhlig do sgoiltean ann an Dùn Èideann Tha sinn a’ cumail suas ar taic do dh’fhoghlam Gàidhlig le bhith a’ cur air dòigh gnìomhan tro mheadhan na Gàidhlig airson cur ris a’ churraicealam agus am-bliadhna chaidh an 14mh Seachdain Gàidhlig a chumail do sgoilearan FMG. Thàinig faisg air 400 sgoilear bho 12 sgoiltean a Dhùn Èid-eann far an do ghabh iad pàirt ann an gnìomhan meadhan Gàidhlig aig Gailearaidhean Nàiseanta Alba, ‘Our Dynamic Earth’, na Gàraidhean Luibheach Rìoghail agus Caisteal Dhùn Èideann. Tha na clasaichean uile air an cur air dòigh còmhla ri na h-Oifigearan Foghlaim aig gach làrach agus tha iad a’ cur taic ri curraicealam na sgoile.

Leabhraichean-latha SgoileChaidh againn a-rithist air leabhraichean-latha a cheannach do sgoilearan FMG sa bhun-sgoil, ged a thàinig oirnn am-bliadhna a-rithist iarraidh air na sgoiltean beagan a chur ri na cosgaisean. Tha iad seo nan goireas uabhasach feumail anns na sgoiltean.

Buidhnean Ionadail Chomann nam Pàrant Tha buidhnean Chomann nam Pàrant a’ leantainn leis an obair chudromach a tha iad a’ dèanamh aig ìre ionadail; a’ cur taic ri obair a’ chlasruim, cur-seachadan taobh a-muigh na sgoile agus ag iomairt air gnothaichean a tha cudromach a thaobh solar foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha na buidhnean gu h-àraid cudromach anns na sgìrean far a bheilear a’ coimhead ri sgoiltean Gàidhlig fa leth a thogail. Bha sinn a’ brosnachadh gach buidheann gus com-pàirt a ghabhail sa phròiseas co-chomhairleachaidh air an Stiùireadh Reachdail agus tha sinn toilichte leis an àireamh de fhreagair-tean a chaidh a chur a-steach le buidhnean Chomann nam Pàrant agus le pàrantan fa leth.

Cuairt-litirTha sinn air a bhith a’ foillseachadh cuairt-litir ràitheil do phàrantan anns a bheil fiosrachadh air iomairtean foghlaim nàisenta cho math ri cuspairean co-cheangailte ri Gàidhlig agus earrannan mu na tha a’ tachairt am measg nam buidh-nean ionadail aig Comann nam Pàrant. Tha sinn cuideachd a’ sgaoileadh fiosrachadh am measg phàrantan tron duilleig Facebook againn agus air Twitter.

Gaelic week for schools in EdinburghWe continue to support Gaelic education by organising Gaelic medium activities in support of the curriculum and in April this year we held the 14th Gaelic week for Gaelic medium pupils. Almost 400 pupils from 12 schools were in Edinburgh where they took part in Gaelic medium activities at the National Portrait Gallery, Our Dynamic Earth, Royal Botanic Garden and Edinburgh Castle. All these classes are planned with the Education Officers in each venue and support Cur-riculum for Excellence.

School DiariesWe were again able to purchase Gaelic diaries for primary pu-pils in Gaelic medium education although again this year we are asking schools to contribute towards the cost. They remain a very popular resource for schools.

Local Comann nam Pàrant GroupsComann nam Pàrant groups continue to do important work at local level; supporting the work of the classroom, activities outwith school and campaigning on issues that are impor-tant to Gaelic medium provision. The groups are especially important in the areas that are planning for stand-alone Gaelic schools. We have encouraged all groups to participate in the consultation process on the Statutory Guidance and were pleased with the number of responses submitted from Comann nam Pàrant groups and individual parents.

NewsletterWe have been producing a quarterly newsletter for parents which has information on national educational initiatives as well as Gaelic related content and features on local Comann nam Pàrant activities. We also share information with parents via our Facebook page and twitter.

Cuairt-litir | Newsletter

7

Page 8: COMANN NAM PÀRANT (NÀISEANTA) · 2020. 4. 29. · 548 gu 558. Tha 31 àrd-sgoil air feadh na h-Alba a’ tabhann Gàidhlig mar chuspair airson fileantaich le 1,272 sgoilear. Às

Tha Comann nam Pàrant cuideachd air mao-ineachadh fhaighinn airson phròiseactan eile.

Bòrd na Gàidhlig – Dreuchd Oifigear Leasa-chaidh CnP Bha Comann nam Pàrant soirbheachail leis an iarrtas gu Bòrd na Gàidhlig airson maoineachadh a chumadh an dreuchd seo, stèidhte ann an Glaschu, airson bliadhna eile. Tha seo air co-throm a thoirt dhuinn taic a chur ri gnìomhan Chomann nam Pàrant an Ceann a Deas na h-Alba agus ann an Earra-Ghàid-heal is Bòid cho math ri bhith a’ cur taic ri obair an Oifigeir Phàrant aig ìre nàiseanta. Tha an dreuchd air a lìonadh le dithis oifgear leasachaidh pàirt-ùine, le aon oifigear gu mòr an lùib a bhith a’ cur taic ri iarrtasan phàrant airson FMG bun-sgoile for Achd an Fhoghlaim agus an neach eile an sàs ann an obair nan tràth bhlliadhnachan ann an Sgìre Pheairt is Chinn Rois is Machair Aonghais. Tha sinn cuideachd ag obair air làrach-lìn ùr, Gaelic4families, far am faighear stuthan airson ar cùrsa do theaghlaichean TASC (Teaghlaichean is Sgoiltean Còmhla) air an do rinn sinn pìleat ann an Glaschu air an t-samhradh sa chaidh.

Maoin Tràth Eadraiginn Chloinne, Dhaoine Òga is Theaghlaichean – Riaghaltas na h-Alba (CYP-FEIF) A’ leantainn bhon Chom-pàirteachas Maoineachaidh Ro-innleachdach le Riaghaltas na h-Alba, shoirbhich leis an iarrtas aig Comann nam Pàrant airson maoineachadh ùr airson an raon saor-thoileach, ged a bha an suim a fhuair sinn na bu lugha na bha sinn a’ miannachadh airson taic cheairt a chur ris an raon 0-3 sa Ghàidhlig, agus a leudachadh. Tha sinn toilichte, ge-tà, gun d’ fhuair sinn maoineachadh air choireigin agus thug seo an cothrom dhuinn taic a chumail ri tràth ionnsachadh Gàidhlig agus cùram chloinne, gu h-àraid na prìomh chosgaisean aig buidhnean saor-thoileach 0-3. Chaidh iarraidh oirnn piseach a thoirt air an ìre is chothro-man air gnìomhan is buidhnean teaghlaich Gàidhlig san raon 0-3 a th’ air an ruith le saor-thoilich, aire a thogail gu buan-nachdan dà-chànanas agus leudachadh a thoirt air an àireamh de chloinn a tha a’ clàradh airson foghlam meadhan Gàidhlig aig ìre 3-5.

Comann nam Pàrant have also received funding for other projects.

Bòrd na Gàidhlig – CnP Development Officer PostComann nam Pàrant successfully applied to Bòrd na Gàidhlig for funding to maintain the post based in Glasgow for a sec-ond year. This has allowed us to support Comann nam Pàrant activities in the Central Belt and Argyll & Bute as well as sup-porting the work of the Parental Officer at national level. The post is covered by two part-time development officers with one officer mainly involved with supporting parental requests for GMPE under the Education Act and the other with early years in Perth & Kinross and Angus areas. We are also work-ing on a new website Gaelic4families which will have materi-als for our course for families, TASC (Teaghlaichean agus Sgoiltean Còmhla, Families and Schools Together) which we piloted last summer in Glasgow.

Children, Young People and Families Early Inter-vention Fund – Scottish Government (CYPFEIF)Following on from the Strategic Funding Partnership with Scottish Government Comann nam Pàrant successfully ap-plied to the new funding for the voluntary sector (CYPFEIF) although the sum received was less than we would have liked to enable proper support and expansion of the 0-3 Gaelic sector. However, we are pleased to have some funding which has allowed us to continue to support Gaelic early learning and childcare, particularly the core costs of 0-3 voluntary groups. We were tasked to improve the quality and availability of voluntary-led Gaelic family activities and groups in the 0-3 sector, raise awareness of the benefits of bilingualism and increase the number of children enrolling in Gaelic medium 3-5 provision.

TASC | TASC

8

Page 9: COMANN NAM PÀRANT (NÀISEANTA) · 2020. 4. 29. · 548 gu 558. Tha 31 àrd-sgoil air feadh na h-Alba a’ tabhann Gàidhlig mar chuspair airson fileantaich le 1,272 sgoilear. Às

‘Thig a chluich’ anns na h-Eileanan an IarGed a thàinig a’ phròiseact seo, a bh’ air a mhaoineachadh leis a’ chrannchar sa chiad dol a-mach, gu ceann sa Mhàrt, fhuair sinn £5,000 a bharrachd bhon chrannchar agus, leis a seo, chaidh againn air gu leòr maoineachadh eile a lorg airson a’ phròiseact a chumail a’ dol airson bliadhna eile. Air a lìbh-rigeadh leis an Oifigear Fiosrachaidh air Foghlam Meadhan Gàidhlig aig Comunn na Gàidhlig agus Oifigear nan Tràth Bhliadhnachan aig Bòrd na Gàidhlig, chuir a’ phròiseact air bhonn 29 seiseanan cluiche a bh’ air an deagh fhrithealadh ann an coimhearsnachdan air feadh nan Eilean Siar. Bha na seiseanan gu sònraichte ag amas air teaghlaichean le clann aois 0-3. Tha seiseanan ‘Thig a Chluich’ a’ gabhail a-steach cluiche, seinn, sgeulachdan agus cluiche le bùrach. Thathar a’ brosnachadh phàrantan/luchd-cùraim gus compàirt a ghabhail anns gach gnìomh. Neartaichidh seo an dàimh eadar pàrant / pàiste ann an Gàidhlig agus bheir e misneachd is sgilean do phàrantan a dh’fhaodas iad a chleachdadh aig an taigh. Bidh barrachd mothachadh aig teaghlaichean air na cothroman airson cluiche agus cho cudromach sa tha cluiche a thaobh adhartas an cuid chloinne. Gheibh pàrantan fios-rachadh air na gnìomhan as urrainn dhaibh a dhèanamh len cuid chloinne gus piseach a thoirt air cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh agus sa choimhearsnachd.

Magaidh Wentworth,

Oifigear Phàrant

‘Thig a chluich’ anns na h-Eileanan an IarAlthough the project, as initially funded by the lottery, ended in March we were granted an extra £5,000 from the lottery and with this we managed to find enough additional funding to continue the project for another year. Delivered through the Gaelic medium Information Officer at Comunn na Gàid-hlig and the Bòrd na Gàidhlig Early Years Officer, the proj-ect provided 29 well attended play sessions in communities throughout the Western Isles. Sessions were primarily aimed at families with children ages 0-3. ‘Come and Play’ sessions include free play, singing, story time and messy play. Parents / carers are encouraged to engage in all activities. This will strengthen parent / child bonding in Gaelic and give parents confidence and skills which they can transfer to their homes. Families will be have an increased awareness of opportunities for play and the importance of play to their child’s develop-ment. Parents will be given information on activities that they can do with their children in order to increase Gaelic use in the home and community.

Magaidh Wentworth,

Parental Officer

Thig a ChluichSiorrachd Roinn Friù an Ear | East Renfrewshire

9

Page 10: COMANN NAM PÀRANT (NÀISEANTA) · 2020. 4. 29. · 548 gu 558. Tha 31 àrd-sgoil air feadh na h-Alba a’ tabhann Gàidhlig mar chuspair airson fileantaich le 1,272 sgoilear. Às

10

Page 11: COMANN NAM PÀRANT (NÀISEANTA) · 2020. 4. 29. · 548 gu 558. Tha 31 àrd-sgoil air feadh na h-Alba a’ tabhann Gàidhlig mar chuspair airson fileantaich le 1,272 sgoilear. Às

www.parant.org.uk5 Caolshràid Mhìcheil | Inbhir Nis | IV2 3HQ | Fòn: 01463 234138 | Facs: 01463 237470 | Fòn-làimhe: 077718344815 Mitchell Lane | Inverness | IV2 3HQ | Tel: 01463 234138 | Fax: 01463 237470 | Mobile: 07771834481

Comann nam Pàrant

Comann nam Pàrant (Nàiseanta) Committee 2015 / 2016Bob McGowan Cathraiche / Chairperson

Kathleen NicLèoid / Dùn Èideann, an uair sin Eileanan Siar/ Kathleen Macleod Edinburgh, then Western Isles

Fiona Stephen Dùn Èideann / Edinburgh

Gill Steele Obar Pheallaidh /Aberfeldy

Eilidh Mackinnon/ Glaschu/ Helen Mackinnon Glasgow

Claire Wilding An t-Òban/ Oban

Becky Davidson Inbhir Narran/ Nairn

Kerry Jardine Obar Dheathain/Aberdeen

Iona Nic an t-Sagairt/ Co-thaghte /Co-opted Iona MacTaggart (Eileanan Siar /Western Isles)

Marsaili Dow Co-thaghte /Co-opted (Ionmhasair /Treasurer)

Comann nam Pàrant (Nàiseanta), the umbrella body for Comann nam Pàrant groups, is a registered charity in Scotland whose main aim is “to promote and support the establishment and maintenance of education through the medium of Gaelic”. All areas with local CnP groups are able to be represented on the national committee, thus ensuring that all parents can have a voice at national level.

Tha Comann nam Pàrant (Nàiseanta), a’ bhuidheann stiùiridh airson nam buidhnean ionadail, na charthannas clàraichte an Alba le prìomh amas “a bhith a’ cur air adhart agus a’ toirt taice do stèidheachadh is cu-mail suas Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig”. Tha comas aig a h-uile sgìre far am bheil buidheann CnP ionadail a bhith air an riochdachadh air a’ chomataidh nàiseanta, a’ ciallachadh gun cluinnear guth gach pàrant aig ìre nàiseanta.

COMANN NAM PÀRANT (NÀISEANTA)Aithisg Bhliadhnail | Annual Report | 2016/17