15018587/wordcn2018.docx  · web viewthòisich mo chiad latha ann an sgoil ghàidhlig ghlaschu, le...

22
Greis Gnìomhachais 2018 Le Catherine Noble

Upload: tranbao

Post on 08-Nov-2018

256 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

Page 1: 15018587/wordcn2018.docx  · Web viewThòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh

Greis Gnìomhachais

2018Le Catherine Noble

Page 2: 15018587/wordcn2018.docx  · Web viewThòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh

Clàr-innse

Clàr-innse.........................................................................................2

Ro-ràdh.............................................................................................4

Amasan.........................................................................................................4Dè tha mi ag iarraidh a leasachadh?...........................................................................4Carson a tha seo cudromach dhomh?.........................................................................5Ciamar a tha mi a’ dol a dhèanamh seo?....................................................................5

Leabhar-là........................................................................................6

Seachdain a h-aon.........................................................................................6Latha 1 - 26 An Gearran 2018....................................................................................6Latha 2 - 27 An Gearran 2018....................................................................................6Latha 3 - 28 An Gearran 2018....................................................................................7Latha 4 - 1 Am Màrt 2018..........................................................................................7Latha 5 - 2 Am Màrt 2018..........................................................................................8

Seachdain a dhà............................................................................................8Latha 6 - 5 Am Màrt 2018..........................................................................................8Latha 7 - 6 Am Màrt 2018..........................................................................................8Latha 8 - 7 Am Màrt 2018..........................................................................................9Latha 9 - 8 Am Màrt 2018..........................................................................................9Latha 10 - 9 Am Màrt 2018......................................................................................10

Seachdain a trì............................................................................................11Latha 11 - 12 Am Màrt 2018....................................................................................11Latha 12 - 13 Am Màrt 2018....................................................................................11Latha 13 - 14 Am Màrt 2018....................................................................................12Latha 14 - 15 Am Màrt 2018....................................................................................13Latha 15 - 16 Am Màrt 2018....................................................................................13

2

Page 3: 15018587/wordcn2018.docx  · Web viewThòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh

Aithisg Luachaidh.........................................................................14Dè tha mi ag iarraidh a leasachadh?.........................................................................14Carson a tha seo cudromach dhomh?.......................................................................14Ciamar a tha mi a’ dol a dhèanamh seo?..................................................................14Dè cho soirbheachail ’s a bha mi le seo?..................................................................14

Co-dhùnadh...................................................................................16

Clàr-amais......................................................................................17

3

Page 4: 15018587/wordcn2018.docx  · Web viewThòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh

Ro-ràdhB’ e Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a’ chiad sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu. Chaidh a fosgladh ann an 1999 air an Sràid Ashley agus cha robh ann ach Bun-sgoil a-mhàin. Ach ann an 2006 chaidh sgoil ùr fhosgladh air an Sràid Berkeley ann an seann-togalach

ann am Finnieston (Àrd-sgoil Woodside) leis Sgoil-àraich, a’ Bhun-sgoil agus an Àrd-sgoil anns an aon togalach, fo ainm ‘Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu’, bidh liuthad daoine ag iarraidh foghlam tron Ghàidhlig. Tha mu thuairme ochdad luchd-obrach agus naoi ceud sgoilearan ann a-nis.

Chaidh mi gu Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu fad trì seachdainean airson mo Ghreis Ghnìomhachais. Bha mi ag obair ann an Àrd-sgoil Park Mains agus mar sin bha eòlas agam mu dheidhinn co-cuidiche/taic-ionnsachaidh ann an Àrd-sgoil a mus a’ dol a cùrsa aig a’ cholaiste. Tha ùidh agam ann am foghlam agus b’ e cothrom glè mhath a bh’ ann sealltainn air foghlam tron Ghàidhlig faisg air mo dhachaigh.

AmasanNuair a bha mi air mo Ghreis Ghnìomhachais bha mi an dòchas gun robh;

Dè tha mi ag iarraidh a leasachadh? 1. Bu toigh leam mo sgilean labhairt agus èisteachd anns a’ Ghàidhlig a leasachadh.2. Bu toigh leam mo chuid mhisneachd a leasachadh.3. Bu toigh leam mo chuid Ghàidhlig a bhith cho math ri mo chuid Bheurla (aig an

aon ìre).

4

Page 5: 15018587/wordcn2018.docx  · Web viewThòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh

4. Bu toigh leam a bhith a’ leasachadh mo chuid bhriathrachais.

Carson a tha seo cudromach dhomh? 1. Bidh mi a’ tuigsinn nas fheàrr agus nas luaithe.2. Bu toigh leam daoine eile a chuideachadh.3. Bidh mi a’ leasachadh mo roghainn obrach.4. Bidh mi a’ tuigsinn daoine eile nuair a tha iad a’ bruidhinn rium agus nuair a tha

mise a’ bruidhinn còmhla riutha bidh mo dhòigh-labhairt nas fheàrr.

Ciamar a tha mi a’ dol a dhèanamh seo? 1. Bidh mi a’ bruidhinn agus ag èisteachd ris a h-uile duine. Bidh mi a’

faighneachd, nuair a tha ceistean agam.2. Bidh mi a’ feuchainn ri bhith a’ bruidhinn anns a’ Ghàidhlig. Gabhail pàirt!3. Bidh mi a’ cuideachadh daoine eile anns a’ Ghàidhlig. Bidh mi a’ bruidhinn

còmhla ris sgioba anns an sgoile mu dheidhinn mo sgilean.4. Bidh mi ag èisteachd agus a’ sgrìobhadh faclan ùra.

5

Page 6: 15018587/wordcn2018.docx  · Web viewThòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh

Leabhar-là

Seachdain a h-aonLatha 1 - 26 An Gearran 2018 Thòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh dhomh bruidhinn rithe bha clàr-ama agam agus bha mi a’ tòiseachadh anns a’ Bhun-sgoil. Dh’èist mi anns a’ chiad clas P1, bha a h-uile duine ag obair air fuaimneachadh agus mise a’ gabhail pàirt cuideachd. An uair sin bha tì no cofaidh no teoclaid theth agam leis an luchd-obrach ann an seòmar an luchd-obrach, bha mi a’ bruidhinn còmhla riutha. Tha tòrr Gàidhlig anns an sgoil agus bha mi a’ faireachdainn beagan nearbhasach. Às dèidh tì (uill, teoclaid theth!) bha mi ann an clas P1 a-rithist agus na sgoilearan a’ sgrìobhadh seantans agus tharraing iad dealbhan ann an leabhar-notaichean mun deireadh seachdain sa chaidh. Chuidich mi le litreachadh. Anns an treas clas le P2, às dèidh dìnnear, thòisich iad le spòrs. Rinn iad beagan togail-sgioba agus bha mi a’ coimhead airson cunnart. Air ais gu seòmar-clas agus a h-uile duine a’ glanadh am fiaclan an dèidh sin rinn iad beagan obair le fuaim; leughadh agus bruidhinn, m.e. tha, mi, thu, agam, agad, gu, le, an-dè, an-diugh, math, ach, m.s.a.a. Chuidich mi le ceathrar sgoilearan. Bha mi deiseil aig trì uairean feasgar, bha an là goirid, ach bha e spòrsail!

FACLAN ÙRA - ìompaire, thairis na h-aibhne

Latha 2 - 27 An Gearran 2018 B’ e an dàrna latha a bh’ ann agus bha mi anns a’ Bhun-sgoil a-rithist. Bha mo chiad clas ùr le P2 sa mhadainn agus bha iad a’ dèanamh spòrs, b’ e togail-sgioba an eacarsaich a bh’ ann. Bha e spòrsail le daoine le dall-bhrat agus daoine eile gan cuideachadh timcheall beagan cnapan-starra agus gus baga beag a thogail gu hoop. Choimhead mi air a’ chlas airson cunnart nuair a bha iad le dall-bhrat agus dh’èist mi airson na sgoilearan a’ bruidhinn anns a’ Bheurla. Às dèidh sin bha a h-uile duine ag obair air fuaim; m.e. dhut, car, càr, m.s.a.a. Bha mise a’ gabhail pàirt cuideachd. Bha an dàrna clas agam le P2 eile, rinn sinn Sìonach-lanntairean agus chuidich mi na sgoilearan le gearradh agus sticeadh. Dh’èist mi ris na sgoilearan ag ràdh faclan bhon liosta. An uair sin bha mi a’ coimhead air na sgoilearan anns an raon-cluiche, bha e fuar an-diugh agus bha beagan sneachd ann! Às dèidh dìnnear bha an treas clas agamsa leis P2 agus bha sinn ag obrachadh air matamataig, chan eil mise math air matamataig ach bha na sgoilearan uabhasach math le thoir air falbh le loidhne àireamh agus ciùbaichean. An uair sin chuidich mi le ealain airson a’ bhalla le cairt, pàipear agus tòrr dèan lainnir! Bha an clas air a bhith a’ leughadh “Seoc agus a’ Chraobh Phònair” an t-seachdain sa chaidh.

FACLAN ÙRA - thoir air falbh, a’ chraobh phònair, pònair-sheunta, dèan lainnir

6

Page 7: 15018587/wordcn2018.docx  · Web viewThòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh

Latha 3 - 28 An Gearran 2018

Obh, obh! ’S e latha an sneachda a th’ ann an-diugh agus a h-uile sgoil ann an Glaschu dùinte. Bha mi ag obair aig an taigh air mo Ghàidhlig. Dh’èist ri rèidio nan Gàidheal, leugh mi leabhar airson a’ mhodail Saoghal na Gàidhlig (Warriors of the Word le Micheal Newton) agus notaichean bho na clasaichean.

Latha 4 - 1 Am Màrt 2018

7

Page 8: 15018587/wordcn2018.docx  · Web viewThòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh

Bha dà òirleach deug de sneachd anns mo ghàrradh agus bha latha sneachda eile ann

agus an sgoil dùinte a-rithist. Bha mi ag obair aig an taigh agus chuir mi post-dealain gu Alasdair airson beagan cuideachaidh le rosgrann. Dh’èist mise ri an Rèidio nan Gàidheal agus leugh mi leabhar agus notaichean cuideachd. An uair sin bha mi a’ sgrìobhadh notaichean anns a’ Ghàidhlig. Choisich mi timcheall a’ bhaile feasgar.

Latha 5 - 2 Am Màrt 2018 Uill, latha an t-sneachd a-rithist! Bha an sgoil dùinte fhathast agus bha mi ag obair air mo Ghàidhlig aig an dachaigh. Dh’èist mi ri an Rèidio nan Gàidheal agus leugh mi notaichean. Thog mi liosta ghnìomhairean anns an tràth chaithte agus tràth teachdail cuideachd.

Seachdain a dhàLatha 6 - 5 Am Màrt 2018 Bha mi toilichte gun robh mi air ais aig an sgoil an-diugh! Cha robh clàr-ama ùr agam fhathast agus lean mi clàr-ama bhon t-seachdain sa chaidh. Bha mo chiad chlas le P1 agus chuidich mi sgoilearan le fuaimneachadh agus beagan matamataig. Bha an dàrna clas agam le P1 agus chuidich mi sgoilearan a’ sgrìobhadh mun deireadh seachdain. Bha cus sgeulachdan mu dheidhinn sneachda agus bha iad a’ togail igloo agus bodach-sneachda. An uair sin bha mi a’ coimhead air na sgoilearan anns an raon-cluiche. Cha robh cead aig sgoilearan bhith a’ sabaid leis le buill-shneachda no bhith anns an t-sneachd gun bhòtannan. Bhruidhinn mi còmhla ris an Iar Cheannard aig dìnnear agus bidh mi anns an Àrd-sgoil a-màireach ma bhios mi ag iarraidh. Às dèidh dìnnear bha mi ann an clas P2, bha a h-uile duine a’ dèanamh spòrs. Bha geama aca “clach, drochaid, craobh”. Bha mi a’ coimhead air dà sgioba agus a’ cuideachadh nuair a bhiodh iad tro

8

Page 9: 15018587/wordcn2018.docx  · Web viewThòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh

chèile. Bha sin uabhasach math agus na dheagh spòrs. An uair sin bha chuidich mi na sgoilearan le fuaim agus beagan lìtreachaidh.

FACLAN ÙRA - bog-cluich, gun inbheach

Latha 7 - 6 Am Màrt 2018 An-diugh bha mi anns a’ Bhun-sgoil a-rithist. Bha mo chiad chlas le P2 agus chaidh sinn gu spòrs, thòisich iad le geama “Maighistir Fear”. Dh’èist na sgoilearan airson ainm agus an uair sin rinn iad gnìomh m.e. Mgr. Slaodach = a’ gluasad gu slaodach, Mgr. Luath = a’ gluasad glè luath, Mgr. Beag = a’ dèanamh beag, Mgr. Leum = Leum! Chuidich mi an tidsear seo le bhith a’ coimhead air cunnart anns an talla nuair a bha na sgoilearan a’ ruith. Às dèidh sin chuidich sinn a’ faighinn mataichean agus ionnsaich iad mu dheidhinn car a’ mhuiltein agus an uair sin geama leis na mataichean. Bha trì sgiobaidhean ann agus bha iad a’ gluasad bhon dàrna ceann an talla gus an ceann eile, ach cha robh casan ceadaichte air an làr, dìreach air a’ mhata! Choimhead mi air casan nan sgoileir agus chuir mi air ais an sgioba le cas no casan air an làr. Bha an dàrna clas agam le P2, chuidich mi an tidsear a’ gearradh dhuilleagan le faclan m.e. mamaidh, dadaidh, granaidh, fhuair, thuirt, bha, tha, sgrìobh, cluich, mòr, snog, nach, agus, cha, chaidh, m.s.a.a. An uair sin dh’èist mi agus sgrìobh sinn facal air a’ bhòrd-gheal le naoinear sgoilearan. Bha a’ chlann gu lèir ag obair cruaidh agus math. Bha an raon-cluiche cho fuar fliuch an-diugh! Choimhead sinn air lòn mòr agus rinn mi cinnteach nach robh a’ chlann a’ leum anns an lòn. Bha an treas clas agam le P2 às dèidh dìnnear. Chuidich mi na sgoilearan le matamataig agus ealain airson a’ bhalla/an dorais.

Latha 8 - 7 Am Màrt 2018 Bhruidhinn mi ris an Iar Cheannard ron sgoil agus bidh mi anns an Àrd-sgoil an-diugh. Chuidich dithis sgoilear mi fad an latha nuair a bha mi a’ leantainn a’ chlàr-ama againn. Bha iad cho snog, còir agus modhail. Bidh gach clas 50 mionaid agus b’ e a’ chiad clas agam Fraingis. Mo chreach! Bha trì cànanan anns an t-seòmar! Thòisich iad le anagram anns an Fhraingis. Às dèidh sin bhruidhinn iad mu deidhinn seusan, aimsir agus spòrs. Dh’èist mi anns a’ chlas agus bha mi toilichte gun robh mi a’ tuigsinn a h-uile duine nuair a bhathar a’ bruidhinn. Bha Saidheans againn agus bha an clas ag obair le ‘Lùth’ an-dràsta agus ged a bha mi a’ tuigsinn na bha na sgoilearan a’ cantainn cha robh facal agam airson am freagairt anns a’ Ghàidhlig! An-diugh, bha iad ag obair air duilleagan airson ath-sgrùdadh airson mheasaidhean an ath-sheachdain. Às dèidh teoclaid theth thog na sgoilearan mi gu clas Gàidhlig. Leugh an clas agus an uair sin fhreagair iad

9

Page 10: 15018587/wordcn2018.docx  · Web viewThòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh

ceistean mu dheidhinn. ’S e seann mheasadh a bh’ ann. Leugh mi sgeul beag agus thug mi cuidicheadh gu dithis sgoilearan. Às dèidh sin bha iad a’ leughadh leabhar (“Fo sgàil a’ Swastika” le Dòmhnaill Iain MacDhòmhnaill agus “Kasper” le Michael Morpurgo). B’ e Spòrs an ceathramh clas a bha agam (anns a’ Bheurla). Bha dà chlas còmhla agus ag obair air head-stand agus routine lùth-cleasachd. Às dèidh dìnnear bha mi anns a’ chòigeamh clas, Beurla. Cha robh tidsear ann an-diugh, ach bha obair aca. Leugh na sgoilearan sgeulachd mu dheidhinn “The Nagging Parent” agus fhreagair iad na ceistean. Bha mi a’ cuideachadh daoine le trioblaid a’ tuigsinn nan ceistean. Anns an t-siathamh clas, Teicneolas (anns a’ Bheurla) obraich sinn air duilleag mu deidhinn ‘coat-hooks’ dèante leis sgoilearan.

Chaidh mi gu clas-oidhche anns a’ Ghàidhlig às dèidh na sgoile. Bha dà uair a thide de bhruidhinn agus beagan sgrìobhaidh ann. Bha sinn ag obair air gnìomhairean anns an tràth caithte.

FACLAN ÙRA - lùth, nas càirdeile, àrainneachd, ceann dà sheachdain, air fig ’n àite

Latha 9 - 8 Am Màrt 2018 B’ e an dàrna latha agam anns an Àrd-sgoil an-diugh. Bha seachd tràthan ann an-diugh. Gach seachdain tha seachd tràthan air Dimàirt agus Diardaoin. Thòisich mi le Matamataig leis a’ cheathramh bliadhna. Bha an clas doirbh oir bha a h-uile duine a’ bhruidhinn gu luath agus cus faclan ùr cuideachd! Cha robh mi a’ tuigsinn a h-uile facal agus bha mi a’ sgrìobhadh beagan notaichean. Bha an tidsear a’ bruidhinn anns a’ Gàidhlig ach ged a bha na sgoilearan a’ freagairt anns a’ Ghàidhlig nuair a bha iad a bhruidhinn ri chèile bha iad a’ bruidhinn anns a’ Bheurla. B’ e an dàrna clas agam Bith-Eòlas. Tha seòmar ùr aca a-nis agus tha e math, coltach ri laboratory aig oilthigh no ann an ospadal. Bha an clas ag obair air thomhais daoine m.e. cho àrd, gàirdean fada, làmh spadh, m.s.a.a. leis an teip-thomhais. Chuidich mi na sgoilearan leis an teip-thomhais agus a’ leughadh nan àireamhan bhuaipe. Bha h-uile duine a’ sgrìobhadh fiosrachadh air an duilleagan. Às dèidh sin tharraing iad grafaichean colbh. Às dèidh teoclaid theth bha Bith-Eòlas agam a-rithist ach le tidsear eile. Bha an clas ag obair air phenotype agus genotype. Thog na sgoilearan litir mhòr no litir bheag bhon phile airson: corp, sùil, earball, antenna, sròn, casan, agus hump. Bha dà litir airson gach rud (diofar litir bho diofar pàirtean) agus bha daoine a’ sgrìobhadh genotype ann an leabhar-nòtaichean agus tharraing iad dealbhan de bheathaichean. Chuidich mi na sgoilearan le ciall nan litrichean. Cha robh ceathramh clas agamsa, shuidh mi anns an seòmar luchd-obrach agus sgrìobh mi notaichean mu dheidhinn mo latha. B’ e an còigeamh clas agam Matamataig a-rithist leis a’ chiad bhliadhna. Bha an clas math agus trì ìre anns a’ chlas agus gach ìre ag obair bho dhiofar leabhraichean. B’ e an seasamh clas Saidheans, anns an t-seann seòmar. Bha e beag airson clas a’ chiad bliadhna! Rinn an clas experiment beag, faclan ùr a-rithist airson nan ceimigean. Bha sinn a’ choimhead airson stailc. B’ e an seachdamh clas an-diugh Bith-Eòlas a-rithist leis an treas bliadhna. Bha an clas ag obair air diofar seòrsa cealla; lusan, beathaichean, bacteria, fungi agus diofar seòrsa

10

Page 11: 15018587/wordcn2018.docx  · Web viewThòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh

structaran anns na ceallan. Às dèidh sin ionnsaich iad mu dheidhinn micro, milli, ‘meter’ agus kilo. Bha ceangal làirich-lìn (uabhasach inntinneach) airson a’ sealltainn air diofar meud eadar cofaidh-bean, rus-grain, gu cealla-fuil, cealla bacterial, carbon atom http://learn.genetics.utah.edu/content/cells/scale/

FACLAN ÙRA - àireamh àicheil, stailc, geir, teip-thomhais, cealla,

Latha 10 - 9 Am Màrt 2018 An-diugh bha mi ag obair leis an Taic-ionnsachaidh (ro dìnnear) agus na Cànanan (às dèidh dìnnear). Bha an sgioba beag ann an taic-ionnsachaidh agus bha mi a’ leantainn sa mhadainn. Bha diofar seòrsa trioblaid aig daoine a bha feumach air cuideachadh; m.e. autism, dyslexia, cha do leugh, cha do sgrìobh, beachd. Bha luchd-ionnsachaidh sgioba uabhasach math a’ tuigsinn nan sgoilearan agus cumail sùil mhath air na sgoilearan anns na clasaichean aca. Thòisich mi le clas Ealain, bhathar ag obair air pìos airson folio. Chuidich mi na sgoilearan le beagan rannsaichadh. B’ e an dàrna clas agam Cruinn-Eòlas agus bha sinn ag obair le fiosrachadh mu dheidhinn baile shanty ann an Nairobi agus air coimhead pìos beag bhideo bho Nairobi. Às dèidh teoclaid theth b’ e clas matamataig a bh’ ann. Às dèidh dìnnear bha mi ann an Cànanan. Thòisich an clas Beurla far a bheil iad ag obair air aistear bho folio. Bha mi a’ coimhead air a’ chlas nuair a bha an tidsear a’ bruidhinn ri gach sgoilear. Às dèidh sin bha clas Gàidhlig ann, a h-uile sgoilear a’ leughadh diofar seòrsa leabhar agus cha robh iad cho toilichte ma deidhinn! Leugh iad caibideil an-diugh agus fhreagair iad ceistean mu dheidhinn charactaran, lorg iad deich faclan agus sgrìobh iad mìneachadh anns a’ Bheurla, lorg iad eisimpleir de cleachdadh mo/do/a … m.s.a.a. Bhruidhinn mi leotha agus bha e inntinneach. Cha robh na sgoilearan a’ leughadh anns a’ Ghàidhlig às dèidh na sgoile idir idir agus glè bheag ga bruidhinn taobh a-muigh na sgoile cuideachd.

FACLAN ÙRA - èifeachdach, aistear

Seachdain a trìLatha 11 - 12 Am Màrt 2018 Cha robh mi anns an Àrd-sgoil an-diugh. Bha trioblaid le conaltradh agus smaoinich an Iar Cheannard nan h-Àrd-sgoil gun robh mi deiseil Dihaoine sa chaidh. Às dèidh beagan còmhradh còmhla ri Iar Cheannard na Bun-sgoile bha mi anns a’ Bhun-sgoil an-diugh. B’ e mo chiad clas le P1, agus bha iad ag èisteachd ri sgoilearan a’

bhruidhinn mu dheidhinn an deireadh-sheachdain sa chaidh. Bha na sgoilearan a’ chleachdadh faclan fa-lèth; m.e. an-dè, air Disathairne, air Didòmhnaich, às dèidh sin, bha mi aig …, mo mhamaidh, mo phiuthar, mo dhadaidh, mo bhràthair, m.s.a.a. às dèidh sin

11

Page 12: 15018587/wordcn2018.docx  · Web viewThòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh

chuidich mi na sgoilearan ri leughadh a-mach. Bha an sgeulachd math, “Na mathain agus a’ mhil”. Bha dìsnean aig a’ chlann le ceist agus rol iad an dìsinn agus leugh mise ceist agus dh’fhreagair na sgoilearan. Anns an dàrna clas agam bha a h-uile duine ag obair air an dealbh-cluiche agus mise a’ dol a dhèanamh beagan ealain. Pheant mi an doras, na h-uinneagan, na solais agus na alloys air a’ char. An uair sin bha mi a’ coimhead air na sgoilearan anns an raon-cluiche le oileanaich eile bho Sabhal Mòr Ostaig. Nuair a bha mi aig dìnnear bhruidhinn mi ri Iar Cheannard na h-Àrd-sgoile a-rithist agus thuirt i gum bi mise anns an Àrd-sgoil a-rithist a-màireach. Às dèidh dìnnear, bha mi ann an clas P2. Bha iad ag obair air matamataig, ‘thoir air falbh’ agus ‘tog’ àireamh bho àireamh eile a’ cleachdadh loidhne àireamh no ciùbaichean. Às dèidh sin chluich iad geama; ceann sìos, òrdag suas. B’ e geama math a bh’ ann.

Latha 12 - 13 Am Màrt 2018 Bha mi air ais anns an Àrd-sgoil an-diugh. Cha robh clàr-ama agam ach bha mi ann an Teicneolas agus an Cànanan an-diugh. Thòisich mi leis an dàrna bhliadhna ann an clas Gàidhlig. Bha liosta faclan air a’ bhòrd geall agus liosta seantansan le am faclan a dhìth air a’ bhòrd Smart. Bha sgoilearan a’ dèanamh ceangal eadar faclan agus seantans. Dh’fheuch mi na seantansan a dhèanamh cuideachd, ach cha robh mise cho math aig seantansan, smaoinich mi tha obair mhòr agamsa! An uair sin bha iad ag obair le bàrdachd. Leugh iad bàrdachd, “Duan an Fhògarraich” le Gillebrìde Mac ‘Ille Mhaoil an-dè agus sgrìobh iad mìneagadh faclan anns a’ Bheurla an-diugh. Bhathar a’ leughadh tron dàn a-rithist agus a’ freagairt ceist mu dheidhinn. Bhruidhinn mi ri na sgoilearan ma dheidhinn. An uair sin bha an dàrna clas agam, Beurla, leis a chiad bliadhna. Bha a h-uile duine ag obair airson cuspair deabsaid. Bha ceithir ‘motions’ agus dithis sgoilearan ‘air a shon’ agus dithis eile ‘na aghaidh’. Bha iad a’ rannsachadh air coimpiutairean bho fiosrachadh mun cuspair agus bha mi a’ cuidachadh na sgoilearan le rannsachadh. Às dèidh teoclaid theth b’ e an treas clas agam an-diugh Saidheans Coimpiutaireachd leis a’ chiad bliadhna. Bhathar ag obair air html agus chuir dealbhan air an duilleag aca. Bha mi a’ tuigsinn html agus chuidich mi na sgoilearan le trioblaidean. B’ e an ceathramh clas an-diugh Woodwork leis a’ ceathramh bliadhna. Bhathar ag obair air ‘vanity mirror’ ann am fiodh (giuthas). Bhruidhinn mi ris na sgoilearan mu dheidhinn Gàidhlig agus an sgoil. Às dèidh dìnnear choisich mi timcheall an Àrd-sgoil agus sheall mi air an obair air na ballaichean. B’ e an siathamh clas agam Design agus Manufacture leis a’ cheathramh bliadhna. Bhathar ag obair air folio pìosan. Às dèidh sin an clas Saidheans Coimpiutaireachd a-rithist ach leis an treas bliadhna. Bhathar ag obair air databases ag ionnsachadh mu dheidhinn ‘validation’. Tha beagan eòlais agam mu dheidhinn databases ach cha robhar ag iarraidh cuidachadh a-diugh.

FACLAN ÙRA - fògarrach, giuthas

12

Page 13: 15018587/wordcn2018.docx  · Web viewThòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh

Latha 13 - 14 Am Màrt 2018 Bha mi còmhla ri an Taic-ionnsachaidh an-diugh agus thòisich sinn ann am Bith-Eòlas. Sheall mi daolag-flùr tro am prosbaig. An uair sin an clas Eachdraidh. Bha tòrr fiosrachadh agus faclan ùr anns a’ chlas. Bhathar ag obair air fiosrachaidh mu dheidhinn an daoine a’ gluasad bhon dùthaich gu Glaschu anns an 18 linn. Bhruidhinn mi ri na sgoilearan mu dheidhinn ath-sgrùdadh airson deuchainn. Às dèidh teoclaid theth bha clas Gàidhlig againn. Dh’èist mi ris an tidsear agus na sgoilearan nuair a bhathar a’ bruidhinn mu dheidhinn a’ gnìomhair agus an ainmear. An uair sin leugh sinn an sgeulachd bheag. B’ e an ceathramh clas againn Eachdraidh agus chuidich mi aon sgoilear le eadar-theangachadh airson pìos sgrìobhte. Às dèidh dìnnear chaidh sinn gu clas Eòlas Creideamh agus choimhead sinn air an sgoilear anns a’ chlas. Bha sianar tràthan an-diugh Eachdraidh a-rithist agus a h-uile duine ag obair air duilleag. Chuidich sinn na sgoilearan le trioblaid a’ tuigsinn nan duilleagan.

Chaidh mi gu clas-oidhche anns a’ Ghàidhlig às dèidh sgoil a-rithist. Bha sinn ag obair air gnìomhairean ann an tràth caithte agus rinn sinn seantans a’ cleachdadh ‘nas’ m.e. nas tràithe, nas fhaide, m.s.a.a.

FACLAN ÙRA - teas, òtrachas, sàibhear(an), drèanaidh, stàilinn, air mèinnean guaile, truailleadh, seachdnar òirdheirc, Latha nam Màthraichean, rèiteach, ais èirigh, prosbaig

Latha 14 - 15 Am Màrt 2018 B’ e mo chiad chlas Ceòl an-diugh leis an dàrna bliadhna agus bhathar ag obair air fiosrachadh mu dheidhinn ceòl popular. An uair sin bha an clas Eaconomas Dachaigh agam leis an dàrna bliadhna, bha iad ag obair air sabhailte agus hygiene anns a’ chidsin. Tha eòlas agam mu dheidhinn teisteanas an seo. Bhrudhinn mi agus dh’èist mi ri an tidsear agus bhruidhinn mi ris na sgoilearan anns a’ Ghàidhlig. Às dèidh teoclaid theth bha mi anns a’ Chruinn Eòlas, dh’èist mi agus sgrìobh mu dheidhinn baile Shanty anns an Nairobi. An uair sin Dràma. Dh’èist mi agus bhruidhinn mi anns a’ Ghàidhlig còmhla ri an tidsear agus na sgoilearan. Bha an clas a’ gluasad luath agus bha mi toilichte nuair a bha mi a’ tuigsinn nas luaithe an seo. Às dèidh dìnnear b’ e Ealain a bh’ ann ach anns a’ Bheurla. An uair sin bha mi ann an Eaconomas Dachaigh a-rithist. Rinn an clas an cuisean leis an uidheam-fuaigheil. Chuidich mi na sgoilearan leis an obair air na h-uidhean-fuaigheil agus bhruidhinn mi anns a’ Ghàidhlig ris a h-uile duine.

13

Page 14: 15018587/wordcn2018.docx  · Web viewThòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh

FACLAN ÙRA - grafaichean colbh/loidhne, bloighean, uidheam-fuaigheil, snàithean, crò snàthaid

Latha 15 - 16 Am Màrt 2018 Thòisich mi le Matamataigs agus chuidich mi na sgoilearan le beagan trioblaid leis an obair. Ghabh mi pàirt annn an geama cuidechd. Bhruidhinn sinn còmhla ri Murchadhairson an uair. Às dèidh sin bha mi ann an Bith-Eòlasagus bha sinn ag obair air duilleagan mu dheidhinn na Gìneadh. Thug mi beagan cuideachaidh gu na sgoilearan le ciall nan litrichean. Às dèidh sin chaidh mi gu an clas Saidheans leis a’ chiad bhliadhna. Chuidich mi leis na sgoilearan nuair bhathar a’ dèanamh tomhasach bho anail. Às dèidh dìnnear bha clas Matamataig agam. Chuidich mi na sgoilearan le chiall nan eacarsaich mu dheidhinn iom-uilinneach. An uair sin b’ e an clas Gàidhlig a bh’ ann leis a’ cheathramh bliadhna. Dh’èist mi ris an tidsear, leugh mi na duilleag mu dheidhinn “ An Tuiseal Tabhartach” agus dh’fheuch mi an fhreagairt a sgrìobhadh.

14

Page 15: 15018587/wordcn2018.docx  · Web viewThòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh

Aithisg LuachaidhNuair a bha mi air mo Ghreis Ghnìomhachais bha mi an dòchas seo a dhèanamh;

Dè tha mi ag iarraidh a leasachadh? 1. Bu toigh leam mo sgilean labhairt agus èisteachd anns a’ Ghàidhlig a leasachadh.2. Bu toigh leam mo chuid mhisneachd a leasachadh.3. Bu toigh leam mo chuid Ghàidhlig a bhith cho math ri mo chuid Bheurla (aig an

aon ìre).4. Bu toigh leam a bhith a’ leasachadh mo chuid bhriathrachais.

Carson a tha seo cudromach dhomh? 1. Bidh mi a’ tuigsinn nas fheàrr agus nas luaithe.2. Bu toigh leam daoine eile a chuideachadh.3. Bidh mi a’ leasachadh mo roghainn obrach.4. Bidh mi a’ tuigsinn daoine eile nuair a tha iad a’ bruidhinn rium agus nuair a tha

mise a’ bruidhinn còmhla riutha bidh mo dhòigh-labhairt nas fheàrr.

Ciamar a tha mi a’ dol a dhèanamh seo? 1. Bidh mi a’ bruidhinn agus ag èisteachd ris a h-uile duine. Bidh mi a’

faighneachd, nuair a tha ceistean agam.2. Bidh mi a’ feuchainn ri bhith a’ bruidhinn anns a’ Ghàidhlig. Gabhail pàirt!3. Bidh mi a’ cuideachadh daoine eile anns a’ Ghàidhlig. Bidh mi a’ bruidhinn

còmhla ris sgioba anns an sgoile mu dheidhinn mo sgilean.4. Bidh mi ag èisteachd agus a’ sgrìobhadh faclan ùra.

Às dèidh mo ghreis ghnìomhachais, tha mi a’ feuchainn;

Dè cho soirbheachail ’s a bha mi le seo? 1. Dh’èist mi ris na tidsearan, na co-cuidichean/taic-ionnsaichean agus na

sgoilearan agus tha mi a’ tuigsinn nas motha gach là. Bhruidhinn mi ris na tidsearan na co-cuidichean/taic-ionnsaichean agus na sgoilearan ach bha mi cho nearbhasach leis an dragh orm s nach robh mi a’ bruidhinn cho math no cho shoilleir. Nis, tha mi air ais aig colaiste tha mi a’ tuigsinn nas luaithe agus tha mi a’ feuchainn bruidhinn ri daoine eile nas motha.

2. Nuair a bha mi anns a’ Bhun-sgoil dh’fhàs mo mhisneachd oir a bha mi a’ bruidhinn leis na sgoilearan gach latha. Bha mi a’ gabhail pàirt gach là ged a bha mi nearbhasach. Nuair a bha mi anns an Àrd-sgoil cha do dh’fhàs mo mhisneachd, ach b’ fhèarr leam a bhith anns an Ard-sgoil. ’S e àrainneachd math a th’ ann agus tha eòlas agam ma dheidhinn.

3. Dh’fheuch mi na sgoilearan a’ chuideachadh anns a’ Bhun-sgoil agus anns an Àrd-sgoil gach là. Lorg mi na sgoiltean glè thrang gach là agus bha e doirbh gun

15

Page 16: 15018587/wordcn2018.docx  · Web viewThòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh

a bhith a’ dol a bhruidhinn ri daoine eile. Bha mi a’ tuigsinn foghlam tron Gàidhlig nas motha agus tha mi a’ smaoineachadh gum bi mo sgilean anns a’ Bheurla ceart gu leòr ach chan eil mo sgilean Ghàidhlig ceart gu leòr, fhathast!

4. Dh’ionnsaich mi barrachd fhaclan ùr anns an Àrd-sgoil gun robh mi beagan tro chèile! Dh’ionnsaich mi faclan no dhà ùr anns a’ Bhun-sgoil ach cha robh mi cinnteach mu dheidhinn de cho an feumail s a bhios iad na mo bheatha an coimeas ris na faclan bhon Àrd-sgoil.

Co-dhùnadh’S toil leam mo ghreis ghnìomhachais ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Dh’ionnsaich mi mu dheidhinn foghlam anns a’ Ghàidhlig agus bha e inntinneach a coimhead air an diofar eadar foghlam anns a’ Ghàidhlig agus foghlam anns a’ Bheurla.

16

Page 17: 15018587/wordcn2018.docx  · Web viewThòisich mo chiad latha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le bhith a’ coiseachd timcheall an Àrd-sgoil leis an Iar Cheannard. Às dèidh

Clàr-amaisÀrd-sgoil, 8, 9, 11Àrd-sgoil Park Mains, 4Àrd-sgoil Woodside, 4Beurla, 9, 12Bith-Eòlas, 10, 13Ceòl, 13Chruinn Eòlas, 13clas-oidhche, 9, 13dà òirleach deug, 7Design agus Manufacture, 12Dràma, 13dùinte, 7Eaconomas Dachaigh, 13Ealain, 13Finnieston, 4Fraingis, 9Gàidhlig, 9, 12, 13ghnìomhairean, 8ghreis ghnìomhachais, 16Ghreis Ghnìomhachais, 14

gnìomhairean, 13hoop, 6Iar Cheannard, 6, 8, 9, 11lòn, 9Maighistir Fear, 8Matamataig, 9, 10, 13Matamataigs, 13Murchadh, 13Sabhal Mòr Ostaig, 11Saidheans, 9, 10, 13Saidheans Coimpiutaireachd, 12Seoc agus a’ Chraobh Phònair, 6Sìonach-lanntairean, 6spòrs, 6Spòrs, 9Sràid Ashley, 4Sràid Berkeley, 4Taic-ionnsachaidh, 10, 12Teicneolas, 9Woodwork, 12

17