vol. vi. sidni, c. b., di-haoike, 12 nobhember, 1897.vol. vi. sidni, c. b., di-haoike, 12 nobhember,...

8
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOIKE, 12 NOBHEMBER, 1897. No. 20. Litir as a Ghaidhealtaehd. A MHIC-TALLA TONMHUINK,—Is fhacT o'a a chuala sibh fuaim mo ghutha, ach cha'n fhaol sibh a bhith smuainteachadh bho sin gu'n do dbi-chuimhnich mi sibh, 's mi nach do dhi-chuimhnich. Cha'n fhaca mi litir bho Tbir nam Beann 'nur paipear luachmhor o chionn tacain agus uime sin shaoil mi gu 'm bitheadh e freagarrach dhuibh beagan shreath fhaotainn a leigeil fhaicinri mar a tha cuisean a dol air aghaidh anns an duth- aich aig an am seo. 'S a cheud aite a thaobh ar canain fein. Thainig a mach ainmean nan aiteachan sin a tha teagasg na Gaidhlig anns na sgoiltibh, anns an Naigheachd Ghaidhealach, agus tha mi cinnteach gu'ra bi moran do ur luchd- leughaidh a bhitheadh toilichte fhaotainn a a mach c'aite a bheil na Gaidheil a c6mh- nuidh anns a Ghaidhealtachd agus c'aite nach 'eil. 'S iad seo ainmean nan sgoiltean far an deach ar canain a fht-agasg air a •«ir.. l ,:;iT.a'ir-.T * " • - Ann an siorrachd Earraghaidheal:—Sron- toilear (an Oban), Sgoil na h-Eaglais Cathol- aich (an Oban), Creich, Bunessan, Port na h-Abhuinn, Port an Eilein, Fanm6r, Fris- laig, Hullepool, Cille Muire (Ardnamur- chan), Cbrragnidr, Dalmhailidh, Lochaluinn, Ruaig, Cille Chuain (Ardnamurchan), Baile Martainn, agus Sgarnish. Ann an Siorrachd Inbhirnis :—Aldourie (Dores), Ceann-a'-ghuibhsaich, Drochaid Ruaidh (Lochabar), Drochaid Chlachach (Uidhist mu dheas), Sgaraista (na h-Earadh). Ann an Siorrachd Pheairt:—Ceann Loch Raineach. Ann an Siorrachd Chataobh :—Duirinis. Tha mi toilicht' a chluinntean gu'n do chuir na sgoiltean a leanas rompa a' Ghaidh- lig a theagasg do 'n chloinn 'sa bhliadhna seo tighinn. Earraghaidheal : — Loch-nan-Eala, Ard- chonnthuil. Ihbhirnis : — Carnaich (Cille Moraig), Paible (Uidhist mu Thuath), Cille- righbhagh (Uidhist mu Dheas), Torrain (Srath). Siorr. Rois :—Barbhas (Le6ghas). Bha reic mhor o chionn uine ghoirid air na seann rudan ne6nach aig Mr Iain Noble, nach maireann, am fear-reic-leabhraichean air Sraid a' Chaisteil, Inbhirnis. Tha iad a deanamh dheth nach robh cuisean cho luachmhor an suiiean Gaidheil a chaidh a reic 'san Taobh Tuath bitheanta roimhe Cha deach na leabhraichean a dh' fhag e sreic .fhathast, ach bithidh iad sin air an cur fa sgaoil cuideachd an uine ghoirid. Tha side gle bhochd againn o chionn fhada, acb bha tri no ceithir laithean griau- ail againn air an t-seachdain seo chaidh. Tha 'm buntata gle ghann am bliadhna, agus an galar gle phailt, mar sin tha na prisean an iomadh aite faisg air dubailt air na bha iad an uiridh. Tha na h-uibhean a reic anns na buithean 'san duthaich aig Is 5d. an dusan, agus tha 'n t-aran 6d. an cairteal an siorrachd Pheairt, agus 7d. an Inbhirnis, agus sa' chuid a's mo deShasuinn. Tha 'n t-im Is. 2d. am punnd. Chunnaic mi anns a' phaipear o chionn tacain gu 'n do gheall na rathadan-iaruinn an Albainn a ghiulan bocsaichean le uibh- ean, measan, agus an leithid aig leth na cosdais a bha iad ag iarraidh gus a seo. Tha iad a deanamh dheth gu 'm bitheadh seo na chuideachadh mor do na daoine bochda, ach cha 'n eil fhi< s ;>gam c'aite am faigh iad na daoine bearl •> _-h" no bochda idir "•mil,"fitiWldT(ia~i, ^tafciltfaran%r4ghaidh a' cur achadh ri achadh fo chaoraich agr.s feidh mar a tha iad a deanamh fhathast, cha bhi soirbheas, no airgiod, no toil, no rud sam bith 'sa Ghaidhealtachd gus an spionnar as na h-uachdaran mora uile gu leir, agus lagh air a chur air chois nacb leig le duine sam bith tuilleadh air leth-cheud acair a bhith aige, no uiread acraichean is urrainn e fhein agus a theaghlach a chumail fo bharr. A guidhe sonas agus soirbheachas gu MAC TALLA. IS mise ur caraid, CEEAG-AN-FHITHICH. Litir o'n Chuairtear. A DHEAGH CHARAID,—Is iomadh car a chuir mi fhin's an saoghal o'n sgriobh mi ugad mu dheireadh. Mar is math a tha fios agad fhein, 's fior thoigh leamsa, aig amann- an araid de 'n bhliadhna, deiseachan matha aodaich a chur air na fir, agus toirt air na mnathan paigheadh air an son. Agus tha mise 'g innse dhuit gu feum duine bhi 'na dhuisg 'nuair a theid e cheannach cloimhe bho na cailleachan. Cha 'n eil greim a leth cho teann aig a' chl6imh air na caoraich 's a th' aig na cailleachan air a chloimh. Chuala sinn mu fhoighidin l o b ; bu mhath learn fhin fhios a bhi agam am b' abhaist do ua cailleachan a bhi 'creic cl6imhe 'san am sin, agus an robh lob 'ga ceannach uapa. Coma co-dhiu tha an samhradh seachad, agus cha 'n eil math a bhi 'cumail suas gamhlais. Bidh iad fhein's mi-fhin cairdeil gu leor mu 'n ti; 's math leotha-san i bhi laidir, agus sin mar a ch6rdas i riumsa. Tha'mi nise aim an ceann a tuath siorr- achd Inbhirnis, a cur air chois loidsichean ura do 'n I. 0. G. T., agus a deanamh na 's urrainn domh gu mi-stuamachd fhogradh as an duthaich. Fhuair mi air adhart gle mhath. Tha an duthaich an so moran na's briagha na tha ceo,nn a deas an eilein. Cha 'n eil e ro ghlic dhoinh a bhi 'g radh tuill- eadh 'sa ch6ir mu mhaise na h-airde tuatha, oir th.a agam ri dhol do shiorrachd Rich- mond air an t-seachdain s'a tighinn; ach cha tuig Fwingaich L'Ardoise agus St. Peter's Gailig, agus tha na Gaidheil ro-ghlic air son na their mi a ghabhail gu h-olc. Cha 'n eil mi 'smaoineachadh gu bheil cearna sam bith de 'n eilean cho briagha ris a' chearn a tuath. Leis na beanntan arda, na srathan gorma, eomhnard, agus na glinn fhada, chaol, 's beag an t-ioghnadh ged a thogadh an diithaicii fonn nam bard, 's ged a'bheireadh i orra bhi seinn drain bhinn, che61mhor, mar a tha "Cnoic us glinn a' Bhraighe." Gu dearbh cha mhor naeh d' rinn gach sealladh a fhuair mi air an duth- aich bard dhiom fhein. Ach a chum's gu'm bi fhios agaibh gu bheil nithean ann nach gabh deanamh, faodaidh mi innse dhuibh nach d' fhuair mi a' cheud cheathramh dhe m' 6ran a chur ri cheile fhathast. Cha dean duthaich bhriagha no ni sam bith eile bard dhiomsa. Tha an t-aite so air aiteach le Gaidheil, Sasunnaich, agus Frangaich. Chuala mi grunnan de Fhrangaich a' bruidhinn an la roimhe, agus cha 'n eil mo chlaistneachd gu ro-mhath fhathast. Ach's fhearr dhomh beagan naigheachd- an a thoirt dhuibh. Chaidh mathan a ghlacadh le sealgairean o chionn dha no tri sheachdainean air ais; thomhais e ceithir cheud punnd. Rinn an trap greim air a dha spoig, agus chum i greim air gus an d thainig na daoine 's 'n do chuir iad fras luaidhe ann. Cha teid am beothach bochd an coir na trap ud tuilleadh. Bha dithis Eirionnaeh, nach fhaca carbad- iaruinn riamh, uair ann an duthaich anns an robh na carbaid a' ruith na h-uile latha. Aon oidhche's iad a coiseachd thainig iad dh' ionnsuidb an rathaid, agus lean iad e. Mu mheadhon-oidhehe, 's iad air fas sgith la 'n turus, laidh iad sios—fear air gach taobh dhe 'n rathad—'s ehaidil iad, Cha robh iad ro-fhada 'nan eadal 'nuair a thainig an. (Air a leantuinn air taobh 156,)

Upload: others

Post on 20-Oct-2020

4 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

  • VOL. V I . S I D N I , C. B. , D I - H A O I K E , 12 N O B H E M B E R , 1897. No. 20 .

    Litir as a Ghaidhealtaehd.

    A MHIC-TALLA TONMHUINK,—Is fhacT o'a a chuala sibh fuaim mo ghutha, ach cha'n fhaol sibh a bhith smuainteachadh bho sin gu'n do dbi-chuimhnich mi sibh, 's mi nach do dhi-chuimhnich. Cha'n fhaca mi litir bho Tbir nam Beann 'nur paipear luachmhor o chionn tacain agus uime sin shaoil mi gu 'm bitheadh e freagarrach dhuibh beagan shreath fhaotainn a leigeil fhaicinri mar a tha cuisean a dol air aghaidh anns an duth-aich aig an am seo.

    'S a cheud aite a thaobh ar canain fein. Thainig a mach ainmean nan aiteachan sin a tha teagasg na Gaidhlig anns na sgoiltibh, anns an Naigheachd Ghaidhealach, agus tha mi cinnteach gu'ra bi moran do ur luchd-leughaidh a bhitheadh toilichte fhaotainn a a mach c'aite a bheil na Gaidheil a c6mh-nuidh anns a Ghaidhealtachd agus c'aite nach 'eil. 'S iad seo ainmean nan sgoiltean far an deach ar canain a fht-agasg air a •«ir..l,:;iT.a'ir-.T — * " • - —

    Ann an siorrachd Earraghaidheal:—Sron-toilear (an Oban), Sgoil na h-Eaglais Cathol-aich (an Oban), Creich, Bunessan, Port na h-Abhuinn, Port an Eilein, Fanm6r, Fris-laig, Hullepool, Cille Muire (Ardnamur-chan), Cbrragnidr, Dalmhailidh, Lochaluinn, Ruaig, Cille Chuain (Ardnamurchan), Baile Martainn, agus Sgarnish.

    Ann an Siorrachd Inbhirnis :—Aldourie (Dores), Ceann-a'-ghuibhsaich, Drochaid Ruaidh (Lochabar), Drochaid Chlachach (Uidhist mu dheas), Sgaraista (na h-Earadh).

    Ann an Siorrachd Pheairt:—Ceann Loch Raineach.

    Ann an Siorrachd Chataobh :—Duirinis. Tha mi toilicht' a chluinntean gu'n do

    chuir na sgoiltean a leanas rompa a' Ghaidh-lig a theagasg do 'n chloinn 'sa bhliadhna seo tighinn.

    Earraghaidheal : — Loch-nan-Eala, Ard-chonnthuil. Ihbhirnis : — Carnaich (Cille Moraig), Paible (Uidhist mu Thuath), Cille-righbhagh (Uidhist mu Dheas), Torrain (Srath). Siorr. Rois :—Barbhas (Le6ghas).

    Bha reic mhor o chionn uine ghoirid air na seann rudan ne6nach aig Mr Iain Noble, nach maireann, am fear-reic-leabhraichean air Sraid a' Chaisteil, Inbhirnis. Tha iad a deanamh dheth nach robh cuisean cho luachmhor an suiiean Gaidheil a chaidh a reic 'san Taobh Tuath bitheanta roimhe Cha deach na leabhraichean a dh' fhag e sreic .fhathast, ach bithidh iad sin air an cur

    fa sgaoil cuideachd an uine ghoirid. Tha side gle bhochd againn o chionn

    fhada, acb bha tri no ceithir laithean griau-ail againn air an t-seachdain seo chaidh. Tha 'm buntata gle ghann am bliadhna, agus an galar gle phailt, mar sin tha na prisean an iomadh aite faisg air dubailt air na bha iad an uiridh. Tha na h-uibhean a reic anns na buithean 'san duthaich aig Is 5d. an dusan, agus tha 'n t-aran 6d. an cairteal an siorrachd Pheairt, agus 7d. an Inbhirnis, agus sa' chuid a's mo deShasuinn. Tha 'n t-im Is. 2d. am punnd.

    Chunnaic mi anns a' phaipear o chionn tacain gu 'n do gheall na rathadan-iaruinn an Albainn a ghiulan bocsaichean le uibh-ean, measan, agus an leithid aig leth na cosdais a bha iad ag iarraidh gus a seo. Tha iad a deanamh dheth gu 'm bitheadh seo na chuideachadh mor do na daoine bochda, ach cha 'n eil fhi< s ;>gam c'aite am faigh iad na daoine bearl •> _-h" no bochda idir

    "•mil,"fitiWldT(ia~i,^tafciltfaran%r4ghaidh a' cur achadh ri achadh • fo chaoraich agr.s feidh mar a tha iad a deanamh fhathast, cha bhi soirbheas, no airgiod, no toil, no rud sam bith 'sa Ghaidhealtachd gus an spionnar as na h-uachdaran mora uile gu leir, agus lagh air a chur air chois nacb leig le duine sam bith tuilleadh air leth-cheud acair a bhith aige, no uiread acraichean is urrainn e fhein agus a theaghlach a chumail fo bharr.

    A guidhe sonas agus soirbheachas gu MAC TALLA. IS mise ur caraid,

    CEEAG-AN-FHITHICH.

    Litir o'n Chuairtear. A DHEAGH CHARAID,—Is iomadh car a

    chuir mi fhin's an saoghal o'n sgriobh mi ugad mu dheireadh. Mar is math a tha fios agad fhein, 's fior thoigh leamsa, aig amann-an araid de 'n bhliadhna, deiseachan matha aodaich a chur air na fir, agus toirt air na mnathan paigheadh air an son. Agus tha mise 'g innse dhuit gu feum duine bhi 'na dhuisg 'nuair a theid e cheannach cloimhe bho na cailleachan. Cha 'n eil greim a leth cho teann aig a' chl6imh air na caoraich 's a th' aig na cailleachan air a chloimh. Chuala sinn mu fhoighidin l o b ; bu mhath learn fhin fhios a bhi agam am b' abhaist do ua cailleachan a bhi 'creic cl6imhe 'san am sin, agus an robh lob 'ga ceannach uapa. Coma co-dhiu tha an samhradh seachad, agus cha 'n eil math a bhi 'cumail suas gamhlais. Bidh iad fhein's mi-fhin cairdeil

    gu leor mu 'n ti; 's math leotha-san i bhi laidir, agus sin mar a ch6rdas i riumsa.

    Tha'mi nise a im an ceann a tuath siorrachd Inbhirnis, a cur air chois loidsichean ura do 'n I. 0 . G. T., agus a deanamh na 's urrainn domh gu mi-stuamachd fhogradh as an duthaich. Fhuair mi air adhart gle mhath. Tha an duthaich an so moran na's briagha na tha ceo,nn a deas an eilein. Cha 'n eil e ro ghlic dhoinh a bhi 'g radh tuilleadh 'sa ch6ir mu mhaise na h-airde tuatha, oir th.a agam ri dhol do shiorrachd Richmond air an t-seachdain s'a tighinn; ach cha tuig Fwingaich L'Ardoise agus St. Peter's Gailig, agus tha na Gaidheil ro-ghlic air son na their mi a ghabhail gu h-olc.

    Cha 'n eil mi 'smaoineachadh gu bheil cearna sam bith de 'n eilean cho briagha ris a' chearn a tuath. Leis na beanntan arda, na srathan gorma, eomhnard, agus na glinn fhada, chaol, 's beag an t-ioghnadh ged a thogadh an diithaicii fonn nam bard, 's ged a'bheireadh i orra bhi seinn drain bhinn, che61mhor, mar a tha "Cnoic us glinn a' Bhraighe." Gu dearbh cha mhor naeh d' rinn gach sealladh a fhuair mi air an duthaich bard dhiom fhein. Ach a chum's gu'm bi fhios agaibh gu bheil nithean ann nach gabh deanamh, faodaidh mi innse dhuibh nach d' fhuair mi a' cheud cheathramh dhe m' 6ran a chur ri cheile fhathast. Cha dean duthaich bhriagha no ni sam bith eile bard dhiomsa. Tha an t-aite so air aiteach le Gaidheil, Sasunnaich, agus Frangaich. Chuala mi grunnan de Fhrangaich a' bruidhinn an la roimhe, agus cha 'n eil mo chlaistneachd gu ro-mhath fhathast.

    A c h ' s fhearr dhomh beagan naigheachd-an a thoirt dhuibh. Chaidh mathan a ghlacadh le sealgairean o chionn dha no tri sheachdainean air ais; thomhais e ceithir cheud punnd. Rinn an trap greim air a dha spoig, agus chum i greim air gus an d thainig na daoine 's 'n do chuir iad fras luaidhe ann. Cha teid am beothach bochd an coir na trap ud tuilleadh.

    Bha dithis Eirionnaeh, nach fhaca carbad-iaruinn riamh, uair ann an duthaich anns an robh na carbaid a' ruith na h-uile latha. Aon oidhche's iad a coiseachd thainig iad dh' ionnsuidb an rathaid, agus lean iad e. Mu mheadhon-oidhehe, 's iad air fas sgith la 'n turus, laidh iad sios—fear air gach taobh dhe 'n rathad—'s ehaidil iad, Cha robh iad ro-fhada 'nan eadal 'nuair a thainig an.

    (Air a leantuinn air taobh 156,)

  • 154=

    SGEULACHDAN ARABIANACH.

    VI.—EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.

    CAIB. X X .

    An ceann uine na dheigh sin thuirt ino dhithis pheathraichean rium gu'n robh iad a' faicinn gu'n robh e Cuilleadh is trom ormsa bhith 'g an cuinaii suns le cheile, agus air an aobhar sin, gu'n robh iad a smaointean gu'm b' fheaar dhaibh posadh a rithist. Thuirt mi riutha, ma 's ann air eagal gu'm biodh e trom orrasa an cumaii suas a bha iad a' smaointeau posadh, nach ruigeadh iad a leas a bhhith smaointean air a leithid, agus gu'm b' e am beatha fuireach comhladh rium ; oir bha de shaoibhreas again na chumadh snas siun 'nar triuir cho comhfhurtail 's a dh' fhoghnadh dhuinh a reir ar suidheachddh "Ach," ar*a mise, "tha o,mhrus laidir agam gu'm bheil nor thoil agaibh p6sadh a rithist; agus ma tha, gu dearbh tha e 'cur ioghnadh mor orm. An deigh an droch cheartas a fhuair sibh fhad's a bha sibh posda, am bheil e comas-ach gu'm bheil de mhisnich agaibh na phosas an dara uair 1, Tha fhios agaibh gur ainn-earoh a gheibhear fear-posda a tha na fhior dheadh dhuine, Gabhaibh mo chomhairle, agus fanaibh comhla rium fhein."

    Ach a dh' aindeoin gach impidh a bha mi cur orra cha sugadh iad geill dhomh. Chuir iad I'Qmpa 'muigh's a mach gu'm posadh iad, agus an uine gun bhith fada rinn iad e.

    Mu'n d' thainig ceann na bliadhna an deis dhaibh posadh, thainig iad a rithist, agus dh' iarr iad mile mathanas orm a chionn nach do ghabh iad mo chomhairle, "Is tu ar piuthar a's oige," ars' iadsan, "agus tha thu moran na 's glice na sinne; ach ma ghabhas tu steach sinn aon uair eile, eadhon mar shearbhantan, tha sinn a' gealltain nach dean sinn olc qrt gu brath tuilleadh." Thuirt mi, "Mo pheathraichean gaolach, cha d' thainig atharrachadh sam bith air m' inntinn-sa dha 'r taobh o'n a dhealaich sinn ri 'cheile mu dheireadh; thigibh air ais, agus gabhaibh bhur cuid dhe gach ni a bhuineas dhomhsa." An uair a thuirt mi so rug mi orra 'nam ghairdeanan agus phog mi iad. Agus bha sinn na dheigh sin a fuireach comhladh mar a bha sinn roimhe.

    An uair a bha sinn mar so fad bliadhna comhladh, agus sinn cho ciuin's cho caoimh-neil ri 'cheile's a b' urrainn peathraiehean a bhith; agus an uair a chunnaic mi gu'n robh mo storas, le beannachd Dhe, air fas gu math mor, chuir mi romham gu'n gabh-ainn turus-cuain do na h-Innsibh a chum malairt a dheanamh. Chaidh mi fhein 's mo dhithis pheathraichean gu ruige Balsora, agus cheannaich mi long, sgus an uair a luchdaich mi i leis a' bhathar a thug mi a Bagdad, sheol sinn. Bha soirbheas gle fhabharrach againn fad fichead latha. An ceann na h-uine sin thog sinn fearann. B' e beinn anabaraach ard a bh' ann, agus chunnaic sinn gu 'n robh baile-mer ris a

    chladach aig bonn na beinne. O'n a thach-air gu 'n robh smuid mhath air a' ghaoith cha robh sinn fada 'ruighinn na h-acarsaid. Cho luath's a dh' acraich sinn chaidh mi gu tir gun fhuireach ri m' pheathraichean. Ghabh mi direach gu geata 'bhaile, agus chunnaic mi moran dhaoine mar gu'm biodh iad a' dion a bhaile. Bha cuid dhiubh 'nan seasamh agus cuid nan suidhe, agus airm aca 'nan lamhan. Bha leithid de chruth uamh-asach air an aghaidhean's gu 'n do ghabh mi eagal mor. Ach thug mi 'n aire nach robh iad a gluasad no carachadh, agus ghabh mi misneach gus a dhql air m' aghart. An uair a chaidh mi na bu ciluithe dhaibh chunnaic mi gu 'n robh iad uile air an tionndadh gu cloich. Chaidh mi steach do 'n bhaile, agus choisich mi troimh chaochladh shraidean, agus bha h-uile duine a bha mi 'faicinn air a thionndadh gu cloich. Bha 'n aireamh bu mho dhe na buithean duinte, agus far an rohh iad fosgailte bha na daoine a bh' annta 'nan cloich. Thug mi suil os mo chionn ris na similearan, agus cha robh ceo a' dol am mach a fear dhiubh. Thug so orm a smaointean gu 'n rpbh muinntir a ! bhaile gu leir air an tionudadh gu cloich.

    Choisich mi air m' aghaidh troimh 'n bhaile gus an d' rainig mi cuirt mhor cheithir-chearnach a bh' ann an teis-meadh-ain a' bhaile, Sheall mi mu'n cuairt orm, agus chunnaic mi geata mor briagha air a chomhdach le or, agus e fosgailte. An uair a chaidh mi dluth dha thug mi 'n aire gu'n robh cuirteanan de shioda ro riomhach sgaoilte an taobh a staigh de'n gheata. Mar an ceudna bha cruisgean laiste an crochadh os cionn a' gheata. An uair a bheachdaich mi gu math air an aitreimh mhoir so thuig mi gur e luchairt an righ a bh' ann ; agus o'n a bha ioghnadh mor orm nach dp thachair duine beo rium anns a bhaile, chaidh mi steach air a' gheata, ann an dochas gu 'n tachradh neach eiginn rium ris am bruidhninn. An uair a chaidh mi steach cha robh duine beo ri fhaicinn. Bha 'n luchd-gleidhidh 'nan seasamh fo'n cuid armaibh; ach bha iad uile 'nan cloich. Choisich mi gu taigh anabarrach briagha bha fa m' chomhair, agus dh' aithnich mi gu'm b' e taigh-cpmhnuidh na ban-righ a bh' ann. Agus an uair a chaidh mi steach, cha rpbh duine bfiq ri 'fhaicinn anns an t-seomar Ghabh mi air aghart o sheomar, gu seomar gus an d' rainig mi seomar a bha anabarrach bnagha. Chunnaic mi a' bhan-righ 'na suidhe ann, agus crun oir air a ceann, agus griogagan daoimein m' a h-amhaich, agus a h-uile te dhiubh a cheart cho mor ri cno.

    Sheas mi car uine far an robh mi, agus bheachdaich mi le tlachd's le ioghnadh air gach ni a bh' anns an t-seomar. Cha 'n fhaca mi riamh seomar anns an robh inns-readh a leith cho briagha ris, Ged a thois-ichinn ri innseadh gach ni a chunnaic mi anns an t-seomar cha b' urrainn dhpmh cainnt a chur air.

    An uair a chaidh mi 'mach as an t-seomar

    so, chaidh mi troimh chaochladh sheomraich-ean eile anns an robh innsreadh anabarrach maiseach. Mu dheireadh rainig mi seomar mor, farsuinn aims an robh cathair oir a bha gle ard, agus i air a deanamh maiseach le iomadh seorsa de neamhnaidean agus de chlachan luachmhor. Ghabh mi ioghnadh. mor an uair a chunnaic mi an lainnir a bha 'tighinn o mhullach na cathrach. O'n a bha toil agam fios fhaotaicn co as a bha 'n lainnir a' tighinn, chaidh mi suas air na ceuman staidhreach a bba direadh thun na cathrach, agus chunnaie mi dapimean a bha cho mor ri ugh ostrich air mullach na cathrach. Cha robh 'n smal no 'n sgaineadh bu lugha air, agus bha 'n lainnir a bh' as cho soilleir 's gu'n robh i an impis mo

    fhradharc a thoirt nam, Bha cpinnleir oir le coinneil cheireach

    laiste, ann air gach taobh dhe 'n chathair; ach cha robh mi 'tuigsinn ciod am feum a bh' orra o nach rpbh duine beo ri fhaicinn anns an taigh. Ach air a shon sin cha b' urrainn dhomh gun bhith 'sniaoinntean gu'n robh neach eiginn anns an taigh a chuireadh feum orra.

    O'n a bha na dorsan uile fosgailte chaidh mi troimh iomadh seomar eile anns an robh mpran ioumhais, agus chuir gach ni a chunnaic mi a leithid a dh' ioghnadh orm 's gun deachaidh an uine seachad gun fhios dhomh. Mu dheireadh thainig an oidhche. Thug mi ionnsuidh air tilleadh an taobh a thainig mi; ach cha b' urrainn domh amas air an rathad. An uair a chunnaic mi nach rachadh agam air faighinn am mach as an taigh, chuir mi romham gu 'n cuirinn an pidhche seachad anns an t-seomar anns an robh na coinnlean laiste. Chaidh nri steach ann agus leig mi mi-fhein 'nam shineadh air langsaid. Ach ged nach robh creutair beo ri 'fhaicinn anns an taigh, bha beagan eagail orm.

    Mu mheadhain oidhche chuala mi guth duine mar gu 'm biodh e 'leughadh a Chpr-ain. Thug so toileachadh mor dhomh, agus ghrad dh' eirich mi as an aite's an robh mi 'nam shineadh, agus thug mi leam fear dhe na eoinnlearan a bh' anns an t-seomar, agus chaidh mi a dh' ionnsuidh an t-seomair anns an robh mi cluinntinn a' ghutha. Sheas mi aig an dorus, agus leig mi an coinnleir air an urlar. Sheall mi steach air uinneig, agus thuig mi gur e seomar-aoraidh a bh' ann. Bha da chruisgean agus da choinneil laiste ann. Bha duine og, dreachar ann, agus e Jleughadh a' Chorain. Thug so toileachadh mpr d,homh. Ghabh mi ioghnadh a chionn gu'm b' e an aon duine beo a bh' anns a' bhaile, agus an sluagh eile gu leir air an tionndadh gu cloich.

    0 'n a bha 'n dorus leth-fhosgailte chaidh mi steach, agus thog mi mo ghuth agus rinn, mi urnuigh mar so: "Moladh gu rphh dhufc a Dhe, a thug dhuinn an turus fabbarrach, agus ma's e do thoil e deonaich dhu,inr» do dhion agus do ghleidheadh gus an till sinn air ar n-ais do ar duthaich fhein. Eisd rium, O Thighearna, agus their $feu m h; freagairt."

  • IVH^C - T A L L A . 155

    Thionndaidh an duine og 'aghaidh rium agus thuirt e, "Mo dheadh bhean-uasal, tha jmi 'guidhe ort innis dhomh co thu, agus ciod a chuir do 'n bhaile fhasail so thu ? Mu ni thu so, innsidh mise dhut co mi-fhein, «iod a thachair dhomh, c'ar son a tha sluagh a' bhaile air an cur anns an staid anns am bheil thu 'g an faicinn, agus c'ar son a tha mise 'nam onar beo, slan."

    Ann am beagan fhacal dh' innis mi dha •co as a thainig mi, c'ar son a thainig mi do 'u bhaile, agus gur e fichead latha 'thug an long air an rathad. An sin dh' iarr mi air innseadh dhonh eiod a b' aobhar gu'n robh sluagh a' bhaile gu leir, ach e fhein 'na onar air an tionndadh gu cloich ; ni a chuir mor-ioghnadh orm.

    "Mo dheadh bhean-uasal," ars' esan, "dean foighidin car tiotaidh." An uair a Ahuirt e so dhuin a an Coran, agus phaisg e seachad gu curamach ann an aite tasgaidh e. Fhad's a bha e 'deanamh so bha mi 'gabhail foeachd air, agus thug mi an aire gu'n robh e 'na dhuine ro thlachdmhor ri 'fhaicinn, agus thuit mi ann an gaol air. Thug e orm suidhe laimh ris ; agus mu'n do thoisieh e ri labhairt rium, cha b' urrainn mi gun a radh ris ann an guth a bha 'nochdadh gu'n robh tlachd agam dhtth, " A dhuin'-uasail thlachd-tnhoir, do 'm bheil gradh aig m' anam, is gann a tha dh' fhoighidin agam na dh' theitheas ri fios fhaotaiun mu thimehioll D»n nithean iongantach a chunnaic mi o'n a bhainig ini do 'n bhaile so; tha toil mhor agam fios fhaotainn mu 'n chuis gun dail «IUD bith. Innis dhomh gun dail ciod e 'mhiorbhuil leis am bheil thu fhein beo an Hair a tha gach neach eile marbh."

    " A bhaintighearna," ars' esan, tha mi 'g aifchneachadh gu'm bheil eolas agad air an aon Dia bheo agus fhior; oir chuala mi thu 5g urnuigh ris. Innsidh mi dhut uithean iongantach mu thimchioll a mhorachd agus a. chumhachd. B' e am baile so ceanna-bhaile na rioghachd aig m' athair. Bha m' athair agus sluagh na rioghachd gu leir 'nan draoidhean, agus bha iad a' deanainh aoraidh do 'n teiue5 agus do Nardoun, an righ a bha thairis air na 'famhairean a rinn ar-a-mach an aghaidh Dhe. Ged a bha m' athair's mo snhathair 'nan luchd iodhol-aoraidh, bha mise air m' fhoghluin 'nam oige le aon aig an robh eolas air an Dia fhior. Dh' ionns-aich mi an Coran air mo theangaidh, agus thuig mi gach mineachadh a chaidh a sgriobhadh air. Air an doigh so fhuair mi eolas air an aon Dia bheo agus fhior an uair a bha mi gle og. Agus an uair a thainig mi gu aois, thuig mi gu lan mhath nach eil Dia eile ann ach e, agus gur e gliocas agus ,dleasclanas gach duine aoradh is umhlachd a thuirt dha.'1

    (Bi leantuinn.)

    'Nuair a tha caraid a p6sadh ann an lap-an, cha 'n eil aca ri dheanamh ach cupa ti ol cuideachd agus tha 'n snaim ceangailte. Agus tha'm p6sadh an uair sin a cheart cho ieasmhach 'sa tha e anns an duthaich so.

    A' Ghaidhlig. Tha iomadh linn 'us bliadhna 'nis o'n

    thoisich daoine 'bhi 'g radh gu robh canain nan Gaidheal air leabaidh a bais, agus gu bitheadh i ann an uine ghearr ann an tir na di-chuimhne's na samhchaire. Tha Uilleam Mac Seathunn (Shaw), a sgriobh a' cheud grainat Gaidhlig, ag radh anns an Roitnh-radh, nach robh, ma dh' fhaoidte, ceithir daoine ann an Albuinn a sgriobhadh Gaidhlig anas an aon doigh: do bhrigh gu robh gach sgoilear 'us ministeir a' leantuinn a thoil mhath fein, agus nach robh e 'toirt geill no umhlachd do reachd ceart no pong-ail air bith Tha e 'g radh gu muladach, gu robh na ministeirean, ged bha iad ealanta 's sgileil air iomadh doigh eile, caoiii-shuar-ach mu na Ghaidhlig, agus mar so, nach robh coig ministeirean anns an duthaich gu leir, d' am b' abhaist an searmoinean a sgriobhadh ann an Gaidhlig no 'nan canain fein. Is e sgeula tiamhaidh " agus fior-mhuladach, a tha aig Mac Seathunn ri innseadh, bho cheann corr maith 'us ceud bliadhna. Thubhairt caraid nan Gaidheal, Tormoid Mac Leoid, ann an Leabhar nan Cnoc, aims a' bhliadhna 1832: "Na creidibh iadsan a tha 'g radh gu bheil a' Ghaidhlig air leabaidh a bais. Tha i co slan, laidir, urail, agus a cuisle co fallain 's a bha i riamh; agus ged thaehradh e gum biodh i air a fogradh a h-Albuinn am maireach, tha farsuingeachd agus fasgadh a' feitheamh oirre taobh thall do 'n chuan mhor, far am bheil cheana na miltean d'a muirichinn fein, a dh' fhailticheadh agus a dh' altrumaich-eadh i le solas." Tha e soilleir gu leoir gur e Canada gu sonruiehte 'bha am beachd a' Ghaidheil ghasda, dhileis, a sgriobh na briathran ud, agus a nochd dochas co seas-mhach agus co teoma. Is maith a tha fios aig MAC-TALLA gu d' fhuair a' Ghaidhlig aoidheachd ghrinn, fhaoilidh, fharsuing ann an Canada, 'us gu d' eirich anns an duthaich uir so iomadh ceatharnach a bha 's a tha fior-mheasail air a Ghaidhlig, agus ur-labh-rach agus luath-shiubhlach ann am feum gleusda 'dheanamh de 'n canain a bha fileanta, muirneach, 'us aighearach ann an Seallama 'n uair a bha Fionn 'us Oisein 'us laoich eile na Feinne beo, nieamnach, agus togarrach. Tha Donnachadh Ban Mac-an-t-Saoir ag radh gu firinneach :

    Bu mhor am beud gu 'm basaicheadh A ' chanain a's fearr buaidh,

    'S i ' s treis thoirt greis air abhachd, 'S a h-uile ait 'n teid a luaigh.

    'S i ' s fearr gu abhar-ghaire, 'S i ' s binne, blaithe fuaim,

    'S i ceol nam piob's nam clarsach, Luchd-dhan 'us dheanamh dhuah,

    Tha 'Ghaidhlig beo, lughmhor, fathast, agus tha iomadh bard 'us sgoilear easgaidh, a' deanamh dichioll duineil, airson a feartan 'us a buaidhean a chuir ann an uidheain ni 's fearr na rinneadh riamh roimhe. Ma tha grian na Gaidhlig a' tearnadh gu 'leabaidh anns an iar, tha cairdean lionmhor, eud-mhor, blath-chridheach aice a dhearbhas 1$

    'n treise's le 'n durachd, nach ann do bhrigh nach robh cairdean daimheil comasach aice, a fhuair i bas, ma gheibh i bas, agus cha 'n fhaigh i bas, re iomadh latha 's gealach fhathast. Tha gramar an deigh giamair 'g a thaisbeanadh fein, agus a' deanainh luaidh air na doigheah pongail ceart anns an coir do 'n Ghaidhlig a bhi air a labhairt agus air a sgriobhadh. Tha e 'nis gle fhurasda do gach Gaidheal eolas iomchuidh fhaotuinn air gach beus 'us boidhichead a bhuineas d'a chanain, ann an coimeas ri canainean aos-mhor, iongantach an t-saoghail. Chuir Donnachadh Reid, a tha 'teagasg na Gaidhlig ann an sgoil-ard Ghlascho, gramar beag, pongail, a mach bho cheann ghoirid. Chuir an lighiche Mai I!l-iosa—an Gaidheal dileas smiorail, ann am baile mor Lunnainn—an ordugh gramar Gaidhlig eile. Lean e gu dluth gramar an Ol laimh Alasdair Stiubh-art; sgoilear co ealanta, agus Gaidheal co aillidh, mor-chuiseach, 's a thog a Ghaidhealtachd riamh. Cha 'n eil a' Ghaidhlig gun chairdean laghach, lamhach, sgileil, ann am baile mor an t-saoghail. Tha Mae Ul-iosa airidh air cliu 's onoir. oir rinn e agus tha e 'deanamb, saothrach mhaith, luachmhoir, am rneasg nan Sasunnach, as leth canain 'us abhaisteau nan Gaidheal. Tha tlachd aig MAC-TALLA 'bhi 'g innseadh daonnan gu bheil ar canain a' faotuinn ineas 'us miagh a tha fior-thaitiieach ann an Lunnainn fein.

    Tha laoidhean milis, crabhach, air an seinn a nis gu durachdach, ait, anns gach eaglais. Chaidh laoidhean agus dain spior-adail a dheasachadh leis an urramach Gill-easbuig Mac Caluim. Is maith agus is ro-mhaith curamach agus teoma a dh' eadar-theangaich sgoilearan beusach, tapaidh, na laoidhean agus na dain a tha air an cur le cheile ann an leabhar dealbhach, agus a tha 'nochdadh cia eo oirdheirc's a tha ar canain airson moladh a thabhairt do Dhia, 's cia co foghluimte, geur-inntinneach 'us crabhach, 's a fcha moran de na Gaidheil. Carson nach seinneadh na Gaidheil na laoidhean 'us na dain so anns an eideadh ghrinn, Ghaidheal-ach a tha iad a nis a giulan, ann an aoradh an Tighearna far am bheil na Gaidheil cruinn agus Gaidhlig air a searmonachadh ?

    Ann an Albuinn, a bhos us thai], an sud agus an so, tha comunn ag eiridh gu trie, agus tha buill a chomuinn a deanamh, mar a rinn nioran diu cheana, dichioll 'us oidh-eirp onorach, arm a bhi 'trusadh agus a' cur ann an eideadh taitneach, duain 'us orain nam bard a bhuineadh do 'n choimhears-nachd aca fein anns na laithean a bha 's a dh' aom. Ni mi iomradh, ma dh' fhaoidte, ann am MAC-TALLA fathast, air na gniomh-aran caoiinhneil a tha iomadh comunn a' deanamh. Mur bitheadh aig a' Ghaidhlig neart 'us beatha's aghartachd nach eil aon chuid gann no fapin, cha bhitheadh feachd gaisgeil, dichiollach, de chairdean glic, curanta, aice am msasg a cloinne fein. Thugadh gacb Gaidheal ann an Canada aoidheachd agus cuideachadh fiughanta, toil-each, agus saoibbir do MHAC-TALLA.

    CQNA,

  • 3 5 6 M_^C - T A L L A

    MAC-TALLA. A PHRIS.

    Bliadhna, Sia miosan, Tri miosan.

    $1.00 .50 .25

    'Tha 'phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.

    Cuirear am paipear yu luchd-gabhail am Breatninn, an New Zealand's an duthchan-man eile air son $1,52, neo 6s. 3d. 'sa •bhliadhna.

    Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh i&ailig g' ar '« ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aort taobh d' aw dnileig, agus nach bi an sgriobhadh t,uilleadh us meanbh.

    B%edh gach litir us eile air a seoladh gu,

    J. G. MacKINNON, Publisher 'Mae-Talla,'

    Sydney, Cape Breton

    SIDNI. 12 NOBHBMBER, 1897.

    (Air a leantuinn o thaobh 153.) t-each-iaruinn, agus dhuisg am fuaim fear de na h-Eirionnaich. A leithid sid cha chual' ,e riamh; fuaim chuidhlichean, an fhideag a' seideadb, an smuid 's na sradagan; cha robh fhios aige gu de bu chiall daibh, agus chuir an t-eagal 'na leithid de bhreislich e 's gu robh an t-each-iaruinn, le riadh de char-badan na dheigh, air a dhol seachad mu 'n do smaoinieh « air a bhrathair. An sin ruith e null far an robh e, ag eigheach, "Duisg! Duisg!" "Ge de tha cearr a PhadruigT arsa bhrathair. " 'S iomadh rud sin," ar3a Padruig; "tha iad a' cur an droch-aite air imrich, agus tha cheud 16d dheth direach air a dhol seachad." Sin an obair a thatar a deanamh aig Acarsaid Mhargaree an drasda; thatar a cur na droch obair air imrieh agus chaidh a eheud 16d a char Hogamah Di-ciaduin s'a chaidh— da f hear-creie deoch laidir. 'S iad ministear agus eagart na h-Acarsaid a chuir mu dheobhainn a' ghnothuich, agus rinn iad gu math e. Chaidh cain oeud dolair a phaigh-eadh leis sa eiontaieh, ach cha toir sin idir air ais beabha mac na bantraiche bochda a rinn an stuth a bha iad a' creic a bhathadh ann an Atahuinn Mhargaree toiseach an fhoghair. A N CUAIRTEAR.

    (Bi leanlumn.) • •» -m? •

    LUINNEAGAN LUAINEACH.—Fhuair sinn an leabhar so a Lunnainn o chionn ghoirid .'Se's ughdar dha an Lighiehe Iain Mac Griogar a bh* 'na Iar-Ch6irueal anns an arm Bhreatunm&ch, agus a tha 'n deigh cuairt a ,chur air roinn mhor de'n t-saoghal. A ' siu bhal ann an tiribh eein, thoisich an Leodh asach gasda ri bardachd air son canain a dbuthcha a chumail 'na chuiuahne, agus rinn e aireamh nahath bran. Tha an leabhar gle thlachdsataor, agus bheirfiinn cunntas na's miona na so air fhathast. Gheibhear aon de na h-orain a fch' ann gar taobh eile dhe'n jpbaipe&r po.

    Chaidh inort graineil a dheanamh a»n an Rawdon, an Cuibeic, Dior-daoin air an t-seachdain s'a chaidh. Bha triuir pheathraichean agus bratbair air am mort gu bruideil le 'w brathair bu shine, Tomas Nulty. Bha am parantan air falbh o'n tigh aig an am, agus tha e coltacb gu 'n deach-aidh Tom agus an te bu shine dhe pheathraichean bhar a cbeile, agus ga 'n do mharbh e le tuaigh i anns an t-sabhal. Chaidh an darra te a chuideachadh a peathar agus mharbh e ise cuideachd, 's an sin chaidh e do 'n tigh's chuir e crioch air a phiuthar a b' oige's air a bhrathair, a bha feuchainn ri iad-fhein fhalach air. Dh' aidich e a chionta do 'n mhaor an deigh a ghlacadb. Bha an teaghlach, uile a reir sge6il, de ghne shuarach, bhruideil, agus gun a bhi moran na b' fhearr na na beoth-aichean. Cha do chuir an gniomh . oillteil gruaman mor sam bith air na parantan. Bha na h-igheanan a chaidh a mhort 18, 16, agus 14 bliadhna dh' aois, agus an gille 9 bliadhna. Tha am mortair bliadhn' air fhichead.

    Ann an Orangedale, feasgar Di mairt s'a chaidh, an deigh tinncas fada, chaochail Alasdair D. Mac Neill, air an robh moran d'ar leughadairean gle e61ach agus air an robh mor mheas aig na h-uile d'am b'aithne e. Bha e 'na dheagh sgoilear, agus bha e dol d'an cholaiste ann an Kingston air son na ministeirealachd 'nuair a th6isich a thinneas. Bha e na dheagh bhard, agus dh' fhag e moran bardachd sgriobh te a tha sinn an d6'chas a bhios an uine ghoirid air a chur an cl6. Mu thoiseach na bliadhna so chuir-eadh a mach leabhran beag de chuid bardachd a choisinn deagh ainm dha. Dh' fhuiling e moran tinneis o ehionn c6rr us bliadhna air ais, ach tha e nis anns an Dachaidh Bhuan air son an robh e ullaichte, agus far nach cuir tinneas no cradh dragh air na's m6. Chaidh a thoirt air falbh ann laithean 6ige; cha robh e ach eadar seachd us ochd bliadbna fichead a dh' aois.

    Chaidh tigh le fear Tulloch, faisg air Cole Harbor, mu dha mhile mach & Dartmouth, N. S., 'na tbeine oidhche Di-satharna s'a chaidh. Bha sianar anns an tigh aig an am, agus iad uile 'nan cadal. Dhuisg bean an taighe 'nuair a bha 'n teine air faotainn air adhart gu math, agus thu^ i rabhadh do chach. Fhuair ceathrar dhiubh a mach, ach bha Maria Walker, piuthar do bhean an taighe, agus paisde beag, aois thri mios-an, air an losgadh gu bas. Ghoirticheadh Tulloch agus a bhean gu dona; cha bhi Tulloch fhein air cbothrom gluasaid gu ceann aireamh mhiosan.

    MaeCoinnieh & Co.

    Tha Uilleam Buchanan, mac do'n t-Siorram Buchanan, am measg a sheann chairdean anns a' bhaile so o chionn mios. Tha e fhein 'sa theaghlach, a bha so a chuid bu mho dhe'n t-samhradh, an duil falbh Di-mairt s'a tigh'nn. Tha Mr. Buchanan ag obair an oifis clo-bhualaidh an Free Press ann am baile Winnipeg o chionn choig bliadhn' deug. Tha a bhrathair Ruairidh ag obair anns an oifis cheudna o chionn naodb bliadhn' deug.

    Jg^Tha sinn an deigh stor ur taillearr achd fhosgladh

    ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an am cheudna a' eumail air adhart air an fc-seann laraich,

    ANN AN SIDNI.

    Aodaiehean Matha dhe gaen seorsa, Gearradair air ur-ionnsaehadh

    ann an Sgoil g-heapraidh Mhitchell, an New

    York.

    ft-t&'Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co.

    Tha sin a gleidheadh so do

    C. P. MOORE,

    SIDNI, C. B.

    G. H. HARRINGTON & GO. Soithichean Dinnearach, Soithich-

    ean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe g'teh seorsa, SAOR.

    Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c, &e lad uile math 's na prisean ceart.

    Amhlan, Flur, Min, Ti, Siuca~ Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa's fhearr.

    Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

    C . H. Harrington & C o Sidni, C. B.

    H. D. MAC ILLE-MHAOIL, N Y A N Z A , C. B.

    TH A e creie C L O T H , D R O G A l D , agus P L A I D -E A C H A N " E U R E K A " air a cheart phris air am beilear'g an creic aig na muillin.

    Tha Factoridh Eureka air aon de'n fheadhain a's fhearr an Canada. Cboisinn na Plajdeachan a thatar a' deanamh innte D U A I 8 A 1 R G E I D aig Exhabition Chanada da Hair.

    Chreic e an uiridh fiaeh eheithir eherad deug dolair ($1400.00) dhe n* h-aodaichean so an eoinn-eamh Cloimhe, agus tha duil aige barrachd air 1 sin a ehreie am bliadhna.

    Tha hichd-gnothiiich (agents) aige mar a leanas; —Ann an Siorrachd: Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, lagusD.D.MaeFbionghain, Taillear,) an Orangedaler a* Siorraehd Oheap Breatann, Tearlach E . Clark, aig Cross Roads Leitche's Creek. Tha mu dheichair fhicbead samp-ull aodaich aca, agus tfaeid aca air seorsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha 'n devgh achloimH chur air falbh. A m bhsil iad math? "Tf | IG A G * §

  • ZMZ.A.C - T A L L A ±57

    NAIDHEACH3DAN.

    Tha ceithir siorraehdan ann an Cuibeio a tha gun fhear-parlamaid aig an am ,so. Tha taghadh gu bhi aca am maireach.

    Chaidh oain a chur air fear Johnston, ann an New Brunswick air an t-seachdain so air son mart moose a mharbhadh. Tha aige ri ceud dolair a phaigheadh, air neo tri miosan a chur seachad anns

    -a' phriosan. «.

    Tha e car iongantaeh gu bheil na tuathanaich ann an Eilean a' Phrionnsa a' fhaotainn 28c am buiseal air a bhuntata, agus gu robh soitheach ann an Sidni air an t-seachdain s'a chaidh 'ga chreic air 25c am buiseal. Ach tha e fior gu leor.

    Tha uisge mor air tuiteam o chionn deich no dusan latha. Roimhe sin bha tiormachd mhor ann, agus bha an talamh gle fheumach air an uisge. Tha an t-side f uireach gle bhriagha; cha'n eil fior mhoran de choltas a gheamhraidh oirre fhathast.

    Tha 'n talla iir a t hatar a togail do Chomunn nan Daoin' Oga ri bhi air a fosgladh Di-luain s'a tighinn. Tha.e 'na thogalaeh briagha a tha cur maise air a' chuid sin de n bhaile anns a bheil e. 'S fhiach e 'nuair bhios e ullamh mu shia mile •dolair.

    Chaidh soitheauh-se&laidh a ghlaeadh air Amliuinr. St. Lawrence air an t-seachdain s'a chaidh air an robh fiach ceithir mile dolair de stuth laidir a bh' air a smugladh.

    Chuir meinneadairean na Meinne Tuatha ceithir cheud's seachd dolair dheug air fhichead (§437) cruinn air son euideachadh le muinntir Windsor. Tha sin na's fliearr na rinn nieinn sam bith eile, ged a rinn each uile an cuid fhein gu math.

    Cha d' fhuaireadh sgeul fhathast air Mr, Anslow a chaidh air chall ann an Newcastle, N. B., o chionn dha no tri sheachdainean air ais. Tha e doirbti a ehreidsinn gu bheil e bed, aeh tha cuid de chairdean nach d'thug suas an duil fhathast.

    Di-mairt s'a tighinn bidh an t-Urr. M . A. Mac-a-Pheaisain, sagart a Bhras d' Oir Bhig, air a bhi anns a' pharaiste sin coig bliadhna fichead. Tha muinntir a' pharaiste agua a chairdean eile a tha lionmhor a' dol a chumail an latha air doigh a nochdas do 'n uasal urramach an deagh dhiirachd dha.

    LEABHRAIGHEAN GAILIG. Clarmch an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 'Na Baird Ghaidhealack, bho 1775 gu

    J8@o, Leis an Urr, A Mac G. Sinclair .35

    Oram Iain Luim ........ 35 Gramar Gailiy, le Dr. H. C. Mac

    'Illiosa 1.10 Gaelie Class Booh 35

    Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobta gu

    J . G. MACKINNON, Publisher "Mac-Talla,"

    Sydney, C. B.

    Thatar a'meas gufn ddirt mu dha cheud mile sluaigh do'n Chlondaic toiseach an earraich. Ma tha sin fior, faodaidh an c6rr de'n cbinne-dhaonna fuireach aig an taighean. Cho math 's gu bbeil an Clondaic, bheir da eheud mile duine an droch ruith air.

    Tha .caraid an Eilean a' Phrionnsa ag innse gu robh an t-side anabarrach briagha ann an sin air a inhios October, eho briagha's nach eil cuimiin' aig lia daoine's sine tha 'san diithaich air a leithid fhaicinn. Bha am buntata car gann am bliadhna, ach thatar a' faotainn pris mhath air, 28c am buiseal, pris a tha fad air thoiseach air pris na bliadhna 'n uiridh. Tha e 'g radh cuideachd gu bheil sgadan beag, :reamhar, gle phailt aim an cuid de na h-aibhnichean, agus gu bheil na h-iasgairean gu trang 'g an glacadh air son a gheamhraidh.

    Chaidh an stor anns an robh Tearlach Mac Le&id ri ceannachd aim an Glace Bay, 'aa teine oidhche Di-haoine air an t-seachdain s'a chaidh. Chaidh an teine chasg ach bha e 'n deigh call nach bu bheag a dheanainh. Chaill Mr. Mac Leoid 'na leabhraichean, agus nithean eile a chuireas a bhi 'g an dith call mor air.

    Tha eaglais.St. Andrew's a nise uallamh, agus tha i ri bhi air a fosgladh la na Sabaid s'a tighinn. Searmonaichidh an t-Urr Mr. T. Jack, a Sidni Tuath innte 'sa mbaduinn ann am Beurla, agus an t-Urr. Mr. .Forbes ann an Gailig; cha 'n eil fhios fhathast co bhios air ceann na seirbheis's an oidh-•che. Bi'dh an t-Urr. Mr. Gale a' searmonachadli innte oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. Tha an eaglais, o'n chaidh a meudachadh, ag amharc gle mhath. Bha an obair air a sar dheanamh, .agus bidh comhfhurtachd aig a choith-ional innte nach robh aca roimhe.

    Thainig tuathanach ann an New Brunswick dhaohaidh an oidhche roimhe 'san daorach air. Fhuair e sgian agus mharbh e muc mhor bhriagha bh'aige, 's an sin ghearr e sgornain an eich 'sa choin. Bha an t-eaeh anabarrach measail aige. Anns a' mhaduinn 'nuair a chunnaic e an obair a rinn e, thug e mhionnan gu'n sguireadh e dhe 'n 61 gu buileach.

    Tha Iain D. Rockfeller, duine beairteach, fial uidh, a th' ami an New York, a tairgse coig mile deug dolair do Oil-thigh Acadia, ann a' Wolfville, N. S., air chumhnant gu'n cuir cairdean an Oil-thigh iad fbein cruinn tri fichead mile dolair romh thoiseach Nobhember 1898. Tha Mr. Rockfeller 'na dhuine a tha deanamh feum mor leis an t-saoibhreas a tha fo 'laimh.

    Bha cruinneaehadh aig digridh Orangedale agus •taobh deas Amhuinn Dhennis ann an tigh-sgoile Amhuinn Dhennis air oidhche Di-luain, a eheud 3atha de 'n mhios so. Bha orain, eeol agus leugh-aidhean aca, agus chuireadh am feasgar seachad g u toilichte. Bha na h-6rain 's na leughaidhean ann an Gailig 's am Beurla, agus bha iadsan a thainig 'g an ^isdeachd gle riaraiohte leotha. Bha ceol fidhle air a .thoirt seachad le Padruig Mac Gill-fhaollam, a Orangedale Aig a' eho-dhunadh labhair an t-Urr. Iain R6s, ministear a pharaiste, agusDomhnull Domhnullaeh, a Beinn a Mharnioir, a bha 'sa chathair. Chuireadh suim mhath airgeid cruinn, agus chaidh a thoirt mar ghibht do Niall Domhnullach, a tha dhith a ifhradhairc o chionn aireamh mhor bhliadhnaichean. Chuala leughad--airean M H I C - T A L L A bho Niall Domhnullach roimhe

    so, agus tha dochas againn gu 'n eluinn iad uaithe fhathast. 'S math an doigh a ghabh iad air an t-Samhuinn a chuuiail, agus tha sinn' gle thoilichte

    pu ' » 4' .thug iad a h-urram fbein do 'n Ghaijig,

    'Se duine ainneamh a dhiultas airgead n© beair teas 'nuair a bhios e 'na thairgse, ach tha fear dhe 'n t-se6rsa sin an drasda ann an New York Thainig dileab is fhiach deich mile fiohead dolair air, ach ged nach eil de theachd-an-tir aige aeh na ni e air an obair-latha, tha e 'eur roimhe nach gabh e gnothuch ris. Tha e riaraichte gu leor leis an t suidheachadh anns am bheil e.

    Iadsan a Phaigh. An t-Urr. I. C. Mac Ille-mhaoil, D . D . , Cardigan

    E. P. I. Calum Mac Gill-fhaollain, St. Georges, E. P. I. Domhnull Mac Gill-fhaollain, " . " Aonghas Mac Gill-fhaollain, " M. D. Domhnullach, " " Donnachadh Mae Coinnicli Amhuinn Mhitchell

    E, P. I . Uisdean A. Mae Ille-mhaoil, South Finch, Ont. Aonghas Mac Fhionghain, Skye P. O. Bean Eachuinn Dhughlaich, Exeter, N. H . Raonailt Dhomhnullaoh, " " Iain N. Peutan. Cleelum, Wash . Domhnull Mac Coinnich, Glaschu, Alba. Eachunn Mac Gilleain, Bridgetown, N. S. Micheil L. Mac Fhionghain, Lakevale, C. B. Micheil I. Mae Ille-mhaoil, eul Cobh a Bheabheir, Dombnull M . Mac Neill, Eilean Christmas, f 1.50 Tormad D. Mae Neill, Benaeadie. Domhnull Martuimn, Orangedale, 35c loseph S. Mac-a-Phi, P6n Mor. M , R . Mac Aonghais, Amaguadus Pond. Iain Mac Gill-fhinnein, Port Morieu.

    J. E. EISAN.

    Pianos agus Orgain.

    An seorsa 's fhearr a thatar a creic.

    PRISEAN GLE REUSANTA.

    C. IB.

    BADDECK, C. B. Aipson a stop a dheanamh na's deiseile's na's feum-aile dhaibhsan a tha 'deanamh gnothuch pis, tha

    Albert I. Hart a' nise deiseil air son taill-earaehd bhan a dheanamh. Tha a' chuid sin de 'n ghnothueh fo ehupam Miss Isabel Nie Theaplaieh, a fhuaip a h - ionnsachadh am Boston 'san New York. Gheibh iadsan a thig g>'a h-ionnsuidh an

    DEAGH RIARACHADH.

    BADDEGK, G. B.

    BATHAR UR. Mopan de Chupaicean Geamh-

    paidh, eadap lOe. us $5.00. Bpogan matha saop. Ti mhath map a b' abhaist. Beagan de Cheannachd Thio-̂

    para. plla 25e. an galan; 5 g-alain

    aip$1.00.

    NIALL DOMHNULLACH, BADDECK, €. B,

  • 158

    An Mod Gaedhealaeh.

    (Irisleabhar na Gaedhilge.) An cuigeadh la deug de mhi Mheadh6in

    an Fhoglmihair tiondladh an seiseadh M6d i n-Inbhear Nis. B'e sin an cheud uair thainig luchd cosanta na Gaedhilge i nEirinn agus i nAlbain d'aon lathair os comb air na coitcheanntachta. Do chuir Connradh na Gaedhilge Padraig Mac Cathmhaoil, an leabhroir, agus Eoin Mac Neill, fear eagair an Irisleabhair seo, ar an teachdaireachd so go hAlbain. Do fiuireaclh fos ann E. E. Fournier mar theach-daire 6 'n bhFeis Ceoil. Do cuireadh 6 n-a Breatnachaibh a in bard fein, J. T. H. Thomas.

    Tosnigheadh obair an Mh6d 'san Halla Ceoil ar a deich a chlog ar maidin. Is e ba cheannphort do'u choimhthiouol Tear-lach Mac-an-T6isich, LL. D., ard-uacbdaran an chumainn Ghaedhealaigh. Tar a eis do an 6raid tionnsganta do thabhairt, do ghlaoidh se ar na teachdairibh. Do leigh-eadar so na dileagartha thugadar leo, agus rinne gach fear beagan cainte uaidh fein. Gaedhilg do bhi ins an da dhileagra 6 Eirinn, mar ba dhual. Ni'l dileagra na Feise Ceoil ar laimh againn. Da mbiodh do chuirfimis i gclo go toileamhail e. Is e seo dileagra Connartha na Gaedhilge mar leanas :—

    D I L E A G R A

    D O LUCHD RlAETHA A N M H O I D G H A E D H -EALAIGH O LUCHD RIARTHA CONNARTHA NA GAEDHILGE AGUS AN OIREACHDAIS I N-EIRINN,

    M » ta dha chineadh ar dhruim an dom-hain d'ar coir cairdeas agus ceangal dluth bheith eatorra, is iad Gaedhil na h-Eireann agus Gaedhil na hAlban.

    Da n-abradh neach an meud sin sa' triomhadh peud bliadhna roimhe seo, chuir-feadh an radh iongantas mor air na daoinibh go leir. Pudh chuma e, dar leo, no a radh gur choir do chloinn an aon mhathar bheith ceanamhail ar a cheile.

    Ni he sin e amhain, acht is coir dhuinn aon run agus aon intinn auihain do bheith asainn leith ar leith i dtaobh na neithe

    o

    bhaineas leis an da chraoibh mhora so de "Chineadh Spuit" go coitcheann.

    O 'n cheud la cuireadh rioghachd na hAlban ar bun, anuas go dti dha cheud bliadhan o shoin, ni raibh cineadh sa' domhan chomh teann meanmnach ard-aig-eanta muinighneach asta fein leis an scineadh Ghaedhealach. D'a chomhartha sin fein, ni raibh aon chineadh is mo chuir speis agus suim ina dteangaidh na ina litridheachd na iad. Ni raibh 'san Eoraip teanga na litridheachd fuair oiread de churam agus de chothughadh agus de ehaon-duthrachd o n-a haos dana fein le teangaidh agus litridheachd na nGaedheal ar feadh na haimsire sin.

    Acht is corrach an nidh an saoghal so. Thionntuigh an roth, agus na daoine agus an teanga bhi le ceudtaibh bliadhan fa

    airdcheim agus fa an6ir, thuiteadar anuas go faon, agus fagadh le haimsir fhada fa small agus fa dhearmad iad.

    Ta an roth ag gabhail timcheall aris. "Thainig anam i nEirinn." Ta an smaoin-eadh so ag dul i meud agus i dtreise ag muintir na hEireann o lo go lo, gur m6r an naire dhoibh, mur dtugaidh siad gan mhoill fa n-a gclu fein, a n-ainm, a dteanga, a litridheachd, a gceol, agus gach nid eile bhi fa mheas ag a sinsearaibh, do chosaint agus dcchoimhead ar bhas agus ar bhaoghal go deo.

    'Sa teangaidh dhuthohais is eadh mhaireas anam an chinidh. Ma cailltear an teanga, cailltear an t-anam.

    Buidheachas mor le Dia, ta an teanga Ghaedhealach chouih beo brioghmhar againn i nEirinn as bhi si riamh. Threig a lan i, acht nior treigeadh ar fad i, agus an mhuintir lean di, leanadar f6s d'a bhrigh agus d'a bias.

    An run agus an intinn seo ata againn i nEirinn, ni '1 amhras againn nach bhfuil siad agaibhse i nAlbain chomh maith ceudna. Tuigimid an meud sin leis an gcuireadh chairdeamhail seo fuaramar uaibh.

    Beirimid beannachd chugaibh o Eirinn, an bheannachd Ghaedhealach sin is binne agus is dilse agus is cumhachdaighe de bheannachdaibh an domhain. Go mbuadh-aidh Dia libh !

    Tabhartha fa n-ar laimh-ne ar son Connartha na Gaedhilge.

    Eoin MacNeill, fear eagair Irisleabhair na Gaedhilge.

    Padraic MacCathmhaoil. An 14adh la de Mheadhon Fhoghmhair,

    1897. Tosuigheadh annsin ag tabhairt breith-

    eamhnais ins na com6rtasaibh. Bhi tri cineil diobh ann, ceol, leughthoireachd, agus litridheachd. Ni'l de shlighe againn annso leir-chunntas do chur sios ar na comortasaibh. Ni chualamar agus ni fhacamar dadamh de'n litridheachd, acht thaitin na ceoita agus na leigheachda go mor linn. Nuair bhi an Ghaedhilg Alban-ach d'a leughadh, thugamar fa deara go raibh eidir-dhealughadh mor idir i agus ar gcanambaint fein ; acht nuair cuireath guth lei sa' cheol, nior shamhluigh si bheith chomh neamh-chosmhail le Gaedhilg na hEireann.

    Cuireadh stad air an obair, ar feadh dha uair sa mleadhon lae. Thug uachdaran an Mh6id cuireadh d'a raibh i lathair, idir breitheamhain, luchd comortais, luehd riartha an Mhbid, teachdairi, agus sluagh mor nach iad, fa theachd 'na, dhail fein go Loch Airdill, ata tuairim agus mile o'n mbaile mor, an ait i n-ar fearadh failte agus feile go fairsing flaitheamhail rompa. Bhi uain againn annsin ar bheith ag caint le cheile. Chuir se iongnadh mor orainn an meud eolais do bhi ag cuid aca ar Ghaedhilg na bEireann agus ar cheoj na hEireann. Is

    ionadha fear ann do bhi ag eeannach an Irisleabbair seo, agus 'ga leughadh gach uile mhi. Nior stadadar riamh ag cur ceasd orainn i dtaobh na Gaedhilge, agus i dtadbh mar bhi an saoghal ag eirghe lei i nEirinn. Bhi dha cheud no tri cheud duine againn ar fhaithche an tighe moir. Bhi coisdi ar tuarasdal ag an rigb-fhear Mac-an-Toisicb, 'g-ar n-iomchur o'n mbaile mor ainach agus ar ais. Piobairi ag seiunna ceoil duinn, dream de'n aos og ag gabhail abhran, agus "taitneamh na greine orainn, aosda is og," an fbaid do bhiomar ag taisdeal na mbothar agus na sraid; agus an baile mor amuigh ag feuchaint orainn.

    Bhi cuirm cheoil ann am thrathnona. Bhi Tighearna Lobhait, taoiseach Cloinne Fraiseir (ui'l a fhios againn an bhfuil na han manna so 'na gceart againn), ag riaghlughadh na cuirme mar uachdaran. Fear og dathamhail bhi ann, agus e gleusta sa' mbreacan, eudach duthchais na nGaedheal Albanach, mar bhi urmh6r na ndaoine uaisle eile do bhi i lathair. Na daoine rug buaidh in gach comortas ceoil ar maidin, bhiodar ag gabhail an eheoil cheudna dhuinn sa' trathnona. I gcaitheadb an lae sin ar fad nior gabhadh acht abhrain Ghaedhilge, acht amhain duan na Bain-rioghna i ndeireadh na dala.

    Do casadh orainn i rith an lae, gan trachd ar ar ainmnigheamar cheana, na daoine uaisle seo leanas : Ian Mac Aodha 0 Hereford i Sasanaibh, fear fior-Ghaed-healach gan fiar gan cam ; lamh cho-thuighthe na Gaedhilge 'n-a thir fein, agus ni hannamh thug se congnamh do chilis na Gaedhilge i nEirinn; Eanraic Mac 'Ille-bhain, ar a dtugthar "Fionn" mar chomh-ainm, litridhe leigheannta i nGaedhilg na hAlban; a dhearbhrathair-sean, Ian Mae Tlle-bhain, chomhnuidheas i nlnbhear-Nis ; an t-uasal urramach Tomas Sinton ; Ian Mac Aodha, fear eagair an Celtic Monthly 1 nGlaschu; Ian Mac-an-Toisich, fear dlighidh, ba runaidhe do'n Mhod; Calum Mac Phartholain, sgribhneoir Gaedhilge; A. S. Mac Giolla-brighde; Alasdair Mac-Bain, fear sgriobh tha an tSanasain Alban-aigh; Alasdair Mac Coinnich, fear eagair do'n Scottish Highlander; fear eagair an Highland News i nlnbhear-Nis; an major A . C. MacCoinnich, o Maryburgh, etc.

    Bithear 'ga mheas i nEirinn, ag corr-dhuine go hairithe, go bhfuil aigneadh dur doicheallach ag an urmh6r de luchd leighinn na Gaedhilge i nAlbain i dtaobh Gaedhilge na hEireaun agus i dtaobh luchd leighinn na hEireann. Tig linn a radh nar airigheamar a bheag na a mhor de'q aigneadh sin ag aon duine d'a ndubhramar thuas na ag aon Albanach eile. Ta doehas laidir againn go bhfeicfimid iad go leir 'n-ar measg i nEirinn, an cheud uair eile bhias an tOireachtas d'a thionol againn, no uair eigin eile, muna feidir sin.

    O bhi teachdaire ann o'n bhFeis Ceoil, , agus fear tiuntach geur-chuiseach dob' e&cjbj

  • HVLA-O - T A L L A 159

    e fein, ni fulair go mbeidh a fhios feasda ag luchd stiurtba na hoibre sin nach gceadochadh na hAlbanaigh oiread agus aon abhran amhain do ghabhail tre Bheurla, acht duan na Bainrioghna nach bhfuil atharruighthe go Gaedhilg aca go foill is docha. Da dtugadh muintir na Feise leath na n-abhran duinn i nGaedhilg, nior mhor linn d6ibh an leath eile, agus duan na Bainrioghna 'na gceann, do thabhairt do 'n dream ata gan duil sa' Ghaedhilg.

    Ni maoidhte do mhuinntir na hAlbau ar a shon sin. D'airigheamar cuid mh6r aca idir uasal agus iseal ag labhairt Gaedhilge le 'cheile, acht nior leig a leisge d'aon fhear aca Gaedhilg do labhairt ar an sgalan os conihair caich. Chuir seo iongnadh nior oramn. Is ar eigin is feidir teanga do chur fa mheas ag an geo'tcheanntacht ar aon tslighe is fearr na a labhairt os ard os camhair na coitcheanntachta, go mor mhor ma's iad luchd an -eudaigh chaoil a labhras i. Tuigimid-ne an sgeul sin go maith i nEirinn agus ni stadfamaoid choidche acht ag gearan agus ag geur-chasaoid, chomhfhad £a's leantar ds'n nos so ag sior labhair Beurla aiahain as comhair an phobail i n-ait ar bith i n-a bhfuil Gaedhilg ag na daoinibh. Ma strioeaomoid fein do'n Bheurla os comhair an tsaoghail, is fanach an obair dhuinn bheith 'ga iarraidh air na daoinibh gan striocadh dho sa' bhaile, ar sgoil, ar aonach, no cibe obair ar ambid. Acht ta intinn na nGaedheal d'a neattughadh 1c tamall, agus i geeann tamaill eile le congnamh De, ni bheidh leisge ar aon-duine fa chul do thabhairt le n-a shamhail sin de dhroch-nos lag-mheasach, daor-chroidheach meata mi-fhearamhail.

    Nior mhaith linn comortas do thogail idir Thadhg agus Domhnall, acht ni fheud-famaoid an sgeul do sgaoileadh tharaiun gan trachd ar bhuaidh amhain ata ag an nibuidhin thali orainn fein, .i. tuilleadh Htridheachd bheijbh fa chlo aca de 'n chineal is oireamhnaighe mar adhbhar leighte do n choitcheanntachd. Fuaramar tri leabhair

    Ghaedhilge ata tar eis a gclobhuailte i nAlbain, agus nior fheudamar gan a radh iinn fein gur mor a naire agus a thruaighe dhuinn gan a samhail do bheith againn i nEirinn.

    "How to read Gaelic" dob' ainm do cheann aca. Ian Mac 'Ille-bhain agus Alasdair MacBain do chuir i n-eagar 6. Da mbiodh a leitheid do leabhran againn-ne ni bhiadh le deunamh againn acht a chur i laimh Gaedhilgeora, agus an chuis d'fhagail faoi fein uaidh sin amach.

    "Leabhar na Ceilidh(e)" is ainm do'n dara ieabhar. Eanraic Mac 'Ille-bhain do dheasuigh 6. Sgeulta gearra grinn agus abhrain agus danta ata ann.

    "Sgeulta Arabianacha" (The Arabian Nights) an treas leabhar. Ni'l aon cheann aca ro-mhor na ro-dhaor, agus ni'l jonnta acht Gaedhilg na ndaoine.

    Cia sgriobhfas no dheasochas d^inn roinnjs leabhar Eireannach mar iad %

    Oran na Spainntieh. Chuala mis aig m' athair gu'm b'e Forsair

    Choir-an-Shith a rian Oran na Spainntich ; 's gu'm b'e Gilleasbig Domhnullach a b' ainm dha, agus gu'n do rugadh e mu 'n bhliadhna 1720. Bha gunna aige an toiseach ris an canadh e Nighean Ruairidh agus b'i a dhiult dha lasadh ri uuliche cabrach nan croo. A reir mar thuirt e fein, bha i aige corr us ochd bliadhna deug. Fhuair e an Spainnt-each mu'ti am a bha Diuc musach Chumber-lani a creach nan Gaidheal, 1746.

    Bheir mi dhuibh Oran na Spainntich mar a dh' ionnsaich mi bho m' athair e o chionn corr us tri fichead bliadhna.

    Gur h-i bean mo ghaoil an Spainnteach Ghleidh mo naire rium's mi 'm aonar Nuair tharlacli dhomh bhi 'nam eiginn 'S mi chuideachd ort fein 'san aonach. Ni mise dichioll ma's aill leat Dheanamh reite riut mar dh' fhaodas Dean-sa gniomh cho math 'sa b' abhaist S cha 'n iarr mi gu brath do chaochladh.

    Theirig-sa mu 'n cul gu h-e61ach 'S na bi de6nach air am fuadach, Sir a ghaoth is rinn an talamh 'S rach iieo-aineolach mu'u cuairt doibh, Luidh gu h-eolach air an t-socair, Le.ig ort iad mu'n cuir thu suas mi, Smeid a choirag's caog an t-suil rium 'S bheir mi lughs bho fhear an nullain.

    Beannachd dhuit air son do gheallaidh, Somalta mi dhe do sheanchas, Gur a tu mo leannan falaich Amis a ghleannan 'sain bi far-bhoc. Ghleidh mi roimhe a feachd an righ thn Nuair a thog iad cis na h-Albainn, D' altrum bho 'n uair sin gu muirneach 'S ana an diugh tha 'chuis ri dhearbhadh.

    Gu de 'chuis a bhiodh tu 'g iarraidh Nam b' fhiach i nach fhaodte tobhairt, 'S gur caomh-dheas leam ceir no ceann dhiu Ach aon bhall dhiu thigh'nn mu'm chomhair, So a chreubh 'sam bheil ua dh' floghnas Beag no mor ga 'n cuir thu romham. Cha bhi h aon dhiu slati bho dhorninn Ged charadh tu coig dhiu eoimheart.

    Chairich mi beul air an t-socair 'S cha b'e sid mo dhojgainn aumach Thainig mac na sonn to dos-bheul S e gun fhiamh feadh fochair garbhlach, Mar annsa leat breug no firiun Bbeirinn m' fhapil fein nach d' fhalbh e. Nuair a las am fudar cluaise 'S gann a ehual e fuaim na mharbh e.

    Bha mi 'n sin gu h-eangach, ialach, Sgiamhach, riachach, riabhach, fuileach, Gu h ionadail, armail, ordail, Gu stob-bhirach, ceolar, iomairt, Gu gruamaeh, maragach, staogach. B' fhada dh' fhairte gaoth mo theine 'S b'e chuid mhor de dh' aobhar m' iomagain Gu'm bu phailte cuirm no gillean.

    Thug mi greis an sin 'am aonar 'S mi ri smaointean air a mhanran, Mar bha sean-fhacal ag innse Mo chleachduinnan fein 'gan aichadh. Their iad mu bhios fear na bhantraich Nach fhaigh e samhladh na dh' fhag e. 'S mise thuirt gu'n robh iad breugach 'S tha mi 'n so ' s mi 'n deigh a radhinn.

    Tha mi 'n so 's mj ?n deigh a radhinn,

    An deigh a cheud te fhuair mi threigsinn. Shiubhail mi machair na Galltachd Fiach a faighinn sauihla ni' cheille, Cha robh i ann fhad's a dh' fhalbh mi An Sasunn, an Albaiun, no :n Eirinn, Gus an d' fhuair mi as an Spainnt i— Soiraidh slan do m' athair ceile.

    Gu mu slan do in' athair ceile, Ghleidh e dhomh's mi 'in eiginn leannan Leis an siubhlinn beinn us eudan, 'S leis nach biodh mac eilde fallain. Gu'm bu trie a tholl mi bian leat, B'e mo mhiann bhi leat a falach 'S ma bhios tu beo leth-choig bliadhna Dh' fhaodte nach bi fiallach falamh.

    Buaidh us beannnchd pailt us buannachd Air an lainmh bho 'n d' fhuair mi 'n

    Spainnteach, Nuair a bha mi air mo bhuaireadh Duail nach fhaighinn luach na dh' fhag mi, Cheangail mi riut snaidhm nach fhuasgail Air a chiad Di-luain de 'n raidhe, 'S ged bu taitueach bha Nighean Ruairidh 'S teann mu's i na fhuair mi 's taire.

    ALASDAIR AN RIDGE.

    A, J , G. lacEacMmii, Fear agraidh. Comhairliche

    Notair, &c. Fear-ionaid ai d chuirtean Nova Scotia

    Quebec a^as Newfoundland. STDNTT, - - - - C. B

    Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c

    SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W . CBOWB.

    ~D7 A. HBARN. Fear-Tagraidh,Notair &c.&c.

    SIDNI, C.B.

    Indurated ^ibreware

    £SLs3l Th i an seorsa so

    " ; n i

    £j$v^bueaidean 's na tub-

    -aichean cumanta, ach 2§

    :'s math is fhiach iad

    2^-gJsin; tha iad na 's

    iibuaine, agus mar sin

  • xeo

    Am Bodaeh Boehd.

    M I S AN LIGHIC11E IAIN MAO G H R I O G A I R .

    'S trie mi smaointean 'am aonar Air gaoh aonach us gleann,

    Anns am b'abhaist dhomh sineadh Sios fo dliidean nam beaim;

    Ann an laithean faoin ro'oige, 'S mi bu ghoraich bhiodh ann,

    Ge do dh'fhas mi nis aosda, 'S mi air eaoehladh naeli gaiin,

    'Na m' bhodach boehd,

    Thogainn fonn feadh na fritheau, " A bhiodh finealta, binn,

    'S ghabhainn oran beag, gorach,, A bhiodh eeolmhor ri shemu;

    Dheanainn eeilear us coinhail Ris na h-oighean bu ghrinn,

    Mas do dh'fhag mi tir at' eolais Gu bhi seoladh nan tuinn,

    'Na m' bhodach boehd,

    Thogainn siuil ris a' bhata, Nuair a b'abhaist dhomh stritb

    Ris na companaich ghradhach, Leis'm bu naire blii sgith;

    'S chuirinn cop* ris an t-sroin aic'„ Dh'fhagadh broinean gun bhrii^b,

    Ged a nochd tha mi bronach, Leis cho leonta's tha mi,

    'Na m' bhodach boehd.

    Caite nis bheil na fiuraia A bha dumbail, deas, eruaidh,

    Chuireadh ruaig agus sgiursailh Air gach dutliaieh le buaidh?

    Na fir ghreimeanta, laidir, Do 'ni bu mhalda learn gruaidh,

    'S a riun m' inntinn ro chraiteicb, Le bhi 'n trath so 'g an luaidh,

    'Na m' bhodach bochd.

    Tha cuid mhor de na seoid ud Anns gach cearnaidh fo'n ghrein,

    Tha cuid eile fo 'n fhoid dhiubh, 'S cuid rinu bronaeh mi fein,

    lad bhi 'n dumhlachd na doimhne, Measg nan tonn 'an tir ehein,

    'S och, gur tursach mo chuimhne, 'S mi ri caoidh nam fir threun,

    *Na m' bhodach bochd.

    Faire, faire, mo mhaigbdean, A bha caoimbneil, gun ghruaim,

    Thogadb solas us aoibhneas Suas air m' inntinn le d' stuaim;

    'S beag a shaol mi, mo mhuirninn, Anns an uin a chaidh bhuam,

    Bhi 'na m' thruaghan erom, orubach, Nach dean sugradh no fuaim,

    'Na m' bhodach bochd.

    'S trie & sheinn mi binn oran, D o ' m bu eheolmhora fonn,

    Do mo ribhinn, thar moran D o ' m bu bhoidhche learn conn;

    'S ged do sheol mi cian aite, Air feadh bharcaieh nan tonn,

    Oait' an d'fhuar mi riamh, caite, Oigh cho aluinn, trom donn?

    'Na in' bhodaGh bochd.

    Ged tha ghrian air mo rosdadh, Agus wi'fheol air fas fann,

    Togam orm gu tir m'eolais, 'S togam seol ris gaeh crann;

    Gu bhi fagail nan Innsibh, Suas gu tir nan ard bheann,

    Tir mo roghainn's mo shinnsear, .Gu tir riomhach nan gleann,

    'Na m' bhodach bochd.

    Tha mo chiamhag air liathadh,

    Tha mo cheann air fas maol, Tha gach bliadhna 'g am bhliathadh,

    'S tha mo sgiamh air fas caol; Aeh gu 'm basaich gaeh iarraidh,

    'S theid gach miann bhuam fo sgaol, Chaoidh cba chaochail gu siorruith

    Mo mhor mhiann dhut's mo ghaol, 'Na m' bhodach bochd.

    Dhe, a chruthaich an saoghal, Nach ro f haoin e mar cheo?

    'S nach e daoine tha baoghalt, Bhi toirt gaol do na sgleo?

    A theid seachad mar sgaile, 'S mar tha 'u dain do gach beo

    Searg's an uir no's an doimhne, 'S cba bhi cuimhne ni's mo

    Air BOD A C H BOCHD!

    Cuir a dh' iarraidh MHIC-TALLA. Cha 'n eil e cosg ach dolair 'sa bhliadhna, agus gheibh thu na tha gun ruith dhe 'n bhliadhna so a nasguidh.

    FAICEALL a mhuinntir 6ga, cha mhair na suilean boillsgeach, no na gruaidhean dearga sin agaibh fa da ma bhios tinneas stamaig oirbh. Ma tha sibh gdrach 's ma tha sibh a nise air ur cradh le ciou-cnamhaidh, gairmibh g'ur cuideachadh an lighiche tapaidh sin, K. D. C. Cniridh e ruaig air an namhaid, agus aisigidh e lathaichean briagha, sona dhuibh. Bu eh6ir K. D. C. a bhi anns gach tigh, oir leighsidh e gach se&rsa tinneas stamaig.

    Sampuill de K.D.C.'s dena Pills a nasguidh. K. D. C. Company Limited, New Glasgow,

    N. S, & 127 State St., Boston, Mass.

    Dr. Gr. T. Mac GILLB-AIN

    D O T A I R F H I A C A L ,

    OIFTG — Os cionn Stor Harrington,

    SIDNI, 0. B.

    Iosepli A, lac&illios, Q, 0., I. P. Fear-Tagraidh, Comhair-

    liche, Notair, &c.

    Taghail aig Stor

    MATHESON, TOMSEID & CO, agus faic na tha aca do

    l a t h r de gaoh seorsa aps e ri reic gu iaor.

    Math ar duthcha tha 'nar beach d

    NIALL Mac FHEARGHAIS,

    Taillear. SIDNI - - - C. B

    .00 air 80c.

    SIDNI, 0. B.

    Tha tuilleadh 'sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad nach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh' air-gead. Thig mu 'm bi 'n t-am seachad agus

    FAIGKH BARG-AN.

    McDonald Hawaiian & Co, Sidni, Iulaidh 16,;'97.

    m m m m. I •

    m I •

    FLUR AGUS MIN direaeh as na muillnean,

    (Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.)

    TI, SIUCAR, TOMB A.CA, etc. Am bathar a's fhearr air na prisean a's isle an

    coinneamh AIRGBID.

    ALASDAIR .MA I {'IT!.NX. Sidni, C. B., Sept. 1,1897.

    0

    8 m wm

    m m B M B m