vi. sidni, c. b., di-haoixe, 27 ogust, 1897. no. 9.thig an duine air adhart ach ma's ann tuathal...

8
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOIXE, 27 OGUST, 1897. No. 9. A New Zealand. MA.RBHADH NAM MUCAN-MARA. BJia mi toirt dhuibh naigheachdan air na mucan-mara bhi tighinn air tir air na clad- .aichean so bho am gu am mar dhearbhadh air iad a bhi pailt. Bha an duthaich so ainmeil o chionn iomadh bliadhna air son ,i bhi 'gan iasgach. Bha moran shoithicheau a' taghall na h-acar.said d'an ainm Russell air son a bhi air an ullachadh leis na h-uile ni air am bitheadh iad feumach. Air cuairtean nan soithichean so bhiodh cuid de na sgioba a' teicheadh anns na h-eileanan air am biodh iad a taghall. Bhiodhte an sin a' gabhail Mhaoiries nan aite; bha iad-sari tapaidh, laidir, agus furasda 'n ionnsachadh. Bha iad so mhath air glacadh nam ruucan-mara agus air deanarnh gach seors obrach timchioll orra. Leis an e61ais sin chaidh aiteachan-iasgaich a shuidheaebadh air rudhachan, bho thuath gu dens an taobh an ear na duthcha. Rognhaicheadh iad aite a bhiodh fasgach air son nam bataichean a tharruinn sabhailte gu tir, agus lamh ri cnoc ard far am faiceadh iad a' mhuc a' seideach. Bhiodh goileadair mor air uidh- eamachadh air son an t-saill a leaghadh gu olla. Thuit pris na h-olla cho mor's nach «il an diugh ach aon sgioba soithich ris an •obair; tha iad sinn ann an Russell a dh' ain- mich mi cheana. Tha na mucan-mara 'dol gu deas anns an t-samhradh gus an ruig iad am fuachd. Tha lad an sin a grad-thilleadh air ais dh' ionnsuidh a bhlaiths, agus a tasjh- all aig an duthaich so san dol seachad. Tha iad a cumail faisg air tir agus creagan, far am bi uisgedomhain; thasedrsadebhairnich a fas air an craicioun, agus 's math leotha bhi fais& air na creagan gus sin a sgriobhadh dhiubh. Tha aite araidh mu leth-cheud mile tuath air an aite so a tha ainineil air son glacadh mhucan-mara. Tha lub anns an oirthir, agus creag mu cheud slat bho thir; agus tha uisge gle dhomhainn anns a' chaol. Thug na h-iasgairean fa near gu robh na mucan- mara 'dol daonnan troimh 'n chaol sin, agus rinn iad innleachd air son an glacadh. B'e 'n d6igh a ghabh iad lion a chur tarsuinn beul a chaoil. Tha an lion sin air a dhean- amh air buill iaruinn da 6irleach us cairteal a thiuighead. Cha 'n eil snaim air idir mar a bhios air lin eile; tha gach r6p air dhluth- achadh ann an ceanglachan a tha air a ghlasadb ann an cuairteig iaruinn mu thri 6irlich an croislin; tha so air a h-uile oisinn de'n lion; leis na ceanglaichean so fhuasgl- adh tha a mhuc-mhara saor. Tha an lion deich aitheamhan a dhoimhnead; agus mu fhichead aitheamh a dh' fhad, agus 'nuair a fcheid aireamh mhor mhirean mar so a chur ri cheile, bidh an t-iomlan corr us ceud aith- eamh gu loir. Theid an lion a chur tarsuinn beul a chaolaix, agus buideil mhora air an aite arcan Cha teid a cheangal ro thearui- nte; cha bhi a bhristeadh cho mor 'nuair thig teann air. Thig a inhuc's i 'n duil an lion a sgriobadh air falbh leatha, agus 's ann an sin a bhios an upraid; cha bhi e idir socrach leatha an lion a bhi m'a ceann agus m'a dh' fhaoidte a ruighinn seachad air a h- earball. Tha na bataichean deiseil, le'n cuid ghathan us innealan-marbhaidh eile agus an uine ghoirid tha a' mhuc air a cothachadh. Air a bhliadhna so tha bata beag smuide aca air son riuth astar fada. Tl 1;l n a closaich- ean air an tarruinn gu acarsaid a tha faisg air sin d' an ainm Whangamumu, far am bheil laimhrig, taighean agus goileadairean mora air son an t-saill a leaghadh. Tha muilleam ann cuideachd anns am bheil na cnamhan air am bleith's air an deanatnh freagarrach gu bhi air an cur a mhathachadh fearainn. Tha an fheoil, am mionach, agus gach 6trach us eile air an cur gu feum mar an ceudna; cha 'n 'eil ni gun fheum fhein. Cha b' abhaist do'n sgrioba ghlacadh ach ceithir no coig gach bliadhna, ach leis an innleachd ur so, ghlac iad o chionn da bhliadhna inu fhichead muc-mhara. Cha 'n eil iad cho pailt aig an am so leis an aimsir a bhi cho blath; cha do ghluais iad o'n fhuachd fhathast. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsden, N. Z., 7, 7, '97. Eaehdraidh Innse Gall. Tha fios agaibh gun d' thug fear Mr. Martainn sgriob air feadh nan eileanan o chionn da cheud bliadhna. Sgriobh e leabh- ar air na nithean a chunnaic agus a chual e. Fliuair mi grein o chionn ghoirid air a chuid mhor do na sgriobh e mu thimchioll Le&dhas, agus fhuair mi mo-r thoileachas ann a bhi'ga leughadh. Is ann 'am Beurla a sgriobh Mr. Martainn, ach smuainich mi gun tugadh e taitneas do chuid do mo luchd-duthcha abhi a leughadh nan cainnt fein, am beagan so do sheann eachdraidh an eilean. Tha Mr. Martaiun a sgriobhudh mar a leanas. "Is e na pbran a tha iad a reic an so, edrna, corca, agus seagal (rye), agus tha aca mar an ceudna lion agus c&crach. Tha muinntir an eilean a braichewih iomadh seorsa deoch, mar a ta an t-uisge beatha cu mania, agus a ris feur ris an abrar iad treas-tarruing' (treas-tarrig). Tha e so laidir agus teth agus their muinntir an aite ris 'uisge beatha Baul.' Tha da' lan spainne gu leoir dhe an fhear so, agus ma dh' olas neach barrachd air a sin cuiridh a stad air anail, agus cuiridh e a bheatha ann an cunnart. Tha an da sheorsa deoch so air an deanamh de chorea. ''Man cuairt air seachd mile a deas air Steornabhadh tha acarsaid mhaith ris an canar na 'H-eileannan Beithe' (Birken Isles) an taobh a stigh do na Bhagh ris an canar Loch Chalum-Chille. Tri mile a deas air a so tha Loch Erisfhord. Tha muinntir an aite a cleachdadh moran eathraichean cuid- eachd, a ruith an deigh na mucan-mara, ga leantuinn a stigh do na baigh, gus an lot iad aon dhiubti gu has, agus an sin ruithidh i gu tir. Tha a chuid mhor do na mucan- mara air an itbeadh leis n» dauine- cumanta. Tha moran do Chroimheal goirid (coral) a fas air cladach an eileain so Tha e mu'n cuairt air sia oirlich air fad agus oho tiugh ri ite geoidh. Tha moian dheth a fas air cladach Loch Shifhord. Tha seann chleach- dadh aig muinntir Bharbhais a bhi a cuir duine air a cheud la de na Cheitean seachad trath 'sa mhaduinn air Amhuinn Bharbhais a chum agus nach d' theid boireannach seachad orra an toiseach, oir tha iad ag radh nan tachradh sin gun cumadh e na bradain fo dhol suas air an amhuinn fad na bliadh- na." Tha cuid de thobraichean an so aig a bheil buaidh iongantach, mar a ta an tobar aig Loch Carbobhadh nach gealaich anarb ged a chaidh fheuchain gu trie le muinntir an aite. Cha bhruich an t-uisge ann an tobar Eaglais C6stens biadh sam bith ged a robh e a goil fad la. Tha tobar Anndra an Siadair air a cleachdadh an uair a bhios duine tinn airson a dhearbhadh ma dh' fhasas an duine slan no nach fas. Cuiridh iad neach le saitheach fiodha a dh' iarraidh beagan dheth an uisge, leigidh an duine sin an soitheach gu socrach air uachdar an uisge agus ma thionndaidheas an soitheach deiseal thig an duine air adhart ach ma's ann tuathal basaichidh e. Tha caochladh dhaighnichean, cuid gu nadurrach, agus cuid air an togail le lamhan anns an eilean so, mar a ta Dun- Othail, Dun-Coradil agus Dun-Eisten. Tha dun beagan mhiltean a tuath air Bragair air a dheanamh do chlachan mora. Tha P cruinn agus a fas caol na mhullach agus tha e tri stoir air arda. Tha am ball a dubailt agus tha moran staidhreachan agus dhorsan ann agus mar sin is urrain neach a dhol timchioll an taobh a stigh dheth na ballach- ao. Tha moran charn chlach air a chruinn- eachadh air onuic agus cuid dhiubh fada fo aite sain bith ann a bheil clachan mar a ta Cairtrwarp faisg air Beinn Mhurnag,"

Upload: others

Post on 29-Jan-2021

1 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

  • VOL. VI . SIDNI, C. B., DI-HAOIXE, 27 OGUST, 1897. No. 9.

    A New Zealand.

    M A . R B H A D H N A M M U C A N - M A R A .

    BJia mi toirt dhuibh naigheachdan air na mucan-mara bhi tighinn air tir air na clad-.aichean so bho am gu am mar dhearbhadh air iad a bhi pailt. Bha an duthaich so ainmeil o chionn iomadh bliadhna air son ,i bhi 'gan iasgach. Bha moran shoithicheau a' taghall na h-acar.said d'an ainm Russell air son a bhi air an ullachadh leis na h-uile ni air am bitheadh iad feumach. A i r cuairtean nan soithichean so bhiodh cuid de na sgioba a' teicheadh anns na h-eileanan air am biodh iad a taghall. Bhiodhte an sin a' gabhail Mhaoiries nan aite; bha iad-sari tapaidh, laidir, agus furasda 'n ionnsachadh. Bha iad so mhath air g lacadh nam ruucan-mara agus air deanarnh gach seors obrach t imchioll orra. Leis an e61ais sin chaidh aiteachan-iasgaich a shuidheaebadh air rudhachan, bho thuath gu dens an taobh an ear na duthcha. Rognhaicheadh iad aite a bhiodh fasgach air son nam bataichean a tharruinn sabhailte gu tir, agus lamh ri cnoc ard far am faiceadh iad a' mhuc a' seideach. Bhiodh goileadair mor air uidh-eamachadh air son an t-saill a leaghadh gu olla. Thui t pris na h-olla cho m o r ' s nach « i l an diugh ach aon sgioba soithich ris an •obair; tha iad sinn ann an Russell a dh ' ain-mich mi cheana. Tha na mucan-mara 'dol gu deas anns an t-samhradh gus an ruig iad am fuachd. Tha lad an sin a grad-thilleadh air ais dh ' ionnsuidh a bhlaiths, agus a tasjh-all aig an duthaich so san dol seachad. Tha iad a cumail faisg air tir agus creagan, far am bi u isgedomhain; thasedrsadebhai rn ich a fas air an craicioun, agus 's math leotha bhi fais& air na creagan gus sin a sgriobhadh dhiubh.

    Tha aite araidh mu leth-cheud mile tuath air an aite so a tha ainineil air son glacadh mhucan-mara. Tha lub anns an oirthir, agus creag mu cheud slat bho thir; agus tha uisge gle dhomhainn anns a' chaol. Thug na h-iasgairean fa near gu robh na mucan-mara 'dol daonnan troimh 'n chaol sin, agus rinn iad innleachd air son an glacadh. B ' e 'n d6igh a ghabh iad lion a chur tarsuinn beul a chaoil. Tha an lion sin air a dhean-amh air buill iaruinn da 6irleach us cairteal a thiuighead. Cha 'n eil snaim air idir mar a bhios air lin eile; tha gach r6p air dhluth-achadh ann an ceanglachan a tha air a ghlasadb ann an cuairteig iaruinn mu thri

    6irlich an croislin; tha so air a h-uile oisinn de'n l ion; leis na ceanglaichean so fhuasgl-adh tha a mhuc-mhara saor. Tha an lion deich aitheamhan a dhoimhnead; agus mu fhichead aitheamh a dh ' fhad, agus 'nuair a fcheid aireamh mhor mhirean mar so a chur ri cheile, bidh an t-iomlan corr us ceud aitheamh gu loir. Theid an lion a chur tarsuinn beul a chaolaix, agus buideil mhora air an aite arcan Cha teid a cheangal ro thearui-nte; cha bhi a bhristeadh cho mor 'nuair thig teann air. Thig a inhuc ' s i 'n duil an lion a sgriobadh air falbh leatha, agus 's ann an sin a bhios an upraid; cha bhi e idir socrach leatha an lion a bhi m'a ceann agus m'a dh ' fhaoidte a ruighinn seachad air a h-earball. Tha na bataichean deiseil, le'n cuid ghathan us innealan-marbhaidh eile agus an uine ghoirid tha a' mhuc air a cothachadh. A i r a bhliadhna so tha bata beag smuide aca air son riuth astar fada. T l 1 ; l n a closaich-ean air an tarruinn gu acarsaid a tha faisg air sin d' an ainm Whangamumu, far am bheil laimhrig, taighean agus goileadairean mora air son an t-saill a leaghadh. Tha muilleam ann cuideachd anns am bheil na cnamhan air am b le i th ' s air an deanatnh freagarrach gu bhi air an cur a mhathachadh fearainn. Tha an fheoil, am mionach, agus gach 6trach us eile air an cur gu feum mar an ceudna; cha 'n 'eil ni gun fheum fhein. Cha b ' abhaist do 'n sgrioba ghlacadh ach ceithir no coig gach bliadhna, ach leis an innleachd ur so, ghlac iad o chionn da bhliadhna inu fhichead muc-mhara. Cha 'n eil iad cho pailt aig an am so leis an aimsir a bhi cho blath; cha do ghluais iad o'n fhuachd fhathast.

    I A I N R O T H A C H .

    R u d h a Mharsden, N . Z . , 7, 7, '97.

    Eaehdra idh Innse Gall.

    Tha fios agaibh gun d' thug fear Mr. Martainn sgriob air feadh nan eileanan o chionn da cheud bliadhna. Sgriobh e leabh-ar air na nithean a chunnaic agus a chual e. Fliuair mi grein o chionn ghoirid air a chuid mhor do na sgriobh e mu thimchioll Le&dhas, agus fhuair mi mo-r thoileachas ann a b h i ' g a leughadh. I s ann 'am Beurla a sgriobh Mr . Martainn, ach smuainich mi gun tugadh e taitneas do chuid d o mo luchd-duthcha a b h i a leughadh nan cainnt fein, am beagan so do sheann eachdraidh an eilean. Tha Mr . Martaiun a sgriobhudh mar a leanas. " Is e na pbran a tha iad a reic an so, edrna, corca, agus seagal (rye) , agus tha aca mar an

    ceudna lion agus c&crach. Tha muinntir an eilean a braichewih iomadh seorsa deoch, mar a ta an t-uisge beatha cu mania, agus a ris feur ris an abrar iad treas-tarruing' (treas-tarrig). Tha e so laidir agus teth agus their muinntir an aite ris 'uisge beatha Baul. ' Tha da' lan spainne gu leoir dhe an fhear so, agus ma dh ' olas neach barrachd air a sin cuiridh a stad air anail, agus cuiridh e a bheatha ann an cunnart. Tha an da sheorsa deoch so air an deanamh de chorea.

    ' ' M a n cuairt air seachd mile a deas air Steornabhadh tha acarsaid mhaith ris an canar na 'H-eileannan Beithe' (Birken Isles) an taobh a stigh do na Bhagh ris an canar Loch Chalum-Chille. Tri mile a deas air a so tha Loch Erisfhord. Tha muinntir an aite a cleachdadh moran eathraichean cuideachd, a ruith an deigh na mucan-mara, ga leantuinn a stigh do na baigh, gus an lot iad aon dhiubti gu has, agus an sin ruithidh i gu tir. Tha a chuid mhor do na mucan-mara air an itbeadh leis n» dauine- cumanta. Tha moran do Chroimheal goirid (coral) a fas air cladach an eileain so Tha e mu'n cuairt air sia oirlich air fad agus oho tiugh ri ite geoidh. Tha moian dheth a fas air cladach Loch Shifhord. Tha seann chleach-dadh aig muinntir Bharbhais a bhi a cuir duine air a cheud la de na Cheitean seachad trath 'sa mhaduinn air Amhu inn Bharbhais a chum agus nach d' theid boireannach seachad orra an toiseach, oir tha iad ag radh nan tachradh sin gun cumadh e na bradain fo dhol suas air an amhuinn fad na bliadhna."

    Tha cuid de thobraichean an so aig a bheil buaidh iongantach, mar a ta an tobar aig Loch Carbobhadh nach gealaich anarb ged a chaidh fheuchain gu trie le muinntir an aite. Cha bhruich an t-uisge ann an tobar Eaglais C6stens biadh sam bith ged a robh e a goil fad la. Tha tobar A n n d r a an Siadair air a cleachdadh an uair a bhios duine tinn airson a dhearbhadh ma dh' fhasas an duine slan no nach fas. Cuiridh iad neach le saitheach fiodha a dh ' iarraidh beagan dheth an uisge, leigidh an duine sin an soitheach gu socrach air uachdar an uisge agus ma thionndaidheas an soitheach deiseal thig an duine air adhart ach ma's ann tuathal basaichidh e. Tha caochladh dhaighnichean, cuid gu nadurrach, agus cuid air an togail le lamhan anns an eilean so, mar a ta Dun-Othail, Dun-Coradil agus Dun-Eisten. Tha dun beagan mhiltean a tuath air Bragair air a dheanamh d o chlachan mora. Tha P cruinn agus a fas caol na mhullach agus tha e tri stoir air arda. Tha am ball a dubail t agus tha moran staidhreachan agus dhorsan ann agus mar sin is urrain neach a dhol timchioll an taobh a stigh dheth na ballach-ao. Tha moran charn chlach air a chruinn-eachadh air onuic agus cuid dhiubh fada fo aite sain bith ann a bheil clachan mar a ta Cairtrwarp faisg air Beinn Mhurnag,"

  • HVL-A-O - T A L L A

    CLEACHDANNAI3H NAN GAIDHEAL ANNS NA H-AMANNAIBH A DH' FHAL3H.

    I s mor an taing a tha dligbeach do 'n Ti a ta 'riaghladh os ar ceann g u ' m bheil sith agus suainahneas 'n ar tir agus gu 'in bheil sinn fein agus ar cuid air ar dionadh o gach reubainn agus spiiilleadh a bha air an cleachdadh arins gach eearnadb dhe 'h Ghaidliealtachd ri linn ar roimh-aithriche. I s l ionmhor cath fuilteach agus creach dheistinneach, air am feudadh cunntas a bhi air a thoirt, a thachair anns an duthaich far an d' rugadh sinn eadar na fineachan. Cha robh a' Ghaidhealtachd anus na h-araann-aibh sin, mar a tha i an diugh, air a dionadh le laghannaibh cruaidh agus cothrom-ach, agus bha a' bhuil air a' ghuothuch, oir bha gach ni anns na laithibh buaireasach sin an crochadh ri faobh?r a' chlaidheimh, agus b ' iad na fineachan bu cbliuitiehe iadsan bu diorrasaiche chum gach creach agus sgrios a chur air an aghaidb.

    Tha 'ti fhirinn gu 'n robh cuisean mar sin, air a deanamh soilleir leis an iomradh a ta againn ann an eachdraidh air gach aimh-reite agus tagluinn a bhn eadar na einn-fheadhna o shean; ach is iomadh gniomh cruadalach a rinneadh air am bheil eacbd-raidh na rioghachd gu tur 'n a tosd, agus air am bheil ioniradh againn a mhainn trid beul-aithris. Nach l ionmhor gniomh euchd-ach agus allail a rinneadh ann an garbh-chriochaibh na h-Alba, ri linn an treun-laoich ghaisgeil sin R o b Ituadh Mac Gr ioga i r ! Bha R o b Ruadh 'n a chuiridh laidir agus tedma, ach an deigh sin rinneadh iomadh euceart agus foirneart air, agus feudar a radh m'a th imchio l l :—

    Chaidh e stigh d o na blaraibh, Le m6r-shunnd agus lan to i l ; ' N ait bhi meath-chridheach, sgatbaoh, 'S ann bha mhisneach 'sir fhas d a ; 'S ged bu trie e ' s an ar-fhaich' Thug a thuigse ' s a thabhaehd, D a a mach a" bhuaidh-larach, 'S cha bu mhios a lamh air an toir.

    A c h a imhrei teach 's mar bha staid na duthcha ann an laithibh R o i b Ruaidh, bha i moran ni bu mhiosa linntean roimhe sin, an uair a bha beatha agus bas gu h-iomlan ann an lamhaibh nan ceann-feadhna. A c h dh ' aindeoin gach fuil a dhoirteadh, cha robh e an comas lagh na rioghachd an toirt fo smachd. Co-dhaingnichidh an sgeul a leanas sin agus ioma sgeul eile a dh ' fheud-adh a bhi air an aithris cosmhuil rithe.

    Goirid o cheithir cheud bliadhna roimhe so rugadh oighre air Gart, aig bun Ghlinn-Liobhainn do 'n d' thugadh cioch le te de Chloinn Dhiarmaid. Bha dithis mbac aice, aon diubh conih-dhalta do oighre Ghairt, agus am fear eile na bu shine na sin. Dh ' fhas an t-oighre suas 'na oganach sgiamhach agus gaisgeil, agus cha robh a ohomh-dhalta a bheag sam bith air deireadh air, a thaobh misuich agus tabhachd. A i g an am sin bha an earrann bu mho de Ghleann-Liobhainn ]e cloinn Iabhair, cituieach dalma agus cruadalach, a chaill coir air an oighreachd

    goirid an detgh do 'n sgeul a leanas tachairt. Dh ' eirieh aimhreite eadar am mac a b ' oige bh ' aig banaltrum oighre Chart, agus aon de chloinn labhair ; agus air do 'n dganach moran tarnailt fhaotainn thubhairt e. ri Mae labhair , " M a r is be6 raise, a Mhic Iabhair, bbeir oighre Ghart ort gu 'n diol thu air son so fathast." Dhealaich na fir agus cha d o chaill an t-6ganach agus a bhrathair uine sam bith gus an d' thug iad Caisteal Ghart orra, a chur an eeill do 'n uachdaran mar a thachair. Chual Clann Iabhair gu 'n do ghabh na h-6ganaieh an t-slighe gu Gart agus air ball, chuir iad an ruaig orra. Thainig iad air an da bhrathair gun fhios gun aire dhoibh, ach air doibhsan an cunnart fein fhaicinn ghrad leum iad a stigh do linne dhomhainn ann an Liobhiann 's an dbchas nacb leanadh Clann labhair leis an eagal iad. A c h ged nach deachoidh Clann Iabhair a stigh do 'n amhainn, gidh-eadli, thilg fear diubh saighead air na h-6g-a bha 's an linne,—leonadh coinh-dhalta Ghart gu searbh,—thuit e sios d o ghrunnd na linne, agus bhathadh e. B 'e D6mhnul l M a c Dhiarmaid a b ' ainm da, agus goirear, "Linne Dhomhiiui l l" ris an aite gu ruig an la an d i u g h ! Phuair an t-6gauach eile comas teichidb, agus rainig e Gart. D h ' innis e d o 'n tighearna 6g mar a thachair, agus air da a bhi lan c o n u i c h air son mar a bhuin Clann labhair ri chomh-dhalta, chuir e roimhe bir ball aicbruheil a thoirt a mach, agus a bhas a dhioladh. Chruinnich e gu h-ealamh a chuid daoine, agus rainig e Gleann Liobhainn air an ceann. A i r do M b a c labhair cuisean a thuigsinn, chruinnich esan, mar an ceudna, a luchd-leannih-uiim fein, agus ch6mhlaich e Gear-Ghart aig meadhon a ghlinne. A i r do na sfioid coinn-eachadh, chuir iod failt air a cheile, agus labhair iad dh' fheuchainn an rachadh cuis-ean a shocrachadh gu 'n bhuille a bhualadh. Bha breacan air guaillibh Ghart air an robh taobh dearg, agus taobh dorch, agus thuirt e r'a chuid daoine, iad a bhi deas gu-bualadh air na naimbdibh gun mhoille, gun bhaigh, na 'n cuireadh esan taobh dearg a' bhreacain a mach ! Is gann a thug e an aithne so seachad, an uair a rinn M a c labhair fead, agus ghrad leum moran dhaoine fo 'n lan armachd a bad coille a bha goirid o laimh, agus sheas iad maille ri 'n ceann-cinnidh, agus ris na fearaibh a bha comhladh ris, a labhairt ri Gart. " C o iad sin," ghlaodh Fear-Ghart, "agus ciod an gnothuch an so?" "Is iad sin," ars' Mao Iabhair, "treud de na h-earbaibh agamsa, a ta leumnaich air feadh nan tonn agus nan creag." "Direach ceart," ars an t-6igear eile, " m a ' s ann mar sin tha 'chuis, tha 'n t-ani agamsa.a bhi 'gairm mo mhiol-chon." Ghrad-tbionndaidh e an taobh dearg de 'n bhreacain a mach, agus am priobadb na sula, bha na fir am badaibh a cheile. Car uine bha 'n tuasaid teth agus garg, agus bha closa chean nam marbh 'n an luidhe gu tiugh air an rapn. M a dheireadh, theich a' chuid a bha lathair de chloinn

    Iabhair ,—thug iad na beanntann orra, agus a mach o'n la sin chaill iad am fearann. Tha e air innseadh nach bu mhor a chail! Gart anns an tuasaid sin, ach gu 'n d o thui t corr agus seachd fichead de na Liobhannaich thruagha, agus gu. 'n d' fhagadh an closaich-ean gu 'n deo re na h-oidhche air na raoint-ibh far an d o thuit iad.

    Tha iomadh cnimhneachan air an la fhuilteach sin fathast anns a' Ghleann an d » thachair e. M u 'n d o thoisich an cath, thilg fir thighearna Ghar t . an cuarain bharr an cosaibh, a chum gu 'n ruitheadli iad na b a luaithe air an toir, agus theirear uLeac nan cuaran" fathast ris an a i t e ' s an d ' rinn iad sin. Tha mar an ceudna "Rinsgeach,"' "Lagan a' ckatha," agus "Camus nan cam," mar ainmean fathast air na h-aitibh sin far an d o ruisg iad an claidhean,—an d o chuir iad an catb,—agus an d' adhlaic iad na daoine a thuit. Tha 'n amhainn fein 'n a cuimhneachan air au la fhuilteach sin, o i r roimh an am sin, b'e "-Duibh" a b ' ainm do 'n amhainn, agus "Gleann Duibh" a b ' ainni do 'n ghleann. A c h an uair a phill Fear-Ghart agus a chuideachd d'n ruaig, "liobh" no shlan iad an claidhean fuilteach anns an amhainn, gus an robh an t-uisge dearg; agus an sin, ghlaodh an ceann-cinnidh a mach, ag, radh, "Cha ghoirear 'Duibh' mar ainm air an uisge so tuilleadh, oir, o la l iobhaidh nan arm, bithidh 'Licbhann' mar ainm air 'Duibk.'"

    Feudar a nis cunntas a thoirfc air la fuileachdach eile a thachair goirid o'n aite cheudna, beagan bhliadhnaichean roimh am na teugmhail eadar Fear-Gbart agus M a c Iabhair.

    Thainig tighearn Ai rdghobhar air sgr iob do Raineach, agus pbds e nighean do thighearna .Shruthain, ceann-cinnidh Chloinn-Dhonnachaidh. A n uair a thug fear Ai rdghobhar a bhean fein leis dh ' ionnyuidh a' chaistei! fein, chuir Fear Shruthain coig-near ghillean sgairteil maille ri 'nighinn,

  • ZMI-A.O - T A L L A

    laithibh dh' eirich connsachadh eadar Alasdair Beag agus 6ganach sgiamhach eile de mhuinntir Airdghobhar . Chaidh na fir am fionnsgan a cheile, ach cha b ' fhada gus an d o leag Alasdair Beasr an t oganach gun de6 air an lar! Cha deanadh fuireach feum tuilleadh; b ' eigin do M h a c Dhonnacbaidh am fireach a thoirt air. Thug e na buinn as air ball, agus cha do ghabh e tamh no fois gus an d' rainig e a cheann-feadhna euchd-aoh agus cruadalach fein, "Iain Dubh Gear," no mar a theireadh iad ris, "Iain Dubh nan lann," a bha 'gabhail comhnaidh ann an Gleann Duibh, ris an abrar a nis Gleann-Liobhainn. Dh' innis e do 'n treun-laoch Ia in Dubh, mar a dh ' eirich dha ann an Airdghobhar , agus thubhairt Iain ris, "Cha 'n eagal duit, a Mhic Dhonnachaidh; gabh fasgadh fo m' sgeith-sa, agus ma thig mac mathar a Ai rdghobhar a chur dragh' ort, cha teid e dhachaidh a dh ' innseadh a sgeoil.

    Fagaidh sinn a nis Iain Dubh agus Alasdair Beag ann an Gleann-Liobhainn, a' t ighinn air an gniomharaibh gaisgeil fein fa seach, agus theid sinn le 'r sgeul, car tamuill bhig do Shrathghlais, ann an siorrariiachd Inbherneis. A i r la araidh bha 'n Siosalach, uachdaran Shrathghlais, agus buidheann thaghta maille ris, a mach a' sealgaireachd air feadh nam beann. A i r doibh a bhith air an saruchadh le siubhal nan beann, chaidh iad a steach aig cromadh an anmoich d o bhothan bantraiclie truaighe, a bha ri taobh an rathaid, agus gun a cead iarraidh mharbh agus dh' ith iad an t-aon laogh a bha air a seilbh. Co a thachair a bhi stigh 's an am ach duine bochd a Gleaun Liobh-ainn, a bha siubhal o aite gu aite. ag iarraidh na deirce. Cha robh na cuisean a' c6rdadh ris an duine bhochd, air chor sain bith, agus th6isich e ri bhi 'cur dheth agus a' gearan. Thionndaidh an Siosalach, agus thubhairt e, "Ciod a tha 'cur ort, a bhodaich leibidich, dhranndanaich 1" "Cha : n eil a bheag," deir an duine bochd, "ach tha fios agam air aon ni, 's cha bhinn leat a chluinntinn,— tha fios agam far nach biodh a chridhe aig an t-Siosalach e fein a ghiulau mar a rinn e 's a' bhothan so." Las an ceann-cinnidh uaibhreach le corruich, agus thubhairt e, "Innis domh, a bhodaich, c'ait nach biodh a chridhe agamsa mo thoil fein a dheanamh ?" "Tha," deir am bodach, "ann an duthaich Ia in Duibh nan lann." Mhionnaich an Siosalach g u ' m biodh dearbhadh aigesan air sin mu 'n rachadh moran laithean seachad, Thuig an duine bochd nach biodh cuisean rfidh, agus cha do chaill e uine sam bith gus an d' rainig e Iain Dubh nan lann, agus gus an d' innis e dha focal air an fhocal mar a thachair. Fhuair Iain Dubh coire mhor d o 'n duine bhochd air son a luathais-theanga, ach thug e maitheanas da, agus thbisich e air gach ni a dheanamh deas air son teachd an t-Siosalaich. Cha b ' fhad a chuir an Siosalach d a i l ' s a' ghnothach, oir cha deachaidh seachdain thairis, an uair a bha fir Shrathghlais, agus an uachdaran air

    an ceann air fraighibh Ghlinn-Liobhainn. Bha freiceadau aig muinntir a' Ghlinne a mach a ghabhail beachd air gach beinn agus beallach, agus chunnaic iad na Tuathaich naimhdeil a' tarruing am fagus. A n uair a roghnaieh an Siosalach aite-taimh freagarr-ach air a shot) fein, agus air son a cheathar-nach, chuir e teachdaireachd dh' ionnsuidh Iain Duibh, ag innseadh tiha cuirm a bhi deas aige air son beagan cuideachd a bha teachd a dh ' a m h a i c , air o'n airde-tuath; "agus mur bi,"—ars an Siosalach, ach cha dubhairt e tuilleadb. Fhuair Iain Dubh an teachdaireachd, agus thuig e gu ro mhaith a seadh. Ghrad chuir e fios air ais gu 'm biodh gach ui deas a bha freagarrach air an son, agus iad a thighinn air an aghaidh gu h-ealamh, "ach," ars Iain Dubh, "ma thig," —agus stad e an sin. Thuig na laoich air gach taobh gu 'n robh na cuisean gu bhi garbh, agus air gach taobh rinneadh gach uidheamachadh air a son. Chaidh na Sioxalaieh gu faiceallach air an aghaidh, agus bha Iain Dubh mar gu 'm b ' ann air eutromas-ceille le mire-chatha, chum deannas cruaidh, tetb, a thoirt doibh. Bha seachdnar mhac aige, oganaich co ealant' agus c l i s ' s a ghiulain namh iubhar, agus saighead, agus dor lach! Chaidh ceathrar diubh air laiinh dheis an athar, agus an triuir eile air a laimh chli, maille ris an robh mar an ceudna, Alasdair Beag Mac Dhonnachaidh, a bha comharraichte 'n a linn fein air son cuimse a ghabhail le saighid. Thairiun an Siosalach air ceann a chuid dhaoine, chum na h-aibhne, an uair a bha na Liobhannaich thall fa 'n comhair air an taobh eile. Bha ceann-feadhna Shrathghlais air eideadh o 'bharr gu 'bhonn le luirich-lannaich, clogaid, agus ceann-bheart, air chor 's nach ruigeadh saighead air a leonadh. Bha 'n la soilleir, grianach, teth, agus chunncas gathanna na greine miltean air astar, a' dearrsadh mar ghrad-bhoisgeadh an dealanaich air arrnachd nan laoch ! Thog an Siosalach a chlogaid suas os ceann a shul, agus air a' mhionaid sin thilg ALsda i r Beag saighead a bhuail an clar an aodainn air eeannard Shrathghlais ! Ghrad sparr an duine le6nta a lamb, air an lot, ach ghlaodh Mac Dhonnachaidh, " A Shiosalaich, gheibh thu an t-saighead air do chulaobh,"—ach bha 'n Siosalach gun chomas freagairt, oir thuit e m a r b h ' s an laraich. Tha 'n t-aite far an d' thu^ e suas an de6 fathast air a chomharrachadh. a mach le cJoich mhoir, ris an abrar gus an la 'n diugh,—"Clach an t-Siosalaich." A n uair a chaill na naimhdean an ceannard, threig am misneach iad, agus thionndaidh iad an cul air na Liobhannaich. Chuir Iain Dubh Gearr an ruaig orra, agus cha d' fhagadh mac mathar diubh be6, ach am piobaire a mhain. Thugadh cead dhasan dol dhachaidh a dh' innseadh sgeul a' bhroin d'a chairdibh agus d'a chinneadh. Beagan an deigh sin thug l a in Dubh nan lann a nigliean 'n a mnaoi do Alasdair Beag M a c Dhonnachaidh, agus tha e air aithris gu 'ut

    bheil an sliochd-san fathast l ionmhor anns na criochaibh sin.

    Bha na h-amanna sin searbh agus garbh, ach chaidti iad seachad. Unne sin, biodh a n luchd-leughaidh uile, agus muinntir na tire gu leir, taingeil do 'n Uile-chumhachdach, nach eil e6las aca air na h-amannaibh sin, ach a mhain ami an iomradh, agus ann an e a c h d r a i d h . — S G I A T H A N A C H , 'sa Ghaidheal.

    Calldaehadh na Mnatha Ceannlaidir. Bha tuathanach, uair a bha sud, ann an

    Craiguis ami am baile d' an ainm Barrabao-than, agus cha robh aige ach aon nighean. Bha an nighean so na 'searbhanta air leth math, ach bha i air a milleadh le a mathair, agus air di a bhi mallaichte, ceannlaidir, na 'nadur, bha cead aice gach ni a dheanamh a thogradh i. Bha a ris, fear-an-tighe fo smaig aice fhe in ' s aig a mathair ionnus nach fhaodadh e ni air bith a dheanamh ach mar a dh' ordaicheadh iad dha. D h ' fheumadb e t6iseachadh air obair anns a' mhadainn an uair a dh' iarraidh iad air, agus cha'n fhaodadh e sgur gus am faigheadh e an cead.

    A n n an Ascnis , baile fa 'n comhair, bha gille 6g ag cumail na h-oibre air a h aghaidh mar a b' fhearr a b ' urraiun da, agus gun aige do chul-taice ach a mhathair. A n am Earraich 'us Fogharaidh bhiodh iad ga 'n sarachadh gu goirt leis nach robh aca ach iad fhein. Bha fhios aig an tuathanach 6g gur h-e l ionmhorachd nan lanih a ni aotrom an obair, agus smaoinich e nach b'urrainn da ni a bu fhreagarraiohe 'dheanamh na bean fhaotainn. A n deaghaidh so a bhi greis a' ruith na 'mhailthean thuirt e, la 'bha sin ri 'mhathair, agus iad aig am biadh, gu'n robh e am beachd posadh. " M a ta, a mhic," ars ise, "tha sinn gun teagamh air ar cur h-uige gle m h 6 r ' s gun againn ach sinn fhein, agus ma gheobh thu te fhreagarrach, tha mise lan toileach; cha mheas thu e cearr dhomh 'fheoraich co a tha na d 'bheachd." " M a ta, tha direach nigheati fear Bharrabaothain." " N i Math ga 'r dion! A mhic gu de tha thu 'ciallachadh? ISTach 'eil 'fhios agad gu'm bheil i air droch ainm fhaotainn am f a d ' s am fagus?" "Tha gu math, 's ge do tha, cha'n 'eil a o n ' s an aite a theid air thoiseach oirre ann an searbhantachd." "Tha i sgair-teil gu leoir," ars ise, "ach aii uair a thig i faodaidh mis' an tigh fhagail." "Cha'n-fhaod idir," os esan, " ' s cha smaoinich sibh air; na bithibh fo iomaguim sa bith, bheir sinn deuchainn_di co dhiubh."

    Chuir an gille, an sin, a ghnothuichean an 6rdugh, agus an uine ghoirid rinn e deas gu fa'.bh g'a h-iarraidh. A n uair a bha e fagail an tighe thuirt e ri a mhathair i chur gaeh ni ann an ordugh cho math agus a dh' fhaodadh i, agus gun i ghabhail suim dheth-san ged a gheobhadh e coire dhi an uair a thilleadh e. Thuirt ise gu'n deanadh i sin, agus dh' fhalbh e.

    A n uair a rainig e bha fear Bharrabh. aothain a ntach's an dail a' treabhadh. A n

    (Air a leantuina air taobli 70.)

  • :M:_A_C - T A L L A

    MAC-TALLA. A PHRIS.

    Bliadhna, . . "'. $1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . .25

    ^^"fha 'phris ri bhi air a paigheadh toiseack na bliadhna,

    Guirear am paipear gu luchd-gabhail am Brealuinn, an New Zealand's an ditthchan-nan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. 'sa bhliadhna.

    Thugadh iad-san a bhios a sgriolhadh Gailig g' ar 'n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh a" aw duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuillem Ih us meanbh.

    Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. O. MacKINNON,

    Publisher 'Mac-Talla,' Sydney, Cape Breton

    SIDNI. 27 0 G U S T , 1897.

    Tha duine anns na Staitean an drasda ag agairt cbir air mor-roinn N o b h a Scotia. Tha e toileacb a dhearbhadh g u ' m buineadh an duthaich d'a shinnsirean le c6ir o righ na Frainge, agus tha e 'deauamh a mach gu bheil gach c6ir a thug righrean na Frainge d ' an iochdarain seasmhach gus an latha 'n diugh, a thaobh nan cordaidhean a bh ' air an deanamh eadar an Fhraing us Brea tann nuair a fhuair Biea tunn coir air N o b h a Scotia. A c h 'se 's docha nach fhaigh e greim air N o b h a Scotia idir; tha e tuilleadh us fada gun a ch6ir a chur an ceill.

    Chaidh dithis nighean oga a bhathadh ann an acarsaid Hal i fax Di inairt s'a chaidh. Bha iad fhein us piuthar dhaibh a mach a snamh, agus chaidh iad-san a niach far an robh an t-uisge ro-dhomhain. Bha am mathair air tir 'gan araharc, agus 'nuair a chunnaic i ,'n cunnart anns an tobh iad, chaidh i a mach, ach cha d'rinn 1 ach a beatha fhein a chur an cunnart, gun ehuid-eachadh sana bith a dheanamh leotha-san. Bu nigheanan iad d o Ioseph Brown, a tha 'na cheannaiche anns a bhaile.

    Chaidh gille 6g, aois sheachd bliadhn' deug, Iain A i l e in M a c A o i d h , a bhathadh ann an dama muillne faisg air Dundas, £ . P . I., feasgar Di-luain. Bha e-fhein us triuir ghillean eile a' snamh. agus dh ' fheuch esan ri snamh o thaobh gu taobh dhe 'n dama; ach chaidh a chasan an sas ann am fiar-fiadhaich, ague chaidh e fodha. Cha b ' urrainn d o chach cuideachadh sam bith a thoirt da; bha bata air an dama, ach bha na raimh fo ghlais anns a mhuillinn.

    Tha ministeir anns an tigh-obrach an Kings ton , Ontario, air son mort a mhnatlia. A n la roimhe dh ' aidich fear a th' anns a phrlosan an Indianapolis g u ' m b ' esan a^us fear no dha eile a rinn am mort. Bha iad air son an tigh a robaigeadh. Tha mo an de 'n luchd-lagha dhe 'n bharail gu bheil e 'g innse na firinn.

    O chionn ghoirid bba gille beag a' cluieh air faradh, air madainn na Sabaide. Shuidh e air fear dhe na rongais , 's bha e ' g oibreach-adh a chasan mar gum biodh e' cuir mu'n cuairt cuidhle. " D e tha thu cluich mar sin?" arsa mhathair. "Tha mi cluich gur e 'm faradh-sa mo bhaisicle," ars' esan. "Nach eil fhios agad nach eil e ceart a bhi suibhal gu diomhainn le baisicle la na Sabaid?" " O mhamaidh, ach tha mise cluich gur h-Iudhach mi."

    Tha e air aithris gu robh da Eirionnach aon uair a' glanadh a mach tobar douiL-ainn. 'Nuair a bha 'n obair ullamh, th6isich am fear a bha gu h-ard air tarruinn air an rop a bha togail an fhir eile. Bha 'n r6p a ruith thairis air ulag a bha gu h a r d os-cionn teis meadhoinn an tobair. A n deigh dha a charaid a thogail leitheach slighe, dh'eigh e, " A Phat, cum greim or t fhein gus an cuir mise smugaid air mo lamhan."

    Mainaidh a' ceasnachadh a ghille-bhig mu thimchioll gleadhraich air cho i re ig in :—"Mo ghille maith, shaoil leam gu'n dubhairt thu rinn gur h-e 'n gille beag 'san tigh ud thall a rium a fuaim uile gu leir." "Thuirt, a mhamaidh. Thuibhairt mi sin. 'Se rium e cuideachd. Bha mise a gabhail dha le maide!"

    A n n an aon eaglais am baile-mor Lunn-ainn, bha ochd caraidean deuga air am posadh air a' chcud Shaoaid dhe 'n mhios »o . Tha an latha sin gle mheasail aig caraidean oga air son p6sadb, a c h ' s fhada 'n uine o nach deachaidh aireamh cho mor a ph6sadh air an aon st61.

    Fhuair sinn airgead ann an litir air an t-seachdain so, agus gun sgriob sgriobhaidh innte a dh'innseadh c o chuir ugainn e. Chaidh an litir a chur an lamhan a phosta ann an baile Vancouver , B . C. A m bi esan a chuir ugainu e cho m a t h ' s gu'n innis e dhuinn co e.

    Tha an crithneachd air fas gu math daor air an fhoghar so; tha e nise creic air dolair am buiseal. Ma chumas a' phris cho ard sin, ni tuathanaich Mhani toba 's an Iar-Thuath am fortan, oir tha 'm barr crithneachd anabarrach tram am bliadhna"

    Cha d o ghabh na Staitean a stigh Eilean-an Hawai i fhathast, ged a bha 'san ainm gu robh sin ri bhi air a dheanamh an uine ghoirid. ' S e ' s col taiche nise nach eil an t-aonadh gu bhi air a dheanamh idir.

    Duiue gun each, gun eithear, is fad' a shac air deireadh.

    Cho fad '8 a bhios fiodh's a choill , bidh car anus a Charranach,

    Cha'n urrainn an sionnach fhein a bhi ruith daonnan daonnan.

    D ' fhag Lachunn a chroit . Cha 'd fhag I is i a chroit a d' fhag I^achunn.

    MacCoinnieh & Co. ^ ^ ° T h a sinn an deigh st6r ur taillear-

    achd fhosgladh

    ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an am cbeudna a' cumail air adhart air an t-seann laraich,

    ANN AN SIDNI.

    Aodaiehean Matha dhe g-aen seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh

    ann an Sg-oil g-hearraidh Mhitehell, an New

    York.

    Jg^Theid sinn an urras air an obair. Mae Coinnich & Co.

    F. W. MORLEY, D O T A I R F B A D H A I R C

    A n aon fhear dhe shefrrsa th' air Ei lean Cheap Breatunn.

    Faodar fhaicinn anns an st&r aig F.

  • JVE.A.C - T A L L A © 0

    NAIDHEACHDAN,

    Leugh aimiiean na feadhnach a phaigh. Am bheil d' ainm fhein ann? Am bu choir e bbi anu? Cuin a huitheas e ann?

    « » « Chaidh corr us ceud sabhal a chur as a cheile 'sa

    mhilleadh ann an Ontario o chionn da sheachdain air ais. Bha stoirm mhor ann, le tairneanaich us dealanaich.

    Chuireadh ochd fichead us tri mile deug (173,-000) tunna guail a mach as na meinnean a tha fo laimh cuideachd a ghuail, air a mhios a dh' fhalbh. Bha sin na b' fhearr na rinneadh mios sam bith roimhe.

    Chaidh dithis dhaoine bhathadh ann an acarsaid Halifax oidhche Di-luain air an t-seachdain s'a chaidh. Thuit fear dhiubh a mach a bata, agus ged a bha aireamh 'ga fhaicinn chaidh a bhathadh. Bu sheoladair bhar soitheach Suaineach am fear eile.

    Thatar a' deanamh moran caise ann an Eilean a' Phrionnsa. Tha aon duine, T , J. Dillon, a laimh-sich fiach da cheud gu leth mile dolair dheth o thoiseach an t-samhraidh. Bu choir do thuathan-aich Cheap Breatunn a bhi deanamh barrachd caise na tha iad.

    Gheibbear anns an aireamh so ainmean na feadhnach a phaigh o chionn da sheachdain. Tha "ladsan a phaigh" a' fas beagan na '» lionmhoire, ach tha gu leor nach d' rinn an dleasanas fhathast. Tha sinn an dochas nach dean iad an tuilleadh dearmaid air M A C - T A L L A .

    Tha coi-thional Ghrand River a' cur gairm aon-ghuthach dh' ionnsuidh an Urr. Iain Fhriseil, tninisteir a' Chladaich a Tuath. Tha Mr. Friseal an deigh gairmean fhaotainn a aireamh choithion-alan o chionn dha no tri bhliadhnaichean air ais, ach cha 'n fhac' e fhathast an t-slighe reidh roimhe gus an t-aite anns am bheil e fhagail.

    Fhuaireadh corp duine air cladach Sight Point, faisg air Mabou la na Sabaid s'a chaidh, Bha na casan's na lamhan air falbh dheth, agus an fheoil air cnamhadh, Cha 'n eil fhios co e, no c'aite 'm buineadh e. Blia pairt de;chuid aodaich uime, acb cha robh ni anns na poeaidean. Chaidh a thiodh-licadh ann an cladh nan Caitliceach am Mabou.

    Chaochail boirionnach d' am b' ainm Lusaidh Nic Fhionghain ann an Acarsaid Chloinn Fhion-ghain air an t-seachdain s'a chaidh. 'Se dh' aobharaich a bas le6nadh a fhuair i anns an aodunn le fore fheoir. Bha i-fhein agus te eile ag obair air mir fhedir, nuair a ehaidh an fhorc a bh' aig an te eil 'n sas 'na h-aodann-se, 'ga le6nadh cho dona 's nach robh i beo ach beagan lathaichean.

    A sheachdain gu la na Sabaid s'a chaidh, fhuaireadh Micheil Mac Leoid, fear-cumail an tigh-sholuis air Point Prim, E. P. I., marbh na leabaidh, Bha e cumail an t-soluis o chionn chei-thir bliadhna fiehead. Bha e coimhead an t-soluis fad na h-oidhche, chuir e as na lampaiehean 'sa mhaduinn, agus chaidh e dhachaidh a chaochladh. Bha e tri fichead bliadhna 'sa deich a dh aois. Cha robh duine anns an tigh aeh e-fhein. Cha 'n eil fhios co-dhiu bha gus nach robh e tinn.

    Tha Sacramaid na Suipeir ri bhi air a fritheal-adh aig na Forks, la na Sabaid. Tbatar ag obair air eaglais St. Andrew's, agus cha bhi i ro fhrea-garrach air son na seirbheis a bhi innte; mheasadh iomchuidh mar sin an t-seirbheis a bhi gu h-iomlan .aig na Forks. Thdisich an t-seirbheis Dior-daoin. Tha an t-Urr. Alasdair Ros a Hogamah a' sear-monachadh cdmhla ris an Urr. Mr. Forbes. La na Sabaid, agus lathaichean eile ma bhios sluagh mor cruinn, bidh a' Ghailig air a searmonachadb a

    Tha Somhairle C. Caimbeul, am Baddeck, air a chur gu Eilean Phoil a cumail an tigh-sholuis, Bha e 'san obair sin roimhe fad c6rr us fichead bliadhna

    « » » Bha triuir mhnathan aig euirt ann am baile

    Halifax air an t-seachdain s'a chaidh air son a bhi air an daoraich. Cha mhath an innse sin air eeamia-bhaile na mor-roinn.

    Tha am fiar gle mhath an Eilean a' Phrionnsa air an fhoghar so. Tha am barr grain gle mhath air talamh ard, ach an aiteachan iseal, tha e fad air ais. Tha am buntata gu bhi gle math. Tha measan de gach seorsa gu bhi gann.

    Ged nach robh sinn 'gam faireachadh an so, bha tairneanaich us dealanaich ann gle thric am bliadhna, agus rinneadh call nach bu bheag leotha. Bha taigbean agus saibhlean air an losgadh, agus ann an caocbladh aiteachan chailleadh beatha dhaoine leotha.

    — i » - » « •

    Tha eaglais iir Chaitliceach ri bhi air a fosgladh air an Eilean Mhor la na Sabaid, a clieud eaglais Chaitliceach a dh' fhosgladh air an eilean. Tha an t-Urr. Seumas Quinan, sagart Shidni, ri bhi air ceann na seirbheis, air a chuideachadh le aireamh de shagairt eile.

    Bha soitheach-cogaidh leis na Staitean, am Marbleheod, anns an acarsaid da latha toiseaeh na seachdain so. Thainig i stigh feasgar Di-luain, agus dh' fhalbh i Dior-daoin. Bha soitheach Frangach a stigh cuideachd, agus chosg iad roinn mhath de dh' fhiidar a' failteachadh a cheile.

    Chaidh tigh tuathanaich d' am b' ainm De6rsa Hudson, ann am Manitoba, a losgadh gu lar oidhche Dior-daoir. air H H t-seachdain s'a chaidh, agus bha a bhean agus ceathrar chloinne air an losgadh gu bas. Bha an tuathanach fhein air falbh aig an am, agus cha d' fhuaireadh a much mar a thachair gus 'n do thill e.

    A dh' aindeoin gach comhairle thatar a toirt orra, tha aireamh mhor dhaoine air an t-slighe gu Klondyke, B' fhearr dhaibh fuireach far am bheil iad gu earrach, ach cha dean iad sin, agus 'se 's docha gu 'm bi an t-aithreachas orra. Tha an geamhradh a nise tdiseachadh anns an duthaich sin, agus cha 'n e duine cumanta a tha comasach air faigbinn innte re na h-aimsir sin.

    ladsan a Phaigh. Domhnull Mac Cuthais, Seana Bhridgeport. Aongbas Mac Cuthais, " " , Calum Mac Ille-mhaoil, Drochaid Albert. Seumas Mac Gilleain, Rathad a' Chleirich. Beau Mhurehaidh 'Ic Leoid, Inle, Baddeck. Iain A. Gillios, S, W . Margaree. Coinneach A. Mac Fhearghais, L'Ardoise. An t-Urr. D. Domhnullach, Strathlorne. Uilleam Domhnullach, Drochaid Mharion. Ruairidh M. Mac Coinnich, Sidni. Padruig Mac Ule-mhoire, " Ailein D. Mac Eachuinn, " \ . R. Mac Neacail, Acarsaid Bharrachois. Raonaid Nie Gilleain, Rathad nam Frangach, 50c Donnachadh Rothach, Cornwall, Ont. $2.00 Cairistina Nic Aidh, Ripley, Ont. D. Mac Fhearghais, Penetanguishene, " Alasdair Mac Ealair, " " Iain Mac Fhearghais, Port Arthur, An t-Urr. Iain Cillios, Dundas, E. P. I. $3.00 F. A . Gemmel, Selkirk, Man, A. R. Domhnullach, Albany, N. Y. Miss C. L. Smith, Laconia, N. H. Iain A. Caimbeul, Charlestown, Mass. Ceit "f. Nic Leoid, Peveril, Que. Tormaid Moireastan, " " Iain R. Domhnullach, Whitwick, Que. D. B. Mac Amhlaidh, Milan, " Niall Mac Leoid, Duu-Eideann, Alba.

    LEABHRAIGHEAN GAILIG, Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid , $1J00 'Ha Baird Ghaidhealach, bho 1775 gn

    1825, Leis an Urr . A Mac G . Sinclair 35

    Orain lain Luim 35 Gramar Gailig, le Dr . H . C. M a c

    'Il l iosa 1.10 Gaelic Class Book 30

    Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu

    J . G . M A C K I N N O N , Publisher "Mac-Tal la ,"

    Sydney, C. B.

    CARADH Uaipeadaipean

    Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00

    W. H. WATSON fgp3 Air an t seann Laraich.

    Baddeck, C. B .

    BADDECK, - • C. B. Aipson a stop a dheanamh na's deiseile's na 's feum-aile dhaibhsan a tha 'deanamh gnothueh pis, tha

    Albert I. Hart a' nise deiseil aip son taill-eapachd bhan a dheanamh. Tha a' ehuid sin de 'n ghnothueh fo ehupam Miss Isabel Nie Theaplaieh, a fhuaip a h - ionnsaehadh am Boston 'san New York. Gheibh iadsan a thig- g'a h-ionnsuidh an

    DEAGH RIARACHADH.

    BADDECK, - - C. B.

    IUBILI! THIG AGUS PAIO!

    Ceannachd ur us Prisean ura.

    A h-uile ni cho saor's nach fhaod mi innse.

    Mall Domlinullacli. Ceann an lap a Bhalle.

    BADDECK, - - C, B. f ^ ° A Ghailig 'sa BheurJa air an aon

  • TO M A O - T A L L A .

    (Air a leantuiun o thaobh 67.) deaghaidh dhaibh failte a chur air a cheile agus beagan conaltraidh a bhi aca, dh' innis an t-oganach ciod a chuir an rathad e. " M a ta, 'ille," thuirt an seann-duin«, "tha thu eur ioghnaidh oi in—tha thu 'cur ionganfeais mhoir orm, tha mi cirinteach nach 'eil a nadur an aineol ort achsearbhantaa ' s fheaiT cha do chuir d a laimh a gualainn. M a tha thu fhein SUM beachd gu 'n dean thu leatba tha mise Jan toileach a thoirt dhut." "Fuasglaibh na b-eich, ma ta," ehuirt an t-oganach, "agus theid siuii thuu an tighe." •Cha robh a shaod air an tuatbanach na h-%ich a leige.adh ma sgaoil agus an deigh Uiilleadh impidh, 's aim a fhreagair e, " 'Ille, cha'n 'eil a chriclhe again am fuasgladh mu'n am so a latha; ma theid mi dhachaidh an eeart uair bheir iad an craicionn diom." "Fhalbh, fhalbh, gabhaidh mi fhein ur leisgeul car aon oidhche," thuirt an suirdh-each; agus thug iad na h-eich as a' chrann, agus ehoisieh iad le cheile thuti an tighe. "Nis , " thuirt an seaiin-duine's iad a' dliith-achadh ris an tigh, "ma their mise gu'm faigh thu i, faodaidh tu bhi cinnteach nach fhaigh thu i, ach ma their mi nach fhaigh, bi cinnteach gu'm faigh." "Bitheadh e mar sin fhein, ma ta," ars an suirdheauh, agus chaidh iad a stigh le cheile.

    Chaidh fa i l te ' s furan a chur air an tuath-anach og, agus biadh a chur a lathair, ach shuidh fear an tighe aig an dorus. "So, so ," thuirt bean an tighe, "suidh a nios, gu de ni thu 'fuireach aig an dorus." Shuidh e suas agus an uair a bha iad uile cruinn, dh' innis an t-6ganach aobhar a thuruis; gu'n robh e toiieach dol fo cheangal posaidh leis an nighinn, na'm b' e 's gu'm biodh iad aon-sgeulach gu leir mu'n chuis. " M a ta, 'ille," thuirt a h-atbair, "tha mor mheas again ort, agus tha 'fhios agam gur h-araidh thu oirre, ach tha sinne nis air tarruiug ann an aois, agus cha'n urrainn duiun feum a dheananih as a h-aonais; tha mi duilich nach urrainn duinn a aeachnadh." "C6 thuirt nach b ' urrainn duinn a seachnadh?" ars a mathair, "tha mise ag radii gur h-urrainn duinn a seachnadh, agus seachnaidh sinu i; cha till an gille dhachaidh as a h-aonais ma tha i fhein toileach." "Tha," ars an nighean, " ' s eha'n eagal nach seaahainn sibh mi." Mar is mo a dhiultadh a h-athair, is aun is mo a rachadh a mathair an rathad eile: an da bhoirionuach gu dearbh a' seasamh an aghaidh fhir-an-tighe "mar chlacha dubha an aghaidh sruth," gus mu dheireadh an d o striochd esan cuideachd. • Cha b'fhada gus an deachaidh am posadh; agus an deaghaidh beagan laithean a chur seachad ann am Barrabaothan, dh' fhalbh iad dhachaidh. Cha robh iad fad aig an tigh an uair a thuirt an d u i n ' o g gu'n rachadh iad a dh'fhaicinn ciamar a bha gnothuichean ag amharc mu'n aitreabh. Thug e an toiseach am bathaiehe air—a' bhean-6g agus a mhathair na chuid-eachd. " A n dean sin feum, a runic?" ars a mhathair, ach thoisich esan air faotailin c'oire

    do gaeb ni—bha so cea r r ' s elta robh sud ceart; thujj e breab do ghogan a thachair air agus thilg e gu taobh eile an tighe e. " M a to," ars a bhean-6g, "ar leam fhein gur h-aun a tha do mhathair ri 'rnoladh air son do ghnothuichean a bhi arm an 6rdugh cho math." " N i e feum an drast," ars esan, "ach dh'fhaodauh e 'bhi na b'fbearr " A n deaghaidh so chaidh iad do 'n stabull, agus ma bha am bathaicbe dona, bha na seachd donais air an stabull. " A n dean sin feum, a m h i c f ars a mhathair. "Cha dean, a bbean," ars esan agus toisichear air coire fhaotaian do 'n ni s o ' s do 'n ni ud eile. " M a ta," thnirt a' bhean-6g 'us i 'toirt fiar-shuii' air a fear, "ar leam fhein g u ' m bheil gach ni ami in ordugh ro-mhath." " N i e f e u m an drast, ach dh'fhaodadh e 'bhi na b'fhearr," ars esan.

    La no dha an deigh so chaidh a' eharaid a mach a bhrodadh,,agus mar a dh' oibrich-eadh esan, neotharthaing inur gleidheadh ise suas a taobh fhein de'n imire. A i r dhaibh a bhi 'dol ris gu math dian tbuirt esan mu dheireadh, "Gabhaidh sinn anail a nis." "Cha'n 'eil mi sgith idir fhathast," ars ise. " C o dhiubh a tha no nach 'eil, gabhaidh sinn anail," ars esan. " U d eha'n eagal duinn car tacain eile," ars ise. "Tha mise ag radh nu t suidhe," ars esan, agus le so shuidh i. A n uair a bha iad uine bheag na 'n suidhe, "Eiridh sinn a nis," ars esan, agus an greim bha iad le cheile . rithist, agus chaidh an latha sin thairis mar sin. • A n uair a fhuair iad obair an Earraich seachad thuirt esan rithe gu'n rachadh iad a dh-fhaicinn a muinntir a nis. Dh'fhalbh iad; agus an uair a rainig iad chaidh failte chridheil a chur orra le cheile. Chuir esau an latha thairis tha l i ' s a bhos le 'athair-ceile, 's bha ise a stigh le 'mathair. A n uair a thainig am feasgar thill na fir dh' ionnsuidh an tighe, agus thuirt esan gu'n robh an t-arn dhaibh a bhi 'dol dachaidh. "Cha'n fhalbh i leat an diugh," thuirt a mhathair-cheile, "Nach fhalbh? N a c h 'eil thu falbh leamsa dhachaidh," ars e san ' s e' t ionndadh ris a uilmaoi-oig. Cha d' thuirt ise diog. "Cha'n fhalbh i leat an diugh no 'maireach," ars a mbathair-cheile a ris, "an deigh an droch-caraimh a thug thu dhi, cha till i leat tuille. Gu dearbh bha thu caoimhneil rithe a' dol an aghaidh gach ni 'theireadh i, agus ag cur a h-uile ni 'bha ceart;, cearr. Faodaidh tu a bhi 'falbh ach cha'n fhalbh ise leat." " A m bheil thu 'fhalbh leamsa dbachaidh?" thuirt esan a ris. Cha do fhreagair smid. " M u r coisich thu ieamsa dhachaidh ruithidh tu leat fhein ann," ars e san ' s e dol a mach thun an doruis far an robh curag mhath sgolb, as an do thagh e aon cho direach re i th ' s a chunnaic e. A n so thill e s t i gh ' s ghabh e air a mhnaoi fhein leatha gu sgait-each, diau, gus an d' thug i an dorus oirre. Thionndaidh e an so agus thug e an t-ath lunndraigeach d' a mhathair-cheile, agus an sin dh'fhalbh e dhachaidb.

    Bha fear Bhariabhaothain na 'shuidh aig

    an dorus mara b ' abbaist. "Su idb a nios,. suidh a nios," thuirt a bhean, an uair a dh ' fhalbh an rliamhuinne. ' S e N i Math a dh* orduich nach e sud seorsa fir a th' agam, suidh a nios, cha robh riamh a » a m ort arn rneas a b u chuir."

    Chaidh an duin'-og dhaehaidh, agus fhuair e a bheant air thoiseacb air .trang ag obair,, agus an deaghaidh sin rinn an da bboi i ionn-ach sin—a' mhathair agus a h-ighean, mnathan nach robh na b'fhearr ri fhaotainoi anns an sgireachd gu Mir.

    M A C - O I D H C H E . — — • *

    Naidheaehd. Bha. ann an Normandy, 's an Fhraing,

    cosnaiche bha air ur phosadh, duine calmav sgairteil, agus bha e f e i n ' s a bbean, mar bu choir dhoibh a bhi, anabharrach caidreach. Thachair dhasan a bhi 'g obair ri la tha u i sge ' s gaillinn o ml.och gu annaoch, agus thainig e dhachaidh air a ch'aidreadh gu gbirt le h-obaira 's droch-shid. B h a ' b h e a n 'n a suidhe aig an teine. " A n d' thainig thu ' ghao i i f ars ise, "nach e sin an latba I tha e air a bhi cho fliuch's nach b ' urrainn mise dol a dh'iarraidh uisge, agus leis a sin cha d' fhuair mi do dhinneir a dheasachadh;. ach o'n tha thusa nis co fiiuch's is urrainn duit a bhi, bhithinn a'd' chomain n'an rachadh tu 'dh'iarraidh cuinneag uisge." T h o g € 'n da chuinneig, agus thug e'n tobar airj bha 'n tobar greis air astar, ach cha b'fhada. gus an d o thill e; chuir e aon d o na cuinn-eagan air an urlar, agus thilg e na b h a ' s a* chuinneig eile air mullach cinn a mhnatha, agus a' chuiniieag eile air an, doigh cheudna. "Sin, a ghraidh," ars esin, "tha thusa nis co jivwch's in urrainn duit a bhi. agus tha. mi 'n dochas nach mi sd ' t hudo l adh ' iarraidh an uisge."

    Tha deagh fhios againn nach 'eil a' h-aon> d o na mnathan Gaidhealach a dheanadh a' leithid; ach mar thuirt am Fraugach, tha, sinn "an dochas" nach misd' iad an sgeul. beag so a obluinntiun. Bha 'in Frangaah bochd 'n a dhuine spurtail, tuigseach; cha b ' iooann agus ioma trusdar a bheireadh gleadhar an taobh an leth-chinn di—Cuair~ tear nan Gleann.

    Sean-Fhaeail. Cho bochd ris an rocas.

    Ohaidh a chuis 'n a taois.

    Cho dubh ris an oichdhe.

    Cul an leighis ris an leigh.

    Cho luath ris ua gatha-dubha.

    Cho grad ri feodhrag cheitein.

    Facal a beul, is eun air 3giath.

    Cho tioram ris an t-sreathainn.

    Cho stallacach ri damh ' » a cheo.

    Cha sheas cairdeas air leth-chois.

    Cho bodhar ris a chloich cabuilinn.

    Cha toir beannachadh nach fhaigh air ais.

    Cha reic e a dhal-bhuntata air a tarsuinn.

    Coin a Bharrachal l tuinisclann I o c h d t a c b -ann,

  • M A C - T A L L A 7 1

    Aise i r igh Chriosd.

    B'i sin staid ard luchd-riaghlaidh nan

    ludhach, agus dheisciobul Chriosd, agus is

    ann mar sin a bha gach ni ann an Ierusalem

    am feadh ' s a bha Ceannard an slainte 'na

    luidhe ann an sambehair nah-uaighe. ' S a n

    am sin cha b ' i ad na saighdearan Romhanach

    atnhaiii a bha 'nam freieeadan air an u»igh-;

    bha feachd neimh fo ghiuasad; dh'eideadh

    armailte nam fhlaitheas a dhion a chuirp

    naomha. Bha gach uidheamachadh a nis

    air a dheanamh san da shaoghal, agus gach

    ni deas air sou an am san robh gairdeiu an

    Tighearna ri bhi air 'fhoillseachadh. D a

    uair chaidh a 'ghrian fodha air an t-saoghal,

    agus bha gach ni fathast samhach aig an

    uaigh. Bhuadhaich am bas air M a c Dhe.

    G u ciuin, tosdach chaidh an uine seachad.

    Bha na saighdearan gu furachair a' faireadh;

    dhealraich gathan nagealaiche mu mheadhon

    oidhche air an ctagaidibh-iinn agus air an

    airm-chatha. R i n n naimhdean Chriosd uaill;

    bha gach ni mar a b'aill leo; thuit cridh-

    eachan a chairdean fo dhiobhail misnich

    agus fo bhr6n; bha spiorada na gl6ire a'

    feitheamh gu h-iomaguineach, a' toirt fainear

    d o na bha tacbairt, agus a smuainteaehadh

    le inor-iongantas air doimhneachd doighibh

    an Tighearna. Fiiidheoidh, dh'eirich reult

    na maidne san aird-au-ear, a ' toir t sanuis do 'n

    t-saoghal gu'n robh 'n solus a' dluthachadh;

    bha faire an treas la a' bristeadh, 'nuair gu

    h-obann a chriothnaich an talamh, eadhon

    gu mheadhon; agus bha cumhachda nan

    neamh air an gluasad; thainig aingeal D e a

    nuas; chlisg na saighdearan air an ais roimhe

    le uamhas; agus thuit iad sios gu lap; "Bha

    'ghnuis mar an dealanach, agus 'eideadh geal

    mar an sneachda;" charaich e air falbh an

    leachd o bheul na h-uaighe, agus shuidh e

    oirre. A c h c6 esan a tha mar so a' teachd a

    nios o'n uaigh, le 'thrusgan daithte o leab-

    aidh a'bhais? Esan a ta gl6rmhor 'na

    choslas, ag ioieachd ann am mbrachd a neirtl

    'Se do cheannard fein, 0 Shioin, a ta ann '

    A Chriosduidh, 'se do Thriath fein a th' ann!

    "Shaltair e an t-amar-fiona 'na aonar; tha

    'chulaidh daithte le fuil;" ach a nis, mar

    cheud-ghin a. leaba na h-uaighe, tha e cur

    failte air maduinn 'aiseirigh fein. Tha e 'g

    eirigh 'na ghaisgeach buadhar o'n uaigh; tha

    e tilleadh air ais le beannachdaibh o shaoghal

    nan spiorad; tha e 'toirt saorsa do chloinn

    nan daoine. Cha d' thug eirigh na greiue

    riamh la co glormhor a steach—b'e so la ait-

    shaorsaidh an domhain nihoir. Sheinn

    reulta na maidne le cheile; 's rinn uile mhic

    D h e iolach ghairdeacnais. " Dh'amhairc

    Atha i r na trocair a nuas o chathair-rioghail;

    le mor-thlachd chunnaic e a shaoghal fein

    air a thearnadh; chunnaic e gu 'n robh 'obair

    uiie math. A n sin rinn am fasach gaird-

    eachas; bha aiteas air a' chruthacha'dh gu

    leir 'na lathair, 'nuair a theirinn beannacb-

    dan an Ti a's airdc mar dhruchd neimh, a

    dh'. ath-bheothachadh nam fineachan. —

    JLeabhar nau Cnoc. '

    A' Fai re g u Caomh a i r m o Cheann.

    EADAK-THBANGAICHT O S BHEURLA LE GILL-EASUUlG MACFAIDEIN.

    'N uair bhios cagarsaich dhiomhair a' snainh air gach taobh,

    A g u s guthan naeh fhaod bhi 'n an tosd, O i l tir so 'g am ghairm air sligh' uile

    chlann-daoin', Thair a' chuain th' aig gach aon ri dhol

    trasd ; Le ur-fhradharc 'n uair chi mi tigh-comh-

    nuidii nan naomh, Taobh thall gach saoth'r 'us trioblaid a

    tii' ami, A i g geata ssdamhaeh na cuirt ' am bi ann

    a h-aori 'Bhios a' faire gu caomh air mo cheann 1

    Tha sluagh beag ann 's an comhnuidh ah suil air mo cheum,

    'S a t h a ' m feum air fear-dion agus mil, Tha maoth-thruaghain air faontiaigh ag

    am hare am dhei

  • MAC-TALLA .

    Oran Gaoil. Is trie mi gaeh la a cuimhneach' Jo ghraidh, Car tamuile mar bha do speis dhomh, Gabh misneach's an uair 'a ann ort 'bhios mo

    luaidh, A ehaoidh gus an gluais an t-eug mi. Caol mhala gun ghruaim, eha'n fhaigheadh tu 'm

    fhuath, Do mhulad's do thruaighe 'leir mi. Do phearsa dheas iir cha chuirinn air elml, Ged thairgeadh mac diuc' e fein dhomh.

    Cas 'dhireadh nan stuc' ghunna le d' nach diult, 'S le d' mhial-chonaibh Ihthmhor, eutrom; Bhiodh iidlaich' nan cioc na laidhe fo leon, '8 bhiodh pudhar air eoin an t-sleibhe. Bhiodh coileach o'n bheinn air saeith ann ad laimh M u ' m biodh air fear eil' a leine, 'S tu thaghainn dhomh fhln, a shealgair na frith, 'S cha 'n fhaicinn thu 'ehaoidh ua t' eiginn.

    Cul bnidh' ort mar 6r, bias meal' air do phoig, Cha'n iarrainn bhith beo as t'eugmhais; 'S cu ceist nan ban ur, nach caidleadh 'san srniir 'Sa mbaduinn ghil, chiuin, 'n am eirigh. Is gorm do dha shuil, is taitneach do ghnuis, 'S gur tlachdmhor air thus fir threun' thu, Le d' bhreacan deas ur, 's e paisgte mu d' chill; Cha 'n fhaca mo shuil riamh t' eugas.

    'S tu m' eudail de 'n t-sluagh, 's ann ort tha mo luaidh,

    Cha 'n fhaigheadh tu fuath gu brath bhuam; Cha laigheadh orm aois nam faighinn mo ghaol Gach latha ri m' thaobh mar b' aill leam, 'S tu m' ulaidh's mo mhiann, m' aighear 's mo

    chiall; Beul meachair o ' m fiathail gaire, Cha 'n eil e fo 'n ghrein na thaghainn dhomh fein, Nam b'e 's gu 'n do threig thu gliraidh mi.

    Tha euid ag radh gu 'n do rinneadh na rannan so do dh' Uilleam Ros, le fear no te air choireigin an ainm Mh6ir Rois, a leannan. Tha cuid eile ag radh gu 'n do rinneadh iad le nighinn fear Thir-na-Drise do mhac fear Dhail-an-easa. Ge b'e co dha 'n do rinneadh iad cha 'n eil iad ro fhreagarr-ach do dh' Uilleam Ros, no idir am benl M6ir Rois. G L E A N N - A - B H A I R D .

    Gu ma Slan do 'n Oigfhear.

    LE N1ALL MAC LEOID.

    AIR FONN,—"Bha mi 'n de'm Beinn-Dorain.' Gu ma slan do 'n oigfhear

    A sheol an raoir oho 'n chala so; Gu 'n robh gach duil 'g a tbredraeh'

    'S 'ga ch6mhnadb mar 'bu mhath leam e; Cha chreidinn riamh bho chach e

    Gu 'm faca mi 's a' bhat' e, Gu 'm fagadh e gu brath mi,

    'S nach robh ach bas a sgaradh sinn.

    'N uair 'dh' fhag e air an traigh mi Bha m' inntinn lan's cha 'n annasach;

    An aon fhear 'thug mi gradh dha, 'S a thug a lamh's a ghealladh dhomh,

    Air se61adh do na h-Innsean, 'S gun fhios gu brath an till e;

    'S bidh mise 'n so fodh mhl-ghean, Ag cuimhaeachadh a charthannais.

    Marbh-phaisg air an t-saoghal, Gur caochlaideach an sealladh e!

    Cho lan a dh' fhoill's a dh' fhaoineis A bheir a thaobh a dh' aindeoin sinn;

    Ma leagas sinn ar n-inntinn Air cuspair gaoil no dileas,

    JTaodaidh sinn 'bhi cinnteach Nach bi iad leinu ro mhaireannach.

    Sin mar 'dh' eirich dh6mh-sa, 'S cha leigheis deoir mo ghalair dhomh,

    'S mi 'n diugh ag caoidh an oigfhir .'Bu bhoidhche 'bh' anns an fhearann so;

    Na 'm faighinn fhein mo dhiirachd, Ged bhiodh mo chairdean diiimbaeh,

    Gu 'm b'e 1110 mhiann 'bhi dliith dha, Ge b' aim fodh smiiitl nam marannan.

    Gu ma hole do 'n bhaillidh A rinn mo ghradh a sgaradh nam,

    'S a dh' fhuailaieh thar an t-sail e Gu anrath agns allaban!

    'N uair ehi mi thall an fhardaeh 'S an deachaidh Ruaraidh araeh,

    S i 'n diugh gun che61, gun mbanran, D o ' m b' abhaist a bbi caithreamach.

    'N uair 'chruinnicheas an comhlan Di-domhnuich's aim 'bhios smalan orm,

    '8 a chi mi chathair bhronaeh A bhios an comhnuidh falamh dhomh,

    Cha 'n fhaic mi 'measg mo ohairdean A ghnuis 'bu chiuine dearrsadh,

    'S an t-siiil a bha cho blath dhomh, 'S cha toireadh each an aire dhuinn.

    'N nail 'theid mi 'mach do 'n fhasach A dh' fhaiciun blath nan gleannanap,

    '8 a chi mi far am b' abhaist Dhomh manran le mo leannan ann,

    Cha 'n fhaic mi ros no neoinean, 'S cha chluinn mi cuach no sme&racb

    Nach cuir na m' chuimhn' an c6mhradh 'Bhiodh againn 6g 'us amaideach.

    Ach gheall e dhomh 'bhi dileas, 'S naeh diobradh e r'a mhaireann mi,

    'S ma theid a chliu r'a shlnnair Cha chuir e lln a mheallas mi.

    Ach ma's e ' s nach till e, Bidh mise truagh a chaoidh dheth,

    'S bidh 'iomhaigh be6 na m' inntiun Gu 'n slnear anns an anart mi.

    0. P. MOORE.

    Laoidh. 'S beannaieht' an ceangal graidh nach leicj

    Dhuinii dealachadh o clieil; Ach ged is eiginn sgaradh 'n traths',

    Mealaidh simi cairdeas Dhe.

    Cha dealaich sinn gu brath 'n ar crldh', Oir 's aon sinn ann an Criosd;

    lie teas-ghradh deanamaid a thoil, Gu la a theachd a ris.

    0 b ' fhearr gun stiiiradh e ar ceum Na shlighe fhem's gach cas,

    Gun mhiann air ni sam bith fo 'n ghrein, Ach Criosd is meud a ghrais

    0 gluaiseamaid na's dluith' do Dhia, Is gheabh sinn solas uaith—

    Gach gras tha feumail duinn a bhos; 'S an t-iomlan gheabh sinn shuas.

    A N DA LEIGHEAS A G U S

    K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor

    CION-ONAMHAIDH agus TEANNTAOHD.

    Cuir a dh' iarraidh sampuill, teisteannais ns urrais.

    K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, _ „ „ „ , _ 127 State St

    Nobha Scotia. g Boston, Mass.

    Taghail aig Stor

    IATHES0N, TOWKSEID & CO, agus faic na tha aca do

    M a t t o de gach seorsa a p s e ri reic gu jaor.

    Math ar duthcha tha 'nar beach d

    THA SINN A CREIC,

    Paipear-tearra Tairnnean

    Luaidhe Glasan Saibh Sguabaichean Lainntearan Sgeinein Paipear-tubhaidh.

    SAOR AIR SON AIRGID.

    Glaine TuagUannan 011a Bucaidean. Fudar Siosaran

    NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear.

    SIDNI - - - - C. B

    .00 air 80c. Tha tuilleadh 'sa choir de bhathar

    tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad nach dolair de bhathar air cei-thir tasdain (80c.) a dh' air-gead. Thig mu 'm bi 'n t-am seachad agus

    FAIGH BARG-AN.

    MoDonaW Hanrahan & Oo,, Sidni, Iulaidh 16, '97.

    J. E. EISAN. Pianos agus Orgain.

    An seorsa 's fhearr a tha-tar a creic.

    PRISEAN GLE REUSANTA.