nhs highland gaelic language plan 2017-2022 … · web viewtha am plana seo a’ stèidheachadh...

37
NHS NA GÀIDHEALTACHD PLANA GÀIDHLIG 2017-2022 Chaidh am Plana seo ullachadh fo Earrainn 3 de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. 1 Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Upload: others

Post on 23-Mar-2020

0 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

Page 1: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

NHS NA GÀIDHEALTACHD

PLANA GÀIDHLIG

2017-2022

Chaidh am Plana seo ullachadh fo Earrainn 3 de dh’Achd na Gàidhlig

(Alba) 2005.

Chuir Bòrd na Gàidhlig aonta ris air CEANN-LATHA

1Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 2: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

Tùs-fhacal

Mar Àrd-oifigear NHS na Gàidhealtachd, tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh an dàrna deasachadh den Phlana Ghàidhlig againn a chur fo ur comhair airson 2017 gu 2022.

Tha Gàidhlig air aon de na cànanan nàiseanta agus oifigeil ann an Alba, agus tha uallach reachdail air NHS na Gàidhealtachd fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 gus cuideachadh le bhith cur na Gàidhlig air adhart. A thuilleadh air sin, ’s e sinne aon de na buidhnean aig a bheil as motha de luchd-obrach air a’ Ghàidhealtachd agus ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, agus mar sin tha uallaichean a bharrachd oirnn agus cothroman a bharrachd againn gus a’ Ghàidhlig a chur air adhart air feadh na sgìre againn.

Tha fios agam cuideachd gu bheil barrachd air a’ chòigeamh cuid den t-sluagh a tha fuireach san Eilean Sgitheanach, Ratharsair, Tiriodh agus Colbhasa a’ bruidhinn Gàidhlig. Bidh ar luchd-obrach cuideachd a’ toirt cuid a sheirbheisean do dhaoine sna h-Eileanan Siar far a bheil beagan a bharrachd air leth den t-sluagh a’ bruidhinn Gàidhlig. Mar sin, tha e cudromach gun toir sinn an aon spèis don Ghàidhlig agus a tha sinn a’ toirt don Bheurla. Cha do choilean sinn na geallaidhean uile a bha sa chiad Phlana againn mar a bha sinn an dùil, agus tha mi air a chur romham sin a chur ceart tro bhith coileanadh a’ Phlana seo.

Tha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a thaobh nan gnìomhan a thathar an dùil a thoirt gu buil. Ann a bhith dealbh na dreachd seo den phlana, thugadh fa-near do thoraidhean a’ cheisteachain a chaidh a sgaoileadh am measg ar luchd-obrach far an do thill còrr is 500 neach-obrach le freagairtean agus thèid dreachd a’ phlana atharrachadh a-rithist a rèir toraidhean a’ cho-chomhairleachaidh phoblaich seo.

Tha mi a’ brosnachadh a h-uile duine gu bhith dèanamh nas urrainn dhaibh gus dèanamh cinnteach gun dèan sinn adhartas ann a bhith toirt chothroman follaiseach do dhaoine a’ Ghàidhlig a chleachdadh, ann a bhith cur na Gàidhlig air adhart agus ann a bhith sealltainn spèis don Ghàidhlig thairis air an ath chòig bliadhna. Tha mi air a chur romham gun dèan mi nas urrainn dhomh gus stiùireadh is taic a thoirt don obair a nì NHS na Gàidhealtachd agus sinn a’ cuideachadh ann a bhith cur ri cor na Gàidhlig mar chànan brìoghmhor san ùine fhada air a’ Ghàidhealtachd agus ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.

An t-Àrd-ollamh Elaine Mead

Àrd-oifigearNHS na Gàidhealtachd

2Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 3: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

“’S i a’ chiad chànan aig tòrr dhaoine agus tha mi dhen bheachd gu bheil e

mar uallach oirnn, a thaobh co-ionannachd is iomadachd, an cànan a

dhèanamh follaiseach is a cur air soidhnichean feuch gum bi daoine a’

gabhail rithe mar as còir.”

Thàinig na briathran ann an cromagan turrach a chithear sa phlana seo bho na freagairtean a thug luchd-obrach NHS na Gàidhealtachd

3Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 4: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

seachad san sgrùdadh a rinneadh

Clàr-innse

Tùs-fhacal............................................................................................................................................. 21. Ro-ràdh......................................................................................................................................... 5

1.1 Fiosrachadh mu NHS na Gàidhealtachd..................................................................................51.1.1 Structar agus Modhan-riaghlaidh......................................................................................61.2 Achd na Gàidhlig (Alba) 2005...............................................................................................71.3 An dleastanas a th’ ann Plana Gàidhlig ullachadh................................................................71.4 A’ Ghàidhlig ann an Alba......................................................................................................71.5 A’ Ghàidhlig san roinn a tha fo sgèith a’ Bhùird....................................................................81.6 Sgrùdadh air Comasan Gàidhlig Luchd-obrach NHS na Gàidhealtachd..............................81.6.1 Toraidhean an Sgrùdaidh.................................................................................................91.6.2 Coimeas ri toraidhean 2012............................................................................................12

2. Am Plana Gàidhlig an Lùib an Structair Chorporra.................................................................132.1 An neach-dreuchd a stiùireas coileanadh a’ Phlana aig ìre ro-innleachdail........................132.2 An neach-dreuchd ris a bheil e an urra dèanamh cinnteach gun tèid am Plana a lìbhrigeadh bho latha gu latha......................................................................................................132.3 An Neach-comhairleachaidh Gàidhlig.................................................................................132.4 Luchd-obrach fa-leth...........................................................................................................142.5 Seirbheisean air an lìbhrigeadh le daoine eile....................................................................142.6 A’ Foillseachadh a’ Phlana agus Cothroman am Plana fhaicinn.........................................14

3. Gàidhlig an Lùib Planaidh is Phoileasaidhean agus ceanglaichean ri Prìomhachasan Nàiseanta............................................................................................................................................ 15

3.1 A’ Dèanamh Gàidhlig na Pàirt Àbhaisteach de dh’Obair na Seirbheis................................153.2 A’ Toirt Taic do Chinn-uidhe a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig..................................153.3 Prìomhachasan Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba...............................................................173.4 Prìomhachasan Ionadail.....................................................................................................17

4. Geallaidhean a’ Phlana..............................................................................................................194.1 Geallaidhean Àrd-ìre..............................................................................................................194.2 Geàrr-iomradh air Geallaidhean a thaobh Ìrean Seirbheis.....................................................19

5. Coileanadh.................................................................................................................................. 265.1 A’ Sgrùdadh Coileanadh a’ Phlana.....................................................................................265.2 Mar a thèid am Plana a Mhaoineachadh............................................................................26Eàrr-ràdh 1 - Toraidhean a' Cho-chomhairleachaidh...................................................................

Co-chomhairleachadh Poblach air an Dreachd den Phlana GhàidhligEàrr-radh 2 - Aonta ri Plana Gàidhlig NHS na Gàidhealtachd.........................................................

4Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 5: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

1. Ro-ràdh

“Tha mi eòlach air càirdean nas sine agus daoine eile a bhios a’ tionndadh gu Gàidhlig nuair a tha iad fo uallach san ospadal no tinn. Tha dementia air mo mhàthair agus tha i nas cofhurtaile

nuair a bhruidhneas cuideigin Gàidhlig rithe san ionad-chùraim far am bi i a’ faighinn cùram tron latha.”

1.1 Fiosrachadh mu NHS na Gàidhealtachd

Tha NHS na Gàidhealtachd a’ frithealadh air raon tìre a tha nas motha na th’ aig Bòrd Slàinte sam bith eile ann an Alba agus air sluagh a tha glè bheag an coimeas ris cho mòr ’s a tha an raon sin agus iad sgapte air feadh sgìre a tha gabhail a-steach 41% de thìr na dùthcha air fad. Tha sinn a’ toirt sheirbheisean slàinte is cùram sòisealta don 320,000 neach a tha fuireach san sgìre againn (Mapa 1). ’S iomadh seòrsa coimhearsnachd a gheibhear san sgìre sin, eadar Inbhir Nis, aon de na bailtean as luaithe a tha fàs ann an Taobh Siar na h-Eòrpa, agus na 36 eileanan a th’ againn far a bheil daoine a’ fuireach (23 ann an Earra-Ghàidheal is Bòd agus 13 air a’ Ghàidhealtachd, gun a bhith gabhail an Eilein Sgitheanaich a-steach thoradh tha e air a bhith ceangailte ri tìr-mòr le drochaid-rathaid bho 1995).

Mapa 1: Far a bheil Ospadalan, Dachaighean-cùraim is Ionadan-slàinte NHS na Gàidhealtachd

A dh’aindeoin a’ bheachd chumanta a gheibhear mun Ghàidhealtachd gur e àite brèagha, tlachdmhor a th’ ann airson fuireach, tha nithean mar chruadal, bochdainn connaidh agus neo-ionannachd a’ toirt buaidh air muinntir na sgìre, agus tha farsaingeachd de dhùbhlain a’ tighinn

5Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 6: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

an cois sin nuair a thig e gu bhith lìbhrigeadh sheirbheisean.

Ann an tòrr àiteachan air a’ Ghàidhealtachd, tha an NHS agus buidhnean eile san roinn phoblaich a’ toirt cosnadh do ghrunn dhaoine, agus ma thèid seirbheisean atharrachadh faodaidh sin bualadh gu cruaidh air sgìrean a tha mu thràth uireasbhaidheach. Tha àite cudromach againn ann a bhith gleidheadh cor sòisealta agus eaconamach nan sgìrean sin air stèidh làidir, agus mar sin faodaidh draghan no ceistean mu cho math ’s a tha na seirbheisean slàinte, no mu atharraichean orra, a bhith nan adhbhar iomagain nach beag do choimhearsnachdan, luchd-poilitigs nàiseanta agus ionadail agus do luchd-obrach.

Tha àireamh nas motha de dhaoine nas sine mar phàirt den t-sluagh air a’ Ghàidhealtachd na gheibhear sa chumantas ann an sgìrean eile de dh’Alba. Tha e cumanta gum bi obair ràitheil aig daoine, agus ann an cuid a sgìrean den Ghàidhealtachd tha e gu math doirbh daoine a lorg a nì cuid a dh’obraichean. Tha dleastanas ionmhasail air NHS na Gàidhealtachd gus mu £47m a chùmhnadh (7% de bhuidseat luach £800m) gus am bi cothromachadh san ionmhas againn ann an 2017/18 agus feumaidh sinn mu £100 millean a chùmhnadh thairis air trì bliadhna. Tha geàrr-chunntas ann air prìomh fhiosrachadh is àireamhan eile.

’S e aon de na dùbhlain a tha romhainn gun dèan sinn cinnteach gun toir sinn seachad seirbheisean slàinte is cùraim a tha sàbhailte agus èifeachdach, agus gun tèid modhan-cùraim ùra a chur an sàs a ghabhas cumail suas agus a fhritheileas air na feuman aig daoine san àm ri teachd. Tha sinn a’ dèanamh sin tro ar ceann-uidhe, Sàr Chùram don Ghàidhealtachd (SCG).

Tha SCG a’ cur an cèill mar a tha NHS na Gàidhealtachd ag obair gus piseach a thoirt air cùram agus am feum a nì an cùram sin do dhaoine air a’ Ghàidhealtachd. Tha e a’ mìneachadh nan dòighean sam bith sinn ag obair, ar luachan agus na dòighean san giùlain sinn sinn fhìn. Tha e a’ comharrachadh cho cudromach ’s a tha e piseach a thoirt air slàinte an t-sluaigh agus gun toirear an cùram ceart do gach duine fa leth gach turas. Nì sinn sin le bhith toirt seachad cùram a tha a’ gabhail ealla ri feuman gach neach fa leth agus le bhith cur às do dh’ana-caitheamh, a’ lùghdachadh cron sam bith a tha euslaintich a’ fulang agus a’ cumail rian air eadar-dhealachaidhean sna seirbheisean cùraim is clionaigeach. Tha an fheallsanachd seo gu follaiseach a’ cur cuideam air na dòighean san dèan sinn am feum as fheàrr de ar goireasan is ionmhas. Tha e stèidhichte air fianais a tha sealltainn, ma nì sinn oidhirp gus sàr sheirbheis a thoirt seachad agus gus frithealadh air feuman gach neach fa leth, gun tig piseach air slàinte dhaoine, air a’ chùram a bheir sinn seachad agus gum faigh sinn luach nas fheàrr bho ar cuid ionmhais.

1.1.1 Structar agus Modhan-riaghlaidh

Tha NHS na Gàidhealtachd air a stiùireadh le Bòrd air a bheil 21 Bhall, 15 Buill Neo-dhreuchdail agus sianar Bhall le Dreuchd sa Bhuidhinn. ’S iad an Àrd Luchd-stiùiridh a tha cuideachd nam Buill den Bhòrd, an t-Àrd-oifigear, an Stiùiriche Meidigeach, Stiùiriche an Ionmhais, an Stiùiriche Nursaidh, an Stiùiriche airson Sgiobachd agus Stiùiriche Slàinte a’ Phobaill.

6Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 7: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

Tha am Bòrd a’ cumail stiùir air mar a tha NHS na Gàidhealtachd cunntachail airson na nì sinn, mar a choileanas sinn ar n-obair agus tha grunn Chomataidhean a’ cumail taic ri obair a’ Bhùird. Tha am Bòrd fhèin cunntachail do Riaghaltas na h-Alba tro Rùnaire a’ Chaibineit airson Slàinte is Sunnd. Thèid an Cathraiche agus gach Stiùiriche Neo-dhreuchdail a chur nan dreuchd le Rùnaire a’ Chaibineit.

Bithear a’ cumail coinneamhan a’ Bhùird gach dà mhìos, tha iad fosgailte don mhòr-shluagh agus thèid an craoladh air an eadar-lìon. Thèid sgrùdadh bliadhnail, tha cuideachd fosgailte don mhòr-shluagh, a chumail leis a’ Bhòrd.

Tha sgìre a’ Bhùird Slàinte a’ gabhail a-steach dà Ùghdarras Ionadail, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid. A thaobh mar a tha i ag obair, tha an t-seirbheis air a ruith le Com-pàirteachas Slàinte is Cùram Sòisealta na Gàidhealtachd (a’ gabhail a-steach an aon sgìre ri Comhairle na Gàidhealtachd) agus Com-pàirteachas Slàinte is Cùram Sòisealta Earra-Ghàidheal is Bhòid (a’ gabhail a-steach an aon sgìre ri Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid).

Tha Prìomh Oifis a’ Bhùird ann an Inbhir Nis, agus i an-dràsta suidhichte ann an Taigh Asainn, Pàirce Coille nam Faidhbhile. Ge-tà, tha goireasan agus oifisean ionadail air feadh na sgìre againn.

1.2 Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

Chaidh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba le sùil gus inbhe na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte mar chànan oifigeil ann an Alba a tha a’ faighinn spèis a tha co-ionann ris an spèis a th’ ann don Bheurla.

’S e aon de na h-earrainnean as cudromaiche de Achd 2005, an cumha a tha toirt ùghdarras do Bhòrd na Gàidhlig (a’ phrìomh bhuidheann fo sgèith Riaghaltas na h-Alba ris a bheil e an urra suidheachadh na Gàidhlig a thoirt air adhart) iarraidh air buidhnean poblach Planaichean Gàidhlig ullachadh. Chaidh an cumha sin a dhealbh gus dèanamh cinnteach gun cuidicheadh an roinn phoblach ann an Alba gus Gàidhlig a ghleidheadh san àm ri teachd agus iad a’ cur ri inbhe is ìomhaigh a’ chànain agus a’ cruthachadh chothroman pragtaigeach gus an cànan a chleachdadh.

1.3 An dleastanas a th’ ann Plana Gàidhlig ullachadh

Bidh dleastanas air buidheann phoblach Plana Gàidhlig ullachadh aon uair ’s gum faigh iad fios-plana foirmeil bho Bhòrd na Gàidhlig fo earrainn a trì de dh’Achd 2005. Fhuair a’ chiad Phlana Gàidhlig aig NHS na Gàidhealtachd aonta bho Bhòrd na Gàidhlig air 18 Sultain 2012.

1.4 A’ Ghàidhlig ann an Alba

Tha a’ Ghàidhlig na pàirt cudromach de dhualchas, dùthchas is cultar na h-Alba. Tha NHS na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil cor na Gàidhlig air stèidh gu math cugallach agus ma tha a’ Ghàidhlig a’ dol a mhaireachdainn agus a dhol am feabhas ann an Alba, feumaidh grunn dhaoine is bhuidheann obrachadh còmhla, a’ gabhail a-steach buidhnean poblach. ’S e iad na prìomh raointean a tha air an comharrachadh gus cor na Gàidhlig a chumail fallain

7Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 8: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

san ùine fhada:

ag àrdachadh inbhe na Gàidhlig; a’ cur ionnsachadh na Gàidhlig air adhart; a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig.

Chaidh 57,602 daoine aois trì no nas sine a chlàradh mar luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Cunntas-sluaigh 2011, beagan a bharrachd air 1% de Shluagh na h-Alba. Ged a tha luchd-labhairt na Gàidhlig air an sgaoileadh air feadh Alba, tha 21% dhiubh a’ fuireach ann an Roinn na Gàidhealtachd, agus tha 6% dhiubh a’ fuireach ann an Earra-Ghàidheal is Bòd. ’S ann sna h-Eileanan Siar as làidire a tha a’ Ghàidhlig fhathast ann an Alba.

1.5 A’ Ghàidhlig san roinn a tha fo sgèith a’ Bhùird

’S iad na h-Eileanan Siar aon de na àiteachan as làidire a thaobh na Gàidhlig agus tha i air a bruidhinn mar chànan coimhearsnachd an sin fhathast. Ged nach eil na h-Eileanan Siar mar phàirt de sgìre a’ Bhùird, bidh NHS na Gàidhealtachd a’ toirt grunn sheirbheisean do dhaoine bho na h-Eileanan Siar ann an Steòrnabhagh, agus ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis far am bi cuid a dh’euslaintich bho na h-Eileanan Siar a’ faighinn cùram is leigheas cudromach.

San Eilean Sgitheanach is Ratharsair, Tiriodh agus Colbhasa, tha còrr is 20% de na daoine sna coimhearsnachdan sin a’ bruidhinn Gàidhlig.

Ann an 2016-17, bha 25 bun-sgoiltean air a’ Ghàidhealtachd agus ann an Earra-Ghàidheal is Bòd a’ tabhann Foghlam tron Ghàidhlig (FtG) agus bha 35 àrd-sgoiltean a’ tabhann chlasaichean Gàidhlig no cuspairean tron chànan.

A bharrachd air sin, bha 1,848 duine cloinne uile-gu-lèir ann am Foghlam tron Ghàidhlig air a’ Ghàidhealtachd agus ann an Earra-Ghàidheal is Bòd. Tha Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach na Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig agus na colaiste Ghàidhlig a tha mar phàirt de dh’Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann grunn chothroman ionnsachaidh do dhaoine le ùidh sa Ghàidhlig, an dà chuid aig a’ cholaiste fhèin agus tro fhoghlam air astar.

Tha BBC ALBA a’ craoladh ann an sgìre a’ Bhùird, ’s e sianal Gàidhlig agus didseatach a th’ ann.

1.6 Sgrùdadh air Comasan Gàidhlig Luchd-obrach NHS na Gàidhealtachd

Sa chiad deasachadh den phlana againn, chuir sinn romhainn gun dèanamaid sgrùdadh air ar luchd-obrach a-rithist. Chaidh sgrùdadh air-loidhne a chumail am measg luchd-obrach NHS na Gàidhealtachd (a’ gabhail a-steach Stiùirichean Neo-dhreuchdail) eadar 24 Giblean agus 8 Cèitean 2017.

B’ e adhbhar an sgrùdaidh:

8Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 9: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

faicinn dè an ìre de thuigse a bh’ aig an luchd-obrach air an dleastanas a th’ air NHS na Gàidhealtachd gus a’ Ghàidhlig a chur air adhart;

measadh a dhèanamh air sgilean leughaidh, labhairt agus sgrìobhaidh an luchd-obrach ann an Gàidhlig;

measadh a dhèanamh air mar a tha Gàidhlig air a cleachdadh an-dràsta san àite-obrach;

faicinn dè an ùidh a th’ aig daoine ann a bhith leasachadh nan sgilean Gàidhlig aca mar phàirt den obair aca agus dè na beachdan a th’ aca gus sin a dhèanamh; agus

buidheann de dhaoine a chruthachadh as urrainn cuideachadh le bhith toirt pàirtean den Phlana gu buil.

Chaidh an sgrùdadh a chur ann am post-d chun a h-uile neach-obrach (mu 10,000) agus chaidh a shanasachd tro ghrunn mhodhan-conaltraidh eile taobh a-staigh na seirbheis.

1.6.1 Toraidhean an Sgrùdaidh

Fhuaras 562 freagairtean bho luchd-obrach, sin mu 6% den luchd-obrach. An coimeas ri sgrùdaidhean eile a rinneadh air luchd-obrach gu h-ionadail le Survey Monkey ann an 2016/17, b’ e sin an dàrna àireamh as motha de fhreagairtean a fhuaras airson a leithid a sgrùdaidhean.

Thàinig na freagairtean bho thaghadh farsaing de luchd-obrach bho air feadh sgìre NHS na Gàidhealtachd, a bha aig diofar aoisean agus ann an diofar dhreuchdan. Bha boireannaich a’ dèanamh suas 78% de na daoine a fhreagair, agus sin mar thoradh air mar a bha leth de na daoine a fhreagair ag obair an lùib nursadh, banas-glùine agus sheirbheisean rianachd is clèireachd, dreuchdan far a bheil barrachd bhoireannaich ag obair.

Bha tuigse shoilleir aig aon chairteal den luchd-fhreagairt (146) air na dleastanasan a th’ air NHS na Gàidhealtachd fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Bha 39% a’ faireachdainn gu bheil àite aig a’ Ghàidhlig ann an leasachadh eaconamach na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Bha còrr is 40% den luchd-fhreagairt den bheachd gun robh e glè chudromach (20%) no cudromach (23%) gum biodh dleastanasan air NHS na Gàidhealtachd a thaobh na Gàidhlig. Dh’aontaich leth de na daoine a fhreagair gun sealladh e gu bheil NHS na Gàidhealtachd taiceil do chànan is cultar na Gàidhlig nam biodh stuthan dà-chànanach mar phàirt de dh’ìomhaigheachd na buidhne. Bha barrachd air leth (53%) de dhaoine a’ faireachdainn gun gabhadh Gàidhlig a chleachdadh barrachd an lùib NHS na Gàidhealtachd.

Dh’aontaich 65% gun robh e cudromach gum biodh an roghainn aig euslaintich / luchd-cleachdaidh na seirbheis Gàidhlig a chleachdadh nam biodh iad na bu chofhurtaile a’ dèanamh sin.

Thuirt leth den luchd-fhreagairt (282) gun robh beagan Gàidhlig aca (abairtean is faclan sìmplidh). Chithear geàrr-iomradh air comasan tuigsinn, labhairt, sgrìobhaidh agus leughaidh dhaoine ann an Gàidhlig ann an Clàran 1a, 1b, 1c agus 1d:

9Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 10: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

Clàr 1a: Ìrean-comais a thaobh a bhith tuigsinn na Gàidhlig

An àireamh a fhreagair

Às a’ cheud

Bunaiteach 124 21.9Eadar-mheadhanach 45 8.0Adhartach 21 3.7Fileanta 37 6.5Gun chomas 338 59.8Iomlan 565 100.0

Clàr 1b: Ìrean-comais a thaobh a bhith labhairt na Gàidhlig

An àireamh a fhreagair

Às a’ cheud

Bunaiteach 135 23.8Eadar-mheadhanach 50 8.8Adhartach 7 1.2Fileanta 35 6.2Gun chomas 340 60.0Iomlan 567 100.0

Clàr 1c: Ìrean-comais a thaobh a bhith sgrìobhadh na Gàidhlig

An àireamh a fhreagair

Às a’ cheud

Bunaiteach 82 14.5Eadar-mheadhanach 31 5.5Adhartach 14 2.5Fileanta 22 3.9Gun chomas 417 73.7Iomlan 566 100.0

Clàr 1d: Ìrean-comais a thaobh a bhith leughadh na Gàidhlig

An àireamh a fhreagair

Às a’ cheud

Bunaiteach 94 16.6Eadar-mheadhanach 35 6.2

10Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 11: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

Adhartach 17 3.0Fileanta 24 4.2Gun chomas 395 69.9Iomlan 565 100.0

A thaobh àiteachan-obrach agus suidheachaidhean obrach far an robh Gàidhlig air a cleachdadh no mar phàirt den obair ann an 2016, bha sin fìor airson mu aon trian den luchd-fhreagairt. Agus a-mach às na suidheachaidhean sin, bha beagan a bharrachd air leth dhiubh a’ buntainn ri conaltradh ri euslaintich no luchd-cleachdaidh na seirbheis ann an Gàidhlig agus bhuin aon trian dhiubh ri conaltradh ri co-obraichean, buidhnean com-pàirteach no cunnradairean bhon taobh a-muigh.

Fhreagair an luchd-freagairt grunn cheistean a thaobh dè bheireadh barrachd misneachd do luchd-obrach gus Gàidhlig a chleachdadh nan obair agus b’ e clasaichean còmhraidh Gàidhlig aon de na freagairtean a bu motha a thugadh seachad. Thuirt 230 den luchd-fhreagairt (41%) gum biodh ùidh mhòr no ùidh aca ann a bhith leasachadh nan sgilean cànain aca.

Tha geàrr-dhealbh no “wordle” ann gu h-ìosal de na beachdan a fhuaras san earrainn far an robh saorsa aig daoine na beachdan aca fhèin a thoirt seachad. Tha “wordle” na ghoireas gus “cruinneachadh de dh’fhaclan” a chruthachadh stèidhichte air beachdan a fhuaras air ais bho dhaoine. Bidh na faclan as trice a nochd am measg nam beachdan a fhuaras nas follaisiche sa wordle (Figear 1).

Figear 1– Wordle stèidhichte air an sgrùdadh air an luchd-obrach

11Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 12: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

1.6.2 Coimeas ri toraidhean 2012

Nuair a chaidh an sgrùdadh a dhèanamh ann an 2012, ghabh 73 daoine pàirt ann agus fhreagair 44 dhiubh a h-uile ceist. Seach gun robh an sampall sin cho beag, chan eil slat-tomhais mòr gu leòr againn gus coimeas ceart a dhèanamh eadar na sgrùdaidhean.

1.7 Ath-sgrùdadh air a’ Phlana airson 2012-2017

Chaidh ath-sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air a’ chiad Phlana Ghàidhlig aig NHS na Gàidhealtachd. Tha e soilleir nach deach am Plana a choileanadh mar a bha dùil. Ged a chaidh cuid a ghnìomhan a choileanadh, cha deach an cur an sàs gu h-iomlan agus cha deach a h-uile gnìomh a choileanadh agus mar sin cha tug iad cus buaidh.

Ge-tà, tha cuid a raointean den t-seirbheis a tha air atharrachadh a-nis, agus mar sin chan eil iad san dàrna Plana. Chan eil NHS na Gàidhealtachd a’ stiùireadh obair nan Seirbheisean Cloinne no Nursaichean Sgoile. Chan eil na Seirbheisean Corporra againn a’ dèanamh agus a’ foillseachadh stuthan clò-bhuailte chun na h-aon ìre ’s a bha iad, ach nuair a thathar gan dèanamh, thèid feadhainn dhiubh a dhèanamh gu dà-chànanach.

Cuideachd, bheir NHS na Gàidhealtachd an làn-thaic don Dr Lindsay Dombrowski (Àrd-òraidiche ann am Foghlam, Oilthigh Taobh Siar na h-Alba) a tha ann an sgioba a chaidh fhastadh le Bòrd na Gàidhlig gus measadh neo-eisimeileach a dhèanamh air coileanadh Plana Gàidhlig NHS na Gàidhealtachd.

Bheirear fa-near do mholaidhean no fiosrachadh sam bith a thig bhon mheasadh sin agus thèid na dh’ionnsaicheas sinn fhighe a-steach don phlana ghnìomh againn a tha leantainn.

12Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 13: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

2. Am Plana Gàidhlig an Lùib an Structair Chorporra

“Bhiodh e sgoinneil nam biodh leasanan Gàidhlig ann do luchd-obrach feuch am b’ urrainn dhaibh bruidhinn is conaltradh ri fileantaich.”

2.1 An neach-dreuchd a stiùireas coileanadh a’ Phlana aig ìre ro-innleachdail

’S e an t-àrd neach-stiùiridh a bhios a’ stiùireadh, aig ìre ro-innleachdail, mar a thèid Plana Gàidhlig NHS na Gàidhealtachd ullachadh, a lìbhrigeadh agus a sgrùdadh:

An t-Àrd-ollamh Elaine Mead

Àrd-oifigearNHS na GàidhealtachdTaigh AsainnPàirce nam FaidhbhileINBHIR NIS IV2 3BW

2.2 An neach-dreuchd ris a bheil e an urra dèanamh cinnteach gun tèid am Plana a lìbhrigeadh bho latha gu latha

Tha e an urra ris a’ Cheannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball dèanamh cinnteach gun tèid Plana Gàidhlig NHS na Gàidhealtachd a lìbhrigeadh bho latha gu latha. Tha mìneachadh air modhan-sgrùdaidh ann an Earrainn a Còig. Bu chòir dhuibh ceistean mu lìbhrigeadh a’ phlana bho latha gu latha a chur gu:

Maimie NicThòmhais

Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ PhoballNHS na GàidhealtachdTaigh AsainnPàirce nam FaidhbhileINBHIR NIS IV2 3BW

[email protected] 704722@nhshmt

2.3 An Neach-comhairleachaidh Gàidhlig

Fhuair am Bòrd comhairle bho Etta NicAoidh, fileantach aig a bheil Gàidhlig mar chiad chànan, nuair a bha iad ag ath-sgrùdadh a’ Phlana airson 2012-2017 agus ag ullachadh a’ Phlana seo. Tha Etta na Prìomh Riochdaire a’ Chom-pàirteachais agus i stèidhichte aig Ospadal an Ràthaig Mhòir, agus chleachd i a bhith na bean-ghlùine.

13Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 14: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

Etta NicAoidh

Prìomh Riochdaire a’ Chom-pàirteachaisNHS na Gàidhealtachd Ospadal an Ràthaig MhòirINBHIR NIS IV2 3UJ

[email protected] 01463 705898

2.4 Luchd-obrach fa leth

A rèir an sgrùdaidh, tha còrr is 100 neach-obrach ann aig a bheil ùidh ann a bhith leasachadh nan sgilean Gàidhlig aca agus thug iad seachad am fiosrachadh conaltraidh aca. Leigidh sin leinn fios a chur thuca a-rithist gus taic is ionnsachadh freagarrach a chur air dòigh dhaibh airson na sgilean Gàidhlig aca a leasachadh agus faodaidh sinn faighneachd dhaibh a bheil dòighean ann sam bu thoigh leotha cuideachadh le bhith toirt a’ Phlana Ghàidhlig gu buil.

2.5 Seirbheisean air an lìbhrigeadh le daoine eile

Thèid aire nan daoine a tha lìbhrigeadh sheirbheisean/bathar às leth NHS na Gàidhealtachd a tharraing gu mar a tha sinn air a chur romhainn Plana Gàidhlig a thoirt gu buil, agus sinn a’ toirt iomradh air ar dleastanas a thaobh a’ Phlana nuair a tha seirbheisean/bathar air an cur a-mach gu tairgse no air an ceannach tro chùmhnantan agus sinn a’ dèanamh sin mar an cleachdadh àbhaisteach as fheàrr.

2.6 A’ Foillseachadh a’ Phlana agus Cothroman am Plana fhaicinn

Thèid am Plana fhoillseachadh gu dà-chànanach air ar làrach-lìn agus bidh e furasta fhaotainn. Cuideachd:

Sgaoilidh sinn brath-naidheachd dà-chànanach nuair a thèid aonta a chur ris a’ Phlana agus nuair a thèid am Plana fhoillseachadh

Cuiridh sinn air dòigh gum bi cothrom aig na meadhanan agallamhan a chumail mu dheidhinn a’ Phlana ann an Gàidhlig is Beurla

Sgaoilidh sinn fios gu luchd-obrach agus luchd-ùidhe mun Phlana ùr agus air mar a gheibh iad cothrom am Plana fhaicinn

Tarraingidh sinn aire dhaoine chun a’ Phlana tro na meadhanan sòisealta agus meadhanan eile

Cuideachd, thèid am Plana a chur gu sgoiltean san sgìre againn far a bheil Foghlam tron Ghàidhlig. Thèid planaichean conaltraidh is coluadair ionadail a dhealbh airson an Eilein Sgitheanaich, Ratharsair, Colla is Tiriodh.

14Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 15: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

3. Gàidhlig an Lùib Planaidh is Phoileasaidhean agus ceanglaichean ri Prìomhachasan Nàiseanta

“Tha mi a’ faireachdainn gu bheil e cudromach nach bi sinn a’ dèanamh rudeigin dìreach air sàillibh gu bheil sinn ag iarraidh gum bi sinn air ar faicinn a’ dèanamh an rud cheart, oir tha e cudromach gum bi amasan is adhbharan soilleir ann airson na tha sinn a’ dèanamh a tha sealltainn mar a dh’fhaodadh e a bhith math do shlàinte muinntir na Gàidhealtachd.”

Chaidh structar nas làidire a stèidheachadh gus an deasachadh seo de Phlana Gàidhlig NHS na Gàidhealtachd a lìbhrigeadh, a’ gabhail a-steach luchd-stiùiridh ris a bheil coileanadh a’ Phlana an urra, prìomh mhanaidsear le uallach airson a’ Phlana agus buidheann-sgrùdaidh.

3.1 A’ Dèanamh Gàidhlig na Pàirt Àbhaisteach de dh’Obair na Seirbheis

Tro ar Plana Gàidhlig, cruthaichidh sinn cothroman gus an cànan a chur air adhart agus a thoirt air adhart tro phoileasaidhean a th’ againn mu thràth. Cuiridh sinn gnìomhan an sàs gus dèanamh cinnteach gum bi Gàidhlig na pàirt nas motha de dh’obair làitheil NHS na Gàidhealtachd ann an dòighean sìmplidh nach bi ro chosgail/far nach bi cosgais ann idir, leithid a’ conaltradh ri euslaintich, ìomhaigheachd chorporra, a’ solarachadh sheirbheisean agus cùmhnantan.

3.2 A’ Toirt Taic do Chinn-uidhe a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig

Tha NHS na Gàidhealtachd air a chur romhpa taic a thoirt don obair gus dèanamh cinnteach gun tèid am Plana Nàiseanta a choileanadh. Chaidh an sgrìobhainn seo, Plana Gàidhlig NHS na Gàidhealtachd, ullachadh a rèir frèam-obrach Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha e a’ cur an cèill mar a tha sinn a’ dol a chleachdadh Gàidhlig nar n-obair, mar a bheir sinn cothrom do dhaoine air Gàidhlig a chleachdadh nuair a tha sinn a’ conaltradh ris a’ phoball agus ri prìomh luchd-compàirt, agus mar a tha sinn a’ dol a bhrosnachadh agus a’ dol a thoirt na Gàidhlig air adhart.

Chaidh am Plana ullachadh a rèir nan slatan-tomhais reachdail ann an Achd 2005, agus thugadh fa-near don Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig agus don Stiùireadh air Deasachadh Phlanaichean Gàidhlig. ’S e ar prìomh ghealladh gun cuir sinn gu mòr ri làthaireachd is ìomhaigh na Gàidhlig san fharsaingeachd air a’ Ghàidhealtachd agus ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, agus an gealladh sin air a dhaingneachadh leis na h-amasan a leanas:

A’ dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig euslaintich, le feuman clionaigeach leithid ma tha dementia orra, cothrom conaltradh a dhèanamh ann an Gàidhlig

Nithear barrachd oidhirp a thaobh na Gàidhlig ann an sgìrean far a bheil co-dhiù 20% den t-sluagh a’ bruidhinn na Gàidhlig no far a bheil Foghlam tron Ghàidhlig air a thoirt seachad

Gabhar ealla ris na feuman aig clann le Gàidhlig, a’ gabhail a-steach am poileasaidh aig NHS na Gàidhealtachd airson Pàrant Corporra.

3.2.1 Na nì sinn gus cuideachadh le bhith coileanadh a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig:

15Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 16: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

An Dachaigh agus Na Tràth-bhliadhnaichean

Ma tha a’ Ghàidhlig a’ dol a mhaireachdainn agus dol a thighinn am feabhas san àm ri teachd feumaidh barrachd dhaoine an cànan ionnsachadh agus mar sin feumar barrachd prìomhachais a chur air an dachaigh agus foghlam nan tràth-bhliadhnaichean. Gus an ceann-uidhe sin a ruighinn bidh sinn ag obair, mar phrìomhachas, gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus fhighe a-steach ann an seirbheisean màthaireil agus seirbheisean airson leanabhan air an ùr-bhreith.

Foghlam

Ma tha a’ Ghàidhlig a’ dol a mhaireachdainn agus dol a thighinn am feabhas san àm ri teachd chan e a-mhàin gum feumar àrdachadh a thoirt air an àireamh dhaoine as urrainn an cànan a bhruidhinn, ach cuideachd feumaidh a’ Ghàidhlig a bhith air a cleachdadh barrachd. A thaobh an amais sin, tha e fìor chudromach gum faigh barrachd dhaoine taic gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh mar an cànan as fheàrr leotha a chleachdadh agus sin a’ gabhail a-steach an conaltradh a nì iad ri luchd-obrach nan seirbheisean slàinte.

Coimhearsnachdan

Tha an ìre ’s gu bheil cànan mar phàirt de bheatha làitheil dhaoine a’ toirt buaidh air inbhe a’ chànain sin, agus tha an ìre ’s gu bheil an cànan air a cleachdadh leis na buidhnean oifigeil aig a bheil àite cudromach ann am beatha dhaoine bho latha gu latha, agus an t-sùim a chuireas iad sa chànan, cuideachd a’ toirt buaidh air inbhe a’ chànain. A thaobh sin, tha e comasach do NHS na Gàidhealtachd diofar mòr a dhèanamh leis na h-amasan a leanas:

A’ toirt leudachadh air cleachdadh na Gàidhlig agus ga dèanamh nas follaisiche, gu h-àraidh ann an sgìrean far a bheil comasan Gàidhlig aig 20% no barrachd den t-sluagh.

A’ toirt taic do dh’iomairtean a nì feum de na sgilean is comasan aig luchd-labhairt na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach a bhith toirt chothroman follaiseach do dhaoine air comhairle slàinte ann an Gàidhlig.

A’ cur ri in-ghabhail, sunnd dhaoine agus a’ toirt barrachd cumhachd dhaibh tro bhith conaltradh ri coimhearsnachdan ann an Gàidhlig.

Ag obair gu gnìomhach gus am poileasaidh A’ Coileanadh na tha Ceart airson Gach Pàiste a chur an gnìomh airson clann le Gàidhlig.

An t-Àite-obrach

Tha NHS na Gàidhealtachd a’ gabhail ris gum feumar a’ Ghàidhlig a dhèanamh nas buntainniche agus nas cunbhalaiche mar chànan, agus gu bheil e cudromach gun tèid seirbheisean eadar-theangachaidh a thabhann. Am measg nan nithean a nì sinn tha:

A’ brosnachadh bheachdan taiceil don Ghàidhlig san àite-obrach tro bhith toirt fiosrachadh seachad mun chànan agus tro bhith dèanamh a’ chànain nas follaisiche.

Poileasaidhean fastaidh is trèanaidh a tha air an dealbh gus dèanamh cinnteach gun tèid geallaidhean ar Plana Gàidhlig a choileanadh.

A’ toirt barrachd chothroman do luchd-obrach Gàidhlig ionnsachadh agus do luchd-labhairt na Gàidhlig na sgilean cànain aca a leasachadh

16Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 17: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

Na Meadhanan is na h-Ealain; Dualchas is Turasachd

Faodaidh na meadhanan feum mòr a dhèanamh a thaobh a bhith dèanamh na Gàidhlig nas buntainniche agus nas cunbhalaiche mar chànan air feadh na sgìre. Tha na h-ealain, dualchas agus turasachd uile a’ cur ri cho tarraingeach ’s a tha sgìre NHS na Gàidhealtachd agus cuidichidh sin le bhith fastadh agus a’ gleidheadh luchd-obrach. Brosnaichidh sinn ceanglaichean obrach làidir ris na meadhanan Gàidhlig.

An Eaconamaidh

San sgrùdadh a chùm sinn o chionn ghoirid le luchd-obrach, dh’aontaich 39% den luchd-obrach a fhreagair gu bheil àite aig a’ Ghàidhlig ann an leasachadh eaconamach na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal is Bhòid. Tha NHS na Gàidhealtachd air a chur romhpa gun cuidich iad le bhith neartachadh margaidh-obrach na Gàidhlig agus sinn a’ toirt trèanadh do, a’ cur luach ann an, a’ sanasachd obraichean airson agus a’ trusadh luchd-obrach le sgilean Gàidhlig.

An Corpas

Tha NHS na Gàidhealtachd a’ gabhail ris gum feumar a’ Ghàidhlig a dhèanamh nas buntainniche agus nas cunbhalaiche mar chànan, agus gu bheil e cudromach gun tèid seirbheisean eadar-theangachaidh a thabhann agus gun tèid rannsachadh air a’ chànan a chur air adhart.

3.3 Prìomhachasan Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba

Tha NHS na Gàidhealtachd air a chur romhpa gun cuidich iad le bhith coileanadh cinn-uidhe ro-innleachdail Riaghaltas na h-Alba, agus iad a’ miannachadh gum bi Alba:

Nas Beairtiche is nas Cothromaiche Nas Tùraile Nas Fallaine Nas Sàbhailte is nas Treasa Nas Taiceil don Àrainneachd

3.4 Prìomhachasan Ionadail

Rè ùine a’ Phlana, bidh sinn a’ cur iomairt ionadail an sàs, ‘Ceangal is Càirdeas’. Tha sin ag amas air a bhith brosnachadh dhaoine fa leth agus bhuidhnean coimhearsnachd bho air feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bhith toirt taic do no gu bhith dèanamh ceangal ri cuideigin a tha aonranach. Mar phàirt den iomairt, feuchaidh sinn ri luchd-obrach le Gàidhlig a chomharrachadh as urrainn ‘Ceangal is Càirdeas’ a thogail le luchd-labhairt na Gàidhlig a tha aonranach. Cuideachd, bruidhnidh sinn ri Comhairle na Gàidhealtachd mu rud sam bith as urrainn dhuinn ionnsachadh bhon amas aca gus barrachd chothroman a stèidheachadh far an urrainn do sheann dhaoine agus daoine òga coinneachadh airson Gàidhlig a bhruidhinn ri chèile.

17Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 18: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

’S e prìomhachas ionadail eile a th’ againn gum bi daoine a’ coimhead air NHS na Gàidhealtachd mar àite far am b’ fheàrr leotha a bhith ag obair. An lùib coileanadh a’ Phlana bidh cothroman ann gus a’ Ghàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal is Bòd a chur air adhart mar sgìrean tarraingeach agus sinn an dòchas gun cuidich sin le bhith fastadh agus a’ gleidheadh luchd-obrach.

18Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 19: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

4. Geallaidhean a’ Phlana

“Bho chunnaic mi fhìn, tha euslaintich le Gàidhlig nas fhosgailte nuair a bhruidhneas an neach-obrach slàinte riutha sa chànan aca fhèin. Tha iad a’ cur barrachd earbsa annta agus

tha e a’ cur às do bhacaidhean sòisealta. Tha e a’ cur ri sunnd an euslaintich.”

4.1 Geallaidhean Àrd-ìre

Chaidh amasan àrd-ìre aontachadh le Ministearan na h-Alba mus d’ fhuair sinn fios gus Plana ullachadh. Tha iad stèidhichte air prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig a bh’ ann aig an àm agus gnìomhan eile a bha Bòrd na Gàidhlig den bheachd a chuideachadh le amasan ro-innleachdail. Chaidh an dealbh le Bòrd na Gàidhlig gus freagairt air prìomh dhleastanasan NHS na Gàidhealtachd.

4.2 Geàrr-iomradh air Geallaidhean a thaobh Ìrean Seirbheis

Ann a bhith stèidheachadh gheallaidhean a thaobh ìrean seirbheis, dh’ainmich Bòrd na Gàidhlig còig prìomh raointean far a bheil iad an dùil gun cuir sinn amasan romhainn sa Phlana againn.

Follaiseachd

Nì NHS na Gàidhealtachd a’ Ghàidhlig follaiseach no nas follaisiche nar n-obair làitheil, gu h-àraidh san t-suaicheantas chorporra againn agus ann an soidhnichean nuair a thèid an ùrachadh no an ath-dhealbh mar phàirt de na modhan-ùrachaidh àbhaisteach aig a’ bhuidhinn.

Luchd-obrach

Tha e fìor chudromach gun tèid piseach a thoirt air na sgilean Gàidhlig aig ar luchd-obrach agus an t-eòlas a th’ aca air a’ chànan, ma thathar a’ dol a choileanadh prìomh amas ar Plana, sin: a’ dèanamh cinnteach gun urrainn do dhaoine a bhios a’ cleachdadh ar seirbheisean conaltradh a dhèanamh rinn ann an Gàidhlig mas e sin a tha iad ag iarraidh.

Conaltradh is Obair Làitheil

Ma chleachdas sinn Gàidhlig sna meadhanan agus nuair a tha sinn a’ conaltradh ri luchd-naidheachd, cuidichidh sin le bhith neartachadh ar dòighean-conaltraidh agus nì e soilleir don mhòr-shluagh gu bheil sinn ag iarraidh gum bi an cànan nas follaisiche agus gum bi inbhe nas àirde aig a’ Ghàidhlig. Chaidh grunn ghnìomhan a chomharrachadh gus piseach a thoirt air mar a thèid a’ Ghàidhlig a chleachdadh nar n-obair làitheil.

An Corpas

Tha NHS na Gàidhealtachd a’ gabhail ris gu bheil e cudromach gun tèid cànan na Gàidhlig a leasachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil i freagarrach airson gach adhbhar a thèid a cleachdadh agus gu bheil i freagarrach airson a cleachdadh sna suidheachaidhean sam bi i air a cur gu feum san latha an-diugh.

19Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 20: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

4.3 A’ Coileanadh a’ Phlana airson 2017-2022

Mar a chaidh a ràdh mu thràth, ann a bhith dealbh a’ Phlana seo thugadh fa-near don ath-sgrùdadh a rinneadh air a’ chiad Phlana a sheall nach do choilean NHS na Gàidhealtachd a h-uile gealladh airson 2012-17 mar a bha dùil. Mar sin, tha sinn airson sin a chur ceart le bhith coileanadh nan gnìomhan airson 2017 gu 2022 mar bu chòir, agus bidh sgrùdadh nas mionaidiche, agus luchd-stiùiridh a bhios os cionn a’ Phlana, a’ cuideachadh le sin.

Sna Clàran gu h-ìosal, chithear mar a thèid am plana coileanaidh a thoirt gu buil, a’ gabhail a-steach geallaidhean àrd-ìre agus coitcheann.

1.FOLLAISEACHDOs Cionn an Raoin seo – Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball / Clèireachas a’ Bhùird

Na gnìomhan a tha dhìth Cinn-latha airson an Coileanadh (*)

An t-oifigear/Roinn le uallach airson a’ ghnìomha

1.1 Bidh ainmean-sgrìobhte puist-d nan Stiùirichean le Dreuchd agus nan Stiùirichean Neo-dhreuchdail dà-chànanach

2017 Clèireachas a’ Bhùird

1.2 Bidh ainm-sgrìobhte puist-d dà-chànanach aig 100 neach-obrach

2017 Àrd-oifigear / Neach-comhairleachaidh Gàidhlig

1.3 Bidh an ìomhaigheachd sna ceithir ionadan-fàilte aig Prìomh Oifis NHS na Gàidhealtachd dà-chànanach

2017 Clèireachas a’ Bhùird / Ceann nan Àrainnean

1.4 Thèid suaicheantas corporra NHS na Gàidhealtachd a dhealbh gu dà-chànanach, le spèis cho-ionann ga shealltainn don Ghàidhlig agus don Bheurla, an ath chothrom a bhios ann gus an suaicheantas ath-dhealbh agus thèid a chleachdadh gu gnàthach.

2017 agus a’ leantainn

Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball

1.5 Bidh na stuthan pàipearachd corporra dà-chànanach

2017/18 Clèireachas a’ Bhùird

1.6 Bidh an sgrìobhadh air carbadan dà-chànanach

2017/18 Ceann nan Àrainnean

20Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 21: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

1.7 Bidh soidhnichean ùra no soidhnichean a thèid a chur an àite seann shoidhnichean aig togalaichean NHS na Gàidhealtachd air feadh sgìre a’ Bhùird dà-chànanach

Prògram a bhios a’ leantainn

Ceann nan Àrainnean

(*) Thèid na cinn-latha an ath-sgrùdadh agus an ùrachadh, ma bhios feum air sin, mar phàirt de na h-aithisgean-sgrùdaidh bliadhnail.

2. LUCHD-OBRACHOs Cionn an Raoin seo – Iar-Stiùiriche airson Sgiobachd / Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball

Na gnìomhan a tha dhìth Cinn-latha airson an Coileanadh (*)

An t-oifigear/Roinn le uallach airson a’ ghnìomha

2.1 A’ togail air toraidhean an sgrùdaidh air an luchd-obrach: thèid trèanadh a thabhann do luchd-obrach gus na sgilean Gàidhlig aca a leasachadh agus eòlas a chur air a’ Ghàidhlig

Ògmhios & Iuchar 2017

Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball / Neach-comhairleachaidh Gàidhlig

2.2 Thèid Gàidhlig a bhrosnachadh san àite-obrach agus a fighe a-steach cho fad ’s as urrainnear ann am pròiseasan NHS na Gàidhealtachd

2017 agus a’ leantainn

Cathraiche/Àrd-oifigear

2.3 Thèid buidheann de 50 luchd-obrach a

2017 agus a’ Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’

21Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 22: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

chruthachadh as urrainn cuideachadh le bhith toirt seachad comhairle no taic mheidigeach ann an Gàidhlig

leantainn Phoball / Neach-comhairleachaidh Gàidhlig

2.4 Thèid bràiste no modh eile a chruthachadh gus sealltainn do dh’euslaintich/luchd-cleachdaidh na seirbheis gu bheil Gàidhlig aig an luchd-obrach

2017/18 Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball / Neach-comhairleachaidh Gàidhlig

2.5 Thèid buidheann de thriùir luchd-obrach a thaghadh as urrainn agus a tha deònach agallamhan a dhèanamh leis na meadhanan

2017/18 Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball / Neach-comhairleachaidh Gàidhlig

2.6 Thèid buidheann de cheathrar luchd-obrach a thaghadh a tha deònach Tweets dà-chànanach a dhèanamh; ceithir tursan sa bhliadhna

2017/18 Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball / Neach-comhairleachaidh Gàidhlig

2.7 Foillsichidh sinn co-dhiù sia artaigilean ann an Gàidhlig gach bliadhna ionmhais sa Chuairt-litir airson luchd-obrach

2017/18 Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball / Neach-comhairleachaidh Gàidhlig

2.8 Poileasaidh Fastaidh a tha gabhail ris gum faod Gàidhlig a bhith na sgil riatanach no na sgil a tha na buannachd ann an sgìrean far a bheil Gàidhlig nas làidire

2017/18 Iar-Stiùiriche airson Sgiobachd

2.9 Thèid dreuchdan a shanasachd ann an Gàidhlig ann an sgìrean far a bheil Gàidhlig nas làidire

2017/18 Manaidsearan Sgiobachd airson Roinnean-obrach

2.10 Thèid cothroman is roghainnean trèanaidh a chur air dòigh

2017/18 Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball / Neach-comhairleachaidh Gàidhlig

2.11 Bheir sinn trèanadh seachad 2018/19 Ceannard airson Dàimh

22Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 23: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

do co-dhiù 100 neach-obrach

agus Conaltradh ris a’ Phoball / Neach-comhairleachaidh Gàidhlig

(*)Thèid na cinn-latha an ath-sgrùdadh agus an ùrachadh, ma bhios feum air sin, mar phàirt de na h-aithisgean-sgrùdaidh bliadhnail.

3. CONALTRADH IS OBAIR LÀITHEIL Os Cionn an Raoin seo – Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball

Na gnìomhan a tha dhìth Cinn-latha airson an Coileanadh (*)

An t-oifigear/Roinn le uallach airson a’ ghnìomha

3.1 Thèid brathan-naidheachd fhoillseachadh gu dà-chànanach / thèid fiosrachadh mu chuspairean mòra fhoillseachadh gu dà-chànanach nuair a tha ceangal ann ri sgìrean far a bheil Gàidhlig nas làidire

A’ leantainn Manaidsearan Conaltraidh

3.2 Thèid barrachd fiosrachaidh a chruinneachadh mun Ghàidhlig tro sgrùdaidhean is ceisteachain

A’ leantainn Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball / Prìomh Oifigear airson Chùisean Co-ionannachd

3.3 Bidh neach-labhairt le Gàidhlig ann airson agallamhan Gàidhlig nuair a ghabhas sin dèanamh

A’ leantainn Neach-comhairleachaidh Gàidhlig / Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball

3.4 Thèid ìomhaigheachd dhà-chànanach a chruthachadh airson Sàr Chùram don Ghàidhealtachd airson Prìomh Oifis NHS na Gàidhealtachd agus tachartasan

2017/18 Àrd-oifigear / Neach-comhairleachaidh Gàidhlig / Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball

3.5 Bhidiothan dà-chànanach airson YouTube, agus prìomhachas ga thoirt do na Tràth-bhliadhnaichean, Dementia, Ceangal is Càirdeas agus Leigheas Ciallach

As t-Fhoghar2017

Manaidsear Conaltraidh

3.6 Thèid freagairt a thoirt seachad ann an Gàidhlig do bhrathan a gheibhear ann an Gàidhlig, agus nithear sin san aon ùine a bheireadh e freagairt a thoirt do bhrathan Beurla

A’ leantainn Neach-comhairleachaidh Gàidhlig / Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball

3.7 Bheirear iomradh air an taic a tha sinn a’ toirt don Ghàidhlig ann an

As t-Fhoghar2017

Ceannard airson Solarachaidh / Ceannard nan Cùmhnantan

23Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 24: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

cùmhnantan sam bith3.8 Bidh Foirm-gearain dà-chànanach

ann2017/18 Luchd-riaghlaidh Clionaigeach

3.9 Freagraidh luchd-obrach an ionaid-fàilte am fòn ann an Gàidhlig ann an sgìrean far a bheil Gàidhlig nas làidire

2017/18 Manaidsearan Sgìreil / Ionadail

3.10 A’ toirt chothroman follaiseach air comhairle/taic mheidigeach, an-toiseach sna sgìrean far a bheil Gàidhlig nas làidire

2017/18 Neach-comhairleachaidh Gàidhlig / Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball / Stiùiriche na h-Obrach

3.11 Thèid comhairle/leigheas clionaigeach a thoirt seachad ann an Gàidhlig 50 turas gach bliadhna

2017/18 Neach-comhairleachaidh Gàidhlig / Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball / Stiùiriche na h-Obrach

3.12 Thèid plana a dhealbh gus susbaint dhà-chànanach a chruthachadh airson làrach-lìn NHS na Gàidhealtachd a sheallas spèis don Ghàidhlig a tha co-ionann don spèis a thathar a’ sealltainn don Bheurla

2017/18 Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball / Ceannard airson e-Slàinte

3.13 Bidh triùir luchd-obrach ann as urrainn bruidhinn ann an Gàidhlig aig coinneamhan poblach / tachartasan co-chomhairleachaidh far a bheil daoine an làthair a b’ fheàrr bruidhinn sa Ghàidhlig

2017/18 Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball / Àrd-oifigear

3.14 A’ cruthachadh ghoireasan bunaiteach, leithid rudan airson Fèilltean Fastaidh

2018 Manaidsear airson Planadh Luchd-obrach

(*)Thèid na cinn-latha an ath-sgrùdadh agus an ùrachadh, ma bhios feum air sin, mar phàirt de na h-aithisgean-sgrùdaidh bliadhnail.

4. AN CORPASOs Cionn an Raoin seo – Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball / Clèireachas a’ Bhùird

Na gnìomhan a tha dhìth Cinn-latha airson an Coileanadh (*)

An t-oifigear/Roinn le uallach airson a’ ghnìomha

4.1 Gabhaidh NHS na Gàidhealtachd ceumannan reusanta gus dèanamh cinnteach gu bheil

A’ leantainn Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball

24Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 25: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

seirbheisean eadar-theangachaidh a’ cumail ris na modhan-obrach is riaghailtean a thathar a’ moladh

4.2 Thèid ainmean-àite ceart a chleachdadh a rèir ’s mar a tha Ainmean-àite na h-Alba a’ moladh

A’ leantainn Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball

4.3 Thèid cumail ri Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba

A’ leantainn Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball

4.4 Bheirear taic don sgrùdadh neo-eisimeileach a nithear air a’ Phlana Ghàidhlig againn

As t-Earrach / As t-Samhradh 2017

Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball

4.5 Thèid coimhead air na cothroman a th’ ann gus obair còmhla ris an Sgioba Rannsachaidh, Leasachaidh is Innleachdais

As t-Fhoghar 2017

Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball

4.6 Thèid an Sgrùdadh air an Luchd-obrach a chumail a-rithist agus an uair sin gach dà bhliadhna co-dhiù às dèidh sin

As t-Earrach 2019

Ceannard airson Dàimh agus Conaltradh ris a’ Phoball

25Plana Gàidhlig 2017 - 2022

Page 26: NHS Highland Gaelic Language Plan 2017-2022 … · Web viewTha am Plana seo a’ stèidheachadh structar foirmeil, le luchd-dreuchd air an comharrachadh air a bheil dleastanasan a

5. Coileanadh

“Tha tòrr euslaintich bho na h-eileanan a thig a-steach dhan ospadal aig a bheil a’ Ghàidhlig mar chiad chànan - agus tha fhios a’m bho na tha mi air fhaicinn gu bheil iad nas fhosgailte nuair a

bhruidhneas tu riutha ann an Gàidhlig, ’s tha iad nas cofhurtaile.”

Bidh am Plana Gàidhlig seo an gnìomh gu foirmeil airson còig bliadhna bhon cheann-latha air am faigh e aonta bho Bhòrd na Gàidhlig. Nì sinn ath-sgrùdadh air a’ phlana ro dheireadh na h-ùine seo, nì sinn atharraichean air mar a bhios a dhìth agus cuiridh sinn a-steach e chun a’ Bhùird airson aonta.

Ann an Earrainn a Ceithir tha sinn air cinn-latha fa leth a stèidheachadh gus diofar phàirtean den Phlana a thoirt gu buil. Ged as e Plana còig-bliadhna a th’ ann, tha sinn air gnìomhan a chomharrachadh an toiseach a ghabhas coileanadh ann an 2017/18 agus gnìomhan a nì deisealachadh mu choinneamh, agus a bheir taic do, raointean far an dèanar tuilleadh adhartais ann an 2018/19. Mairidh am Plana gu 2022, agus thèid ùrachadh a dhèanamh air gach bliadhna.

5.1 A’ Sgrùdadh Coileanadh a’ Phlana

Thèid Buidheann-sgrùdaidh a stèidheachadh ris am bi e an urra sgrùdadh a dhèanamh air coileanadh a’ Phlana.

Air a’ bhuidhinn sin bidh riochdairean bho na roinnean a leanas: Sgiobachd, Àrainnean, Cùmhnantan, Nursadh, Rianachd, Seirbheisean Dementia, Cùisean Luchd-obrach, Conaltradh agus bidh Ball den Bhòrd oirre. Coinnichidh i dà thuras sa bhliadhna.

Cuideachd, gheibh an Sgioba Stiùiridh agus am Bòrd aithisg-sgrùdaidh bhliadhnail air an adhartas a rinneadh, agus thèid sin a chur gu Bòrd na Gàidhlig.

5.2 Mar a thèid am Plana a Mhaoineachadh

San fharsaingeachd, thèid am Plana a lìbhrigeadh le maoineachadh a th’ ann mu thràth, tro bhuidseatan a th’ againn an-dràsta leithid Àrainnean agus Dàimh is Conaltradh ris a’ Phoball. Thèid seirbheisean eadar-theangachaidh a lìbhrigeadh san aon dòigh anns a bheil seirbheis eadar-theangachaidh sam bith eile dem bi sinn a’ dèanamh feum. Chan eil a’ mhòr-chuid de ghnìomhan a’ dol a chosg mòran airgid, no airgead sam bith, ach bidh feum air luchd-obrach agus bidh aig luchd-stiùiridh ri ùine a thoirt seachad air obair a’ Phlana.

Dh’fhaodadh gum bi maoineachadh a dhìth gus, mar eisimpleir, trèanadh no stuthan Gàidhlig a thoirt seachad, agus thèid coimhead air gach suidheachadh fa leth nuair a dh’èireas e, agus thèid tobraichean maoineachaidh freagarrach a chomharrachadh no thèid iarrtasan-maoineachaidh ullachadh.

CHAN FHAIGHEAR EÀRR-RÀDHAN SA CHO-CHOMHAIRLEACHADH PHOBLACH

26Plana Gàidhlig 2017 - 2022