pròiseact sgoiltean a’ comharrachadh...agus faodaidh sibh stuth a chur a-steach uair sam bith...

2
RO-RÀDH Ann an 1745, thill prìonnsa òg à fògarrachd a dhleasadh an rìgh-chathair do a theaghlach, na Stiùbhartaich. Thog am Prìonnsa Teàrlach Èideard Stiùbhart feachd de Sheumasaich agus shabaid is bhuannaich iad a’ chiad bhlàr aca aig Sliabh a’ Chlamhain. Mheàrrs na Seumasaich an uair sin gu Lunnainn ach thàinig orra gèilleadh, agus chaidh buaidh a thoirt orra mu dheireadh le feachd nan còtaichean dearga aig Rìgh Seòras II ann an Cùil Lodair. Tha an sgeul seo air daoine bho air feadh an t-saoghail a bheò-ghlacadh, a ghluasad agus a bhrosnachadh fad 275 bliadhna. Phiobraich a’ bhuaidh Sheumasach aig Sliabh a’ Chlamhain, is dòcha on nach robh dùil ris, dìleab shaidhbhir is chultarach eadar-mheasgte a tha a’ leantainn chun an latha an-diugh. Tha am blàr ga chuimhneachadh ann an òrain, dàin, nobhailean, dealbhan agus grèis-bhratan. Is e carthannas a th’ ann an Urras Dualchais Blàr Sliabh a’ Chlamhain (1745) a tha ag amas air an dìleab chultarach seo a chumail beò. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil cruthachadh air obair ùr a cheart cho cudromach ri taisbeanadh an ama a dh’fhalbh. Mar sin, gus 275 bliadhna de chruthachalachd air a bhrosnachadh leis a’ bhlàr, a chomharrachadh, tha sinn a’ gairm dhaoine òga bho air feadh Alba cur ri innse na sgeulachd iongantaich seo. AR CUIREADH DO NA SGOILTEAN Tha sinn a’ toirt cuireadh do dhaoine òga 10-17 bliadhna a dh’aois, tabhartasan ùra agus mac-meanmhainneach sgrìobhte no ealaineach a chruthachadh agus a chur ri dìleab chultarach Àr-a-mach nan Seumasach ann an 1745 agus Blàr Sliabh a’ Chlamhain. Is e cothrom math a tha seo do na sgoilearan an tàlantan a thaisbeanadh, eadar gu bheil iad nas cofhurtaile leis a’ pheann no leis a’ bhruis pheantaidh! Tha sinn airson agus gum bi na ghabhas de dhaoine òga an sàs ann an seo. Tha e an-asgaidh com-pàirt a ghabhail ann agus faodaidh sibh stuth a chur a-steach uair sam bith eadar 16 Giblean agus 20 Dùbhlachd 2020. Tha sinn a’ planadh air na h-innteartan uile fhoillseachadh air làrach-lìn ùr aig deireadh na bliadhna. An uair sin tràth ann an 2021, cumaidh sinn tachartas sònraichte gus cruthachalachd ar dhaoine òga a chomharrachadh, agus a tha sinn an dòchas a bhios mòran den luchd-inntrigidh comasach air a fhrithealadh. Thèid na h-innteartan as brosnachaile agus as mac- meanmhainnich don phròiseact fhoillseachadh ann an leabhar sònraichte a’ comharrachadh na 275mh ceann- bliadhna den bhlàr. Is e cothrom fìor mhath a tha seo do na sgoilearan agaibh an cuid obrach fhaicinn ann an clò! CEANGLAICHEAN CURRAICEALAIM Tha am pròiseact seo air a dhealbhadh gus freagairt air raon de chuspairean sgoile. Seo cuid de dh’eisimpleirean de far am faod am pròiseact seo freagairt air raointean den Churraicealam airson Sàr- mhathais: Litearrachd agus Beurla LIT 3-15a/LIT 4-15a; LIT 3-20a/LIT 4-20a; LIT 3-22a/LIT 4-22a; LIT 4-23a; LIT 3-24a; LIT 4-24a; ENG 327a/ENG 4 -27a; ENG 3-31a; ENG 4-31a Litearrachd agus Gàidhlig GAI 2-31a; GAI 3-31a; GAI 4-31a Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh) LGL 3-13a; LGL 3-13b; LGL 4-13a; LGL 4-13b Ealain Chruthachail EXA 4-05a; EXA 3-06a; EXA 4-06a Cuspairean Sòisealta SOC 2-03a; SOC 3-02a; SOC 4-06a “BUAIDH, DÒCHAS is ÀRD-AMAS” Pròiseact sgoiltean a’ comharrachadh 275 bliadhna o Bhlàr Sliabh a’ Chlamhain ann an 1745.

Upload: others

Post on 06-Nov-2020

2 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

Page 1: Pròiseact sgoiltean a’ comharrachadh...agus faodaidh sibh stuth a chur a-steach uair sam bith eadar 16 Giblean agus 20 Dùbhlachd 2020. Tha sinn a’ planadh air na h-innteartan

RO-RÀDH

Ann an 1745, thill prìonnsa òg à fògarrachd a dhleasadh an

rìgh-chathair do a theaghlach, na Stiùbhartaich. Thog am

Prìonnsa Teàrlach Èideard Stiùbhart feachd de Sheumasaich

agus shabaid is bhuannaich iad a’ chiad bhlàr aca aig Sliabh a’

Chlamhain.

Mheàrrs na Seumasaich an uair sin gu Lunnainn ach thàinig

orra gèilleadh, agus chaidh buaidh a thoirt orra mu dheireadh

le feachd nan còtaichean dearga aig Rìgh Seòras II ann an Cùil

Lodair.

Tha an sgeul seo air daoine bho air feadh an t-saoghail a

bheò-ghlacadh, a ghluasad agus a bhrosnachadh fad 275

bliadhna. Phiobraich a’ bhuaidh Sheumasach aig Sliabh a’

Chlamhain, is dòcha on nach robh dùil ris, dìleab shaidhbhir is

chultarach eadar-mheasgte a tha a’ leantainn chun an latha

an-diugh. Tha am blàr ga chuimhneachadh ann an òrain, dàin,

nobhailean, dealbhan agus grèis-bhratan.

Is e carthannas a th’ ann an Urras Dualchais Blàr Sliabh a’

Chlamhain (1745) a tha ag amas air an dìleab chultarach seo a

chumail beò. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil cruthachadh air

obair ùr a cheart cho cudromach ri taisbeanadh an ama a

dh’fhalbh.

Mar sin, gus 275 bliadhna de chruthachalachd air a

bhrosnachadh leis a’ bhlàr, a chomharrachadh, tha sinn a’

gairm dhaoine òga bho air feadh Alba cur ri innse na

sgeulachd iongantaich seo.

AR CUIREADH DO NA SGOILTEAN

Tha sinn a’ toirt cuireadh do dhaoine òga 10-17 bliadhna a

dh’aois, tabhartasan ùra agus mac-meanmhainneach

sgrìobhte no ealaineach a chruthachadh agus a chur ri dìleab

chultarach Àr-a-mach nan Seumasach ann an 1745 agus Blàr

Sliabh a’ Chlamhain.

Is e cothrom math a tha seo do na sgoilearan an tàlantan a

thaisbeanadh, eadar gu bheil iad nas cofhurtaile leis a’

pheann no leis a’ bhruis pheantaidh!

Tha sinn airson agus gum bi na ghabhas de dhaoine òga an

sàs ann an seo. Tha e an-asgaidh com-pàirt a ghabhail ann

agus faodaidh sibh stuth a chur a-steach uair sam bith eadar

16 Giblean agus 20 Dùbhlachd 2020.

Tha sinn a’ planadh air na h-innteartan uile fhoillseachadh air

làrach-lìn ùr aig deireadh na bliadhna.

An uair sin tràth ann an 2021, cumaidh sinn tachartas

sònraichte gus cruthachalachd ar dhaoine òga a

chomharrachadh, agus a tha sinn an dòchas a bhios mòran

den luchd-inntrigidh comasach air a fhrithealadh.

Thèid na h-innteartan as brosnachaile agus as mac-

meanmhainnich don phròiseact fhoillseachadh ann an

leabhar sònraichte a’ comharrachadh na 275mh ceann-

bliadhna den bhlàr. Is e cothrom fìor mhath a tha seo do na

sgoilearan agaibh an cuid obrach fhaicinn ann an clò!

CEANGLAICHEAN CURRAICEALAIM

Tha am pròiseact seo air a dhealbhadh gus freagairt air raon de chuspairean sgoile. Seo cuid de dh’eisimpleirean de far am faod am pròiseact seo freagairt air raointean den Churraicealam airson Sàr-mhathais:

Litearrachd agus Beurla LIT 3-15a/LIT 4-15a; LIT 3-20a/LIT 4-20a; LIT 3-22a/LIT

4-22a; LIT 4-23a; LIT 3-24a; LIT 4-24a; ENG 327a/ENG 4 -27a; ENG 3-31a; ENG 4-31a

Litearrachd agus Gàidhlig

GAI 2-31a; GAI 3-31a; GAI 4-31a Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh)

LGL 3-13a; LGL 3-13b; LGL 4-13a; LGL 4-13b Ealain Chruthachail

EXA 4-05a; EXA 3-06a; EXA 4-06a Cuspairean Sòisealta

SOC 2-03a; SOC 3-02a; SOC 4-06a

“BUAIDH, DÒCHAS is ÀRD-AMAS”

Pròiseact sgoiltean a’ comharrachadh

275 bliadhna o Bhlàr Sliabh a’

Chlamhain ann an 1745.

Page 2: Pròiseact sgoiltean a’ comharrachadh...agus faodaidh sibh stuth a chur a-steach uair sam bith eadar 16 Giblean agus 20 Dùbhlachd 2020. Tha sinn a’ planadh air na h-innteartan

NA THA SINN A’ LORG

Tha sinn a’ coimhead airson innteartan ann an aon

de na gnèithean a leanas, a tha a’ toirt pailteas

cothruim do na sgoilearan agaibh am mac-

meanmhainn agus cruthachalachd a chleachdadh:

BÀRDACHD – seòrsa sam bith de bhàrdachd sgrìobhte.

ROSG – sgeulachd ghoirid, no ’s dòcha

cunntas air neach no àite.

Ealain is Dealbhadh – ’s dòcha peantadh no dealbh

air a tarraing, sriop goirid comaig no fiù ealain

aodaich (dìreach nì sam bith a tha 2D agus

cruthachail)!

Bu chòir do gach pìos aon de na prìomh thèaman seo a nochdadh:

Tha am Prìonnsa air Tìr

Gairm gu Armachd

Air a’ Chaismeachd

Blàr

Buaidh / Ruaig

Coimhead air ais

Tha cothrom aig na sgoilearan na tèaman sin a

rannsachadh bho shealladh sam bith, a’ gabhail a-

steach iadsan a tha a’ cur taic ris an dà chuid na

Seumasaich agus na Hanobhàrianaich.

Cha bu chòir do thabhartasan sgrìobhte a bhith

barrachd air 500 facal.

Cuirear fàilte air innteartan ann am Beurla, Gàidhlig no Albais.

Bu chòir eadar-theangachadh Beurla a bhith

còmhla ri innteartan ann an Gàidhlig.

MAR A GHABHAR PÀIRT

CEUM 1: CLÀRADH

Cuiribh post-d thugainn airson pasgan fiosrachaidh

iarraidh, a chuidicheas sibh le barrachd stiùiridh

agus stòran brosnachaidh:

[email protected]

CEUM 2: CRUTHAICH

Faodaidh neach sam bith eadar 10 agus 17

bliadhna a dh’aois pàirt a ghabhail. Faodar

innteartan a chur a-steach tron sgoil no mar neach

fa leth.

Faodaidh luchd-inntrigidh obrachadh ann am

buidhnean cuideachd – mar sin, mas fheàrr le ur

sgoilearan obrachadh ann am paidhir no mar chlas,

tha sin ceart gu leòr cuideachd!

B’ fhìor thoigh leinn cluinntinn mar a tha a’ dol

dhuibh agus mar sin feuch gun cùm sibh a’

conaltradh leinn. Faodaidh sibh ur n-adhartas a

roinn air na meadhanan sòisealta a’ cleachdadh

#prestonpans275, agus ar tagadh air

@Prestonpans1745.

CEUM 3: CUIR A-STEACH

Bu chòir innteartan a chur a-steach gu

[email protected],

comharraichte ‘Pròiseact Sgoiltean 275’ san

raon chuspaireil. Bu chòir innteartan tron phost

a chur gu:

Pròiseact Sgoiltean 275, Urras Dualchais Blàr Sliabh a’ Chlamhain 1745

227-229 Sràid Àrd Baile an t-Salainn Lodainn an Ear EH32 9BE

Pròiseact cruthachail do dhaoine òga, a’ comharrachadh dìleab chultarach “An ‘45” ann an 2020.

URRAS DUALCHAIS BLÀR SLIABH A’

CHLAMHAIN (1745)

Carthannas Albannach 037447 is SC 302280