gnàthachas litreachaidh na gàidhlig an deasachadh seo: an dàmhair 2009 còd-foillseachaidh:...

27
Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig

Upload: ledang

Post on 18-Mar-2018

284 views

Category:

Documents


11 download

TRANSCRIPT

Page 1: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig

Page 2: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

Airson liosta nuadh-aimsireil de phrìsean theirigibh gu earrann Reicean Foillseachaidh agus Sìos-luchdaichean air

làrach-lìn SQA.

Bidh an sgrìobhainn seo air fhoillseachadh ann an caochladh chruthan, a’ gabhail a-steach clò-sgrìobhadh mòr, breul

agus cànanan coimhearsnachd. Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fòn gu Ionad-bruidhne SQA aig 0845 279 1000.

Tha SQA a’ gealltainn cànan sìmplidh a chleachdadh. Feuchaidh sinn ri ar foillseachaidhean a dhèanamh cho furasta

an tuigsinn ’s as urrainn dhuinn, agus feuchaidh sinn ri goileam gun fheum a sheachnadh. Ma tha sibh a’ meas gu

bheil cainnt sam bith san sgrìobhainn seo a tha doirbh a tuigsinn, no air am faodar piseach a thoirt, sgrìobhaibh gu An

Neach-deasachaidh.

Dealbh còmhdaich le Natalie Faickney, Our Lady and St Patrick’s High School, Dùn Breatann

Dealbhte le Cànan. www.canan.co.uk

Page 3: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

33

An deasachadh seo: An Dàmhair 2009

Còd-foillseachaidh: BB4616

Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba

Togalach Optima, 58 Sràid MhicDhonnchaidh, Glaschu G2 8DQ

Rathad Muilnean an Iarainn, Dail Chè, Meadhan Lodainn EH22 1LE

www.sqa.org.uk

Faodar am fiosrachadh san fhoillseachadh seo a chleachdadh mar thaic do theisteanasan SQA. Ma chleachdar e, is còir

SQA ainmeachadh gu soilleir mar bhun. Ma chleachdar e air adhbhar sam bith eile, feumar cead sgrìobhte fhaighinn

bho Sgioba-foillseachadh SQA. Chan fhaodar a chleachdadh air adhbharan malairt.

© Ùghdarras Theisteanas na h-Alba 2009

Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig

Page 4: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

44

Page 5: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

Clàr-innse

Ro-ràdh ................................................................................................................................................................1

Riaghailt an litreachaidh ................................................................................................................................2

Gnè chonnragan ................................................................................................................................................3

Buidhnean chonnragan ...................................................................................................................................4

Riochdachadh fhuaimreagan .........................................................................................................................5

Cuideam fhacal ..................................................................................................................................................7

Asgairean agus beàrnan ..................................................................................................................................9

Freagarrachd fhuaimean agus facail-iasaid ............................................................................................10

Gnìomhairean ...................................................................................................................................................11

Ràdhan roimhearach ..................................................................................................................................... 12

Tàthanadh ........................................................................................................................................................ 14

Cùisean litreachaidh eile.............................................................................................................................. 16 a) Àireamhan.................................................................................................................................................. 16b) Mìosan na bliadhna ................................................................................................................................ 17c) Cinn-latha .................................................................................................................................................. 17d) Làithean ...................................................................................................................................................... 17e) Sloinnidhean ............................................................................................................................................. 18f) Ainmean àitean ........................................................................................................................................ 18g) Tiotalan pearsanta ................................................................................................................................... 18h) Geàrr-ainmean ......................................................................................................................................... 19i) Giorrachaidhean ....................................................................................................................................... 20

Liosta fhacal — Tha an liosta fhacal air a foillseachadh an dèidh na h-earrainne Beurla.

1

2

3

4

5

6

7

8

9

10

11

12

Page 6: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

6

Page 7: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

11

Ro-ràdh

Ann an 1976, stèidhich an Scottish Certificate of Examination Board (SCEEB), mar thoradh air iarrtas bhon Phannal Ghàidhlig, fo-chomataidh den Phannal airson gnothaichean co-cheangailte ri litreachadh na Gàidhlig a rannsachadh. Bha luchd-sgrùdaidh SCEEB mothachail air mì-chòrdaidhean ann an Gàidhlig sgrìobhte agus bhathar a’ faireachdainn gum bu chòir stiùireadh a dheasachadh airson a bhith cinnteach gun gabhadh tidsearan agus sgoilearan ri gnàthachas litreachaidh iomchaidh. Cuideachd, bha e cudromach gun cleachdadh luchd-sgrùdaidh, luchd-deasachaidh agus luchd-comharrachaidh am pàipear ann a bhith a’ dèiligeadh ri pàipearan agus ri sgriobtan dheuchainnean.

Chaidh molaidhean na fo-chomataidh fhoillseachadh ann an 1981 sa phàipear Gaelic Orthographic Conventions (GOC). Tha am pàipear seo air a bhith na bhunait luachmhor ann an iomadh raon de leasachadh na Gàidhlig bhon uair sin, agus cleachdadh na Gàidhlig a’ leudachadh gu caochladh raointean de bheatha phoblach na h-Alba.

A-nise tha an Scottish Qualifications Authority (SQA), a ghabh àite SCEEB, air co-dhùnadh gum bu chòir leasachadh agus nuadh-dheasachadh a dhèanamh air a’ phàipear, air sgàth mar a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ leudachadh agus air sgàth meudachaidh air cànan ann an rianachd phoblach le stiùireadh bho SQA, ach a’ cumail ri na prionnsapail agus ri na molaidhean a bha ann bho thùs. ’S e an t-amas gum bi am pàipear nuadh-dheasaichte nas fhasa a chleachdadh, agus tha an liosta fhacal air a leudachadh a’ feuchainn ris a’ ghnàthachas a shoilleireachadh gu ìre nas motha. Mar as trice, is e aon ghnàthachas a thathar a’ moladh, ged a thathar mothachail, ann an cuid de dh’eisimpleirean, gu bheil barrachd air aon ga chleachdadh. Chan e an rùn gum bi an liosta ath-leasaichte de dh’fhacail ann an cumadh faclair, no coltach ri faclair. Is e innleachd a tha innte a dh’fhaodas daoine a chleachdadh nuair a tha teagamh ann mu chiamar as còir facal no ràdh a bhith air a litreachadh. Chaidh cho beag ’s a ghabhadh de notaicheanmìneachaidh a chleachdadh. San deasachadh seo – air fhoillseachadh ann an cumadh dà-chànanach mar phàirt de Phlana Cànain Gàidhlig SQA – tha grunn leasachaidhean air deasachadh ùr 2005.

Tha SQA a’ toirt taing do Riaghaltas na h-Alba agus do Bhòrd na Gàidhlig airson taic-airgid an lùib a bhith ag ath-dheasachadh GOC.

Comhairleach a’ Phròiseict Dòmhnall Iain MacIomhair

Buidheann-Stiùiridh Anna NicSuain, Colaisde a’ Chaisteil, Leòdhas A G Boyd Robasdan, Sabhal Mòr Ostaig Iain MacDhòmhnaill, Comhairle nan Leabhraichean

Oifigearan SQA Marilyn M Waters, Victoria Kewney, Tahir Mohammed

Comhairleach SQA Evgeniya Matyunina

Page 8: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

2

Riaghailt an litreachaidh

Tha riaghailt an litreachaidh — ‘leathann ri leathann is caol ri caol’ — a’ ciallachadh nuair a bhios aon chonnrag, no barrachd air aon, eadar dà fhuaimreig, gum bi na fuaimreagan air gach taobh de na connragan den aon ghnè.

Ma tha an fhuaimreag ro na connragan leathann, a, o no u, is còir gum bi an fhuaimreag a thig nan dèidh leathann mar an ceudna. bodach, ceòlmhor, cumadh

Ma tha an fhuaimreag ro na connragan caol, i no e, is còir gum bi an fhuaimreag a thig nan dèidh caol mar an ceudna. caileag, coinnich, oidhche

Tachraidh saoradh bhon riaghailt seo le cuid de phàirtearan fulangach coileanta, me glacte, leagte, togte

an co-cheangal ri cuid de dh’fhacail fhillte, me banrigh, choreigin, mocheirigh, rudeigin

agus an co-cheangal ri cuid de dh’fhacail-iasaid, me mosgìoto, soircas, telefòn

1

a

b

Page 9: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

3

Gnè chonnragan

Is còir connragan no buidhnean chonnragan de ghnè mullach-beòil a bhith air ancomharrachadh le fuaimreagan caola (e, i) a bhith làimh riutha:

aig toiseach facail: ceann, geall, greann, seall, steall aig deireadh facail: cruinn, cuirm, Goill, rùisg, saill ann am meadhan facail: clisgeadh, cruinne, sailleadh, tuilleadh

Is còir connragan no buidhnean chonnragan de ghnè bhealarach a bhith air ancomharrachadh le fuaimreagan leathann (a, o, u) a bhith làimh riutha:

aig toiseach facail: gràn, sprùilleach, stòr aig deireadh facail: ceann, cosg, geal, sealg ann am meadhan facail: ceannaich, balach, cosgais, lochdan

Is còir seo agus siud, a tha a’ foillseachadh gnè mullach-beòil, a chleachdadh.A thaobh neo agus no, is e no an roghainn, ged a tha neo freagarrach san ràdhair neo.

Is còir taigh a chleachdadh an àite tigh airson fuaim na connraig a ghleidheadh.

2

a

b

c

d

Page 10: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

4

Buidhnean chonnragan

Is còir na litrichean sg a chleachdadh anns gach suidheachadh an àite sc: basgaid, cosg, pasgan, Sgalpaigh, sgian

Is còir na litrichean sp a chleachdadh anns gach suidheachadh an àite sb: cuspair, cuspann, speal, uspag

Ach, air sgàth cho tric ’s a nochdas iad agus air sgàth cho eòlach ’s a thathar orra, cha chòir atharrachadh a dhèanamh air litreachadh nam facal deasbad, easbaig, susbaint agus taisbeanadh.

Is còir na litrichean st a chleachdadh anns gach suidheachadh an àite sd: aosta, a-rithist, èist, furasta, gasta, pòsta, staidhre, tuarastal, tubaist

Cha bhiodh seo a’ beantainn ri ainm-àite fillte far a bheil ‘dal’ no ‘dail’mar eileamaid dheireannach, me Gramasdal, Lacasdal, Loch Baghasdail

Dh’fhaodadh seo tachairt cuideachd ann an ainmean suidhichte pearsanta agus ann an ainmean shoidhnichean, me Alasdair, Colaisde, Fionnlasdan, Taigh-òsda, Ùisdean

Cuideachd, Crìosd(a), Crìosdaidh, msaa.

Is còir an ro-leasachan comh- a sgrìobhadh mar co- nuair nach eil cuideam air, me co-chomann, co-chòrdadh, co-labhairt, co-ogha

Nuair a tha cuideam air, ach far nach eil srònachadh, is còir facail a sgrìobhadh mar seo: coileanta, coitheanal, coluadar

Nuair a tha cuideam air, ach far a bheil srònachadh, is còir comh/còmh gun tàthan achleachdadh: comhaois, còmhdhail, còmhradh

Is còir do bhuidhnean chonnragan a bhith air an sìmpleachadh anns na facail: cudrom (gabhar ri cuideam mar an ceudna), cudromach, meòraich agus meòrachan

3

c

a

b

Page 11: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

5

Riochdachadh fhuaimreagan

Seo na riochdan a thathar a’ moladh:

eu an àite ia mar anns na facail beul, feur, meud, sgeul

ìo an àite ia mar anns na facail dìon, fìon, fìor, mìos

Is còir diofrachadh a dhèanamh, nuair a ghabhas, eadar facail aig a bheil an aon fhuaim ach aig a bheil brìgh eadar-dhealaichte. Mar eisimpleir, is còir ceud a ghleidheadh airson 100, agus is còir ciad a sgrìobhadh airson 1mh. Is còir mìos a chleachdadh airson roinn den bhliadhna agus mias airson soitheach. Cuideachd, is còir feur (a dh’fhàsas san talamh), fiar (claon) agus fìor (ceart) a sgrìobhadh. Is còir sìon (rud sam bith), seun (draoidheachd) agus sian (stoirm) a chleachdadh.

Is còir don fhuaim a bha cheana air a riochdachadh le na fuaimreagan ao a bhithair an sgrìobhadh mar adh ann am facail a leithid: adhbhar, adhbrann, adhradh

Gleidhear na fuaimreagan ao airson fuaim eadar-dhealaichte a riochdachadh, mar eiseimpleir, ann an: daor, faobhar, gaoth, saor

Is còir leudachadh a dhèanamh air a bhith a’ cleachdadh a (an àite u) airson fuaim a riochdachadh san dàrna lide gun chuideam, ann am facail mar balach, bodach agus tioram, chun na mòrchuid de dh’fhacail, me àlainn, altram, Bìoball, comann, doras, fallas, foghlam, madainn, solas, turas

Ach, ann an agus, cha chòir u atharrachadh gu a air sgàth bitheantais aguscleachdaidh.

Is còir ea a chleachdadh an àite io ann am facail mar: boireann, doilgheas, Èireannach, fireannach, gailleann, timcheall

Ach is còir do na facail aotrom agus cothrom an eileamaid trom a ghleidheadh san litreachadh.

Is còir facail anns a bheil diophongan le m mar: cam, lampa, lom, trom

a litreachadh gun stràc ach is còir: àm (tìde)

a litreachadh le stràc airson a dhiofarachadh bho fhacail eile leis an litreachadh am.

Is còir an litreachadh gnàthach a chleachdadh ann a bhith a’ riochdachadh gnè fhuaimreagan dheiridhean buadhaireach ann am facail mar an fheadhainn gu h-ìosal, ged a tha fuaimreagan cùil ann an cainnt mòran cheàrnaidhean ann an cuid dhiubh seo anns a bheil fuaimreag chaol sgrìobhte: ainmeil, bodachail, cuideachail, duineil, fearail, sgileil, sgoinneil

4

a

b

d

c

e

f

g

Page 12: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

6

Is e an stràc leathann a-mhàin as còir a chleachdadh airson fad a chomharrachadh: an-dè, bò, cù, làmh, lèine, mòr, tìr

Is còir an stràc a chur air à/às (a-mach à/às) agus air às nuair a tha an fhuaimreag fosgailte (às bith, às dèidh, às mo chadal) airson a sònrachadh bho as nuair nach eil an fhuaimreag fosgailte (as fheàrr, as t-earrach, as t-samhradh msaa).

Is còir an stràc a chleachdadh cuideachd airson fad a chomharrachadh air litrichean mòra: Àird Àsaig, Ìle, Ìomhar, An t-Òban, Ùig, Ùna

Is còir an litreachadh gnàthach gun stràc a ghleidheadh air fuaim fada fhuaimreagan ro ll agus ro nn ann am facail mar:

cinnteach, fillte, inntinn, till bonn, cunntas, sanntach

Is còir am prionnsapal seo a chleachdadh a thaobh fhacal a bha cheana air an litreachadh leis an stràc, me dilleachdan, dinnear agus trilleachan

h

i

Page 13: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

7

Cuideam fhacal

Cuideam tùsail

Nuair a tha cuideam air a’ chiad lide de dh’fhacail, agus de dh’fhìor fhacail fhillte, is còir an litreachadh mar aon fhacal: atharrais, banrigh, barrall, cuingealachadh, dìochuimhnich, eatarrasan, imeachd,

smaoineachadh, leabharlann

Tha am pàtran ceudna a’ beantainn ri facail anns a bheil ro-leasachain: anabarrach, anacothrom, aocoltach, aodomhainn, eucoir

Cuideam neo-thùsail

Is còir tàthan a chleachdadh sa chumantas ann am facail gun chuideam air a’ chiad lide ron phàirt den fhacal air a bheil an cuideam: ban-diùc, cas-chrom

Tha an riaghailt cheudna a’ beantainn ri facail anns a bheil ro-leasachain: ana-miann, ath-bheothachadh

Ach, cha chòir tàthan a chleachdadh ann am facail-iasaid no ann am facail leasaichte air a bheil cuideam neo-thùsail: buntàta, telebhisean, tombaca

Is còir riochdairean le mìrean-cuideim (-ne, -sa, -se, -san) a sgrìobhadh sa chumantas mar aon fhacal: againne, astasan, dhaibhsan, dhutsa, leathase, troimhesan

Ach is còir leis-san agus ris-san a sgrìobhadh le tàthan airson ss a sheachnadh.

Nuair a leanas mìrean-cuideim ainmear no buadhair, is còir am facal a sgrìobhadh le tàthan: a brògan-se, ar càirdean-ne, mo leabhar-sa, mo sheacaid ùr-sa

Ach, is còir riochdairean buadhaireach le seo, sin agus siud a sgrìobhadh mar fhacail air leth: an rud seo/an rud sa, an rud sin, an rud ud

Is còir ràdhan co-ghnìomhaireach de dh’ùine is de dh’àite a thathar a’ meas mar aonadan a sgrìobhadh le tàthan:

a-màireach, a-nis, a-nochd, a-raoir, a-rithist, am-bliadhna, an-ceartuair, an-dè, an-diugh, an-dràsta, an-earar, an-uiridh

a-bhàn, a-bhos, an-àird, a-nall, a-nìos, a-nuas, a-null a-chaoidh, a-cheana, am-feast, a-mhàin, a-riamh a-mach, a-muigh, a-staigh, a-steach

5

a

b

d

c

Page 14: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

8

Is còir tàthan a chleachdadh anns na ràdhan co-ghnìomhaireach a leanas: an-ath-bhliadhn’/an-ath-bhliadhna, an-ath-oidhch’, an-ath-sheachdain

Ach, nuair a chleachdar iad mar ainmearan air leth, is còir an sgrìobhadh mar fhacail air leth, me

Bha an ath bhliadhna na b’ fheàrr Bhiodh an ath oidhche glè eadar-dhealaichte Thòisich an ath sheachdain le gaoth is uisge

Is còir roimhearan fillte le cuideam neo-thùsail a sgrìobhadh mar dhà fhacal: a chum, am broinn, à measg, am measg, a rèir, a thaobh, os cionn, ri taobh

Is còir airson, carson agus ciamar a sgrìobhadh mar aon fhacal, ach is còir son/shon ann an ràdhan mar air a son fhèin agus air mo shon fhèin a sgrìobhadh mar fhacail air leth. Ach nuair a tha airson air a ghiorrachadh, is còir a litreachadh mar ’son.

Is còir facail a tha a’ crìochnachadh leis an eileamaid -eigin a sgrìobhadh mar aon fhacal sa chumantas, eadhon nuair a tha ‘riaghailt an litreachaidh’ air a briseadh: air choreigin, cuideigin, feareigin, latheigin, neacheigin, rudeigin, uaireigin

Ach is còir tàthan a chleachdadh san fhacal tè-eigin airson ee a sheachnadh.

h

e

f

g

Page 15: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

9

Asgairean agus beàrnan

Cleachdar asgairean mar a leanas:

riochdan den alt ro ainmear, me a’ ghealach gnìomh-ainmearan a’ tòiseachadh le connrag, me a’ falbh an gnìomhair is air a ghiorrachadh, me ’s ann, ’s dòcha, ’s e, ’s math bu air a ghiorrachadh, me b’ ann, b’ e, b’ fheàrr is/agus air a ghiorrachadh, me cho luath ’s a tha e, math ’s gu bheil e riochdairean ginideach air an giorrachadh, me d’ fhàinne, m’ amhach an dèidh dh’ san tràth choileanta, me dh’fhalbh, dh’ith nuair a dh’atharraicheas an roimhear do gu a dh’ ro fhuaimreagan, me

a dh’iarraidh, a dh’Uibhist

Cha chòir an t-asgair a chleachdadh anns na leanas:

gum faigh, gun creideadh, gur ann làrna-mhàireach, nuair

Cha chòir an t-asgair a chleachdadh ann an ràdhan ginideach, me

nam thaigh; na mo thaigh nad thaigh; na do thaigh na thaigh na taigh, na h-àite nar taigh; na ar taigh nur taigh; na ur taigh nan taighean, nam brògan

Cha chòir an t-asgair a chleachdadh ann an riochdan mar ga, me

gam thuigsinn; ga mo thuigsinn gad chreidsinn; ga do chreidsinn ga chluinntinn ga h-aithneachadh

Is còir mothachadh gu bheil beàrn daonnan às dèidh nan riochdan a’, b’, d’ agus m’. Ach cha chòir beàrn a bhith às dèidh dh’.

Nuair a tha an no am air an giorrachadh gu ’n agus ’m, agus ainmear no riochdaire romhpa, is còir an sgrìobhadh mar fhacail air leth is beàrn fhàgail, me a bheil thu ’m beachd?, bha an duine ’n dùil, tha mi ’n dòchas

Is còir beàrn daonnan a bhith às dèidh ’s, às bith dè a chiall, agus cha chòir a cheangal uair sam bith ris an ath fhacal, me

’s ann à Nis a tha mi ’s e sin as fheàrr, ’s mise a th’ ann, ’s dòcha gun tig iad mi fhìn ’s tu fhèin, cho luath ’s a chì mi e

gar togail; ga ar togail gur leantainn; ga ur leantainn gan coinneachadh gam faicinn

6

a

b

d

c

e

Page 16: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

10

Freagarrachd fhuaimean agus facail-iasaid

Is còir facail no fuaimean a tha air an in-aonachadh ri Gàidhlig a sgrìobhadh mar a leanas:

Faodar CH tùsail a riochdachadh le se no te: seic, seòclaid, teans(a)/seansa Faodar J tùsail a riochdachadh le i: Iapan, Iupatar Faodar J cuideachd a riochdachadh le s: seit-phlèan no le d: dinichean Faodar K tùsail a riochdachadh le c: cileagram/cg, cilemeatair/km (cleachdar km airson a

bhith eadar-dhealaichte bho cm) Faodar Q tùsail a riochdachadh le cu: cuaraidh, cuota Faodar V tùsail a riochdachadh le bh: bhana, Bhictòria Faodar W tùsail a riochdachadh le u(a) no u(e): uàlras, uèir Faodar WH tùsail a riochdachadh le cu no chu: chuip, cuibheall, cuip Faodar X tùsail a riochdachadh le s: saidhleafòn; faodar X ann am meadhan facail a

riochdachadh le gs: bogsa, tagsaidh Faodar Y tùsail a riochdachadh le gh no i: gheat, iogart, Iorc Faodar Z tùsail a riochdachadh le s: sinc, sù/sutha Is còir diophongan ann am facail leasaichte a bhith air an riochdachadh le –dh, chan ann

le –gh: baidhsagal, loidhne, soidhne, stoidhle Is còir do –ee agus do –y aig deireadh facail a bhith air an riochdachadh le (a)idh no

le -idh: cofaidh, comadaidh, comataidh, poileasaidh, silidh, tofaidh

7

Page 17: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

11

Is còir na leanas a chleachdadh airson a’ ghnìomhair ‘bi’. Chithear cromagan far a bheil riochdan eile air a bheil cuideam. Tha stròc a’ comharrachadh roghainn eile an lùib dualchainnt.

Is còir na leanas a chleachdadh airson ghnìomhairean neo-riaghailteach. Chithear cromagan far a bheil riochdan eile suidhichte a rèir cuideim.

Is iad an fheadhainn le aon lide - bidh, bhiodh, cha bhiodh - as còir a chleachdadh sa chumantas, agus bithidh, bhitheadh, cha bhitheadh a-mhàin airson cuideam a shealltainn.

Gabhar cuideachd ri roghainnean mar a’ ruigsinn, cha deachaidh, cha d’ ràinig, chunna.

Is còir na leanas a sgrìobhadh airson a’ ghnìomhair cuir:

8 Gnìomhairean

An tràth coileanta an robh?gun robhnach robh

Pàirtear coileanta bhite/bhithist(e)

Cùmhnantach bhiodh, bhitheadhcha bhiodh, cha bhitheadh

An tràth teachdail bidh, bithidhcha bhiam bi?… gum bi… nach bia bhith

Freumh Gnìomh-ainmear Dearbh-choileanta Àicheadh-choileanta

abair ag ràdh/a’ ràdh thuirt, thubhairt cha tuirt, cha tubhairt

beir (air) a’ breith rug cha do rug

cluinn a’ cluinntinn chuala cha chuala

dèan a’ dèanamh rinn cha do rinn

faic a’ faicinn chunnaic chan fhaca

faigh a’ faighinn fhuair cha d’ fhuair

rach a’ dol chaidh cha deach

ruig a’ ruighinn ràinig cha do ràinig

thig a’ tighinn thàinig cha tàinig

thoir a’ toirt thug cha tug

Freumh Gnìomh-ainmear

Dearbh-choileanta

Àicheadh-choileanta

Infinideach

cuir a’ cur chuir cha do chuir a chur

a

b

c

Page 18: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

12

Ràdhan roimhearach

Faodaidh ràdhan roimhearach a bhith air an dèanamh le roimhear + alt + ainmear, me bho + an + baile, leis am faighear bhon bhaile. Gabhar cuideachd ri bhon a’ bhaile. An seo shìos tha am prionnsapal ceudna airson roimhearan eile.

Tha pàtran eadar-dhealaichte ann airson leis agus ris, oir cha ghabh iad an ceangal ris analt airson facal ùr a dhèanamh, agus faodaidh dà ghnè den alt tighinn nan dèidh:

Chithear am pàtran ceudna le anns, ach gheibhear tuilleadh ghiorrachaidhean cuideachd:

Cuirear dha agus dha/dhe ann am mòran shuidheachaidhean an àite do agus de, agus mar thoradh air sin tha barrachd riochdan ann na chithear an seo shuas. Nuair a thig an t-alt nan dèidh tha iad uaireannan cuideachd air an sgrìobhadh mar a chithear sa cheathramh colbh an seo shìos.

Uaireannan a thaobh do + an, chithear dan bhaile cuideachd.

Ro fhacail iolra agus gach chithear uaireannan le agus ri a thuilleadh air leis agus ris:

Gabhar ris an dà riochd.

Faodaidh ràdhan roimhearach eile a bhith air an dèanamh le roimhear + riochdaire ginideach + ainmear, me do + mo + taigh, leis am faighear dom thaigh. Gabhar cuideachd ri dham thaigh. Faodar na riochdan aonaichte a leanas a chleachdadh, ged a ghabhar ri na riochdan air leth cuideachd:

fo + an fon taigh/fon an taigh

mu + an mun bhòrd/mun a’ bhòrd

ro + an ron Nollaig/ron an Nollaig

tro + an tron bhaile/tron a’ bhaile

leis + an leis an duine, leis a’ bhaile

ris + an ris an duine, ris a’ bhaile

anns + an anns an duine, anns a’ bhaile san duine, sa bhaile

le/leis na balaich ri/ris gach tè

Roimhear Riochdaire ginideach Riochd aonaichte

do/dha mo dom/dham

do dod/dhad

a (fir) da/dha (a) thaigh

a (boir) da/dha (a) taigh

ar dor/dar/dhar

ur dur/dhur

am dom/dam/dham

an don/dan/dhan

do + an don bhaile/don a’ bhaile dha + an dhan bhaile/dhan a’ bhaile

de + an den bhaile/den a’ bhaile dhe + an dhen bhaile/dhen a’ bhaile

9

a

b

Page 19: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

13

Roimhear Riochdaire ginideach Riochd aonaichte

bho/o mo bhom/om

do bhod/od

a (fir) bho/o (a) thaigh

a (boir) bho/o (a) taigh

ar bhor/or

ur bhur

am bhom/om

an bhon/on

Chithear am pàtran ceudna ann an riochdan aonaichte eile:

Ach gabhar cuideachd ri na cruthan iomlan:

bho do mhàthair gu do sheanairle bhur cead ro ur bracaist

Is iad na cruthan iomlan sa chiad phearsa agus san dàrna pearsa iolra:

bho ar agus bho ur le ar agus le ur de/dhe ar agus de/dhe ur ri ar agus ri ur do/dha ar agus do/dha ur ro ar agus ro urfo ar agus fo ur tro ar agus tro urgu ar agus gu ur

Ann an iomadh àite thathar a’ cleachdadh dha an àite do mar roimhear cumanta ron alt, ged a thathar a’ gleidheadh do far nach eil alt, me

dhan taigh, dhan a’ bhùth, taing dhan Fhreastal, ach do thaigh mòr, do bhùth an arain, taing do Dhia

Ach, ann an cuid de dh’àitean thathar a’ cleachdadh dha eadhon far nach eil alt idir, gu sònraichte còmhla ri ainmean. Anns na suidheachaidhean sin, cha chòir don ath fhacal a bhith air a shèimheachadh aig àm sam bith, me dha seirbheis an Rìgh, dha Màiri, dha Seumas

Roimhear

mo do a/a ar ur an/amde dem

dhemdeddhed

de (a)dhe (a)

derdher

durdhur

den/demdhen/dhem

fo fom fod fo (a) for fur fon/fom

gu gum gud gu (a) gar gur gun/gum

le lem led le (a) ler lur len/lem

ri rim rid ri (a) rir rur rin/rim

ro rom rod ro (a) ror rur ron/rom

tro trom trod tro (a) tror trur tron/trom

Riochdairean ginideach

d

c

e

Page 20: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

14

Tàthanadh

Ainmearan

Thathar a’ gabhail ris gu bheil litreachadh fhacal a tha air an dèanamh suas le barrachd air aon ainmear ceangailte ri chèile na mheadhan air duilgheadasan, agus tha an stiùireadh a leanas ag amas air taic a thoirt seachad. Sa chumantas tha facail fhillte air an tàthanadh ma thathar gam meas mar aonad — mar eisimpleir, nam biodh buadhair gu gnàthach ro, no an dèidh, facail cheangailte agus nach biodh nan dèidh, me an t-eadar-lìon, brath-naidheachd, cùis-lagha, in-sheirbheis, làrach-lìn, leabhar-latha,

post-dealain, ro-ràdh

Is còir do na facail àite, ball, bàta, ceann, clàr, còir, cùirt, culaidh, inneal, ionad, obair, rùm, seòmar, taigh agus uidheam a bhith air an leantainn le tàthan nuair a bhios iad ro ainmear eile a tha san tuiseal ghinideach, me àite-fuirich, ball-maise, bàta-siùil, ceann-suidhe, clàr-gnothaich, còir-bhreith, cùirt-lagha,

culaidh-thruais, inneal-nigheadaireachd, ionad-obrach, obair-làimhe, rùm-cadail, seòmar-ionnlaid, taigh-bìdh, uidheam-spòrs

Is còir le na facail a leanas, a’ comharrachadh phearsachan no bhuidhnean — bean, buidheann, fear, luchd, neach, sgioba, tè — tàthan a bhith ann nuair a leanas ainmear cumanta iad, me bean-taighe, buidheann-obrach, fear-siubhail, luchd-eòlais, neach-gairm(e), sgioba-

glanaidh, tè-labhairt

Cuideachd leis an ro-leasachan ban(a) nuair a tha an cuideam air an dàrna lide, me bana-phrionnsa, ban-Eadailteach, ban-s(h)einneadair

Nuair a tha an cuideam air a’ chiad lide, cha chòir tàthan a bhith ann, me banabaidh, banacharaid, banacheard, banaltram

Seach gur e ro-leasachan a tha ann am ban, tha e aocoltach ri bean, is cha bhi an tuiseal ginideach às dèidh ban uair sam bith. Cuideachd, is còir a bhith mothachail air an litreachadh baintighearna.

Bidh am pàtran tàthanaidh ceudna a’ tachairt nuair a thathar a’ cleachdadh aon ainmear (coltach ri buadhair) mar ro-leasachan air ainmear eile nach eil san tuiseal ghinideach, le sèimheachadh far a bheil sin comasach, me bròn-chluich, bun-sgoil, ceann-latha, sluagh-ghairm, speur-bhean

Is còir a bhith mothachail cuideachd, nuair nach eil an dàrna ainmear (boireann no fireann) air a shèimheachadh san tuiseal ainmneach, gum faod e a bhith air a shèimheachadh ann an tuiseal eile nuair a leanas e roimhear agus an t-alt, me anns an eachdraidh-bheatha, san taigh-sheinnse

Cha chòir tàthan a thighinn às dèidh fhaclan mar aithisg, comhairle, greis, iomairt, oifigeach, oifigear, òrdugh, plana, roinn, me aithisg comhairleachaidh, comhairle baile, iomairt coimhearsnachd, oifigeach/oifigear

leasachaidh, òrdugh cùirte, plana gnìomh, roinn dealbhachaidh

Cha chòir tàthan a chleachdadh nuair a tha ainmearan air an sgaradh leis an alt no nuair as e ainm a tha san dàrna facal no ann am facal às a dhèidh, me Ball Pàrlamaid, bàta Mhalaig, bean Thormoid, Cùirt an t-Seisein, fear an taighe, obair na

h-ola, rùm na cloinne, sgioba rugbaidh na h-Alba, taigh Dhòmhnaill

10

a

Page 21: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

15

A thaobh thiotalan no ainmeachaidh a tha a’ tòiseachadh le litir mhòr, far a bheil an t-ainmear an dèidh tàthain sa chumantas air a sgrìobhadh le litir mhòr seach gur e prìomh ainmear no tiotal a tha ann, is còir an litir mhòr a ghleidheadh an dèidh an tàthain, me (an t-)Ath-Leasachadh, Iar-Chathraiche, Leas-Stiùiriche, (na) Meadhan-Aoisean

Is còir don ainmear an dèidh an tàthain a bhith a’ tòiseachadh le litir bheag, me Ceann-cinnidh, Ceann-feadhna, Ceann-suidhe, (an) Co-fhlaitheas

Chan eil e comasach riaghailt dheimhinnte a thoirt seachad a thaobh am bu chòir ainmear a leanas ainmear boireann a bhith air a shèimheachadh (eadar gu bheil tàthanadh ann no nach eil), seach gu bheil mòran eisimpleirean ann far a bheil a leithid de dh’ainmear air a shèimheachadh agus mòran eisimpleirean far nach eil, me bean-ghlùine agus deise chlò, ach eachdraidh-beatha.

Buadhairean

Is còir tàthan a chleachdadh far a bheil buadhair air a chur mar ro-leasachan air ainmear, me Àrd-Easbaig, ath-innse, beag-seagh, cruaidh-chàs, dubh-fhacal, Iar-Cheann-suidhe,

liath-reothadh, mòr-roinn, trom-laighe

Chan eil sin a’ beantainn ri buadhairean a bhithear a’ cleachdadh daonnan ron ainmear: droch, fìor, ioma/iomadh, prìomh, seann, me droch shùil, fìor dhuine, iomadh oidhche, (am) Prìomh Mhinistear, seann sgeulachd

Is còir buadhair a thig ro bhuadhair eile a bhith daonnan sgrìobhte le tàthan, me fad-fhulangach, ioma-dhathach, iomadh-fhillte, làn-eòlach, uile-chumhachdach

Uaireannan chan eil seo buntainneach nuair a bhios cuideam air a’ chiad lide: lagchuiseach, mòrchuiseach

Tha am pàtran ceudna ga leantainn le buadhairean a thaobh cleachdadh litrichean mòra agus litrichean beaga, me leth-Cheilteach, Gall-Ghàidhealach

Co-ghnìomhairean

Tha stiùireadh mu ràdhan co-ghnìomhaireach ann an Earrann 5 (d).

Is còir mothachadh gur còir an seo, an sin agus an siud a litreachadh gun tàthan.

A’ cleachdadh fèin agus fhèin

Tha tàthan daonnan às dèidh an ro-leasachain fèin, me fèin-eòlas, fèin-mheas, fèin-mhothachail

Ach, is còir gun tig fhèin (agus fhìn sa chiad phearsa) daonnan às dèidh an ainmeir ris a bheil e a’ beantainn, agus cha chòir dha a bhith le tàthan uair sam bith, me an duine fhèin, an duine seo fhèin, an taigh againn fhìn, iad fhèin, mi fhìn, Seumas fhèin

Faodar na riochdan agaib’ fhèin, sib’ fhèin msaa a chleachdadh an àite agaibh fhèin, sibh fhèin, msaa airson sealltainn mar a thathar uaireannan gan ràdh.

b

d

c

Page 22: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

16

Cùisean litreachaidh eile

Àireamhan

Tha dà shiostam-cunntaidh ann an Gàidhlig — aon stèidhichte air ficheadan, am fear eile (a tha nas ùire, air adhbharan foghlaim) air deichean. Tha eisimpleirean den dà shiostam rim faotainn an seo shìos:

Tha àireamhan air an cleachdadh le ainmearan mar seo:

seachd bliadhna deugsia neach air fhichead/fichead neach ’s a sia/fichead ’s a sia neachcòig sgillinn deug air fhichead/trithead sgillinn ’s a còig/trithead ’s a còig sgillinn

Is còir do àireamhan a bhith a’ ruith mar seo:

Tha e an urra ri gnè an fhacail a bheil t- a’ tighinn ro na h-àireamhan 6, 7, 8 agus 11, mean seachdamh bogsa (fireann), ach an t-seachdamh bròg (boireann).

Àireamh Riochdan gnàthasach Riochdan ùra

11 aon-deug aon-deug

19 naoi-deug naoi-deug

27 seachd air fhichead fichead ’s a seachd

29 naoi air fhichead fichead ’s a naoi

30 deich air fhichead trithead

32 dhà-dheug air fhichead trithead ’s a dhà

40 dà fhichead ceathrad

46 dà fhichead ’s a sia ceathrad ’s a sia

50 leth-cheud caogad

60 trì fichead seasgad

70 trì fichead ’s a deich seachdad

80 ceithir fichead ochdad

90 ceithir fichead ’s a deich naochad

135 sia fichead ’s a còig-deug/ceud ’s còig-deug air fhichead

ceud, trithead ’s a còig

50,000 leth-cheud mìle caogad mìle

1,000,000 millean millean

1,000,000,000 billean billean

a’ chiad (1d)

an dàrna/an dara (2na/ra)

an treas/an treasamh/an trìtheamh (3mh)

an ceathramh (4mh)

an còigeamh (5mh)

an siathamh (6mh)

an seachdamh (7mh)

an t-ochdamh (8mh)

an naoidheamh (9mh)

an deicheamh (10mh)

11

a

Page 23: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

17

Mìosan na bliadhna

Cinn-latha

Faodar cinn-latha a sgrìobhadh san iomlanachd, no a’ cleachdadh àireamhan, mar seo:

Làithean

Is còir làithean na seachdain a sgrìobhadh mar a leanas:

Tha amannan ann an làithean air an comharrachadh mar a leanas:

Is còir ainmean oidhcheannan na seachdain a sgrìobhadh:

Gabhar ri riochdan mar Oidhche Diluain cuideachd.

Làn-riochd An riochd giorraichte

Làn-riochd An riochd giorraichte

Am Faoilleach Faoi An t-Iuchar Iuch

An Gearran Gear An Lùnastal Lùn

Am Màrt Màrt An t-Sultain Sult

An Giblean Gibl An Dàmhair Dàmh

An Cèitean Cèit An t-Samhain Samh

An t-Ògmhios Ògmh An Dùbhlachd Dùbh

Làn-riochd Riochd giorraichte

Diluain Dil

Dimàirt Dim

Diciadain Dic

Diardaoin Diar

Dihaoine Dih

Disathairne Dis

Didòmhnaich Did

Latha/Là na Sàbaid LnS

Oidhche Luain Oidhche Haoine

Oidhche Mhàirt Oidhche Shathairne

Oidhche Chiadain Oidhche Dhòmhnaich/Oidhche na Sàbaid

Oidhche Ardaoin/Oidhche Dhiardaoin

An seachdamh latha deug dhen Fhaoilleach

An ceathramh latha fichead/air fhichead dhen Ghearran

An 23mh den Mhàrt

23mh (An) Giblean

26 Cèitean

madainn Diluain

feasgar Dimàirt

feasgar na Sàbaid

b

d

c

Page 24: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

18

Sloinnidhean

Is còir sloinnidhean anns a bheil Mac agus Nic a sgrìobhadh mar aon fhacal, ach le litir mhòr aig toiseach na dàrna eileamaid: MacAilein, MacCoinnich/MacChoinnich, MacDhòmhnaill, MacIlleMhaoil, NicIlleDhuinn,

NicLeòid, NicThòmais

Tha sloinnidhean anns a bheil an t-alt eadar-dhealaichte: Mac a’ Ghobhainn, Mac an Aba, Nic a’ Phearsain

Ainmean àitean

Is còir do litreachadh ainmean àitean anns a bheil dà eileamaid no barrachd air dà eileamaid iad sin fhoillseachadh: Ceann Loch Chille Chiarain, Dùn Èideann, Inbhir Nis, Obar Dheathain

Ma tha eileamaid air fàs doilleir, is còir tàthan a chleachdadh: Earra-Ghàidheal

Is còir an eileamaid dheireannach ann an ainmean bho –ey ‘eilean’ sa chànan Lochlannach a litreachadh –aigh no –eigh: Barraigh, Beàrnaraigh, Èirisgeigh, Pabaigh, Sgalpaigh, Tarasaigh

Tiotalan pearsanta

Mnathan

Thathar a’ moladh a’ Bh-uas (giorrachadh air a’ Bhean-uasal) a chleachdadh airson ‘Miss’, ‘Ms’ agus ‘Mrs’. Thigeadh seo gu: a’ Bh-uas (Màiri) Chaimbeul, a’ Bh-uas (Sìne) Mhoireach, a’ Bh-uas (Anna) NicDhòmhnaill

Cha rachadh an t-alt a sgrìobhadh le litir mhòr ach a-mhàin ann an seòladh-puist, agus às dèidh roimheir nochdadh an t-ainm mar a leanas:

aig a’ Bh-uas (Màiri) Chaimbeul, aig a’ Bh-uas (Sìne) Mhoireach, aig a’ Bh-uas (Anna) NicDhòmhnaill

dhan Bh-uas Chaimbeul, dhan Bh-uas Mhoireach, dhan Bh-uas NicDhòmhnaill

Dh’fhaodte tuiseal tabhartach a chomharrachadh an dà chuid san tiotal agus san ainm, me aig a’ Mhnaoi-uasail Chaimbeil/Mhoirich/NicDhòmhnaill, ach is dòcha gum biodh sin na b’ fhoirmeile na bhiodh a dhìth.

Ach, is còir tuiseal ginideach a chomharrachadh, agus bhiodh sin sgrìobhte mar na M-uas (giorrachadh air na Mnà-uasail/uaisle): nighean na M-uas C(h)aimbeil, nighean na M-uas M(h)oirich, nighean na M-uas

NicDhòmhnaill

Is e an riochd gun sèimheachadh a tha fìor cheart, ach tha e nas coltaiche gur iad na riochdan sèimhichte mar nighean na M-uas Chaimbeil agus nighean na M-uas Mhoirich a gheibhear. Is e an riochd ann a bhith a’ bruidhinn ri cuideigin: a Bh-uas Chaimbeul, a Bh-uas Mhoireach, a Bh-uas NicDhòmhnaill

e

f

g

Page 25: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

19

Nuair a dh’fheumar dèanamh soilleir gu bheil boireannach pòsta, thathar a’ cleachdadh a’ Bh-ph (giorrachadh air a’ Bhean-phòsta) san aon dòigh ri a’ Bh-uas an seo shuas. Is e na M-p (giorrachadh air na Mnà-pòsta) an tuiseal ginideach.

a’ Bh-ph Chaimbeul, a’ Bh-ph Mhoireach, a’ Bh-ph NicDhòmhnaill aig a’ Bh-ph Chaimbeul, aig a’ Bh-ph Mhoireach, aig a’ Bh-ph NicDhòmhnaill dhan Bh-ph Chaimbeul, dhan Bh-ph Mhoireach, dhan Bh-ph NicDhòmhnaill nighean na M-p C(h)aimbeil, nighean na M-p M(h)oirich, nighean na M-p NicDhòmhnaill

Faodar iad seo a chleachdadh mar an ceudna:

Màiri, Bean Chaimbeil Sìne, Bean Mhoirich Anna, Bean MhicDhòmhnaill

Fir

Thathar a’ moladh Mgr (giorrachadh air Maighstir) a chleachdadh. Is e Mhgr (giorrachadh air Mhaighstir) an tuiseal ginideach. Bhiodh seo a’ ciallachadh:

Mgr Caimbeul, Mgr MacDhòmhnaill, Mgr Moireach aig Mgr Caimbeul, aig Mgr MacDhòmhnaill, aig Mgr Moireach do Mhgr Caimbeul, do Mhgr MacDhòmhnaill, do Mhgr Moireach mac Mhgr Chaimbeil, mac Mhgr MhicDhòmhnaill, mac Mhgr Mhoirich

Ann a bhith a’ labhairt ri neach rachadh iad seo a chleachdadh: a Mhgr Chaimbeil, a Mhgr Mhoirich, a Mhgr MhicDhòmhnaill

Riochd eile

Gheibhear cruth eile mar anns an eisimpleir Màiri Chaimbeul, Uas (giorrachadh air Uasal, air a litreachadh le ‘U’ mhòr); Sìne Mhoireach, Uas; Anna NicDhòmhnaill, Uas; Seumas Caimbeul, Uas; Alasdair Moireach, Uas; Cailean MacDhòmhnaill, Uas. Nuair a tha na h-ainmean air an in-fhilleadh san dòigh àbhaisteach, chan eil buaidh aig sin air Uas.

Geàrr-ainmean

Is còir geàrr-ainmean Gàidhlig, eadar-theangachaidhean nam measg, a sgrìobhadh mar a leanas:

BP (Ball Pàrlamaid) BPA (Ball Pàrlamaid na h-Alba) BPE (Ball Pàrlamaid na h-Eòrpa) CnaG (Comunn na Gàidhlig) CNES (Comhairle nan Eilean Siar) SMO (Sabhal Mòr Òstaig)

h

Page 26: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

20

Ach, thathar tric a’ fàgail gheàrr-ainmean nach buin don Ghàidhlig nan cruth tùsail, ged a dh’fhaodte na tiotalan iomlan a chleachdadh ann an Gàidhlig, me BBC, NATO, SNH, SQA, UN, VAT

Tha geàrr-ainmean buailteach do shèimheachadh àbhaisteach fhacal, me aig a’ BhBC, leis a’ BhPA, oifis ChnaG

Giorrachaidhean

Nuair a nochdas giorrachaidhean ann an cruth Gàidhlig, thathar gan sgrìobhadh mar a leanas: àir. (àireamh), An t-Oll (An t-Ollamh), An t-Urr (An t-Urramach), cg (cileagram),

An Dr (Dotair: lighiche agus sgoilear), km (cileameatair), me (mar eisimpleir), Mgr (Athair Urramach), msaa (mar sin air adhart), td (taobh-duilleig), tdd (taobhan-duilleig)

i

Page 27: Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig An deasachadh seo: An Dàmhair 2009 Còd-foillseachaidh: BB4616 Foillsichte le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba Togalach Optima, 58 …

21

Notaichean