![Page 1: JOB ilteachaidh_2014.docxWeb viewcur taic ri àrainneachd Ghàidhlig na colaiste le bhith a’ cleachdadh is a’ brosnachadh na Gàidhlig le luchd-obrach , oileanaich agus luchd-tadhail](https://reader035.vdocuments.mx/reader035/viewer/2022081801/5aadfa557f8b9a5d0a8b880d/html5/thumbnails/1.jpg)
Tuairisgeul Obrach
TIOTAL NA H-OBRACH Prìomh Neach-Fàilteachaidh le Uallach Sònraichte airson na Bùtha
ROINN Goireasan
AN URRA RI Manaidsear nan Goireasan
A’ STIÙIREADH Luchd-obrach an Ionaid-Fàilte agus na Bùtha
SCEILE-TUARASTAIL J11 – J15 (£15,837 - £17,197)
ÀITE-OBRACH Sabhal Mòr Ostaig
Amas na h-obrachObair mar phàirt dhe is stiùireadh sgioba an Ionaid-Fàilte gus dèanamh cinnteach gu bheil dleastanasan an Ionaid-Fàilte agus na bùtha air an coileanadh ann an dòigh èifeachdach agus iomchaidh a thuilleadh air an ìre as àirde de dh’aoigheachd a thoirt do luchd-obrach, oileanaich agus luchd-tadhail Sabhal Mòr Ostaig. Cumail taic ri Manaidsear nan Goireasan is co-obrachadh le cinn roinne eile nuair a bhios feum air.Cur ri leasachadh na bùtha.
Tha am Prìomh Neach-Fàilteachaidh ag obair mar phàirt de sgioba an Ionad-Fàilte ach le dleastanas a bharrachd airson an sgioba a stiùireadh. Tha e mar dhleastanas aige/ aice dèanamh cinnteach gun tèid na dleastanasan a leanas a choileanadh ach faodaidh e/ i iarraidh air an sgioba aige/ aice an coileanadh mar a bhios iomchaidh.
Prìomh DhleastanasanStiùireadh sgioba an Ionaid-Fàilte
stiùireadh agus toirt comhairle do sgioba an Ionaid-Fàilte nan obair làitheil cumail coinneamhan obrach gu cunbhalach le luchd-obrach an Ionaid-Fàilte cumail mheasaidhean luchd-obrach sgioba an Ionaid-Fàilte dèanamh cinnteach gum bi luchd-obrach an Ionaid-fàilte a’ cumail ri deagh mhodhan-obrach
Seirbhis is aoigheachd toirt seachad an ìre as àirde de dh’ aoigheachd aghaidh ri aghaidh, air a’ fòn no tro phuist-d co-obrachadh le roinnean eile gus an t-seirbheis as àirde a thoirt seachad do luchd-
ceannaich
Gàidhlig cur taic ri àrainneachd Ghàidhlig na colaiste le bhith a’ cleachdadh is a’ brosnachadh na
Gàidhlig le luchd-obrach , oileanaich agus luchd-tadhail dèanamh cinnteach gu bheil Roinn nan Goireasan a’ cleachdadh na Gàidhlig aig an ìre as
àirde is a ghabhas cumail ri Poileasaidh Gàidhlig na Colaiste dol gu clasaichean airson an sgilean labhairteach, leughaidh no sgrìobhaidh a leasachadh
mar a bhios iomchaidh
Sabhal Mòr Ostaig is an Equal Opportunities employer
![Page 2: JOB ilteachaidh_2014.docxWeb viewcur taic ri àrainneachd Ghàidhlig na colaiste le bhith a’ cleachdadh is a’ brosnachadh na Gàidhlig le luchd-obrach , oileanaich agus luchd-tadhail](https://reader035.vdocuments.mx/reader035/viewer/2022081801/5aadfa557f8b9a5d0a8b880d/html5/thumbnails/2.jpg)
Tuairisgeul Obrach
Trèanadh deòin agus comas ur sgilean a leasachadh aig ìre phroifeasanta mar a chithear iomchaidh toirt seachad trèanadh do luchd-obrach an Ionaid-Fàilte, m.e. inntrigeadh
Rianachd dèanamh chlàran-obrach (rota) airson luchd-obrach an Ionaid-Fàilte gus dearbhadh gum bi
àireamh iomchaidh de luchd-obrach aig an Ionad-Fàilte cur thachartasan agus choinneamhan air dòigh cumail deagh rian air seirbhis-glèidhidh, àiteachan-fuirich agus seòmraichean teagaisg is co-
labhairt dealbhachadh agus ùrachadh nan siostaman rianachd dèanamh cinnteach gun tèid fàirdealan agus òrdain-ceannaich a chruthachadh gu sgiobalta dèanamh cinnteach gun tèid teachd a-steach agus airgead sam bith eile ann an Roinn nan
Goireasan a chlàradh gu cunbhalach dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh Wifi ceart ri fhaighinn fad an t-siubhail cur iomlaid air dòigh airson a’ bhàr toirt milleadh / gnothaichean-càraidh gu aire an neach aig a bheil uallach airson seo toirt fiosrachadh freagarrach don neach-glèidhidh a bhios ag obair aig deireadh na seachdain cleachdadh siostam èifeachdach airson stuth a chaidh a chall/ a lorg a chumail/ a thilleadh
Poileasaidhean is Riaghailtean tuigsinn agus cleachdadh phoileasaidhean na colaiste cumail le riaghailtean slàinte is sàbhailteachd agus a bhith mothachail air na feumalachdan
agad fhèin agus feumalachdan dhaoine eile a thaobh slàinte is sàbhailteachd cur prìomhachas air shàbhailteachd luchd-tadhail , oileanaich agus luchd-obrach agus cumail
oighreachd na colaiste ann an staid iomchaidh
Conaltradh taobh a-staigh agus a-muigh SMO cumail deagh chonaltraidh taobh a-staigh roinn nan Goireasan agus le roinnean eile na
colaiste cuideachadh Mhanaidsear nan Goireasan mar a thèid iarraidh cuideachadh Iar-Mhanaidsear nan Goireasan le co-labhairtean agus tachartasan eile
Eile cumail taic ri Manaidsear no Iar-Mhanaidsear nan Goireasan a’ cumail rian air an inneil-
airgid làimhseachadh ghearanan agus a bhith gan toirt gu aire Mhanaidsear nan Goireasan mar a
bhios iomchaidh deòin agus comas Sabhal Mòr Ostaig a riochdachadh ann an iomadach suidheachadh agus
còmhla ri buidhnean aig a bheil ceangail ris a’ Cholaiste no a dh’fhaodadh ùidh a’ nochdadh sa Cholaiste
gabhail obair iomchaidh sam bith eile os làimh mar a thèid iarraidh le Manaidsearan nan Goireasan
Sabhal Mòr Ostaig is an Equal Opportunities employer
![Page 3: JOB ilteachaidh_2014.docxWeb viewcur taic ri àrainneachd Ghàidhlig na colaiste le bhith a’ cleachdadh is a’ brosnachadh na Gàidhlig le luchd-obrach , oileanaich agus luchd-tadhail](https://reader035.vdocuments.mx/reader035/viewer/2022081801/5aadfa557f8b9a5d0a8b880d/html5/thumbnails/3.jpg)
Tuairisgeul Obrach
Bùth cumail deagh rian air bathair na bùtha cur air falbh òrdain is dèanamh cinnteach gu bheil a’ bhùth làn bathair iomchaidh cumail sùil air na rudan ùra a thèid fhoillseachadh/ a tha ri reic ceannach bathar Sabhal Mòr Ostaig cumail àiteachan-stòraidh gu sgiobalta sgioblachadh na bùtha agus ùrachadh nan taisbeanaidhean gu cunbhalach gus luchd-
ceannaich a tharraing a-steach cur phrìsean air bathar ùr agus dèanamh cinnteach gu bheil prìs air gach nì sa bhùth ceannach ghoireasan mar bhagaichean , phàipear is eile cumail conaltradh ri solaraichean meudachadh teachd a-steach agus follaiseachd na bùtha le a bhith a’ putadh bathair, a’
cumail thachartasan iomchaidh agus le bhith a’ cleachdadh chairtean-dìlseachd dèanamh cinnteach gu bheil an siostam ceart againn airson bathar a chlàradh sgaoileadh fiosrachadh mu bhathar na bùtha, m.e. tron chuairt-litir mhìosail “Naidheachdan
na Bùtha” no sanasan sa Cholaiste
Is e seo tuairisgeul na dreuchd mar a tha e an-dràsta. Tha e àbhaisteach a bhith a’ toirt sùil gheàrr air tuairisgeulan-obrach bho àm gu àm airson a bhith cinnteach gu bheil iad freagarrach airson na dreuchd agus a bhith a’ cur an cèill atharrachaidhean reusanta mar a thèid a mholadh. `S e an neach-obrach agus am manaidsear-loidhne a bhios an sàs ann an seo agus bithear an dùil gun gabh an neach-obrach pàirt sa phròiseas. `S e miann Sabhal Mòr Ostaig aontachadh a ruigsinn air atharraichean reusanta ach mura gabh seo dèanamh faodaidh Sabhal Mòr Ostaig fhathast atharraichean reusanta a dhèanamh air an tuairisgeul-obrach a tha freagarrach dhan ìre tuarastail as dèidh conaltradh ris an neach-obrach.
Deit: An t-Sultain 2014
Sgilean Pearsanta
Sabhal Mòr Ostaig is an Equal Opportunities employer
![Page 4: JOB ilteachaidh_2014.docxWeb viewcur taic ri àrainneachd Ghàidhlig na colaiste le bhith a’ cleachdadh is a’ brosnachadh na Gàidhlig le luchd-obrach , oileanaich agus luchd-tadhail](https://reader035.vdocuments.mx/reader035/viewer/2022081801/5aadfa557f8b9a5d0a8b880d/html5/thumbnails/4.jpg)
Tuairisgeul Obrach
Sgilean riatanach
fileanta sa Ghàidhlig gach cuid labhairt, leughadh agus sgrìobhadh
comas prògraman coimpiutaireachd Word agus Excel a chleachdadh
comasach air obrachadh air do cheann fhèin comasach air obrachadh ann an sgioba deagh sgilean conaltraidh agus eadar-pearsanta sgilean conaltraidh aig a h-uile ìre comasach air cumail ri cinn-latha is deagh rianachd-ùine comasach air iomadh dleastanas a thoirt gu buil aig an aon àm deagh sheirbheis do luchd-ceannaich comasach co-dhùnaidhean a dhèanamh is am mìneachadh do dhaoine eile
deònach a bhith a’ leasachadh do chuid Gàidhlig mar a bhios iomchaidh
Sgilean miannaichte
eòlas air obair-rianachd mu thràth
eòlas manaidsearachd
eòlas air obair reic/ bùtha
eòlas ann a bhith a’ cleachdadh stòran-data agus/no a’ phrògram “MS Publisher”
eòlas air prògraman MailChimp agus PECOS
eòlas ann a bhith a’ cumail chlàran-cunntais
Ùine pròbhaidh: 3 mìosan Ùine rabhaidh: 1 mhìos
Fios a bharrachd
Uairean gach seachdain
Sabhal Mòr Ostaig is an Equal Opportunities employer
![Page 5: JOB ilteachaidh_2014.docxWeb viewcur taic ri àrainneachd Ghàidhlig na colaiste le bhith a’ cleachdadh is a’ brosnachadh na Gàidhlig le luchd-obrach , oileanaich agus luchd-tadhail](https://reader035.vdocuments.mx/reader035/viewer/2022081801/5aadfa557f8b9a5d0a8b880d/html5/thumbnails/5.jpg)
Tuairisgeul Obrach
35 uairean gach seachdain, ag obair 5 làithean a-mach à 7 a’ gabhail a-steach an deireadh-seachdain.Dh’fhaodadh e bhith gum bi barrachd uairean ri fhaighinn tron t-seachdain air neo ma tha cuideigin eile dheth tinn no air saor-làithean.
Saor-làitheanGheibhear 35 saor-làithean agus tha sin a’ gabhail a-steach saor-làithean poblach (bidh 10/12 làithean dhiubh aig àm na Nollaig is na Bliadhn’ Ùr).
Sgèile tuarastailSgèile J11 – J15 (£15,837 - £17,197) sa bhliadhna, pro rata, a rèir eòlais. Thèid an tuarastal a phàigheadh gu cùnntas-banca ainmichte air an latha-obrach mu dheireadh de gach mìos.
Gheibh a h-uile neach-obrach measadh bliadhnail le neach-stiùiridh gus luchd-obrach a chuideachadh cumail ri ìre àrd de sheirbheis, an aire a thoirt air feumalachdan trèanaidh agus a’ toirt taic do leasachadh pearsanta gach neach-obrach.
Tha Sabhal Mòr Ostaig ag amas air làn-thaic a thoirt dhut ann a bhith ag ionnsachadh agus a’ leasachadh do chuid Gàidhlig agus tha farsaingeachd de chothroman ionnsachaidh ann.
Fiosrachadh mun a’ Cholaiste: ’S e colaiste foghlaim adhartaich agus aig àrd ìre a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig. Tha e a’ gabhail a-steach rumannan-teagaisg, oifisean agus àiteachan-fuirich.Tha mu 70 oileanaich is 60 neach-obrach air àrainn na Colaiste. Rè na bliadhna bidh iomadh tachartas ann a leithid co-labhairtean, bainnsean agus cùrsaichean goirid a mhaireas fad seachdain. Tha a’ cholaiste cuideachd a’ cur fàilte air mòran dhaoine cudromaich is ainmeil.
Tha Sabhal Mòr Ostaig na phàirt dhen Sgeama-fastaidh Cothroman-co-ionannachd.
Feumaidh an neach-iarrtais soirbheachail a’ dol tro sgeama disclosure Scotland agus teisteanasan a thoirt seachad.
Tha sgeama-pheinsein na colaiste fosgailte dhan a h-uile neach-obrach.
Iarrtasan: An cuir sibh ur n-iarrtas deiseil gu: An Roinn SgiobachdSabhal Mòr OstaigTeangueAn t-Eilean SgitheanachIV44 8QR
No ann am post-dealain gu: [email protected]
Latha mu dheireadh airson iarrtasan: ro mheadhan-latha Diluain 29.09.2014’S e àrainneachd ionnsachaidh àraid a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig agus e an aon àite san t-saoghal far a bheil foghlam àrd-ìre air a thoirt seachad agus a’ cholaiste air a ruith tro mheadhan Gàidhlig na
Sabhal Mòr Ostaig is an Equal Opportunities employer
![Page 6: JOB ilteachaidh_2014.docxWeb viewcur taic ri àrainneachd Ghàidhlig na colaiste le bhith a’ cleachdadh is a’ brosnachadh na Gàidhlig le luchd-obrach , oileanaich agus luchd-tadhail](https://reader035.vdocuments.mx/reader035/viewer/2022081801/5aadfa557f8b9a5d0a8b880d/html5/thumbnails/6.jpg)
Tuairisgeul Obrach
h-Alba. Tha Sabhal Mòr Ostaig suidhichte ann an àite air leth àlainn air an rubha Shlèite air an Eilean Sgitheanach.
Amas na Colaiste Tha Sabhal Mòr Ostaig airson a bhith na ionad shàr-mhathais airson leasachaidhean na Gàidhlig agus dualchas nan Gàidheal le bhith a' tairgsinn foghlaim aig ìre àrd, trèanaidh agus cothroman rannsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig; agus a’ cur ri leasachadh sòisealta, dualchasach agus eacanomaigeach le bhith a' dol an sàs ann an dòighean ùra còmhla ri daoine, coimhearsnachdan agus gnìomhachasan.
Cùl-fhiosrachadh mun a’ CholaisteStèidhichte ann an 1973, tha sàr-chliù aig a’ Cholaiste gu eadar-nàiseanta airson a bhith na h-ionad airson cànan agus cultar nan Gàidheal. Ged as e colaiste bheag spèisealta a th’ innte, tha Sabhal Mòr Ostaig a’ toirt seachad foghlaim luachmhoir, an dà chuid adhartach àrd-ìre, cho math ri cothroman rannsachaidh. Tha a’ Cholaiste mothachail air dè cho cudromach ’s a tha e bunait làidir a chumail airson a’ chànain, nan ealan is a’ chultair Ghàidhlig air fad agus tha i an sàs ann an iomadh pròiseact as leth sin.’S e colaiste ùr-ghnàthach a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig agus tha e na chom-pàiritche de OGE. Tha goireasan ionnsachaidh air leth aig a’ cholaiste, nam measg cruinneachadh leabhraichean ionmholta, àiteachan-fuirich agus goireasan cùraim-chloinne tro mheadhan na Gàidhlig air an làrach.Tha Sabhal Mòr Ostaig na Colaiste ùr-gnàthaichte na pàirt dè Ionad na mìle bliadhna OGE. The deagh ghoireasan-ionnsachaidh aig a’ cholaiste, a’ gabhail a-steach cruinneachaidh ainmeil leabhraichean ann an Leabharlann na Colaiste, àite-fuirich air an làraich agus ionad cùram-cloinne tro mheadhan na Gàidhlig. An-dràsta tha mu 100 oileanach againn a’ dèanamh chùrsaichean làn-ùine, mu 300 chùrsaichean air-astar agus bidh suas ri 900er a’ clàradh airson chùrsaichean goirid gach bliadhna. Tha measgachadh oileanach aig a’ cholaiste, le farsaingeachd aoisean is nàiseantachd. Ged a thig a’ mhòr-chuid de na h-oileanaich againn bho taobh a-staigh Alba agus an RA, tha Sabhal Mòr Ostaig air fàilte a thoirt do dh’oileanaich bho a leithid Amaireaga a Tuath, Tìr-mòr na Roinn Eòrpa agus Àisia. Tha ar luchd-ceumnachaidh air dol air adhart gu obraichean Gàidhlig ann am mòran seòrsaichean de ghnìomhachasan, a’ cleachdadh nan sgilean aca gus an cànan a chumail an àrd agus a leasachadh.Na àite ionnsachaidh beothail, tha Sabhal Mòr Ostaig ag amas air cur ri coimhearsnachd Ghàidhlig soirbheachail is misneachail. Tha fàilte chridheil air a h-uile duine.
Sabhal Mòr Ostaig is an Equal Opportunities employer