job ilteachaidh_2014.docxweb viewcur taic ri àrainneachd ghàidhlig na colaiste le...

8
Tuairisgeul Obrach TIOTAL NA H-OBRACH Prìomh Neach-Fàilteachaidh le Uallach Sònraichte airson na Bùtha ROINN Goireasan AN URRA RI Manaidsear nan Goireasan A’ STIÙIREADH Luchd-obrach an Ionaid-Fàilte agus na Bùtha SCEILE-TUARASTAIL J11 – J15 (£15,837 - £17,197) ÀITE-OBRACH Sabhal Mòr Ostaig Amas na h-obrach Obair mar phàirt dhe is stiùireadh sgioba an Ionaid-Fàilte gus dèanamh cinnteach gu bheil dleastanasan an Ionaid-Fàilte agus na bùtha air an coileanadh ann an dòigh èifeachdach agus iomchaidh a thuilleadh air an ìre as àirde de dh’aoigheachd a thoirt do luchd- obrach, oileanaich agus luchd-tadhail Sabhal Mòr Ostaig. Cumail taic ri Manaidsear nan Goireasan is co-obrachadh le cinn roinne eile nuair a bhios feum air. Cur ri leasachadh na bùtha. Tha am Prìomh Neach-Fàilteachaidh ag obair mar phàirt de sgioba an Ionad-Fàilte ach le dleastanas a bharrachd airson an sgioba a stiùireadh. Tha e mar dhleastanas aige/ aice dèanamh cinnteach gun tèid na dleastanasan a leanas a choileanadh ach faodaidh e/ i iarraidh air an sgioba aige/ aice an coileanadh mar a bhios iomchaidh. Prìomh Dhleastanasan Stiùireadh sgioba an Ionaid-Fàilte stiùireadh agus toirt comhairle do sgioba an Ionaid-Fàilte nan obair làitheil cumail coinneamhan obrach gu cunbhalach le luchd-obrach an Ionaid-Fàilte cumail mheasaidhean luchd-obrach sgioba an Ionaid-Fàilte dèanamh cinnteach gum bi luchd-obrach an Ionaid-fàilte a’ cumail ri deagh mhodhan-obrach Seirbhis is aoigheachd Sabhal Mòr Ostaig is an Equal Opportunities employer

Upload: leminh

Post on 18-Mar-2018

235 views

Category:

Documents


4 download

TRANSCRIPT

Page 1: JOB ilteachaidh_2014.docxWeb viewcur taic ri àrainneachd Ghàidhlig na colaiste le bhith a’ cleachdadh is a’ brosnachadh na Gàidhlig le luchd-obrach , oileanaich agus luchd-tadhail

Tuairisgeul Obrach

TIOTAL NA H-OBRACH Prìomh Neach-Fàilteachaidh le Uallach Sònraichte airson na Bùtha

ROINN Goireasan

AN URRA RI Manaidsear nan Goireasan

A’ STIÙIREADH Luchd-obrach an Ionaid-Fàilte agus na Bùtha

SCEILE-TUARASTAIL J11 – J15 (£15,837 - £17,197)

ÀITE-OBRACH Sabhal Mòr Ostaig

Amas na h-obrachObair mar phàirt dhe is stiùireadh sgioba an Ionaid-Fàilte gus dèanamh cinnteach gu bheil dleastanasan an Ionaid-Fàilte agus na bùtha air an coileanadh ann an dòigh èifeachdach agus iomchaidh a thuilleadh air an ìre as àirde de dh’aoigheachd a thoirt do luchd-obrach, oileanaich agus luchd-tadhail Sabhal Mòr Ostaig. Cumail taic ri Manaidsear nan Goireasan is co-obrachadh le cinn roinne eile nuair a bhios feum air.Cur ri leasachadh na bùtha.

Tha am Prìomh Neach-Fàilteachaidh ag obair mar phàirt de sgioba an Ionad-Fàilte ach le dleastanas a bharrachd airson an sgioba a stiùireadh. Tha e mar dhleastanas aige/ aice dèanamh cinnteach gun tèid na dleastanasan a leanas a choileanadh ach faodaidh e/ i iarraidh air an sgioba aige/ aice an coileanadh mar a bhios iomchaidh.

Prìomh DhleastanasanStiùireadh sgioba an Ionaid-Fàilte

stiùireadh agus toirt comhairle do sgioba an Ionaid-Fàilte nan obair làitheil cumail coinneamhan obrach gu cunbhalach le luchd-obrach an Ionaid-Fàilte cumail mheasaidhean luchd-obrach sgioba an Ionaid-Fàilte dèanamh cinnteach gum bi luchd-obrach an Ionaid-fàilte a’ cumail ri deagh mhodhan-obrach

Seirbhis is aoigheachd toirt seachad an ìre as àirde de dh’ aoigheachd aghaidh ri aghaidh, air a’ fòn no tro phuist-d co-obrachadh le roinnean eile gus an t-seirbheis as àirde a thoirt seachad do luchd-

ceannaich

Gàidhlig cur taic ri àrainneachd Ghàidhlig na colaiste le bhith a’ cleachdadh is a’ brosnachadh na

Gàidhlig le luchd-obrach , oileanaich agus luchd-tadhail dèanamh cinnteach gu bheil Roinn nan Goireasan a’ cleachdadh na Gàidhlig aig an ìre as

àirde is a ghabhas cumail ri Poileasaidh Gàidhlig na Colaiste dol gu clasaichean airson an sgilean labhairteach, leughaidh no sgrìobhaidh a leasachadh

mar a bhios iomchaidh

Sabhal Mòr Ostaig is an Equal Opportunities employer

Page 2: JOB ilteachaidh_2014.docxWeb viewcur taic ri àrainneachd Ghàidhlig na colaiste le bhith a’ cleachdadh is a’ brosnachadh na Gàidhlig le luchd-obrach , oileanaich agus luchd-tadhail

Tuairisgeul Obrach

Trèanadh deòin agus comas ur sgilean a leasachadh aig ìre phroifeasanta mar a chithear iomchaidh toirt seachad trèanadh do luchd-obrach an Ionaid-Fàilte, m.e. inntrigeadh

Rianachd dèanamh chlàran-obrach (rota) airson luchd-obrach an Ionaid-Fàilte gus dearbhadh gum bi

àireamh iomchaidh de luchd-obrach aig an Ionad-Fàilte cur thachartasan agus choinneamhan air dòigh cumail deagh rian air seirbhis-glèidhidh, àiteachan-fuirich agus seòmraichean teagaisg is co-

labhairt dealbhachadh agus ùrachadh nan siostaman rianachd dèanamh cinnteach gun tèid fàirdealan agus òrdain-ceannaich a chruthachadh gu sgiobalta dèanamh cinnteach gun tèid teachd a-steach agus airgead sam bith eile ann an Roinn nan

Goireasan a chlàradh gu cunbhalach dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh Wifi ceart ri fhaighinn fad an t-siubhail cur iomlaid air dòigh airson a’ bhàr toirt milleadh / gnothaichean-càraidh gu aire an neach aig a bheil uallach airson seo toirt fiosrachadh freagarrach don neach-glèidhidh a bhios ag obair aig deireadh na seachdain cleachdadh siostam èifeachdach airson stuth a chaidh a chall/ a lorg a chumail/ a thilleadh

Poileasaidhean is Riaghailtean tuigsinn agus cleachdadh phoileasaidhean na colaiste cumail le riaghailtean slàinte is sàbhailteachd agus a bhith mothachail air na feumalachdan

agad fhèin agus feumalachdan dhaoine eile a thaobh slàinte is sàbhailteachd cur prìomhachas air shàbhailteachd luchd-tadhail , oileanaich agus luchd-obrach agus cumail

oighreachd na colaiste ann an staid iomchaidh

Conaltradh taobh a-staigh agus a-muigh SMO cumail deagh chonaltraidh taobh a-staigh roinn nan Goireasan agus le roinnean eile na

colaiste cuideachadh Mhanaidsear nan Goireasan mar a thèid iarraidh cuideachadh Iar-Mhanaidsear nan Goireasan le co-labhairtean agus tachartasan eile

Eile cumail taic ri Manaidsear no Iar-Mhanaidsear nan Goireasan a’ cumail rian air an inneil-

airgid làimhseachadh ghearanan agus a bhith gan toirt gu aire Mhanaidsear nan Goireasan mar a

bhios iomchaidh deòin agus comas Sabhal Mòr Ostaig a riochdachadh ann an iomadach suidheachadh agus

còmhla ri buidhnean aig a bheil ceangail ris a’ Cholaiste no a dh’fhaodadh ùidh a’ nochdadh sa Cholaiste

gabhail obair iomchaidh sam bith eile os làimh mar a thèid iarraidh le Manaidsearan nan Goireasan

Sabhal Mòr Ostaig is an Equal Opportunities employer

Page 3: JOB ilteachaidh_2014.docxWeb viewcur taic ri àrainneachd Ghàidhlig na colaiste le bhith a’ cleachdadh is a’ brosnachadh na Gàidhlig le luchd-obrach , oileanaich agus luchd-tadhail

Tuairisgeul Obrach

Bùth cumail deagh rian air bathair na bùtha cur air falbh òrdain is dèanamh cinnteach gu bheil a’ bhùth làn bathair iomchaidh cumail sùil air na rudan ùra a thèid fhoillseachadh/ a tha ri reic ceannach bathar Sabhal Mòr Ostaig cumail àiteachan-stòraidh gu sgiobalta sgioblachadh na bùtha agus ùrachadh nan taisbeanaidhean gu cunbhalach gus luchd-

ceannaich a tharraing a-steach cur phrìsean air bathar ùr agus dèanamh cinnteach gu bheil prìs air gach nì sa bhùth ceannach ghoireasan mar bhagaichean , phàipear is eile cumail conaltradh ri solaraichean meudachadh teachd a-steach agus follaiseachd na bùtha le a bhith a’ putadh bathair, a’

cumail thachartasan iomchaidh agus le bhith a’ cleachdadh chairtean-dìlseachd dèanamh cinnteach gu bheil an siostam ceart againn airson bathar a chlàradh sgaoileadh fiosrachadh mu bhathar na bùtha, m.e. tron chuairt-litir mhìosail “Naidheachdan

na Bùtha” no sanasan sa Cholaiste

Is e seo tuairisgeul na dreuchd mar a tha e an-dràsta. Tha e àbhaisteach a bhith a’ toirt sùil gheàrr air tuairisgeulan-obrach bho àm gu àm airson a bhith cinnteach gu bheil iad freagarrach airson na dreuchd agus a bhith a’ cur an cèill atharrachaidhean reusanta mar a thèid a mholadh. `S e an neach-obrach agus am manaidsear-loidhne a bhios an sàs ann an seo agus bithear an dùil gun gabh an neach-obrach pàirt sa phròiseas. `S e miann Sabhal Mòr Ostaig aontachadh a ruigsinn air atharraichean reusanta ach mura gabh seo dèanamh faodaidh Sabhal Mòr Ostaig fhathast atharraichean reusanta a dhèanamh air an tuairisgeul-obrach a tha freagarrach dhan ìre tuarastail as dèidh conaltradh ris an neach-obrach.

Deit: An t-Sultain 2014

Sgilean Pearsanta

Sabhal Mòr Ostaig is an Equal Opportunities employer

Page 4: JOB ilteachaidh_2014.docxWeb viewcur taic ri àrainneachd Ghàidhlig na colaiste le bhith a’ cleachdadh is a’ brosnachadh na Gàidhlig le luchd-obrach , oileanaich agus luchd-tadhail

Tuairisgeul Obrach

Sgilean riatanach

fileanta sa Ghàidhlig gach cuid labhairt, leughadh agus sgrìobhadh

comas prògraman coimpiutaireachd Word agus Excel a chleachdadh

comasach air obrachadh air do cheann fhèin comasach air obrachadh ann an sgioba deagh sgilean conaltraidh agus eadar-pearsanta sgilean conaltraidh aig a h-uile ìre comasach air cumail ri cinn-latha is deagh rianachd-ùine comasach air iomadh dleastanas a thoirt gu buil aig an aon àm deagh sheirbheis do luchd-ceannaich comasach co-dhùnaidhean a dhèanamh is am mìneachadh do dhaoine eile

deònach a bhith a’ leasachadh do chuid Gàidhlig mar a bhios iomchaidh

Sgilean miannaichte

eòlas air obair-rianachd mu thràth

eòlas manaidsearachd

eòlas air obair reic/ bùtha

eòlas ann a bhith a’ cleachdadh stòran-data agus/no a’ phrògram “MS Publisher”

eòlas air prògraman MailChimp agus PECOS

eòlas ann a bhith a’ cumail chlàran-cunntais

Ùine pròbhaidh: 3 mìosan Ùine rabhaidh: 1 mhìos

Fios a bharrachd

Uairean gach seachdain

Sabhal Mòr Ostaig is an Equal Opportunities employer

Page 5: JOB ilteachaidh_2014.docxWeb viewcur taic ri àrainneachd Ghàidhlig na colaiste le bhith a’ cleachdadh is a’ brosnachadh na Gàidhlig le luchd-obrach , oileanaich agus luchd-tadhail

Tuairisgeul Obrach

35 uairean gach seachdain, ag obair 5 làithean a-mach à 7 a’ gabhail a-steach an deireadh-seachdain.Dh’fhaodadh e bhith gum bi barrachd uairean ri fhaighinn tron t-seachdain air neo ma tha cuideigin eile dheth tinn no air saor-làithean.

Saor-làitheanGheibhear 35 saor-làithean agus tha sin a’ gabhail a-steach saor-làithean poblach (bidh 10/12 làithean dhiubh aig àm na Nollaig is na Bliadhn’ Ùr).

Sgèile tuarastailSgèile J11 – J15 (£15,837 - £17,197) sa bhliadhna, pro rata, a rèir eòlais. Thèid an tuarastal a phàigheadh gu cùnntas-banca ainmichte air an latha-obrach mu dheireadh de gach mìos.

Gheibh a h-uile neach-obrach measadh bliadhnail le neach-stiùiridh gus luchd-obrach a chuideachadh cumail ri ìre àrd de sheirbheis, an aire a thoirt air feumalachdan trèanaidh agus a’ toirt taic do leasachadh pearsanta gach neach-obrach.

Tha Sabhal Mòr Ostaig ag amas air làn-thaic a thoirt dhut ann a bhith ag ionnsachadh agus a’ leasachadh do chuid Gàidhlig agus tha farsaingeachd de chothroman ionnsachaidh ann.

Fiosrachadh mun a’ Cholaiste: ’S e colaiste foghlaim adhartaich agus aig àrd ìre a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig. Tha e a’ gabhail a-steach rumannan-teagaisg, oifisean agus àiteachan-fuirich.Tha mu 70 oileanaich is 60 neach-obrach air àrainn na Colaiste. Rè na bliadhna bidh iomadh tachartas ann a leithid co-labhairtean, bainnsean agus cùrsaichean goirid a mhaireas fad seachdain. Tha a’ cholaiste cuideachd a’ cur fàilte air mòran dhaoine cudromaich is ainmeil.

Tha Sabhal Mòr Ostaig na phàirt dhen Sgeama-fastaidh Cothroman-co-ionannachd.

Feumaidh an neach-iarrtais soirbheachail a’ dol tro sgeama disclosure Scotland agus teisteanasan a thoirt seachad.

Tha sgeama-pheinsein na colaiste fosgailte dhan a h-uile neach-obrach.

Iarrtasan: An cuir sibh ur n-iarrtas deiseil gu: An Roinn SgiobachdSabhal Mòr OstaigTeangueAn t-Eilean SgitheanachIV44 8QR

No ann am post-dealain gu: [email protected]

Latha mu dheireadh airson iarrtasan: ro mheadhan-latha Diluain 29.09.2014’S e àrainneachd ionnsachaidh àraid a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig agus e an aon àite san t-saoghal far a bheil foghlam àrd-ìre air a thoirt seachad agus a’ cholaiste air a ruith tro mheadhan Gàidhlig na

Sabhal Mòr Ostaig is an Equal Opportunities employer

Page 6: JOB ilteachaidh_2014.docxWeb viewcur taic ri àrainneachd Ghàidhlig na colaiste le bhith a’ cleachdadh is a’ brosnachadh na Gàidhlig le luchd-obrach , oileanaich agus luchd-tadhail

Tuairisgeul Obrach

h-Alba. Tha Sabhal Mòr Ostaig suidhichte ann an àite air leth àlainn air an rubha Shlèite air an Eilean Sgitheanach.

Amas na Colaiste Tha Sabhal Mòr Ostaig airson a bhith na ionad shàr-mhathais airson leasachaidhean na Gàidhlig agus dualchas nan Gàidheal le bhith a' tairgsinn foghlaim aig ìre àrd, trèanaidh agus cothroman rannsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig; agus a’ cur ri leasachadh sòisealta, dualchasach agus eacanomaigeach le bhith a' dol an sàs ann an dòighean ùra còmhla ri daoine, coimhearsnachdan agus gnìomhachasan.

Cùl-fhiosrachadh mun a’ CholaisteStèidhichte ann an 1973, tha sàr-chliù aig a’ Cholaiste gu eadar-nàiseanta airson a bhith na h-ionad airson cànan agus cultar nan Gàidheal. Ged as e colaiste bheag spèisealta a th’ innte, tha Sabhal Mòr Ostaig a’ toirt seachad foghlaim luachmhoir, an dà chuid adhartach àrd-ìre, cho math ri cothroman rannsachaidh. Tha a’ Cholaiste mothachail air dè cho cudromach ’s a tha e bunait làidir a chumail airson a’ chànain, nan ealan is a’ chultair Ghàidhlig air fad agus tha i an sàs ann an iomadh pròiseact as leth sin.’S e colaiste ùr-ghnàthach a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig agus tha e na chom-pàiritche de OGE. Tha goireasan ionnsachaidh air leth aig a’ cholaiste, nam measg cruinneachadh leabhraichean ionmholta, àiteachan-fuirich agus goireasan cùraim-chloinne tro mheadhan na Gàidhlig air an làrach.Tha Sabhal Mòr Ostaig na Colaiste ùr-gnàthaichte na pàirt dè Ionad na mìle bliadhna OGE. The deagh ghoireasan-ionnsachaidh aig a’ cholaiste, a’ gabhail a-steach cruinneachaidh ainmeil leabhraichean ann an Leabharlann na Colaiste, àite-fuirich air an làraich agus ionad cùram-cloinne tro mheadhan na Gàidhlig. An-dràsta tha mu 100 oileanach againn a’ dèanamh chùrsaichean làn-ùine, mu 300 chùrsaichean air-astar agus bidh suas ri 900er a’ clàradh airson chùrsaichean goirid gach bliadhna. Tha measgachadh oileanach aig a’ cholaiste, le farsaingeachd aoisean is nàiseantachd. Ged a thig a’ mhòr-chuid de na h-oileanaich againn bho taobh a-staigh Alba agus an RA, tha Sabhal Mòr Ostaig air fàilte a thoirt do dh’oileanaich bho a leithid Amaireaga a Tuath, Tìr-mòr na Roinn Eòrpa agus Àisia. Tha ar luchd-ceumnachaidh air dol air adhart gu obraichean Gàidhlig ann am mòran seòrsaichean de ghnìomhachasan, a’ cleachdadh nan sgilean aca gus an cànan a chumail an àrd agus a leasachadh.Na àite ionnsachaidh beothail, tha Sabhal Mòr Ostaig ag amas air cur ri coimhearsnachd Ghàidhlig soirbheachail is misneachail. Tha fàilte chridheil air a h-uile duine.

Sabhal Mòr Ostaig is an Equal Opportunities employer