alba dhÙthchail: nas fheÀrr buileach, gu nÀdarra · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus...

108
ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA Ù À À

Upload: others

Post on 23-Jul-2020

0 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

Page 1: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

ALBA DHÙTHCHAIL:NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

ÙÀ

À

Page 2: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

THA SGÌREAN DÙTHCHAILNAM PÀIRT RIATANACHDEN DÙTHAICH AGAINN, A’ TOIRT SEACHADBUANNACHDAN MÒRAEACONAMACH,ÀRAINNEACHDAIL,SÒISEALTA, AGUSCULTARAIL.

Page 3: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

RIAGHALTAS NA H-ALBA, DÙN ÈIDEANN 2007

ALBA DHÙTHCHAIL:NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Page 4: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

© Dlighe-sgrìobhaidh a’ Chrùin 2007

ISBN: 978-0-7559-1534-7

Riaghaltas na h-AlbaTaigh Naomh AnndraDùn ÈideannEH1 3DG

Dèante do Riaghaltas na h-Alba le RR Donnelley B39293 3/07 (Gaelic)

Foillsichte le Riaghaltas na h-Alba, Màrt, 2007

Gheibhear tuilleadh lethbhreacan bhoBùth-leabhraichean Blackwell53 Drochaid a DeasDùn ÈideannEH1 1YS

Tha duilleagan-teagsa na sgrìobhainn seo air an dèanamh bho stuth-àrainneachd a tha 100% saorbho chlòirin eileamaideach agus a ghabhas ath-chuartachadh 100%.

Thathar a' meas gu bheil an t-eadar-theangachadh seo na riochdachadh cuimseach dhen tùs-sgrìobhainn.

Page 5: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

Facal Toisich Ministreil iv

Geàrr-chunntas Gnìomhach v

A’ SUIDHEACHADH A’ CHO-THEACSA

Caibideal 1 Ro-ràdh 2

Caibideal 2 Alba Dhùthchail ann an Co-theacsa 4

A’ GABHAIL AIRE: ADHARTAS AGUS DÙBHLAIN

Caibideal 3 A’ fàs na h-eaconamaidh dùthchail 14

Caibideal 4 A’ dèanamh na cuid as fheàrr den dualchas againn 26

Caibideal 5 A’ lìbhrigeadh sheirbheisean nas fheàrr 36

Caibideal 6 A’ toirt taic do choimhearsnachdan

dùthchail soirbheachail 56

A’ COIMHEAD AIR ADHART

Caibideal 7 Amannan ri teachd do dh’Alba dhùthchail 66

Caibideal 8 Ath cheumannan 78

Caibideal 9 Ag obair còmhla airson Alba dhùthchail 84

Leas-phàipear A: Prìomh Fhoillseachaidhean Fiosrachaidh 86

Leas-phàipear B: Beag-fhaclair 88

CLÀR-INNSE

Page 6: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

iv

Tha mi air a bhith fìor mhoiteil a bhith nam Mhinistear airson gnothaicheandùthchail bhon a chaidh riaghaltas tiomnaichte a thoirt a-steach do dh’Alba ann an 1999. Dh’fhoillsich sinn a’ chiad aithris chuimseach againn de phoileasaidhdùthchail, Rural Scotland: A New Approach, a’ bhliadhna as dèidh sin. Chuir sinAlba dhùthchail aig cridhe poileasaidhean agus prìomhachasan an Riaghaltais. Aig an aon àm, bha sinn mothachail air cho riatanach ’s a bha e daoine a chom-pàirteachadh aig gach ìre ann a bhith a’ dèiligeadh ri duilgheadasan agus ann a bhith a’ gabhail brath air na cothroman a tha Alba dhùthchail a’ tabhann agus a’ riochdachadh.

Tha tòrr air tachairt bhon uair sin – aig ìrean eadar-nàiseanta, nàiseanta agusionadail. Chaidh mòran a choileanadh: tha dùbhlain ùra air tighinn am bàrr. ThaAlba dhùthchail na seasamh aig àite fìor chudromach san leasachadh aice. Tha ecudromach aire a ghabhail – meòmhrachadh air na chaidh a dhèanamh, nadh’fheumas a bhith air a dhèanamh agus na prìomhachasan gnìomhachaidh eile a bu chòir a bhith againn còmhla gus dèanamh cinnteach gu bheil Alba a’ dèanamhcho math ’s as urrainn dhi.

Tha an sgrìobhainn seo mar thoradh air an aire a ghabh sinn. Gu cudromach, tha icuideachd a’ sealltainn toraidhean dheasbaireachdan le buidheann de stiùiricheanle ùidh ann an gnothaichean dùthchail sgaoilte. Tha mi fada nan comain airson abhith cho fialaidh le an cuid ùine agus bheachdan. Tha seo a’ cuideachadh gussealladh co-roinnte fhaighinn de na ceistean agus na puingean a bhios ann dorianachd san àm ri teachd, na gnìomhan as cudromaiche nam beachd-san airsonAlba dhùthchail agus a sluaigh; agus gus cuideachadh gus dèanamh cinnteach guncuir Alba dhùthchail ris a’ mhathas nàiseanta againn.

Tha mi fìor mhoiteil à Alba dhùthchail, a cliù eadar-nàiseanta agus na tha i air cur ri mathas na dùthcha againn agus a sluaigh. Còmhla, gu nàdarra, nì sinn nasfheàrr buileach i.

ROS Ó FINNAÍ BPAMinistear na h-Àrainneachd agus an Leasachaidh Dhùthchail

FACAL TOISICH MINISTREIL

Page 7: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

v

RO-RÀDHDh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba a’ chiad sgrìobhainn poileasai dh dùthchail aige,Rural Scotland: A New Approach, sa Chèitean 2000. Fhad’s a tha sinn a’ tighinn gudeireadh an dàrna teirm de riaghaltas tiomnaichte ann an Alba, tha sinn air coimheadair ais air na gnìomhan a rinn sinn. Ghabh luchd-stiùiridh bho chaochladh ùidhean com-pàirt sa chòmhradh gus fiosrachadh a chur ris na co-dhùnaidhean, na gnìomhan agusna planaichean cosg aig an Rianachd a bhios a’ tighinn a-steach.

Tha an sgrìobhainn seo ag aithris air cuid den obair thùsail a chaidh a dhèanamh leluchd-ùidh gus sgrùdadh dè dh’fhaodadh a bhith san amharc airson na h-Alba. Tha sinnair a dhèanamh ann an Riaghaltas na h-Alba, le com-pàirteachas bho luchd-stiùiridhann an diofar raointean dùthchail.

ALBA DHÙTHCHAIL ANN AN CO-THEACSATha sgìrean dùthchail nam pàirt riatanach den dùthaich againn, a’ solarachadhbuannachdan mòra eaconamach, àrainneachdail, sòisealta agus cultarail.

Tha fianais a’ sealltainn gu bheil mòran rudan ann a tha math mu Alba dhùthchail annsan fharsaingeachd – nam measg inbhe beatha àrd agus ìrean àrda de chom-pàirteachaseaconamach, teachd-a-steach dachaigheil, iomairteas, agus faid beatha an coimeas risa’ chòrr de dh’Alba. Ach, tha dùbhlain ann cuideachd, nam measg ìrean ìseal de dh’fhàsann an gnìomhachas agus luach a bharrachd, riatanasan rin coileanadh a thaobh na h-àrainneachd agus fianais air ìrean nas ìsle anns an fharsaingeachd de thoileachas leinbhe agus goireasachd sheirbheisean do na daoine a tha a’ fuireach ann. Tha dàtasreath-cinn a’ falach chaochlaidhean sgìreil no ionadail, nam measg cuid de sgìrean abhith an crochadh gu ìre air àiteachas le taic subsadaidh. Tha atharrachaidhean ann ansuidheachadh sluaigh a’ toirt droch bhuaidh air cuid de choimhearsnachdan agus a’ curbarrachd cuideim air seirbheisean.

Chan eil Alba dhùthchail aona-ghnèitheach agus chan eil fianais an còmhnaidh soilleirno làidir. Tha feum ann a’ bhunait fianais agus an comas a bhith a’ tomhas adhartasagus soirbheas a leasachadh nas fhaide – le amas nas soilleire air na buaidhean(builean) a tha aig poileasaidhean agus gnìomhan agus suim a ghabhail deatharrachaidhean sgìreil, ionadail agus eile. Tha feum air dàta agus anailischoimeasach nas fheàrr, dàta eadar-nàiseanta nam measg.

GEÀRR-CHUNNTAS GNÌOMHACH

1

2

3

4

5

Page 8: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

vi

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Is iad na h-amasan agus na dòighean-làimhseachaidh ro-innleachdail againn, taobh a-staigh poileasaidh iomlan de leasachadh seasmhach:

❙ an eaconamaidh dhùthchail a leudachadh agus a neartachadh, a’ bhunait sgileanna measg;

❙ an t-so-mhaoin nàdarra agus chultarail againn a dhìon, a chumail suas agus a leasachadh;

❙ ruigsinneachd agus inbhe nan seirbheisean air a bheil daoine agus gnìomhachasan ancrochadh a leasachadh;

❙ aghaidh a chur ris na dùbhlain agus cothroman a tha atharrachadh sluaigh a’ toirtam bàrr;

❙ in-ghabhaltas sòisealta agus eaconamach a bhrosnachadh;

❙ cuideachadh gus coimhearsnachdan dùthchail tapaidh, seasmhach a thogail;

❙ com-pàirteachas luchd-ùidh a leasachadh;

❙ amas, lìbhrigeadh agus tomhas adhartais a thaobh nam prìomh bhuilean a leasachadh.

Tha dòighean-làimhseachaidh co-obrachail agus com-pàirteachail, le com-pàirteachasagus taic bhon luchd-ùidh uile, riatanach ma tha sinn a’ dol a choileanadh nan amasanseo.

A’ FÀS NA H-EACONAMAIDH DÙTHCHAILTha a bhith a’ fàs na h-eaconamaidh ann an dòigh a tha a’ sealltainn prìomhachasanleasachaidh seasmhach, fhathast na shàr phrìomhachas. Tha na buidhnean iomairtagainn. Iomairt na h-Alba agus Iomairt na Gaidhealtachd is nan Eilean, a’ stiùireadhleasachadh eaconamach a rèir sin. Is iad na prìomh amasan aca:

❙ bunait eaconamach agus cosnaidh sgìrean dùthchail na h-Alba a leudachadh, a’gabhail brath air cothroman fàs cruinneil – le sùil air margaidhean lùths uaine agusso-ùrachaidh;

❙ gnìomhachasan seasmhach iomadachadh agus a bhrosnachadh sa bhun-roinn –gus amas margaidh a leasachadh, prothaid agus luach a bharrachd a bhrosnachadhagus na tha an roinn a’ cur ri leasachadh dùthchail nas fharsainge a neartachadh;

❙ dèanamh cinnteach gu bheil gnìomhachasan dùthchail a’ cur ri leasachadhseasmhach;

❙ luchd-obrach fiosrachaidh sgileil a chumail, a thàladh agus a leasachadh;

❙ tuarasdail agus Làn-luach a Bharrachd àrdachadh ann an Alba dhùthchail, gus cur ribeairteas agus mathas;

❙ ceanglaichean bailteil-dùthchail agus eadar-nàiseanta iomchaidh a leasachadh achum buannachd dha chèile agus gu nàiseanta.

Tha am Prògram Leasachadh Dùthchail a tha air a ruith le Roinn na h-Àrainneachd agusnan Gnothaichean Dùthchail againn a’ cur gu mòr ris an eaconamaidh – gu h-àraid sanroinn bidhe agus tuathanais.

6

7

8

9

Page 9: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

Tha Caibideal 3 a’ mìneachadh prìomh ro-innleachdan agus iomairtean a chaidh adhèanamh bho chionn ghoirid airson cuideachadh gus na h-amasan againn achoileanadh. Tha e cuideachd a’ mìneachadh dhùbhlain leantainneach, nam measg:

❙ dèanamh cinnteach gu bheil na tha sgìrean dùthchail a’ cur ri mathas na h-Alba sanfharsaingeachd ann an dòighean eaconamach, àrainneachdail, sòisealta aguscultarail, air aithneachadh, air a shealltainn agus air a mheas ann an co-dhùnaidhean poileasaidh agus tasgaidh;

❙ ag amalachadh chùisean eaconamach (coimearsalta), sòisealta agus àrainneachdail– gu h-àraid ag aithneachadh cudromachd agus co-thabhartas àrainneachdailsgìrean dùthchail na h-Alba agus gu feumar cothromachadh doirbh ann amprìomhachasan a dhèanamh ann an cuid de roinnean;

❙ a’ lùghdachadh eisimeileachd air subsadaidh àiteachais agus a’ gluasad gu ruigedòigh-làimhseachaidh stèidhichte air tasgadh;

❙ a’ cur aghaidh ri ceistean leithid mar a tha luchd-reic mòra a’ gabhail làmh anuachdair ann am margaidh a’ bhidhe;

❙ a’ cur aghaidh ri duilgheadasan bun-structair agus ruigsinneachd air an dùthaich,aig prìs reusanta;

❙ a’ tarraing ghnìomhachasan agus dhreuchdan sgileil aig a bheil luach a bharrachd,airson cuideachadh gus luchd-obrach agus luchd-còmhnaidh a tha sgileil agus airan deagh phàigheadh a tharraing agus a chumail;

❙ a’ leasachadh bhuannachdan dha chèile bho cheanglaichean bailteil-dùthchail.

Am measg ghnìomhan a tha an Riaghaltas, a bhuidhnean agus com-pàirtichean eile a’dealbhadh, gus aghaidh a chur ris na ceistean seo, tha:

❙ brosnachadh dòigh-làimhseachaidh a thaobh leasachadh na h-eaconamaidhdhùthchail, a’ gabhail a-steach cleachdadh prìomh ionnstramaidean ionmhasail, atha a’ cur aghaidh ri laigsean structarail, a’ togail air so-mhaoin nàdarra is eile na h-Alba agus a’ brosnachadh leasachadh seasmhach ghnìomhachasan dùthchail agusan eaconamaidh air fad;

❙ brosnachadh dòigh-làimhseachaidh coitcheann, co-phàirteach agus innleachdach athaobh bun-structair dùthchail agus solarachadh seirbheis, gus èifeachdas tasgaidh aleasachadh agus deagh phrìs tasgaidh a dhèanamh nas coltaiche;

❙ sgrùdadh dhòighean-làimhseachaidh agus cleachdaidh as fheàrr a thaobhcheanglaichean bailteil-dùthchail, a’ gabhail a-steach sgrùdadh eadar-nàiseanta;

❙ ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eilea leasachadh agus a lìbhrigeadh, gus buannachd a thoirt do dh’Alba dhùthchail.

Stiùiridh an Riaghaltas an t-slighe air adhart ann a bhith a’ suidheachadh frèaman ro-innleachdach, poileasaidh, is eile airson gnìomh. Ach tha leasachadh agus fàseaconamach seasmhach an crochadh air obrachadh co-phàirteach thairis air roinneangus na builean a thathar a’ miannachadh a choileanadh.

THA FÀS NA H-EACONAMAIDH, ANNAN DÒIGH A THA A’ SEALLTAINNPHRÌOMHACHASAN LEASACHAIDHSEASMHACH, FHATHAST NA SHÀRPHRÌOMHACHAS.

vii

GEÀRR-CHUNNTAS GNÌOMHACH

10

11

12

Page 10: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

viii

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

A’ DÈANAMH NA CUID AS FHEÀRR DEN DUALCHAS AGAINNTha so-mhaoin nàdarra, togte agus cultarail na h-Alba nam prìomh thobar debhuannachd eaconamach agus sòisealta, a’ lìbhrigeadh cosnadh, agus buannachdanluach a bharrachd agus inbhe-beatha. Tha iad a’ cuideachadh gus coimhearsnachdandùthchail agus nàiseanta a chumail suas.

Ann an iomadh suidheachadh, tha stiùireadh na so-mhaoin seo a’ solarachadhbhuannachdan a thaobh “math a’ phobaill” agus bu chòir duais a thoirt seachad a rèirsin. Is iad na prìomh amasan againn:

❙ dualchas nàdarra, togte agus cultarail na h-Alba a dhìon agus a neartachadh;

❙ dèanamh cinnteach gu bheil cruthan-tìre agus bith-iomadachd air an deagh chumailsuas, a’ toirt bhuannachdan do dhaoine, ghnìomhachasan agus an àrainneachd;

❙ buannachdan seasmhach, eaconamach agus sòisealta fhaighinn bho sho-mhaoinnàdarra, togte agus cultarail na h-Alba;

❙ àiteachan agus àrainneachdan àrd-inbhe a sholarachadh, gus daoine agusgnìomhachasan so-ghluasadach a tharraing;

❙ amasan leasachaidh seasmhach nas fharsainge a bhrosnachadh.

Tha Caibideal 4 a’ mìneachadh prìomh dhleastanasan agus ro-innleachdan agusiomairtean a chaidh a dhèanamh bho chionn ghoirid airson cuideachadh gus na h-amasan seo a choileanadh. Tha dùbhlain leantainneach ann fhathast, nam measg:

❙ dèanamh cinnteach à dòigh-làimhseachaidh iomlan a thaobh leasachadhseasmhach thairis air na raointean agus iomairtean poileasaidh uile;

❙ leasachadh mar a thathar a’ tomhas an raon (agus luach) bhuaidhean a th’ aigpoileasaidhean agus eadar-theachdan;

❙ targaidean bith-iomadachd dùbhlanach a mhaoineachadh agus a choileanadh, agusàrainneachd an uisge a leasachadh;

❙ lìbhrigeadh ath-leasachadh an fhearainn ann an Alba.

Tha an Riaghaltas fhathast a’ cur luach mòr agus prìomhachas air dìon agusneartachadh so-mhaoin nàdarra, togte agus cultarail na h-Alba agus na tha iad a’ cur riamasan àrainneachdail, eaconamach agus sòisealta. Am measg ghnìomhandealbhaichte gus freagairt a thoirt do dhùbhlain leantainneach, tha:

❙ leantainn ag obair tro Dhualchas Nàdair na h-Alba agus feadhainn eile gustargaidean bith-iomadachd dùbhlanach a choileanadh;

❙ buileachadh riaghailt frèam-obrach an uisge;

❙ leasachadh agus buileachadh ceumannan taic nas amalaichte a tha ag amas nasmotha air builean, gus dìon agus neartachadh cruth-tìrean agus bith-iomadachd nah-Alba a bhrosnachadh;

❙ leasachadh tuilleadh deasbaireachd agus co-roinn eòlais, gus tuigse mu nabuaidhean agus an luach aig poileasaidhean agus gnìomhan a leasachadh;

❙ ath-bhreithneachadh agus aithris don Phàrlamaid ann an 2007 mu ath-leasachadhan fhearainn.

13

14

15

16

Page 11: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

ix

GEÀRR-CHUNNTAS GNÌOMHACH

A’ LÌBHRIGEADH SHEIRBHEISEAN NAS FHEÀRRTha feumalachdan agus suidheachaidhean eadar-dhealaichte ann, ach mar as tric thamathas dhaoine agus choimhearsnachdan, agus soirbheas mòran ghnìomhachasan, ancrochadh air ruigsinneachd do sheirbheisean matha àrd-inbhe. Is e dùbhlan a tha anndeagh ruigsinneachd chunbhalach a sholarachadh do sheirbheisean matha aig deaghphrìs, gu h-àraid ann an sgìrean iomallach. Tha fianais a’ sealltainn gu bheil riarachas leseirbheisean nas ìsle, mar as tric, ann an sgìrean dùthchail seach a’ chòrr de dh’Alba.

Feumar sgrùdadh a dhèanamh air roghainnean agus fuasglaidhean innleachdach athaobh lìbhrigeadh seirbheis. Chaidh rèiteachaidhean leasaichte a dhèanamh airsonco-obrachadh ionadail, dèanamh-roghainnean agus lìbhrigeadh – gu h-àraid tro Chom-pàirteachasan Dealbhadh Coimhearsnachd (CDC). Cuideachd, tha an treas roinn gu h-àraid cudromach ann an sgìrean dùthchail.

Is iad na prìomh amasan againn:

❙ ruigsinneachd fhreagarrach a sholarachadh do sheirbheisean àrd-inbhe do dhaoineagus ghnìomhachasan ann an sgìrean dùthchail, a chum buannachd mathais agusinbhe-beatha dùthchail; agus

❙ èifeachdas agus prìs solarachadh seirbheis a leasachadh – ann an dòighean aghabhas a-steach gnìomh agus co-òrdanachadh ionadail nas fheàrr, agus a bhios a’gabhail brath air teicneòlas agus fuasglaidhean lìbhrigidh innleachdach eile.

Tha Caibideal 5 a’ mìneachadh iomairtean agus gnìomh gus seirbheisean a lìbhrigeadhagus a leasachadh – ann an còmhdhail, slàinte, taigheadas, foghlam agus seirbheiseanchloinne agus ann an ceartas – gus cuideachadh gus na h-amasan seo a choileanadh annan Alba dhùthchail.

Tha na dùbhlain leantainneach a leanas ann:

❙ togail air an dòigh-làimhseachaidh Com-pàirteachas Dealbhadh Coimhearsnachd a thaobh prìomhachasadh agus co-òrdanachadh ionadail, bacaidhean ann anstèidhean a bhriseadh agus cur aghaidh ri neo-èifeachdas agus pròiseasan a tha ro thoinnte;

❙ leasachadh a thoirt air, agus buannachdan fhaighinn bho, sheirbheisean co-roinntena roinne poblaich;

❙ amannan agus ceanglaichean siubhail a leasachadh, truailleachd a lùghdachadhagus inbhe, ruigsinneachd agus prìs còmhdhail phoblaich a leasachadh;

❙ modail ùr agus seasmhach de dh’ospadal coitcheann dùthchail ùr a chur angnìomh, le taic bho cheanglaichean còmhdhail èifeachdach;

❙ dèanamh cinnteach à solarachadh deagh thaigheadas freagarrach, aig deagh phrìsann an sgìrean dùthchail;

❙ foghlam iomlan, ùr-nodha a sholarachadh do dhaoine òga uile ann an Albadhùthchail, le co-dhùnaidhean mu sheasmhachd sgoiltean dùthchail agussolarachadh foghlaim san àm ri teachd air an gabhail le sùil air solarachadhseirbheis san fharsaingeachd agus le làn eòlas air beachdan na coimhearsnachdionadail.

17

18

19

20

21

Page 12: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

x

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Is iad na gnìomhan a tha an Riaghaltas air dealbhadh airson cuideachadh gus aghaidha chur ris na dùbhlain seo, ann an com-pàirteachas le buidhnean agus luchd-ùidh:

❙ leantainn air adhart a’ leasachadh ruigsinneachd do sheirbheisean seasmhach, àrd-inbhe, air feadh na h-Alba – a’ cleachdadh, am measg dhòighean eile, clàr-gnothaich nan seirbheisean co-roinnte;

❙ leantainn air adhart a’ brosnachadh, a’ leasachadh agus a’ misneachadh DealbhadhCoimhearsnachd mar phàirt chudromach de chlàr-gnothaich ath-leasachadhpoblach na h-Alba, le comas lìbhrigeadh seirbheis nas grinne agus nas ceangailte richèile a sholarachadh, stèidhichte air feumalachdan agus prìomhachasan sgìreilagus ionadail;

❙ leantainn air adhart a’ sgrùdadh, a’ brosnachadh agus a’ misneachadhrèiteachaidhean lìbhrigeadh seirbheis èifeachdach, innleachdach, a’ gabhail a-steach a bhith a’ cleachdadh leasachaidhean ann an TFC;

❙ leantainn air adhart ag obair le CDC dùthchail gus an targaid shònraichtedhùthchail a thaobh Dùnadh na Beàirn Chothroman a ruigsinn;

❙ leantainn air adhart a’ toirt taic agus brosnachadh don treas roinn;❙ leantainn air adhart a’ brosnachadh agus a’ toirt taic do leasachaidhean ann an

còmhdhail, a’ gabhail a-steach seirbheisean còmhdhail a tha a’ freagairt air iarrtas,air feadh na h-Alba: agus gus taic a thoirt do sheirbheisean riatanach;

❙ Taic agus brosnachadh a thoirt do dh’amasan A’ Lìbhrigeadh airson Slàinte, a’gabhail a-steach rèiteachaidhean sùbailte agus innleachdach airson seirbheiseanslàinte dùthchail a lìbhrigeadh;

❙ A bhith an tòir air an amas gum bi cothrom aig sluagh na h-Alba gu lèir airtaigheadas math, blàth agus aig deagh phrìs;

❙ leantainn air adhart a’ dèanamh cinnteach à buileachadh a’ phrògraim SàrSgoiltean Mòr-mhiannach agus a’ chlàir-gnothaich airson foghlam sgoile dùthchailagus ionnsachadh fad-bheatha: agus gus taic a thoirt do mhiann IMBOGE inbheoilthighe fhaighinn.

A’ TOIRT TAIC DO CHOIMHEARSNACHDAN DÙTHCHAIL SOIRBHEACHAILIs iad na h-amasan againn:

❙ coimhearsnachdan dùthchail seasmhach, tapaidh a bhrosnachadh; agus❙ cumhachd agus brosnachadh a thoirt do dhaoine ionadail a bhith air thùs ann a

bhith a’ toirt buaidh air ceistean a tha a’ buntainn riutha agus ris nacoimhearsnachdan aca.

Tha soirbheas choimhearsnachdan an crochadh air ceistean iom-fhillte agus co-cheangailte. Tha buaidh mhòr aig beachdan mu inbhe-beatha air roghainnean dhaoinea thaobh far a bheil iad airson fuireach. Tha ceumannan a tha air am mìneachadh annan caibidealan nas tràithe den sgrìobhainn seo a’ cur aghaidh ri tòrr de na cùisean seo.Tha feum ann cuideachd aghaidh a chur ri ceistean mu atharrachadh deamographachagus ceistean cultarail. Feumar cuideachd daoine a chuideachadh gus com-pàirt aghabhail ann, agus buaidh a thoirt air, ceistean a tha a’ toirt buaidh orra agus nacoimhearsnachdan aca. Tha Caibideal 6 a’ mìneachadh na thathar a’ dèanamh a thaobhnan nithean seo.

A-rithist, tha dùbhlain leantainneach ann gus:

❙ cumhachd agus com-pàirteachas ionadail a leasachadh;❙ tuigse nas fheàrr fhaotainn air na rudan a tha a’ toirt buaidh air roghainnean

tuineachaidh – gu h-àraid am measg dhaoine òga;❙ cleachdadh iomchaidh de Chlàr Ioma-bhochdainn na h-Alba a bhrosnachadh gus

aghaidh a chur ri ana-cothrom;❙ dèanamh cinnteach gu bheil coimhearsnachdan, solaraichean seirbheis agus

feadhainn eile a’ cur aghaidh ris na dùbhlain agus na cothroman a tha an lùibatharrachadh deamographach.

22

23

24

25

Page 13: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

xi

GEÀRR-CHUNNTAS GNÌOMHACH

Am measg ghnìomhan a thathar a’ dealbhadh gus aghaidh a chur ris na dùbhlain seo, tha:

❙ leantainn air adhart le bhith an tòir air agus a’ brosnachadh barrachd com-pàirteachais roinneil/luchd-ùidh ionadail a thaobh leasachadh agus lìbhrigeadhrèiteachaidhean taic, a’ toirt an aire do bheachdan luchd-ùidh agus eòlas afhuaireadh roimhe;

❙ a’ toirt seachad barrachd comhairle dealbhaidh agus deagh chleachdaidh a thaobhcom-pàirteachas coimhearsnachd;

❙ a’ dealbhadh gus còirichean cultarail a bhuileachadh, a’ com-pàirteachadh dhaoineionadail ann an deasbaireachd mu na miannan aca a thaobh com-pàirteachas annan gnìomhan cultarail;

❙ dòigh-làimhseachaidh ùr a thaobh LEADER, fo rèiteachaidhean PrògramLeasachadh Dùthchail na h-Alba 2007-13;

❙ buileachadh an reachdais croitearachd ùr agus a’ gabhail os-làimh sgrùdadh athaobh na tha croitearachd a’ tabhann san fharsaingeachd, le molaidhean airson anama ri teachd;

❙ brosnachadh com-pàirteachas coimhearsnachd tro cheannach talmhann;

❙ toirt air adhart na ro-innleachd ann an All our Futures: Planning for a Scotland withan Ageing Population1 agus ceumannan buntainneach;

❙ brosnachadh agus cuideachadh dhaoine ionadail a bhith air thùs agus dèanadachann a bhith a’ brosnachadh choimhearsnachdan seasmhach, soirbheachail.

AMANNAN RI TEACHD A DH’FHAODADH A BHITH ANN DO DH’ALBA DHÙTHCHAILAirson cuideachadh gus beachdachadh air prìomh atharrachaidhean, cothroman aguscunnartan san àm ri teachd, chaidh pròiseact goirid le amas air an àm ri teachd aghabhail os làimh le luchd-ùidh fhad’s a bhathar a’ deasachadh na sgrìobhainn seo.Mar thoradh air a seo bha tòrr co-aonta ann a thaobh nan cùisean atharrachaidh ascudromaiche don bu chòir dealbhachadh thairis air an ath 5 gu 15 bliadhna. Nammeasg tha:

❙ an soirbheas, structar agus tabhartas a tha aig eaconamaidh Alba dhùthchail agusmar a bhuineas iad don eaconamaidh nàiseanta;

❙ cumadh eaconamaidh(ean) dhùthchail na h-Alba;

❙ an t-slighe air adhart a thèid aontachadh do Alba dhùthchail, agus beachd soilleirair àite a bu chòir a bhith aice;

❙ atharrachadh sluaigh;

❙ an dòigh-làimhseachaidh a thaobh leasachadh dùthchail agus dèanamhphoileasaidhean dùthchail ann an Alba;

❙ an fhreagairt nàiseanta do atharrachadh aimsire agus cleachdadh stòrasan;

❙ seòrsachan lùths, meadhanan sgaoilidh, gineadh agus teàrainteachd solarachaidh,cosgaisean agus so-ùrachaidhean;

❙ an t-uiread taigheadais aig prìs reusanta air am bi feum;

❙ neart, iomadachd, prìs reusanta, ruigsinneachd agus seasmhachd sheirbheisean –gu h-àraid seirbheisean poblach agus, taobh a-staigh sin, seirbheisean èiginn,dochainn agus cùraim;

❙ beachdan agus roghainnean poblach a’ buntainn ri gnothaichean dùthchail;

❙ leasachaidhean agus cosgaisean siostaman còmhdhail seasmhach.

26

27

1 www.scotland.gov.uk/experience

Page 14: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

Chaidh co-aonta a ruighinn air grunn nithean riatanach bhon gabhadh lèirsinnchoitcheann a leasachadh airson Alba dhùthchail. Nam measg bha:

❙ ceann-uidhe soilleir airson Alba dhùthchail agus an t-àite aice ann an Alba;

❙ ceangaltas agus eaconamaidh stèidhichte air iomairt;

❙ air a togail air neartan dualach;

❙ co-ionannachd a thaobh meas eadar Alba dhùthchail agus an còrr de dh’Alba;

❙ ‘stàile margaidh beusail’;

❙ com-pàirteachas bailteil/dùthchail co-obrachail agus ciallach;

❙ buannachdan bho theicneòlasan ùra / leasachaidhean gnìomhachais agus TCF;

❙ eaconamaidh dhùthchail a tha in-ghabhaltach agus iom-ghnèitheach;

❙ ruigsinneachd cho-ionann agus chothromach do sheirbheisean (poblach agusmargaidh);

❙ air thoiseach san t-saoghal a thaobh so-ùrachaidhean, lùths ùr;

❙ rianachd agus smachd air sgudal;

❙ na cheann-uidhe a tha air a mheas gu eadar-nàiseanta mar ‘os cionn chàich’;

❙ soirbheachail agus neartmhor;

❙ dreuchd nas motha airson na roinne prìobhaidich;

❙ eaconamaidh mheasgaichte;

❙ innleachdach agus a’ coimhead air adhart;

❙ misneachail;

❙ a’ gabhail ri atharrachadh;

❙ farpaiseach ach a’ gabhail ri atharrachadh seasmhach.

Chaidh a’ chiad theamplaidean airson ‘Alba dhùthchail’ aontachadh. Ged nach robh na teamplaidean làn-dheasaichte dh’aontaicheadh gu ro iad so-dhèanta. Is e inneal ro-innleachdach feumail a tha ann an dòigh-làimhseachaidh nan amannan ri teachdagus bu chòir do luchd-ùidh barrachd leasachaidh agus taic a thoirt dha. Tha toradhphròiseactan (teamplaidean) a’ toirt deagh thoiseach tòiseachaidh airson tuilleadhdeasbaireachd.

Faodaidh an gnìomh seo a tha stèidhichte air beachdan mu na h-amannan ri teachdtòiseachadh a’ cur ri deasbad leantainneach, ioma-taobhach agus com-pàirteachas leluchd-ùidh dùthchail air poileasaidh dùthchail: tha smaoineachadh mushuidheachaidhean agus dearbhadh a thaobh an ama ri teachd a’ toirt cothrom guslèirsinn a tha dha-rìreabh co-roinnte agus làidir a leasachadh airson Alba dhùthchail,agus àrd-ùrlar airson tuilleadh deasbaid agus dealbhaidh san àm ri teachd. Bu chòir athoirt an lùib deasbaireachd air poileasaidh agus ro-innleachd. Tha fìor chothrom anngus còmhradh coitcheann agus lèirsinn no miann co-aontaichte a leasachadh airsonAlba dhùthchail thairis air an ath 10 no 15 bliadhna.

28

29

30

xii

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Page 15: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

ATH CHEUMANNAN AGUS CO-DHÙNAIDHEANTha raon farsaing de ghnìomhan air am mìneachadh san sgrìobhainn seo gus togail airan adhartas a chaidh a dhèanamh chun a seo agus gus leasachadh, lìbhrigeadh agusbuaidh poileasaidh agus seirbheis a thoirt air adhart. Thathar a’ dealbhadh barrachdgus togail air na gnìomhan agus na rèiteachaidhean seo, gus:

❙ com-pàirteachas luchd-ùidh dùthchail agus iomlaid fiosrachaidh a leasachadh, a’gabhail aire do eòlas agus a’ togail air ceanglaichean agus rèiteachaidhean a thaann mar-thà;

❙ togail air obair nan amannan ri teachd, gus lèirsinn choitcheann a leasachadhairson sgìrean dùthchail de dh’Alba – le cuimseachadh nas mionaidiche air nabuilean a thathar a’ sùileachadh agus prìomhachasan aontaichte airson obaircòmhla gan ionnsaidh;

❙ bunait fianais nas fheàrr a leasachadh airson a bhith a’ tomhais adhartas agussoirbheas – le comharran-measaidh, aonta air ìrean rin coileanadh, prìomhchomharraidhean adhartais agus rèiteachaidhean airson ath-bhreithneachadhcunbhalach (agus neo-eisimeileach) air poileasaidh agus adhartas.

Tha Alba dhùthchail a’ seasamh aig àite cudromach san leasachadh aice. Tha dùbhlainagus cothroman cudromach ann. Tha feum agus cothrom ann gus tuigse na h-uile aleasachadh mu dhineamaigs dùthchail toinnte– na dàimhean agus an t-eadar-obrachadh taobh a-staigh Alba dhùthchail, eadar sgìrean dùthchail agus bailteil aguseadar nithean eaconamach, àrainneachdail, sòisealta agus cultarail. Tha feum air eòlasagus dàta nas ionnsaichte agus nas iomchaidh, agus gnìomhan co-obrachail agusamalaichte. Tha obair a tha ag amas air amannan ri teachd a’ tabhann inneal ro-innleachdach ùr a chuidicheas gus lèirsinn choitcheann, dòighean-làimhseachaidh agusgnìomhan poileasaidh a chomharrachadh, a’ dèanamh cinnteach nach cuir sinn bacadhair gnìomhan, leasachaidhean agus builean eile san àm ri teachd.

Chan urrainn do Riaghaltas na h-Alba na h-amasan ro-innleachdach a choileanadh leisfhèin, agus tha feum air com-pàirteachas dèanadach agus gnìomhach le luchd-ùidhthairis air na roinnean. Tha bunait làidir ann air am faodar togail agus tha càil annairson gnìomhan a tha nas amalaichte agus co-phàirteach a chum lèirsinn agusmiannan coitcheann. Tha cothrom ann, ma bhios sinn uile ag obair còmhla, gus Albadhùthchail a dhèanamh nas fheàrr buileach.

31

32

33

CHAN URRAINN DO RIAGHALTASNA H-ALBA NA H-AMASAN RO-INNLEACHDACH A CHOILEANADHLEIS FHÈIN, AGUS THA FEUM AIRCOM-PÀIRTEACHAS DÈANADACHAGUS GNÌOMHACH LE LUCHD-ÙIDHTHAIRIS AIR NA ROINNEAN.

xiii

GEÀRR-CHUNNTAS GNÌOMHACH

Page 16: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

THA SGÌREAN DÙTHCHAIL A’ CUMAIL 98%DE RAON TALMHANN NA H-ALBA, A’CUMAIL 21% DEN T-SLUAGH AGUS MU20% DE DHAOINE AIG AOIS OBRACH ATHA ANN AN COSNADH ANN AN ALBA

Page 17: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

PÀIRT A H-AONA’ SUIDHEACHADH A’ CHO-THEACSA

Page 18: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

2

1: RO-RÀDH

Tha an sgrìobhainn seo a’ suidheachadh a’ cho-theacsa airson poileasaidh dùthchailagus leasachadh dùthchail ann an Alba. Chaidh a leasachadh as dèidh co-chomhairleachadh agus deasbaireachd le Buidheann-obrach de luchd-stiùiridh ann andiofar raointean dùthchail. Tha i ag amas sa mhòr chuid air poileasaidhean agusgnìomhan Riaghaltas na h-Alba agus a bhuidhnean: ach tha i ag aithneachadh nadreuchd dheatamach a tha aig feadhainn eile – thairis air na roinnean prìobhaideachagus poblach agus san treas roinn – ann a bhith a’ toirt air adhart gnìomh agus a’dèanamh adhartas a chum nan amasan coitcheann againn airson Alba dhùthchail.

Gu dearbh, tha eadar-dhealachaidhean rin lorg am measg suidheachaidhean dùthchailagus tha buaidh aig caochladh nithean orra – buaidhean bhon taobh a-muigh a thuilleadhair buaidhean dachaigheil, poileasaidhean agus gnìomhan. Tha e do-dhèante ann ansgrìobhainn leithid seo mìneachadh a thoirt air gach ceist a tha a’ toirt buaidh air mathasdùthchail: no gach suidheachadh sgìreil no ionadail a shealltainn. An àite seo, tha i agaithneachadh gu bheil iomadachd ann (agus neartan an lùib seo), ach cuideachd gubheil mòran chùisean cumanta rin lorg air feadh sgìrean dùthchail na h-Alba: agus tha iag amas air prìomh cheistean ro-innleachdach agus miannan airson Alba dhùthchail ashoilleireachadh agus prìomhachasan aontaichte airson gnìomh a chomharrachadh.

Ach, chan urrainn do phoileasaidh dùthchail a bhith ro dhaingnichte. Feumaidhcothrom a bhith aige leasachadh, gus aire a thoirt air suidheachaidhean mar a nochdasiad agus gus aghaidh a chur ri dùbhlain agus cothroman ùra. Tha feum ann dòigh-làimhseachaidh agus gnìomh a bhith a’ freagairt air a chèile agus, far a bheil eiomchaidh, a bhith a’ dèanamh prìomhachasadh agus roghainnean aig ìre ionadail. Thaan sgrìobhainn seo a’ sealltainn na dòigh-làimhseachaidh sin. Thathar an dùil gun tèida cleachdadh an dà chuid gus beachd a ghabhail air rudan a chaidh a dhèanamh agus athathar a’ dèanamh, agus mar chlàr-leum airson obair a nithear fhathast.

Tha Caibideal 2 a’ suidheachadh a’ cho-theacsa fharsaing airson Alba dhùthchail – àitefar a bheil neartan agus laigsean ach cuideachd a tha na phàirt bhunaiteach deeaconamaidh, caractar agus cultar nàiseanta na h-Alba.

Tha Caibidealan 3 gu 6 a’ mìneachadh leasachaidhean agus iomairtean a chaidh adhèanamh bho chionn ghoirid gus aghaidh a chur ri ceistean ann am prìomh raointean– am feum gus iomadachd agus fàs a thoirt air an eaconamaidh dhùthchail (Caibideal3); a’ chuid as fheàrr a dhèanamh den dualchas nàdarra, togte agus cultarail againn(Caibideal 4); prìomh sheirbheisean a leasachadh agus a chumail a’ dol (Caibideal 5);agus gus brosnachadh agus taic a thoirt do choimhearsnachdan dùthchail (Caibideal6). Tha gach caibideal ag amas air sealltainn far a bheil ceistean agus dùbhlaindhùthchail ro-innleachdail fhathast rin lorg.

Tha Caibidealan 7 gu 9 a’ sealltainn air adhart. Tha Caibideal 7 ag aithris air obairthùsail a chaidh a dhèanamh le prìomh luchd-ùidh gus sgrùdadh a dhèanamh airsuidheachaidhean a dh’fhaodadh a bhith ann do dh’Alba san àm ri teachd; airbeachdan tùsail air prìomh nithean a dh’fhaodadh buaidh a thoirt, agus brosnachadhair atharrachadh, air leasachadh mhiannan agus lèirsinn airson Alba dhùthchail; agusair cuid de shuidheachaidhean a dh’fhaodadh a bhith ann dha-rìreabh airson Alba sanàm ri teachd mar bhunait airson barrachd deasbaireachd agus gnìomh. Tha Caibideal 8a’ mìneachadh nan ath cheumannan – dè a dh’fhaodadh a bhith a dhìth gus togail airan adhartas a chaidh a dhèanamh chun a seo, a chum lèirsinn cho-aontaichte airsonAlba dhùthchail agus le prìomhachasan aontaichte agus dòigh nas fheàrr gus adhartasa sgrùdadh agus a thomhais gu ruige prìomh bhuilean. Tha Caibideal 9 a’ tabhannsmuaintean co-dhùnaidh.

1.1

1.2

1.3

1.4

1.5

1.6

Page 19: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

3

PÀIRT A H-AON CAIBIDEAL 1: RO-RÀDH

Mar a chaidh a shealltainn sa chaibideal co-dhùnaidh seo, chaidh adhartas cudromacha dhèanamh bho thòisich fèin-riaghladh agus bhon a chaidh ciad aithris iomlan dephoileasaidh dùthchail an Riaghaltais Rural Scotland: A New Approach2 fhoillseachadhann an 2000. Ach tha mòran ri dhèanamh fhathast agus is e an dùbhlan airson an amari teachd a bhith a’ gluasad nas fhaide agus nas luaithe còmhla. Tha an sgrìobhainn seoa’ sealltainn ceum air an t-slighe sin.

1.7

2 http://www.scotland.gov.uk/library2/doc15/rsna-00.asp

RIAGHALTAS NA H-ALBA – SEÒRSACHADH BAILTEIL-DÙTHCHAIL 6-FHILLTE

■ Sgìrean mòra bailteil (le sluagh de chòrr is 125,000)

■ Sgìrean bailteil eile (le sluagh de 10,000 gu 125,000)

■ Bailtean beaga so-ruigsinneach (le sluagh de 3,000 gu 10,000agus taobh a-staigh astar 30 mionaid ann an càr bho bhaile lesluagh de 10,000)

■ Bailtean beaga iomallach (le sluagh de 3,000 gu 10,000 agustaobh a-muigh astar 30 mionaid ann an càr bho bhaile lesluagh de 10,000)

■ Sgìre dhùthchail ruigsinneach (le sluagh de nas lugha na 3,000agus taobh a-staigh astar 30 mionaid ann an càr bho bhaile lesluagh de 10,000)

■ Sgìre dhùthchail iomallach (le sluagh de nas lugha na 3,000agus taobh a-muigh astar 30 mionaid ann an càr bho bhaile lesluagh de 10,000)

Tobar:Seòrsachadh Bailteil-dùthchail Riaghaltas na h-Alba – Riaghaltas na h-Alba 05-06

Tha am mapa seo stèidhichte air fiosrachadh Clàrachas naDùthcha (CD) le cead bho Chlàrachas na Dùthcha às lethRianadair Oifis Foillseachaidh na Bànrighe © Dlighe-sgrìobhaidh a’ Chrùin 2006. Tha ath-dhèanamh gun ùghdarras a’ briseadh a-steach air dlighe-sgrìobhaidh a’ Chrùin agus dh’fhaodadh casaid no imeachdan catharra a bhith air an togail. Àireamh cead Riaghaltas na h-Alba:100020540 2006

Ri linn cumhaichean cead CD, chan fhaod sibh/an t-àidseantagaibh am mapa seo a chleachdadh ach a-mhàin airsongnothach oifigeil le Riaghaltas na h-Alba. Ma tha sibh airsonam mapa a chleachdadh airson adhbharan eile, feumaidh sibhan toiseach cead fa leth fhaighinn bho CD.

Seirbheis Fiosrachaidh Cruinn-eòlasach Riaghaltas na h-Alba Òg-mhìos 2006

Page 20: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

4

2: ALBA DHÙTHCHAIL ANN

AN CO-THEACSA

Tha sgìrean dùthchail a’ cumail 98% de raon talmhainn na h-Alba, 21% den t-sluaghagus mu 20% de dhaoine aig aois obrach a tha ann an cosnadh ann an Alba. (OifisChoitcheann a’ Chlàraidh airson Alba 2001,2004 agus 2005 fa leth). Tha iad a’solarachadh biadh agus bun-stuthan, le ìomhaigh àrd-inbhe agus bathar a thaaithnichte gu h-eadar-nàiseanta, an dà chuid airson margaidhean na dachaigh agus as-mhalairt. Tha an t-so-mhaoin nàdarra agus chultarail aca a’ sealltainn dualchas,caractar agus cultaran na h-Alba – a’ tabhann chothroman cur-seachad, spòrs aguscultarail airson luchd-obrach agus saoranaich às na bailtean agus far na dùthcha: agusa’ tarraing luchd-tadhail bhon dùthaich seo agus thall-thairis, agus gnìomhachasan so-ghluasadach agus daoine air an tarraing leis an inbhe-beatha àrd-ìre a tha iad a’tabhann. Tha Alba dhùthchail, anns a h-uile riochd a’ toirt buannachd eaconamach,àrainneachdail, sòisealta agus cultarail do dh’Alba agus a sluagh uile.

Tha fianais ann gu bheil mòran rudan matha mu thimcheall Alba dhùthchail. Mar eisimpleir:

❙ tha co-roinn nas motha de luchd-còmhnaidh ann an sgìrean dùthchail seachpàirtean eile de dh’Alba den bheachd gu bheil an nàbachd aca na fhìor dheagh àitefuirich: 77% ann an sgìrean dùthchail iomallach agus 65% ann an sgìrean dùthchailruigsinneach, an coimeas ri 48% sa chòrr de dh’Alba3 (Suirbhidh Taigheadais na h-Alba 2005);

❙ tha fianais a’ comharrachadh ìrean àrda de chom-pàirteachas eaconamach aguscosnaidh le luchd-còmhnaidh dùthchail: tha 83% den t-sluagh aig aois obrach ann an sgìrean dùthchail gnìomhach gu h-eaconamach, an coimeas ri 79% sa chòrr de dh’Alba. Coltach ris a seo, tha 79% ann an sgìrean dùthchail a’ cosnadh,an coimeas ri 74% sa chòrr de dh’Alba. (Suirbhidh Sluaigh Bliadhnail ann an Alba 2005);

❙ tha teachd-a-steach ann an dachannan ann an sgìrean dùthchail nas àirde napàirtean eile de dh’Alba: tha teachd-a-steach bliadhnail às dèidh cìs os cionn£20,000 aig 51% de dhachannan ann an sgìrean dùthchail ruigsinneach agus 43% ann an sgìrean dùthchail iomallach, an coimeas ri 37% sa chòrr de dh’Alba(Suirbhidh Taigheadais na h-Alba 2005);

❙ tha ìrean nas ìsle de bhochdainn teachd a-steach ann seach a’ chòrr de dh’Alba: 9%agus 8% den t-sluagh ann an sgìrean dùthchail iomallach agus ruigsinneach, ancoimeas ri 15% sa chòrr de dh’Alba (Clàr na h-Alba airson Ioma-bhochdainn 2006);

❙ tha dùil ri beatha nas fhaide ann an sgìrean dùthchail seach an còrr de dh’Alba: 76bliadhna an coimeas ri 74 do dh’fhireannaich, 81 bliadhna an coimeas ri 79 dobhoireannaich (Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson Alba);

2.1

2.2

3 Nota: tron sgrìobhainn seo, far a bheil coimeasan air an dèanamh, tha “sgìrean dùthchail” a’ciallachadh measgachadh de sgìrean dùthchail iomallach agus sgìrean dùthchail ruigsinneach agustha “an còrr de dh’Alba” a’ ciallachadh measgachadh de sgìrean mòra bailteil, sgìrean bailteil eile,bailtean beaga ruigsinneach agus bailtean beaga iomallach – uile mar a tha iad air am mìneachadhann an seòrsachadh bailteil/dùthchail 6-fhillte Riaghaltas na h-Alba.

Page 21: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

5

PÀIRT A H-AON CAIBIDEAL 2: ALBA DHÙTHCHAIL ANN AN CO-THEACSA

❙ tha co-roinn nas àirde de ghnìomhachasan ùra gan cur air bhonn ann an sgìreandùthchail: ann an 2004 bha 48% de chlàraidhean uile airson gnìomhachasan ùraann an sgìrean dùthchail (Clàr Gnìomhachais Eadar-roinneil 2004). Thagnìomhachasan ann an sgìrean dùthchail cuideachd nas buailtiche mairsinn seachfeadhainn sa chòrr de dh’Alba: dhùin 25% de ghnìomhachasan ann an sgìreandùthchail thairis air 2000-03 an coimeas ri 32% sa chòrr de dh’Alba (ClàrGnìomhachais Eadar-roinneil 2000-2003).

Ach tha ceistean agus dùbhlain chudromach sna sgìrean dùthchail againn cuideachd:

❙ tha a’ bhunait eaconamach agus cosnaidh dùthchail againn a’ sgaoileadh, ach tha efhathast ann an cuid de sgìrean (gu h-àraid dùthchail iomallach) gu mòr ancrochadh air na prìomh ghnìomhachasan – faic figearan 1 agus 2 gu h-ìseal. Tha sina’ gabhail a-steach roinn àiteachais a tha an crochadh gu mòr air subsadaidhean –le maoin bho thaicean-airgid dìreach agus subsadaidhean (£536m ann an 2005) a’toirt bàrr air teachd-a-steach iomlan bho thuathanas (£436m) (SEERAD, 2005).

2.3

Page 22: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

6

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Àiteachas, Coilltearachdagus Iasgach

Lùths, Mèinnearachdagus Cuaraidheadh

Giollachd

Togail

Slàn-reic, Meanbh-reicagus Càradh

Taighean-òstaagus Taighean-bidhe

Còmhdhail

Seirbheisean Ionmhais

Foghlam agus Slàinte

0% 5% 10% 15% 20% 25% 30%

20%7%

0.5%

1%2%

2%

22%12%

12%

9%9%

6%

16%14%

19%

9%9%

14%

5%6%

6%

9%14%

27%

14%16%

19%

Dùthchail iomallach Dùthchail ruigsinneach Còrr de dh’Alba

FIGEAR 1CUDROMACHD GNÌOMHACHAIS A RÈIR SGÌRE CHRUINN-EÒLASAICH, 2004

Tobar: Riaghaltas na h-Alba, ONS, IDBR, 2004 (stèidhichte air àireamh luchd-obrach)Stèidhichte air Seòrsachadh Bailteil-Dùthchail Riaghaltas na h-Alba, 2003-2004

Page 23: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

7

PÀIRT A H-AON CAIBIDEAL 2: ALBA DHÙTHCHAIL ANN AN CO-THEACSA

FIGEAR 2LLB ÀITEACHAIS DE SGÌRE NUTS 3 MAR CHO-ROINN DE LLB IOMLANANN AN SGÌRE NUTS 3, 2003

Baile Ghlaschu

Baile Dhùn Èideann

Siorrachd Lannraig a Tuath

Inbhir Chluaidh, Siorrachd Rinn Friù an Ear agus Siorrachd Rinn Friù

An Eaglais Bhreac

Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear agus an Iar agus Baile Eilidh & Laomainn

Lodainn an Iar

Siorrachd Lannraig a Deas

Siorrachd Chlach Mhanainn agus Fiobha

Siorrachd Àir an Ear agus Tìr-mhòr Siorrachd Àir a Tuath

Siorrachd Àir a Deas

Baile Obar Dheathain, Siorrachd Obar Dheathain agus Moireibh an Ear Thuath

Inbhir Nis & Inbhir Narann agus Moireibh, Bàideanach & Srath Spè

Aonghas agus Baile Dhùn Dè

Lodainn an Ear agus Meadhan Lodainn

Peairt & Ceann Rois agus Sruighlea

Gallaibh & Cataibh agus Ros & Crombaidh

Eilean Siar

Loch Abar, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse agus Earra-Ghaidheal agus na h-Eileanan

Dùn Phris agus Gall-Ghaidhealaibh

Crìochan na h-Alba

Eileanan Arcaibh

Eileanan Shealtainn

0% 2% 4% 6% 8% 10% 12% 14% 16% 18% 20%

0.0%

0.2%

0.2%

0.3%

0.4%

0.6%

0.7%

1.0%

1.8%

1.9%

2.1%

2.7%

2.7%

3.0%

3.1%

4.4%

7.7%

8.1%

8.2%

8.6%

10.4%

14.3%

18.5%

❙ tha làn-luach a bharrachd (LLB) ann an sgìrean dùthchail nas ìsle seach Alba gu h-iomlan. Ann an 2003, bha LLB gach pearsa ann an Alba £15,523 (Oifis nan StaitistigNàiseanta). Is iad na sgìrean dùthchail leis an LLB as ìsle gach pearsa Gallaibh,Cataibh, Rois agus Crombaidh (£9,872); Loch Abar, An t-Eilean Sgitheanach agusLoch Aillse, Earra-Ghaidheal agus na h-Eileanan (£10, 520); agus Eilean Siar(£10,911). Tha Figear 3 a’ sealltainn ghluasadan bho chionn ghoirid (2000-2003) annan LLB airson sgìrean dùthchail.

Tobar: Oifis nan Staitistig Nàiseanta, 2005

Page 24: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

8

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

2000

2001

2002

2003

Baile Obar Dheathain, Siorrachd Obar Dheathainagus Moireibh an Ear Thuath*

Aonghas agus Baile Dhùn Dè*

Gallaibh & Cataibhagus Ros & Crombaidh

Dùn Phris agus Gall-Ghaidhealaibh

Eilean Siar

Loch Abar, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Aillseagus Earra-Ghaidheal agus na h-Eileanan

Inbhir Nis & Inbhir Narann agus Moireibh,Bàideanach & Srath Spè

Eileanan Arcaibh

Peairt & Ceann Rois agus Sruighlea

Crìochan na h-Alba

Siorrachd Àir a Deas

Eileanan Shealtainn

Alba

*tha sgìre NUTS 3 a’ gabhail a-steach eileamaid bhailteil

£0 £2,500 £5,000 £7,500 £10,000 £12,500 £15,000 £17,500 £20,000 £22,500

FIGEAR 3LLB GACH PEARSA LE SGÌRE NUTS DÙTHCHAIL, 2000-2003 (AIG PRÌSEANBUNAITEACH AIMSIREIL)

Ach a-mhàin an sgìre mu thimcheall Obar Dheathain (a tha a’ gabhail a-steach eileamaid bhailteil) tha LLBgach pearsa nas ìsle aig sgìrean dùthchail NUTS 3 uile na Alba gu h-iomlan. Tha LLB gach pearsa airàrdachadh eadar 2000 agus 2003 anns gach sgìre. Tha na h-atharrachaidhean co-roinneil as lugha thairisair an tràth seo ann an Eileanan Shealtainn agus Loch Abar, An t-Eilean Sgitheanach & Loch Aillse agusEarra-Ghaidheal agus Sgìrean nan Eilean

❙ a dh’aindeoin reataichean àrda airson cur air bhonn agus mairsinn, chan eil gnìomhachasan ann ansgìrean dùthchail cho buailteach fàs – dh’fhan 15% de ghnìomhachasan ann an sgìrean dùthchail aigan aon mheud thairis air an tràth 2000-2003 an coimeas ri 19% de ghnìomhachasan sa chòrr dedh’Alba (Clàr Gnìomhachais Eadar-roinneil 2000-2003). Tha tuilleadh fiosrachaidh san AithisgEaconamach Albannach 20054;

❙ a dh’aindeoin reataichean cosnaidh agus teachd-a-steach dhachannan nas àirde ann an sgìreandùthchail, tha tuarasdail fa leth ann an sgìrean dùthchail beagan nas ìsle na an còrr de dh’Alba (annan 2005, bha pàigheadh seachdaineach cuibheasach ann an sgìrean dùthchail aig £406.7 an coimeasri £412.4 sa chòrr de dh’Alba – Suirbhidh Bhliadhnail de Uaireannan agus Cosnaidhean);

❙ tha e cumanta a bhith a’ siubhal a dh’obair bho sgìrean dùthchail chun a’ chòrr de dh’Alba: tha 52%de dhaoine a tha a’ fuireach ann an sgìrean dùthchail ruigsinneach agus 27% a’ fuireach ann ansgìrean dùthchail iomallach a’ siubhal a dh’obair don chòrr de dh’Alba. Sa chòrr de dh’Alba, tha 9%de dhaoine a’ siubhal às an sgìre aca airson obair (Cunntas-sluaigh 2001);

❙ Ged a tha so-mhaoin air leth an lùib dualchas nàdarra agus cultarail na h-Alba, tha riatanasanrianachd agus uachdranas deatamach ach dùbhlanach na cois cuideachd – mar eisimpleir a thaobhsgìre ainmichte agus rianachd bith-iomadachd (faic caibideal 4);

❙ tha leasachadh a’ tighinn air conaltradh agus ruigsinneachd, ach tha fianais a’ comharrachadh gubheil ceistean ann fhathast a thaobh iomallachd agus inbhe agus ruigsinneachd prìomhsheirbheisean, gu h-àraid ann an sgìrean iomallach – faic, mar eisimpleir, figear 4 gu h-ìseal a tha a’sealltainn gu bheil daoine ann an sgìrean dùthchail den bheachd gu bheil goireasachd sheirbheiseannas ìsle gu coitcheann seach an còrr de dh’Alba;

4 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/04/11172518/25264

Tobar: ONS, 2004

Page 25: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

9

PÀIRT A H-AON CAIBIDEAL 2: ALBA DHÙTHCHAIL ANN AN CO-THEACSA

FIGEAR 4CO-ROINN DE DHAOINE A’ MEAS SHEIRBHEISEAN GLÈ GHOIREASACH NOGOIREASACH GU ÌRE A RÈIR SGÌRE CHRUINN-EÒLASAICH, 2005

Seirbheisean bancaidh

Inneal airgid no ATM

Ceimeadair/neach-chungaidhean

Ionad dotair-teaghlaich

Roinn Euslainteach-tadhail Ospadail

Stèisean Peatroil

Oifis Puist

Stèisean Poileis

Bocsa fòn poblach

Còmhdhail poblach

Tuaiream beag de cheannach bidhe

0% 10% 20% 30% 40% 50% 60% 70% 80% 90% 100%

Dùthchail iomallach Dùthchail ruigsinneach Còrr de dh’Alba

68%62%

76%

67%71%

85%

70%75%

91%

85%79%

81%

43%46%

55%

72%68%

77%

91%88%

86%

62%

63%

63%52%

54%

55%64%

91%

91%91%

94%

44%

Tobar: Suirbhidh Taigheadais na h-Alba, 2005Stèidhichte air Seòrsachadh Bailteil-Dùthchail Riaghaltas na h-Alba, 2005-2006

❙ tha atharrachadh sluaigh agus nithean eile, leithid imrich dhachaigheil agus eadar-nàiseanta, a’ ciallachadh gu bheil sluaghan dùthchail a’ lùghdachadh ann an cuidde sgìrean agus ag àrdachadh ann an cuid eile. Gu h-iomlan, eadar 2001 agus 2004,dh’àrdaich an sluagh 3.2% ann an sgìrean dùthchail iomallach agus 4.2% ann ansgìrean dùthchail ruigsinneach – an coimeas ri lùghdachadh 0.6% sa chòrr dedh’Alba. Is e feart den atharrachadh sluaigh seo gu bheil co-roinn nas àirde (a thaa’ fàs nas luaithe) de dhaoine nas sine gu coitcheann ann an sgìrean dùthchail –faic figear 5. Tha seo gu ìre seach gu bheil co-roinn nas ìsle de dhaoine òga eadaraoisean 20 agus 30 ann an sgìrean dùthchail, seach gu bheil daoine a’ gluasad airfalbh airson foghlam no cosnadh. Tha seo a’ cur cuideam air seirbheisean agus a’cur seasmhachd cuid de choimhearsnachdan ann an cunnart;

Page 26: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

10

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Tha ceistean agus dùbhlain cruinneil agus ioma-roinneil ann cuideachd – gu h-àraid amfeum a bhith a’ sìor strì airson prionnsabalan leasachaidh seasmhach gus taic a chur risan smaoineachadh ro-innleachdach, poileasaidhean agus gnìomhan againn, mar a thaiad air am mìneachadh ann an ro-innleachd leasachadh seasmhach an RiaghaltaisChoosing our Future5. Feumaidh sinn a dhol an sàs ann an atharrachadh aimsire agusdèanamh cinnteach gu bheil na gnìomhachasan agus na daoine againn eòlach airceangalan agus farpaiseach sna margaidhean cruinneil; gus ceartas sòisealta aleasachadh agus gus dèanamh cinnteach gu bheil sealladh co-ionannachd air a lànamalachadh don dòigh-làimhseachaidh againn.

2.4

5 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/12/1493902/39032

FIGEAR 5SGAOILEADH AOISE A RÈIR SGÌRE CHRUINN-EÒLASAICH, 2004

0%2% 2%4% 4%6%8%10% 6% 8% 10%

90+

85-89

80-84

75-79

70-74

65-69

60-64

55-59

50-54

45-49

40-44

35-39

30-34

25-29

20-24

16-19

10-15

5-9

0-4

Còrr de dh’Alba Dùthchail

Bliadhnaichean

% de Shluagh Sgìre Chruinn-eòlasaich

Tobar: Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson Alba, 2005Stèidhichte air Seòrsachadh Bailteil-Dùthchail Riaghaltas na h-Alba, 2003-2004

❙ gu bheil bochdainn agus feumalachdan ath-ùrachaidh nas dùmhaile agus nasfaicsinniche, le barrachd cothrom do dh’eaconamaidhean de scèile ann ansolarachadh seirbheis, ann an sgìrean bailteil seach ann an sgìrean dùthchail (gu h-àraid iomallach).

Page 27: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

11

PÀIRT A H-AON CAIBIDEAL 2: ALBA DHÙTHCHAIL ANN AN CO-THEACSA

A’ BHUNAIT FHIANAISMar a tha na figearan agus an anailis tron sgrìobhainn seo a’ sealltainn, tha tòrr dàtaagus fianais ann – bho rannsachadh, sgrùdaidhean agus aithisgean cunbhalach agusad hoc – mu dhiofar thaobhan de dh’Alba dhùthchail. Ach chan eil dàta an còmhnaidhco-chòrdail agus soilleir agus tha feum air anailis chùramach gus ceistean agusdùbhlain a tha air cùl prìomh fhigearan a chomharrachadh. Chan eil dàta comharradh-tomhais an còmhnaidh rim faighinn gus deagh chothrom a thoirt airson adhartas athomhais no gus anailis choimeasach iomchaidh agus èifeachdach a dhèanamh.

Mar sin tha feum ann barrachd beachdachadh cùramach a dhèanamh air a’ bhunaitfhianais dhùthchail – a’ dèanamh chomharraidhean-tomhais agus a’ tomhais adhartasagus coileanadh, chan ann a-mhàin a thaobh gnìomh agus toraidhean, ach le barrachdamais air na buaidhean (builean) aig poileasaidhean agus eadar-theachdan. Ann abhith a’ dèanamh seo, tha feum ann caochlaidhean roinneil, ionadail agus eileaithneachadh taobh a-staigh na deilbh dhùthchail iomlan; agus gus dèanamh cinnteachgum faodar dàta eadar-nàiseanta iomchaidh a chleachdadh airson cuideachadh gusadhartas a bhreithneachadh ann an Alba.

DÒIGHEAN-LÀIMHSEACHADIH RO-INNLEACHDAILIs ann mu choinneamh a’ chùl-raoin iom-fhillte seo a dh’fheumaiste coimhead air nagnìomhan a tha air am mìneachadh san sgrìobhainn seo. Tha poileasaidhean, ro-innleachdan agus gnìomhan air an suidheachadh timcheall air daoine agus àiteachandùthchail, ach tha a bhith gan toirt gu buil, agus na buaidhean aca cudromach dodh’Alba gu lèir.

Tha sinn airson togail air na tha math, agus aghaidh a chur ris na nithean nach eil chomath, a thaobh Alba dhùthchail. Is iad na h-amasan ro-innleachdail, taobh a-staigh ro-innleachd iomlan airson leasachadh seasmhach:

❙ leudachadh agus neartachadh na h-eaconamaidh dùthchail, a’ gabhail a-steach a’bhunait sgilean;

❙ dìon, cumail suas agus leasachadh ar so-mhaoin nàdarra agus chultarail;

❙ leasachadh ruigsinneachd agus inbhe sheirbheisean poblach agus coimearsalta aira bheil daoine agus gnìomhachasan an crochadh, a’ gabhail a-steach a bhith agaithneachadh feumalachdan dhaoine nas sine ann an sgìrean dùthchail;

❙ cur aghaidh ris na dùbhlain agus na cothroman a tha an lùib atharrachadh sluaigh;

❙ brosnachadh in-ghabhaltas sòisealta agus eaconamach;

❙ cuideachadh gus coimhearsnachdan dùthchail làidir, seasmhach a thogail;

❙ leasachadh com-pàirteachas luchd-ùidh;

❙ leasachadh amas, lìbhrigeadh agus tomhais adhartais a chum nam prìomhbhuilean.

Cha bhi e furasta na h-amasan seo a choileanadh. Tha co-dhùnaidhean, roghainneanagus co-rèiteachaidhean ann – air maoineachadh nam measg – a dh’fheumar dèanamhair an t-slighe. Tha dreuchd chudromach aig an Riaghaltas agus a bhuidhnean anns a’chùis, ach chan urrainn dhaibh agus cha bu chòir dhaibh na co-dhùnaidhean sin adhèanamh leotha fhèin. Thèid na toraidhean as fheàrr a choileanadh tro dhòighean-làimhseachaidh freagarrach, com-pàirteachail, a’ gabhail a-steach com-pàirteachasdèanadach agus taic luchd-ùidh thairis air na roinnean agus air feadh Alba dhùthchailann an leasachadh ro-innleachd, dealbhadh agus lìbhrigeadh – gus dèanamh cinnteachgu bheil dòighean-làimhseachaidh freagarrach do sgìrean agus suidheachaidheansònraichte, gus beàrnan agus dùblachaidhean a lùghdachadh agus builean, neo-èifeachdas agus bacadh ris nach robh dùil a sheachnadh. Tha fìor chothrom ann do nah-uile buannachd fhaighinn bho dhòighean-làimhseachaidh co-obrachail aguslìbhrigeadh air na prìomh amasan (builean) againn airson Alba dhùthchail.

2.5

2.6

2.7

2.8

2.9

Page 28: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

LEANAIDH SINN OIRNN A’ SIREADH AGUSA’ BROSNACHADH NAN AMASAN MÒRAAGUS MION-AMASAN AGAINN, AGUSCEUMANNAN TAIC IOMCHAIDH, AIRSONCHOIMHEARSNACHDAN DÙTHCHAIL

Page 29: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

PÀIRT A DHÀA’ GABHAIL AIRE:

ADHARTAS AGUS DÙBHLAIN

Page 30: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

14

3: A’ FÀS NA H-EACONAMAIDH

DÙTHCHAIL

NA PRÌOMH AMASAN AGAINN:❙ A’ bhunait eaconamach agus cosnaidh a leudachadh ann an sgìrean dùthchail na

h-Alba, a’ gabhail brath air margaidhean fàs cruinneil – a’ gabhail a-steach nammargaidhean “uaine” agus so-ùrachaidh;

❙ Gnìomhachas seasmhach iomadachadh agus a bhrosnachadh sa phrìomh roinn;❙ Dèanamh cinnteach gu bheil gnìomhachasan dùthchail a’ cur ri leasachadh seasmhach;❙ luchd-obrach fiosrachaidh sgileil a chumail, a tharraing agus a leasachadh;❙ Tuarasdail agus Làn-luach a Bharrachd àrdachadh ann an Alba dhùthchail, gus cur

ri beairteas agus mathas dhaoine ann an sgìrean dùthchail;❙ ceanglaichean iomchaidh bailteil-dùthchail agus eadar-nàiseanta a leasachadh a

chum buannachd dha chèile agus buannachd nàiseanta.

Tha a bhith a’ fàs eaconamaidh na h-Alba, ann an dòigh a tha a’ sealltainnphrìomhachasan airson leasachadh a’ seasamh fhathast na shàr phrìomhachas aig anRiaghaltas. Tha an ro-innleachd iomlan againn airson seo a dhèanamh air amhìneachadh anns an Framework for Economic Development in Scotland6, a chaidhùrachadh ann an 2004. Tha A Smart Successful Scotland7, a chaidh ùrachadhcuideachd ann an 2004, a’ toirt ro-innleachd airson iomairt agus iùl airson nambuidhnean leasachaidh eaconamach againn, Iomairt na h-Alba (IA) agus Iomairt naGaidhealtachd is nan Eilean (IGE).

Tha na buidhnean iomairt a’ stiùireadh nan oidhirpean againn a thaobh leasachadheaconamach agus tha prìomh dhreuchd aca anns a’ chuid as motha de na ro-innleachdan agus na h-iomairtean a tha air am mìneachadh gu h-ìseal. Ach chan eil iadag obair fa leth leotha fhèin agus tha prìomh dhreuchdan aig buidhnean agus luchd-ùidh eile – gu h-àraid ùghdarrasan ionadail agus solaraichean seirbheis eile - ann abhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil bun-structair agus seirbheisean gu leòr ann gusgnìomhachasan agus daoine a tharraing agus a ghleidheadh; agus an roinnphrìobhaideach, a tha a’ solarachadh tasgadh cudromach agus an luach a bharrachdagus am beairteas a tha na bhun-stèidh do eaconamaidh làidir.

Tha sgìre na Gaidhealtachd is nan Eilean a’ còmhdach leth raon talmhainn na h-Alba, a’gabhail a-steach còrr is 90 eilean, agus tha i na dachaigh do dìreach nas lugha na 10%de shluagh na dùthcha. Tha e cha mhòr uile dùthchail agus mar sin tha buidseatbliadhnail IGE, an-dràsta mu £110m, na bhuannachd do phàirt chudromach de dh’Albadhùthchail. Tha IGE air ro-innleachd sgìreil a dhèanamh – A Smart, SuccessfulHighlands and Islands8 – a tha a’ mìneachadh nam miannan aige airson na sgìre thairisair an ath 20 bliadhna agus a’ sealltainn nan dùbhlain àraid ris a bheilear a’ cur aghaidhnuair a thathar a’ leasachadh sgìre cho iomallach agus le sluagh cho beag.

Tha na h-aon amasan agus prìomhachasan aig ro-innleachd IGE ’s a tha san ro-innleachd nàiseanta, ach tha ceathramh amas ro-innleachdach ann airson NeartachadhChoimhearsnachdan. Tha an t-amas seo a’ mìneachadh nam prìomh raointean sa bheilIGE a’ dol an sàs gus comas agus ceannardas a thogail, an dualchas nàdarra aguscultarail a neartachadh agus so-mhaoin coimhearsnachd a chruthachadh.

3.1

3.2

3.3

3.4

6 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2004/09/19882/425047 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2004/11/20246/46555 8 http://www.scotland.gov.uk/Topics/Business-Industry/Enterprise/17684/SSHI

Page 31: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

15

Tha Iomairt na h-Alba ag obair ann an co-theacsa eadar-dhealaichte ach, le dà thrian deshluagh dhùthchail na h-Alba san sgìre aige, tha e a’ cur gu mòr ri leasachadh dùthchail– an dà chuid tron dòigh-làimhseachaidh coitcheann aige a thaobh a bhith a’buileachadh ro-innleachd Smart Successful Scotland agus tro phrìomhachasansònraichte a tha ag amas air an eaconamaidh dhùthchail iomadachadh agus fhàs; obaira tha leasaichte agus co-òrdanaichte tro Bhuidheann Dhùthchail IA. Bidh e mar amassònraichte aig Iomairt na h-Alba thairis air an ath 3 bliadhna a bhith a’ leasachadhchothroman ùra a thig à leasachadh bhailtean sgìreil agus fàs phrìomhghnìomhachasan, agus a bhith ag amas air luach a chur ris a’ phrìomh sho-mhaoin,bathar agus seirbheisean a tha air an dèanamh ann an sgìrean dùthchail9.

NA THATHAR A’ DÈANAMH – CÙISEAN AGUS PRÌOMHACHASANDÙTHCHAILIs iad na prìomhachasan poileasaidh iomlan an eaconamaidh dhùthchail a neartachadhagus Làn-luach a Bharrachd agus tuarasdail ann an Alba dhùthchail àrdachadh. Is iadna prìomh dhòighean-làimhseachaidh gus na h-amasan seo a choileanadh:

❙ an eaconamaidh dhùthchail iomadachadh – le bhith a’ gabhail brath air cothromanann am prìomh roinnean fàs cruinneil, a’ gabhail brath air an t-so-mhaoin nàdarra,togte agus cultarail againn agus bho leasachaidhean ann an teicneòlas,innleachdas agus conaltradh;

❙ mar phàirt den a seo, a’ brosnachadh leasachadh seasmhach sa phrìomh roinn –gus cuimseachadh margaidh a leasachadh, prothaid agus luach a bharrachd abhrosnachadh, agus na tha an roinn a’ cur ri leasachadh dùthchail nas fharsainge aneartachadh. Airson àiteachas, tha feum ann eisimeileachd-subsadaidh alùghdachadh;

❙ a’ cumail, a’ tarraing agus a’ leasachadh luchd-obrach “fiosrachaidh” sgileil, an dàchuid òg agus sean;

❙ ag altraim eaconamaidh le cùl-taic de ìrean àrda co-obrachaidh, misneachd agusceannardas;

❙ leasachadh àiteachan àrd-inbhe, a tha a’ brosnachadh sruthadh a-steach deghnìomhachasan, dhaoine agus bheachd-smuaintean gu sgìrean dùthchail;

❙ tuigsinn agus, far a bheil e iomchaidh, leasachadh nan ceanglaichean agus nambuannachdan eaconamach eadar sgìrean dùthchail agus baile/bailteil.

THA SGÌRE NA GAIDHEALTACHD IS NAN EILEAN A’ CÒMHDACH LETHRAON TALMHAINN NA H-ALBA, A’ GABHAIL A-STEACH CÒRR IS 90EILEAN, AGUS THA I NA DACHAIGH DO DÌREACH NAS LUGHA NA 10%DE SHLUAGH NA DÙTHCHA.

3.5

3.6

9 http://www.scottish-enterprise.com/publications/rural_economic_development_briefing_sheet_spring_2006.pdf

Page 32: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

16

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

AG IOMADACHADH NA H-EACONAMAIDH DÙTHCHAILTha so-mhaoin agus cliù nàdarra na h-Alba a’ ciallachadh gu bheil sinn ann an deaghshuidheachadh gus brath a ghabhail air cothroman sna prìomh roinnean fàis a tha a’ceangal ri agus a’ freagairt air na ro-innleachdan againn airson nam prìomhghnìomhachasan againn – mar sin a’ toirt buannachd gu Alba dhùthchail, achcuideachd le comas airson luach cudromach a bharrachd airson eaconamaidh nadùthcha. Tha IGE air seo aithneachadh agus a bharrachd air leasachaidhean seasmhachann an turasachd agus sna prìomh ghnìomhachasan, agus so-ùrachaidhean,thathas a’gabhail a-steach bith-teic mara, gnìomhachasan cruthachail, cùram slàinte agus dì-bharrantachadh niùclasach. Do sgìre Iomairt na h-Alba is iad turasachd, biadh agusdeoch agus na gnìomhachasan lùths so-ùrachaidh na prìomhachasan dùthchail, cuideri grunn ghnìomhachasan a tha cudromach gu sgìreil leithid coilltearachd.

A’ DEALBHADH AIRSON LEASACHADH DÙTHCHAIL

Tha am Frèam Dealbhaidh Nàiseanta, a chaidh fhoillseachadh ann an 2004, a’ toirtlèirsinn fharsaing ùine-fhada airson Alba gu lèir, a’ gabhail a-steach lèirsinn fharsaingairson Alba dhùthchail, a’ cur cuideam air cudromachd iomadachd eaconamach agusuachdranas àrainneachdail. Thathar a’ dèanamh ath-bhreithneachadh air an FhrèamDealbhaidh Nàiseanta agus bidh FDN2 a’ mìneachadh ro-innleachd fharsaing airson antràth suas gu 2030. Tha Scottish Planning Policy (SPP) 15: Planning for RuralDevelopment10, a chaidh fhoillseachadh ann an 2005, a’ brosnachadh an t-siostamdealbhaidh a bhith nas fosgailte do obair leasachaidh ann an Alba dhùthchail guscuideachadh ann a bhith a’ coileanadh eaconamaidh dhùthchail bheairteach, le sluagha tha ag àrdachadh no a’ fuireach aig an aon ìre, agus a tha nas cothromaiche a thaobhstructar aoise, agus far a bheil ruigsinneachd reusanta aig coimhearsnachdan dùthchaildo sheirbheisean àrd-inbhe. Tha stiùireadh agus comhairle eile a tha ann mar-thà agusa’ tighinn am bàrr a thaobh taigheadas, dualchas nàdarra, so-ùrachaidhean, dealbhadhagus com-pàirteachasan coimhearsnachd iomchaidh a thaobh leasachadh dùthchail.

TURASACHD

Tha turasachd riatanach do na h-eaconamaidhean dùthchail agus nàiseanta – le caiteachasde mu £4.2bn gach bliadhna. Tha e mar-thà a’ solarachadh mu 14% de dh’obraicheanann an sgìrean iomallach. A bharrachd air na buannachdan teachd-a-steach aguscosnaidh a tha iad a’ toirt seachad, tha luchd-turais cuideachd a’ cuideachadh gusseirbheisean agus goireasan a chumail suas do luchd-còmhnaidh nan sgìrean dùthchail.

Tha sinn ag amas air turasachd fhàs ann an dòigh sheasmhach – gu eaconamach,sòisealta agus àrainneachdail. Tha prògraman margaidh VisitScotland ag amas airmeud agus luach turasachd àrdachadh air feadh na h-Alba. Tha na h-iomairteanmargaidheachd aige a’ sìor bhrosnachadh gach iomadh feart sònraichte a tha Albadhùthchail a’ tabhann do luchd-tadhail. Am measg iomairtean turasachd a chaidh adhèanamh bho chionn ghoirid, agus a tha a’ dol air adhart, tha:

❙ an Green Tourism Business Scheme11 600 neach – an sgeama creideis àrainneachd-càirdeil as motha san Roinn Eòrpa – le Green Guide a tha a’ toirt fiosrachadh mu nabuill uile agus a chaidh a chur air bhog ann an 2005;

❙ brosnachadh turasachd fiadh-bheatha tron chomharradhWildScotland12;❙ brosnachadh chleasan a nithear a-muigh ann an sgìrean dùthchail – mar eisimpleir

tro iùil VisitScotland a thaobh Iasgach agus Rothaireachd Beinne;❙ Iomairt City/Active aig VisitScotland, a tha air a dhealbh gus luchd-tadhail a

bhrosnachadh gus saor-làithean bailteil a cho-mheasgachadh le cleasan ann ansgìrean dùthchail;

❙ Sanas ùr Highlands Events & Festivals aig VisitScotland a tha a’ gabhail a-steachsanasachd Gaidhealtachd 2007 gus a’ bhliadhna a chomharraicheas Alba cultar naGaidhealtachd a chomharrachadh;

❙ le com-pàirtichean gnìomhachais agus poblach, foillseachadh sa Mhàrt 2006 deScottish Tourism: A Tourism Framework for Change13, a’ mìneachadh plana gnìomhaùr airson poileasaidh turasachd le prìomh thargaidean agus mòr-mhiann airson fàsteachd-a-steach 50% san roinn ro 2015.

3.7

3.8

3.9

3.10

10 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/02/20624/5151111 http://www.green-business.co.uk/scotland.html12 http://www.wild-scotland.co.uk/ 13 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/03/03145848/0

Page 33: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

17

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 3: A’ FÀS NA H-EACONAMAIDH DÙTHCHAIL

Tron mhargaidheachd aige, tha Alba Eachdraidheil glè ghnìomhach ann a bhith a’brosnachadh turasachd dùthchail gu margaidhean dachaigheil agus eadar-nàiseanta.Tha e a’ cur fàilte air mu 2.8 millean neach-tadhail gach bliadhna agus tha e a’ sireadhdhòighean gus eòlas an luchd-tadhail a leasachadh agus gus tarraingeachd nan làrachaige ann an àiteachan dùthchail a leudachadh. Tha an àrainneachd eachdraidheil sanfharsaingeachd – an caochladh làrach a tha sgaoilte thairis air cruth-tìre na h-Alba – a’tarraing mòran don dùthaich.

Thathar a’ tuairmse gu bheil caiteachas air turasachd a’ buntainn ri coilltearachd a-mhàin an-dràsta aig còrr is £160m ann an Alba. Tha cha mhòr 1 às gach 5 tadhal athathar a’ dèanamh a-muigh gu coilltean agus fearann-coillteach (18% de na 189millean tadhail a-muigh, a rèir Suirbhidh Cur-seachad na h-Alba 2003/4). Mar anstiùiriche talmhainn as motha ann an Alba, tha Coimisean na Coilltearachd Alba (CCA)a’ toirt seachad a’ bhun-structair cur-seachad as motha ann an Alba, sa mhòr chuid annan sgìrean dùthchail, agus a’ brosnachadh tasgadh prìobhaideach cudromach ann ancur-seachad tro thaicean-airgid. Tha tasgadh ann an rothaireachd beinne air cliù achosnadh do dh’Alba air feadh an t-saoghail agus is e seo aon de na dòighean sa bheilturasachd a’ buntainn ri coilltearachd a’ cur ri eaconamaidhean ionadail. Tha soirbheasghoireasan rothaireachd beinne CCA ann an Gleann Thuaidh, mar eisimpleir, airdèanamh cinnteach à tuilleadh tasgaidh de £2-3m, le cothroman gnìomhachais abharrachd: agus tha sgrùdadh ann am Moireibh a’ tuairmse turasachd coilltearachd de£2.25m, a’ toirt taic do 64 obair ionadail.

Tha buannachdan mòra cuideachd a’ tighinn bho iasgach bhradan agus fìor-uisge. Thaiasgach-slait geadais agus bradain a’ solarachadh (as dèidh às-àiteach) luach còrr is£100m de chur-a-mach bliadhnail do dh’Alba, a’ toirt taic do mu 2,800 obair agus a’gineadh cha mhòr £50m ann an tuarastail agus teachd-a-steach fèin-chosnaidh dodhachannan Albannach. Gus togail air a seo chaidh Fòram Iasgach Fìor-uisge astèidheachadh bho chionn ghoirid, a’ com-pàirteachadh prìomh luchd-ùidh. Airson a’chiad uair thathar a’ leasachadh Plana Frèam-obrach airson Iasgach Fìor-uisge na h-Alba, le miann cuideachd airson lìonra nàiseanta airson stiùireadh iasgach a chruthachadh.

Tha margaidhean turasachd a’ leasachadh gu luath, agus faodaidh seo trioblaidean abharrachd a thoirt do ghnìomhachas turasachd dùthchail a tha a’ gabhail a-steachghnìomhachasan beaga agus meanbh-ghnìomhachasan. Tha an Riaghaltas, ag obair trona buidhnean aige leithid VisitScotland, EventScotland, Iomairt na h-Alba agus Iomairtna Gaidhealtachd is nan Eilean, a’ brosnachadh dhòighean-làimhseachaidh ùra – troleithid Bliadhna Cultar Gaidhealach na h-Alba 2007, Farpais Rothairean TeàrnadhBeinne an t-Saoghail agus leasachadh Seachd Stansaichean ann an ceann a deas na h-Alba – gus coinneachadh ri iarrtas ùr agus sìor chudromachd ghnìomhan le luach abharrachd do neach-turais an latha an-diugh.

AN ROINN BIDHE AGUS DEOCH

Chaidh The Scottish Food and Drink Strategy14 a chur air bhog ann an 1999. Tha an ro-innleachd air a stiùireadh leis a’ ghnìomhachas agus tha e ag amas air gnìomhachasbidhe agus deoch seasmhach agus prothaideach a thogail, a tha ag amas air an neach-ceannach, air a stiùireadh leis a’ mhargaidh agus farpaiseach gu h-eadar-nàiseanta. Thaan roinn bidhe agus deoch a’ cur gu mòr ri eaconamaidh na h-Alba le reic bliadhnail demu £7.5bn, Làn-luach a Bharrachd de mu £2.7bn agus às-mhalairt de £2.8bn. Tha anroinn a’ toirt cosnadh do 49,000 neach agus tha 20,000 dhiubh ann an sgìrean dùthchail.

Tha soirbheas na roinne seo a’ ceangal ri ro-innleachdan eile agus a’ toirt chothromanairson gnìomhan co-cheangailte – leithid turasachd agus na roinnean àiteachais agusiasgaich. Thug an roinn giollachd iasgach, mar eisimpleir, cosnadh do 9,000 neach annan 2004, a’ solarachadh Làn-luach a Bharrachd de mu £278m agus às-mhalairt de£238m (còrr is 50% de às-mhalairt dèanamh bidhe).

3.11

3.12

3.13

3.14

3.15

3.16

14 http://www.scottishfoodanddrink.com/uploads/15507/Scottish%20Food%20&%20Drink%20Strategy.pdf

Page 34: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

18

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Tha gnìomhachas dèanamh bidhe na h-Alba an crochadh air tuathanaich Albannachairson 36% den chur-a-steach iomlan aige, le barrachd a’ tighinn bho iasgach agustuathanas-uisge na h-Alba. Tha sinn ag aithneachadh gum bi buannachdan soilleir anndo dh’Alba dhùthchail ma bhios gach eileamaid den t-slighe-bhidhe, bho sholaraichegu neach-reic, ag obair còmhla agus a’ conaltradh ann an dòigh nas fheàrr. Feumaidhsinn teachdaireachdan a leasachadh do luchd-ceannaich mu na buannachdan a tha anlùib a bhith a’ ceannach bathar Albannach airson ’s gun urrainn dhuinn brath a ghabhailden ghluasad fhàsmhor a thaobh iomadachd. Tha luchd-ceannach a’ sìor iarraidh biadhle fèin-aithne shònraichte, a ghabhas aithneachadh air sàilleabh inbhe, math donàrainneachd agus ìrean slàinte bheathaichean. Tha ùidh a’ sìor fhàs ann am measanagus glasraich a tha air am fàs gu h-ionadail agus a rèir an t-sèasain, agus tha seocuideachd a’ toirt buannachd do ghnìomhachasan ionadail agus an eaconamaidh ionadail.

Bho 2001, tha an Riaghaltas air còrr is £60m a sholarachadh ann an taicean-airgidairson giollachd agus margaidheachd bathar àiteachais agus èisg na h-Alba – a’gineadh cha mhòr £300m ann an tasgadh ùr. Tha Colaiste Àiteachais na h-Alba a’tabhann comhairle do ghnìomhachasan tuathanais a thaobh prìomh ghluasadan san t-slighe solarachadh bidhe; agus tha an Riaghaltas a’ toirt maoineachadh a bharrachd doChomann Bhuidhnean Àiteachais na h-Alba gus obair a stiùireadh air adhart airbrosnachadh sligheachan-bidhe co-obrachail, cuideachadh sholaraichean, luchd-giollachd agus luchd-reic gus obair còmhla gus feumalachdan a chèile a thuigsinn agus,gu fìor chudromach, gus obair còmhla gus brath a ghabhail air cothroman margaidh.

LÙTHS SO-ÙRACHAIDH

Tha an roinn lùths so-ùrachaidh mar-thà a’ solarachadh tasgadh agus a’ lìbhrigeadhinnleachdas, obraichean sgileil agus cothroman do dh’Alba dhùthchail. Tha e a’ ceangalris an t-so-mhaoin nàdarra agus an clàr-gnothaich àrainneachdail againn agus rimargaidhean cruinneil a tha a’ tighinn am bàrr (a’ gabhail a-steach bathar agus tasgadh“modhanach”). Mar sin is e prìomh eileamaid de na miannan eaconamach agusseasmhachd againn a tha ann an leasachadh na roinne. Gun teagamh, feumar brath aghabhail air an làn raon de theicneòlasan so-ùrachaidh gus a’ bhuannachd as motha athoirt do sgìrean dùthchail.

3.17

3.18

3.19

THA ROINN AN LÙTHS SO-ÙRACHAIDH MAR-THÀ A’ SOLARACHADH TASGADHAGUS A’ LÌBHRIGEADHINNLEACHDAS, OBRAICHEANSGILEIL AGUS COTHROMAN DO DH’ALBA DHÙTHCHAIL.

Page 35: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

19

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 3: A’ FÀS NA H-EACONAMAIDH DÙTHCHAIL

Am measg leasachaidhean a chaidh a dhèanamh thairis air na bliadhnaichean a chaidhseachad tha toirt a-steach Renewables Obligation Scotland15 (ROS), a tha ga chur marriatanas air solaraichean barrantaichte dealain tuaiream sìor fhàsmhor de dhealain asholarachadh bho thobraichean freagarrach so-ùrachaidh. Gu cudromach, tha anRiaghaltas ag atharrachadh an ROS le èifeachd bhon Ghiblean 2007 gus RiatanasSolarachadh Mara (RSM) a bharrachd a chur air solaraichean dealain ann an Alba.Dh’fhaodadh luach £700m a bhith an-seo don roinn gineadh lùths mara thairis air anath 20 bliadhna, agus cuidichidh seo gus an goireas sgoinneil de so-ùrachaidhean marafar cladach na h-Alba (25% de chomas na h-Eòrpa) a chur gu feum.

Is e an ROS am prìomh stiùiriche gu ruige targaidean Mhinistearan gum bu chòir do 18%de dhealan a tha air a ghineadh ann an Alba, mar cho-roinn de dh’iarrtas, tighinn bhoghoireasan so-ùrachaidh ro 2010, ag àrdachadh gu 40% ro 2020. Ged a tha e a-nisedaingnichte gu bheil Alba air a dhol thairis air a targaid airson 2010, chan fhaodar a bhithsomalta, agus tha feum air oidhirpean leantainneach gus an targaid as àirde a ruigsinn.

Chan eil ann an dealan so-ùrachaidh ach pàirt den sgeul. Tha Ministearan a cheart chodìorrasach air taic a thoirt do leasachadh teas bho ghoireasan so-ùrachaidh. Dh’fhaodadhbrosnachadh na roinn teas so-ùrachaidh buaidh mhath a thoirt air eaconamaidheandùthchail, bho bhith a’ fàs sligheachan-solarachaidh ionadail agus cosnadh, gu bhith a’cur às do bhochdainn connaidh ann an sgìrean far griod a’ ghas. Thathar a’ deasachadhro-innleachd airson teas so-ùrachaidh agus bidh seo deiseil ro dheireadh 2007.

Tha Iomairt So-ùrachaidh Coimhearsnachdan agus Taighean na h-Alba (ISCTA) aircuideachadh gus maoineachadh a thoirt do chòrr is 1200 pròiseact lùths so-ùrachaidhdachaigheil agus 350 pròiseact lùths so-ùrachaidh coimhearsnachd. Tha ISCTA agusCoimhearsnachdan Alba cuideachd air maoineachadh a thoirt do5 sgeamaichean teasso-ùrachaidh sgìreil a’ cleachdadh lùths bho fhiodh: agus tha sgeama teas sgìreil (annan Lèiruig) a tha a’ losgadh sgudal bailteil. Anns a’ Ghaidhealtachd agus na h-Eileanan,tha Companaidh Lùths Coimhearsnachd na Gaidhealtachd is nan Eilean (CLCGE) a’lìbhrigeadh na h-eileamaid coimhearsnachd den ISCTA ach cuideachd a’ toirt taic dochoimhearsnachdan gus pròiseactan coimearsalta beag a leasachadh far am bi anteachd-a-steach a thig às cudromach gus oidhirpean leasachaidh ionadail a neartachadh.

Chaidh maoineachadh de chòrr is £750,000 a sholarachadh do 18 gnothach airson bun-structair slighe-solarachaidh airson margaidhean ionadail connadh-fiodha aguspròiseactan mòra teas agus neart co-mheasgaichte agus pròiseactan mòra cumhachd.

Ann an 2005, dh’fhoillsich sinn an Green Jobs Strategy16 againn a tha a’ comharrachadhnan cothroman ann an lùths so-ùrachaidh agus stiùireadh àrainneachdail gus cosnadhagus fàs eaconamach a sholarachadh. Tha an t-ùrachadh againn airson iùl dealbhaidhairson na roinne so-ùrachaidh a’ comharrachadh buaidh eaconamach ionadail mar rudcudromach air am bu chòir beachdachadh sa phròiseas measaidh airson pròiseactanlùths so-ùrachaidh ùra. Is e an t-amas againn ìrean fàsmhor de chom-pàirteachasghnìomhachasan ionadail san roinn a bhrosnachadh agus luchd-compàirt eadar-nàiseanta a bharrachd a tharraing gus bunaitean a stèidheachadh ann an Alba. Tha aniùl ùraichte cuideachd a’ mìneachadh nan slighean trom faod coimhearsnachdanionadail buannachd fhaighinn bho leasachadh ann an so-ùrachaidh.

Chun a seo tha gineadh so-ùrachaidh ann an Alba air a bhith gu mòr a’ gabhail a-steachuisge agus gaoth. Sa Chèitean 2006, dh’ainmich sinn mion-fhiosrachadh munPhrògram Lùths Glan againn, le barrachd cuimseachaidh air a bhith a’ glacadh agus a’leasachadh nan goireasan lùths so-ùrachaidh sin aig nach eil seasamh coimearsaltaann an Alba fhathast: gu sònraichte na roinnean mara, bith-tomad agushaidridean/ceallan connaidh. Chaidh £25m a riarachadh thairis air an ath 2 bhliadhnaairson sgeamaichean thonn, tìde-mara, bith-thomaid, agus haidridean cuide ri taicairson meanbh-theicneòlasan so-ùrachaidh.

3.20

3.21

3.22

3.23

3.24

3.25

3.26

15 http://www.scotland.gov.uk/Topics/Business-Industry/support/15242/renewables 16 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/06/1693437/34386

Page 36: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

20

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Fon Phrògram Lùths Glan, chaidh sgeama taic Thonn agus Tìde-mara £13m a chur airbhog aig deireadh 2006, agus chaidh ùidh mhòr a shealltainn ann. Gu dearbh, tha sinnfhathast a’ toirt taic do leasachadh leantainneach an Ionaid Lùths Mara Eòrpach (ILME).Stiùir Iomairt na Gaidhealtachd is nan Eilean na h-oidhirpean com-pàirteachas roinnepoblaich againn gus goireas ceangailte ris a’ ghriod a thogail aig ILME mu choinneamhdheuchainnean air innealan lùths tìde-mara, gus cur ris an làraich deuchainn thonn atha ann mar-thà. Chaidh togail a chrìochnachadh agus a’ chiad inneal an gnìomh mar-thà agus deuchainn gu bhith air a dhèanamh air thairis air a’ bhliadhna a tha romhainn.Thathar an dùil gum bi innealan eile, a gheibh taic fon sgeama taic Thonn agus Tìde-mara, air an làraich bho shamhradh 2007 air adhart. Ri taobh DTI, tha sin cuideachd airtaic a thoirt do ILME gus sgrùdadh a dhèanamh air obair a thaobh leasachadh ìreancoileanaidh eadar-nàiseanta airson a’ ghnìomhachais.

Tha bith-lùths a’ gealltainn buannachdan cudromach do dh’eaconamaidhean dùthchail,agus tha Alba ann an deagh shuidheachadh tro choilltearachd, àiteachas agus nagoireasan eile againn gus buannachdan leithid seo a thoirt gu bith. Thathar agaithneachadh gum feumar dòigh-làimhseachaidh ro-innleachdach a ghabhail gusleasachadh na roinne a bhrosnachadh, seach gu bheil e a’ còmhdach raon farsaing dedh’ùidhean – bho choilltearachd gu sgudal agus àiteachas. Mar sin, tha sinn air Plana-gnìomh Bith-thomaid airson na h-Alba co-òrdanaichte a chur air bhog. Bidh SgeamaTaic Bith-thomaid na h-Alba na phrìomh chlàr den Phlana sa geàrr-ùine, agus bheir seo£7.5m de thaic airgid gus an gnìomhachas bith-thomaid a leasachadh.

Tha an roinn haidridean agus ceallan-connaidh glè òg fhathast air feadh na cruinne, achtha neartan aig Alba san raon seo a thaobh rannsachadh agus leasachadh, agusinnleachdas coimearsalta. Tha an Riaghaltas mar-thà (tro ISCTA) air taic a thoirt dostèidheachadh a’ phròiseact PURE air Unst agus tha seo a’ taisbeanadh mar a ghabhashaidridean uaine a chleachdadh gus teàrainteachd solarachaidh lùths adhaingneachadh ann an sgìrean iomallach. Tha an Sgeama Taic Haidridean ùr againnfon Phrògram airson Cumhachd Glan air a dhealbhadh gus eileamaidean eile leithid seoa bhrosnachadh airson cuideachadh gus an roinn chudromach seo a leasachadh, agusa rèir coltais bidh buannachd aig Alba dhùthchail às.

A bharrachd air buannachdan àrainneachdail agus seasmhachd, tha leasachadh aguscleachdadh lùths so-ùrachaidh a’ tabhann chothroman air leth do dh’Alba dhùthchail, a’gabhail a-steach leasachadh agus innleachdas teignigeach gus a’ bhunait eaconamachagus eòlais dhùthchail a leudachadh. Tha cothrom fìor mhòr ann (£30bn a rèir cuid dethuairmsean ) a thaobh margaidh na cruinne. Ach, feumar faighinn seachad air grunnchnapan-starra mus urrainnear an cothrom seo a thoirt gu buil ann an Alba, nam measga bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil comas mòr gu leòr aig a’ ghriod gus pròiseactana cheangal an-dràsta agus san àm ri teachd. Bidh seo a’ sìor fhàs nas cudromaichefhad’s a bhios Alba a’ strì gus taic a thoirt do theicneòlasan lùths so-ùrachaidh a bhiosa’ tighinn am bàrr, leithid tonn agus tìde-mara, far a bheil an stòras nàdarra astar airfalbh bhon bhun-structair grioda a tha ann mar-thà. Tha sinn a’ leantainn oirnn ag obairgu dlùth leis an riaghladair, Ofgem, luchd-seilbh a’ ghrioda, an gnìomhachas so-ùrachaidh agus na com-pàirtichean againn san roinn phoblaich gus dèanamh cinnteachgu bheil lìonra dealain na h-Alba a’ faighinn an tasgaidh a tha riatanach gus cumailsuas ri mòr-mhiannan lùths so-ùrachaidh.

A’ LEASACHADH NAM PRÌOMH GHNÌOMHACHASAN AGAINNChaidh ro-innleachdan agus iomairtean a leasachadh airson nam prìomhghnìomhachasan gus na tha iad a’ cur ri amasan eaconamach agus sòisealta Albadhùthchail a chumail suas agus a neartachadh, taobh a-staigh co-theacsa deleasachadh seasmhach. Tha seo ag aithneachadh gu feumar obair a rèir an uireadstòrasan a th’ againn agus inbhe na h-àrainneachd a dhìon agus a ghleidheadh.

3.27

3.28

3.29

3.30

3.31

Page 37: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

21

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 3: A’ FÀS NA H-EACONAMAIDH DÙTHCHAIL

ROINN AN ÀITEACHAIS

A thaobh àiteachas, tha sinn a’ togail air iomairtean agus adhartas a chaidh adhèanamh mar-thà. Am measg nam prìomh cheumannan tha A Forward Strategy forScottish Agriculture: Next Steps17 (2006) agus na molaidhean againn airson Ro-innleachd agus Prògram Leasachaidh Dùthchail (RPLD) airson 2007-13. Bheir an RPLDcòmhla raon de cheumannan eaconamach, sòisealta agus àrainneachdail foChùmhnantan Stiùireadh Talmhainn. Lìbhrigidh an RPLD taic ann an dòigh nas co-òrdanaichte agus amalaichte. Bheir barrachd ‘sgìrealachd’ cothrom do luchd-ùidh com-pàirt a ghabhail ann a bhith a’ suidheachadh phrìomhachasan airson a’ phrògraim.Bheir am prògram seachad ceumannan maoineachaidh nas amalaichte, le stiùiridheanagus pròiseasan co-cheangailte, airson cuideachadh gus amas air prìomh cheisteanagus builean airson gnìomhachasan àiteachais (agus eile) agus airson Alba dhùthchail.

Cleachdaidh sinn an RPLD cuideachd gus raon de cheumannan a thabhann achuidicheas tuathanaich òga gus a bhith farpaiseach san àm ri teachd. A bharrachd airtaic a thoirt seachad airson tuathanasan ùrachadh, iomadachadh, pròiseactan lùths so-ùrachaidh agus cur ri luach tro ghiollachd agus margaidheachd, bidh sinn a’brosnachadh leasachadh sgilean gus farpaiseachd ghnothaichean a leasachadh. Bidhseo a’ gabhail a-steach trèanadh dreuchdail ann an TF, ann an stiùireadh gnothaichagus ann am margaidheachd, a bharrachd air sgilean teignigeach.

Is e mòr-amas nan iomairtean seo, agus feadhainn eile, gnìomhachasan àiteachais ùr-nodha, prothaideach agus seasmhach a bhrosnachadh. Is e prìomh eileamaid a bhith a’gabhail brath air biadh mar mheur chudromach ann an gnìomhachas bidhe Albannachsoirbheachail agus margaidhean (mar eisimpleir, cur-seachad agus turasachd) nasfarsainge. Tha iad cuideachd airson nach bi gnothaichean tuathanais cho mòr aneisimeil shubsadaidhean giollachd, agus a’ faighinn duais iomchaidh airson na tha iada’ cur ri mion-amasan nas fharsainge a chum “math a’ phobaill” – mion-amasanàrainneachdail, slàinte agus mathas bheathaichean agus dhaoine agus buileanleasachaidh dhùthchail nas farsainge. Thathar a’ cur an gnìomh grunn iomairteanleithid Ceannardas Dùthchail, Dealbhadh airson Soirbheas agus Prothaid gunSubsadaidh thairis air sgìrean an talamh-ìseal na h-Alba tro Iomairt na h-Alba. Bheir anRPLD taic cuideachd airson iomadachadh, a’ leudachadh a’ bhunait eaconamachdùthchail.

Le aithne a’ fàs air cudromachd na so-mhaoin agus an dualchais nàdarra againn agusna buannachdan as farsainge agus ùine-fhada a tha iad a’ tabhann, agus nadleastanasan agus duaisean airson an uachdranas, tha cothroman a’ sìor fhàs ann anstiùireadh nan cruth-tìrean agus uisgeachan dùthchail againn – le ceanglaichean dophrìomh chothroman ann an nithean leithid cur-seachad agus cleasan spòrs air andùthaich agus cothroman iomadachaidh (teachd-a-steach) do thuathanaich agusuachdarain. Mar sin, tha comas aig an talamh (agus na h-uisgeachan) againn a bhithnan so-mhaoin air leth a thaobh na h-eaconamaidh agus na h-àrainneachd.

IASGACH AGUS TUATHANAS-UISGE

A thaobh roinn an iasgaich mara chaidh A Sustainable Framework for Sea Fisheries18

(2005) agus an Action Plan19 (2006) co-cheangailte, agus an Strategic Framework forInshore Fisheries in Scotland20 (2005) a stèidheachadh airson cuideachadh gusdèanamh cinnteach à gnìomhachas seasmhach, prothaideach, agus air a dheaghstiùireadh agus gus dèanamh cinnteach gun urrainn do choimhearsnachdan a tha ancrochadh air iasgach cumail a’ dol le gnìomhachas an iasgaich mara san àm ri teachd,agus iomadachadh cuideachd. Tha iasgach mòr far cost na h-Alba a tha gu h-àraidcudromach ann a bhith a’ cumail suas choimhearsnachdan ionadail dùthchail ann ansgìrean iasgaich. Tha an roinn glacaidh Albannach a’ toirt cosnadh do mu 5,000 neach(2005). Bha luach £349m aig na chaidh a thoirt gu tìr ann an 2005, le Làn-luach aBharrachd de mu £127m.

3.32

3.33

3.34

3.35

3.36

17 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/03/01142456/018 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/07/07105456/5457719 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/09/25114623/020 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/03/sfifs/0

Page 38: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

22

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

3.37 Tha gnìomhachas tuathanas-uisge na h-Alba mar-thà a’ gineadh mu 1600 obair (lànagus pàirt-ùine), gu tric ann an coimhearsnachdan iomallach, a bharrachd air taic athoirt don roinn giollachd èisg. Chaidh Strategic Framework for Scottish Aquaculture21

(2003) a leasachadh gus gnìomhachas tuathanas-uisge seasmhach, iomadach,farpaiseach agus èifeachdach gu h-eaconamach a bhrosnachadh. Chaidh adhartascudromach a dhèanamh mu choinneamh prìomhachasan gnìomhachais aithnichte.Thathar a’ cur comharraidhean ìre àrd an àite gus adhartas san àm ri teachd a mheas:agus thèid eacarsaich “ùrachaidh” a dhèanamh air an Fhrèam ann an 2008.

COILLTEARACHD AGUS BATHAR FIODHA

Tha coilltearachd agus giollachd fiodha, a bharrachd air a bhith a’ solarachadh buannachdancruth-tìre agus àrainneachdail, a’ gineadh mu £650m gach bliadhna airsoneaconamaidh na h-Alba. Bho 2000, tha tasgadh calpa de mu £60m gach bliadhna saghnìomhachas agus chaidh Co-chruinneachadh Gnìomhachasan Coille na h-Alba agusbuidhnean sgìreil a stèidheachadh gus cothroman gnìomhachais coilltearachd amheudachadh. Tha an Scottish Forestry Strategy22 (2006) a’ stèidheachadh cùrsaairson stòras coilltearachd a chuireas ri leasachadh seasmhach tro chultar de ‘choilltearachdairson agus le daoine’, air a lìbhrigeadh tro choilltean agus fearann-coillteach a tha airan deagh stiùireadh agus a tha ag amalachadh gu h-èifeachdach le cleachdaidheantalmhainn agus gnìomhachasan eile. Tha e ag amas air an uiread de fhearann na h-Albaa tha fo chraobhan a mheudachadh bho 17% gu 25% de san linn seo. Bidh prìomhdhreuchd aig an stòras coille seo, a tha a’ sìor leudachadh, ann a bhith a’ lìbhrigeadhsàbhalaidhean carbon de millean tunna gach bliadhna ro 2020 (faic Changing OurWays: Scotland’s Climate Change Programme) agus ann a bhith a’ cuideachadh gusdealas na h-Alba a thaobh bith-iomadachd a choileanadh23. Tha e cuideachd, mar abhiodh dùil, a’ ceangal ris a’ Phlana Gnìomha Bith-thomaid airson na h-Alba.

3.38

21 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2003/03/16842/2050222 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/03/forestry-review23 http://www.scotland.gov.uk/Topics/Environment/Wildlife-Habitats/16118/BiodiversityStrategy

Page 39: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

23

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 3: A’ FÀS NA H-EACONAMAIDH DÙTHCHAIL

Thèid Prògram Leasachadh Fiodha a chur air bhog ann an 2007 gus cothroman airsonfiodh agus batharan fiodha seasmhach a neartachadh sa mhargaidh.

CEANGLAICHEAN BAILTEIL-DÙTHCHAILTha na sgìrean bailteil agus dùthchail againn – mar a tha do-sheachanta ann andùthaich de mheud na h-Alba – an crochadh air a chèile, mar a tha iad air a bhith airsoncha mhòr mìle bliadhna.

Airson sgìrean dùthchail, tha na cathair-bhailtean agus na bailtean mòra againn a’solarachadh mheadhanan airson ghnìomhan sòisealta, gnìomhachais agus ‘seirbheis’:agus dh’fhaodadh àite a bhith aig bailtean beaga ann a bhith a’ toirt taic do leasachadhdùthchail. Tha luchd-còmhnaidh agus gnìomhachasan bailteil a’ solarachadhmhargaidhean mòra airson batharan agus seirbheisean dùthchail – leithid biadh agusdeoch, spòrs dùthchail agus cur-seachad. Tha sgìrean bailteil a’ solarachadh mòrancosnaidh agus a’ cruthachadh a’ mhòr chuid de bheartas na h-Alba agus a’ tarraingluchd-tadhail agus gnìomhachasan – agus mar sin faodaidh iad a bhith nam margaidheanagus nan tobraichean buannachdail airson sgìrean dùthchail agus gnothachasan.

A bharrachd air na tha sgìrean dùthchail a’ cur gu dìreach ris an eaconamaidh nàiseanta,tha sgìrean dùthchail a’ cur ri caractar, dualchas agus tarraingeachd fa leth nan sgìreanbailteil a tha rin taobh. Tha iad a toirt chothroman dòigh-beatha (a thaobh suidheachadh),cur-seachad agus turasachd do luchd-tadhail gu, agus luchd-obrach anns, na cathair-bhailtean agus bailtean mòra againn. Tha iad nan tobar de bhuannachdan mòraàrainneachdail, biadhan agus bun-stuthan àrd-inbhe, leithid fiodh, a tha deatamach doghnìomhachasan a tha ann mar-thà agus a tha a’ tighinn am bàrr. Bidh dreuchd chudromachaca cuideachd ann a bhith ag atharrachadh a rèir, agus a’ lùghdachadh buaidhean,atharrachadh aimsire, tro cheumannan leithid a bhith a’ glasadh suas carbon (trochoilltearachd), stiùireadh seasmhach air uisge agus tuil, agus a’ cruthachadh lìonraidheanàrainnean air feadh chruthan-tìre mar phàirt de àrainneachd làidir agus seasmhach.

Is e prìomh dhùbhlan a bhith a’ dèanamh cinnteach gun tig buannachdan dha chèile àceanglaichean bailteil-dùthchail. Chan fhaod sgìrean dùthchail a bhith nan àiteachan-còmhnaidh no nan ‘raointean-cluich’ uaine, an crochadh air cathair-bhailtean agusbailtean mòra airson am mathas. A bharrachd air a bhith a’ leasachadhghnìomhachasan agus chothroman bailteil, tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheilceanglaichean le sgìrean bailteil a’ cuideachadh eaconamaidhean dùthchail gusbeairteas a leasachadh agus a chruthachadh do luchd-obrach agus luchd-còmhnaidhdùthchail. Tha grunn de na ro-innleachdan agus na gnìomhan a tha freagarrach athaobh leasachadh dùthchail ag amas air brath a ghabhail air ceanglaichean bailteil-dùthchail ann an dòigh chiallach, agus airson a bhith buannachdail do na daoine,coimhearsnachdan agus gnìomhachasan a tha na lùib. Tha feum air tuilleadh sgrùdaidhagus leasachaidh ann an smaoineachadh agus ro-innleachd. Tha Alba mar-thà an lùibdeasbaireachd agus chòmhraidhean mu na ceistean seo gu h-eadar-nàiseanta, leprìomh luchd-beachdachaidh air feadh na cruinne.

A thaobh phoileasaidhean agus gnìomhan eile, dh’fhaoidte gum bi dòighean-làimhseachaidh eadar-dhealaichte air ceanglaichean bailteil-dùthchail iomchaidh annan diofar phàirtean den dùthaich. Mar eisimpleir, tha Inbhir Nis na phrìomh mheadhanseirbheis airson mòran (chan e gach sgìre) den Gaidhealtachd is na h-Eileanan. Ach, thameud nan sgìrean iomallach, gainnead sluaigh agus na h-astaran a tha na lùib a’cruthachadh phrìomhachasan eadar-dhealaichte. Tha Iomairt na Gaidhealtachd is nanEilean a’ creidsinn, ged a bhios leasachadh leantainneach a’ bhaile a’ stiùireadhghnothaichean air adhart san roinn, bidh e riatanach goireasan a stiùireadh chun nanàiteachan as bochda san sgìre airson fàs cothromach a choileanadh.

DAOINE, ÀITEACHAN AGUS CONALTRAIDHEAN ÀRD-INBHELe barrachd roghainnean a thaobh suidheachadh do dhaoine agus ghnìomhachasan rilinn leasachaidhean ann an teicneolas fiosrachaidh agus conaltraidh, agus dìth sluaghann an co-dhiù cuid de sgìrean, tha e cudromach gun urrainn do dh’Alba dhùthchailsuidheachaidhean agus seirbheisean àrd-inbhe a thabhann gus daoine àrd-inbhe atharraing agus a chumail airson fuireach agus obair ann. Tha Alba dhùthchail a’tabhann cothrom fìor eadar-dhealaichte airson tuilleadh calpa sòisealta agus mathas.

3.39

3.40

3.41

3.42

3.43

3.44

3.45

Page 40: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

24

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Bidh sgaoileadh teicneòlas bann-leathainn, a tha a-nis ri fhaotainn anns gachcoimhearsnachd ann an Alba, riatanach a thaobh an t-soirbheis againn. Tha sin a’tabhann cothrom do dhaoine agus gnìomhachasan fiosrachadh, eòlas, margaidheanagus seirbheisean a ruigsinn agus a roinn; agus gus conaltradh ris an t-saoghal air fadfhad’s a tha iad a’ gabhail tlachd às an inbhe àrd beatha a tha na sgìrean dùthchailagainn a’ tabhann.

San ro-innleachd aige, tha IGE air comharrachadh gu bheil àrdachadh sluaighbunaiteach don àm ri teachd sa Gaidhealtachd is na h-Eileanan. Tha tasgadh a-steachagus imrich na aon taobh den a seo, ach tha gleidheadh sluaigh – le bhith a’ dèanamhcinnteach gu bheil an sgìre fhathast tarraingeach don luchd-còmhnaidh a tha ann an-dràsta – a cheart cho cudromach. Aig aon ìre, tha seo a’ gabhail a-steach iomairteanleithid àrdachadh ìrean tuarastail, dìon na h-àrainneachd agus solarachadh bunaiteaconamach a tha a’ brosnachadh innleachdas agus rannsachadh: aig ìre eile, tha e a’ciallachadh a bhith a’ meudachadh cuideam air inbhe beatha, air neartan agusiomadachd chultarail agus air a bhith a’ dol an sàs ann am bochdainn dhùthchail. Thaceumannan poileasaidh leithid seo a cheart cho cudromach ann a bhith a’ cruthachadhàiteachan a tha tarraingeach do dhaoine, agus tha iad seo air an sealltainn tronsgrìobhainn seo.

Tha leasachadh oilthigh airson na Gaidhealtachd is nan Eilean cuideachd na phàirtchudromach de ro-innleachd IGE airson na sgìre sin. Is e an ath cheum a bhith a’coileanadh inbhe oilthighe airson IMBOGE agus tha IGE ag obair còmhla ri com-pàirtichean gus raon rannsachaidh nas làidire a chruthachadh agus cumail ri ìreancunbhalach gus fàs a bhrosnachadh san roinn.

A thaobh a bhith ag altraim ceannardas ann an sgìrean dùthchail, thig mòran bho bhitha’ comasachadh choimhearsnachdan a bhith a’ stiùireadh an leasachaidh aca fhèin. Abharrachd air ceumannan a tha air am mìneachadh ann am pàirtean eile densgrìobhainn seo, tha IGE agus IA ag obair còmhla ri com-pàirtichean agus buidhneaniomchaidh gus comas coimhearsnachd a neartachadh, a’ gabhail a-steach leasachadhna h-eaconamaidh sòisealta agus na roinn saor-thoileach. Thathar ag obair cuideachdgus seasmhachd coimhearsnachd a leasachadh agus dòighean-làimhseachaidh nasamalaichte agus nas innleachdaiche a chleachdadh a thaobh ath-ùrachadh agusstiùireadh so-mhaoin.

CÙISEAN AGUS DÙBHLAINTha na poileasaidhean agus na gnìomhan a tha air am mìneachadh sa chaibideal seoair cuideachadh, agus cumaidh iad orra a’ cuideachadh, adhartas a dh’ionnsaidh namprìomh amasan againn airson leasachadh eaconamaidh dhùthchail na h-Alba agus natha i a’ cur ris an eaconamaidh aig ìre nàiseanta.

A dh’aindeoin seo, tha sinn ag aithneachadh gu bheil feum ann leantainn air adhart a’togail air an t-soirbheas seo. Am measg chùisean agus dhùbhlain air leth, tha:

❙ dèanamh cinnteach gu bheilear ag aithneachadh gu fosgailte na tha na sgìreandùthchail againn a’ cur ri math na h-Alba san fharsaingeachd gu h-eaconamach,àrainneachdail, sòisealta agus cultarail, agus gu bheilear a’ cur luach orra agus a’gabhail aire dhaibh ann an co-dhùnaidhean poileasaidh agus tasgaidh;

❙ am feum a tha a’ sìor-fhàs a bhith ag amalachadh chùisean eaconamach(coimearsalta), sòisealta agus àrainneachdail, gu h-àraid a bhith ag aithneachadhcudromachd na tha na sgìrean dùthchail againn a’ cur ri lìbhrigeadh amasanpoileasaidh nas farsainge agus math a’ phobaill – àiteachan uaine, aidhear ghlanagus a’ cur aghaidh ri ceistean mu atharrachadh aimsire. Feumar prìomhachasan atha gu h-àraid doirbh an cothromachadh an coileanadh ann an cuid de roinnean(leithid iasgach);

❙ lùghdachadh eisimeileachd-subsadaidh àiteachais agus gluasad gu ruige dòigh-làimhseachaidh tasgaidh;

❙ a thaobh biadh, ceistean leithid mar a tha luchd-reic mòra a gabhail làmh anuachdair ann am margaidh a’ bhidhe;

3.46

3.47

3.48

3.49

3.50

3.51

Page 41: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

25

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 3: A’ FÀS NA H-EACONAMAIDH DÙTHCHAIL

❙ cur aghaidh ri bacaidhean bun-structair agus ruigsinneachd aig cosgaisfhreagarrach;

❙ faighinn thairis air bacaidhean suidheachaidh agus ruigsinneachd gusgnìomhachasan agus obraichean sgileil, agus le luach a bharrachd, a tharraingagus a chumail, agus luchd-obrach agus luchd-còmhnaidh dùthchail le deaghsgilean agus pàigheadh àrd;

❙ leasachadh bhuannachdan dha chèile bho cheanglaichean bailteil-dùthchail.

GNÌOMHAN DEALBHAICHTEBidh an Riaghaltas fhèin, agus a bhuidhnean agus prìomh chom-pàirtichean eile a’leantainn air adhart:

❙ a’ brosnachadh dòigh-làimhseachaidh a thaobh leasachadh eaconamach dùthchail– a’ gabhail a-steach a bhith ag obair tro phrìomh ionnstramaidean ionmhasailleithid Leasachadh Dùthchail na h-Alba, Maoin Iasgaich na h-Eòrpa, agusPrògraman Structar Maoin eile airson 2007-13 – a tha a’ cur aghaidh ri laigseanstructarail, a’ togail air an t-so-mhaoin nàdarra againn is eile, a’ brosnachadhiomairt agus innleachdas ùr agus a’ dèanamh cinnteach à leasachadh seasmhachair na gnìomhachasan agus an eaconamaidh dhùthchail againn;

❙ a’ leasachadh dòigh-làimhseachaidh co-obrachail, co-phàirteach, a thaobhsolarachadh sheirbheisean, bun-structair msaa gus èifeachdas agus cosgaistasgaidh a leasachadh;

❙ sgrùdadh a dhèanamh aig gach ìre, agus gu h-eadar-nàiseanta, air a’ chleachdadhas fheàrr agus dòighean-làimhseachaidh a thaobh ceanglaichean bailteil-dùthchail,airson cuideachadh gus brath a ghabhail air cothroman agus mathas eaconamachseasmhach a bhrosnachadh an dà chuid ann an sgìrean bailteil agus dùthchail;

❙ obair le gnìomhachas agus luchd-ùidh eile gus ro-innleachdan roinneil is eile aleasachadh agus a lìbhrigeadh, agus planaichean-gnìomha agus targaideanbuntainneach, gus na builean agus na buannachdan a thathar ag iarraidh dodh’Alba dhùthchail a choileanadh.

Ach chan e clàr-ghnothaichean deimhinne no teann a tha seo. Mar a thathar a’mìneachadh sa chaibideal Ath Cheumannan, tha sinn airson com-pàirt a bharrachdagus nas fheàrr a ghabhail le luchd-ùidh dùthchail a thaobh nam prìomhachasan agusnan dùbhlan airson Alba dhùthchail; gus prìomh chomharraidhean adhartais aleasachadh; agus gus ath-bhreithneachadh cunbhalach a dhèanamh air adhartas aguspoileasaidhean agus mar a thathar gam buileachadh.

Ged is urrainn, agus a bhios, Riaghaltas a’ gabhail pàirt ann a bhith a’ stiùireadh naslighe air adhart agus ann a bhith a’ suidheachadh frèaman poileasaidh, ro-innleachd iseile airson gnìomh, sa bhitheantas tha leasachadh agus fàs eaconamach mar as trice a’tighinn bho ghnìomhan chàich, gu h-àraid na prìomh dhàimhean eadar na roinneanprìobhaideach agus an treas roinn agus buidhnean buntainneach san roinn phoblaich.Tha sinn airson gum bi feadhainn eile air feadh nan roinnean agus air feadh Albadhùthchail ag obair còmhla ruinn agus a’ gabhail com-pàirt, gus aghaidh a chur ridùbhlain agus cothroman a ghlacadh, ann a bhith a’ togail eaconamaidh dhùthchail nasseasmhaiche, nas in-ghabhaltaiche agus nas prothaidiche airson na h-Alba.

3.52

3.53

3.54

Page 42: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

26

4: A’ DÈANAMH NA CUID AS FHEÀRR

DEN DUALCHAS AGAINN

NA PRÌOMH AMASAN AGAINN:❙ An dualchas nàdarra, togte agus cultarail againn a dhìon agus a neartachadh;

❙ Dèanamh cinnteach à cruth-tìre agus bith-iomadachd a tha air an deagh chumailsuas, a’ toirt buannachd do dhaoine, gnìomhachasan agus an àrainneachd;

❙ Buannachdan eaconamach, sòisealta agus àrainneachdail seasmhach fhaighinnbhon t-so-mhaoin nàdarra, thogte agus chultarail againn;

❙ Àiteachan agus àrainneachdan àrd-inbhe a sholarachadh, gus daoine agusgnìomhachasan so-ghluasadach a tharraing;

❙ Amasan leasachaidh seasmhach nas farsainge a bhrosnachadh.

Tha aithne a’ sìor-fhàs air feadh na cruinne gu bheil e cudromach do eaconamaidheandùthchail agus nàiseanta a bhith a’ cumail suas agus a’ leasachadh so-mhaoin nàdarra,togte agus cultarail – chan ann a-mhàin dhaibh fhèin no airson nam buannachdanàrainneachdail co-cheangailte, ach seach gu bheil buannachd eaconamach agussòisealta nas farsainge ri fhaighinn bhuapa.

Tha seo gu h-àraid fìor airson Alba dhùthchail. Tha an àrainneachd, na cruth-tìreanagus a’ bhith-iomadachd againn fìor chudromach annta fhèin, agus tha seo air ashealltainn ann an dreuchdan agus geallaidhean a’ buntainn ri bhith gan dìon agus ganleasachadh. A bharrachd air sin, ged a tha e doirbh luach dha-rìreabh a chur orra, thabuannachdan agus comasan farsaing air leth aig an dualchas agus an t-so-mhaoinagainn, a tha ainmeil air feadh an t-saoghail. Nam measg tha:

a) COSNADH: Tha an dualchas nàdarra, cultarail agus togte againn a’ toirt taicdhìreach do àireamh chudromach de dh’obraichean – chan ann a-mhàin sna prìomhghnìomhachasan traidiseanta ach cuideachd sna roinnean dèanaidh leithidsolarachadh uisge-beatha agus làmh-chiùird agus, barrachd is barrachd ann an nitheanleithid turasachd, cur-seachad agus spòrs agus ann an riaghladh talmhann is uisge. Thacothroman fàsmhor ann air feadh na cruinne ann an leasachadh teigneòlach ùr, a’gabhail a-steach so-ùrachaidhean agus lùths uaine. Tha an àrainneachd againn a’comasachadh nan gnìomhachasan seo sa chiad àite agus ann an iomadh eisimpleir a’dèanamh cinnteach à, no a’ meudachadh, an cuid farpaiseachd. Feumaidh sinnobrachadh gus dèanamh cinnteach gum mair seo. A bharrachd air sin, is urrainn doiomadh seòrsa gnìomh le amas coimearsalta a bhith air an stiùireadh ann an dòigheana tha buannachdail, chan ann a-mhàin don eaconamaidh, ach cuideachd do ghnèitheanbheathaichean agus phlanndraisean, àrainnean, an àrainneachd eachdraidheil agus nacruth-tìrean fhèin.

b) LUACH A-BHARRACHD: Tha an inbhe agus an ìomhaigheachd a tha co-cheangailteri àrainneachd na h-Alba buannachdail do bhathar leithid uisge-beatha, aodach-fighte,agus biadh agus deoch a bharrachd air bathar agus seirbheisean turasachd as follaisiche.

c) SEASMHACHD CEANGAILTE RI BUANNACHDAN EACONAMACH: Faodaidhgoireasan agus siostaman seasmhach, leithid cleachdaidhean airson rian a chumail airtuiltean, lùghdachadh a thoirt air cosgaisean agus cunnartan eaconamach. Faodaidhglacadh carboin agus bàrr lùths so-ùrachaidh, a’ gabhail a-steach fiodh airson bith-

4.1

4.2

Page 43: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

27

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 4: A’ DÈANAMH NA CUID AS FHEÀRR DEN DUALCHAS AGAINN

thomaid, cuideachadh gus aghaidh a chur ri atharrachadh aimsire. Feumar tuigse agusco-roinn nas fheàrr fhaighinn air a’ cheangal dhlùth a tha eadar gnìomhanàrainneachdail agus eaconamach agus gnìomhan leasachaidh eile.

d) BUANNACHDAN INBHE BEATHA: Do mhuinntir nan sgìrean fhèin is eile, agusairson iomadh gnìomhachas, tha Alba dhùthchail a’ tabhann àiteachan còmhnaidh issuidheachaidh sàbhailte, tarraingeach agus fallain – a’ cur ri mathas cuirp agus inntinn,agus buannachdan foghlaim, cultarail is eile. Fiù’s nuair a tha na gnìomhachasan agusna daoine seo suidhichte ann no faisg air na cathair-bhailtean agus na bailtean-mòraagainn, tha e na bhuannachd mhòr gu bheil cruth-tire agus seallaidhean ainmeil na h-Alba ann agus cho furasta faighinn thuca.

Tha e follaiseach gu bheil an dualchas againn anns gach cruth bunaiteach ann a bhitha’ cumail suas coimhearsnachdan dùthchail. Is iad buannachdan agus tarraingean Albadhùthchail a tha a’ toirt air mòran dhaoine roghnachadh a bhith a’ còmhnaidh agus a’fuireach sna coimhearsnachdan dùthchail againn – ‘roghainnean dòigh-beatha.’ Thaluchd-tadhail a’ cuideachadh gus bun-structair agus seirbheisean dùthchail a chumailsuas. Ach tha e cuideachd cudromach na buannachdan a tha ann do dh’Alba air fadaithneachadh. Mar eisimpleir, tha an caiteachas mòr a tha a’ tighinn à turasachd snasgìrean bailteil agus dùthchail againn, a’ tighinn bho luchd-tadhail a tha ag innse gubheil iad a’ tadhal air Alba airson an fhiadh-bheatha, na cruth-tìrean agus aneachdraidh bheairteach againn, fiù ’s ged a dh’fhaodadh iad an turas aca astèidheachadh ann am fear de na cathair-bhailtean no bailtean mòra.

4.3

Page 44: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

THA A BHITH A’DÈANAMH NA CUID ASFHEÀRR DEN DUALCHASNÀDARRA. TOGTE AGUSCULTARAIL AGAINN NAPHROMH PHÀIRT DENRO-INNLEACHD IOMLANAGAINN AIRSON ALBADHÙTHCHAIL

28

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Mar sin, gu tric is e ‘math poblach’ a tha anns na goireasan nàdarra agus cultarail, agusna buannachdan a tha iad a’ toirt gu bith. Tha iad a’ tabhann bhuannachdan coitcheannagus feumar an stiùireadh air a’ bhun-stèidh sin, le duaisean iomchaidh airson nafeadhna a tha a’ cur ris a’ choileanadh aca. Is e sin bun-stèidh, mar eisimpleir, nanCùmhnantan Stiùireadh Talmhainn fon Phrògram Leasachaidh Dùthchail, a bhios a’maoineachadh thuathanaich agus uachdarain eile airson builean àrainneachdail aguseile – a’ solarachadh bhuannachdan don àrainneachd, do na gnìomhachasan a tha nalùib agus airson mathas san fharsaingeachd.

Feumar na thathar a’ dèanamh, no a thathar a’ dealbhadh, gus an àrainneachd nàdarraagus togte againn a dhìon agus a neartachadh fhaicinn mu choinneamh nambuannachdan agus nam builean as fharsainge sin. Tha a bhith a’ dèanamh na cuid asfheàrr den dualchas nàdarra, togte agus cultarail againn na phrìomh phàirt den ro-innleachd iomlan againn airson Alba dhùthchail.

NA THATHAR A’ DÈANAMH – NA CRUTH-TÌREAN AGUS NA H-ÀRAINNEANNÀDARRA AGAINNTha prìomh dhleastanas aig Dualchas Nàdarra na h-Alba (DNA) airson na h-àrainneachdnàdarra againn. Tha mion-fhiosrachadh den raon-ùghdarrais agus na prìomhachasanaige air am mìneachadh anns a’ Phlana Chorporra24 aige. Ga chur gu sìmplidh, tha e agobair, le feadhainn eile, gus cùram a ghabhail don dualchas nàdarra – gus dèanamhcinnteach gu bheil sinn a’ coinneachadh ris na h-amasan agus na riatanasan againn.

Tha iomairt Natural Heritage Futures25 aig DNA a’ toirt taic do na prìomhachasan aigefhèin agus ag obair mar bhun-stèidh airson tuilleadh obrach le buidhnean com-pàirteachaidh. Tha e a’ comharrachadh prìomh amasan agus a’ brosnachadh dòigh-làimhseachaidh amalaichte a thaobh stiùireadh an dualchais nàdarra. Tha DNA air raonde sgrìobhainnean Àm ri Teachd Dualchais Nàdarra a dhèanamh – agus tha iad ganùrachadh an-dràsta – a tha a’ còmhdach 6 cuspairean nàiseanta agus 21 sgìre ionadail,gus iùl a thoirt do stiùireadh an dualchais nàdarra san àm ri teachd suas gu 2025,taobh a-staigh co-theacsa leasachaidh seasmhach. Tha an dòigh-làimhseachaidh sinco-chòrdail ris, agus a’ ceangail ris, an obair àm ri teachd dùthchail as farsainge air abheilear ag aithris nas fhaide air adhart san sgrìobhainn seo.

24 http://www.snh.org.uk/pdfs/publications/corporate/corpplan0508.pdf 25 http://www.snh.org.uk/futures/Data/index.htm

4.4

4.5

4.6

4.7

Page 45: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

29

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 4: A’ DÈANAMH NA CUID AS FHEÀRR DEN DUALCHAS AGAINN

FÒRAM CRUTH-TÌRE NA H-ALBA

Bhon a dhaingnich an RA Co-chruinneachadh Cruth-tìrean na h-Eòrpa ann an 2006, thaAlba air a bhith a’ stiùireadh na slighe air adhart ann a bhith a’ coinneachadh ririatanasan ùra tro obair Fòram Cruth-tìre na h-Alba. Tha seo a’ toirt còmhla buidhneanpoblach, ùidhean stiùireadh talmhainn agus NGOan gus poileasaidhean agusiomairtean a leasachadh airson stiùireadh seasmhach, càradh agus neartachadh nacruth-tìre. Is e dà cheum chudromach a bhios ann a bhith a’ toirt bheachdan don ath-bhreithneachadh a tha gu bhith aig an Riaghaltas a thaobh Stiùiridhean DealbhadhPoileasaidh Nàiseanta26 a’ buntainn ri dualchas nàdarra agus a bhith a’ meas luacheaconamach na cruth-tìre.

SGÌREAN MAISEACH NÀISEANTA

Tha 40 Sgìre Maiseach Nàiseanta ainmichte ann an Alba, mar phàirt den chruth-tìreagus tarraingean air leth aice. Bheir solarachaidhean san Achd Dealbhaidh msaa (Alba)2006 bun-stèidh reachdail làidir dhaibh.

LÀRACH SHAIDHEANSAIL SHÒNRAICHTE

Tha an Achd Glèidhteachas Nàdair (Alba) 2004 a’ neartachadh an dìon a tha air a thoirtdo làraich shaidheansail shònraichte (LSS), a tha a’ còmhdach mu 13% de dh’Alba. Thadealas aig an RA do thargaid na h-Eòrpa airson stad a chur air call bith-iomadachd ro2010, a’ gabhail a-steach a bhith a’ toirt 95% de na feartan a tha air an dìon le LSSando ‘staid mhath’. Chun a seo, tha DNA air aithris mu 5,003 (92%) de fheartan, agusdhiubh seo tha dìreach còrr is 71% ann an staid mhath no ‘a’ fàs nas fheàrr’ (i.e. thastiùireadh an gnìomh gus staid mhath a thoirt gu buil). Tha an lìonra Eòrpach dedh’ionadan dìonte, Natura 2000, a’ riochdachadh sgìrean den luach as àirde doàrainnean agus ghnèithean.

PÀIRCEAN NÀISEANTA

Tha dà Phàirc Nàiseanta tìreil ainmichte ann an Alba: Loch Laomain agus naTrosaichean ann an 2002 agus Am Monadh Ruadh ann an 2003. Chaidh iad seo aleasachadh leis an amas a bhith ag amalachadh dìon nan sgìrean seo mar so-mhaoindualchais nàdarra, le leasachadh dùthchail a bhios buannachdail dochoimhearsnachdan ionadail. Chaidh prionnsabal an amalachaidh a chur an gnìomh troPhlanaichean Pàirce, a tha a’ com-pàirteachadh na coimhearsnachd ann a bhith a’ curaghaidh ri uallaichean sòisealta, eaconamach agus àrainneachdail agus a’ co-òrdanachadh oidhirpean nam buidhnean poblach iomchaidh.

Tha cladaich agus cuantan na h-Alba cuideachd beairteach a thaobh ùidh, gnìomh agusiomadachd. Bho chionn ghoirid, chuir an Riaghaltas crìoch air co-chomhairleachadh mumholaidhean gus a’ chiad Phàirc Nàiseanta Cladaich agus Mara na h-Alba astèidheachadh, agus bha 72% den 940 neach-freagairt a’ toirt taic dha ann amprionnsabal. Am measg nan àiteachan air an robhar a’ beachdachadh, bha Salmhaigh,Cladach agus Eileanan Earra-Ghaidheal, Àird nam Murchan, Na h-Eileanan Beaga agusCladach a Deas an Eilein Sgitheanaich, Cladach a Tuath an Eilein Sgitheanaich agusTaobh Siar Rois, Uibhist a Tuath, Caolas Na Hearadh, agus Ceann a Deas Leòdhais. Is eamas na Pàirce dèanamh cinnteach gum bi sinn a’ gabhail tlachd às agus a’ stiùireadhnan goireasan mara beairteach againn gu seasmhach, agus gus leasachadh sòisealtaagus eaconamach coimhearsnachdan ionadail na Pàirce a bhrosnachadh. Cha deachco-dhùnaidhean sam bith a dhèanamh fhathast agus tha Ministearan a-nis a’ curaghaidh ris na draghan sònraichte a chaidh a thogail bho ùidhean roinneil agus mulàraich shònraichte. Chaidh aithisg geàrr-chunntasach de fhreagairtean fhoillseachadh.

4.8

4.9

4.10

4.11

4.12

26 http://www.scotland.gov.uk/publications/2007/02/28143406/0

Page 46: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

30

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

STIÙIREADH FHIADH FIADHAICH

Chaidh rèiteachaidhean Co-obrachadh Foirmeil a leasachadh – a’ com-pàirteachadhDNA, Coimisean Fhiadh na h-Alba agus an Riaghaltas (a’ gabhail a-steach CoimiseanCoilltearachd Alba) – gus làraich a tha cudromach gu nàiseanta agus a tha ann ancunnart bho fhèidh fhiadhaich a chomharrachadh: agus gus freagairtean agusdòighean-làimhseachaidh co-phàirteach a thaobh stiùireadh làraich a bhrosnachadh.Tha buidhnean com-pàirteachail air stiùireadh teignigeach aontachadh agus a chur anàite airson làraich a chomharrachadh, sùil a chumail air suidheachaidhean agusgnìomhan a chur an sàs. Chaidh mion-fhiosrachadh mu làraich a tha sa phrògramobrach agus a tha a’ faighinn aire fhoillseachadh agus thèid toraidhean desgrùdaidhean a rinneadh air làraich ainmichte fhoillseachadh a dh’aithghearr, còmhla riliosta air a chur an òrdugh prìomhachais de làraich a tha feumach air aire.

BITH-IOMADACHD

Tha an Riaghaltas air dòigh-làimhseachaidh làidir, com-pàirteachail a thogail adh’ionnsaigh bith-iomadachd tro Fhòram Bith-iomadachd na h-Alba, a-rithist a’ com-pàirteachadh iomadh buidheann poblach, NGOan, stiùireadh talmhainn, agus ùidheancoimhearsnachd is gnìomhachais. Chaidh an Scottish Biodiversity Strategy27 aleasachadh leis an amas a bhith a’ togail aire, a’ comharrachadh phrìomhachasan agusa’ brosnachadh agus a’ co-òrdanachadh gnìomh ann an caochladh roinnean. Tha an ro-innleachd seo a’ faighinn taic bho Phlanaichean Buileachaidh mionaideach a tha a’cleachdadh iomadh ghnìomh, ann an iomadh raon a dh’ionnsaigh buannachd do bhith-iomadachd. Tha Planaichean-gnìomha Bith-iomadachd Ionadail (PGBI) nan dòighcudromach a bhith a’ comharrachadh phrìomhachasan ionadail agus a’ com-pàirteachadhchoimhearsnachdan sa phròiseas. Tha Planaichean-gnìomha Bith-iomadachd namprìomh phàirt de ghnìomhan bith-iomadachd ann an Alba agus tha iad air mòran achoileanadh do 267 prìomh àrainnean agus ghnèithean na h-Alba bhon a chaidh antòiseachadh aig deireadh nan 1990an. Chaidh còrr is 25,000 heactair de choilltean-giuthais dùthchail ùra a chruthachadh agus thathar ag obair air grunn phròiseactanath-bheòthachaidh air coilltean dualchasach mòra, gu tric le cuideam làidir air a bhithbuannachdail do choimhearsnachdan, ann an àiteachan leithid Gleann Afraig,Suaineart, Creag Mèagaidh agus mu thimcheall Loch Laomainn. Tha Figear 6 a’ sealltainninbhe bith-iomadachd prìomh ghnèithean agus àrainnean PGBI na RA ann an Alba.

FIGEAR 6INBHE GHNÈITHEAN AGUS ÀRAINNEAN PGBI NA RA ANN AN ALBA, 2005

Inbhe Ghnèithean PGBI na RA ann an Alba, 2005 (stèidhichte air 209 prìomhghnèithean PGBI na RA ann an Alba)

■ A’ meudachadh, 5%

■ Seasmhach, 27%

■ A’ lùghdachadh (a’ fàs mall), 9%

■ Ag atharrachadh (dh’fhaoidte a’ lùghdachadh), 1%

■ A’ lùghdachadh (a’ leantainn/a’ fàs luath), 5%

■ Gun ghluasad soilleir, 8%

■ Caillte (ro foillseachadh PGBI), 1%

■ Gun fhios, 43%

27 http://www.scotland.gov.uk/Topics/Environment/Wildlife-Habitats/16118/BiodiversityStrategy

4.13

4.14

Page 47: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

31

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 4: A’ DÈANAMH NA CUID AS FHEÀRR DEN DUALCHAS AGAINN

Inbhe Àrainnean PGBI na RA ann an Alba, 2005 (stèidhichte air 40 prìomh àrainn PGBIna RA ann an Alba)

Chaidh Species Action Framework28 a leasachadh cuideachd gus oidhirpean agusgoireasan a chur an òrdugh prìomhachais gu ruige stiùireadh gnìomhach de 31 gnètaobh a-staigh co-theacsa bhuannachdan nas farsainge a thaobh bith-iomadachdionadail, agus chaidh a chur air bhog san Fhaoilleach 2007.

TAIC MAOINEACHAIDH

Tha an Riaghaltas ag aithneachadh na prìomh dhreuchd a tha aig tuathanaich,croitearan agus luchd-stiùiridh talmhainn eile, thairis air ginealaich, mar luchd-cùraimagus uachdarain na dùthcha agus tha e air pròiseasan taic iomchaidh a leasachadh.

Tha na sgeamaichean àiteachas-àrainneachd againn a’ brosnachadh àrachchleachdaidhean tuathanais a tha càirdeil a thaobh na h-àrainneachd. Tha mu 9,000aonta a-nis an gnìomh a còmhdach mu 3 millean heactair. Tha cuideachadh bho nasgeamaichean seo aig mu £30m gach bliadhna agus tha e a’ toirt taic do raon decheumannan stiùiridh a tha ag amas air a bhith a’ gleidheadh agus a’ neartachadh nadùthcha againn agus a’ dìon feartan eachdraidheil no airceòlasach tro chleachdaidheantuathanais iomchaidh.

■ A’ meudachadh, 13%

■ Seasmhach, 20%

■ A’ lùghdachadh (a’ fàs mall), 30%

■ Ag atharrachadh (dh’fhaoidte a’ lùghdachadh), 3%

■ Gun ghluasad soilleir, 8%

■ Gun fhios, 28%

28 http://www.snh.org.uk/strategy/sr-pc02.asp

4.15

4.16

4.17

Tobar: Roinn na h-Àrainneachd, a’ Bhidhe agus nan Gnothaichean Dùthchail, Co-chomataidh Glèidhteachais Nàdair, 2006

Page 48: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

32

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

FIGEAR 7TALAMH FO SGEAMAICHEAN ÀITEACHAS-ÀRAINNEACHD1988-2005

Tha na sgeamaichean seo cuideachd buannachdail do bhith-iomadachd agus fiadh-bheatha. Air feadh na dùthcha, tha tuathanaich agus croitearan air àrainnean nàdarraath-chruthachadh, air leigeil le sreathan feòir fàs eadar pàircean, air craobhan fasgaidhùrachadh, air lochan beaga agus raointean fliucha a chruthachadh, air craobhan agussreathan-phreasan a chur. Bho 2001, chaidh còrr is 1,000 mìle de sreathan-phreasan achur fon Sgeama Uachdranas Dùthchail a tha air cuideachadh gus an cruth-tìre aneartachadh agus biadh agus fasgadh a thoirt do eòin, beathaichean neo-chnàimheachagus mamalan beaga. Tha ceumannan air cur ri, mar eisimpleir, àrdachadh cudromachanns an àireamh de thraoin: bho 1992, tha an àireamh air còrr is dùblachadh gu mu1,000 fear fireann a’ seinn.

Le mòran thuathanaich agus uachdarain a’ fastadh chùmhnantairean agus solaraicheanionadail airson obraichean calpa agus càraidh co-cheangailte ris na sgeamaichean seo(m.e. airson feansadh agus togail ghàrraidhean cloiche), tha gnìomhachasan aguseaconamaidhean ionadail cuideachd air soirbheachadh. Tha sgrùdadh mu bhuaidhàiteachais agus sòisealta-eaconamach nan Sgeamaichean Cheàrnaidhean leÀrainneachd Chugallach (SCAC) ann an 2000 a’ sealltainn gun robh deagh bhuileancudromach air a h-uile eaconamaidh ionadail eadar às-imrich nas lugha, ceannach a’buntainn ri glèidhteachas agus barrachd airgead ga chaitheamh air an dachaigh; agusmeudachadh 20%-25% ann an teachd-a-steach ri linn ballrachd SCAC.

Bho 2000, tron Sgeama Cobhair Organaig, tha sinn air taic a thoirt do atharrachadh mu180,000 heactair talmhainn gu tuathanas organaig, a’ dèanamh tabhartas cudromachdo ghleidhteachas agus a’ neartachadh na h-àrainneachd tro bhith-iomadachd, smachdair truailleadh, èifeachdas lùths agus buannachdan dìon-ùrach. Tha an sgeamacuideachd air leigeil le tuathanaich an obair aca iomadachadh agus brath a ghabhail airna cothroman a dh’fhaodas tuathanas organaig a sholarachadh, agus tha sin fhèin a’toirt taic do eaconamaidhean dùthchail.

0

200

400

600

800

1000

1200

1400

1600

1988 1989 1990 1991 1992 1993 1994 1995 1996 1997 1998 1999 2000 2001 2002 2003 2004 2005

Raon

(000

’s h

a)

Ceàrnaidhean le Àrainneachd Chugallach

Sgeama Cobhair Organaig

Sgeama Piseach Dùthcha

Sgeama Uachdranas Dùthchail

4.18

4.19

4.20

Tobar: Riaghaltas na h-Alba, Prìomh Staitistig Àrainneachd na h-Alba, 2006

Page 49: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

33

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 4: A’ DÈANAMH NA CUID AS FHEÀRR DEN DUALCHAS AGAINN

Mar phàirt den deasachadh airson an PLDA, tha an Riaghaltas air ath-bhreithneachadhcùramach a dhèanamh le luchd-ùidh mu na ceumannan a tha gu bhith air ammaoineachadh san àm ri teachd agus tha e air comhairlichean a bharrantachadh gussgrùdadh a dhèanamh air na roghainnean airson maoineachadh san àm ri teachd agusair riaghladh taic àiteachais-àrainneachd.

RIAGHAILT FRÈAM-OBRACH UISGE

Tha Riaghailt Frèam-obrach Uisge na h-Eòrpa a’ toirt dòigh-làimhseachaidh ùr, nasamalaichte do dhìon, neartachadh agus cleachdadh seasmhach uisge. Thàinig e gubhith na lagh ann an Alba ann an 2003 tro Achd na h-Àrainneachd Uisge agusSeirbheisean Uisge (Alba) agus thathar ga bhuileachadh. Thathar a’ deasachadhPhlanaichean Stiùiridh Shlighean Aibhnichean airson na h-Alba agus airson raonSalmhaigh Thuaidh agus seallaidh seo na ceumannan a thathar a’ gabhail gus deaghinbhe eag-eòlach a choileanadh anns gach uisge ro 2015. Tha am pròiseas ga chur marriatanas air ùghdarrasan riaghlaidh, buidhnean poblach eile agus stiùiricheantalmhainn co-obrachadh ann a bhith a’ dèanamh nam planaichean seo, a thathar a’leasachadh ann an dòigh coltach ris na h-iomairtean agus na pròiseactan StiùireadhRaoin Amalaichte a chaidh a dhèanamh roimhe, gu h-àraid pròiseactan Uisge Ùigidhagus Ythan. Chaidh co-chomhairleachadh a chumail mu dhòigh-làimhseachaidh ùr athaobh riaghladh truailleadh sgaoilidh, aon de na h-adhbharan truaillidh ascudromaiche ann an àrainneachd an uisge, agus thig seo gu èifeachd ann an 2007.

NA THATHAR A’ DÈANAMH – RUIGSINNEACHD AGUS SEILBH TALMHAINNTha sinn air a bhith ag obair air buileachadh Land Reform Action Plan29 a chaidh adhèanamh ann an 1999 – am measg rudan eile gus uachdranas agus gabhaltastalmhainn a sgaoileadh ann an Alba agus gus barrachd ruigsinneachd don dùthaich asholarachadh.

Thug sinn a-steach, ann an Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn (Alba) 2003, còirchoitcheann air ruigsinneachd phoblach do dhùthaich na h-Alba. Tha seo buannachdaildo choimhearsnachdan le bhith a’ fosgladh shlighean a-steach agus a’ meudachadhchothroman airson cleasan cur-seachad. Tha e cuideachd a’ cruthachadh chothromanùra do luchd-turais agus luchd-tadhail chun na dùthcha, agus faodaidh seo ann fhèiniarrtas a bharrachd a chruthachadh airson bathar agus seirbheisean bho sgìreandùthchail. Dh’obraich buidhnean poblach, NGOan agus stiùirichean talmhainn gu dlùthleis an Riaghaltas nuair a bhathar a’ dealbhadh a’ bhile agus ann a bhith a’ dèanamh anScottish Outdoor Access Code30, a thàinig gu bith sa Ghearran 2005. Tha an Còda a’mìneachadh mar a bu chòir do chòirichean ruigsinneachd a bhith air an cleachdadh, le3 prìomh phrionnsabalan airson ruigsinneachd chiallach a tha a’ buntainn an dà chuidris a’ phoball agus stiùirichean talmhainn:

❙ urram a thoirt do mhath dhaoine eile;

❙ cùram a ghabhail don àrainneachd; agus

❙ daoine a’ gabhail dleastanas airson an gnìomhan fhèin.

Thèid Fèis Ruigsinneachd Àiteachan-a-muigh Albannach a chumail sa Chèitean 2007.

Thug an aon Achd a-steach Ciad-chòir Ceannaich Coimhearsnachd agus Còir deimhinneCeannaich Coimhearsnachd Croitearachd gus talamh a cheannach, airson leigeil lecoimhearsnachdan ionadail uachdranas talmhainn a ghabhail orra fhèin agus aleasachadh agus a chleachdadh airson feum na coimhearsnachd ionadail. Thacoimhearsnachdan dùthchail air feadh na h-Alba mar-thà air talamh a cheannach tronreachdas agus tha mòran eile air a’ chòir a ghleidheadh gus an talamh a cheannachnam bithear ga reic aig àm sam bith san àm ri teachd. Tha ùidh mhòr air a bhith snacothroman a tha an reachdas ùr a toirt seachad. Tha cùisean, leithid cùis Asainte, a’sealltainn comas nan ceumannan seo.

29 http://www.scotland.gov.uk/Topics/Rural/Land/15618/828530 http://www.snh.org.uk/pdfs/access/ApprovedCode050604.pdf

4.21

4.22

4.23

4.24

4.25

Page 50: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

34

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Tha ceannach leis a’ choimhearsnachd agus leasachaidhean eile, leithid cùis Ghiogha,air adhartas a dhèanamh taobh a-muigh a’ phròiseas reachdail a thaobh còir-ceannaich, ach le soirbheas mòr. Tha feadhainn eile san amharc. Chaidhleasachaidhean a thoirt air adhart ann an iomadh cùis le taic maoineachaidh mòr bhoMhaoin a’ Chrannchuir Mhòir, Aonad Fearann Coimhearsnachd Iomairt naGaidhealtachd is nan Eilean agus luchd-maoineachaidh eile.

NA THATHAR A’ DÈANAMH – AN ÀRAINNEACHD EACHDRAIDHEIL AGAINNTha am prìomh dhleastanas aig Alba Eachdraidheil (AE) airson a bhith a’ dìon, a’ togailaire mu, agus a’ taisbeanadh na h-àrainneachd eachdraidheil. Tha mion-fhiosrachadhmun raon-ùghdarrais reachdail aige air a mhìneachadh anns a’ phlana chorporra31 aige.Tha e ag obair, le feadhainn eile, gus cùram a ghabhail do dhualchas togte na h-Alba, le345 aitreabh sa chùram aige thairis air Alba, agus mòran dhiubh ann an àiteachandùthchail. Tha dreuchd chudromach aca seo ann a bhith a’ toirt taic don bhun-structairturasachd agus a’ solarachadh obraichean cudromach, sgileil.

Tha poileasaidh airson a bhith a’ dìon agus a’ brosnachadh cleachdadh seasmhach nah-àrainneachd eachdraidheil againn air a mhìneachadh ann an Choosing our future:Scotland’s sustainable development strategy 32. Tha e an tòir air prìomh amasan achomharrachadh agus dòigh-làimhseachaidh amalaichte a bhrosnachadh a thaobh abhith a’ meas glèidhteachas agus stiùireadh an dualchais thogte againn. ThaMinistearan na h-Alba an-dràsta a’ dèanamh sreath de Phoileasaidhean airsonÀrainneachd Eachdraidheil na h-Alba gus fiosrachadh agus stiùireadh a thoirt dodh’obair na buidhne ann an dòigh sheasmhach. Tha a’ chiad fhear dhiubh seo,Scotland’s Historic Environment 33, a’ mìneachadh a’ phoileasaidh iomlan agusdreuchdan nam prìomh chom-pàirtichean.

Tha prìomh àite aig Alba Eachdraidheil cuideachd ann a bhith a’ brosnachadh sgileanagus stuthan togail traidiseanta airson a bhith ag atharrachadh agus a’ càradh na h-àrainneachd eachdraidheil, a-rithist, a’ toirt obraichean luachmhor dochoimhearsnachdan dùthchail.

Tha Coimisean Coilltearachd na h-Alba an-dràsta an urra ri còrr is 300 Làrach ÀrsaidhClàraichte agus còrr is 30 Togalach Clàraichte air oighreachd na coille nàiseanta. Chan ea-mhàin cùram, dìon agus neartachadh nam feartan seo a tha sna dleastanasanuachdranais aca, ach cuideachd a bhith a’ meudachadh tuigse agus tlachd a thaobh ansuidheachaidhean agus gus leasachadh dùthchail agus buannachd eaconamachionadail a bharrachd a ghleidheadh don àrainneachd eachdraidheil.

CEISTEAN AGUS DÙBHLAINMar sin, chaidh mòran a dhèanamh agus tha mòran obrach a’ dol air adhart. Ach thasinn ag aithneachadh gu bheil ceistean agus dùbhlain mhòra ann fhathast. Nam measgtha:

❙ dèanamh cinnteach à dòigh-làimhseachaidh iomlan agus seasmhach thairis air naraointean poileasaidh uile;

❙ leasachadh a’ chomais againn a bhith a’ tomhas raon (agus luachan) bhuilean a th’aig eadar-theachdan agus taic maoineachaidh – gus cuideachadh ann a bhith agamas air poileasaidhean agus taic gu ruige prìomh chinn-uidhe;

❙ targaidean bith-iomadachd dùbhlanach a lorg agus a choileanadh agus anàrainneachd uisge a leasachadh; agus

❙ lìbhrigeadh clàr-gnothaich ath-leasachadh talmhainn na h-Alba, mar a bha a’Phàrlamaid a dùil.

31 http://www.historic-scotland.gov.uk/textonly/corporate_plan_2005-08.pdf 32 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/12/1493902/3903233 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/03/e309396/link

4.26

4.27

4.28

4.29

4.30

4.31

Page 51: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

GNÌOMHAN DEALBHAICHTETha an Riaghaltas a’ cur, agus bidh e a’ leantainn air adhart a’ cur, luach agusprìomhachas mòr air a bhith a’ dìon agus a’ neartachadh so-mhaoin nàdarra, togte aguscultarail na h-Alba mar phàirt de leasachadh dùthchail (agus, gu dearbh, de leasachadheaconamach nàiseanta). Leanaidh sinn air adhart a’ leasachadh, agus a’ brosnachadhchàich gus leasachadh a thoirt air, dòighean-làimhseachaidh agus ceumannan gusdèanamh cinnteach à stiùireadh leantainneach, fàsmhor agus seasmhach den t-so-mhaoin dheatamach seo, gus dèanamh cinnteach gun cuir iad ris na h-amasanàrainneachdail, eaconamach agus sòisealta againn san àm ri teachd.

Gu sònraichte, bidh sinn:

❙ tro Dhualchas Nàdarra na h-Alba agus feadhainn eile, a’ leantainn air adhart agobair a chum a bhith a’ coileanadh nan targaidean bith-iomadachd againn – a’gabhail a-steach obair còmhla am measg nam buidhnean againn fhìn agusbuidhnean eile;

❙ buileachadh na riaghailt frèam-obrach uisge;

❙ leasachadh agus buileachadh, fon Phrògram Leasachaidh airson Alba Dhùthchail2007-13, taic nas amalaichte agus le amas nas fheàrr air builean, a’ gabhail a-steach tro Chùmhnant Stiùireadh Talmhainn, ceumannan Ìre 3, gus na cruth-tìreanagus a’ bhith-iomadachd againn a dhìon agus a bhrosnachadh, làraich Natura 2000nam measg;

❙ tuilleadh deasbaireachd leantainneach agus iomlaid eòlais a bhrosnachadh, ann anoidhirpean gus tuigse air buaidhean agus luachan phoileasaidhean agusghnìomhan a tha a’ toirt buaidh air Alba dhùthchail a leasachadh;

❙ ath-bhreithneachadh agus aithris do Phàrlamaid na h-Alba mu cheumannan ath-leasachadh talmhainn rè 2007.

A-rithist, chan e clàr-ghnothaichean stèidhichte no teann a tha seo agus thèid aleasachadh ri linn deasbaireachd a bharrachd agus beachdachadh air prìomhphrìomhachasan agus ghnìomhan.

THA AN RIAGHALTAS A CUR, AGUS BIDH E A’ LEANTAINN AIR ADHART A’ CUR, LUACH AGUS PRÌOMHACHAS MÒR AIR A BHITH A’ DÌON AGUS A’ NEARTACHADH SO-MHAOIN NÀDARRA, TOGTE AGUS CULTARAIL NA H-ALBA.

35

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 4: A’ DÈANAMH NA CUID AS FHEÀRR DEN DUALCHAS AGAINN

4.32

4.33

4.34

Page 52: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

36

NA PRÌOMH AMASAN AGAINN:❙ Ruigsinneachd iomchaidh a sholarachadh do sheirbheisean àrd-inbhe do dhaoine

agus ghnìomhachasan ann an sgìrean dùthchail, airson buannachd mathas agusinbhe beatha dùthchail;

❙ Èifeachdas agus cosgais a leasachadh, gu h-àraid a thaobh solarachadhsheirbheisean poblach – a’ gabhail a-steach co-òrdanachadh ionadail nas fheàrragus a’ gabhail brath air adhartasan ann an teicneolas fiosrachaidh agusconaltraidh agus fuasglaidhean innleachdach eile.

Tha mathas dhaoine agus choimhearsnachdan, agus soirbheas iomadh gnìomhachas,an crochadh air ruigsinneachd do raon de sheirbheisean èifeachdach agus àrd-inbhe. Ise ruigsinneachd do sheirbheisean an fhreagairt a thaobh a bhith a’ cur aghaidh ri às-ghabhaltas sòisealta ann an sgìrean dùthchail agus tha targaid dhùthchail anns aniomairt A’ Dùnadh na Beàirn Chothroman (DBC) a thaobh ruigsinneachd don fheadhainnas bochda. Thathar a’ lìbhrigeadh sheirbheisean tro raon de sholaraichean poblach,prìobhaideach agus san treas roinn – gu h-àraid, mar a bhiodh dùil, ùghdarrasanionadail a tha aig meadhan chùisean. Tha feum air seirbheisean agus na thathas a’sùileachadh bhuapa diofraichte thairis air buidhnean aoise no sòisealta, sgìrean cruinn-eòlasach no thairis air ùine. A bharrachd air a bhith a’ solarachadh obraichean àrd-inbhe (ann an nithean leithid slàinte agus foghlam) ann an sgìrean dùthchail, thasolarachadh sheirbheisean innleachdach, àrd-inbhe, sùbailte agus stèidhichte airfeuman dhaoine na phrìomh eileamaid den chlàr-gnothaich as farsainge againn airsonath-leasachadh sheirbheisean poblach agus na miannan againn airson Alba dhùthchail.

CEISTEAN AGUS PRÌOMHACHASAN SEIRBHEIS POBLAICHIs e fìor dhùbhlan a tha ann a bhith a’ solarachadh deagh ruigsinneachd do sheirbheiseanàrd-inbhe gu cunbhalach agus aig deagh phrìs – gu h-àraid ann an sgìrean iomallach lebeagan sluaigh. Chan eil an fhianais buileach soilleir, ach tha rannsachadh agus anailisa’ sealltainn gu bheil draghan ann an Alba iomallach an dà chuid a thaobh inbhe agusruigsinneachd (chan eil iad an-còmhnaidh furasta an aithneachadh bho chèile): agus gubheil ìrean de riarachas le seirbheisean (poblach agus coimearsalta) sa bhitheantas nasìsle ann an sgìrean dùthchail seach sgìrean bailteil, leis an t-suidheachadh mar as tricenas miosa ann an sgìrean dùthchail iomallach – faic figear 3.

Ged a tha caochlaidhean ann a thaobh chùisean, suidheachaidhean agusfeumalachdan, tha rannsachadh a rinneadh bho chionn ghoirid34 cuideachd a’sealltainn ìre de cho-aonta am measg luchd-còmhnaidh dùthchail mu phrìomhachasanairson leasachaidhean ann an inbhe agus ruigsinneachd seirbheis – a’ gabhail a-steachgoireasan còmhdhail agus conaltraidh, seirbheisean slàinte is eile, goireasan lùths isuisge, oifisean-puist agus reic. Tha draghan ann cuideachd mu thaigheadas, foghlamagus seirbheisean chloinne, goireasan cur-seachad agus spòrs agus ceartas.

Ged nach eil an Riaghaltas fhèin, mar as tric, na sholaraiche sheirbheisean, tha prìomhdhreuchd againn ann a bhith a’ solarachadh fhrèaman-obrach poileasaidh, ionmhaisagus eile; ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun tèid beachdachadh air a’ cho-theacsadhùthchail, bhon a’ chiad dol a-mach, ann a bhith a’ leasachadh phoileasaidhean agus

5: A’ LÌBHRIGEADH SHEIRBHEISEAN NAS FHEÀRR

34 http://www.scotland.gov.uk/Resource/Doc/123580/0029733.pdf

5.1

5.2

5.3

5.4

Page 53: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

IS E FOR DHÙBHLAN A THA ANN A BHITH A’ SOLARACHADHSHEIRBHEISEAN ÀRD-INBHE GUCUNBHALACH AGUSAIG DEAGH PHRÌS – GU H-ÀRAID ANN ANSGÌREAN IOMALLACHGUN MÒRAN SLUAIGH.

37

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 5: A’ LÌBHRIGEADH SHEIRBHEISEAN NAS FHEÀRR

a’ lìbhrigeadh rèiteachaidhean; agus ann a bhith ag obair le solaraichean, gus dèanamhcinnteach gu bheil leasachaidhean ann a thaobh solarachadh, ruigsinneachd agusinbhe prìomh sheirbheisean dùthchail. Ann a bhith a’ dèanamh seo,bidh sinn a’leantainn oirnn a’ cumadh phrìomhachasan agus a’ coimhead air roghainnean agusfuasglaidhean ro-innleachdach airson lìbhrigeadh. Dh’fhaoidte gum bi feum air co-rèiteach. Feumaidh sinn sùbailteachd, taobh a-staigh rèiteachaidhean nàiseanta, guscothrom a thoirt do shuidheachaidhean, feumalachdan agus prìomhachasan ionadail.

Chaidh rèiteachaidhean riaghlaidh, lìbhrigidh agus maoineachaidh – ann an cuid dechùisean buntainneach gu coitcheann, ach le buaidh air seirbheisean dùthchail – aleasachadh agus tha iad gan leasachadh fhathast gus coinneachadh ri dùbhlain lìbhrigeadhseirbheis ann an Alba. Nì gnìomh leantainneach taobh a-staigh clàr-ghnothaicheanatharrachaidh nan seirbheisean poblach cinnteach à amalachadh agus ceangaltas nasfheàrr, guthan ionadail nas làidire agus seirbheisean poblach nas pearsanta.

DÒIGHEAN-LÀIMHSEACHAIDH COM-PÀIRTEACHAIL, IONADAIL

Tha leasachadh rèiteachaidhean airson co-obrachadh ionadail, dèanamh cho-dhùnaidhean agus lìbhrigeadh, air a bhith gu tur cudromach. Ann an 2003, chaidhfrèam-obrach reachdail airson Com-pàirteachasan Dealbhadh Coimhearsnachd (CDC) athoirt a-steach.35 Tha na 32 CDC a’ solarachadh beairt ionadail agus amas airson co-obrachadh agus prìomhachasadh, a’ brosnachadh dòigh-làimhseachaidh aguslìbhrigeadh co-phàirteach am measg sholaraichean sheirbheisean – ged is ann a rèirnam poileasaidhean agus crìochan-obrach nam buidhnean pàrantail aca. Tha sgrùdadha rinn Sgrùdadh Alba bho chionn ghoirid a’ sealltainn gum feumar pàirt dealbhadhcoimhearsnachd a neartachadh, agus bu chòir gun cuidicheadh seo innleachdas agusleasachadh dealbhadh agus solarachadh sheirbheisean ann an sgìrean dùthchail.

Chaidh còrr is 60 Com-pàirteachas Dùthchail a stèidheachadh – a’ gabhail a-steachbuidhnean le ballrachd CDC agus feadhainn eile – gus a dhol an gnìomh gu h-ionadailgus so-mhaoin a thogail agus cuideachadh gus planaichean-gnìomha coimhearsnachda lìbhrigeadh air feadh na h-Alba.

A’ LEASACHADH LÌBHRIGEADH

Tha na h-earrannan a leanas a’ mìneachadh cheumannan gus lìbhrigeadhsheirbheisean sònraichte a leasachadh. Nas trice, tha an cothrom bann-leathainn

35 www.scotland.gov.uk/library5/localgov/cpsg-00.asp

5.5

5.6

5.7

5.8

Page 54: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

38

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

fhaotainn a’ solarachadh fhuasglaidhean teignigeach a thaobh dùbhlain lìbhrigeadhseirbheis dùthchail, agus sianalan conaltraidh leasaichte, a bharrachd air buannachdaneile.

Tha am Modernising Government Fund36 air taic a thoirt do raon farsaing dephròiseactan, a’ gabhail a-steach sgìrean dùthchail, a’ dèanamh deuchainn airdòighean-obrach ùra gus seirbheisean poblach a lìbhrigeadh.

Fon iomairt ioma-raoin Closing the Opportunity Gap initiative37, a tha ag amas airaghaidh a chur ri ceistean bochdainn air feadh na h-Alba, tha targaid shònraichte ann abhith a’ leasachadh prìomh sheirbheisean dùthchail ro 2008. Stèidhichte air anailisagus ann an co-chomhairle ri ùidhean ionadail, chaidh rèiteachaidhean a dhèanamh le8 Com-pàirteachas Dealbhadh Coimhearsnachd, a lìbhrigeas leasachaidhean aig prìsìseal ann an seirbheisean ionadail thairis air 22 prìomh sgìre agus còrr is 90 pròiseactionadail. Le taic £2.2m de mhaoineachadh Riaghaltais, bidh iad seo buannachdail dodhaoine agus choimhearsnachdan ann an Alba dhùthchail a tha gu sònraichte bochd. Abharrachd air sin, is e prìomhachas ioma-raoin airson an Riaghaltais agus a chom-pàirtichean a tha ann an amas CtOG, agus cuidichidh raon de dh’iomairtean sònraichte(airson na h-Alba) gus na h-amasan againn a lìbhrigeadh.

AN TREAS ROINN

Tha pàirt chudromach aig an treas roinn anns am fàs na h- eaconamaidh againn. Thaco-roinn nas motha de dhaoine ann an Alba dhùthchail – 32% ann an sgìrean dùthchailiomallach agus 24% ann an sgìrean dùthchail ruigsinneach, an coimeas ri 18% ann ampàirtean eile de dh’Alba – air a bhith nas buailtiche ùine a thoirt seachad mar neach-rian no obraiche saor-thoileach (Suirbhidh Taigheadais na h-Alba 2005).

Tha iomairtean sòisealta cudromach do choileanadh amasan poileasaidh a thaobh abhith a’ leasachadh agus a’ lìbhrigeadh sheirbheisean. Tha dealas aig Ministearan na h-Alba airson ro-innleachd iomadaichte a leasachadh airson iomairt shòisealta ann anAlba, a cheanglas cuideachd ri lèirsinn an Riaghaltais airson na treas roinne. Bidh an ro-innleachd gu h-àraid cudromach airson sgìrean dùthchail, seach gun robh rannsachadha chaidh a dhèanamh bho chionn ghoirid (RMG, 2005) a’ sealltainn gun robh 35% dedh’iomairtean sòisealta ann an Alba stèidhichte ann an àiteachan dùthchail (ancoimeas ri cuibheasachd RA de 11%).

Nì an Ro-innleachd Iomairt Shòisealta na nithean a leanas:

❙ mìneachadh air ciall iomairt shòisealta;

❙ rannsachadh air an obair a tha iomairtean sòisealta a’ dèanamh;

❙ sgrùdadh air taic airson iomairtean sòisealta; agus

❙ sgrùdadh air mar as urrainnear fàs agus leasachadh iomairtean sòisealta abhrosnachadh.

Chaidh co-chomhairle Social Enterprise Strategy for Scotland 38 a chur air bhog air 14Òg-mhìos agus chaidh a dhùnadh air 8 Sultain 2006. Chaidh geàrr-chunntas de nafreagairtean fhoillseachadh39 agus tha sinn an dùil gun tèid an ro-innleachdfhoillseachadh tràth ann an 2007.

Tha sinn cuideachd ag amas air fuasgladh a thoirt air comas gnìomh coimhearsnachdagus saor-thoileach. Tha sinn ag aithneachadh na tha an roinn a’ toirt do dh’Alba – faicgu sònraichte Leas-phàipear F de A Vision for the Voluntary Sector40, a chaidhfhoillseachadh san Dùbhlachd 2005.

36 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2003/11/18451/2852237 http://www.scotland.gov.uk/Topics/People/Social-Inclusion/17415/opportunity38 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/06/e15990/link39 http://www.communitiesscotland.gov.uk/stellent/groups/public/documents/webpages/otc017911.pdf40 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/12/12103306/33063

5.9

5.10

5.11

5.12

5.13

5.14

5.15

Page 55: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

39

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 5: A’ LÌBHRIGEADH SHEIRBHEISEAN NAS FHEÀRR

Tha sinn a’ creidsinn gu bheil dreuchd aig riaghaltas ann a bhith a’ toirt taic don roinnann an 4 prìomh raointean:

❙ mar chom-pàirtiche lìbhrigeadh seirbheis – mar eisimpleir ann an còmhdhailcoimhearsnachd;

❙ anns a bhith a’ cuideachadh le choimhearsnachdan làidir a thogail – a’ togaillìonraidhean sòisealta, a’ toirt taic do leasachadh calpa sòisealta agus a’brosnachadh saoranachd ghnìomhach;

❙ anns an dreuchd aige a thaobh tagradh agus smaoineachadh leasachadhpoileasaidh – mar ghuth do choimhearsnachdan; agus

❙ mar mheadhan airson atharrachadh a thoirt gu buil – a’ toirt taic do dhaoine, a’togail comas agus a’ cur aghaidh ri atharrachadh cultarail.

Tha dealas aig Ministearan na h-Alba don Lèirsinn agus an obair a thathar a’ toirt airadhart thairis air Roinnean, mar eisimpleir tro Bhuidheann Riaghaltas na h-Alba air anTreas Roinn (RATR). Tha seo a’ gabhail a-steach àrd-oifigearan bho ghrunn Roinnean ledleastanas airson a bhith a’ leasachadh àite na treas roinne ann am poileasaidheanagus ro-innleachdan Riaghaltais.

ALBA EACHDRAIDHEIL

Ann a bhith a’ lìbhrigeadh sheirbheisean nas fheàrr, tha Alba Eachdraidheil ag amas airseirbheisean àrd-inbhe a sholarachadh do luchd-tadhail a tha a’ tighinn gu na h-aitreabhan aca ann an sgìrean dùthchail, tro dhealas a thaobh trèanadh luchd-obrachàrd-inbhe agus margaidheachd de na làraich dhùthchail againn an dà chuid aig an taighagus thall-thairis. Tha iad cuideachd a’ lìbhrigeadh chothroman foghlaim àrd-inbhe trona h-aitreabhan aca agus ann an dòighean eile agus tha iad a’ sìor fheuchainn ricoinneachadh ri feumalachdan choimhearsnachdan ionadail a tha co-cheangailte ris nalàraich aca.

PRÌOMH SHEIRBHEISEAN

Chaidh ro-innleachdan, iomairtean agus planaichean-gnìomha cuideachd a leasachadh,no thathar gan leasachadh, airson seirbheisean sònraichte. Tha na feadhainn mhòra ascudromaiche do luchd-còmhnaidh dùthchail air am mìneachadh gu h-ìseal – ged a thafada a bharrachd a’ toirt buaidh air beatha dhùthchail agus gan toirt air adhart.

CÒMHDHAILTha còmhdhail ann an sgìrean dùthchail agus a-steach gu sgìrean dùthchail riatanach.Tha e a’ toirt cothrom do dhaoine faighinn gu obraichean, gu seirbheisean, agus gucothroman sòisealta, cultarail agus eile. Is e dealas an Riaghaltais in-ghabhaltassòisealta a bhrosnachadh le bhith a’ ceangal choimhearsnachdan iomallach agus bochdagus le bhith a’ meudachadh ruigsinneachd an lìonraidh còmhdhail. Airsonghnìomhachasan, tha còmhdhail a’ toirt cothrom air luchd-obrach, goireasan,seirbheisean agus margaidhean a ruighinn a dh’fheumas iad airson soirbheas.

5.16

5.17

5.18

5.19

5.20

Page 56: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

40

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

CÒMHDHAIL: NA THATHAR A’ DÈANAMH

Bho 2000, tha an Riaghaltas agus ùghdarrasan ionadail air:

❙ taic a thoirt do sheirbheisean a tha a’ solarachadh cobhair-beatha dochoimhearsnachdan dùthchail – slighean adhair, aiseagan, busaichean agusstèiseanan peatroil;

❙ tasgaidhean mòra a dhèanamh gus leasachadh a thoirt air a’ bhun-structair a tha rifhaotainn – an dà chuid ann an lìonraidhean phrìomh rathaidean agus rathaideanionadail agus tro bhith a’ brosnachadh slighean adhair ùra agus a’ leasachadhphuirt;

❙ tasgadh ann a bhith a’ cumail suas agus a’ leudachadh Lìonra Nàiseanta namBaidhsagalan a tha a’ tabhann goireas rothaireachd air leth do luchd-turais agusroghainn còmhdhail eadar-dhealaichte dhaibhsan a tha airson coiseachd no falbhair baidhsagal;

❙ meudachadh mòr a thoirt air a’ mhaoineachadh a tha ri fhaotainn do phròiseactancòmhdhail coimhearsnachd, a’ lìbhrigeadh fhuasglaidhean fo stiùir coimhearsnachddo fheumalachdan còmhdhail choimhearsnachdan beaga iomallach.

Tha maoineachadh aig ìre nas àirde na bha e riamh airson còmhdhail phoblach agustha e a’ sìor fhàs airson leasachaidhean air lìonra nan rathaidean dùthchail.

RO-INNLEACHD CÒMHDHAIL NÀISEANTA

Tha sinn air a bhith ag obair gus frèam-obrach ro-innleachdach a leasachadh airsoncòmhdhail air feadh na h-Alba san àm ri teachd, a’ còmhdach na 20 bliadhna no mar sina tha air thoiseach. Chaidh an Scottish National Transport Strategy41 agussgrìobhainnean buntainneach – Scotland’s Railways agus bus and freight action plans –a leasachadh agus am foillseachadh bho chionn ghoirid – gus an clàr-gnothaich ashuidheachadh airson an ama ri teachd. Tha e stèidhichte air 3 cinn-uidhe roi-innleachd:

❙ ùine agus ceanglaichean siubhail nas fheàrr

❙ lùghdachadh truailleadh bho chòmhdhail

❙ inbhe agus ruigsinneachd nas fheàrr agus prìs nas reusanta airson còmhdhailphoblach

Tha na planaichean agus na miannan againn airson còmhdhail cudromach snapoileasaidhean eaconamach, àrainneachdail agus sòisealta againn: agus tha iad aigteis meadhain nan amasan leasachaidh againn airson Alba dhùthchail.

CÒMHDHAIL ADHAIR

Tha leudachadh cheanglaichean dìreach adhair air ceangaltas eadar-nàiseanta na h-Alba a leasachadh gu mòr. Tha àireamh shusbainteach de shlighean aig an taigh agusslighean eadar-nàiseanta ag obair le taic bhon Mhaoin airson Leasachadh Shlighean(MLS), a’ gabhail a-steach 6 às Inbhir Nis. Tha co-dhùnadh Coimisean na h-Eòrpa air a’MLS a’ ciallachadh gun tèid cobhair a chuingealachadh do shlighean taobh a-staigh nah-Eòrpa agus gu puirt-adhair le nas lugha na 10 millean neach-siubhail gach bliadhna.Leanaidh tasgadh ann a bhith a’ leasachadh ceangaltas na h-Alba tro structar aimsireilna Maoin gu 31 Cèitean 2007. Bidh slighean a tha air tòiseachadh ron cheann-là sinfhathast airidh air maoineachadh. Tha an Riaghaltas a’ sgrùdadh an structair asèifeachdaiche airson leasachadh shlighean as dèidh an Òg-mhios 2007.

41 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/12/04104414/0

5.21

5.22

5.23

5.24

Page 57: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

41

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 5: A’ LÌBHRIGEADH SHEIRBHEISEAN NAS FHEÀRR

Tha an Riaghaltas a’ cumail a’ dol a’ toirt taic do sheirbheisean ceangal-beatha trocheumannan leithid Riatanasan Seirbheisean Poblach gus itealain a sholarachadh guCeann Loch Chille Chiarainn, Tiriodh agus Barraigh. A bharrachd, chaidh SgeamaLùghdachadh Faradh Adhair a chur air bhog anns a’ Chèitean 2006 gus faraidheanadhair buntainneach a lùghdachadh 40% do luchd-còmhnaidh sna h-Eileanan Siar,Arcaibh, Sealtainn, Ìle agus Diùra, Gallaibh agus Ceann an Iar-thuath Chataibh.

SEIRBHEISEAN BUS

Tha seirbheisean bus fhathast nan cnàimh-droma a thaobh seirbheisean poblach annan sgìrean dùthchail. Ged is e breithneachadh coimearsalta le luchd-bhusaichean faleth mar as trice a tha ann an solarachadh sheirbheisean bus, tha dleastanas aigùghdarrasan còmhdhail ionadail comharrachadh far a bheil feum sòisealta air seirbheisbus sònraichte. Bu chòir dhaibh an uairsin subsadaidh a thoirt seachad, maroghnaicheas iad, gus an t-seirbheis fhreagarrach a sholarachadh.

Tha an Riaghaltas a’ toirt seachad maoineachadh cudromach gus seirbheisean busionadail obrachadh fo shubsadaidh tron bheairt Caiteachas le Cobhair Taic-airgid(£27.6m ann an 2006/07); agus tro Thaic-airgid Luchd-Obrachaidh Bhusaichean a thaa’ toirt airgead air ais do luchd-obrachaidh bhusaichean airson 80% den chìs-bhathairpàighte air connadh. Tha Sgeama Taic-airgid Leasachaidh Shlighean Bus (buidseatiomlan £22.5m) a’ solarachadh maoineachadh san ùine-ghoirid gus toiseachtòiseachaidh a thoirt do sheirbheisean bus a tha ann mar-thà agus feadhainn ùra aig abheil comas fàis.

Chaidh am Bus Action Plan42 a chur air bhog san Dùbhlachd 2006 agus tha e a’mìneachadh lèirsinn airson sheirbheisean bus. Is e an lèirsinn againn gum biodh lìonrabus iomlan ann an Alba far a bheilear a’ lìbhrigeadh sheirbheisean bus seasmhach agusàrd-inbhe. Tha Plana-gnìomha nam Busaichean a’ mìneachadh 17 gnìomh a lìbhrigeasatharrachadh susbainteach a thaobh solarachadh sheirbheisean bus agus am bun-structair a bhios busaichean a’ cleachdadh. Thèid an t-atharrachadh a lìbhrigeadh trodhealbhadh còmhdhail èifeachdach, leasachadh gnìomhachas nam busaichean agusriaghladh èifeachdach air gnìomhachas nam busaichean. Am measg nan gnìomhan thaleudachadh na Maoin Còmhdhail Dùthchail agus ath-bhreithneachadh air Caiteachas leCobhair Taic-airgid airson seirbheisean a thaobh a bhuaidh a th’ aige air sgìrean dùthchail.

AISEAGAN

Tha làn dhealas againn a thaobh a bhith a’ cumail suas ceanglaichean aiseig riatanachgu eileanan agus rubhaichean iomallach na h-Alba. Tha taic-airgid do AiseaganChalMac Earranta agus Aiseagan Northlink Earranta nas àirde na bha iad riamh:£34.2m agus £30.1m fa leth airson na bliadhna seo. Tha Aiseagan ChalMac air ancumail a rèir atmhorachd, agus air an cuibhreachadh aig 2.2% bho Ghiblean 2007.Chaidh còrr is £56m a thasgadh ann an soithichean ùra airson cabhlach ChalMac bho2000, le gealladh leantainneach a thaobh a bhith a’ leasachadh a’ chabhlaich snabliadhnaichean ri teachd. Chaidh dà sheirbheis geamhraidh a stèidheachadh ann an2002/03 agus chaidh seirbheis charbadan ùr geamhraidh a thoirt a-steach eadar TobarMhoire agus Cille Chòmhain sa gheamhradh 2003. Thòisich seirbheis aiseig ùr airCaolas Bharraigh as t-samhradh 2003.

Tha tasgadh susbainteach de £8.7m ga chosg air pròiseactan bun-structair aiseig sanÒban le taic-airgid a bharrachd de £7.4m a’ dol gu ruige a bhith a’ leasachadh ceangalaiseig, alt-aiseig agus ruigsinneachd luchd-siubhail aig Cidhe Bhaile Bhòid. An-uiridhchaidh cala ùr agus bun-structair cidhe a chrìochnachadh aig gach aon de na h-Eileanan Beaga agus aig Inbhir Aoidh, aig cosgais pròiseict iomlan de mu £30m. Sna h-Eileanan a Tuath chaidh obraichean cidhe agus bun-structair aig Haston agus Lèiruig achrìochnachadh sna bliadhnaichean mu dheireadh aig cosgais iomlan £29.9m. Chosgobraichean cidhe a chaidh a dhèanamh bho chionn ghoirid aig Scrabstar mu £21.1muile gu lèir.

42 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/12/01141850/0

5.25

5.26

5.27

5.28

5.29

5.30

Page 58: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

42

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Chaidh crò sprèidh ùr àrd-inbhe a chosg £340,000 a thogail agus a thoirt a-steach guseirbheis ann an Holmsgarth ann an Lèiruig sa Lùnastal 2006. Chaidh am pròiseact acho-mhaoineachadh tro chuideachadh taic-airgid bhon Riaghaltas (£161,000) agusComhairle Shealtainn. Tha an Riaghaltas a’ moladh gun tèid £2.5m a chosg air cròsprèidh ann an Obar Dheathain agus tha e cuideachd a’ beachdachadh air tabhartas de£580 mìle a chur ri cosgais iomlan (£840 mìle) crò sprèidh ùr aig Hatston, Arcaibh.

LÌONRADH NÀISEANTA BHAIDHSAGALAN AGUS SLIGHEAN NASSÀBHAILTE DO SGOILTEAN

Bho 2003, chaidh £17.5m a thasgadh ann a bhith a’ cumail suas agus a’ leudachadhLìonra Nàiseanta nam Baidhsagalan ann an Alba. Am-bliadhna, 2007, bidh toiseach nah-earrainn bhon Òban don Ghearastan den LNB a’ solarachadh cheanglaichean bun-structair air a bheil feum mòr do choimhearsnachdan dùthchail. Bidh ÙghdarrasanIonadail, Com-pàirteachasan Còmhdhail Roinneil, Còmhdhail Alba agus Sustrans agobair ann an com-pàirteachas gus am pròiseact seo a lìbhrigeadh. A bharrachd, chaidhcòrr is £55m a riarachadh do dh’ùghdarrasan ionadail bho 2000 airson rothaireachd,coiseachd agus pròiseactan airson sràidean nas sàbhailte.

Le amas am-bliadhna air a bhith a’ leasachadh cheanglaichean do sgoiltean, chaidhiarraidh air gach ùghdarras ionadail agus gach Co-òrdanaiche Còmhdhail Sgoiletagraidhean a chur a-steach gus maoineachadh a chur ri pròiseactan a leigeadhleothasan a bha ag iarraidh a dhol don sgoil air baidhsagal no air chois sin adhèanamh. Chaidh iomlan de £3.8m a thoirt seachad mar-thà ann an 2006/07. Ann anEarra-Ghaidheal agus Bhòid, chaidh còrr is £385 mìle a chosg air ionadan-stòraidhtèarainte airson bhaidhsagalan agus ionadan-fasgaidh aig bun-sgoiltean. Fhuaircoimhearsnachdan dùthchail eile buannachd bhon tasgadh seo ann an dòigheancoltach ris a seo.

RATHAIDEAN

Fhad’s a tha cothromachadh cosg ga ghluasad gu ruige còmhdhail phoblach (an-dràstatha seo a’ cunntadh airson mu 70% de thasgadh), tha an tuaiream a thathar a’ cosg airrathaidean ag àrdachadh a dh’aindeoin sin. Tha leasachaidhean mòra ro-innleachdachair rathaidean, a’ gabhail a-steach crìochnachadh an M74, thar-rathad Chinn Chàrdainnagus ùrachadh phàirtean den A9 agus den A90 a’ toirt bhuannachdan an dà chuid dodh’Alba dhùthchail agus do dh’Alba bhailteil; agus a’ cuideachadh gus ceanglaicheanbailteil-dùthchail a leasachadh. Chaidh obair a dhèanamh gus aghaidh a chur ris anobair càraidh a tha fhathast ri dhèanamh air rathaidean ionadail le àrdachadh 60% annam maoineachadh rathaid nan ùghdarrasan ionadail.

Thathar cuideachd ag aithneachadh nach eil còmhdhail phoblach an-còmhnaidh naroghainn ann an sgìrean iomallach de dh’Alba agus faodaidh càr, agus connadh càir rifhaotainn gu h-ionadail, a bhith riatanach. Tha an Sgeama Taic-airgid nan StèiseanPeatroil Dùthchail, pàirt de Mhaoin Còmhdhail Dùthchail an Riaghaltais a chaidh astèidheachadh ann an 1998, a’ toirt cuideachadh gus stèiseanan peatroil dùthchailùrachadh agus airson cuideachadh gus lìonra de sholarachadh connaidh a chumailsuas air feadh Alba dhùthchail. Chun a seo, tha e air cuideachadh a thoirt do 133stèisean air feadh na h-Alba, aig cosgais còrr is £2m.

5.31

5.32

5.33

5.34

5.35

Page 59: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

43

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 5: A’ LÌBHRIGEADH SHEIRBHEISEAN NAS FHEÀRR

FIGEAR 8CAITEACHAS IOMLAN AIR CONNADH AIRSON CÀRAICHEAN GACH MÌOS A RÈIR

SGÌRE CRUINN-EÒLASACH, 2005

Tobar: Suirbhidh Taigheadais na h-Alba, 2005Stèidhichte air Seòrsachadh Bailteil-Dùthchail Riaghaltas na h-Alba, 2005-2006

Cuideachd, bho 1998, thug an Riaghaltas, fon Iomairt Còmhdhail CoimhearsnachdDùthchail, £17.5m do 167 iomairt còmhdhail coimhearsnachd leithid busaichean beagacoimhearsnachd, dial-a-bus, bus-tagsi, sgeamaichean càir saor-thoileach agus co-òrdanaichean còmhdhail. Tha na ceumannan còmhdhail coimhearsnachd seo gu h-àraidcuideachail ann an sgìrean nas iomallaiche de dh’Alba gun seirbheisean bus clàraichte,no le seirbheisean bus cuingealaichte.

Tha a’ Mhaoin Còmhdhail Fiodha Ro-innleachdach luach £13m, a tha air a stiùireadh leCoimisean Coilltearachd na h-Alba ag amas air fiodh a ghluasad gu seasmhach ann ansgìrean dùthchail na h-Alba airson buannachd choimhearsnachdan ionadail agus anàrainneachd. Am measg mholaidhean a chaidh a mhaoineachadh chun a seo tha slighegiùlain fiodha ùr gus Dùn Omhain a sheachnadh agus seach-rathad a bheir 8,000 turaslàraidh fiodha gach bliadhna air falbh bho mheadhan An Tairbeairt, Earra-Ghaidheal.

A bharrachd air sin, tha an t-seirbheis Timberlink a tha a’ gluasad fiodh air luingean bhochoilltean ann an Earra-Ghaidheal gu ionadan-giollachd fiodha ann an Siorrachd Àir, a’toirt air falbh mu mhillean mìle-siubhail làraidh gach bliadhna bho rathaidean na h-Alba, gu h-àraid rathaidean beaga dùthchail ann an Earra-Ghaidheal agus timcheallLoch Laomainn. Bidh cùmhnant na seirbheis suidhichte gu Màrt 2008 co-dhiù.

Dùthchail Iomallach

Dùthchail Ruigsinneach

Còrr de dh’Alba

0% 10% 20% 30% 40% 50% 60% 70% 80% 90% 100%

10% 26% 15% 21% 28%

8% 23% 12% 23% 34%

12% 32% 14% 21% 21%

£0-£25 £25-£50 £50-£75 £75-£100 £100+

5.36

5.37

5.38

Page 60: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

44

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

RATHAIDEAN-IARAINN

Is iad na slighean rèile dùthchail, an loidhne Taobh Siar na Gaidhealtachd don Òban, anGearastan agus Malaig, na slighean tuath air Inbhir Nis gu Inbhir Ùige, Thurso agusCaol Loch Aillse agus an t-slighe deas air Àir gu an t-Sròn Reamhar tro Inbhir Gharbhainagus deas air Cille Mhearnaig gu Dùn Phris agus Carlisle.

Chan eil trèanaichean air na slighean seo tric, agus sa bhitheantas tha tursan slaodachan coimeas ri tursan ann an càr. Is e in-ghabhaltas sòisealta agus fàs eaconamach trothurasachd na prìomh rudan a tha a’ stiùireadh leasachadh. As aonais leasachadh, chabhi luchd-ceannach ùr air an tarraing agus fuirichidh cosgaisean aig ìre àrd.

Chaidh Scotland’s Railways43 a chur air bhog san Dùbhlachd 2006 mar phàirt den Ro-innleachd Còmhdhail Nàiseanta agus tha e a’ mìneachadh na lèirsinn airson rèile annan Alba thairis air an ath 20 bliadhna agus nas fhaide. Tha e a’ mìneachadh nangnìomhan a tha gu bhith air an dèanamh gus aghaidh a chur ri ceistean a tha a’ toirtbuaidh air slighean rèile dùthchail:

GEÀRR-ÙINE

❙ seirbheisean a dhèanamh nas tarraingiche dhaibhsan a tha a’ siubhal don obairagus do luchd-turais le bhith a’ leasachadh comhfhurtachd neach-siubhail agusgoireasan air trèanaichean clas 158 a thathar a’ cleachdadh ann an sgìre Inbhir Nis;

❙ seirbheisean trèana ath-sgrùdadh mar thoradh air pàtrain siubhail agusmargaidhean caochlaideach, a’ gabhail a-steach leasachaidhean turasachd;

❙ leasachaidhean air trèanaichean clas 156 do luchd-siubhail a’ cleachdadhseirbheisean Ghlaschu agus don Iar-dheas agus do thaobh Siar na Gaidhealtachd;

43 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/12/04104648/0

5.39

5.40

5.41

Page 61: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

45

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 5: A’ LÌBHRIGEADH SHEIRBHEISEAN NAS FHEÀRR

MEADHAN-ÙINE

❙ comharran-stiùiridh ùrachadh, le siostaman comharran-stiùiridh dùthchailèifeachdach a rèir cosgais;

❙ brath a ghabhail air co-fhreagarrachd le ùrachadh slighe rèile Ghlaschu don Iar-dheas agus gus leasachadh a thoirt air ùineachan turais air seirbheisean luchd-siubhail gu Carlisle;

FAD-ÙINE

❙ leantainn air adhart a’ leasachadh ùineachan turais rèile far an tig cothroman ambàrr (mar eisimpleir, aig amannan ùrachadh so-mhaoin).

SEIRBHEISEAN SLÀINTEGed a tha slàinte nas fheàrr gu coitcheann ann an sgìrean dùthchail agus faid-beathanas fhaide, tha eadar-dhealachaidhean ann air feadh Alba dhùthchail, le barrachd fèin-mharbhadh agus mì-chleachdadh deoch-làidir sa Ghaidhealtachd is sna h-Eileanan. Thasluagh a tha a’ sìor fhàs aosta agus co-roinn nas àirde gu coitcheann de sheann daoineann an sgìrean dùthchail cuideachd a’ cruthachadh iarrtas nas motha airsonseòrsachan sònraichte de chùram slàinte is sòisealta.

Dh’fhaoidte nach bi modailean seirbheis slàinte a tha èifeachdach ann an sgìreanbailteil freagarrach ann an coimhearsnachdan iomallach agus dùthchail, air sàilleabhastar agus ùine nas fhaide gus siubhal gu cùram slàinte speisealta agus na cosgaiseana rèir gach neach nas àirde airson seirbheisean a sholarachadh do choimhearsnachdansgaoilte agus le beagan sluaigh.

SEIRBHEISEAN SLÀINTE: NA THATHAR A’ DÈANAMH

Tha clàr-gnothaich innleachdach agus brosnachail ann airson leasachaidhean seirbheisslàinte, a’ gabhail a-steach cheumannan sònraichte airson sgìrean dùthchail. SanDàmhair 2005, dh’fhoillsich an Riaghaltas Delivering for Health44, a chlàr prògramgnìomh fad-ùine gus cùram slàinte, le amas air daoine, a lìbhrigeadh air feadh na h-Alba. Chomharraich seo àireamh de chaochladh shruthan obrach a bha a dhìth guscothromachadh a’ chùraim a ghluasad air falbh bho chuideam traidiseanta air a bhith a’leigheas thinneasan ann an ospadalan èiginn gu ruige amas air a bhith a’ brosnachadhslàinte agus mathas anns an fharsaingeachd, le barrachd taic airson fèin-chùram agusseirbheisean air an lìbhrigeadh sa choimhearsnachd ionadail. Tha an ro-innleachd seoa’ sealltainn nan cuideaman caochlaideach a tha air seirbheisean slàinte, le sluaghaosta agus meudachadh san àireamh de dhaoine a tha a’ fulang buaidh trioblaideanslàinte san fhad-ùine: agus dh’fhaoidte gum bi buannachd ann gu h-àraid dochoimhearsnachdan dùthchail far a bheil astar agus ùine siubhail gu ospadalan mòranas fhaide.

SEIRBHEISEAN SLÀINTE ANN AN COIMHEARSNACHDAN DÙTHCHAIL

Tha obair ga dhèanamh a-nise gus raon de sheirbheisean sàbhailte agus seasmhach aleasachadh agus a bhuileachadh do sgìrean dùthchail. Tha dleastanas aig buidheannde eòlaichean gus frèam-obrach airson cùram slàinte dùthchail a leasachadh agus abhuileachadh, a mheudaicheas àite sheirbheisean cùram slàinte ionadail, dotaireanteaghlaich, luchd-chungaidhean agus sgiobannan slàinte coimhearsnachd, fhad’s a thasinn a’ strì gus seirbheisean a lìbhrigeadh cho ionadail ’s a ghabhas dèanamh.

Is urrainn do choimhearsnachdan dùthchail buannachd mhòr fhaighinn bho obair CiadLuchd-freagairt Coimhearsnachd, saor-thoilich ionadail a tha air an trèanadh gusleigheas a shàbhaileas beatha a sholarachadh sna ciad mhionaidean, mus ruig carbad-eiridinn, do dhaoine a tha fìor thinn no air an droch leòn. Tha iad gu h-àraidèifeachdach ann a bhith a’ freagairt ri greimeannan-cridhe, tachdadh agus leòn a tha aircion-mothachaidh adhbhrachadh.

44 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/11/02102635/26356

5.42

5.43

5.44

5.45

5.46

Page 62: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

46

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Tha an Riaghaltas cuideachd ag obair gus aghaidh a chur ri ceistean mu luchd-obrachann an sgìrean dùthchail. Chaidh prògram Oilthigh Fhosgailte ceithir bliadhna a dhealbhadhairson bhanaltraman, gu sònraichte dhaibhsan ann an sgìrean dùthchail, agus tha e a’leigeil le oileanaich fuireach ann an cosnadh agus taobh a-staigh na coimhearsnachddhùthchail aca fhad’s a tha am prògram a’ ruith. Cuideachd, chaidh taic a bharrachd athoirt do bhanaltraman a tha dìreach air na teisteanasan aca fhaotainn, gus cosnadhfhaighinn gu dìreach ann an suidheachaidhean prìomh chùraim. Tha pàigheadh “FàilteÒir” de £5000 ri fhaotainn do gach Dotair Teaghlaich a tha a’ gabhail dreuchd ann anionad a tha iomallach agus dùthchail, a bharrachd air na brosnachaidhean togail a thaair an gabhail a-steach sa Chùmhnant Sheirbheisean Meidigeach Coitcheann ùr. Chaidh“Fàilte Òir” cuideachd a thoirt a-steach gus fiaclairean a bhrosnachadh gus fuireachann an Alba agus, ann am plana-gnìomha airson seirbheisean fhiaclairean ùrachadh,foillsichte ann an 2005, bha dealas air a shealltainn airson a bhith a’ meudachadhsgioba-obrach na fiaclaireachd, gu h-àraid ann am pàirtean dùthchail de dh’Alba.

Tha dealas gu bhith a’ leudachadh dreuchd sgiobannan bun-chùraim fìor chudromachdon mhòr-mhiann againn a thaobh a bhith a’ leasachadh sheirbheisean seasmhach annan sgìrean dùthchail. Mar eisimpleir, thathar a’ brosnachadh Dhotairean Teaghlaich gusdreuchdan speisealta a ghabhail os-làimh, le taic bho phrògraman barrantaichte ann anspeisealtan clionaigeach. Tro dhealbhadh èifeachdach de lìbhrigeadh seirbheis, nì seocinnteach gum bi sàr-lighichean a bhios a’ tadhal a’ cumail an aire air na cùisean asduilghe, fhad’s a bhios iad cuideachd a’ solarachadh taic agus cuideachadh foghlaim dodhotairean ionadail.

Tha sgiobannan prìomh chùraim ionadail cuideachd a’ faighinn brosnachadh agus taicgus obair còmhla ri chèile airson raon sheirbheisean a sholarachadh ann an dòigh a thaag amas air daoine, agus a tha amalaichte. Tha Com-pàirteachasan SlàinteCoimhearsnachd a’ cumail sùil air a seo agus tha iad a’ toirt seirbheisean slàinte cruinncòmhla ri ùghdarrasan ionadail, an roinn shaor-thoileach agus luchd-ùidh eile, agus a’com-pàirteachadh a’ phobaill, euslaintich agus luchd-cùraim ann a bhith a’ dealbhadhcùram-slàinte gus coinneachadh ri feumalachdan ionadail.

OSPADALAN

Tha Lìbhrigeadh airson Slàinte cuideachd a’ toirt taic do dh’ospadalan coimhearsnachd,ma ’s e is gu bheil na seirbheisean aca a’ freagradh feumalachdan sluaghcaochlaideach. Chaidh seo a thoirt air adhart san Dùbhlachd 2006 le foillseachadhDeveloping Community Hospitals: A Strategy for Scotland45, a tha a’ toirt comharra-dhealbhaidh do Bhùird SNS gus seirbheisean a tha ùr-nodha, seasmhach aig ìreionadail agus a’ freagairt air feumalachdan na coimhearsnachd, a lìbhrigeadh. Faodaidhprìomh dhreuchd a bhith aig ospadalan coimhearsnachd ann a bhith a’ leigheaseuslaintich nach urrainn cùram fhaighinn nan dachannan fhèin, ach aig nach eil feumair cùram nas speisealta a gheibhear dh’fhaoidte ann an ionad speisealta fada airfalbh. Am measg nan seirbheisean a bhiodh buailteach a bhith aca bhiodh ro-chlàradhagus deuchainnean cunbhalach, clionaigean euslainteach-tadhail agus speisealta,ionad-dotair latha, feabhasachd agus togail-slàinte agus cùram socrachaidh. Faodaidhiad cuideachd a bhith nam bunait airson cùram a-mach-à-uaireannan, a’ toirtruigsinneachd sa bhad do ghoireasan cùram-slàinte.

Tha obair ga dhèanamh cuideachd gus dreuchd agus obair a mhìneachadh airsonOspadal Coitcheann Dùthchail (OCD) no campus, gus na seirbheisean a dh’fhaodadh abhith ann do dh’euslaintich a shònrachadh. Bidh amas air lìonra de dh’OspadalanCoitcheann Dùthchail a dhèanamh, a’ gabhail a-steach leasachadh cheanglaicheanèifeachdach gu ospadalan teagaisg nas motha, gus grunn sheirbheisean bunaiteach asholarachadh a tha a’ freagradh feumalachdan cùram-slàinte ann an coimhearsnachdaniomallach agus dùthchail. Bidh taic cuideachd air a thoirt do OCD tro bharrachdcleachdaidh de shiostaman slàinte-d agus leasachadh Lìonraidhean ClionaigeachStiùirichte, a tha a’ comasachadh co-roinneadh eòlas clionaigeach thairis air crìochaneagrachaidh Bòrd SNS sònraichte.

45 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/12/18142322/0

5.47

5.48

5.49

5.50

5.51

Page 63: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

47

SLÀINTE-TELE

Chaidh Ionad Slàinte-tele na h-Alba a chur air bhog san Dàmhair 2006 gus taicphragtaigeach a thoirt do Bhùird SNS fhad’s a tha iad a’ toirt comas Slàinte-tele an lùibath-dhealbhadh seirbheisean slàinte. Stèidhichte ann an Obar Dheathain, bidh e namheadhan shàr-eòlais le dleastanas airson a bhith a’ comharrachadh deaghchleachdadh agus ag obair gus teicneolas ùr a chleachdadh ann an dòigh eagarachthairis air AlbaSNS. Fhad’s a tha sinn ag amas air cùram ath-chothromachadh le bhith a’cur bacadh air, is a’ deiseileachadh ro, euslainte, bidh prìomh dhreuchd aig slàinte-teleairson euslaintich a sgrùdadh aig an taigh agus thèid an cuideachadh gus rian achumail air an slàinte fhèin. Mar eisimpleir, dh’fhaodar toraidhean deuchainn ìre-siùcairfala an cur gu stòr-dàta bho fhòn-làimhe, a’ ciallachadh gum faod proifeiseantachslàinte a dhol an sàs nuair a tha feum air a sin.

SEIRBHEISEAN ÈIGINN

Tha sgìrean dùthchail a’ toirt dhùbhlain sònraichte do sheirbheisean èiginn. BidhSeirbheis Charbadan-eiridinn na h-Alba, SNS agus Bùird SNS ag obair còmhla aig ìreroinneil gus dèanamh cinnteach à siostam còmhdhail tapaidh airson cùisean èiginn.Mar phàirt den obair seo, bha Lìbhrigeadh airson Slàinte a’ comharradh dùilshònraichte gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air an t-Seirbheis Togail Healacoptair Èiginna tha ag obair an-dràsta ann an Taobh Siar na h-Alba.

TAIGHEADASTha cothrom air taigheadas freagarrach, aig prìs reusanta, bunaiteach a thaobh a bhitha’ cumail suas agus a’ fàs eaconamaidh dhùthchail na h-Alba agus a thaobh a bhith a’cumail suas structar sòisealta choimhearsnachdan ionadail. Tha taighean aig deaghphrìs agus den t-seòrsa cheart san àite cheart a’ cuideachadh ghnothachasan ionadailgus luchd-obrach a tharraing agus a chumail, a bharrachd air a bhith a’ comasachadhdhaoine òga gus fuireach sna coimhearsnachdan san deach an àrach, seach a bhith a’fàgail gus cothroman nas fheàrr a ghleidheadh (taigheadas nam measg) ann anàiteachan eile.

THA COTHROM AIR TAIGHEADASFREAGARRACH, AIG PRÌSREUSANTA, BUNAITEACH A THAOBH A BHITH A’ CUMAILSUAS AGUS A’ FÀSEACONAMAIDH DHÙTHCHAIL NA H-ALBA.

5.52

5.53

5.54

Page 64: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

48

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Tha feartan iomadach agus sònraichte aig margaidhean taigheadais ann an sgìreandùthchail. Nam measg tha bailtean mòra le iarrtas àrd airson taigheadas aig deaghphrìs agus sgìrean a’ cur eòlas air in-imrich, a’ cur prìsean taighe suas os cionn comaisdhaoine ionadail; agus àiteachan iomallach, cuid de na h-Eileanan san àireamh, a’ callsluagh tro mheasgachadh de dh’adhbharan, dìth roghainnean taigheadais nam measg.

Ann an 2005, bha prìs chuibheasach thaighean a chaidh a reic ann an ùghdarrasanionadail a bha gu ìre mhòr dùthchasach, aig £122,600, beagan nas àirde na ancuibheasachd de £121,200 ann an ùghdarrasan a bha bailteil sa mhòr-chuid. Ach, thaseo a’ falach chaochlaidhean farsaing. Airson comhairlean dùthchail bha a’ phrìschuibheasach eadar £75,400 (ann an Sealtainn) gu £148,000 (ann an Sruighlea); agusairson comhairlean bailteil, bho £92,800 (Dùn Bhreatainn an Iar) gu £174,700 (DùnÈideann)46. Tha rannsachadh leis an Àrd-ollamh Bramley a chaidh fhoillseachadh leisan Riaghaltas san t-Samhain 200647 cuideachd a’ sealltainn chaochlaidhean mòra sanquartile cosgais as ìsle airson dachaigh le 2 sheòmar-cadail. Airson comhairlean ionadailtha seo a’ sgaoileadh bho £48,200 (airson Sealtainn) gu £78,700 (ann an Sruighlea);agus ann an sgìrean bailteil bho £45,500 (Siorrachd Àir an Ear) gu £112,500 (Dùn Èideann).

Tha buaidh air na prìsean cuibheasach as àirde ann an sgìrean dùthchail na h-Alba, ammeasg rudan eile, le cosgaisean a bharrachd a tha an lùib a bhith ann an àiteachandùthchail agus iarrtas nas motha na solarachadh. Cuideachd chan eil e cho furastaprìsean a ruigheachd, le cosgais cuibheasach thaighean ann an sgìrean dùthchail muluach 4.6 uair chosnaidhean cuibheasach, an coimeas ri 3.9 ann an sgìrean bailteil. Is ea’ bhuaidh a tha aig na rudan seo còmhla gu bheil cuid de dhaoine (gu h-àraid daoineòga, a bhuineas don àite) air an dùnadh às a’ mhargaidh. Tha an co-roinn de dhaoine atha a’ ceannach airson a’ chiad uair ann an sgìrean ùghdarrasan ionadail dùthchail, aig24% de luchd-ceannaich uile, nas ìsle na ann an sgìrean bailteil (34%).

Tha na figearan sreath-cinn seo a-rithist a’ falach chaochlaidhean farsaing. Tha rannsachadhBramley cuideachd a’ sealltainn gu bheil an àireamh sa cheud de dhaoine fo aois 35 ab’urrainn dachaigh a cheannach ann an 2005 aig 59% ann an Crìochan na h-Alba, 62%ann an Eileanan Shealtainn, ach dìreach 44% sa Ghaidhealtachd (is e an cuibheasachdAlbannach 47%, 31% ann an Dùn Èideann agus 26% ann an Glaschu). Tha dàta agusanailis iomlan a’ taisbeanadh nach eil pàtran soilleir ann air feadh Alba dhùthchail uileagus gu bheil feum air dòigh-làimhseachaidh sùbailte gus aghaidh a chur air na ceistean.

TAIGHEADAS: NA THATHAR A’ DÈANAMH

Bha an Aithris Phoileasaidh againn, Homes for Scotland’s People48, a’ comharrachadhgu bheil taigheadas aig prìs a ghabhas ruigsinn riatanach gus dèanamh cinnteach àseasmhachd choimhearsnachdan ionadail. Tha e a’ mìneachadh raon farsaing dedh’innealan poileasaidh a chleachdar ann an diofar mheasgachaidhean gussolarachadh thaighean agus ruigsinneachd phrìsean a leasachadh ann an sgìreandùthchail, agus gnìomhan cuimseach gus freagairt a thoirt do nàdar fìor ionadailduilgheadasan taigheadais ann an iomadh sgìre dhùthchail.

Am measg nan gnìomhan seo, agus gnìomhan a bharrachd a chaidh a thoirt a-steachbho 2005, tha:

❙ àrdachadh a’ cho-roinn ionadail den Phrògram Tasgaidh airson Taighean aigPrìsean Ruigsinneach (PTTP) ann an 2007-08 gu cha mhòr £143m – cho àrd ’s a bhae riamh, agus nì seo cinnteach à mu 2,500 dachaigh ùr, leasaichte aig prìseanruigsinneach air feadh Alba dhùthchail;

❙ prògram tasgaidh mòr 8-bliadhna gus cur às do chuingealachaidhean ann am bun-structair uisge agus òtrachais a tha a’ cur bacadh air leasachadh;

❙ sùbailteachd a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail gus teachd-a-steach a bharrachdfhaighinn bho lùghdachadh an uiread a dh’fheumas iad Cìse Comhairle a ghearradh

46 Figearan stèidhichte air fiosrachadh a chaidh a sholarachadh leis an Aonad Fiosrachaidh airson LuachFearainn aig Oilthigh Phàislig, a tha a’ faighinn dàta bho Chlàran na h-Alba. Tha luachan cuibheasachag às-dhùnadh reic le luach nas lugha na £20,000 agus nas àirde na £1m, airson a bhith ag às-dhùnadh reic nach do rinneadh air a’ mhargaidh agus reic nach eil airson àiteachan-còmhnaidh

47 http://www.communitiesscotland.gov.uk/stellent/groups/public/documents/webpages/pubcs_016552.pdf

48 www.scotland.gov.uk/Publications/2005/03/20793

5.55

5.56

5.57

5.58

5.59

5.60

Page 65: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

49

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 5: A’ LÌBHRIGEADH SHEIRBHEISEAN NAS FHEÀRR

air dàrna dachaighean – teachd-a-steach suas ri £20m gach bliadhna gu nàiseanta,a dh’fhaodas a bhith air a thasgadh ann an taigheadas aig prìs ruigsinneach no anna bhith a’ toirt air falbh bacadh air togail thaighean;

❙ tasgadh a bharrachd ann an Taicean-airgid Seilbh Dhachannan Dùthchail (TSDD)ann an 2007-08 de £2m, gus daoine ionadail a tha air teachd-a-steach ìseal nomeadhanach ìseal a chuideachadh gus dachaigh a cheannach agus gus coinneachadhris na feumalachdan taigheadais taobh a-staigh nan coimhearsnachd aca;

❙ co-chomhairleachadh air molaidhean airson Frèam-obrach Tasgadh Taigheadais Ro-innleachdail (FTTR) gus fios a chur ri riarachadh maoineachaidh fon PhrògramTasgaidh airson Taigheadas aig Prìs Ruigsinneach. Bheir am frèam ùr, a leanas airadhart a’ chomharradh cùisean dùthchail ann an tasgadh taigheadais aig prìsruigsinneach, taic do ro-innleachd ùghdarrasan ionadail ann an dealbhadh agus co-dhùnaidhean tasgadh taigheadais ionadail;

❙ an Achd Dealbhaidh msaa (Alba) 2006 ùr, a bhios buannachdail do leasachadhdùthchail san fharsaingeachd, a’ gabhail a-steach solarachadh taigheadais, trobhith ag ùrachadh an t-siostam dealbhaidh, ga dhèanamh nas dèanadaiche aircùisean talmhainn agus nas mothachail a thaobh tagraidhean leasachaidh;

❙ siostam cuota gus am bi 25% de thaighean prìobhaideach a thèid a thogail gan reicaig prìs ruigsinneach air feadh na h-Alba, a’ gabhail a-steach sgìrean dùthchail;

❙ buileachadh na h-iomairt The Rural Partnership for Change49 a chaidh astèidheachadh ann an 2001 gus sgrùdadh a dhèanamh air dòighean guslìbhrigeadh nas fheàrr a dhèanamh a thaobh àiteachan-fuirich sòisealta air mhàlann an Alba dhùthchail. Am measg dhòighean-làimhseachaidh ùr tha stiùireadh aira bhith ag aithneachadh agus a’ tomhas cuideam air taigheadas agusstèidheachadh fhòraman leasachaidh ionadail gus bacaidhean mu choinneamhsolarachadh taigheadais a chomharrachadh agus fuasglaidhean a thoirt air adhart;

❙ tasgadh ann am maoin bancadh-talmhainn innleachdach £10m gus aghaidh a churri solarachadh talmhainn airson taigheadas aig prìs ruigsinneach sa Ghaidhealtachd.Is e com-pàirteachas a th’ ann a tha a’ gabhail a-steach Comhairle na Gaidhealtachdagus Coimhearsnachdan Alba, agus tha a’ mhaoin ag obair ann an dòigh a leigeasle talamh a bhith air a cheannach airson taigheadas aig prìs ruigsinneach agusairgead bho ath-reic ri bhith air ath-thasgadh ann an solarachadh tuilleadhtaigheadais aig prìs ruigsinneach;

❙ poileasaidh Coimisean Coilltearachd na h-Alba airson fearann-coille air nach eilfeum aca a thoirt seachad do dh’Uachdarain Sòisealta Clàraichte (USC) airsontaigheadas aig prìs ruigsinneach. Chaidh ochd raointean coilltearachd a bha abharrachd a reic aig prìs lùghdaichte sna trì bliadhna mu dheireadh gu buidhneantaigheadais gus taigheadas aig prìs ruigsinneach a lìbhrigeadh. Thathar cuideachda’ barganachadh rèiteachaidhean coltach ris a seo gus feum a dhèanamh dethalamh sa roinn phoblaich a tha a bharrachd, airson taigheadas aig prìsruigsinneach ann an iomadh sgìre dhùthchail eile ann an Alba;

❙ buileachadh Homestake a chuidicheas luchd-ceannaich air teachd-a-steach ìsealagus gun comas air dachaigh a cheannach dhaibh fhèin air sàilleabh prìsean namargaidh ionadail. Tha Homestake a’ lìbhrigeadh seilbh dachaigh aig prìs ìseal airbhunait luach-lom co-roinnte agus tha seo gu h-àraid iomchaidh do sgìrean dùthchail.Tha e a’ tabhann sùbailteachd san ìre seilbh a gheibh luchd-ceannaich agus a’ toirtcomas, ann an sgìrean le duilgheadas solarachaidh, do Uachdarain ShòisealtaChlàraichte, dachaigh a ghleidheadh anns an roinn thaighean aig prìs ruigsinneach;

❙ toirt a-steach Sgeama Taic-airgid Thaighean Croite, a tha a’ toirt taicean-airgid dochroitearan gus taighean ùra a thogail agus gus taighean croite a tha ann mar-thàath-thogail agus a leasachadh. Thòisich an sgeama san Fhaoilleach 2005 airsonsgìrean àraid a rèir cruinn-eòlas agus tha e a’ dol an àite an Sgeama Taicean-airgidagus Iasadan Togail Chroitearan;

❙ aontachadh thagraidhean bho ghrunn ùghdarrasan ionadail, a’ gabhail a-steachùghdarrasan dùthchail, airson a’ Chòir Ceannaich a chur dheth airson luchd-màil ùrairson tràth 5 bliadhna ann an sgìrean far an deach cuideam susbainteach airtaigheadas a thaisbeanadh. Tha seo a’ dèanamh feum den uidheam ‘sgìrean fo

49 www.scotland.gov.uk/library3/housing/nsgfr-00.asp

Page 66: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

50

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

chuideam’, a chaidh a thoirt a-steach ann an Achd Taigheadais (Alba) 2001, agaithneachadh gum faodadh a’ Chòir Ceannaich barrachd dhuilgheadasan adhbharachadha thaobh dìth taigheadais aig prìs ruigsinneach ann an cuid de sgìrean;

❙ sgrùdadh le Comann Aitreabhan agus Ghnothaichean Dùthchail na h-Alba air a’chomas taic a thoirt do leudachadh taigheadais aig prìs ruigsinneach ann ansgìrean dùthchail fo chuideam air fearann oighreachd nach biodh sa bhitheantas rifhaotainn airson taigheadas.

Leanaidh an Riaghaltas a’ toirt brosnachadh agus taic do sholarachadh do, leasachadhann an, agus ruigsinneachd do thaigheadas dùthchail àrd-inbhe. Tha fiosrachadh ga churri leasachadh leantainneach poileasaidh le prògram làidir de rannsachadh agus measadh.Am measg sgrùdaidhean a chaidh a dhèanamh agus a thathar a’ dèanamh, tha:

❙ modaileadh agus measadh riatanasan taigheadais aig prìsean ruigsinneach an dàchuid aig ìrean nàiseanta agus ionadail gus tuilleadh leasachaidh a thoirt air a bhitha’ tuigsinn diofar phàtrain ruigsinneachd prìse agus feumalachd air feadh na h-Alba;

❙ rannsachadh air an talamh a tha air a ghleidheadh airson taigheadas aig prìsruigsinneach tron t-siostam dealbhaidh. Tha seo air soilleireachadh a thoirt air far abheil dòighean-làimhseachaidh a thathar a’ cleachdadh an-dràsta èifeachdach aguscuideachd ceumannan a bharrachd a chomharradh a dh’fhaodadh solarachadhtaigheadais aig prìs ruigsinneach a chuideachadh, a’ gabhail a-steach sgìrean dùthchail;

❙ rannsachadh air seilbh dàrna dachannan agus dachannan saor-làithean, nach dolorg ceangal adhbharach eadar an àireamh de dhàrna dachannan agus ciontaigheadais aig prìs ruigsinneach;

❙ smuaineachadh air ceistean taigheadais do dhaoine nas sine ann an sgìrean dùthchail,stèidhichte sa mhòr-chuid air rannsachadh a tha ann mar-thà, gus fiosrachadh achur ri ath-bhreithneachadh nàiseanta mu thaigheadas dhaoine nas sine.

Bheir an obair seo uile fiosrachadh do phlanaichean san àm ri teachd airsonsolarachadh taigheadais aig prìs ruigsinneach ann an sgìrean dùthchail.

TAIGHEADAS AGUS AN ÀRAINNEACHD

Ged a tha miann ann sluaghan dùthchail a tharraing agus a chumail aguscoimhearsnachdan agus gnothachasan dùthchail a chumail a’ dol, feumaidhleasachadh taigheadais a bhith mothachail mun àrainneachd dhùthchail. ThaDealbhadh Poileasaidh Albannach 15 air Planning for Rural Development50, a chaidhfhoillseachadh sa Ghearran 2005 a’ mìneachadh lèirsinn dealbhaidh soilleir airson Albadhùthchail agus a’ cur cuideam air an fheum airson togail thaighean a tha a’ gabhailaire do shuidheachadh iomchaidh agus a tha air a dheagh dhealbhadh.

Tha Coimisean Coilltearachd na h-Alba cuideachd air brosnachadh a thoirt dothuilleadh cleachdadh fiodha agus bathar fiodha ann an taigheadas aig prìsruigsinneach a’ gabhail a-steach bathar barrantaichte, fiodh ionadail, agus connadhfiodha airson teas. Cho-bharrantaich e aithisg a thaobh dealbhadh taigheadaisdùthchail seasmhach còmhla ri Comann Taigheadais Siorrachd Pheairt. Tha an aithisgseo (le taic bho Cho-chruinneachadh Gnìomhachasan Coille na h-Alba agusCoimhearsnachdan Alba) a’ coimhead air an dealbhadh a tha ann an-dràsta airsontaigheadas seasmhach agus a’ cleachdadh nan leasain a chaidh ionnsachadh gusdreach-dealbhaidh taighe a mholadh, a’ cleachdadh nas urrainnear de fhiodhAlbannach agus lùths ìseal ann an solarachadh thaighean dùthchail aig prìs ruigsinneach.

Tha Coimhearsnachdan na h-Alba air co-chomhairle a chur air bhog a thaobh amPoileasaidh Leasachaidh Sheasmhaich aca a tha a’ beachdachadh air raon fìorfharsaing de ghnìomhan a tha ag amas air dèanamh cinnteach gu bheil na gnìomhantaigheadais agus ath-ùrachaidh aige a’ leasachadh seasmhachd choimhearsnachdanagus àrainneachdan.

50 www.scotland.gov.uk/consultations/planning/prd-00.asp

5.61

5.62

5.63

5.64

5.65

Page 67: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

THA FOGHLAM (AIG GACH ÌRE) AGUSIONNSACHADH FAD-BHEATHA RIATANACHAIRSON SOIRBHEAS CHOIMHEARSNACHDANAGUS DHAOINE DÙTHCHAIL.

51

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 5: A’ LÌBHRIGEADH SHEIRBHEISEAN NAS FHEÀRR

FOGHLAM AGUS SEIRBHEISEAN CHLOINNETha foghlam (aig gach ìre) agus ionnsachadh fad-bheatha riatanach a thaobh soirbheachadhchoimhearsnachdan dùthchail agus daoine dùthchail, a’ toirt chothroman do chloinngus ionnsachadh agus com-pàirt a ghabhail gu sòisealta. Tha ìrean coileanaidh ammeasg sgoilearan dùthchail àrd san fharsaingeachd agus tha co-roinn nas motha dedhaoine òga a’ leantainn air adhart ann am foghlam. Faodaidh ionnsachadh math annan suidheachadh dùthchail buaidh a thoirt air na co-dhùnaidhean a tha daoine fa letha’ dèanamh nas fhaide air adhart nam beatha gus tilleadh gu beatha dhùthchail.

Tha sgoiltean-àraich, cròileagain agus solaraichean eile de chùram-cloinne, sgoilteanagus goireasan eile cuideachd a’ cur ris a’ choimhearsnachd as fharsainge ann an dòighmhath, a’ toirt buaidh air roghainnean suidheachaidh do theaghlaichean agus marmheadhanan airson gnìomhan cur-seachad agus ionnsachaidh. Ann an iomadh sgìredhùthchail, tha cròileagain na roinne saor-thoilich a tha air an ruith le comataidhean fostiùir phàrantan, bunaiteach a thaobh a bhith a’ solarachadh sheirbheisean agus thaiad cuideachd a’ tabhann chothroman cosnaidh agus cothrom do phàrantan gus com-pàirt a ghabhail ann am beatha na coimhearsnachd aca tro obair shaor-thoileach.

FOGHLAM AGUS SEIRBHEISEAN CLOINNE: NA THATHAR A’ DÈANAMH

Mar aithne do na cosgaisean àrda a dh’fhaodadh a bhith an lùib solarachadh foghlaimro-sgoile ann an sgìrean dùthchail, tha an Riaghaltas a’ solarachadh ghoireasan abharrachd do dh’ùghdarrasan ionadail airson an adhbhair sin. Tha sinn cuideachd a’maoineachadh Clann ann an Alba gus am prògram A’ Fàs Suas ann an Alba Dhùthchail aghabhail os-làimh, a tha a’ beachdachadh air ceistean a’ buntainn ri foghlam aguscùram dhaoine òga ann an sgìrean dùthchail, tro phrògram de rannsachadh, co-labhairtean agus seamainearan.

Ann an 2004, mhìnich an Riaghaltas am prògram ùrachaidh as farsainge a thaobhfoghlam a rinneadh airson ginealach ann an Ambitious, Excellent Schools51. Tha amasair sàr-mhathas air feadh a’ chlàir, ann an sgoiltean dùthchail cho math ri sgoiltean eile.Mhìnich aithisg adhartais stèidhichte air a’ chiad 15 mìos den phrògram, foillsichte saGhearran 2006, an dà chuid an iomadh coileanaidh chun a seo agus an obair a thathara’ dèanamh fhathast, a tha buannachdail do dhaoine òga agus sgoiltean ann anàiteachan dùthchail cho math ri sgìrean eile de dh’Alba.

Tha an Riaghaltas a’ toirt taic do 32 ùghdarras foghlaim na h-Alba a tha an urra ri bhitha’ solarachadh foghlam sgoile air feadh na dùthcha. Tha an taic sin a’ sealltainn, agusmothachail a thaobh, feumalachdan sònraichte sgoiltean agus sgoilearan ann ansgìrean dùthchail.

BUN-STRUCTAIR

Tha buannachd gun teagamh ann do sgìrean agus sgoiltean dùthchail – mar eisimpleirbhon phrògram Sgoiltean Mòr-mhiannach, agus bho na stòrasan fìor mheudaichteairson tasgadh ann an togalaichean sgoile, a tha air togalaichean ùra bun-sgoile agus51 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2004/11/20176/45852

5.66

5.67

5.68

5.69

5.70

5.71

Page 68: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

52

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

àrd-sgoile dùthchail a thogail agus ath-leasachadh a dhèanamh air togalaichean a thaann mar-thà.

Tha an Riaghaltas cuideachd a’ tasgadh gu susbainteach ann a bhith a’ solarachadhchothroman TCF a bhios gu h-àraid feumail do sgoiltean dùthchail. Nì dà phròiseactfeum den eadar-lìon gus teagasg, ionnsachadh agus comas stiùiridh sgoilteandùthchail a leudachadh. Tha an Riaghaltas air £90m a chur mu choinneamh a’phròiseict Pathfinder, a’ solarachadh cheanglaichean bann-leathainn do sgoiltean uileair feadh na Gaidhealtachd is nan Eilean agus ceann a deas na h-Alba. A’ tòiseachadhleis an t-seisean 2007/08, bidh Glow, air an robh Lìonra Dhidsiteach Sgoiltean na h-Alba roimhe, a’ solarachadh lìon-a-staigh nàiseanta sgoiltean; a’ lìbhrigeadh raon desheirbheisean cunbhalach air-loidhne do gach sgoil ann an Alba agus a’ toirt taic docho-obrachadh agus conaltradh eadar sgoiltean, tidsearan agus luchd-ionnsachaidh gebrith càite bheil iad suidhichte.

Tha aig ùghdarrasan foghlaim uile ri breithneachadh a dhèanamh air a’ phàtransolarachadh sgoile as fheàrr a choinnicheas pàtran caochlaideach an iarrtais san sgìreaca. Tha ìsleachadh àireamhan-sgoilearan a’ ciallachadh gu bheil sgoiltean air tighinncòmhla no air dùnadh ann an cuid de choimhearsnachdan. Tha an Riaghaltas air adhèanamh soilleir gu bheil e an dùil gun dèanar a’ cho-chomhairleachaidh as làine airna roghainnean, mus tèid co-dhùnadh a dhèanamh. Bha stiùireadh a chuir anRiaghaltas gu Ùghdarrasan san t-Sultain 2004 a’ cur cuideam air an fheum a bhith a’stiùireadh atharrachadh ann an solarachadh sgoile dùthchail ann an dòigh a cho-fhreagras air poileasaidhean eile air leasachadh dùthchail agus a bhith a’ cumail suasèifeachdas choimhearsnachdan dùthchail.

TIDSEARAN

Tha lìbhrigeadh èifeachdach foghlaim an crochadh gu mòr air an luchd-obrach ann ansgoiltean. Nuair a chaidh sgeama inntrigidh nan tidsearan a thoirt a-steach ann an2002, bha ùghdarrasan dùthchail ann an duilgheadas seach gun robh riarachadhthidsearan probhaidh stèidhichte san fharsaingeachd air roghainnean nan oileanachfhèin a thaobh far an robh iad airson a bhith ag obair. Mar sin, thug an Riaghaltas a-steach an sgeama cur roghainn an dàrna taobh ann an 2004, sa bheil tidsearanprobhaidh a’ faighinn £6,000 a bharrachd de phàigheadh sa bhliadhna probhaidh acama tha iad deònach an roghainn aca a chur an dàrna taobh agus a dhol a dh’àite sambith an Alba. Tha seo a’ comasachadh àireamh nas motha de thidsearan probhaidh abhith air an riarachadh gu ruige ùghdarrasan ionadail airson dreuchdan bàna a lìonadha bhiodh air am fàgail falamh mura biodh seo.

FOGHLAM ADHARTACH AGUS ÀRD-ÌRE

Is e pàirt riatanach de bhith dèanamh cinnteach nach fheum daoine òga ann an sgìreandùthchail fàgail gus faighinn air adhart, a bhith a’ leudachadh cothrom air foghlamadhartach agus àrd-ìre. Bho chionn ghoirid cho-dhùin Comhairle Maoineachaidh na h-Alba (CMA) àrdachadh a thoirt air an taic a tha ri fhaotainn do cholaistean air eileananmar fhreagairt air na cosgaisean ruith àrd agus cho cudromach ’s a tha iad don sgìreionadail. Tha CMA cuideachd a’ dèanamh tasgadh cudromach a thaobh a bhith ag ath-shuidheachadh Colaiste Dhùn Phris agus Ghall-Ghaidhealaibh gu Crichton agus gusgoireasan co-roinnte a leasachadh aig a’ Champus a tha cudromach do Dhùn Phris agusIar-dheas na h-Alba, le oilthighean agus colaistean a’ cruthachadh chothroman nasfheàrr do dh’oileanaich; agus sna Crìochan far a bheil Colaiste nan Crìochan agusOilthigh Heriot Watt a’ co-obrachadh air iomairt ùr-nodha gus campus co-mheasgaichtede dh’fhoghlam adhartach agus àrd-ìre a chruthachadh ann an Galashiels. Tha sinncuideachd air taic a chur ri stèidheachadh agus leasachadh Institiùd Mìle Bliadhna OGE(IMBOGE), a tha mar-thà a’ solarachadh chothroman ùra agus diofraichte airsonsgrùdadh feadh na roinne as iomallaiche den RA.

IONNSACHADH MACH-À-SGOIL

Tha Alba Eachdraidheil air prògram a leasachadh de thadhalan foghlaim an-asgaidh guaitreabhan fo chùram agus tha dealas aca a thaobh a bhith a’ meudachadh tuigse agusruigsinneachd air eachdraidh na h-Alba agus an àrainneachd eachdraidheil tro aitreabhanionadail. Tha seo air fàs bho 58,328 tadhal ann an 2001/2 gu 70,068 ann an 2005/06.

5.72

5.73

5.74

5.75

5.76

Page 69: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

53

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 5: A’ LÌBHRIGEADH SHEIRBHEISEAN NAS FHEÀRR

Tha coilltean cuideachd nan goireas curraicealam beairteach airson raon ionnsachaidh.Is e prìomhachas aig Ro-innleachd Coilltearachd na h-Alba a bhith a’ brosnachadh roinnan fhoghlaim gu bhith a’ dèanamh barrachd feum de choilltean airson ionnsachadh a-muigh (tha 90% de sgoiltean uile taobh a-staigh 1 chilemeatair de choille). Thathar a’toirt seo air adhart ann an aon dòigh tro Sgoil Coille a’ tha a’ ciallachadh gum bisgoilearan a’ tadhal gu tric air an aon choille thairis air ùine-fhada, a’ leigeil leothamisneachd agus fèin-mheas a leasachadh tro ionnsachadh eòlasach.

SEIRBHEISEAN CLOINNETha an Riaghaltas dìorrasach gum bu chòir do gach leanabh ann an Alba a bhith air adhìon bho dhì-cùraim agus mì-ghnàthachadh agus gum bu chòir gach cothrom a bhithaca gus an comas agus na mòr-mhiannan aca a thoirt gu buil. Tha clann agus daoineòga ann an sgìrean dùthchail a’ faighinn buannachd à poileasaidhean nàiseanta agusionadail gus amalachadh agus inbhe sheirbheisean a leasachadh. Tha ùghdarrasanionadail agus na com-pàirtichean aca mar-thà air planaichean seirbheis cloinneamalaichte a dhèanamh agus tha iad ag obair gu ruige buileachadh Frèam-obrachLeasachadh Càileachd airson Seirbheisean Cloinne. Tha sinn cuideachd a’ cur angnìomh sgrùdaidhean ioma-bhuidhneach de sheirbheisean dìon cloinne a thèid aleudachadh gu seirbheisean cloinne uile bho 2008.

Tha am prògram Getting it Right for Every Child 52 a’ togail air an dòigh-làimhseachaidhseo, a tha a’ cur na cloinne aig teis-meadhan chùisean, gus dèanamh cinnteach gubheil plana-gnìomha amalaichte air a leasachadh gus builean a thoirt air adhartdhaibh, ma tha feum aca air. Bu chòir don a seo a bhith a’ cur aghaidh ris gachfeumalachd chloinne, a’ gabhail a-steach feumalachd sam bith a tha a’ tighinn am bàrrair sàilleabh an suidheachaidh, co dhiù is ann ann an àite dùthchail no bailteil.

CEARTASTha daoine a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan dùthchail, cho math ricoimhearsnachdan bailteil ag iarraidh gun tig lùghdachadh air eucoir, gun tèideucoirich a pheanasachadh agus gun gabh daoine fa leth dleastanas airson nangnìomhan aca fhèin. Tha feum aca cuideachd air ruigsinneachd do sheirbheiseanlaghail. Tha solaraichean taobh a-staigh roinn a’ cheartais ag amas air ancothromachadh ceart a choileanadh eadar a bhith a’ coinneachadh ri feumalachdanàireamhan beaga de luchd-cleachdaidh ann an suidheachaidhean sgapte agusiarrtasan àireamhan nas motha ann an coimhearsnachdan nas motha. Far a bheil eiomchaidh, cleachdaidh solaraichean buannachdan teicneolas ùr, mar eisimpleir, ann abhith a’ cleachdadh cheanglaichean TBh gus leigeil le cloinn agus fianaisean so-leòntea bhith a’ toirt seachad fianais gun siubhal gu cùirt.

CÙISEAN AGUS DÙBHLAINGed is e gnothach do na solaraichean seirbheis fhèin a tha ann am prìomhachasadhagus lìbhrigeadh sheirbheisean, seach gnothach an Riaghaltais, tha sinn agaithneachadh draghan mu inbhe agus ruigsinneachd sheirbheisean ann an sgìreandùthchail agus a’ buaidh a dh’fhaodadh a thighinn air mathas nan coimhearsnachdandùthchail againn air sgàth duilgheadasan den leithid. Leanaidh sinn oirnn a’ toirtbrosnachadh agus taic do sholarachadh agus leasachadh sheirbheisean dùthchail àrd-inbhe: agus dòighean-làimhseachaidh innleachdach agus co-obrachail a thaobhlìbhrigeadh seirbheis (leithid nan seirbheisean poileis ionadail/iomairt oifis-puist achaidh fheuchainn ann am Fiobha).

52 http://www.scotland.gov.uk/Topics/People/Young-People/childrensservices

5.77

5.78

5.79

5.80

5.81

Page 70: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

54

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Chaidh poileasaidh agus gnìomhan de raon farsaing a leasachadh, agus thathar a’dèanamh tuilleadh leasachaidh orra fhathast. Ach, a-rithist, tha sinn ag aithneachadhgu bheil prìomh chùisean agus dùbhlain ann fhathast, nam measg:

❙ leantainn air adhart a’ leasachadh rèiteachaidhean lìbhrigidh – a’ gabhail a-steach abhith a’ togail air dòigh-làimhseachaidh a’ Chom-pàirteachais DealbhadhCoimhearsnachd a thaobh prìomhachasadh agus co-òrdanachadh ionadail. Ammeasg dhùbhlain tha, mar eisimpleir, a bhith a’ briseadh sìos bhacaidheaninstitiùdach agus a’ cur aghaidh ri duilgheadasan a tha diofar crìochan rianachd agadhbhrachadh;

❙ leasachadh agus faighinn buannachd à clàr-ghnothaich nan seirbheisean co-roinntethairis air an roinn phoblaich – a tha a’ ciallachadh ann an gnìomh, chan e a-mhàinseirbheisean taic co-roinnte, ach lìbhrigeadh seirbheis amalaichte a tha a’ gabhailbrath air feumalachdan agus cothroman ionadail;

❙ a thaobh còmhdhail, coileanadh nan amasan ro-innleachdail againn airsonùineachan turais agus ceangalan a leasachadh; lùghdachadh sgaoilidheantruailleadh; agus leasachadh inbhe, ruigsinneachd agus ruigsinneachd-prìsecòmhdhail poblaich;

❙ buileachadh modail ùr agus seasmhach airson ospadal coitcheann dùthchail, le taicbho cheanglaichean còmhdhail èifeachdach;

❙ dèanamh cinnteach à solarachadh taigheadais àrd-inbhe gu leòr aig prìsruigsinneach ann an sgìrean dùthchail, mar eileamaid bhunaiteach den bhun-structair shòisealta agus eaconamach aca;

❙ foghlam iomlan, ùr-nodha a sholarachadh do dhaoine òga uile ann an Alba, le co-dhùnaidhean mu sheasmhachd sgoiltean dùthchail agus an dòigh sa bheil foghlamair a sholarachadh air an gabhail ann an co-theacsa farsaing solarachadh seirbheisdo choimhearsnachdan dùthchail agus le làn eòlas air beachdan nacoimhearsnachd ionadail.

5.82

Page 71: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

55

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 5: A’ LÌBHRIGEADH SHEIRBHEISEAN NAS FHEÀRR

GNÌOMHAN DEALBHAICHTENì sinn na nithean a leanas:

❙ leantainn air adhart a’ dèanamh cinnteach à deagh ruigsinneachd do sheirbheiseanàrd-inbhe, seasmhach air feadh na h-Alba – a’ gabhail a-steach tro chlàr-ghnothaichnan seirbheisean co-roinnte;

❙ leantainn air adhart a’ brosnachadh, a’ leasachadh agus a’ misneachadh DealbhadhCoimhearsnachd mar phròiseas cudromach airson a bhith a’ dealbhadh agus a’cuideachadh gus seirbheisean nas grinne agus nas ceangailte ri chèile alìbhrigeadh, stèidhichte air feumalachdan agus prìomhachasan roinneil agusionadail;

❙ leantainn air adhart a’ sgrùdadh, a’ brosnachadh agus a’ misneachadhrèiteachaidhean lìbhrigeadh seirbheis èifeachdach agus innleachdach, a’ gabhail a-steach tro leasachaidhean ann an TFC;

❙ leantainn air adhart ag obair le CDC dùthchail gus targaid A’ Dùnadh na BeàirnChothroman shònraichte dhùthchail a lìbhrigeadh;

❙ leantainn a’ toirt taic agus brosnachadh don treas roinn agus an tabhartas a tha i a’dèanamh gu h-àraid ann an sgìrean agus coimhearsnachdan dùthchail;

❙ leantainn air adhart a’ brosnachadh agus a’ toirt taic do leasachaidhean ann ancòmhdhail tron Ro-innleachd Còmhdhail Nàiseanta, Rathaidean-iarainn na h-Albaagus na Planaichean gnìomha airson bhusaichean agus carbadan coimearsalta, guruige buannachd àrainneachdail, eaconamach agus sòisealta na h-Alba, na sgìreandùthchail againn nam measg. Leanaidh sinn oirnn a’ toirt taic do sheirbheiseanceangal-beatha;

❙ togail air a’ bhuaidh mhath a tha aig còmhdhail a’ freagairt air iarrtas (CFI) agussgeamaichean còmhdhail coimhearsnachd ann a bhith a’ leasachadh ruigsinneachddo chòmhdhail le bhith a’ toirt a-steach, bho 2008-09, sgeama CFI neartaichte (gusa dhol an àite na h-iomairt CFI a tha ann an-dràsta, an Iomairt CòmhdhailCoimhearsnachd Dùthchail agus Sgeama Taic-airgid Còmhdhail Poblach Luchd-siubhail Dùthchail). Bidh an sgeama ùr ag amas air barrachd seirbheisean CFI alìbhrigeadh thar Alba agus thèid a stiùireadh le Com-pàirteachasan CòmhdhailRoinneil (CCR). Leasaichidh e solarachadh còmhdhail phoblaich, agus mar sincomas gluasaid iomadh neach, gu h-àraid ann an sgìrean dùthchail;

❙ taic agus brosnachadh a thoirt do dh’amasan A’ Lìbhrigeadh airson Slàinte, a’gabhail a-steach rèiteachaidhean sùbailte agus innleachdach airson a bhith a’leasachadh lìbhrigeadh seirbheisean slàinte ann an sgìrean dùthchail;

❙ a bhith an toir air, a’ gabhail a-steach tro cheumannan a tha gu sònraichtedùthchail, an amas a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig sluagh na h-Alba uile air taigheadas àrd-inbhe, blàth agus aig prìs ruigsinneach, mar a thathara’ mìneachadh ann an Homes for Scotland’s People – A Scottish Housing PolicyStatement;

❙ leantainn air adhart a’ dèanamh cinnteach à buileachadh a’ phrògraim SàrSgoiltean Mòr-mhiannach agus an clàr-gnothaich againn airson foghlam sgoiledùthchail agus ionnsachadh fad-bheatha. Leanaidh sinn oirnn a’ toirt taic doIMBOGE anns a’ mhiann aige inbhe oilthighe a chosnadh, gu ruige buannachdfoghlaim, eaconamaidh agus beatha shòisealta agus chultarail na roinne.

A-rithist, tha sinn an dùil gun leasaichear agus gun atharraichear an clàr-gnothaichagus na prìomhachasan seo a rèir fheumalachdan, deasbaireachd agus co-chomhairlesan àm ri teachd.

5.83

5.84

Page 72: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

56

6: A’ TOIRT TAIC DO

CHOIMHEARSNACHDAN

SOIRBHEACHAIL

IS IAD NA PRÌOMH AMASAN AGAINN:❙ Coimhearsnachdan seasmhach, tapaidh a bhrosnachadh;

❙ Cumhachd agus brosnachadh a thoirt do dhaoine ionadail gus dreuchddheimhinne a ghabhail ann a bhith a’ toirt buaidh air ceistean a tha a’ buntainnriutha agus ris na coimhearsnachdan aca.

Tha soirbheas choimhearsnachdan ionadail an crochadh air tòrr nithean ioma-fhillteagus co-cheangailte. Tha daoine bunaiteach ge-tà – na roghainnean suidheachaidh aca,am mathas, am miannan agus mar a tha iad ag eadar-theachd. Tha diofarfheumalachdan agus mhiannan aig daoine, ach mar as tric bidh buaidh aig ceistean‘inbhe-beatha’ air roghainnean dhaoine mu far a bheil iad airson fuireach. Tha nanithean a leanas bunaiteach nam measg:

❙ àrainneachdan sàbhailte, tarraingeach agus diofraichte;

❙ taigheadas freagarrach, comhfhurtail agus aig prìs ruigsinneach;

❙ ruigsinneachd do chothroman iomchaidh – do chosnadh agus cothromaneaconamach eile, do phrìomh sheirbheisean (gu h-àraid taigheadas, slàinte,foghlam agus còmhdhail) agus do chleasan sòisealta, cultarail agus cur-seachad;

❙ spiorad coimhearsnachd – buntannas ri àite, agus ùidhean agus adhbharancumanta.

Tha coimhearsnachdan dùthchail ann an Alba a’ dèanamh math a thaobh cuid de naslatan-tomhais seo agus chan eil iad a’ dèanamh cho math a thaobh cuid eile. Thaceumannan a thathar a’ mìneachadh ann am pàirt eile den sgrìobhainn seo air anstèidheachadh mar-thà, no air an dealbhadh, gus togail air rèiteachaidhean a tha annmar-thà agus gus aghaidh a chur ri rudan nach eil cho math. A bharrachd air sin, ann abhith a’ beachdachadh air taobh “coimhearsnachd” nam poileasaidhean ionadailagainn, tha sinn cuideachd a’ faicinn gu bheil feum ann aghaidh a chur ri:

❙ buaidh atharrachadh-sluaigh – sluagh a’ fàs aosta, le nas lugha de dhaoine òga,agus in-imrich;

❙ ceistean cultarail – am feum a bhith a’ toirt spèis agus neartachadh do chultarionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta agus a’ solarachadh cothrom air cultar,mar phàirt bhunaiteach de cheartas sòisealta agus amasan inbhe-beatha;

❙ am feum a bhith a’ cuideachadh gus spiorad coimhearsnachd àrach – a’ gabhail a-steach a bhith a’ cuideachadh dhaoine gu gnìomhach gus uachdranas agus buaidha thoirt air nithean a tha a’ buntainn riutha agus ris a’ choimhearsnachd aca.

6.1

6.2

Page 73: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

57

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 6: A’ TOIRT TAIC DO CHOIMHEARSNACHDAN DÙTHCHAIL SOIRBHEACHAIL

SLUAGH AG ATHARRACHADHAnns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha àireamh-sluaigh Alba dhùthchail iomallachagus ruigsinneach air àrdachadh beagan (3.9%), fhad’s a tha an còrr de dh’Alba airìsleachadh beagan. Ach chan eil am pàtran cruinn-eòlasach cunbhalach: tha mòransgìrean dùthchail ùghdarrais ionadail, sa bhitheantas ann an coimhearsnachdaneileanach, a’ faicinn àireamhan-sluaigh a’ lùghdachadh. Thathar an dùil gun tigàrdachadh beag air àireamh-sluaigh na h-Alba gu h-iomlan suas gu 2018; barrachd, sanfharsaingeachd, ann an sgìrean ùghdarrais ionadail dùthchail seach bailteil – ach, a-rithist, a tha caochlaidhean cruinn-eòlasach buailteach a bhith ann.

Thathar an dùil gum bi fàs nas àirde san àireamh-sluaigh dùthchail aois 60/65 agusnas sine. Tha co-roinn nas ìsle de dh’inbhich òga (aois 15-29) agus barrachd sheanndaoine seach an còrr de dh’Alba, ann an Alba dhùthchail mar-thà. Mar sin tha an dealbha’ sealltainn gu bheil an sluagh san fharsaingeachd a’ fàs nas sine, gu h-àraid ann ansgìrean dùthchail.

FIGEAR 9IMIRICH LOM A RÈIR AOIS AGUS SGÌRE CRUINN-EÒLASACH, 2004

Tobar: Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson Alba, 2005Stèidhichte air Seòrsachadh Bailteil-Dùthchail Riaghaltas na h-Alba, 2003-04

Tha imrich lom a’ ciallachadh na h-àireimh in-imrich às aonais às-imrich. Tha an grafseo a’ sealltainn gu bheil imrich lom a’ ciallachadh lùghdachadh sluaigh ann an sgìreandùthchail a thaobh dhaoine òga ann am bannan aoise 10-14 agus 20-24, agus aig anaom àm, meudachadh sluaigh anns na sgìrean bailteil a thaobh nam buidhnean aoisesin. Ged a tha imrich lom a’ ciallachadh lùghdachadh sluaigh air buidhnean aoise 25-29gu 40-44 ann an sgìrean bailteil, tha i a’ ciallachadh meudachadh sluaighleantainneach airson buidhnean aoise uile bho 25-29 air adhart. Mar sin, tha daoineòga buailteach gluasad a-mach à sgìrean dùthchail agus tha daoine nas sine buailteachgluasad a-steach.

Dùthchail iomallach Dùthchail ruigsinneach Còrr de dh’Alba

-2000

-1000

0

1000

2000

3000

4000

5000

6000

7000

0-4 5-9 10-14 15-19 20-24 25-29 30-34 35-39 40-44 45-49 50-54 55-59 60-64 65-69 70-74 75-79 80-84 85-89 90+

Aois (5 bannan bliadhna)

Imri

ch L

om

6.3

6.4

Page 74: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

58

Tha dreuchd fhàsmhor aig imrich ann an coimhearsnachdan na h-Alba, gu h-àraidsgìrean dùthchail. Ann an 2005, bha imrich lom a-steach do sgìrean dùthchail iomallachagus ruigsinneach a’ dèanamh suas 2% den t-sluagh aca (21,517 neach), an coimeas ri0.1% (4,480 neach) anns a’ chòrr de dh’Alba. Tha imrich a-steach le nàiseantaich chèinan dà chuid ann an Alba bhailteil is dhùthchail a’ meudachadh. Eadar 2002 agus 2006,bha an uibhir àireamhan àrachais nàiseanta a chaidh a riarachadh do nàiseantaichchèin ann an ùghdarrasan ionadail dùthchail eadar 1% agus 4% den t-sluagh aig aoisobrach san sgìre. Tha seo a’ soilleireachadh, am measg rudan eile, cho cudromach ’s atha tarraingeachd nan sgìrean (inbhe-beatha agus beachdachaidhean eile) ann a bhitha’ cuideachadh gus sluaghan dùthchail a chumail suas.

CULTARTha sgìrean dùthchail na h-Alba a’ riochdachadh 10,000 bliadhna de dh’eadar-obrachadh eadar daoine agus nàdar. Tha cruth-tìre eug-samhail agus beòthail againn –sna cànain agus na dual-chainntean a tha sinn a’ bruidhinn; an ceòl agus na h-ealain ’sa bheil sinn a’ gabhail tlachd; agus sna cleachdaidhean agus an dualchas againn. Thaan cultar againn a’ neartachadh ar cliù agus ar buaidh eadar-nàiseanta agus a’lìbhrigeadh buannachd eaconamach cudromach. Tha e cuideachd na thobarbrosnachaidh agus tlachd do dhaoine fa leth. Tha e a’ cuideachadh guscoimhearsnachdan a thogail agus a cheangal agus a’ sealltainn an iomadachd; tha e a’ dèanamh suas pàirt den ‘inbhe-beatha’ a bhios daoine a’ sireadh ge brith càite bheil iad a’ fuireach.

Mar sin feumaidh sinn dèanamh cinnteach à ruigsinneachd cultair, anns na diofarchruthan aige, do luchd-còmhnaidh agus luchd-tadhail dùthchail, gus cur ri, agusneartachadh, feartan beatha àrd-inbhe a tha ri fhaotainn sna sgìrean dùthchail againn.A thaobh seirbheisean agus goireasan eile, tha dùbhlain an lùib a bhith a’ dèanamh seoagus feumaidh sinn cumail oirnn a’ coimhead air dòighean lìbhrigidh ùr agusinnleachdach.

A’ TOIRT CUMHACHD AGUS BROSNACHADH DO CHOIMHEARSNACHDANAGUS DAOINE FA LETHTha e cudromach do dhaoine fa leth com-pàirt a ghabhail ann an ceistean a tha a’buntainn riutha fhèin agus ris na coimhearsnachdan aca agus feuchainn ri buaidh athoirt orra. Tha rannsachadh a’ sealltainn gu bheil daoine ann an sgìrean dùthchail nasbuailtiche barrachd com-pàirt a ghabhail ann an ceistean coimhearsnachd agus saor-thoileach, a’ gabhail a-steach buidhnean creideimh, bùird sgoile no comainn phàrantanagus thidsearan agus buidhnean àrainneachdail53. Tha ìrean nas àirde de chalpasòisealta agus aonachas gu tric rin lorg ann an sgìrean dùthchail. Dh’fhaoidte gu bheilseo air sàilleabh barrachd ùine agus deòin com-pàirt a ghabhail am measg luchd-còmhnaidh dùthchail: ach cuideachd aithne gu bheil feum ann seo a dhèanamh marphàirt de chom-pàirteachas coimhearsnachd fèin-chuideachail agus gus beàrnan alìonadh ann an, mar eisimpleir, solarachadh seirbheis mòr-shluaigh.

THA E CUDROMACH DO DHAOINE FA LETH COM-PÀIRT A GHABHAIL ANN AN CEISTEANA THA A’ BUNTAINN RIUTHAFHÈIN AGUS RIS A’CHOIMHEARSNACHD ACA AGUS FEUCHAINN RI BUAIDH A THOIRT ORRA.

53 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/09/16120357/03594

6.5

6.6

6.7

6.8

Page 75: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

59

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 6: A’ TOIRT TAIC DO CHOIMHEARSNACHDAN DÙTHCHAIL SOIRBHEACHAIL

Aig an aon àm faodaidh nàdar beatha air an dùthaich ciallachadh gu bheil daoine agus coimhearsnachdan a’ fulang dìth chòirichean is chothroman agus iad gunruigsinneachd fhreagarrach air cothroman eaconamach, sòisealta agus eile, agus gundòigh aca gus buaidh a thoirt air atharrachadh. Eucoltach ri bailtean agus cathair-bhailtean, chan eil mì-leasachadh ann an sgìrean dùthchail buailteach a bhith uile rilorg san aon àite, agus tha seo a’ ciallachadh nach urrainn do mhòran sgìrean dùthchailbuannachd fhaighinn bhon chuideachadh a bharrachd a tha ri fhaotainn do nacoimhearsnachdan leis na h-ìrean as àirde de bhochdainn. Tha dùbhlain ann cuideachda thaobh a bhith ag aithneachadh agus a’ dol an lùib mì-leasachadh agus ann a bhith a’lìbhrigeadh chothroman gu buidhnean a tha air an sgaoileadh gu tana.

NA THATHAR A’ DÈANAMHA’ CUR AGHAIDH RI BUAIDHEAN ATHARRACHADH SLUAIGH

Tha sinn air co-chomhairle fharsaing a chumail agus ro-innleachd a leasachadh airsonAlba le sluagh a tha a’ fàs nas sine – ag aithneachadh nan ceistean, nan dùbhlain agusnan cothroman co-cheangailte. Am measg nan dùbhlan, mar eisimpleir, tha buaidh aigatharrachadh san sgioba-obrach agus atharrachadh air iarrtas airson seirbheisean agusgoireasan: agus am feum airson dòigh-lìbhrigidh nas innleachdaiche agus nasèifeachdaiche (air a shealltainn am badan eile den sgrìobhainn seo). Tha cothroman agèirigh bhon ‘eaconamaidh liath’ agus na goireasan, sgilean agus eòlas a tha aig daoinenas sine ri thabhann – agus faodaidh gnothaichean agus buidhnean saor-thoileach iseile buannachd fhaighinn bhuapa. Tha na dùbhlain agus na cothroman seo a cheart chobuntainneach, agus dh’fhaoidte nas bitheanta, ann an sgìrean dùthchail na h-Albaseach àiteachan eile.

Is e àrd-ùrlar a tha ann an Amannan ri Teachd Againn Uile: Dealbhadh airson Alba leSluagh Aosmhor54 gus dèanamh cinnteach à mathas dhaoine nas sine; gu bheil natàlantan agus an t-eòlas ioma-ghnèitheach aca air aithneachadh agus air achleachdadh; agus gu bheil gnothaichean agus coimhearsnachdan cuideachd a’buannachd bhon stòras fìor mhath a tha iad a’ riochdachadh.

Dh’fhaodadh oidhirpean gus foghlam agus ionnsachadh fad-bheatha, cosnadh,taigheadas agus cothroman eile a leasachadh ann an sgìrean dùthchail – agus a’bhuaidh a tha aig teicneòlasan agus leasachaidhean eile ann a bhith a’ fosgladhroghainnean agus chothroman –, cuideachadh gus aghaidh a chur ri ceist eilthireachddhaoine òga air falbh bho na coimhearsnachdan dùthchail againn agus, cuide ribarrachd atharrachaidh deamografaigeach, tha seo a’ leantainn air adhart gu mì-chothromachadh ann an structar sòisealta choimhearsnachdan dùthchail gu h-àraid.Tha sinn ag aithneachadh ge-tà, gu bheil feum ann a dhol an lùib dhaoine òga ann andòigh nas fheàrr gus tuigse fhaighinn air na nithean a tha a’ toirt orra sgìrean dùthchailfhàgail (fiù’s ma thilleas iad nuair a tha iad nas sine): agus gus beachdachadh air codhiubh agus ciamar as urrainnear aghaidh a chur riutha.

Chaidh an Fresh Talent Initiative55 a chur air bhog ann an 2004 gus daoine fa leth a thacomasach, tàlantach agus ag obair cruaidh a tharraing a dh’fhuireach, a dh’obair agusa dh’ionnsachadh ann an Alba. Tha an t-Seirbheis Comhairleachaidh Ath-shuidheachaidh na phrìomh phàirt den Iomairt – seo sgioba speisealta a’ tabhanncuideachadh agus comhairle chuimseach air gach taobh de bhith a’ tighinn a dh’Alba:agus is urrainn dhaibh comhairle a thoirt do ghnothaichean a thaobh mar a dh’fhaodasiad buannachd fhaighinn bho thàlant ùr.

Tha mòran aig eaconamaidh agus coimhearsnachdan Alba dhùthchail ri bhuannachdbho dhaoine a tha a’ tighinn a-steach (a’ gabhail a-steach inbhich òga), agus bho nasgilean, eòlasan agus cultaran diofraichte aca. Tha dùbhlain ann, nam measg a bhith agamalachadh in-imrich do bheatha, chultar agus choimhearsnachdan na h-Alba. Tha sinnair stiùireadh 56 a dhèanamh a tha a’ còmhdach gach taobh de bhith a’ fuireach agus agobair ann an Alba agus a tha a’ ceangal ri obair a thathar a’ dèanamh aig ìre ionadailgus taic a thoirt do in-imrich.

54 http://www.scotland.gov.uk/experience55 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2004/02/18984/33666 56 http://www.scotlandistheplace.com

6.9

6.10

6.11

6.12

6.13

6.14

Page 76: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

60

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Tha Iomairt Ath-shuidheachadh Aonadan Beaga an Riaghaltais cuideachd ag amas adh’aon ghnothaich air taic a thoirt do choimhearsnachdan cugallach, dùthchail agusiomallach le bhith ag ath-shuidheachadh aonadan beaga obrach gu làraich aontaichte agheibheadh buannachd às. Chun a seo, chaidh seachd ath-shuidheachaidhean adhèanamh air Aonadan Beaga, le measadh a’ toirt fianais gu bheil a’ bhuannachd cho-roinneil a tha gluasadan leithid seo a’ toirt don choimhearsnachd a tha gam faotainn andeagh chuid nas motha na làraich bhailteil – gu h-àraid far a bheil an eaconamaidhionadail an crochadh air cosnadh ràitheil às an aonais.

A’ LEASACHADH RUIGSINNEACHD DÙTHCHAIL DO CHOTHROMANCULTARAIL

Bho Lùnastal 2000, dh’amais a’ chiad National Culture Strategy 57 aig Alba airleasachadh agus piseach a thoirt air ruigsinneachd agus cothroman gus com-pàirt aghabhail ann an gnìomh cultarail air feadh na dùthcha.

Thàinig mòran iomairtean, agus tasgadh ùr, bhon Ro-innleachd. Ann an 2006, lìbhrig ‘a’bhuidheann bharrantachaidh bhirtiual’, Taigh-cluich Nàiseanta na h-Alba, am prògraminntrigidh aige, le obair a’ gabhail àite bho Steòrnabhagh gu Dùn Phris.

Aig toiseach 2006, dh’ainmich Ministearan na h-Alba dòighean gus stòrasan cultarailna dùthcha, agus solarachadh cultarail san fharsaingeachd, cho ruigsinneach ’s aghabhas do dhaoine air feadh na h-Alba58. Bha seo a’ gabhail a-steach bun-structaircultarail nàiseanta ùr, agus dleastanasan ùra airson ùghdarrasan ionadail guscòirichean cultarail a leasachadh do shaoranaich uile anns na sgìrean aca mar phàirt dedhealbhadh chultarail. Bu chòir don ghnìomh sin a bhith air a dhèanamh tro cho-chomhairleachadh le daoine ionadail agus bu chòir dha fios a chur ris a’ phròiseasDealbhadh Coimhearsnachd. Airson cuideachadh gus na rèiteachaidhean abhuileachadh, chaidh dreachd Bhile Cultair agus stiùireadh reachdail co-cheangailte adheasachadh. Tha Ministearan air na sgrìobhainnean a chur air bhog airson co-chomhairleachadh.

Bidh cuid de dh’ùghdarrasan ionadail a’ cumail sreath phròiseactan cultarail lorg-slighe– a tha an Riaghaltas a’ co-mhaoineachadh – gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a thacòirichean agus dealbhadh cultarail ag obair ann an gnìomh. Thathar ag aithneachadhnach eil coimhearsnachdan dùthchail, mar as tric, a’ faighinn riochdachadh gu leòr athaobh com-pàirt cultarail, agus iad a’ fulang bhacaidhean sònraichte a thaobh com-pàirteachas. Tha seo air a dhearbhadh leis an staitistig as ùire air frithealadh cultarailagus com-pàirteachas le luchd-còmhnaidh dùthchail a tha a’ sealltainn ìrean a tha nasìsle na airson Alba gu h-iomlan. Tha an Riaghaltas ag amas air ruigsinneachd nasfarsainge a bhrosnachadh airson gach roinn sa choimhearsnachd tron phoileasaidhcòirichean cultarail aige, a bu chòir a bhith cuideachd ag amas air buidhnean nach eil a’faighinn riochdachadh gu leòr, leithid coimhearsnachdan dùthchail. Mar sin tha grunnde na pròiseactan lorg-slighe ag amas gu sònraichte no ann am pàirt mhòr aircoimhearsnachdan dùthchail. Tha an dòigh-smaoineachadh mu chòirichean a tha‘stiùirichte a rèir dhaoine, seach a rèir seirbheis’ a’ ciallachadh gum bi co-chomhairleachadh le daoine ionadail riatanach ann a bhith a’ leasachadh agus a’lìbhrigeadh ghnìomhan cultarail gus na miannan aca a choinneachadh.

Ann an 2004, chuir sinn air bhog PASTMAP59, goireas mapa air-loidhne a tha a’lìbhrigeadh ìre ruigsinneachd nach fhaighear an àite sam bith eile san Roinn-Eòrpa dodh’fhiosrachadh mun àrainneachd eachdraidheil – leithid togalaichean, structaran agusfeartan airceòlach. Tha an stòr-dàta gu lèir aig Coimisean Rìoghail nan LàraicheanÀrsaidh is Eachdraidheil an Alba (CRLAEA) agus fiosrachadh mionaideach bho AlbaEachdraidheil mu làraich àrsaidh chlàraichte agus togalaichean clàraichte air antaisbeanadh. Tha fiosrachadh mu làraich agus chuimhneachain ùghdarrasan ionadailcuideachd ri fhaotainn – leasachadh a rinneadh o chionn ghoirid.

57 http://www.scotland.gov.uk/nationalculturalstrategy/docs/cult-00.asp58 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/01/18091052/0 59 www.pastmap.org

6.15

6.16

6.17

6.18

6.19

6.20

Page 77: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

61

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 6: A’ TOIRT TAIC DO CHOIMHEARSNACHDAN DÙTHCHAIL SOIRBHEACHAIL

GÀIDHLIG

Tha luchd-labhairt na Gàidhlig rin lorg air feadh na h-Alba. Ach, tha a’ Ghàidhlig gu h-àraid cudromach a thaobh a bhith a’ cumail suas agus ag ath-nuadhachadheaconamaidhean dùthchail ann an taobh an iar thuath na Gaidhealtachd is nan Eilean.Is urrainn do dh’fhoghlam Gàidhlig, na h-ealain Ghàidhlig, turasachd, na meadhanan,eadar-theangachadh agus taic do chànan, uile cur ris a seo. Mar eisimpleir, tha foghlamtro mheadhan na Gàidhlig na eileamaid chudromach de sheasmhachd agus ath-bheothachadh na Gàidhlig. Tha a’ cholaiste Ghàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, san EileanSgitheanach a’ tabhann chùrsaichean bho cheumannan gu ionnsachadh air astar aguscùrsaichean goirid samhraidh. Chaidh ruigsinneachd do chùrsaichean foghlamthidsearan Gàidhlig cuideachd a leudachadh gu Colaiste Caisteal Leòdhais sna h-Eileanan Siar agus frith-ionadan eile ann an Inbhir Nis, Ìle agus san Òban. A bharrachdair sin, tha taic airson Stòrlann (an Ionad Stòrasan Nàiseanta Gàidhlig), Fèisean nanGàidheal agus Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig cuideachd air meudachadh. ThaAlba Eachdraidheil a’ tabhann na Gàidhlig aig grunn làraich far a bheil feumcoimearsalta air a shealltainn.

Tha 2007 a’ gealltainn a bhith sònraichte don Ghaidhealtachd – seach gur i BliadhnaCultar na Gaidhealtachd ann an Alba. Bidh mìltean de thachartasan agus ghnìomhan a’gabhail àite a’ comharrachadh cultar na Gaidhealtachd ann am clachain, bailtean aguscathair-bhailtean air feadh na roinne agus thairis air a sin. Tha an fhèis air bun-structaircultarail na Gaidhealtachd a leasachadh gus prògram fad-bhliadhna a chruthachadh abheir seachad dìleab a mhaireas as dèidh 2007, a’ cur ri buannachdan sòisealta aguseaconamach cudromach airson na sgìre.

A’ CUMAIL SUAS, A’ MISNEACHADH AGUS A’ TOIRT CUMHACHD DOCHOIMHEARSNACHDAN

Tha grunn de na ro-innleachdan agus na h-iomairtean a tha air am mìneachadh sansgrìobhainn seo ag amas air dol an lùib agus com-pàirteachas nas motha abhrosnachadh am measg luchd-ùidh roinneil agus ionadail ann an leasachadhpoileasaidh agus prògraim; ann a bhith a’ comharrachadh fhuasglaidheanroinneil/ionadail; agus san lìbhrigeadh aca. Tha an dòigh-làimhseachaidh choitcheannseo bunaiteach a thaobh nam miannan againn airson barrachd cumhachd aguscunntachalachd ionadail.

Mar a chaidh a mhìneachadh na bu tràithe, tha sinn ag aithneachadh agus a’ cur luachair na tabhartasan diofraichte a tha an treas roinn a’ tabhann agus leanaidh sinn oirnna’ dèanamh cinnteach gu bheilear ga aithneachadh agus ga leasachadh mar phàirt dendòigh-làimhseachaidh poileasaidh againn a thaobh leasachadh coimhearsnachd dùthchail.

Airson cuideachadh gus raointean feumalachd a chomharrachadh, agus fios a chur ripoileasaidhean agus co-dhùnaidhean a thaobh eadar-theachd leis an Riaghaltas agusfeadhainn eile, tha sinn air an dòigh-làimhseachaidh againn airson anailis agus aithne athaobh bochdainn a leasachadh. Ann an 2004, lùghdaich sinn meud nan sgìrean abhathar a’ cleachdadh ann an Clàr Ioma-bhochdainn na h-Alba (CIBA), gus badan naslugha de bhochdainn a chomharrachadh. Ann an 2006, thug sinn a-steachruigsinneachd do chòmhdhail poblach agus raon nas fharsainge de sheirbheisean marphàirt den anailis, a’ cuideachadh gus bochdainn air bhunait seirbheis aithneachadhagus aghaidh a chur ris. Tha sinn cuideachd air stiùireadh fhoillseachadh a thaobhcarson a bu chòir, agus nach bu chòir, don CIBA a bhith air a chleachdadh60.

Tha sinn cuideachd air ceuman sònraichte a ghabhail gus leasachadh agusseasmhachd coimhearsnachd a chuideachadh. Tha an clàr-gnothaich againn airsonleasachadh an fhearainn air cothrom a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd talamh acheannach agus a leasachadh a rèir feuman agus miannan na coimhearsnachd fhèin.Tha seo a’ toirt dhaibh so-mhaoin an seilbh muinntir an àite às am faighear cosnadh,cothroman cur-seachad agus goireasan coimhearsnachd, cho math ri sochairean eile dodhaoine san sgìre.

60 http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/01/20458/49127

6.21

6.22

6.23

6.24

6.25

6.26

Page 78: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

62

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

San Òg-mhìos 2005, chuir Coimisean Coilltearachd na h-Alba air bhog a’ chiad Sgeama Fearann Coille Nàiseanta a’ toirt cothrom do choimhearsnachdan dùthchailfearann coille nàiseanta a cheannach far an urrainn dhaibh buannachdan a bharrachd a lìbhrigeadh don phoball. Tha ceithir coimhearsnachdan a-nis air an sgeama seo a ghabhail.

Tha sinn air taic a thoirt seachad, fo rèiteachaidhean Maoin Com-pàirteachaidhDùthchail na h-Alba, airson a bhith a’ togail meud comais choimhearsnachdandùthchail agus a’ solarachadh ghoireasan coimhearsnachd agus seirbheisean. Tha sinna’ moladh am maoineachadh seo a chur an lùib Prògram Leasachadh Dùthchail na h-Alba airson 2007-13 (a ghabhas a-steach rèiteachaidhean LEADER). Nì seo innealanmaoineachaidh nas sìmplidhe, a’ tabhann sùbailteachd maoineachadh dùthchail abharrachd, leasachadh a thaobh barrachd amalachaidh agus co-phàirteachas maoin atha ri fhaotainn airson leasachadh dùthchail agus – ann an co-theacsa mholaidheanroinneil airson a’ phrògraim – guth roinneil/ionadail nas làidire a thabhann a thaobhphrìomhachasan maoineachaidh agus lìbhrigeadh prògraim agus bhuilean.

Sna sgìrean croitearachd, tha na sgeamaichean taic againn a’ toirt cuideachadh airsonleasachaidhean choimhearsnachdan croitearachd agus eile, a’ gabhail a-steach taicairson gnothaichean àiteachais agus taigheadas a stèidheachadh, airson cuideachadhgus sluagh a tharraing agus a chumail agus coimhearsnachdan a chumail suas ann ancuid de na sgìrean as iomallaiche ann an Alba. Tha ath-shuidheachadh Aonad nanTaicean-airgid Taighean Croite gu Tiriodh air cothroman agus buannachdan a thoirtseachad don sgìre sin. Tha sinn air reachdas croitearachd ùr a thoirt a-steach agus thasinn air Comataidh Sgrùdaidh Croitearachd a stèidheachadh, gus sgrùdadh na thacroitearachd a’ toirt seachad san fharsaingeachd do sgìrean dùthchail iomallach agusgus molaidhean a dhèanamh airson an ama ri teachd. Tha na h-iomairtean seo ag amasair clàr-gnothaich adhartach a shuidheachadh airson croitearachd sna deicheadan a tha ri thighinn.

Tha sinn cuideachd air taic a thoirt do dh’iomairtean ionadail leithid Iomairt aig anOir61. Tha seo a’ brosnachadh agus a’ toirt taic do dhòigh-làimhseachaidh ioma-bhuidhneach le stiùir coimhearsnachd, a thaobh a bhith a’ coileanadh àm ri teachdseasmhach airson sgìrean a tha ainmichte mar an fheadhainn as cugallaiche gu h-eaconamach no sòisealta sa Ghaidhealtachd agus sna h-Eileanan. B’e pròiseactdeuchainn a bha ann an toiseach, ach ann an 2002 chaidh a dhaingneachadh mariomairt fhad-ùine, le deich sgìrean ùra air an ainmeachadh fon phrògram ann an 2004.

CÙISEAN AGUS DÙBHLAINA-rithist, chaidh mòran a dhèanamh, no thathar ga dhèanamh no ga dhealbhadh andràsta, airson cuideachadh gus coimhearsnachdan seasmhach, soirbheachail abhrosnachadh sna sgìrean dùthchail againn. Ach tha cùisean agus dùbhlain annfhathast agus nam measg tha:

❙ leantainn air adhart a’ leasachadh cumhachd agus com-pàirteachas, thairis air gachsgìre de dh’Alba dhùthchail;

❙ faighinn tuigse nas fheàrr air na rudan a tha ag adhbhrachadh às-imrich, gu h-àraidam measg dhaoine òga;

❙ brosnachadh cleachdadh iomchaidh de Chlàr Ioma-bhochdainn na h-Alba agusanailis staitistig eile;

❙ brosnachadh agus cuideachadh choimhearsnachdan, solaraichean seirbheis agusfeadhainn eile gus aghaidh a chur ris na dùbhlain – agus cothroman – cudromach atha an lùib atharrachadh sluaigh.

61 http://www.initiative-at-the-edge.org.uk/

6.27

6.28

6.29

6.30

6.31

Page 79: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

SAN ÒG-MHÌOS 2005, CHUIR COIMISEANCOILLTEARACHD NA H-ALBA AIR BHOG A’ CHIADSGEAMA FEARANN COILLE NÀISEANTA, A’ TOIRTCOTHROM DO CHOIMHEARSNACHDAN DÙTHCHAIL GUS FEARANN COILLE A CHEANNACH FAR ANURRAINN DHAIBH BUANNACHDAN POBLACH ABHARRACHD A LÌBHRIGEADH.

63

PÀIRT A DHÀ CAIBIDEAL 6: A’ TOIRT TAIC DO CHOIMHEARSNACHDAN DÙTHCHAIL SOIRBHEACHAIL

GNÌOMH DEALBHAICHTELeanaidh sinn air adhart a’ sireadh agus a’ brosnachadh nan amasan agus mion-amasan iomlan againn, agus ceumannan taic iomchaidh, airson coimhearsnachdandùthchail – a’ gabhail a-steach an t-amas airson barrachd com-pàirteachais luchd-ùidhroinneil/ionadail a thaobh leasachadh, prìomhachasadh agus lìbhrigeadhrèiteachaidhean taic. Ann a bhith a’ dèanamh seo, bidh sinn a’ sireadh agus agèisteachd ri beachdan luchd-ùidh: agus ionnsaichidh sinn bho eòlas a fhuaireadhroimhe agus ath-bhreithneachadh agus measadh phoileasaidhean, phrògraman agussgeamaichean airson taic choimhearsnachd.

Bidh sinn a’ cur a-mach Nota Comhairleachadh Dealbhaidh: Com-pàirteachasCoimhearsnachd “Dealbhadh le Daoine”, a sheallas mar a dh’fhaodas a h-uile duinecom-pàirt a ghabhail ann a bhith a’ cumadh àm ri teachd na sgìre aca agus nadh’fhaodas coimhearsnachdan a bhith a’ sùileachadh bhon phròiseas dealbhaidh ùr.Bheir e cuideachd eisimpleirean de dheagh chleachdadh agus comhairle dodh’ùghdarrasan dealbhaidh agus luchd-leasachaidh a thaobh nan dòighean as fheàrrairson a bhith ag èisteachd, a’ dol an lùib ann agus a’ tuigsinn nan rudan a tha daoineag iarraidh airson na sgìre aca.

Tha na planaichean againn gus còirichean cultarail a bhuileachadh ag amas air muinntirchoimhearsnachdan dùthchail is eile a thoirt an lùib deasbaireachdan a thaobh nammiannan aca airson com-pàirteachas ann an gnìomhan cultarail.

Bidh sinn a’ togail air rèiteachaidhean a tha ann mar-thà airson LEADER, mar phàirt dendòigh-làimhseachaidh ‘roinneil’ againn fo Phrògram Leasachadh Dùthchail na h-Alba2007-13.

Builichidh sinn an reachdas croitearachd ùr agus gabhaidh sinn os-làimh, tronChomataidh Sgrùdaidh air Croitearachd, sgrùdadh a thaobh na tha croitearachd a’tabhann don choimhearsnachd san fharsaingeachd, le molaidhean airson an ama riteachd: agus leanaidh sinn oirnn a’ brosnachadh choimhearsnachdan a bhith a’ceannach fearann, a’ gabhail a-steach coimhearsnachdan croitearachd, mar dhòigh guscom-pàirteachas agus seasmhachd coimhearsnachd a bhrosnachadh tro sho-mhaoin atha air a sealbhachadh agus a stiùireadh gu h-ionadail.

Bidh sinn a’ foillseachadh Amannan ri Teachd Againn Uile: Dealbhadh airson Alba leSluagh Aosmhor, ga thoirt air adhart le com-pàirtichean iomchaidh, agus a’brosnachadh chàich gus aire a ghabhail dha sna poileasaidhean, gnìomhan agusceumannan co-cheangailte aca.

Uile gu lèir, bidh e riatanach, ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ cumail suaschoimhearsnachdan soirbheachail dùthchail, gun gabh na coimhearsnachdan fhèin – nadaoine a tha annta – làmh dhèanadach sa phròiseas. Bidh sinn ag amas air dèanamhcinnteach gu bheil an t-eòlas agus an comas aca gus seo a dhèanamh agus gus an clàr-gnothaich adhartach airson gnìomh agus taic coimhearsnachd a leasachadh.

6.32

6.33

6.34

6.35

6.36

6.37

6.38

Page 80: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

THA ALBA DHÙTHCHAIL – A SLUAGH,ÀITEACHAN, COIMHEARSNACHDAN AGUSCULTARAN – A’ SEASAMH AIG ÀITECUDROMACH AGUS INNTINNEACH SANLEASACHADH AICE.

Page 81: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

PÀIRT A TRÌA’ COIMHEAD RIS AN ÀM RI TEACHD

Page 82: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

66

NA PRÌOMH AMASAN AGAINN:❙ ‘Amannan ri teachd’ so-dhèante, so-chreidsinneach a sgrùdadh airson Alba

dhùthchail agus na prìomh nithean a tha a’ toirt buaidh orra, gus leasachadhpoileasaidh agus prìomhachasadh ghnìomhan a chuideachadh;

❙ Obrachadh gu ruige lèirsinn agus clàr-gnothaich co-roinnte, gus co-obrachadhagus co-phàirteachas ghnìomhan agus coileanadh prìomh bhuilean dùthchail abhrosnachadh;

❙ Gus beachdachadh mun dreuchd a dh’fhaodadh a bhith aig obraichean amannan riteachd ann an leasachadh poileasaidh dùthchail.

Chaidh, agus bithear a’ dèanamh, adhartas ann an leasachaidhean corporra, cultarail,àrainneachdail is sòisealta Alba dhùthchail. Tha na soillseachaidhean, na h-innleachdan is na beachdan a chaidh a chur an gnìomh, airson cumail ris na dùbhlain isna cothroman a bh’ann ’s a tha leantainneach, airson agus taobh a-staigh Albadhùthchail, a’ sealltainn comasan an luchd-ùidh gus freagairtean soirbheachail aleasachadh do dh’atharrachadh ann an suidheachaidhean.

Ach cumaidh an saoghal ag atharrachadh, gu h-aithghearr agus ann an dòighean ioma-fhillte. Chan eil Alba dhùthchail air a dìon o mhòran de na nithean as cudromaiche a thaag adhbhrachadh atharrachadh, a dh’fhaodas bualadh air daoine fa leth, nàbachdan,coimhearsnachdan agus air a’ chomann-sluaigh san fharsaingeachd. Chan eil a bhithseasamh gun ghluasad, an suidheachadh a th’ann an dràsta, na roghainn agus feumarar freagairtean ri dùbhlain is cothroman a tha ri thighinn a bhith sgiobalta,innleachdach agus comasach. Tha an t-àm ri teachd mar a mhìnichear e, mì-chinnteachagus tha an dleastanas doirbh aig luchd-dèanamh phoileasaidhean agus luchd-ùidhann a bhith ag obrachadh còmhla agus le faireachdainnean dha-rìribh a thaobh nathathar a’ dèanamh còmhla ann a bhith a’ leasachadh phoileasaidhean, phlanaicheanagus ro-innleachdan a fhreagras atharrachaidhean leantainneach aig amannan fìorchaochlaideach.

Tha Alba, tro ghrunn iomairtean, air a bhith a’ leasachadh grunn amannan ri teachd isshuidheachaidhean airson na 15 gu 20 bliadhna a tha air thoiseach. Tha Pàrlamaid nah-Alba, mar eisimpleir, air Fòram Amannan ri Teachd na h-Alba a chruthachadh airsoncumhachd smaoineachadh teachdail a thoirt gu aire: agus tha an Riaghaltas agusbuidhnean eile a’ cleachdadh obair theachdail ann a bhith a’ toirt air adhart an cuidsmuaintean, phoileasaidhean is phlanaichean. Ann a bhith ag ullachadh na sgrìobhainnseo, chaidh feadhainn de na dòighean obrach co-cheangailte ri seo a chleachdadh lebhith a’ conaltradh ri luchd-ùidh ann am pròiseact ghoirid, aotrom, airson teamplaid alorg a dh’fhaodadh suidheachaidhean teachdail a leasachadh. Cha do choilean seoplanadh shuidheachaidhean slàn, ach thug e taic do smuaintean sgrùdail tùsail. Tha nah-innleachdan seo a thaobh a bhith a’ dèanamh phoileasaidhean agus smaoineachadhro-innleachdail, ga dhèanamh comasach tuigse nas fhèarr a bhith ann a thaobhcaochladh sheòrsaichean amannan ri teachd so-chreidsinneach a dh’fhaodadh a bhithann do dh’Alba dhùthchail. Tha na h-uile air aontachadh gum faod obair theachdailbuaidh a thoirt air co-dhùnaidhean a thèid a dhèanamh airson Alba dhùthchail achuideachadh ann a bhith a’ beachdachadh agus a’ dèanamh a’ chùis air atharrachadh– cuid dheth aig am bi buaidhean matha, agus cuid eile a bhios dùbhlanach dha-rìribh.

7: AMANNAN RI TEACHD DO

DH’ALBA DHÙTHCHAIL

7.1

7.2

7.3

Page 83: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

67

PÀIRT A TRÌ CAIBIDEAL 7: AMANNAN RI TEACHD DO DH’ALBA DHÙTHCHAIL

Chan e a-mhàin gu bheil an sgrìobhainn seo a’ gabhail aire do, agus a’ dèanamh ath-bhreithneachadh air, poileasaidhean agus ro-innleachdan a tha ann mar-thà agus a’tighinn am bàrr agus a’ toirt buaidh air Alba ach, a cheart cho cudromach, thathar andùil gum brosnaich i deasbaireachd agus deasbad mu iùl agus miannan do dh’Albadhùthchail san àm ri teachd. Tha na dùbhlain a tha air am mìneachadh an-seo a’ tighinnbho phròiseas de chom-pàirteachas le raon de luchd-ùidh stiùireachail bho ghrunnraointean dùthchail. Tha iad a’ sealltainn nan dùbhlain as cudromaiche a tha an luchd-ùidh air aontachadh a bhios mu choinneamh Alba dhùthchail san ath 10-15 bliadhna.Tha aithisg fhoirmeil den phròiseact ri fhaotainn. Thathar an dùil gun tèid an aithisgfhoillseachadh a dh’aithghearr ach tha a’ mhòr-chuid den stuth a tha seo air a tharraingbhon a sin.

Bhrosnaich deasbaireachd a rinneadh rè a’ phròiseict ìre mhòr de cho-aonta air nanithean as cudromaiche a tha ag adhbhrachadh atharrachadh sna bliadhnaichean a thaair thoiseach. Chan eil toireadh a’ phròiseict a’ dùileachadh àm ri teachd singilte sambith, no àm ri teachd no lèirsinn shònraichte airson Alba dhùthchail – tha feum airbarrachd dàta agus beachdachadh nas mionaidiche. Chan eil lèirsinn no dòigh-làimhseachaidh ‘aon mheud do na h-uile’ ann nas motha. Ach ’s e tabhartas co-obrachail tùsail a tha san obair seo do phròiseas deasbaid agus dèanamh cho-dhùnaidhean mu àm ri teachd Alba dhùthchail.

7.4

7.5

Page 84: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

68

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Tha an Caibideal seo:

(a) a’ soilleireachadh gu bheil na nithean cudromach a tha ag atharrachadh, agus adh’aontaich a’ Bhuidheann Luchd-ùidh Dhùthchail, a’ giùlan an dà chuid na h-ìreanas àirde de mhì-chinnt (a thaobh mar a dh’fhaodas na nithean seo fa leth obrachadhsan àm ri teachd) agus an ìre as àirde de bhuaidh (a thaobh cho buntainneach ’s atha gach aon airson àm ri teachd Alba dhùthchail);

(b) a’ mìneachadh, airson tuilleadh deasbaid, smaoineachadh tùsail air grunn nitheanair am bu chòir beachdachadh ann a bhith a’ leasachadh miann no lèirsinn sam bitha dh’fhaodadh a bhith ann do dh’Alba dhùthchail;

(c) a’ toirt grunn theamplaidean ìre àrd airson suidheachaidhean a dh’fhaodadh a bhithann san àm ri teachd a leasachadh mar dhealbhan tùsail, cùramach de dh’amannanri teachd a dh’fhaodadh a bhith fìor. Tha na teamplaidean a’ sealltainn nancaochladh bhuilean bho nithean a tha ag atharrachadh gu cruinneil agus gunàiseanta agus a’ toirt buaidh air Alba, agus Alba dhùthchail gu sònraichte. Ach,chan eil annta seo ach aon sheata de dhealbhan a dh’fhaodadh tachairt marthoradh air ‘eadar-chluiche’ chaochladh nithean a bha air am meas cudromach leisan luchd-ùidh gu ruige 2021.

NITHEAN CUDROMACH AG ATHARRACHADH GU RUIGE 2021

Chaidh raon de nithean caochlaideach aontachadh le luchd-ùidh a thaobh a bhith a’taisbeanadh nan ìrean as àirde de mhì-chinnt agus buaidh gu ruige 2021. Ged a bhiosdionamaigs atharrachaidh follaiseach thairis air an tràth sin, is iad na nithean seo – faleth agus nas cudromaiche, mar a cheanglas iad ri chèile – a thathar ag aontachadh abhios a’ cur an uallaich as motha air luchd-dèanamh poileasaidh, luchd-ùidh agusluchd-dèanamh cho-dhùnaidhean airson Alba dhùthchail. Is iad:

❙ soirbheas agus structar buntainneach eaconamaidh dhùthchail na h-Alba agus antabhartas aice ris an eaconamaidh nàiseanta;

❙ cumadh eaconamaidh(ean) dhùthchail na h-Alba;

❙ an t-adhbhar aontaichte airson Alba dhùthchail agus soilleireachd a dreuchd;

❙ deamografaigs (atharrachadh sluaigh);

❙ an dòigh-làimhseachaidh a thaobh leasachadh dùthchail agus dèanamhphoileasaidhean dùthchail ann an Alba;

❙ an fhreagairt nàiseanta do dh’atharrachadh aimsire agus cleachdadh ghoireasan.

Am measg nithean caochlaideach eile air am feumar beachdachadh nuair a thathar a’dèanamh phoileasaidhean agus a’ smaoineachadh gu ro-innleachdail, tha, mareisimpleir:

❙ cruthan lùiths, sianalan sgaoilidh, gineadh agus tèarainteachd solarachaidh,cosgaisean agus so-ùrachaidhean;

❙ cothrom taigheadas aig prìs ruigsinneach fhaighinn;

❙ neart, iomadachd, ruigsinneachd-prìse, ruigsinneachd agus seasmhachdsheirbheisean – gu h-àraid seirbheisean poblach agus taobh a-staigh sin,seirbheisean dochainn agus cùraim;

❙ beachdan agus roghainnean poblach a thaobh na beatha dùthchail;

❙ leasachadh agus cosgais shiostaman còmhdhail seasmhach.

7.6

7.7

7.8

Page 85: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

69

BHATHAR AGUS THATHAR A’ DÈANAMHADHARTAS A THAOBH LEASACHADHCORPORRA, CULTARAIL, ÀRAINNEACHDAILAGUS SÒISEALTA ALBA DHÙTHCHAIL

DEALBHAN DE DH’AMANNAN RI TEACHD SO-CHREIDSINNEACH

Chan e ro-sheallaidhean den àm ri teachd a tha sna ‘suidheachaidhean’ a tha ag amasair an àm ri teachd, a dh’aindeoin na dh’fhaodadh a bhith air a thogail às nacuadrantan teamplaid suidheachaidh fa leth. San aon dòigh, chan eilear a’ toirtbreithneachadh luaich ann an gin de na teamplaidean mar, can, na suidheachaidheanas ‘miannaichte’ no ‘so-choileanaidh’. Faodar na teamplaidean a chleachdadh gusbeachdachadh nas iomlaine a thoirt air nàdar agus cumadh, agus dùbhlain airson, Albadhùthchail agus thathar gan taisbeanadh gus tuilleadh deasbaireachd agus deasbaid abhrosnachadh. Tha iad a’ riochdachadh ‘sreathan-cinn’ grunn amannan ri teachd so-chreidsinneach a leasaicheadh le luchd-ùidh.

Feumar a bhith cùramach nach dèanar cus eadar-mhìneachaidh air na teamplaidean.Tha iad a’ feumachdainn deasbaireachd nas doimhne agus sgeulachdan agus aithrisnas làine gus leudachadh air a’ choltas a dh’fhaodadh a bhith air gach fear mar àm riteachd a dh’fhaodadh a bhith ann.

Tha trì prìomh theamplaidean suidheachaidh airson 2021 a chaidh a leasachadh bhonphròiseact air an taisbeanadh gu h-ìseal mar dhiagraman 1 gu 3. Tha an dà acsais annsgach diagram a’ sealltainn na chaidh aontachadh le com-pàirtichean mar na nitheancaochlaideach a bu chudromaiche mu choinneamh Alba dhùthchail. As dèidh gachdiagram, thathar a’ dealbhachadh dhiofar cho-mheasgachaidhean a thaobh mar adh’fhaodadh na nithean seo ‘eadar-chluiche’ mu choinneamh a chèile, le bhith a’ toirt a-steach nithean caochlaideach eile far an urrainnear.

7.9

7.10

7.11

Page 86: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

70

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

DIAGRAM 1

Tha an teamplaid seo a’ tighinn bho eadar-chluiche de “chumadh agus nàdareaconamaidh dhùthchail na h-Alba taobh a-staigh na h-eaconamaidh nàiseantaiomlan” agus “soilleireachadh dreuchd agus ‘adhbhar’ Alba dhùthchail.”

Airson a’ chiad fhear de na nithean cudromach seo a tha ag adhbhrachadhatharrachadh, tha an acsais a’ gluasad bho, air an làimh dheis, eaconamaidhdhùthchail shoirbheachail ann an 2021 a tha iomadaichte, le deagh eadar-cheangalanair an taobh a-staigh agus thairis air iomadh margaidh air an taobh a-muigh, gu, air anlàimh chlì, eaconamaidh bhochd, air a fàgail air an iomall agus an crochadh air prìomhghnìomhachas fàiligeach agus eadar-theachdan cudromach bhon roinn phoblaich.

Tha an acsais tuath gu deas a’ sealltainn na h-ìre chun an d’fhuair Alba dhùthchail agusa h-eileamaidean iomadaichte cothrom leasachadh agus dreuchd shoilleir agusadhbhar chiallach aontachadh leis ‘a’ chòrr de dh’Alba.’ Aig aon cheann thafaireachdainn gu bheilear a’ gabhail ri coimhearsnachdan dùthchail agus gu bheil àiteaca taobh a-staigh na h-Alba, agus gu bheil iad a’ cur gu mòr ri èifeachdas beatha aguseaconamaidh na h-Alba. Aig a’ cheann eile tha Alba dhùthchail a chaidh a mhìneachadhle feadhainn eile taobh a-muigh nan coimhearsnachdan dùthchail agus nach eil a’coinneachadh ri feumalachdan muinntir Alba dhùthchail fhèin.

SOILLEIREACHADH DREUCHD AGUS ADHBHAR AONTAICHTE DO DH’ALBA DHÙTHCHAIL

“Bhruidhinn sinn mun chomas”

❙ Fios shoilleir mu adhbhar ach gun ghoireasanciallach

❙ Am pailteas bheachd-smuaintean agusinnleachdas bacaichte a’ sporghail airson airgeadagus taic

❙ An suidheachadh fìor an-dràsta

“Dh’fhuasgail sinn an comas”

❙ Fios shoilleir mu adhbhar Alba dhùthchail & a h-àite ann an Alba

❙ Ionnanachd meas: ‘Albannan’ dùthchail agusbailteil

❙ Ceangaltas agus eaconamaidh stèidhichte airiomairt

❙ Togte air neartan nàdarra

❙ Tha Alba dhùthchail a’ fàs na ‘goireas’ airsonchàich agus a chleachdas càch

❙ Suidheachadh eaconamach bochd (Fìor chionlùiths cumanta)

❙ Cion guth soilleir a’ leigeil le briseadh agusfògradh tachairt

‘Co-chòrdadh a thaobh ‘àite’ Alba dhùthchail’

❙ Eaconamaidh fhallain cheangailte ach Albadhùthchail a’ call a fèin-aithne

❙ An ‘raon-chluich’ airson Alba bhailteil agus luchd-tadhail chèin

❙ Eaconamaidh stèidhichte air prìomhghnìomhachasan & turasachd

❙ Tha càch air àm ri teachd na h-Alba a cho-dhùnadh

“Chaill sinn an comas” “Chaidh an comas a ghoid bhuainn”

Bochd Beatha dhùthchail shoirbheachail

Gun cho-chòrdadh no an aghaidh ‘feumalachdan’ dùthchail’

CUMADH AGUS STRUCTAR EACONAMAIDH ALBA DHÙTHCHAIL TAOBH A-STAIGH NA H-EACONAMAIDH IOMLAINE

Page 87: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

71

PÀIRT A TRÌ CAIBIDEAL 7: AMANNAN RI TEACHD DO DH’ALBA DHÙTHCHAIL

DIAGRAM 2

A-rithist, tha acsais againn a tha a’ riochdachadh cumadh agus nàdar eaconamaidhdhùthchail na h-Alba. Aig aon cheann tha e a’ sealltainn pàtran fàis soirbheachail,seasmhach, le tuarastail àrda agus tha bunait sgilean neartmhor agus iomadaichteaige. Aig a’ cheann eile tha e a’ sealltainn sgilean agus tuarastail ìseal le glè bheag dedh’iomadachadh bathair no sheirbheisean, agus tha e air a dhroch cheangal ris namargaidhean nàiseanta, agus gu h-àraid, na margaidhean eadar-nàiseanta.

Tha an dàrna acsais a’ sealltainn nàdar agus structar atharrachadh deamographaig annan Alba dhùthchail a dh’fhaodadh cuideachd a bhith a’ sealltainn atharrachaidheandeamographaig ann an àiteachan eile de dh’Alba. Aig aon cheann tha suidheachadhagainn le sluagh a tha a’ leasachadh, amalaichte agus cothromach a thaobh aois,cinnidhean agus sruthan in-imrich agus eilthireachd – Alba dhùthchail le co-chòrdadhsòisealta làidir. Air an làimh eile tha suidheachadh ann an 2021 de shluagh gu mathaosta agus a’ sìor fhàs aosta agus don bheil e a’ fàs doirbh seirbheisean a chumail suas( gu h-àraid seirbheisean poblach bunaiteach) agus comann-sluaigh dùthchail a tha guìre chudromaich a’ cur an aghaidh in-imrich agus nach eil ag iarraidh atharrachaidheanfhaicinn air an starsaich aca fhèin.

CUMADH NA H-EACONAMAIDH DÙTHCHAIL

❙ Innleachdas seirbheis

❙ Dùthchail an aghaidh bailteil agus dùthchail anaghaidh dùthchail

❙ Stiùireadh talmhainn so-ghnìomhach

❙ Turasachd

❙ Dreuchd mheudaichte don roinn phrìobhaidich

❙ Eaconamaidh mheasgaichte

❙ Innleachdach agus a’ coimhead air adhart

❙ Misneachail

❙ A’ gabhail ri atharrachadh

❙ Farpaiseach ach a’ gabhail ri atharrachadhseasmhach

❙ ‘Alba airson Pheinnseanairean’

❙ Stiùireadh talmhainn do-ghnìomhach

❙ Eaconamaidh gun adhartas

❙ Eaconamaidh a’ briseadh sìos

❙ Làn-thoradh dùthchail a’ tuiteam

❙ Maoineachas poblach a’ tuiteam ach fhathast gumòr an crochadh air taicean-airgid

(Tuarastail àrda/bunait sgilean agus gnìomhan iomadaichte)

❙ Talamh dhaibhsan tha a’ siubhal don obair

❙ Cion ruigsinneachd agus cion gabhail ri foghlamagus trèanadh

❙ Eaconamaidh air a gabhail thairis le seirbheisean

Eisimeileachd àrd, aosmhorachd

agus ‘NIMBY’achd

Sluagh cothromaichte agus iomadaichte

(co-chòrdadh sòisealta làidir)

(Le sgilean, iomadachd agus tuarastail ìseal)

‘DEAMOGRAFAIGS AG ATHARRACHADH’

Page 88: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

72

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

DIAGRAM 3

Tha an teamplaid suidheachaidh seo a’ cleachdadh acsais a tha a’ sealltainn fhreagairtean dodh’atharrachadh aimsir agus dòigh-làimhseachaidh phrìomh luchd-cluich a thaobh leasachadhpoileasaidh dùthchail, gus ceithir amannan ri teachd so-chreidsinneach a mhìneachadh.

Tha a’ chiad acsais a’ riochdachadh freagairt na h-Alba do dh’atharrachadh aimsire aguscleachdadh ghoireasan gu ruige 2021. Aig aon cheann tha dòigh-làimhseachaidh a tha dha-rìreabh seasmhach a thaobh cleachdadh stòrasan agus leasachadh eaconamach, comainn-sluaigh agus àrainneachd – no dh’fhaoidte a ràdh ‘leasachadh seasmhach dha-rìreabh’. Aig a’cheann eile, tha suidheachadh calg dhìreach an aghaidh seo, rèis gu ruige fàs ge brith dè a’chosgais agus mì-chleachdadh stòrasan do-roinnte a thaobh Alba dhùthchail.

Tha an dàrna acsais a’ riochdachadh dòigh-làimhseachaidh an riaghaltais agus luchd-ùidhdheatamach eile, mòran dhiubh stèidhichte ann am bailtean no le amas bailteil, a thaobh mara thathar a’ beachdachadh air, agus a’ dealbhadh, leasachadh dùthchail agus ga chur angnìomh. Aig aon cheann tha dòigh-làimhseachaidh a tha dha-rìreabh follaiseach agus co-obrachail a thaobh leasachadh dùthchail, le poileasaidh dùthchail a’ toirt air adhartcoimhearsnachdan dùthchail soirbheachail air feadh na h-Alba, an dà chuid ann an sgìreandùthchail iomallach agus ruigsinneach. Aig a’ cheann eile, thathar a’ coimhead ri Albadhùthchail mar, aig a’ char as fheàrr, rud don bheilear a’ toirt aire as dèidh làimh le feadhainnaig a bheil barrachd ùidh ann an leantainneachd no fàs sgìrean bailteil no cathair-bhailteil nah-Alba no, aig a’ char as miosa, mar ghoireas bheairteach a bu chòir a chreachadh. Bhiodh edoirbh ro-shealladh fhaighinn de bhuidheann phoblach no lìbhrigidh no luchd-ùidh ag innsegun robh leithid seo nam beachd. Is e adhbhar aithreachais a tha ann gu bheil eachdraidh airsealltainn far a bheil buaidhean agus builean nam planaichean agus nan gnìomhan aca airtoraidhean leithid seo a sholarachadh, tro chion co-obrachaidh agus amalachaidh, agus airsàilleabh a bhith ag amas gu tur air mion-amasan na buidhne aca fhèin.

DÒIGH-LÀIMHSEACHAIDH A THAOBH LEASACHADH DÙTHCHAIL AGUS DÈANAMHPHOILEASAIDHEAN ANN AN ALBA

“Ostraids – bobhla beigearachd”

❙ Eisimeileachd dhùthchail air tabhartasan bailteil❙ Cus amais air a’ gheàrr-ùine agus cosg gun bhrìgh

(mar chomharradh a-mhàin)❙ Às-imrich lom a’ dol gu bailtean/null-thairis❙ Nas lugha de ghnìomhachasan seasmhach❙ Tuilleadh den aon rud – fàs eaconamach fhathast

na mhòr-mhiann❙ Athaireil

“Taigh-cumhachd – Tìgear”

❙ Co-ionannachd meas eadar Alba dhùthchail agus ancòrr de dh’Alba

❙ ‘Stàile margaidh modhannach’❙ Com-pàirteachas dùthchail/bailteil iomlan agus co-chòrdail❙ Buannachdan bho theicneòlasan/gnìomhachasan

ùra agus leasachaidhean TFC❙ Eaconamaidh dhùthchail in-ghabhaltach agus iomadaichte❙ Ruigsinneachd co-ionnan agus cothromach a thaobh

seirbheisean (poblach agus margaidh)❙ A’ stiùireadh an t-saoghail ann an so-ùrachaidhean;

lùiths ùra❙ A’ stiùireadh agus a’ cumail smachd air sgudal❙ Ceann-uidhe air a mheas gu eadar-nàiseanta mar ‘a’

toirt bàrr air na h-uile’❙ Soirbheachail agus cumhachdach

❙ Crìonadh mì-chomhfhurtail

❙ Eilean fàsail dùthchail

❙ Lùghdachadh mòr ann an sluaigh eileanan

❙ An-còmhnaidh fo bhuaidh sgìrean bailteil

❙ Ais-ghnìomhach do dh’fheumalachdan sgìreanbailteil agus iomall-bhailteil

❙ Fàsalachd

❙ Fanaidh cuid – ‘a’ bheag-chuid thapaidh’

❙ Alba Dhùthchail mar a bha i bho 40-50 bliadhna

❙ Airgead air a chosg gus taic a chumail ri Albadhùthchail a tha a’ sìor fhàilligeadh

Cothromach agus in-ghabhaltach

❙ Sluagh aosmhor de luchd-còmhnaidh❙ Alba dìreach mar a bha i riamh ag ràdh gu bheil i

seasmhach ged nach eil i ga shealltainn❙ Gnìomhachasan nach eil a’ sgaoileadh carbon❙ Ionadan gairm-fòna❙ Muilnean-gaoithe air an sparradh agus air an

stiùireadh le feumalachdan lùiths bailteil❙ Còmhdhail dhaibhsan a’ siubhal don obair a’

faighinn prìomhachas àrd❙ Seirbheisean meadhanaichte❙ Turasachd agus ruigsinneachd dhùthchail

cuibhreannaichte❙ Dìon/dualchas air a bhacadh a dh’aon

ghnothaich (‘bonsai’ dùthchail)Diostòipia - Crìonadh “Sparradh – a’ peantadh an fhactaraidh uaine”

Neo-sheasmhach Seasmhach

Le amas bailteil

FREAGAIRT DO ATHARRACHADH AIMSIRE AGUS CLEACHDADH STÒRASAN

Page 89: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

CHAN EIL ALBADHÙTHCHAILSÀBHAILTE BHOMHÒRAN DE NANITHEAN ASCUDROMAICHE A THAAG ADHBHRACHADHATHARRACHADH, AGUS A DH’FHAODADHBUAIDH A THOIRT AIRDAOINE FA LETH,NÀBACHDAN,COIMHEARSNACHDANAGUS COMAINN-SLUAIGH GUCOITCHEANN.

73

PÀIRT A TRÌ CAIBIDEAL 7: AMANNAN RI TEACHD DO DH’ALBA DHÙTHCHAIL

Tha feum air seata de suidheachaidhean nas iomlaine, no dh’fhaoidte suidheachadh atha a’ riochdachadh lèirsinn co-aonaichte agus mòr-mhiannach airson Alba dhùthchail,gus beachdachadh nas doimhne a chomasachadh a thaobh nan atharrachaidhean iom-fhillte agus dlùth-cheangailte a tha air thoiseach. Dh’fhaodadh na teamplaidean, gebrith de cho mì-chinnteach, a bhith air an cleachdadh aig an ìre seo gus ceistean tùsaila chur. Nam measg, dh’fhaoidte:

❙ gu dè an ìre a tha luchd-ùidh deiseil an-dràsta airson gin den raon iomadaichte deshreathan-cinn shuidheachaidhean so-chreidsinneach?

❙ dè a bu chòir a mheas mar ghnìomhan seasmhach agus neartmhor thairis air namìosan a tha romhainn, le aire don raon seo de dh’amannan teachd a dh’fhaodadha bhith ann?

❙ dè na planaichean agus na ro-innleachdan a tha ann an-dràsta a dh’fhaodadh adhèanamh nas duilghe aghaidh a chur ri dùbhlain agus gabhail ri cothroman sanàm ri teachd, no a dh’fhaodadh Alba dhùthchail agus a coimhearsnachdan agus ah-eaconamaidhean a dhèanamh nas eu-comasaiche air soirbheachadh sna h-amannan ri teachd seo?

❙ dè a tha sinn a’ dèanamh an-dràsta a bu chòir dhuinn a dhèanamh barrachd no aneartachadh, gus an urrainn dhuinn na h-amannan ri teachd as roghnaiche, norudan miannaichte annta, a choileanadh?

❙ dè na gnìomhan, beachd-smuaintean agus innleachdan air am bu chòir dhuinnbeachdachadh a-nis ri linn cuid de na teachdaireachdan a tha a’ tighinn bhonsmaoineachadh seo a tha ag amas air amannan ri teachd?

Tha e follaiseach gum faodadh teamplaidean eile a bhith air an leasachadh, agusdh’fhaodadh sin tachairt fhathast. Dh’fhaodadh gum biodh feum ann an aithriseanshuidheachaidhean nas iomlaine agus nas beairtiche bho na roghainnean a tha air andealbhachadh gu h-àrd. Ach, a dh’aindeoin seo, tha co-aonta tùsail am measg luchd-ùidh chom-pàirteachail a thaobh nan nithean as cudromaiche a tha ag adhbhrachadhatharrachadh air am bu chòir beachdachadh nas mionaidiche. Tha aonta ann gu ìrechudromaich gum faodadh e a bhith feumail agus co-bhuannachdail a bhith ag obaircòmhla nas dlùithe, a’ cleachdadh dhòighean-dealbhaidh shuidheachaidhean adh’fhaodadh cuideachadh gus mì-chinnt a lùghdachadh agus a stiùireadh ann andealbhadh adhartach air poileasaidh dùthchail.

7.12

7.13

Page 90: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

74

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

LÈIRSINN AIRSON ALBA DHÙTHCHAIL 2021

Faodar, ge-tà, bhon obair a rinneadh chun a seo agus stèidhichte air beachdan luchd-ùidh, dà bhuil airson Alba dhùthchail 2021, a tha calg dhìreach an aghaidh a chèile, achur mu choinneamh a chèile gus na h-eadar-dhealachaidhean a shoilleireachadh. Aigaon cheann tha seata de shreathan-cinn shuidheachaidhean a tha mòr-mhiannach,agus dh’fhaoidte ag amas ro àrd; aig a’ cheann eile tha àm ri teachd fìor mhì-thlachdmhor agus mhì-chàilear airson Alba dhùthchail. Gu cudromach, choisinn ansuidheachadh mòr-mhiannach taic cho-aontach bho luchd-ùidh agus dh’fhaodadh e abhith na bhunait airson aithris lèirsinn choitcheann a leasachadh do dh’Alba dhùthchail.

CO-DHÙNAIDHEAN

Is e dreuchd na h-obrach theachdail seo, toirt air luchd-ùidh bhunaiteach dhùthchailsmaoineachadh ann an dòigh nas structarail agus nas eadar-dhealaichte na roimhe. Buchòir do thoraidhean a’ phròiseict ghoirid a chaidh a ghabhail os-làimh mar phàirt deleasachadh na sgrìobhainn seo, tuigse agus beachdachadh mu phoileasaidhean agusghnìomhan a chuideachadh gus na sgìrean dùthchail againn a chumail suas, aleasachadh agus a bheathachadh thar rè-ama eadar-dhealaichte. Bu chòir dodheasbaireachd agus deasbad dèanamh cinnteach gun tèid beachdachadh airgnìomhan agus roghainnean seasmhach agus làidir gus an cothrom as fheàrr a thoirtdo na pàirtean agus na coimhearsnachdan ùidheil eadar-dhealaichte a tha ann an Albadhùthchail. Bidh na toraidhean a’ leantainn air adhart a’ toirt buannachd dhaibhsan atha an crochadh air, a’ fuireach ann, agus a’ gabhail tlachd à, sgìrean dùthchailruigsinneach agus iomallach na h-Alba.

EILEAMAIDEAN A DH’FHAODADH ABHITH ANN A THAOBH LÈIRSINNCHOITCHEANN AIRSON ALBADHÙTHCHAIL FHALLAIN, SHEASMHACHAGUS SHOIRBHEACHAIL ANN AN 2021

❙ Adhbhar shoilleir do dh’Alba dhùthchailagus a h-àite ann an Alba

❙ Ceangaltas agus eaconamaidh stèidhichteair iomairt

❙ Togte air neartan nàdarra❙ Co-ionannachd meas eadar Alba

dhùthchail agus an còrr de dh’Alba❙ ‘Stàile margaidh modhannach’❙ Com-pàirteachas dùthchail/bailteil iomlan

agus co-chòrdail❙ Buannachdan bho

theicneòlasan/gnìomhachasan ùra agusleasachaidhean TFC

❙ Eaconamaidh in-ghabhaltach agusiomadaichte

❙ Ruigsinneachd cho-ionnan aguscothromach do sheirbheisean (poblachagus margaidh)

❙ A’ stiùireadh an t-saoghail ann an lùithsso-ùrachaidh/ùr

❙ A’ stiùireadh agus a’ cumail smachd airsgudal

❙ Ceann-uidhe air a mheas gu eadar-nàiseanta mar ‘a’ toirt bàrr air na h-uile’

❙ Soirbheachail agus cumhachdach❙ Dreuchd mheudaichte don roinn

phrìobhaidich❙ Eaconamaidh mheasgaichte❙ Innleachdach agus a’ coimhead air adhart❙ Misneachail❙ A’ gabhail ri atharrachadh❙ Farpaiseach ach a’ gabhail ri atharrachadh

seasmhach

EILEAMAIDEAN A DH’FHAODADH A

BHITH AN LÙIB DROCH BHUIL DO ALBA

ANN AN 2021

❙ ‘Alba do Pheinnseanairean’❙ Stiùireadh talmhainn ais-ghnìomhach❙ Eaconamaidh gun adhartas❙ Eaconamaidh a’ briseadh sìos❙ Làn-thoradh dùthchail a’ tuiteam❙ Maoineachadh poblach a’ tuiteam agus

fhathast gu mòr an crochadh air taicean-airgid

❙ Crìonadh mì-chomhfhurtail❙ Eilean fàsail dùthchail❙ Lùghdachadh mòr ann an sluaigh eileanan❙ lean-còmhnaidh fo bhuaidh sgìrean

bailteil❙ Ais-ghnìomhach ri feumalachdan sgìrean

bailteil agus iomall-bhailteil❙ Fàsalachd❙ Fanaidh cuid – ‘a’ bheag-chuid thapaidh’❙ Alba Dhùthchail mar a bha i o chionn 40-

50 bliadhna❙ Airgead air a chosg gus taic a thoirt do

dh’Alba dhùthchail a tha a’ sìorfhàilligeadh

❙ Alba dhùthchail na ‘goireas’ gu bhith air acleachdadh le, agus airson, chàich

❙ Suidheachadh eaconamach truagh(èiginn-lùiths cumanta)

❙ Cion guth soilleir a’ leigeil le briseadhagus fògradh tachairt

7.14

7.15

Page 91: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

75

PÀIRT A TRÌ CAIBIDEAL 7: AMANNAN RI TEACHD DO DH’ALBA DHÙTHCHAIL

Bu chòir don a seo agus obair theachdail eile fiosrachadh a chur ri roghainnean airsonbuannachd ghinealaichean a tha ann an-dràsta agus a bhios ann fhathast. Tha e a’taisbeanadh gu bheil neartan agus spionnadh cudromach airson atharrachadh muchoinneamh na h-Alba – cuid dhiubh le comas taic a thoirt do dh’amasan agus mòr-mhiannan aimsireil luchd-ùidh: cuid dhiubh nach eil cho faicsinneach agus adh’fhaodadh milleadh a dhèanamh. Feumaidh tuigse nas cuimsiche na tha ann an-dràsta am measg riaghaltas, comann-sluaigh agus gnothachas a bhith ann a thaobh gubheil saoranaich uile na h-Alba, fa leth agus corporra, nan luchd-ùidh ann an Albadhùthchail sheasmhach, shoirbheachail agus nas fheàrr gu nàdarra.

Tha deasbaireachd agus deasbad air ceistean teachdail cuideachd air ceisteancudromach eile a dhaingneachadh. Tha luchd-ùidh soilleir nach eil a h-uile pàirt dedh’Alba dhùthchail co-ionann ri chèile. Feumar sin, agus cumadh, structar agus nàdarnan diofar phàirtean de na sgìrean dùthchail againn a thuigsinn agus a shealltainn annam poileasaidhean agus gnìomhan. Tha dleastanas oirnn uile airson a bhith a’ dìon, a’leasachadh (eaconamach is eile) agus a’ cleachdadh sgìrean dùthchail na h-Alba ann andòigh chruthachail. Tha e cho cudromach don àm ri teachd a bhith a’ tuigsinn agus a’gabhail aire do na dionamaigs a tha air cùl rudan, agus na nithean a tha an eisimeil achèile taobh a-staigh Alba dhùthchail, ’s a tha e a bhith ag aithneachadh nan eadar-dhealachaidhean agus nan dàimhean eadar Alba ‘dhùthchail’ agus Alba ‘bhailteil’.Bheir obair leasachaidh a bharrachd a thaobh a bhith a’ togail tuilleadhshuidheachaidhean cuimseach tuilleadh tuigse mu dhionamaigs agus eadar-chluichenan nithean cudromach seo.

Tha na dòighean ’s a bheil poileasaidhean agus ro-innleachdan bhuidhnean poblach,coimearsalta agus treas roinne co-cheangailte agus le thar-bhuaidhean, uaireannan lebuilean mì-thlachdmhor, cuideachd a’ feumachdainn tuigse tòrr nas fheàrr. Nascudromaiche, feumaidh na poileasaidhean, planaichean agus ro-innleachdan seo abhith air an amalachadh nas fheàrr gus an dìon airson an ama ri teachd. Tha oidhirpeana bharrachd a dhìth gus deuchainn a dhèanamh air na poileasaidhean, planaicheanagus ro-innleachdan a tha ann agus a bhios ann, gus cur às do bhuilean nach eil chomath agus ris nach robh dùil, tro smaoineachadh agus cleachdadh co-obrachail nas co-chòrdaile agus nas èifeachdaiche. Bu chòir gun deidheadh poileasaidhean agus ro-innleachdan leithid seo a thoirt tro raon de dh’amannan ri teachd so-chreidsinneach dodh’Alba dhùthchail, leasaichte mar aithrisean cruthachail shuidheachaidhean. Is dòchagum faodadh suidheachaidhean chàich – mar eisimpleir a thaobh amannan ri teachd adh’fhaodadh a bhith mu choinneamh na h-Alba no sgìrean dùthchail eile no a’ buntainnri leasachadh dùthchail gu h-eadar-nàiseanta – ar cuideachadh gus dèanamh cinnteachgu bheil poileasaidhean agus ro-innleachdan làidir, so-atharrachail agus sùbailte thairisair raon de dh’amannan ri teachd a dh’fhaodadh a bhith ann. Tha innealan agusdòighean-obrach ann airson ar cuideachadh gus na h-amasan seo a choileanadh. Thaan deòin am measg luchd-ùidh gus seo a dhèanamh a’ tighinn am bàrr gu follaiseach.

Chaidh ìre àrd de cho-aontachd luchd-ùidh a leasachadh air grunn cheistean rè obairnan amannan ri teachd. Bha e gu h-àraid furasta mothachadh don a seo a thaobh aontamu na nithean as cudromaiche a tha ag adhbhrachadh atharrachadh agus buin-stèidhphàirtean tùsail de ‘lèirsinn’ a dh’fhaodadh tighinn am bàrr airson Alba dhùthchail mu2021. Bha co-aonta follaiseach cuideachd a thaobh an riatanas a bhith a’ dèanamhdeuchainn air poileasaidhean agus ro-innleachdan a tha ann an-dràsta agus a nithearfhathast airson builean agus buaidhean ioma-raoin.

7.16

7.17

7.18

7.19

Page 92: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

76

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Tha beachd leantainneach air a bhith ann gu bheil Alba dhùthchail, le a cruthaniomadaichte, a’ tabhann tabhartas fìor airson, agus gealltanas do, àm ri teachd nadùthcha. Tha Alba dhùthchail na pàirt chudromach de shoirbheas seasmhach nadùthcha san àm ri teachd agus tha i aig ìre chudromach ann an eadar-chluiche agusceanglaichean nan nithean a tha ag adhbhrachadh atharrachadh, agus faodarbeachdachadh air mòran de na buaidhean aca tro smaoineachadh teachdail.Dh’fhaodadh eòlas mu dhionamaigs dùthchail a tha againn an-dràsta agus a tha a’tighinn am bàrr agus cleachdadh iomchaidh air innealan ro-innleachdail leithidsmaoineachadh teachdail a thoirt còmhla airson cur ri soirbheas leantainneach agusìrean àrda inbhe-beatha agus mathais ann an dòigh eadar-dhealaichte aguscumhachdach. Ann an cuid de dhòighean, tha seo air tachairt mar-thà: ach thathar denbheachd gur mathaid bheil meud tabhartas sgìrean dùthchail, agus, mar sin, nacothroman a dh’fhaodar a chall, nas motha na bha iad riamh. Dh’fhaodadh antabhartas dùthchail seo a bhith air a chall no, dh’fhaoidte nas miosa, a bhith air adhiùltadh. Tha cothroman mòra ann gus dealbhadh ann an dòigh cheart airson àm riteachd Alba dhùthchail. Cuideachd, tha cunnartan a cheart cho mòr an lùib cionlèirsinn, droch cho-obrachadh agus amalachadh agus mì-chleachdadh stòrasan.

Chaidh an t-adhartas ann an leasachadh poileasaidh dùthchail agus eisimpleireanleantainneach de shoirbheas ann am builean poileasaidh agus cleachdaidheanseirbheis, a tha air an ainmeachadh am bad eile den sgrìobhainn seo – gu h-àraid agèirigh bho na roinnean poblach, coimearsalta agus an treas roinn ag obair ann an com-pàirteachas dèanadach – aithneachadh tro obair theachdail. Is e dùbhlan cudromach atha ann a bhith a’ gluasad gu glic bho bhith ‘a’ gabhail aire’ de dh’adhartas gu ruige àmri teachd mì-chinnteach.

Tha an sgrìobhainn seo mar-thà a’ mìneachadh grunn dhùbhlain airson an ama riteachd. Tha e glic, ge-tà, beachdachadh air prìomhachasan agus co-dhùnaidhean air andeach deuchainn a dhèanamh mu choinneamh raon de dh’amannan ri teachd so-chreidsinneach a dh’fhaodadh a bhith ann agus a tha sinn airson a choileanadh airsonAlba dhùthchail. Gu h-iongantach, cuiridh seo ri neart agus sùbailteachd leasachadhpoileasaidh agus dèanamh cho-dhùnaidhean. Tha na roghainnean as cudromaichebhon t-seata dhùbhlain a chaidh a dheasbaireachd rè obair nan amannan ri teachd, airan deagh shealltainn sna ceithir tiotalan cuadrant fa leth den teamplaid suidheachaidhaig diagram 1. Bho shealladh 2021, is i a’ cheist bhunaiteach, dè thachair do chomasAlba dhùthchail thairis air na còig, deich agus còig bliadhna deug a tha ri thiginn:

❙ An e gun deach bruidhinn air a’ chomas ach an uairsin gun deach a chaitheamh?

❙ An deach an comas a chall gu sìorraidh?

❙ An d’fhuair Alba bhailteil agus feadhainn eile cothrom gus comaschoimhearsnachdan dùthchail agus an leasachadh seasmhach aca a ghoid?

❙ No an deach an comas fhosgladh gu cuimseach, seasmhach agus le chèile airsonbuannachd na h-Alba; dùthchail agus eile?

7.20

7.21

7.22

Page 93: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

77

PÀIRT A TRÌ CAIBIDEAL 7: AMANNAN RI TEACHD DO DH’ALBA DHÙTHCHAIL

Tha am pròiseas gus smaoineachadh tùsail le amas air leasachadh amannan ri teachdair:

❙ am feum bunaiteach gus smaoineachadh agus a dhol an gnìomh gu co-obrachail adhaingneachadh; agus

❙ soilleireachadh a thoirt air an fheum gus an eadar-cheangal a neartachadh eadarluchd-ùidh dùthchail uile, agus eadar feadhainn a tha ag obair còmhla gus ancomas fìor mhòr a tha ri fhaotainn an dà chuid bho sgìrean dùthchail agus bailteilna h-Alba a mheudachadh.

GNÌOMH ADHARTACH

Tha feum aig an obair a tha ag amas air amannan ri teachd air tuilleadh leasachaidh.Cuidichidh seo tuigse mu na dionamaigs taobh a-staigh an raon shuidheachaidhean atha rin lorg ann an Alba dhùthchail, agus an t-eadar-chluich eadar na sgìrean ‘dùthchail’agus ‘bailteil’ againn. Bheir tuilleadh leasachaidh air suidheachaidhean an cothrom gusinnleachdas aig ìrean smaoineachaidh agus dealbhaidh a bhrosnachadh ann anleasachadh dùthchail. Dh’fhaoidte gum bi gnìomhan leithid seo nam bunait airson co-obrachadh tùsail nas iomlaine agus airson togail co-aontachd eadar luchd-ùidh ann anAlba dhùthchail.

7.23

7.24

Page 94: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

78

8: ATH CHEUMANNAN

NA PRÌOMH AMASAN AGAINN:❙ Com-pàirteachas luchd-ùidh agus iomlaid eòlais a leasachadh;

❙ Togail air an obair theachdail, gus lèirsinn choitcheann airson sgìrean dùthchail nah-Alba a bhrosnachadh – le amas nas soilleire air na builean mòr-mhiannaichteagus na prìomhachasan aontaichte airson a bhith a’ co-obrachadh gus an ruigsinn;

❙ Bunait fhianais nas fheàrr airson adhartas agus soirbheas a thomhais muchoinneamh – le comharran-measaidh, ìrean aontaichte rin coileanadh agusprìomh chomharran adhartais: agus rèiteachaidhean airson ath-bhreithneachaidhean cunbhalach air poileasaidh agus adhartas.

Chan urrainn agus cha bu choir dhan Riaghaltas, agus dha na buidhnean aige, anlèirsinn, na prìomhachasan agus na builean mhiannaichte airson Alba dhùthchail aleasachadh agus a lìbhrigeadh leotha fhèin. Tha sinn a’ feumachdainn, agus agiarraidh, luchd-ùidh bho na roinnean poblach, prìobhaideach is bhon treas roinn, agusbho air feadh Alba dhùthchail, airson a dhol an sàs gu gnìomhach agus gu gnothaicheil– a’ roinn bheachdan agus eòlais – ann a bhith a’ dèanamh sin. Tha sinn ag iarraidh co-òrdanachadh a leasachadh agus gnìomhachasan a chuir an sàs, airson dèanamhcinnteach gu bheil gnìomhachas agus sruthan ionmhais ag obair còmhla gu co-chòrdail. Gu h-iomlan, ’s e an t-amas againn leasachadh, lìbhrigeadh agus buaidhpoileasaidh agus seirbheis a thoirt air adhart.

A’ LEASACHADH COM-PÀIRTEACHAS LUCHD-ÙIDH AGUS IOMLAID EÒLAISNA RINNEADH

Tha na clàran-gnothaich airson Ùrachadh Riaghaltais agus Ath-leasachadh RoinnePoblaich air ciallachadh ìrean gun choimeas de cho-chomhairleachadh agus com-pàirteachadh anns an fharsaingeachd le luchd-ùidh o chionn ghoirid.

Tha COSLA agus ùghdarrasan ionadail nam prìomh luchd-ùidh. Tha FòramanEacanomaigeach Ionadail agus Com-pàirtichean Dealbhadh Coimhearsnachd air amas adheasachadh airson co-òrdanachadh, prìomhachas agus lìbhrigeadh ionadail. Tha sinna’ dèanamh adhartas agus tha sinn air togail air a seo, ach tha tuilleadh air adhealbhadh agus ri dhèanamh gus leasachadh a thoirt air na rèiteachaidhean a tha annmar-thà.

O chionn beagan bhliadhnaichean tha Fòram Dùthchail Albannach agus Lìonra Com-pàirteachas Dhùthchail na h-Alba air obrachadh mar rèiteachaidhean com-pàirteachasluchd-ùidh. Cuideachd, tha prògram rannsachaidh gnìomh air a bhith ann – GuthanDùthchail. Airson grunn adhbharan, chan eil iad sin air a bhith mar bu chòir agus thaiad air a dhol a-mach à cleachdadh. Tha sinn airson dèanamh cinnteach gum bi guthfreagarrach agus iomchaidh ann airson cùisean ionadail agus tha sinn a’ toirt taic dodh’ obair a tha a’ dèanamh ath-bhreithneachadh air eòlas agus a’ beachdachadh airrèiteachaidhean airson an ama ri teachd.

Tha Co-chruinneachadh na Gaidhealtachd is nan Eilean ag obrachadh mar fhòramairson co-chomhairleachadh, deasbad agus “dearbhadh dùthchail” eadar Ministearanagus prìomh luchd-ùidh bhon an roinn sin.

8.1

8.2

8.3

8.4

8.5

Page 95: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

79

PÀIRT A TRÌ CAIBIDEAL 8: ATH CHEUMANNAN

Tha luchd-ùidh air a bhith an sàs ann an leasachadh ro-innleachdan roinneil agus eile, agus planaichean gnìomha co-cheangailte, a tha a’ toirt buaidh air cùiseanionadail; agus aig a bheil prìomh àite ann a bhith gan lìbhrigeadh. ’S e aon eisimpleir,co-chomhairleachadh a chaidh a dhèanamh o chionn ghoirid air Prògram agus Ro-innleachd Leasachaidh Dhùthchail na h-Alba airson 2007–13, le molaidheanairson dòighean maoineachaidh nas sìmplidhe agus nas co-òrdanaichte agus cuir

a-steach luchd-ùidh roinneil agus ionadail gu prìomhachasan phrògraman agusrèiteachaidhean lìbhrigidh.

Bidh Eachdraidh Alba, le lìonra de thogalaichean air feadh Alba dhùthchail, ag obaircuide ri coimhearsnachdan ionadail agus bidh iad a’ solarachadh obraichean agustrèanadh aig inbhe àrd air feadh na dùthcha.

Ann an 2004, chuir Coimisean Coilltearachd na h-Alba air bhonn còig FòramanCoilltearachd Roinneil le buill bho na roinnean eaconamach, àrainneachdail agussòisealta airson cur ri dealbhadh agus lìbhrigeadh phoileasaidh aig ìre roinneil.

Chaidh Buidhnean Gnìomh Ionadail a chur air bhonn agus tha iad ag obair ann an cuidde sgìrean, fon phrògram LEADER, airson ro-innleachdan agus gnìomhchoimhearsnachdan ionadail a bhrosnachadh. A-rithist tha seo nas leasaichte agus nassoirbheachaile ann an cuid de sgìrean seach feadhainn eile.

8.6

8.7

8.8

8.9

Page 96: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

80

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Tha SEERAD air cùmhnant a dhèanamh cuide ri Comhairle Bhuidhnean Saor-thoileachna h-Alba airson gun obraich e mar àite co-obrachaidh, còmhraidh agus sgaoileadhfiosrachaidh agus deagh chleachdaidh dhan roinn shaor-thoileach air feadh Albadhùthchail. Thathar cuideachd air Làrach-lìn Bealach Coimhearsnachd Dhùthchail aleasachadh airson fòram mas fhìor agus bealach a sholarachadh airson fiosrachadhdùthchail, comhairle agus roinn deagh chleachdaidh.

Tha sinn air tòiseachadh a’ stiùireadh agus ag eagrachadh SEERAD agus na buidhneanaige as ùr, gus cuimseachadh air a bhith a’ lìbhrigeadh phrìomh bhuilean agusruigsinneachd ionadail, comhairle agus seirbheisean nas fheàrr a thoirt don luchd-caitheimh againn.

GNÌOMHAN SAN ÀM RI TEACHD

Togaidh sinn air na gnìomhan agus na dòighean eagrachaidh sin le bhith:

❙ a’ dèanamh lèirmheas air na leasanan a thathar air ionnsachadh bhon an FhòramDùthchail, Lìonra Com-pàirteachas Dùthchail na h-Alba agus Guthan Dùthchail,cuide ri prìomh luchd-ùidh, agus a’ beachdachadh air dòighean eagrachaidh ùr – a’gabhail a-steach cothroman airson lìonraidhean “mas fhìor” nas fheàrr airson abhith a’ roinn eòlas, fiosrachadh agus deagh chleachdadh;

❙ a’ togail air na structairean, eòlas agus càirdeas a chaidh a leasachadh tro naFòraman Eaconamach Ionadail agus Com-pàirteachasan DealbhadhCoimhearsnachd, le cothrom dhuinn a bhith ag obair nas dlùithe leotha agusdreuchd nas motha a bhith aca a thaobh dèanamh cho-dhùnaidhean aguslìbhrigeadh;

❙ a’ toirt taic do leasachaidhean ann an raoin agus comas nan Buidhnean GnìomhaIonadail, fon phrògram LEADER bho 2007, gus an urrainn dhaibh barrachd a chur rignìomhan dealbhaidh agus leasachaidh choimhearsnachdan ionadail ann an Albadhùthchail;

❙ a’ cumail a’ dol a’ stiùireadh agus ag eagrachadh teaghlach SEERAD as ùr. Gu h-àraid tha an iomairt againn “Air an Talamh” ag amas air co-òrdanachadh nas fheàrr,barrachd fòcas roinneil/ionadail agus taic nas fheàrr a sholarachadh don a h-uileduine a tha an sàs ann am poileasaidh dùthchail agus lìbhrigeadh bhuilean; agus

❙ a’ cumail a’ dèanamh cinnteach gu bheil ro-innleachdan, gnìomhan agus sruthanionmhais ag obair còmhla, gus dèanamh cinnteach gu bheil an ìre is motha demheudachadh agus luach airgid ri fhaighinn bho an tasgadh air fad air feadh Albadhùthchail.

Bidh sinn ag iarraidh air na com-pàirtichean dùthchail againn, thar nan roinnean,obrachadh gu math agus gu gnìomhachail cuide rinne a thaobh nan cùisean: gus ampàirt fhèin a choileanadh ann an leasachadh agus lìbhrigeadh na lèirsinn agus a’ chlàir-ghnothaich aontaichte airson Alba dhùthchail, air bunait ùidhean coitcheann agusdleastanasan agus buannachdan co-roinnte.

8.10

8.11

8.12

8.13

Page 97: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

81

LÈIRSINN CHO-ROINNTEMar a chaidh a nochdadh na bu tràithe, tha obair thùsail airson an ama ri teachd airsealltainn cho cudromach is a tha lèirsinn agus prìomhachasan soilleir airson a bhithcinnteach à àm ri teachd soirbheachail do sgìrean dùthchail na h-Alba (agus na a thaiad uile a’ cur ri soirbheas nàiseanta). Tha sinn ag iarraidh togail air a seo, leis an amasgun tèid lèirsinn cho-roinnte agus prìomhachasan agus gnìomhan cudromach fhaotainngus na builean miannaichte a choileanadh. Taobh a-staigh seo, gun teagamh, bidhfeum air cothrom – mar a tha air aithneachadh tron phàipear seo – airson diofardhòighean-làimhseachaidh agus phrìomhachasan a nochdas caochladh fheumalachdanagus shuidheachaidhean nan sgìrean dùthchail iomadaichte againn.

NA CHAIDH A DHÈANAMH

Anns an fharsaingeachd, thar an Riaghaltais, tha gluasad air a bhith ann gu ruigedòigh-làimhseachaidh a tha a’ cuimseachadh air builean, le cùmhnantan eadarRiaghaltas/na buidhnean agus solaraichean seirbheis aige, a tha nochdte ann anaontachaidhean bhuilean – mar eisimpleir, Aontachaidhean Builean Ath-nuadhachaidhChoimhearsnachdan na h-Alba le Com-pàirteachasan Dealbhadh Coimhearsnachd.

Taobh a-staigh SEERAD, tha sinn air seata de phrìomh bhuilean a chomharrachadh, aira bheil sinne agus ar teaghlach de bhuidhnean a’ cuimseachadh barrachd agus ag obaira dh’ ionnsaigh – figear 10 gu h-ìseal. Tha iad a’ nochdadh nan dleastanasanleasachaidh dùthchail agus àrainneachdail againn anns an fharsaingeachd: agus na h-amasan iomlan againn a bhith a’ dèanamh cinnteach à leasachadh seasmhach aguspoileasaidh air a stèidheachadh air fianais agus rèiteachaidhean lìbhrigidh.

THA OBAIR THÙSAIL A THAOBHAMANNAN RI TEACHD AIRNOCHDADH CHO CUDROMACH ’S ATHA LÈIRSINN SHOILLEIR AGUSPRÌOMHACHASAN GUS DÈANAMHCINNTEACH À ÀM RI TEACHDSOIRBHEACHAIL DO SGÌREANDÙTHCHAIL NA H-ALBA.

8.14

8.15

8.16

Page 98: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

82

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

FIGEAR 10BUILEAN SEERAD

NA H-UILE AN ALBA AG OBAIR GU RUIGE LEASACHADH SEASMHACH, LE

1. Àidhear ghlan

2. Uisge òl sàbhailte, aig prìs ruigsinneach

3. Coimhearsnachdan air an dìon bho thuil, atharrachadh aimsir agus

cunnartan àrainneachdail eile

4. Sgudal air a lùghdachadh, air ath-chuartachadh mas urrainnear, agus air

dèiligeadh ris ann an dòigh cheart

5. Aibhnichean, lochan agus tràighean saor bho thruailleadh

6. Cruthan-tìre agus bith-iomadachd air an deagh chumail suas agus a’ toirt

buannachd do dhaoine agus ghnothaichean

7. Àiteachas, coilltearachd agus iasgach seasmhach, farpaiseach ann am

margaidhean agus a’ cur ri eaconamaidhean ionadail

8. Beathaichean dachaigh agus tuathanais a tha fallain agus a’ faighinn

deagh chùram

9. Leasachadh dùthchail a’ toirt buannachd do choimhearsnachdan

10. Ruigsinneachd do sheirbheisean poblach do dhaoine ann an sgìrean

dùthchail; agus

SAIDHEANS AIR A NOCHDADH GU H-IOMLAN ANN AN DEALBHADH GHNOTHAICHEAN ÀRAINNEACHDAIL, MARA AGUS DÙTHCHAIL NA H-ALBA

Ann a bhith a’ leasachadh nan ro-innleachdan agus nam prògraman againn, tha sinn a’cuimseachadh barrachd agus a’ toirt prìomhachas do thaic ionmhais air na builean sin.Nochdaidh prìomhachasan phrògraman, iarrtasan taic ionmhais phròiseactan, agussgrùdadh agus measadh sgeamaichean agus phrògraman fo Phrògram LeasachadhDùthchail na h-Alba 2007–13, mar eisimpleir, dòigh-làimhseachaidh air a stèidheachadhair builean, a thuilleadh air ceistean cunntachalachd eile.

8.17

Page 99: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

83

PÀIRT A TRÌ CAIBIDEAL 8: ATH CHEUMANNAN

GNÌOMHAN AIRSON AN AMA RI TEACHD

Tha sinn airson gum bi barrachd aire aig na h-uile air leasachadh agus coileanadh nalèirsinn agus nam builean prìomhachasaidh airson Alba dhùthchail. Mar phàirt de narèiteachaidhean com-pàirteachaidh luchd-ùidh leasaichte a tha air an ainmeachadh guh-àrd, ni sinn:

❙ barrachd obrach gus dèanamh cinnteach à dealas coitcheann airson lèirsinn do dh’Alba dhùthchail agus aonta air na prìomh innleachdan airson atharrachaidhean athoirt gu buil;

❙ aonta a shireadh air prìomh bhuilean (a’ cleachdadh bhuilean SEERAD mar bhunaitairson deasbad) agus prìomhachasan airson gnìomh agus eadraiginn;

❙ dòighean-làimhseachaidh co-obrachail, co-chòrdail a leasachadh gus na buileanmiannaichte a choileanadh.

A’ DÈANAMH ATH-BHREITHNEACHADH AIR AN FHIANAIS, AN ADHARTASAGUS NA POILEASAIDHEANMhìnich Rural Scotland – A New Approach amasan poileasaidh farsaing airson Albadhùthchail. Tha tòrr fiosrachadh sgrùdaidh, measaidh, rannsachaidh agus staitistigeilga chruinneachadh, ga mhion-sgrùdadh agus ga thaisbeanadh gus dealbh farsaing athoirt air mathas nan sgìrean dùthchail againn – mar eisimpleir ann an aithisgeandùthchail bliadhnail, ann an leabhran Rural Scotland: Key Facts62, agusfoillseachaidhean eile. Tha tòrr den fhianais agus fiosrachadh sin air a nochdadh, no aira thogail anns an sgrìobhainn seo.

Ach tha sinn ag iarraidh amas nas soilleire air builean (buaidhean) nam poileasaidheanagus nan gnìomhan againn. Airson sin a dhèanamh, feumaidh sinn a bhith air naprìomh bhuilean aontachadh, comharran-measaidh a chur air an ‘àite tòiseachaidh’,agus a bhith comasach dàta a chruinneachadh agus a mhion-sgrùdadh tric agus ann andòigh earbsach, chunbhalach, gus an tèid againn air adhartas agus coileanadh athomhas.

GNÌOMHAN AIRSON AN AMA RI TEACHD

Tha sinn ag iarraidh togail air rèiteachaidhean sgrùdaidh agus measaidh a tha ann mar-thà, mar phàirt de dhòigh-làimhseachaidh ùr, lèirsinneach, a tha a’ cur barrachd amaisair builean, a thaobh poileasaidh agus leasachadh dùthchail. Cuide ri luchd-ùidh, agusa’ gabhail suim de dhàta a tha air a chruinneachadh agus ri fhaighinn mar-thà, tha sinnairson:

❙ rèiteachaidhean aontachadh airson ‘comharradh-measaidh’ a chur air an t-suidheachadh a th’ ann an-dràsta a thaobh prìomh cheumannan;

❙ aonta fhaighinn air na h-ìrean piseach air am bi sinn ag amas còmhla;

❙ cruinneachadh de phrìomh chomharran coileanaidh (fo-bhuilean agus clachan-mìle)a dheasachadh airson an cleachdadh ann a bhith a’ tomhas adhartas aguscoileanadh;

❙ a thuilleadh air measadh leantainneach agus co-roinn eòlais agus fiosrachaidh, ath-bhreithneachaidhean agus aithisgean neo-eisimeileach a bharrantachadh bho àmgu àm air adhartas agus staid Alba dhùthchail;

❙ cuide ri luchd-ùidh, ath-bhreithneachadh cunbhalach a dhèanamh air an fhianaisagus na dòighean-làimhseachaidh agus na prìomhachasan poileasaidh dùthchailagainn.

62 http://www.scotland.gov.uk/Resource/Doc/153637/0041340.pdf

8.18

8.19

8.20

8.21

Page 100: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

84

Tha Alba dhùthchail – an sluagh, na h-àiteachan, na coimhearsnachdan agus na cultaranaice – a’ seasamh aig àite cudromach agus inntinneach san leasachadh aice. Tha cuidga fhaicinn mar àite far am faodadh an uidheam-tomhais a dhol taobh seach taobh, ledùbhlain agus cothroman mòra air thoiseach, a tha a’ daingneachadh na feumalachdairson leasachadh poileasaidh agus gnìomhan teachdail smuainteachail, eòlach. Thaam pròiseas beachdachaidh agus co-chomhairleachaidh a rinneadh le prìomh luchd-ùidh nuair a bhathar a’ deasachadh na sgrìobhainn seo, air soilleireachadh a thoirt airan tuigse fhàsmhor agus cho-roinnte den chomas àraid a tha ann do dh’Albadhùthchail, agus an dreuchd agus an tabhartas aice san fharsaingeachd, gu nàiseanta(agus gu dearbh, eadar-nàiseanta).

Tha an sgrìobhainn seo a’ sealltainn an raon gnìomha fharsaing a chaidh a ghabhail os-làimh, no a thathar a’ gabhail os-làimh, gus dealbhadh agus leasachadh leantainneachagus seasmhach de sgìrean dùthchail na h-Alba a bhrosnachadh – am mathas eaconamach,àrainneachdail, sòisealta agus cultarail aca. Tha na sgìrean dùthchail againn air antabhartas cudromach agus leantainneach aca fhèin a thabhann – a’ gabhail a-steach abhith mar thobar mathais agus inbhe beatha, de bhuannachd (dìreach agus neo-dhìreach) do dh’eaconamaidh na h-Alba, agus ann an gineadh calpa sòisealta. Thafianais ann de dh’adhartas agus soirbheas cudromach. Tha bun-stèidh làidir ann air amfaodar togail san àm ri teachd.

Tha ruigsinneachd fhàsmhor ris nach robh dùil air a bhith aig luchd-ùidh dùthchail guruige pròiseasan agus dealbhadh phoileasaidhean agus ro-innleachdan o chionnghoirid. Thathar a’ sìor thiomnachadh dleastanas agus cumhachdan gusprìomhachasan a mhìneachadh agus co-dhùnaidhean a dhèanamh aig ìre nas ionadail.Cuidichidh pròiseasan agus iomairtean leasachadh leantainneach, leithid clàr-gnothaich ath-leasachadh nan seirbheisean poblach, gus togail air a sin nas fhaide.

Ach tha e cuideachd soilleir gun urrainn dhuinn, agus gum bu chòir dhuinn, togail air asin: tha cothroman mòra agus dùbhlain a cheart cho mòr air thoiseach an dà chuid sagheàrr-ùine agus san fhad-ùine. Tha mòran cheistean a tha a’ feumachdainn eadar-theachdan ‘riaghaltais’ no eile a’ buntainn an dà chuid ri sgìrean dùthchail agus bailteil,agus gu tric is urrainnear fuasglaidhean innleachdach a cho-roinn thairis air sgìreaneadar-dhealaichte. Far a bheil e pragtaigeach agus glic, tha an taobh dùthchail air anochdadh ann am poileasaidhean agus prògraman an Riaghaltais agus na buidhneanaige. Tha an raon iomadaichte de ghnìomhan poileasaidh, ro-innleachd agus lìbhrigidh,a rinneadh o chionn ghoirid agus a tha ann an-dràsta, is a tha a’ toirt buaidh air Albadhùthchail, a’ sealltainn an iom-fhillteachd agus a’ cheangaltas a bu chòir do na h-uile atha an lùib poileasaidh agus leasachadh dùthchail a thuigsinn. Feumaidh sinn eòlasagus dàta nas ionnsaichte agus nas iomchaidh a leasachadh a thaobh dionamaigsdhùthchail – a’ gabhail a-steach nan eadar-dhealachaidhean taobh a-staigh Albadhùthchail; air an eadar-obrachadh iom-fhillte eadar sgìrean dùthchail agus bailteil;agus air na ceanglaichean eadar leasachaidhean agus buannachdan eaconamach,àrainneachdail, sòisealta agus cultarail.

Feumar tuilleadh a dhèanamh cuideachd gus iomlaid eòlais, co-obrachadh agus co-chòrdadh a thaobh gnìomh agus buaidhean, a leasachadh. Feumaidh sinn amas nasfheàrr air prìomh bhuilean, le comharran-measaidh soilleir agus ìrean aontaichte airsonleasachaidhean a choileanar tro ghnìomh amalaichte, co-obrachail. Tha feum air dòighean-làimhseachaidh nas co-obrachail gus buaidhean ghnìomhan a nithear còmhla amheudachadh, gus dùblachadh, neo-èifeachdais agus ana-builean a sheachnadh. Chabu chòir dhuinn earbsa a chur ann am fianais aithriseach no pearsanta, ach feumaidhsinn leasachadh a thoirt air a’ chomas againn gus adhartas agus soirbheas nam poileasaidheanis nan gnìomhan againn a sgrùdadh agus a thomhas gu cothromach, far an urrainnear.

9: AG OBAIR CÒMHLA AIRSON

ALBA DHÙTHCHAIL

9.1

9.2

9.3

9.4

9.5

Page 101: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

85

PÀIRT A TRÌ CAIBIDEAL 9: AG OBAIR CÒMHLA AIRSON ALBA DHÙTHCHAIL

Chan e gnothaich a-mhàin do Riaghaltas na h-Alba agus a bhuidhnean a tha ann abhith a’ cur aghaidh ris na dùbhlain agus na cothroman aig Alba dhùthchail. Tha e a’feumachdainn dealas agus com-pàirteachas gnìomhach, co-obrachail leis a’ phrìomhluchd-ùidh uile, agus, tro leithid pròiseasan dealbhadh coimhearsnachd, dèanamhcinnteach à amas ceart air ceistean agus prìomhachasan ionadail. Ach, gu dearbh, thadreuchd bhunaiteach aig an Riaghaltas a thaobh, mar eisimpleir, a bhith a’suidheachadh fhrèaman poileasaidh, rianachd agus eile. Tha sinn mar-thà airtòiseachadh air beachdachadh air mar a bu chòir dhuinn cuid de na ceistean a tha airam mìneachadh an seo a thoirt air adhart, le co-obrachadh bho luchd-ùidh.

Tha taobh cudromach eile ann, a tha air tighinn am bàrr ann an deasbaireachdan agusbeachdachaidhean a rinneadh mus do dh’fhoillsicheadh an sgrìobhainn seo – àite obair‘theachdail’ ann an leasachadh poileasaidh dùthchail. Feumar na dùbhlain a thathar a’mìneachadh gu h-àrd fhaicinn mu choinneamh cheistean agus chothroman meadhan-ùine agus fad-ùine. Tha Caibideal 7 a’ nochdadh dùbhlain agus cothroman leithid seo achaidh a chomharrachadh gu neo-chinnteach bho obair theachdail thùsail le luchd-ùidh. Tha e cudromach, as dèidh na h-obrach seo a ghabhail os-làimh, gun tèid nanithean seo a thoirt an lùib dealbhadh agus ro-innleachdan adhartach. Feumaidh sinn abhith mothachail gum faod gnìomhan a thathar a’ dèanamh an-dràsta gus aghaidh achur ri feumalachdan agus suidheachaidhean aimsireil, ge brith dè cho math ’s a thèidbeachdachadh orra, cothroman airson gnìomhan, leasachaidhean agus builean mathasan àm ri teachd a lùghdachadh. Tha co-aonta ann gum feumar poileasaidhean, ro-innleachdan agus planaichean fheuchainn mu choinneamh raon de dh’amannan riteachd so-chreidsinneach, gus dèanamh cinnteach à freagairtean earbsach a ghabhasatharrachadh thairis air fàire 10 gu 15 bliadhna.

Is e sàr àite a tha ann an Alba dhùthchail – no, bu chòir dhuinn a ràdh, iomadh sàr àitecòmhla. Còmhla, is urrainn dhuinn a dhèanamh nas fheàrr buileach.

9.6

9.7

9.8

Page 102: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

86

A: PRÌOMH FHOILLSEACHAIDHEAN

FIOSRACHAIDH

Rural Scotland – A New Approach (2000)http://www.scotland.gov.uk/library2/doc15/rsna-00.asp

Choosing Our Future – Scotland’s Sustainable Development Strategy (2005)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/12/1493902/39032

Framework for Economic Development in Scotland (updated in 2004)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2004/09/19882/42504

A Smart, Successful Scotland (updated in 2004)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2004/11/20246/46555

A Smart, Successful Highlands and Islands (2005)http://www.scotland.gov.uk/Topics/Business-Industry/Enterprise/17684/SSHI

Scottish Tourism: A Tourism Framework for Change (2006)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/03/03145848/0

Scottish Food & Drink (1999)http://www.scottishfoodanddrink.com/uploads/15507/Scottish%20Food%20&%20Drink%20Strategy.pdf

Going for Green Growth: A Green Jobs Strategy for Scotland (2005)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/06/1693437/34386

A Forward Strategy for Scottish Agriculture: Next Steps (2006)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/03/01142456/0

A Sustainable Development Framework for Sea Fisheries (2005) and Action Plan (2006)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/07/07105456/54577http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/09/25114623/0

Strategic Framework for Inshore Fisheries in Scotland (2005)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/03/sfifs/0

A Strategic Framework for Scottish Aquaculture (2003)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2003/03/16842/20502

Scottish Forestry Strategy (2006)http://www.forestry.gov.uk/sfs

Changing Our Ways: Scotland’s Climate Change Programme (2006)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/03/30091039/0

Natural Heritage Futures (2002)http://www.snh.org.uk/futures/Data/index.htm

Page 103: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

87

LEAS-PHÀIPEAR A: PRÌOMH FHOILLSEACHAIDHEAN FIOSRACHAIDH

National Planning Policy Guideline 14: Natural Heritagehttp://www.scotland.gov.uk/Publications/1999/01/nppg14

The Land Reform Action Plan (1999)http://www.scotland.gov.uk/Topics/Rural/Land/15618/8285

Scotland’s Biodiversity: It’s in Your Hands (2004)http://www.scotland.gov.uk/Topics/Environment/Wildlife-Habitats/16118/BiodiversityStrategy

Scottish Outdoor Access Code (2005)http://www.snh.org.uk/pdfs/access/ApprovedCode050604.pdf

Scottish Historic Environment Policy 1 – The Historic Environmenthttp://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/03/e309396/link

Social Enterprise Strategy for Scotland – consultation (2006)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/06/e15990/link

A Vision for the Voluntary Sector (2005)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/12/12103306/33063

An Action Plan for Buses in Scotland (2006)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/12/01141850/0

Scotland’s Railways (2006)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/12/04104648/0

Scottish National Transport Strategy (2006)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/12/04104414/0

Delivering for Health (2005)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/11/02102635/26356

Developing Community Hospitals: A Strategy for Scotland (2006)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2006/12/18142322/0

Local housing need and affordability model for Scotland: Update (2005 based)http://www.communitiesscotland.gov.uk/stellent/groups/public/documents/webpages/pubcs_016552.pdf

Homes for Scotland’s People (2005)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/03/20793

Scottish Planning Policy 15: Planning for Rural Development (2005)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2005/02/20624/51511

Ambitious, Excellent Schools (2004)http://www.scotland.gov.uk/Publications/2004/11/20176/45852

Scotland’s National Culture Strategy (2000)http://www.scotland.gov.uk/nationalculturalstrategy/docs/cult-00.asp

All Our Futures: Planning for a Scotland with an Ageing Population (2007)http://www.scotland.gov.uk/experience

Page 104: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

88

SGÌRE DHÙTHCHAIL RUIGSINNEACH: (stèidhichte air Seòrsachadh 6-fhillte Bailteil-Dùthchail Riaghaltas na h-Alba), sgìre le àireamh-sluaigh nas lugha na 3,000 agustaobh a-staigh turas 30 mionaid ann an càr bho bhaile le àireamh-sluaigh de 10,000.

TIOMNAICHTE: a’ buntainn ri cumhachdan a ghluais gu Ministearan na h-Alba/Pàrlamaid na h-Alba fo fhèin-riaghladh. Tha gach raon nach eil glèidhte gu soilleirfo Phàipear-taice 5 de dh’Achd na h-Alba 1998 tiomnaichte – san fharsaingeachd,gnothaichean a tha a’ buntainn ri Alba a-mhàin leithid ceartas, foghlam, a’ mhòr-chuidde chòmhdhail agus slàinte.

CAITEACHAS LE TAIC TABHARTAS-CUIDEACHAIDH (CTC): taic ionmhasail bhoRiaghaltas tiomnaichte na h-Alba gu ùghdarrasan ionadail agus buidhnean eile.

LÀN-LUACH A BHARRACHD (LLB): tomhas de luach bhathar agus sheirbheiseansolaraichte (ann an Alba) mus toirear aire do dhì-luachadh no caitheamh calpa. Chaneilear a’ gabhail a-steach na gheibhear gu lom bho riadh, prothaidean agus co-roinneanthall-thairis.

CRÒ-SPRÈIDH: àite far a bheil sprèidh air an cumail rè-ùine (m.e. aig docaichean nomargaidh).

RATHAIDEAN IONADAIL: rathaidean uile ann an Alba nach eil nam mòr-rathaidean noprìomh rathaidean. Tha ùghdarrasan ionadail a’ cumail rian air rathaidean ionadail.

NUTS 3: Is e seòrsachadh ìreil de dh’aonadan meud-àite a tha ann an Nomenclature ofUnits for Territorial Statistics (NUTS 1,2,3) a tha a’ roinneadh raon-tìre Aonadh na h-Eòrpa airson a bhith a’ solarachadh staitistig roinneil coimeasach. Tha NUTS 3 gusònraichte a’ briseadh Alba do 23 sgìrean a’ co-mheasgachadh sgìrean Comhairle,sgìrean Chompanaidhean Iomairt Ionadail agus pàirtean dhiubh.

SGÌRE DHÙTHCHAIL IOMALLACH: (stèidhichte air Seòrsachadh 6-fhillte Bailteil-Dùthchail Riaghaltas na h-Alba), sgìre le àireamh-sluaigh nas lugha na 3,000 agustaobh a-muigh turas 30 mionaid ann an càr bho bhaile le àireamh-sluaigh de 10,000.

CÒRR DE DH’ALBA: san sgrìobhainn seo, mar as trice a’ ciallachadh a’ phàirt dedh’Alba nach eil na sgìre dhùthchail iomallach no na sgìre dhùthchail ruigsinneach (i.e.a’ gabhail a-steach sgìrean mòra bailteil, sgìrean bailteil eile, bailtean beagaruigsinneach agus bailtean beaga iomallach – uile mar a thathar gam mìneachadh annan Seòrsachadh 6-fhillte Bailteil-Dùthchail Riaghaltas na h-Alba).

B: BEAG-FHACLAIR

Page 105: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

89

Page 106: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

90

ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA

Page 107: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,
Page 108: ALBA DHÙTHCHAIL: NAS FHEÀRR BUILEACH, GU NÀDARRA · 2007-06-29 · ag obair le luchd-ùidh gus ro-innleachdan, planaichean is targaidean roinneil is eile a leasachadh agus a lìbhrigeadh,

w w w . s c o t l a n d . g o v . u k

© Dlighe-sgrìobhaidh a’ Chrùin 2007

Tha an sgrìobhainn seo cuideachd ri fhaotainn air làrach-lìn Riaghaltas nah-Alba: www.scotland.gov.uk

RR Donnelley B39293 03/07 (Gaelic)

Tha lethbhreacan eile rim faighinn bhoBùth Blackwell53 Drochaid a-DeasDùn ÈideannEH1 1YS

Òrdain fòna agus ceistean0131 622 8283 no 0131 622 8258

Òrdain facsa 0131 557 8149

Òrdain [email protected]