rach an sàs anns na prìomh 5 agus gabh spòrs a ... urrainn dhut na h-anagraman seo obrachadh...

8
WILD THINGS! EOLAS FIOSRACHADH GEAMAICHEAN MAR A CHI THU IAD & GABH SPORS & GABH SPORS 2013 2013 ISBN: 978-1-85397-939-2 snh.gov.uk/gaelic Faigh lorg oirnn air Facebook Rannsaich ‘Scottish Natural Heritage’ Lean SNH air Twitter @SNH_Tweets Coimhead bhideothan air YouTube Rannsaich ‘Scottish Natural Heritage’ Rach an sàs anns na Prìomh 5 agus gabh spòrs a’ rannsachadh cuid de na beathaichean sònraichte againn ann an Alba agus na h-àitichean far am faic thu iad. Luchdaich a-nuas an App Rannsaich ‘Scotland’s Big 5’ R R O A A E L L B B A A H H E O P S S R R A A S S P Fealla-dh A Fhiadhaich! Fealla-dh A Fhiadhaich! RANNSACHADH SP A RSAIL RANNSACHADH SP o RSAIL an-asgaidh

Upload: ngodan

Post on 28-Mar-2018

264 views

Category:

Documents


4 download

TRANSCRIPT

Page 1: Rach an sàs anns na Prìomh 5 agus gabh spòrs a ... urrainn dhut na h-anagraman seo obrachadh a-mach... Beurla Gàidhlig - I I N A C H FEORAG RUADH Dathach, tarraingeach, fuasgailte,

WILD THINGS!

EOLASFIOSRACHADHGEAMAICHEAN MAR A CHI THU IAD

& GABH SPORS& GABH SPORS

20132013

ISB

N: 9

78-1

-853

97-9

39-2

snh.gov.uk/gaelic

Faigh lorg oirnn air FacebookRannsaich ‘Scottish Natural Heritage’

Lean SNH air Twitter@SNH_Tweets

Coimhead bhideothan air YouTubeRannsaich ‘Scottish Natural Heritage’

Rach an sàs anns na Prìomh 5 agus gabh spòrs a’ rannsachadh cuid de na beathaichean sònraichte againn ann an Alba agus na h-àitichean far am faic thu iad.

Luchdaich a-nuas an AppRannsaich ‘Scotland’s Big 5’

RRO

AAELL BB AAHHE

OPSS RR AASSP

Fealla-dhA Fhiadhaich!Fealla-dhA Fhiadhaich!

RANNSACHADH SPARSAILRANNSACHADH SPoRSAIL

an-asgaidh

Page 2: Rach an sàs anns na Prìomh 5 agus gabh spòrs a ... urrainn dhut na h-anagraman seo obrachadh a-mach... Beurla Gàidhlig - I I N A C H FEORAG RUADH Dathach, tarraingeach, fuasgailte,

DObhran Slìogach, slìobach, a’ sleamhnadh gu slìomach. Eireachdail na dhòigh air uisge is air tìr. Gu math nas spòrsail na mòran bheathaichean eile.

A’ snàmh am measg na ceilpe aig grunnd na mara, a’ sealg gu grinn tro luibhean na h-aibhne. A’ creachadh chrùbagan no bhradan mòra nan lann airgid, tha beatha sna h-uisgeachan gu mòr a’ còrdadh ris na dòbhrain.

Na diofar dhòbhran?Canar cù ri dòbhran fireannach, saigh ris an feadhainn bhoirinn, agus cuilean ris na h-òige. Tha na fireannaich uaireannan a’ fàs gu meud coin Labrador ach tha iad nas caoile agus le earball nas fhaide, cumhachdaiche orra.

Fìor-uisge no sàl? ‘S urrainn dhan dòbhran a bhith beò an aibhnichean no an lochan cho math ris a’ mhuir. Tha dòbhrain air a’ chosta tric gan glanadh fhèin, a’ faighinn cuidhteas salann na mara, ann am fìor-uisge, agus tha seo a’ cumail nam bian aca slìomach agus dìonach.

Biadh blasta de losgannan is iasgTha dòbhrain an fhìor-uisge beò air bradain, easgannan, losgannan agus air muileacha-màgach. Tha an fheadhainn air a’ chosta ag ithe iasg mara agus chrùbagan.

Latha no oidhche?Tha barrachd cothrom agad dòbhrain a’ chosta fhaicinn oir tha iad sin an àrd tron latha, tha an fheadhainn sna h-aibhnichean mar as trice a’ tighinn beò air an oidhche.

Beatha sna h-uisgeachanOrdagan coise lìonaidh,

earball cumhachdach a tha ga iomain agus ga stiùireadh tron uisge, sròn agus cluasan a tha a’ dùnadh nuair a tha e a’ tumadh, le bian a tha tiugh, blàth agus uisge-dhìonach air an uachdar – tha an dòbhrain glè chomhfhurtail an uisgeachan fuara na h-Alba.

A’ comharradh crìochanTha dòbhrain a’ comharradh an fhearainn aca fhèin le salchar, ris an canar ‘spraints’, a tha dorcha le fàileadh cùbhraidh. Canaidh cuid gu bheil am fàileadh mar feur air ùr-ghearradh. Ma gheibh thu faisg air, ‘s dòcha gum faic thu cnàmhan èisg no bheathaichean muir-thìreach ann!

Fada gun tòiseachadhNuair a thèid am breith, chan eil an t-àl ach 10 cm de dh’fhaide – beag gu leòr son a dhol am bas duine. Tha iad a’ toirt còig seachdainean mus fhosgail na sùilean aca, agus dà sheachdain eile mus fhaigh iad ri càil a ghabhail ach bainne am màthar.

A’ lorg nan dòbhran

Air a’ chosta, cùm sùil a-

mach airson cumadh-V air cùl

nan ceann agus iad a’ snàmh

(is e seo an aon phàirt dheth

a chì thu).

Nuair a thèid iad fodha, feuch

gum faic thu an t-earball ag

èirigh às an uisge – is e seo

am pàirt mu dheireadh a thèid

sìos bhon uachdar. Teann nas

fhaisge air na h-uisgeachan

son 10-15 diogan, agus stad.

Fuirich nad thàmh agus

coimhead gu geur ach am

faic thu an dòbhran nuair a

thig e suas chun uachdair.

Dèan seo a-rithist an ath

thuras a thèid e sìos, gus am

faigh thu nas fhaisge, agus

stad a-rithist. Bi cho socrach

‘s a ‘s urrainn dhut, agus cùm

sùil geur a-mach!

AN T AM IR C H AGA C

Otter * dobhran

dòbhran lorgan dòbhrain

Cuir strIochag

an seo ma chI thu...

THA AN DINNEIR DEISEIL...Lean na loidhnichean gu h-ìosal gus cuideachadh an dòbhrain a thaobh dè as còir dha ithe, agus dè as còir sadail dhan bhiona...

AI

GàidhligBeurla

U B H

Page 3: Rach an sàs anns na Prìomh 5 agus gabh spòrs a ... urrainn dhut na h-anagraman seo obrachadh a-mach... Beurla Gàidhlig - I I N A C H FEORAG RUADH Dathach, tarraingeach, fuasgailte,

RoN CALAIDHCho luath ri peilear, sàr-shealgar nan iasg, a’ tumadh gu domhainn, cluinn glaodh cruaidh leòmhainn bhig nan tonn. Ròn calaidh sa mhuir.

Cumadh cam na dhruim, socair na sgròbadh, a chiabhagan a’ gluasad, na shìneadh is na shuain air an tràigh. Ròn calaidh air tìr.

Ròn no beathach eile?Tha iomadh ainm Gàidhlig

aig na diofar seòrsa ròin mar chuilean no

isean airson ròn

òg agus cullach-ròin airson ròn fireann.

Beathach fìor mhothachailTha ciabhagan an ròin chalaidh anabarrach fhèin mothachail. Fairichidh iad crith sam bith sna h-uisgeachan timcheall orra, agus aithnichidh iad nuair a tha biadh ri fhaighinn faisg air làimh. Tha iad ag ithe 3–5kg de bhiadh gach latha – sgadain, sìolagan, èisg gheal, fleogain, sprodhan agus fiu ‘s ochd-chasaich agus gibearnaich!

Seinneadairean grunnd na maraNuair a tha iad a’ lorg cèile, tha na ròin fhireann a’ lorg àite air grunnd na mara agus an uair sin a’ glaodh, ach gun na beòil aca lìonadh le uisge saillte! Tha an glaodh ag innse do na ròin bhoireann gu bheil iad ann agus a’ toirt rabhadh do fhireannaich eile cumail air falbh.

Leanaban-uisgeTha àl nan ròn gam breith air tìr glè fhaisg air oir na mara, no uaireannan eadhon sa mhuir fhèin agus feumas iad a bhith deiseil snàmh nuair a thig muir-làn. Faodaidh gum bi iad a’ snàmh aig aois uair a thìde!

Sàr-shnàmhaicheanTha an ròn calaidh na shnàmhaiche air leth sa mhuir, agus le a bhith a’ toinneamh na chnàimh-droma sùbailte agus an earball pliutach aige thèid e tro na h-uisgeachan aig astar peileir. Tha na pliutan-toisich a’ leigeil leis tionndadh gu math luath agus e a’ sealg agus a’ greimeachadh air iasg le peirceall làn fhiaclan biorach.

Dàibhearan na doimhneachdLe buille-cridhe nan ròn air a dèanamh gu math, gu math mall, ‘s urrainn dhaibh fuireach fo uachdar na mara airson suas ri 35 mionaidean, agus tumadh sìos còrr is 200 meatairean.

A’ lorg ròn calaidh

Cùm sùil a-mach son

bhuidhnean ròn nan sìneadh

air bancaichean-gainmhich

inbhirean aig muir-tràigh.

Chì thu uaireannan bho thaobh

rathaidean iad a’ dol seachad

air Caolas Crombaidh, Caolas

Dhòrnaich agus Loch Fleòid.

Le prosbaig, chì thu na diofar

phàtranan air bian nan ròn. ‘S

urrainn dhut cuideachd a dhol

air tursan mara sònraichte a

dh’fhaicinn fiadh-bheatha.

CU H

Harbour seal * ron calaidh

Cuir striochag an seo ma chi thu...

ròn calaidhcuilean-ròin

De AN DIOFARcaladh

Tha dà sheòrsa ròin a chìthear gu tric air costa na h-Alba – an ròn calaidh agus an ròn glas. Seo beagan dhe na diofaran eatorra. Cleachd am fiosrachadh seo gus sùilean, sròn agus cuinneanan cearta a chur air na diofar ròn an seo...

Ron glas • sùilean air taobh a’ chinn • sròn fhada leargach • cuinneanan co-shìnteach

Ron calaidh • sùilean mòra aig toiseach a’ chinn • sròn gheàrr • cuinneanan le cumadh-V

A IAR D A' C UAI

GàidhligBeurla

glas

N

Page 4: Rach an sàs anns na Prìomh 5 agus gabh spòrs a ... urrainn dhut na h-anagraman seo obrachadh a-mach... Beurla Gàidhlig - I I N A C H FEORAG RUADH Dathach, tarraingeach, fuasgailte,

Am fiadh

ruadhBeathaichean mòra an àrainneachdan mòra. Is iad na beathaichean as motha a lorgas air tìr-mòr Bhreatainn agus fear dhe na fèidh as motha san t-saoghal.

Agus tha meud a’ cunntadh... Tha na daimh (fèidh fhireann) a’ sabaid am measg a chèile as t-foghar san dàmhair. Tha na daimh a nì a’ chùis a’ coisinn fiadh boireann.

Nuair a tha na daimh ri bùirean is e seo fear dhe na fuaimean as mìorbhaileach a chluinneas tu ann an saoghal an nàdair.

Cò iad? Canar damh ri fiadh ruadh fireann, eilid ri boireannach, agus laogh ri fiadh òg.

Sgeulachd a’ chabairCha tig cabar ach air na daimh a-mhàin. Faodaidh iad fàs gu còrr is meatair de dh’fhaide, an aon mheud ri cas sguaib! Tha iad a’ fàs gach bliadhna, a’ tuiteam dheth, agus an uair sin a’ fàs às ùr fo chraiceann ‘meileabhaid’.

Fo acrasIs ann air feur, preasan beaga, fraoch, dearcan agus craobhan as motha a tha iad a’ biadhadh.

Fireannaich toirmisgte! Tha fèidh ruadha a’ cur seachad a’ chuid as motha den ùine ann am buidhnean den aon ghnè agus iad a’ tighinn còmhla san dàmhair a-mhàin.

Pàistean iongantachTha na laoigh a’ tòiseachadh a ruith ri taobh nam màthraichean agus iad dìreach cola-deug a dh’aois.

Fìor dheagh aoisTha daimh agus èildean beò son 12 gu 14 bliadhna. Tha sin a’ fàgail mòran dhiubh beò aig an aon àm. Chan eil sinn cinnteach cia mheud fiadh ruadh a tha ann an Alba, ach faodaidh gu bheil 350,000 air mòinteach agus air fearann coillteach ar dùthcha.

Beathaichean prothaideachTha sealgaireachd nam fiadh a’ cruthachadh teachd a-steach de mhilleanan mòra gach bliadhna dha Alba agus tha an t-uamhas de sitheann ga reic air feadh an t-saoghail is glè bheag de gheir oirre.

AN T- ARDR GH BU REA

A’ faicinn nam fiadh

Gus na beathaichean mòrail seo

fhaicinn, feumas an toiseach gleann

freagarrach a lorg agus fuirich an sin

nad thàmh agus seall thar nan

leòidean mud choinneamh ach am faic

thu fèidh. Bheir leat prosbaig ma ‘s

urrainn dhut.

Cuimhnich gu bheil an coltas gam

fàgail gu math duilich fhaicinn san

àrainneachd aca. Cùm sùil a-mach

airson gluasad sam bith no brèidean

bàna air tòinean. Tha e nas fhasa

buidhnean mòra dhiubh fhaicinn sa

gheamhradh.

Red deer * fiadh ruadh

lorgan fèidh ruaidh fiadh ruadh

Cuir strIochag an seo ma chI thu...

CAS A' CHABAIR-FHEIDH

BUN A' CHABAIR-FHEIDHAN T-UILEANNACH

MEURAN

freagairtean: meuran, an t-uileannach, cas a' chabair-fheidh, bun a' chabair-fheidh

AN CABARTha cabar nam fiadh a’

tuiteam dheth as t-earrach gach bliadhna, le cabar nas

motha a’ fàs na àite thar nan ath cheithir mìosan.

REUNAMNA T LUCHEIANAN SAC A BAAIHCR DÈHFHINUB A HAABICR FIHÈDH

Tha diofar ainmean aig na diofar mheuran den chabar. Leis an diagram seo, feuch an urrainn dhut na h-anagraman seo obrachadh a-mach...

GàidhligBeurla

- II NACH

Page 5: Rach an sàs anns na Prìomh 5 agus gabh spòrs a ... urrainn dhut na h-anagraman seo obrachadh a-mach... Beurla Gàidhlig - I I N A C H FEORAG RUADH Dathach, tarraingeach, fuasgailte,

FEORAG RUADHDathach, tarraingeach, fuasgailte, mìorbhaileach. Leumadair nan coilltean, comasach leum mar lùth-chleasaiche bho gheug gu geug agus ruith aig astar sìos stocan chraobhan.

Na aonar?Tha na beathaichean beaga, diùid seo a’ cur seachad a’ chuid as motha den ùine sna coilltean. Tha dathan a’ bhèin, mar solas na grèine aig ciaradh an fheasgair air stocan giuthsach, mar aon le rùsg nan craobhan, gan cumail sàbhailte bho shealgairean a leithid an clamhan agus an taghan.

Abair earball! Tha earball feòraig ruaidh ceart cho fada ris a’ chorp! Tha e ga chuideachadh ann a bhith a’ leum bho chraobh gu craobh agus a’ ruith nan geugan. Tha e cuideachd na sgàilean nuair a tha an t-uisge ann agus ga cumail blàth agus i a’ cadal.

Miann mòr air na cnothanTha na feòragan ruadha ag ithe a h-uile seòrsa bidhe sna coilltean. Ithidh iad cnothan, dearcan, fungasan, rùsg chraobhan agus eadhon uighean eun uaireannan. Is e sìol a’ ghiuthais Albannaich as motha a tha a’ còrdadh ris. Ann an aon bhliadhna

a-mhàin, ithidh iad dà mhillean dhiubh – còrr is 5,000 gach latha! An cuid nach eil iad ag ithe, tha iad ga chur air falach san talamh no an tuill an craobhan airson ithe a-rithist. Chan urrainn dhaibh cuimhne a bhith aca ge-tà far a bheil na tasgaidhean sìl seo uile. Tha an sìol air dearmad a’ sgapadh sìol air feadh ar coilltean.

Rabhadh deargMa chluinneas tu feòrag ruadh a’ dèanamh fuaim “gluc, gluc”, le a h-earball mòr dosach a’ lùbadh le neart, bidh fios agad nach eil i idir air a dòigh. Tha thu air thighinn ro fhaisg agus tha i gu mòr airson is gum falbh thu!

Bho sreap gu snàmh‘S dòcha nach eil e gu mòr a’ còrdadh riutha, ach tha feòragan ruadha comasach snàmh!

Creutairean cliseFaodaidh feòragan ruadha a bhith clì-làmhach no deas-làmhach (no clì-spògach is deas-spògach, ‘s dòcha) nuair a tha iad ag ithe dhuircean. Tha ceithir corragan ach còig òrdagan coise aca. Ao-coltach rinn

fhìn tha dà alt aca na h-adhbrann, a’ ciallachadh gun urrainn dha na casan aca car a chur mun cuairt; gan fàgail gu math comasach air ruith suas agus sìos chraobhan. Is beag an t-iongnadh gu bheil an abairt “Cho grad ri feòrag Cèitein” againn sa Ghàidhlig!

A’ faicinn nam feòragAirson sealladh fhaighinn air na feòragan seo, tog suas do shùilean gu bàrr nan craobhan agus nan geugan ach bidh thu cho sàmhach ‘s a ‘s urrainn dhut. ‘S dòcha gum faic thu ball de slatan shuas sna geugan faisg air an stoc – faodaidh gur e seo dachaigh na feòraig ris an canar nead sa

Ghàidhlig agus ‘drey’ am Beurla. Mar as trice tha an leth a-staigh air a chòmhdachadh le còinneach agus duilleagan; na leabaidh chomhfhurtail, bhlàth. Cùm sùil a-mach cuideachd airson duircean le mòran de lannan air an toirt dheth, oir faodaidh seo a bhith na chomharra nach eil feòragan

ruadha fada air falbh.

feòrag ruadh duircean

Cuir strIochag an seo ma chI thu...

DE AN T-SLIGHE?Cuidich an fheòrag ruadh dhearmadach seo agus i a’ lorg nan cnòthan aice.

TOISEACH

a gLE

Red squirrel * feorag ruadh GàidhligBeurla

T EAla ii CH

EARB LALEARB LALLE

a g T EAla ii CH

Page 6: Rach an sàs anns na Prìomh 5 agus gabh spòrs a ... urrainn dhut na h-anagraman seo obrachadh a-mach... Beurla Gàidhlig - I I N A C H FEORAG RUADH Dathach, tarraingeach, fuasgailte,

IOLAIR BHUIDHEGaisgeach nan iteag agus bheanntan na h-Alba. Geur na spuirean, nas gèire na fradharc. Sealgair nan cnoc is monadh, air iteig aig àrd nam beanntan.

Cumhachdach, gràsmhor; cho luath ‘s a tha i loinneil. Chì an iolaire bhuidhe thu bho mhìle air falbh – smaoinich air sin! Eun iongantach!Air inbhich bhoireann, faodaidh 240 cm de dh’fhaide a bhith sna sgiathan aca bho cheann gu ceann. Is e sin meud dithis chloinne naoi bliadhna a’ sìneadh an loidhne!

Feòil sam bith!Is iad coineanaich, geàrran agus cearcan-fraoich as fheàrr leotha, cho math ri cairbhean chaorach agus fhiadh. Nì tunnagan, geòidh, sionnaich, agus uaireannan eòin chobhartaich eile, a’ chùis cuideachd. Fada beòAnns a’ chumantas tha iad beò eadar 20 gu 30 bliadhna. Chaidh tè a lorg uair a bha 32 bhliadhna dh’aois! Is toil leam a’ Ghàidhealtachd!Tha, cha mhòr, gach aon de na h-iolairean buidhe am Breatainn ri lorg air a’ Ghàidhealtachd no sna h-Eileanan, ag itealaiche gu h-àrd thar bheanntan is ghleanntan. Dannsairean nan speuranTha an-diugh 440 paidhir de dh’iolairean-buidhe an Alba. Feuch is gum faic thu iad, tràth as t-earrach, air iteig còmhla le taisbeanaidhean de dh’itealaich dàna, iongantach. Tha iad aon mhionaid a’ sgiathalach gu ciùin agus an uair sin a’

tumadh a-nuas gu h-obann - spuirean an lùib a chèile - a’ cur car agus iad a’ tuiteam às na speuran a dh’ionnsaigh na talmhainn. Dachaigh sna leacanTha iolairean buidhe mar as trice a’ neadachadh air leacan shuas gu h-àrd air cliathaich chreagan, no uaireannan an craobhan. Faodaidh na neadan seo a bhith gu math sean, air ath-chleachdadh ach air ùrachadh gach bliadhna le geugan, slatan ùra, feur agus duilleach. Tha cumhachd na casanTha casan an iolaire buidhe anabarrach mòr. Nuair a tha iad a’ sìneadh, tha iad nas motha na làmh duine. Tha na spuirean gu math fada agus gu math, gu math biorach. ‘S urrainn dhaibh cnàimhean a phronnadh agus greim a chumail air fad ùine mhòr, leis na spuirean geura air a dhol tro bian, itean agus feòil. Sùilean mar sàsaranTha sùilean an iolaire buidhe gu math mòr an taca ri meud a’ bheathaich fhèin. Tha fradharc aice a tha cus nas fheàrr na tha againne – fìor HD!

Golden eagle * Iolair bhuidhe

Iolair bhuidhe Iteag

Cuir strIochag an

seo ma chI thu...

N SNA

iolaire bhuidhegàidhealtachd

cumhachdfradharc sealgairloinneilbeanncairbh

spuirite

feòilneadgeàrr

gleanntumadh

itealaich

Feuch is lorg na 16 facail seo air falach san ugh

AIR TOIR NAM FACALAIR TOIR NAM FACAL

Gan faicinnChan urrainn dhuinne gealltainn gum faic thu iolair bhuidhe, ach faod thu a bhith cinnteach ma chuireas tu seachad ùine a’ coiseachd agus a’ coimhead timcheall nan àrainneachd, gum faigh thu tlachd gu leòr às

ceàrnaidhean den dùthaich a tha iad fhèin gu math fiadhaich.

Tha na h-iolairean nas fhasa fhaicinn bhon t-Sultain chun Ghearrain, leis an fheadhainn òig nas fhaicsinneach na tha na h-inbhich oir tha iad tric air am fuadachadh às na h-àrainnean briodaidh. Tha iad dualtach itealaich gu h-àrd air teas an àile (‘thermals’) ann am meadhan an latha. Cha toil leotha a bhith fliuch agus nì iad itealaich gus iad fhèin a thiormachadh an dèidh làithean fliucha no eadar frasan-uisge air latha frasach.

GàidhligBeurla

RI G P RUE AHN

Page 7: Rach an sàs anns na Prìomh 5 agus gabh spòrs a ... urrainn dhut na h-anagraman seo obrachadh a-mach... Beurla Gàidhlig - I I N A C H FEORAG RUADH Dathach, tarraingeach, fuasgailte,

NA PRIOMH AITEAN SAM FAIC THU IADChì thu na Prìomh 5 seo an diofar àitean ma tha thu fortanach.

Tha sinn air beagan àitean a thaghadh airson toiseach-tòiseachaidh dhut. Tha mòran dhe na beathaichean seo gu math diùid agus na bi cus dragh ort mura faic thu air a’ chiad thuras iad. Cuimhnich agus lorg comharran gu bheil iad anns an àite.

Co-dhiù, gabh spòrs mòr a-muigh!

An Fheorag Ruadh1. Obar Neithich, faisg air Cinn Drochaid2. Tentsmuir, faisg air Port na Creige3. Gleann Afraig, faisg air Canaich

Ron Calaidh1. Forbhaidh, Baile Ùr Fobharain, Siorrachd Obar Dheathain2. Mòine Mhòr, faisg air Cille Mhàrtainn3. Loch Fleòid, faisg air Dòrnach

An dObhran1. Loch Laomainn, faisg air Druiminn2. Loch Ma-Ruibhe, faisg air Ceann Loch Iùbh3. Noss, Sealtainn

Am Fiadh Ruadh1. Ruma, Na h-Eileanan a-Staigh2. Creag Eileachaidh, faisg air an Aghaidh Mhòr 3. Càrn Mòr Fhleòid, faisg air Baile Ùr nan Stiùbhartach

An Iolair Bhuidhe1. Creag Meagaidh, faisg air Ceann Loch Lagain2. Beinn Labhair, faisg air Cill Fhinn3. Beinn Eighe, faisg air Ceann Loch Iùbh

Airson barrachd àitean far am faic thu na Prìomh 5 seo, carson nach fhaigh thu an ‘Scotland’s Big 5’ App. Leis an app seo, a tha an-asgaidh, tha na Prìomh 5 ri chluinntinn agus ri fhaicinn le dealbhan agus bhideothan dhiubh cho math ri mòran fiosrachaidh mun deidhinn.

3

3

2

3

32 1

1

OBAR DHEATHAIN

11

22

12

3

INBHIR NIS

DuN De

PEAIRT

SRUIGHLEA

GLASCHUDuN eIDEANN

Page 8: Rach an sàs anns na Prìomh 5 agus gabh spòrs a ... urrainn dhut na h-anagraman seo obrachadh a-mach... Beurla Gàidhlig - I I N A C H FEORAG RUADH Dathach, tarraingeach, fuasgailte,

Tha sinn air innse dhut mu na Prìomh 5, feumaidh tusa Prìomh 5 agad fhèin a thaghadh. Anns na frèamaichean seo, dèan dealbhan dhe na 5 beathaichean Albannach as fheàrr leat fhèin agus innse cò iad sna bogsaichean bheaga rin taobh.

Bu fìor thoil leinn na dealbhan agad fhaicinn – carson nach tog thu dealbh le camara agus cuir seo an àrd air an duilleig Facebook againn. Dèan cinnteach gum bruth thu air ‘like’ air an duilleag!

Aig deireadh na bliadhna nì sinn taghadh air cò an dealbh as fheàrr agus ‘s dòcha gum buannaich thu dealbh ann am frèama dhe fear de Phrìomh 5 na h-Alba.

5op i

DeAn de lb HA de na

r mh