ciamar as urrainn dèanamh cinnteach sgrìobhadh bho · 2011. 2. 11. · cha chreidh sibh cho grod...

12
An sianal Ghàidhlig Ìomhaigh ùr dha seirbheis ùr Ceòl air a’ chlàr-ama ‘S trig is minig a bhios tu a’ cluin- ntinn ma thu airson a bhith soirb- heachail ann am poileataigs: “‘S e an eaconamaidh a th’ ann, a ghòraiche.” No ma tha thu ann an saoghal na Gàidhlig: “‘S e na coim- hearsnachdan tradiseanta a th’ ann, a dhuine bhochd.” Sin am faireachdainn soilleir a thàinig à co-labhairt mhòr mu dheidhinn na cànain a chaidh a chumail ann an Leòdhas san t-Sul- tain. Chanadh mòran gur e dùs- gadh a bha seo air an robh feum mhòr. Chan urrainn do dhuine gun a bhith a’ mothachadh gu bheil Gaidheil an là an-diugh sgapte air feadh na dùthcha ‘s gu bheil iad a cheart cho dualtach a bhith a’ fuireach air sràidean spaideil a’ bhaile mhòr ‘s tha iad ann am bail- tean beaga nan eilean. Nach iomadh atharrachadh a thàinig air a’ chànain. Ach, tha i fhathast a’ bàsachadh. Agus càit am bi sinn ma shìolas i às buileach glan ann an leithid Barraigh is Barabhas? B’ e sin dìreach an dearbh cheist a bha a’ cur dragh air uaislean mòra na cànain nuair a chruinnich iad ann an Talla Bhreascleit. Bha iad uile ann — Bòrd na Gàidhlig, Comann na Gàidhlig, An Comunn Gaid- healach, Pròiseact nan Ealan, Comhairle nan Eilean Siar, agus a’ mhòr-chuid eile aig a bheil làmh ann am poileasaidhean stiùiridh na cànain. Nochd cuideachd uallach orra mu dheidhinn na h-òigridh agus uireasbhaidh mhòr mu choin- neamh na cànain a thaobh a bhith a’ tàladh agus a’ cumail ùidh na h- òigridh, gu h-àraidh na deu- gairean. No, ga chur ann an dòigh eile: ciamar as urrainn dèanamh cinnteach gum fan a’ Ghàidhlig “cool”. Le sin san amharc bha e air leth math cluinntinn bhon Ollamh Rhodri Llwyd Morgan, a bha gu mòr an sàs anns na h-oidhirpean gus Cuimrich òga a bhrosnachadh chun na cànain. Bha e fhèin caran “cool”, oir sheachain e searmon mòr le faclan mòra toinnte. Bha a theachdaireachd soilleir, bha an dòigh làimhseachaidh aige sìm- plidh agus bha toradh làidir air a chùlaibh: èistibh ris an òigridh fhèin agus sguiribh a dh’innse dhaibh dè tha math dhaibh. Dh’innis Rhodri mar a thòisich iad a’ cleachdadh rudan mar neach-ciùil rock is an eadar-lìon gus a’ chànan Chuimreach a thoirt nas fhaisge air an t-seòrsa nithean anns am biodh ùidh aig an òigridh co-dhiù. Mus do sheas e sìos bhon an àrd-ùrlar thug e rabhadh dha na bha an làthair: gur bith dè nì sibh dèanaibh cinnteach gun iarr sibh air an òigridh fhèin dè a th’ iad a’ sùileachadh. A thaobh na tha seo, thuirt cathraiche eadar-amail Bòrd na Gàidhlig, Art MacCarmaig, gun robh esan dhen bheachd fad ùine mhòr nach robhas a’ dèanamh gu leòr dhan luchd-labhairt òg. “Tha làn àm ann sin a chur ceart,” thuirt e. Cha d’thuirt e buileach “Amen” ris a sin. Stiùiriche ùr an t-Sabhail duilleag 2 >> Duais Colmcille duilleag 8 >> Mod na h- Eaglaise Brice duilleag 4,5, 12 >> A’ RIOCHDACHADH NA COIMHEARSNACHD GHÀIDHLIG www.an-gaidheal-ur.co.uk AN ASGAIDH ! TOG FEAR AN-DIUGH AN ASGAIDH An Dàmhair 2008 www.an-gaidheal-ur.co.uk Fon: 01851 706877 Facs: 01851 706467 Àireamh 131 Aonghas Pàdraig Caimbeul Joy Dunlop www.an-gaidheal-ur.co.uk Ciamar as urrainn dèanamh cinnteach gum fan a’ Ghàidhlig “cool” “Thig còmhla rinn” 6&7 >> An t-slighe air adhart: Thathar an dòchas bho seo a-mach gun tèid barrachd aire a thoirt do fheumalachdan na h-òigridh is nan coimhearsnachdan traidiseanta Thèid urras ùr a chur air dòigh fo ainm fear de fhìor chleasaiche na Gàidhlig mar dhòigh air an ath ghinealach de luchd-tàlainn na cànain a bhrosnachadh. Chaochail Sìm MacCoinnich na bu thràithe air a’ bhliadhna an dèidh dha a bhith iomdach bli- adhna mhòr an teas-mheadhan iomairt na Gàidhlig ann an saoghal dràma, telebhisein, rèidio is ceòl. Bha e gu sònraichte a’ strì air- son a chuid eòlais a chur gu feum ann a bhith a’ stiùireadh is a’ cuideachadh chleasaichean òga agus ‘s iomadh duine a fhuair treòrachadh bho chomhairle. Thèid cuirm a chumail ann an talla-cluich Eden Court ann an Inbhir Nis mar oidhirp air beatha Shìm a chomharrachadh agus cuideachd airson Urras Shìm MhicCoinnich a chur air chois. Urras ùr mar chuimhneachan freagarrach air sàr bheatha Shìm Sùil air: Sìm MacCoinnich, nach mairean, ann an deagh fhonn Sgrìobhadh bho: 9 >> 2 >> Prìomhachas ga thoirt do choimhearsnachdan Agus... carson nach sgrìobh sibh pèin. Faic an t-Àrd Ùrlar fosgailte air duilleag 2 airson £50 a chosnadh

Upload: others

Post on 24-Jan-2021

4 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

  • An sianal Ghàidhlig

    Ìomhaighùr dha seirbheis ùr

    Ceòl air a’chlàr-ama

    ‘S trig is minig a bhios tu a’ cluin-ntinn ma thu airson a bhith soirb-heachail ann am poileataigs: “‘S ean eaconamaidh a th’ ann, aghòraiche.” No ma tha thu ann ansaoghal na Gàidhlig: “‘S e na coim-hearsnachdan tradiseanta a th’ann, a dhuine bhochd.”

    Sin am faireachdainn soilleir athàinig à co-labhairt mhòr mudheidhinn na cànain a chaidh achumail ann an Leòdhas san t-Sul-tain. Chanadh mòran gur e dùs-gadh a bha seo air an robh feummhòr.

    Chan urrainn do dhuine gun abhith a’ mothachadh gu bheilGaidheil an là an-diugh sgapte airfeadh na dùthcha ‘s gu bheil iad acheart cho dualtach a bhith a’fuireach air sràidean spaideil a’bhaile mhòr ‘s tha iad ann am bail-tean beaga nan eilean.

    Nach iomadh atharrachadh athàinig air a’ chànain. Ach, tha ifhathast a’ bàsachadh. Agus càitam bi sinn ma shìolas i às buileachglan ann an leithid Barraigh isBarabhas?

    B’ e sin dìreach an dearbhcheist a bha a’ cur dragh airuaislean mòra na cànain nuair achruinnich iad ann an TallaBhreascleit. Bha iad uile ann —Bòrd na Gàidhlig, Comann naGàidhlig, An Comunn Gaid-healach, Pròiseact nan Ealan,Comhairle nan Eilean Siar, agus a’mhòr-chuid eile aig a bheil làmh

    ann am poileasaidhean stiùiridhna cànain.

    Nochd cuideachd uallach orramu dheidhinn na h-òigridh agusuireasbhaidh mhòr mu choin-neamh na cànain a thaobh a bhitha’ tàladh agus a’ cumail ùidh na h-òigridh, gu h-àraidh na deu-gairean. No, ga chur ann an dòigheile: ciamar as urrainn dèanamhcinnteach gum fan a’ Ghàidhlig“cool”.

    Le sin san amharc bha e air lethmath cluinntinn bhon OllamhRhodri Llwyd Morgan, a bha gumòr an sàs anns na h-oidhirpeangus Cuimrich òga a bhrosnachadhchun na cànain. Bha e fhèin caran“cool”, oir sheachain e searmonmòr le faclan mòra toinnte. Bha atheachdaireachd soilleir, bha andòigh làimhseachaidh aige sìm-plidh agus bha toradh làidir air achùlaibh: èistibh ris an òigridhfhèin agus sguiribh a dh’innsedhaibh dè tha math dhaibh.

    Dh’innis Rhodri mar a thòisichiad a’ cleachdadh rudan marneach-ciùil rock is an eadar-lìongus a’ chànan Chuimreach a thoirtnas fhaisge air an t-seòrsa nitheananns am biodh ùidh aig an òigridhco-dhiù. Mus do sheas e sìos bhonan àrd-ùrlar thug e rabhadh dhana bha an làthair: gur bith dè nìsibh dèanaibh cinnteach gun iarrsibh air an òigridh fhèin dè a th’iad a’ sùileachadh.

    A thaobh na tha seo, thuirt

    cathraiche eadar-amail Bòrd naGàidhlig, Art MacCarmaig, gunrobh esan dhen bheachd fad ùinemhòr nach robhas a’ dèanamh guleòr dhan luchd-labhairt òg. “Tha

    làn àm ann sin a chur ceart,”thuirt e. Cha d’thuirt e buileach“Amen” ris a sin.

    Stiùiriche ùran t-Sabhailduilleag 2>>>>

    Duais Colmcilleduilleag 8>>>>

    Mod na h-Eaglaise Briceduilleag 4,5, 12>>>>

    A’ RIOCHDACHADH NA COIMHEARSNACHD GHÀIDHLIG

    ww ww ww .. aa nn -- gg aa ii dd hh ee aa ll -- uu rr .. cc oo .. uu kk AN ASGAIDH !TOG FEAR AN-DIUGH AN ASGAIDH

    An Dàmhair 2008www.an-gaidheal-ur.co.uk Fon: 01851 706877Facs: 01851 706467Àireamh 131

    AAoonngghhaass PPààddrraaiigg CCaaiimmbbeeuull

    JJooyy DDuunnlloopp

    wwwwww..aann--ggaaiiddhheeaall--uurr..ccoo..uukk

    Ciamar as urrainn dèanamh cinnteachgum fan a’ Ghàidhlig “cool”

    ““TThhiigg ccòòmmhhllaa rriinnnn”” 6&7>>>>

    An t-slighe air adhart:Thathar an dòchas bhoseo a-mach gun tèidbarrachd aire a thoirtdo fheumalachdan nah-òigridh is nan coimhearsnachdantraidiseanta

    Thèid urras ùr a chur air dòigh foainm fear de fhìor chleasaiche naGàidhlig mar dhòigh air an athghinealach de luchd-tàlainn nacànain a bhrosnachadh.

    Chaochail Sìm MacCoinnichna bu thràithe air a’ bhliadhna andèidh dha a bhith iomdach bli-adhna mhòr an teas-mheadhaniomairt na Gàidhlig ann ansaoghal dràma, telebhisein, rèidiois ceòl.

    Bha e gu sònraichte a’ strì air-son a chuid eòlais a chur gu feumann a bhith a’ stiùireadh is a’cuideachadh chleasaichean ògaagus ‘s iomadh duine a fhuairtreòrachadh bho chomhairle.

    Thèid cuirm a chumail ann antalla-cluich Eden Court ann anInbhir Nis mar oidhirp air beathaShìm a chomharrachadh aguscuideachd airson Urras ShìmMhicCoinnich a chur airchois.

    Urras ùr mar chuimhneachan freagarrach air sàr bheatha Shìm

    Sùil air:

    Sìm MacCoinnich, nach mairean, annan deagh fhonn

    Sgrìobhadh bho:

    3>>9>>>>

    3>>2>>>>

    Prìomhachas ga thoirt do choimhearsnachdan

    Agus... carson nach sgrìobh sibh pèin.Faic an t-Àrd Ùrlar fosgailte air duilleag 2 airson £50 a chosnadh

  • Bidh oidhche “Cele-brating Simon” fosgailte dhan ah-uile duine agus e air a chur airbhonn le Pròiseact nan Ealanagus Lìonraidh Theatar na Gaid-healtachd.

    Thuirt Calum Mac ill Eain,Stiùiriche Pròiseact nan Ealan:“ B’ e neach-ealain tàlantachagus Gàidheal dìoghrasach a bh’ann an Sìm mus do dh’fhàs a’Ghàidhlig ‘fasanta no buannach-dail ‘. Bha na chuir e a-steach dhachànan agus dha dhualchas dha-rìribh sònraichte agus thug ebuaidh air beatha mhìltean.

    “Bha Sìm a cheart cho co-fhurtail ann an saoghal sòghaltanan ealan clasaigeach agus nacuirme-cluiche ‘s a bha e ann anTalla an Tairbeirt no aig Gea-mannan Bharraigh agus bha anaon dealas aige airson dràmacoimhearsnachd, gluasad namFèisean, obair nan sgoiltean agusdràma òigridh ‘s a bh’ aige dhaa dhreuchdan rionnagach annam filmean is telebhisean agusair an àrd-ùrlar eadar-nàiseanta.”

    Bhuinneadh Sìm do na Hear-adh agus fhuair e treànadh annan dràma còmhla ris a’ bhuid-heann ainmeil Young Vic The-atre Company. Thàinig e gu airea’ mhor-shluaigh còmhla ris a’chompanaidh theatar ainmeil7:84 agus an dealbh-chluiche aca

    “The Cheviot, the Stag and theBlack, Black, Oil”. Rinn ecuideachd obair air leth ammeasg an òigridh.

    Thuirt Eardsaidh Macil-leathain, àrd oifigear Comunn naGaidhlig: “Tha CnaG air lethtoilichte taic a chur ris an tachar-tas seo agus cuideachadh le bhitha’ cur Urras Shìm MhicCoinnichair bhog. Bheir e cuideachadhdha daoine òga le Gàidhlig gusan sgilean ealanta a leasachadhagus thathas an dòchas, aig a’cheann thall, gun nochd luchd-ealain de chàileachd Shìm.

    “Choilean Sìm uimhir nabheatha agus rinn e uimhir air-son brosnachadh is taic a thoirtdha daoine òga a bha an sàs annsna h-ealain agus nach eil e achiomchaidh gun deigheadh an t-Urras seo a stèidheachadh marchuimhneachadh air a chuid

    obrach. Bha Sìm na thosgairemìorbhaileach dha cànan is cul-tar na Gàidhlig agus tha sinn a’creidsinn gur e a bhith a’ togailair na bunaitean a stèidhich e andòigh as fheàrr air aithne athoirt dha obair. Tha sinn a’creidsinn gun cuidich an t-urrasgu mòr le na h-amasan sin.”

    Gabhaidh “CelebratingSimon” àite air 24 Dàmhair,7:30f ann an Eden Court. Gheib-hear tiogaidean bho Oifis EdenCourt air 01463 234 234 aguscosgaidh iad £20 (thèid prìsnan tiogaidean a chur gu UrrasShìm MhicCoinnich.) Faodartabhartasan a chur gu: UrrasShìm MhicCoinnich, BancaRìoghail na h-Alba, Stockbridge,Dùn Èideann Àireamh cunntais: 00238392,Còd Seòrsachaidh:832002

    ’S ann cha mhòr a h-uile lathaa leughas sinn sna naidheach-dan gu bheil sinn air adhar-tas mìorbhaileach eile adhèanamh a thaobh teic-neòlas agus saidheans. Thasgileanan agus comasan aigeòlaichean san raon seo nachgabh a chreidsinn agus tha ecoltach nach eil rud sam bithair fhàgail san t-saoghal airnach eilear eòlach a-nis gu ìre.Tha e iongantach cuideachdmar a tha ar tuigse saidhean-sail san fharsaingeachd airleudachadh ’s air leasachadhthairis air na bliadhnaichean.

    O chionn ceudan de bli-adhnaichean bha cuidfhathast den bheachd gunrobh an saoghal còmhnard ’sgum biodh iad a’ tuiteamdheth nam biodh iad a’ siub-hal ro fhada, ach san latha ath’ ann, seòlaidh no sgiathaidhsinn timcheall na cruinne gucunbhalach gun dragh sambith. Aig aon àm cha robh fiosagainn gun robh dad na bulugha ri fhaicinn na chithea-maid le ar sùilean fhèin, achtha sinn air leasachadh chomòr a dhèanamh ’s gu bheilglè bheag de phìosan beaga

    bìodach nach tèid fhaicinnann an dòigh air choreigin.

    Nuair a chaidh a’ chaora“Dolly” a chruthachadh ochionn deich bliadhna chachreideadh duine beò gumbiodh e comasach dhuinndaoine a chruthachadh sanaon dòigh; ach nach eil seo a’tachairt a-nis air feadh an t-saoghail? Ach a dh’aindeoinnan gluasadan anabarrachseo, tha rud ann fhathast adh’fhàgas luchd-saidheanstroimh-chèile: tinneascumanta air nach d’ fhuair iadleigheas. Nach neònach gubheil sinn air obair mhòr adhèanamh air gach seòrsarannsachaidh ach nach eilsinn fiù ’s faisg air fuasgladha thoirt air an rud a dh’fhàgasa’ mhòr-chuid tinn aig an àmseo den bhliadhna. Cò air abheil mi a-mach ach ancnatan!

    Tha e coltach an-dràstagu bheil gach neach air abheil mi eòlach a’ fulang leisan tinneas seo, ach saoilidhmise gun do bhuail e ormsa nabu mhiosa na càch. Tha moshròn a’ coimhead dearg agusa’ sileadh gun stad; tha mocheann a’ faireachdainn margum b’ ann làn clòimh ach aigan aon àm cho goirt ’s gumfaodadh e sgàineadh aig àmsam bith gun adhbhar. Tha ecoltach gun tug cuideiginionnsaigh air m’ amhaich lesgeilp nuair a bha mi namchadal leis cho goirt ’s a tha eagus tha eagal orm gun caillmi sgamhan gach turas abhios mi a’ casadaich. Ged atha mo chorp aig teas aghoileadh uisge, tha mi gusreodhadh an seo is mi a’ cosggach stiall aodaich a th’ agamsa phreasa.

    Cha chreidh sibh cho grod’s a tha mi a’ faireachdainnagus a’ coimhead agus chamhòr nach eil mi air a h-uileseòrsa cungaidh-leighisfheuchainn gus cuidhteasfhaighinn dheth. Ged a tha miair mo lìonadh le lemsip,vicks, olbas pastilles, lockets,strepsils, vocalzone, benylin,sudafed ’s eile, tha mi fhathastcinnteach gura h-ann airleabaidh a’ bhàis a tha mi.Chan urrainn dhomh tuigsinnciamar a tha sinn comasachair coiseachd air a’ ghealaichach nach do lorg sinn iocfhathast a bheir cuideachadhdhomh.

    Ach ged a tha mi a’faireachdainn mar gun deachmo bhualadh le trèana an-dràsta, chan urrainn dhomhach togail fhaighinn bhonsmuain gu bheil Am MòdNàiseanta cha mhòr oirnnemu dheireadh thall. Às dèidhnam mìosan mòra obrach thaan t-seachdain as fheàrr leamsa bhliadhna air teannadhoirnn, agus ma tha sibhse airur beò-ghlacadh le cùisean a’Mhòid mar a tha mise,tuigidh sibh nach mill fiù ’sdroch chnatan sin.

    Tha rudeigin àraid munùine a tha romhainn; ge b’ edè an rud a thachras leis nafarpaisean ’s na tachartasanfoirmeil, seo an aon seachdainsa bhliadhna far an cluinn miGaidheil cruinn còmhla a’gabhail spòrs ’s a’ bruidhinnGàidhlig air an t-sràid. Thaàrainneachd shònraichte rifaotainn fad seachdain a’Mhòid a chumas duine annan deagh shunnd agus chaneil e gu diofar càit an tèid thu,tha plòigh is dibhearsan rinlorg gu cinnteach.

    Cuin ‘s Caite

    An Gàidheal ÙrNeach-deasachaidh

    Murray MacLeò[email protected]

    SeòladhTaigh à Mhorair Leverhulme

    Ceàrnag PhearsabhailSteòrnabhagh

    Eilean LeòdhaisHS1 2DD

    Fòn: 01851 706877Facs: 01851 [email protected]

    An Gàidheal Ùr

    Diardaoin 23 an DàmhairPort Rìgh – Bidh còmhlan Rachel Walker ann an Ionad Àrosair an oidhche seo bho 7.30f. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidhair 01478 613 no cuiribh post-dealain gu [email protected].

    Disathairne 25 an DàmhairFindhorn – Oidhche ciùil air a toirt thugaibh le Rachel Walk-er agus a còmhlan – Carol-Anne NicAoidh agus EòghannRobasdan ann an Ionad Ealain Universal Hall bho 8f. Cuiribhfios gu 01309 691 170 no [email protected] airsonticeadan.

    Dimàirt 28 an DàmhairSteòrnabhagh – Thèid cuirm-chiùil a chumail le AdoMacMhathain, as Leòdhas, air an oidhche seo bho 8f. Cos-gaidh ticeadan £8 / 7 / 6. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidhair 01851 703 307 no [email protected] no faicibh an làrach-lìn aca aig www.lanntair.com.

    Diardaoin 30 an DàmhairObar Dheathain – Thèid cuirm-chiùil a chumail le Seth Lake-man sa Lemon Tree air an oidhche seo a’ tòiseachadh aig8.30f. Cosgaidh ticeadan £16.00. Gheibhear tuilleadh fios-rachaidh air 01224 641 122.

    Dihaoine 31 an DàmhairSteòrnabhagh – Thèid consairt a chumail san Lanntair airan oidhche seo bho 8f, le còmhlan Kevin MhicCoinnich. Gheib-hear ticeadan air 01851 703 307 no [email protected].

    Dihaoine 31 an DàmhairFindhorn – Bidh Shooglenifty a’ toirt thugaibh consairt air anoidhche seo ann an Ionad Ealain Universal , bho 8f. Gheib-hear tuilleadh fiosrachaidh air 01309 691 170 no [email protected].

    Disathairne 8 an t-SamhainObar Dheathain – Thèid cuirm-chiùil a chumail air an oid-hche seo anns an Lemon Tree le Karen NicMhathain.Tòisichidh an consairt seo aig 7.30f. Cosgaidh ticeadan £15.Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air 01224 641 122.

    Diciadain 19 & Diardaoin 20 an t-SamhainInbhirnis – Thèid consairt a chumail air an dà oidhche seoann an Eden Court le Runrig. Ma tha sibh airson ticeadana cheannach cuiribh fòn gu 01463 234 234 no cuiribh post-dealain gu [email protected]

    An Dàmhair 2008 Naidheachdan2 An Gàidheal Ùr, An Dàmhair 2008

    � ��� ���

    Le Joy Dunlop

    Leigheas a’ Mhòid bho chnatangrod na mallachd

    Chaidh Boyd Robasdan ainmeachadh marstiùiriche ùr Sabhal Mòr Ostaig ’s e gu bhith a’ gab-hail àite Thormoid MhicGillÌosa san dreuchd.

    Tha Boyd (59) an-dràsta na cheannard air fogh-lam cànain aig Oilthigh Srath Chluaidh agusthèid a chur an dreuchd aig a’ cholaiste air an ath-bhliadhna.

    Rugadh agus thogadh Mgr Robasdan ann anUibhist a Tuath agus chaidh e tron fhoghlam annan Àrd-sgoil Phort Rìgh, Oilthigh Obar Dheathainagus Colaiste Foghlaim Obar Dheathain.

    An dèidh 10 bliadhna a’ teagasg Gàidhlig annan Àrd-sgoil an Òbain, thòisich e mar òraidicheann an Colaiste Foghlaim Chnoc Iòrdain, agusnuair a chaidh Cnoc Iòrdain agus Oilthigh SrathChluaidh còmhla rinneadh Àrd-òraidiche agusLeughadair ann an Gàidhlig dheth.

    Thuirt cathraiche urrasairean an t-Sabhail, anSiorram Ruaraidh Iain MacLeòid: “Tha e nathlachd shònraichte dhòmhsa a bhith ag ain-meachadh Boyd Robasdan mar stiùiriche ùr an t-Sabhail Mhòir.

    “Tha mi air a bhith eòlach air Boyd on a bhasinn ann an sgoil Phort Rìgh còmhla. ’S e duine ath’ ann a tha air a bhith am bogadh ann an saoghalna Gàidhlig bho rugadh e: duine a tha, mar-thà,air obair mhòr agus ionmholta a dhèanamh as letha’ chànain, gu seachd àraid ann am foghlam, aguscuiridh e gu mòr ris an obair sin mar stiùiriche ant-Sabhail.

    “Chan e rud furasta a tha ann àite ThormoidMhicGillÌosa a ghabhail ach tha trì rudan a’ fàgailgu bheil Boyd gu h-àraidh freagarrach marstiùiriche aig an dearbh àm seo ann an eachdraidhna Colaiste: an t-eòlas domhain agus mion-aideach a th’ aige air saoghal na Gàidhlig, an t-eòlas a th’ aige air cò ris a tha e coltach colaiste abhith a gluasad gu ìre oilthigh agus an t-eòlas ath’ aige air trèanadh luchd-teagaisg airson a bhitha’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, rud anns abheil dùil aig Sabhal Mòr Ostaig a bhith an sàs gumòr bho seo a-mach. Tha na h-urrasairean cin-nteach gur e Boyd an duine airson dèiligeadh risna dùbhlain a tha an lùib nan rudan sin agus thasinn air leth toilichte a bhith ga chur dhandreuchd.”

    Agus thuirt Mgr Robasdan fhèin: “Tha mianabarrach toilichte an cothrom seo fhaighinnColaiste Ghàidhlig na h-Alba a stiùireadh aig àmcho cudromach ann an eachdraidh a’ chànain. Thaan Sabhal aig cridhe nan oidhirpean gus an cànanath-bheothachadh agus bhithinn a’ sùileachadhgum biodh a’ Cholaiste gu dlùth an sàs ann aniomairtean mar Phlana Nàiseanta na Gàidhlig, anSeanail Gàidhlig, BBC Alba, agus an t-oilthigh ùra th’ air fàire air Ghàidhealtachd.

    “Tha a’ cholaiste air a deagh uidheamachadhairson cur ri leasachaidhean sa chànan agus sachultar ri linn na h-obrach ionmholta a tha anstiùiriche a tha san dreuchd an-dràsta, an t-Oll.Tormod MacGillÌosa, a cho-obraiche, Iain TormodMacLeòid, agus an sgioba tàlantach aca air adhèanamh thairis air na bliadhnaichean.”

    Àrd-òraidiche airainmeachadhmar stiùiriche ùran t-Sabhail

    Boyd Robasdan, a bhios a’ gabhail a-nall na h-obrachd anath bhliadhna

    Soirbheachas ann an Spòrs 2008 airBBC Radio nan Gàidheal

    Tha am program Spòrs na Seachdain air BBC Radio nan Gàidheal,a’ toirt seachad Sgiath Soirbheachas ann an Spòrs 2008.

    Air a’ bhliadhna seo, se sibhse, an luchd eisteachd a bhios a’ taghadhcò bu chòir a bhith air a’ phrìomh liosta! Cò na h-ainmean a thasibhse airson fhaicinn a’ dol air adhart airson na duais?

    Thuige seo tha an luchd-spòrs ainmeil seo air an Sgiath a ghleidheadh.

    2005 – Sgioba ball-coise nan Loch a’ Leòdhas.2006 – Beth Nicleòid neach rugbaidh à Uibhist.2007 – Sgiath aon-neach do Chalum Iain MacCoinnich, neach draib

    hidh à Leòdhas.Sgiath an sgioba co-ionnan eadar sgioba Snàmh agus Luth-chleasachd nan Eilean Siar.

    Faodaidh sibh duine sam bith a tha an sàs ann an spòrs na ar coimhearsneachd fhèin a thaghadh, mar eisimpleir, fear neo tè a thaa’ cuideachadh, a’ trèanadh, neo a’ toirt taic gu saor-thoileach, gufear neo tè a tha air a bhith soirbheachail nan spòrs fhèin.

    Cuimhnichibh, is ann agaibhse, an luchd-èisteachd, a tha am facalmu dheireadh air cò bu chòir a’ bhith air an liosta airson na duaisSoirbheachas ann an Spòrs 2008!

    Cuiribh thugainn ar beachdan air cò bu mhiann leibhse fhaicinnair an liosta air post-d: [email protected]

    sgrìobhaibh thugainn aig: Spòrs na Seachdain, BBC Radio nan Gàidheal, Zone 3.07,40 Pacific Quay,Glasgow G51 1DA

    air loidhne: bbc.co.uk/radionangaidheal

    Feumaidh na h-ainmeanan a bhith againn ron 31mh dhenDàmhair.

    Siuthadaibh, cò a tha sibhse a’ dol a thaghadh airson a dhol airan liosta airson duais Soirbheachas ann an Spòrs 2008!

    Urras ùr mar chuimhneachan freagarrach air sàr bheathaShìm

  • Tha Bòrd na Gàidhlig air iar-raidh gu foirmeil airComhairle Baile Ghlaschuplana Gàidhlig adheasachadh.

    Tha Achd na Gàidhlig a’toirt cumhachd dhan bhòrdìmpidh a chur air ùghdar-rasan ionadail na h-Alba gusplanaichean cànain adheasachadh a bhios a’mìneachadh na nì iad gustaic a chur ri cleachdadh naGàidhlig tro na seirbheiseanaca.

    Thuirt Ministear naGàidhlig, Linda Fabiani:“Tha e mar dhleastanas aigRiaghaltas na h-Albaseasmhachd a thoirt dhanGhàidhlig airson an àm riteachd agus tha deasachadhPlana Gàidhlig le ComhairleBaile Ghlaschu na cheumcudromach a dh’ionnsaighsin.

    “Is e cànan nàiseanta a th’ann an Gàidhlig agus feu-maidh sinn aithne a thoirtdhan Ghàidhlig air a’ bhu-nait sin agus taic a churrithe anns na coim-

    hearsnachdan againn air fad,gu h-àraidh ann anàiteachan mar Glaschu far abheil an cànan a’ fàs ann anraointean leithid foghlamagus na h-ealain.”

    Thuirt Rosemary Nic a’Bhàird, àrd-oifigear a’Bhùird: “Tha sinn toilichtefios foirmeil a thoirt dhaComhairle Baile Ghlaschugus Plana Gàidhlig adheasachadh. Chaidh amfios seo a thoirt air adhart àsdèidh iarrtas bhonchomhairle a tha air a bhithgu dealasach a’ deasachadhdreach plana.

    “Is e an dealasachd seoann a bhith a’ toirt taic dhanGhàidhlig a tha am Bòrd air-son brosnachadh agus thasinn air a bhith ag obair gudlùth le Comhairle BaileGhlaschu gus seo achoileanadh.

    “Chuir Glaschu a’ chiadsgoil Ghàidhlig airson clanneadar 3-18 bliadhna airbhonn ann an 2006 agus thacoimhearsnachd mhòrbheothail Ghàidhlig ann a-

    nise. Faodaidh Glaschu abhith mar àite a bheirstiùireadh dhuinn air fàsagus leasachadh na Gàidhligsan àm ri teachd.

    “Tha sinn a’ coimheadair adhart ri planaComhairle Baile Ghlaschufhaicinn agus ri bhith agobair còmhla riutha gus ambi e soirbheachail.”

    Tha am fios bhon Bhòrda’ tighinn fhad ‘s a tha a’chomhairle a’ cur air dòighco-chomhairleachadhpoblach air an dreach phlanaa rinn iad. Bidh an dreachplana seo mar bhunait dhanphlana dheireannach a thèida chur a-steach dhan bhòrdairson aonta.

    Thuirt an ComhairlicheAileen Colleran, aig a bheiluallach airson Gàidhlig sachomhairle: “Tha Glaschu a’gealltainn gu làidir gun toiri dìon dhan chànan agusgum bi cultar na Gàidhlig gabhrosnachadh.

    “Gu dearbh, tha sinn airobair mhòr a dhèanamhmar-thà, mar a gheall sinn,air dreach plana Gàidhligagus bidh sinn ga chur a-mach gu co-chomhair-leachadh ann an ùine nachbi fada.

    “Mìnichidh an dreachplana seo na tha Glaschu a’dol a dhèanamh gus cothro-man a chruthachadh dhan

    Ghàidhlig – am measg nanGàidheal agus luchd-ionnsachaidh – gus an soirb-hich leis a’ chànan sa bhaileagainn.”

    Cuideachd aig an àm seo,tha Comhairle Baile DhùnÈideann, a fhuair fios sanÒgmhios còmhla ri còigbuidhnean foghlaimnàiseanta agus sgìreil, a’deasachadh Plana Gàidhlig.‘S e na buidhnean eile:

    Comhairle Maoineachaidhna h-Alba, Ionnsachadhagus Teagasg Alba, Luchd-Sgrùdaidh na Bànrigh annam Foghlam, ÙghdarrasTheisteanas na h-Alba agusInstitiùd na Mìle BliadhnaUHI.

    Tha trì ùghdarrasan ion-adail air aonta fhaighinnmar-thà bho Bhòrd naGàidhlig airson amPlanaichean Gàidhlig —Comhairle na Gàidheal-tachd, Comhairle Earra-Ghàidheil is Bhòid agusComhairle nan Eilean Siar— còmhla ri BuidheannChorporra Pàrlamaid na h-Alba. Tha planaichean gandeasachadh le Iomairt naGàidhealtachd ̀ s nan Eileanagus le Riaghaltas na h-Alba.

    An Gàidheal Ùr, An Dàmhair 2008 3

    Naidheachdan

    “Is ùrachadh atharrachadh”

    Is e facal ionmholta a tha ann an “ùrachadh”. Cò againn nach eil a’ sireadh ùrachadh bho àm gu àm? Is dòcha gun tig ùrachadhthugainn bho bhith a’ falbh air saor-làithean, bho atharrachadh nar crannchar, bho dheagh aimsir an dèidh fuachd is tuiltean, bhorudeigin annasach a thig a-steach nar beatha. Gheibh sinn uaireannan ùrachadh bho dheagh bhiadh, bho bhith a’ coinneachadhri caraidean nach fhaca sinn bho chionn ghreis. Thig ùrachadh bho atharrachadh. Faodaidh e bhith gum bi an t-atharrachadhseasmhach no neo-sheasmhach. Nach e sin gnè atharrachaidh.Agus tha seanfhacal ann a tha ag ràdh: Is ùrachadh atharrachadh. A rèir na Gàidhlig Mhanainnich, tha seo a’ beantainn ri atharrachadh oibreach. Agus tha fios, ma ghluaiseas sinn bho aon dhreuchd gu dreuchd eile, gu bheil nithean romhainn a thasinn a’ meas mar ùrachadh. Ma tha sinn seachd searbh de bhith an sàs san aon dhreuchd là bho là, tha fios gu bheil feum againnair ùrachadh – ùrachadh cuirp agus ùrachadh spioraid.Saoil nach aontaicheadh sinn uile ri teachdaireachd an t-seanfhacail seo? Chan e a-mhàin gu bheil sinne mar dhaoine a’ sireadhùrachadh, ach, ma sheallas sinn air nàdar mun cuairt oirnn, tha ùrachadh a dhìth an sin cuideachd. Bheir uisge nan speur ùrachadhdon fheur agus do na lusan; bheir eadhan an dealanach agus an tàirneanach ùrachadh do aimsir an nàdair.Tha an seanfhacal goirid, mar is dualtach don t-seanfhacal a bhith. Ach, tha iomadh atharrachadh a’ gabhail àite nar beatha, tronithean air nach eil smachd sam bith againn. Tha daoine eile, agus dùthchannan eile, a’ riaghladh nan atharrachadh a tha sinna’ ‘fulang’. A bheil na h-atharrachaidhean sin nan ùrachadh? No bheil iad nan cuing air ùrachadh? A bheil e na ùrachadh nuairchluinneas sinn mu chogaidhean agus mu aimhreitean ann an dùthchann thall-thairis, no eadhan nar dùthaich fhìn? Gu dearbha,tha atharrachaidhean a’ tachairt nar coimhearsnachdan, agus cuideachd nar beatha. Ùrachadh? Is cinnteach gur e ùrachadh deghnè sònraichte a tha annta. Tha an seanfhacal ceart. Is ùrachadh atharrachadh.Dòmhnall Iain MacÌomhair

    Seanfhacal na mìos

    An Ugràin — Tha an Ruis air co-dhù-nadh gun prìs a’ ghas a chur suas airmuinntir na h-Ugràin — a dh’aindeoin’s gu bheil iad mì-thoilichte leotha muchasaidean gu bheil iad a’ cur aramachda-null gu Georgia.

    Choinnich Vladimir Putin ri ceannardna h-Ugràin, Yulia Tymoshenko, agusfhuair iad air aonta a ruighinn mu naprìsean. Cha tèid an gas a chur suas acha rèir ‘s mar a tha a’ mhargaidh a’ glu-asad gu nàdarra.

    Ach, nuair a bha na còmhraidhean a’dol air adhart thog Putin air na casaideangu bheil armachd bhon Ugràin ga reic gu

    na nàimhdean aca ann an Georgia.Ach, a dh’aindeoin sin, bha

    Tymoshenko riaraichte.“Tha bunait againn airson tighinn gu

    aonta mu na thachras san àm ri teachd,”thuirt i. “Tha sinn deiseil airson sin agusdeiseil aonta fhaighinn air a bhith a’ glu-asad gu prìsean a’ mhargaidh.

    “Tha mi a’ smaoineachadh guncruthaich seo bunait làidir airson càird-eas anns nach bi teagamh no adhbharèiginn. Tha e follaiseach gu bheil feumaig an Roinn Eòrpa, an Ruis agus anUgràin fhèin air seo.”

    Poileataics a’ ghas

    Aonaidhean a’ sàbhaladh AlitaliaAn Eadailt — Cha robh càil ann ach gundeach companaidh adhair nàiseantana h-Eadailt fodha, agus b’ fheudaraonta a ruighinn le aonaidhean anluchd-obrachd airson an companaidh ashàbhaladh.

    Bha Alitalia glè fhaisg air ruith a-mach à airgead agus iad a’ call dà mhil-lean euro gach latha, le dìreach 30millean air fhàgail aca sa bhanca.

    Ach, an dèidh sreath de chòmhraid-hean dh’aontaich na h-aonaidhean rimoladh bhon bhanca CAI. Gabhaidhiadsan a-nall fiachan luach 1.2 billeaneuro agus chaidh an companaidh fhèina gabhail os làimh airson billean euro.

    Cha robh na h-aonaidhean gu lèirtoilichte leis ach ghabh iad ris aig a’

    cheann thall mar dhòigh air obairdhaoine a ghlèidheadh.

    ‘S ann brònach a bha Antonio Divi-etri, ceannard aonadh Avia, agus e a’mìneachadh gun cailleadh mòrandhaoine an dreuchdan fhathast.

    “Chan eil seo a’ toirt tlachd sam bithdhuinn,” thuirt e. “Feumaidh sinne bre-ithneachadh air seo agus chan eil efurasta. Tha aon trian den luchd-obrachd a’ dol a chall an cuid obrach.Chuir sinn ar n-ainm ris a’ chùmhnant

    ‘s sinn a’ feuchainn ris an rud ceart adhèanamh.”

    Bidh Alitalia a-nis air a ghabhail a-steach dhan chompanaidh adhairEadailteach Air One.

    Sgrios eunlaith a tha doirbh a chreidsinn.Malta — Tha buidhnean àrainneachd

    air ùghdarrasan Mhalta a chàineadhagus iad ag ràdh nach eil iad a’ dèanamhgu leòr gus stad a chur air daoine a bhiosa’ marbhadh eòin a tha fo chunnart.

    Rinn a’ bhuidheann BirdLife sgrù-dadh thairis air dà sheachdain agusfhuair iad 17 eòin — leithid clamhainagus ‘raptors’ eile — a bha air am marb-hadh le gunnaichean.

    Tha àireamh mhòr de dh’eòin a’sgèith thairis air Malta agus iad a’dèanamh an slighe air ais ‘s airadhart eadar an Roinn Eòrpa agusAfraga.

    Ged a tha cead aig daoine cuid asheòrsaichean a mharbhadh aig aman-nan sònraichte dhen bhliadhna, thadearbhadh ann a-nis gu bheilear a’ los-gadh air feadhainn nach bu chòir a bhithair am marbhadh idir agus aig aman-

    nan nach eil ceadaichte.Thuirt Grahame Madge bho

    Chomunn Luchd-dìon nan Eun: “Airlàithean math nuair a bhios na h-eòina’ siubhal, bidh na ceudan aca sanadhair agus bidh luchd nan gun-naichean a’ dol às an rian — tha iad airghoil gus losgadh air nas urrainn dhaibh,fiù ‘s anns na h-àitichean far a bheil eòinfo dhìon.

    “Do dhuine sam bith nach fhacadhaibh fhèin e, cha mhòr gun gabh ansgrios a chreidsinn.”

    Chaidh rabhadh a thoirt seachad nandeigheadh duine a ghlacadh a’ briseadhan lagh gun deigheadh binn mhòr a churorra. Ach, a rèir nam buidhnean àrain-neachd chan eilear a’ dèanamh gu leòr,no faisg air, gus stad a chur air na seal-gairean.

    Malairt nan Innseachan

    Cìs telebhisein dha bàrd a chaochail bhochionn 200 bhliadhna

    An Fhraing — Thadhal prìomhaire nanInnseachan air ceann-suidhe na Fraingegus aonta fhaighinn air malairt eadar nah-Innseachan agus dùthchannan an Aon-aidh Eòrpaich.

    Tha Manmohan Singh an dòchasainm a chur ri cùmhnant oifigeil aigdeireadh na bliadhna a chruthaicheas ancothrom airson malairt a dhèanamh àsaonais cus riaghailtean.

    Choinnich Singh ri Nicolas Sarkozyseach gu bheil esan cuideachd na cheann-suidhe air an Aonadh.

    “Bha sinn airson sealltainn dhaprìomhaire nan Innseachan dìreach chocudromach ‘s tha an càirdeas eadar anRoinn Eòrpa agus na h-Innseachan,”thuirt Sarkozy. “Tha e cudromach gungluais sinn air adhart gu cabhagach leaonta air malairt neo-cheangailte.”

    Tha an Roinn Eòrpa air leth cudro-mach a thaobh na bhios daoine a’ cean-nach sna h-Innseachan, luach 90 billeanEuro gach bliadhna — barrachd fiù ‘s naSìona, a tha rin taobh.

    Ach, aig an aon àm, chan eil stuth bhona h-Innseachan idir cho cudromachdhan Roinn Eòrpa agus iad a’ ceannachnas lugha de bhathar na grunnrìoghachdan, mar Ameireagaidh, Sìonaagus fiù ‘s Korea a Deas.

    Bha an dà cheannard cuideachd a’bruidhinn mu nithean eile marbhlàthachadh na cruinne agus gainneadbidhe ‘s eadhon creideamh. Chan eilfada sam bith bho chaidh ionnsaigh athoirt air Crìosdaidhean sna h-Innseachan agus tha sin a’ cur dragh airmòran san Roinn Eòrpa.

    An Colbh Eòrpach

    Tha Comunn na Gàidhligair a ghuth a thogail gustaic a chur ris an iomairt gusseanail na Gàidhlig – BBCAlba – a chraoladh air Free-view.

    Tha e na thàmailt mhòrnach eil an t-seirbheis ùr rifhaighinn mar sin oir thamòran dhaoine air a’ Ghàid-healtachd aig nach eil Sky.

    A’ sgrìobhadh ann anaithisg bhliadhnail ChnaG,thuirt àrd-oifigear nabuidhne Eairdsidh MacIl-leathain gu bheil e deata-mach gun tèid a chur airFreeview cho luath ’s a ghab-has.

    “Tha CnaG gu mòr dhenbheachd gum bu chòir dhant-seanail ùr a bhith air Free-view agus bha sinn a’coiteachadh gum biodh ion-mhas iomchaidh aig a’ cho-bhanntachd airson an

    t-seanail a steidheachadhsa chiad dol a-mach agus aleudachadh,” thuirt e. “Thasinn a’ cur meal-an-naid-heachd air na bha an sàsann a bhith a’ toirt chùiseangu buil.”

    Anns a’ chòrr dhenaithisg, tha mìneachadh annair cho soirbheachail ‘s abha a’ bhliadhna a dh’fhalbhagus iad air bòrd ùr agusluchd-obrach ùr fhastadh.

    Thuirt cathraiche a’bhùird, Dòmhnall Dòmh-nallach: “ ‘S e bliadhnashoirbheachail a bh’ann, achtha e follaiseach gu bheilmòran ri dhèanamhfhathast aig ìre coim-hearsnachd gus dèanamhcinnteach gu bheil luchdlabhairt na Gàidhlig a’ faigh-inn cothroman an cànan achleachdadh anns a h-uilesuidheachadh.”

    Tha an aithisg bhli-adhnail a’ mìneachadh mara chaidh dhaibh ann an dio-far raointean. ‘S iad sinfoghlam tro mheadhan naGàidhlig, rannsachadh annsa’ Chuimrigh, sgeamaicheanoileanaich agus farpaiseandeasbaid is òraid.

    “Tha e na adhbhar mis-neachd dhuinn gu bheil anroinn phrìobhaideach a’sealltainn ùidh ann a bhitha’ toirt taic do phròiseactanGàidhlig,” thuirt MgrDòmhnallach. “Tha BT Albaair leantainn a’ toirt taicmaoineachaidh mu choin-neimh Deasbad Nàiseantanan Sgoiltean. Tha ScottishWidows a’ cur taic riSgeama Iomairt Òigridhann an Gàidhlig airsonsgoilearan àrd-sgoil agusthug iad taic ionmhais gusLios Ghàidhlig a thogail aig

    Bun Sgoil Ghàidhlig InbhirNis. Tha CalMac cuideachda’ cur taic ris an sgeamaGàidhlig air a’ Bhàta. Thana buidhnean sin nan deagheisimpleirean dobhuidhnean eile a dh’fhao-dadh barrachd a dhèanamh.

    “Tha sinn taingeil air-son an taic a fhuair sinn bhona buidhneanmaoineachaidh, gu h-àraidhIomairt na Gàidhealtachd ‘snan Eilean agus Bòrd naGàidhlig agus cuideachdbho ùghdarrasan agusbuidhnean iomairt ionadail.Tha sinn mothachail gu

    bheil feadhainn de nabuidhnean sin fhèin airatharrachaidhean mòrafhaicinn anns a’ bhliadhnaa dh’fhalbh agus tha sinntoilichte gu bheil iadfhathast airson a bhith agobair còmhla rinn.”

    Plana Gàidhlig ComhairleGhlaschu ga dheasachadh

    A’ Ghearmailt — Tha còrr air dà cheudbliadhna bho chaochail am bàrd ainmeilGearmailteach Friedrich Schiller — achcha do chuir sin stad air na h-ùghdarrasanfios a chur thuige gu bheil aige fhathastri cìs an telebhisein a phàigheadh.

    Chuir a’ bhuidheann GEZ, a bhios a’cruinneachadh nan cìsean air feadh nadùthcha, litir gu “Mgr Friedrich Schiller”agus ràinig e bun-sgoil leis an aon ainm.

    Bha an t-ùghdar ainmeil, a sgrìobhdàin leithid Ode to Joy, clàraichte aig anGEZ mar chuideigin aig a bheil taigh.

    Agus leis gu bheil e air a bhith marbhairson còrr air dà cheud bliadhna tha sina’ ciallachadh gu bheil cìsean telebhiseinluach 400,000 euro aige ri phàigheadh!

    Thàinig an litir fiù ‘s ged a sgrìobhceannard na sgoile chun GEZ ag ràdh

    “nach robh an neach tuilleadh ann ansuidheachadh far a b’urrainn dha coim-head air an telebhisean no èisteachd risan rèidio”.

    Dh’aidich a’ bhuidheann gun do rinniad mearachd agus thuirt iad gun robh iadduilich.

    Thuirt neach-labhairt leotha: “Thaagainn ri dèiligeadh ris an uabhas fios-rachadh agus ‘s urrainn dha rud mar seotachairt. Chan eil an ainm FriedrichSchiller cho neo-àbhaisteach sin agus chatàinig e a-steach oirnn gun robh càil neò-nach ma dheidhinn.”

    Bha Schiller ainmeil airson bàrdachdagus dealbhan-chluiche agus chuirBeethoven ceòl ri Ode to Joy anns an 9mhSymphony.

    CnaG ag iarraidh anseanail ùr air Freeview

  • 4 An Gàidheal Ùr, An Dàmhair 2008

    Fàilte do Mhòd nah-Eaglaise Brice

    BBC ALBA agus Radio nan Gàidheal aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2008

    Tha Mòd 2008 a' gabhail àite bho Dhihaoine 10mh gu Disathairne 18mhdhen Damhair anns an Eaglais Bhreac.

    Bidh BBC ALBA agus Radio nan Gaidheal a' toirt thugaibh na farpaiseanagus na tachartasan ciùil, le prògraman bèo mar Farpaisean na Bhoinn Òragus Mire ri Mòir air Radio nan Gaidheal agus air BBC ALBA gach oidhche chì sibh programan beo aig naoi uairean bho Dhiluain gu Dihaoine air a lìbhrigeadh le Màiri Anna NicUalraig.

    BBC ALBA air Sky Sianal 168 agus air Freesat Sianal 110

    Radio nan Gaidheal air 103.5FM is 105FM

    Co-bhanntachd eadar MG ALBA agus am BBC.

    Seo òraid ceann-suidhe a’Chomuinn Ghaidhealaich,Iain MacLeòid, a thèid a thoirt seachad aig fosgladh a’ Mhòid’S iomadh rud a chaidh a sgrìobhadh sa bhliadhna adh’fhalbh mu dheidhinn ar cànain — planaichean Gàidhliggan toirt gu buil air a’ Ghaidhealtachd agus anns na h-Eileanan, am measg pàrlamaid is riaghaltas ar dùthcha,barrachd shoidhnichean dà-chananach a’ nochdadh(agus a’ togail cheistean mu iomchaidheachd), agus ochionn ghoirid adhartas mòr ann an craoladh le seirbheisùr didseatach. Tha seo a’ dearbhadh rud a tha gu mathcudthromach — tha ar cànan fhathast beò agus ged a thacuid a’ cur na h-aghaidh agus ga càineadh, tha i a-nis a’faighinn taic san raon phoblach a tha dha-rìribh iongan-tach nuair a smaoinicheas sinn air cho farsaing ’s chobitheanta ’s a tha cànan na Beurla.

    Tha mòran leasachaidhean a tha gar fàgail mis-neachail mu shuidheachadh ar cànain ’s ar dualchais. Achma tha a’ Ghàidhlig a’ fàs ann an neart san raon phoblach,’s e fìor adhbhar dragh a th’ ann dhuinn cho mòr ’s a thai a’ crìonadh san teaghlach agus sa choimhearsnachd. Nachtric a chì sinn, nuair a bhàsaicheas luchd-labhairtGàidhlig air a bheil sinn eòlach, gu math tric tha a’Ghàidhlig anns an teaghlach aca a’ bàsachadh leotha. Thasinn fhathast a’ fulang air sgàth dìleab ar n-eachdraidh— cho beag de luach a bhathas a’ faicinn anns a’Ghàidhlig.

    Agus ’s e ceist mhòr a tha sin — cuin a tha sinn uile a’dol a chur aithne air an luach a tha nar cànain? Chan eluach airgid a-mhàin a tha seo ach luach a tha toirt inbhedhan Ghàidhlig — mar chànan foghlaim anns na sgoil-tean Gàidhlig a tha cho soirbheachail, mar chànan crao-laidh a tha a’ cur BBC ALBA air feadh an t-saoghail, marchànan ealain ann an opera is ann am fiolmaichean, marchànan litreachais anns na sgrìobhaidhean ùra a tha a’

    nochdadh gach mìos, mar chànan cultair anns na h-òrainagus sa cheòl a tha Julie Fowlis a’ taisbeanadh air feadhan t-saoghail.

    Anns na h-eisimpleirean sin, chan eil ìomhaigh naGàidhlig a-riamh air a bhith cho àrd ’s a tha i an-diugh,mar sin carson a tha teaghlaichean fhathast air a’ Ghaid-healtachd is anns na h-Eileanan — ann an sgìreandualchasach na Gàidhlig — far a bheil pàrantan leGàidhlig a’ diùltadh cànan an athraichean agus ammàthraichean a thoirt dhan chloinn aca? Chan eil facalair a shon ach “dì-meas cultarail” a dh’fheumar a thion-ndadh timcheall le prògraman misneachail agus bros-nachail a tha a’ toirt fìor luach ar cànain gu aire gach duineagus a’ cur ìmpidh orra uallach pearsanta a ghabhail anna bhith a’ toirt tiodhlac labhairt dhan chloinn a bheirbeartas cànain dhaibh fad am beatha. Is e tiodhlac a thasin a tha gu ìre mhòr gun chosgais ach anns a bheil luachnach urrainn a thomhas.

    Aig an aon àm feumar moladh a dhèanamh air nateaghlaichean sin far a bheil a’ Ghàidhlig fhathast gacleachdadh gu nàdarrach agus a tha a’ dearbhadh gu bheile dha-rìribh comasach clann a thogail le Gàidhlig marphrìomh chànan, agus mo bheannachd cuideachd do namìltean de luchd-ionnsachaidh a tha a’ dèanamh an làn-dhìchill ar cànan a thogail ’s a chleachdadh.

    ’S e mo dhùrachd-sa ann a bhith a’ stiùireadh a’Chomuinn Ghaidhealaich gun cum sinn taic ri cleachdadhna Gàidhlig tro Mhòdan ionadail is nàiseanta gus am faighsinn air luach ar cànain a thoirt gu aire an t-sluaigh gusan aithnich gach duine aig a bheil beag no mòr deGhàidhlig cho prìseil ’s cho beartach ’s a tha ar cànan agusan dleastanas a tha mar uallach oirnn uile an cànan ’s andualchas a thoirt seachad le moit dhan ghinealach a thatighinn às ar dèidh.

    ’S e dleastanas mòr a th’ ann ach ’s e sochar a th’ anncuideachd — sochar a tha againn tro ar dualchas nach buchòir dhuinn a leigeil seachad, sochar a bheir seachadtoradh math don ghinealach a tha tighinn às ar deidh.Cumaibh suas ur taic ris a’ Ghàidhlig. Bithibh moiteil àsur cànan, oir tha luach innte a tha farsaing, seasmhachagus nach urrainnear a thomhas.

    Tha mi nn dòchas gu faigh sibh toileachas is ùrachadhinntinn bho Mhòd na h-Eaglaise Brice.

  • An Gàidheal Ùr, An Dàmhair 2008 5

    Prìomh fhèis Gàidhlig na h-Alba

    Mòd 2008An Eaglais Bhreac

    10-18 Damhair

    Le taic bho: Caledonian Mac a’ Bhriuthain, Bòrd na Gàidhlig, The Royal Mail Group, Banca Rìoghail na h-Alba,

    Comhairle na h-Eaglaise Brice

    A’ comharrachadh dualchas chultarail na h-Alba

    www.the-mod.co.uk

    Am Mòd Nàiseanta Rìoghail

    Stephen Mac`Iomhair agus Sìneag Nic an t-Saoir à Uibhist-a-Deas le duaisean airson seinn aon-neach

    Tha Oifis Iomairtean naGàidhlig ann an AlbaNuadh a’ guidhe gach

    soirbheachas don MhòdNàiseanta Rìoghail

    www.gov.ns.ca/oga

    CCuuiinn iiss CCaaiittee aa’’ MMhhòòiiddBBiiddhh cceeòòll aagguuss ccrraaiicc ggaacchh ooiiddhhcchhee aannnnss aann ttaaiigghh--sshheeiinnnnssee BBeehhiinndd tthhee WWaallll.. BBiiddhh nnaa lleeaannaass aa’’ cclluuiicchh tthhaaiirriiss aaiirr aann tt--sseeaacchhddaaiinn:: LLàà nnaa SSààbbaaiidd –– TThhee SSiimmppllee TToouucchh;; DDiilluuaaiinn–– CCòòmmhhllaann CCèèiilliiddhh aa’’ PPhheennttllaanndd;; DDiimmààiirrtt ––BBooddeeggaa;; DDiicciiaaddaaiinn –– FFaaccee tthhee WWeesstt;; DDiiaarrddaaooiinn–– SSkkeerrrryyvvoorree;; DDiihhaaooiinnee –– DDààiimmhh;; DDiissaatthhaaiirrnnee -- TTuunnnnaa

    10m - 11:45m (Diluain - Diciadain) Clasaichean Gàidhlig (clann) Callendar House— an-asgaidh

    12 - 1:45f (Diluain - Diciadain)Clasaichean Gàidhlig (inbhich)Callendar House — an-asgaidh

    10m - 11:45m (Diardaoin - Dihaoine) Clasaichean Gàidhlig – Luchd-Ionnsachaidh(clann) Callendar House — an-asgaidh

    12 - 1:45f (Diardaoin - Dihaoine)Clasaichean Gàidhlig – Luchd-Ionnsachaidh (inbhich) Callendar House — an-asgaidh

    2 – 4f (Disathairne & Diluain - Dihaoine) Ceòl traidiseanta High Street Bandstand & Steeple Stage — an-asgaidh

    2 – 4f (Diluain - Diciadain)Ceòl bho Iain Mac a’ Ghobhainn & Gordon Connell Canal Inn — an-asgaidh

    2 – 4f and 9f - anmoch(Diciadain - Diardaoin) Còmhlan Iain Aonghais MhicLeòid agus DòmhnallAngaidh MacMhathain Taidh-Òsta Cladhan — an-asgaidh

    2 – 4f (Dihaoine)9f – anmoch (Diciadain - Dihaoine) Iain MacAoidh & Còmhlan Cèilidh Donnie & Diane Taigh-Òsta Antonine — an-asgaidh

    2 – 4f & 9pf - anmoch(Diciadain - Dihaoine) Còmhlan Cèilidh Lochabar Goose @ Newmarket — an-asgaidh

    2 – 4f Diciadain - Dihaoine9f - anmoch (Diciadain - Dihaoine) Calum Iain MacCorcadail Taigh-Òsta a’Phark

    AAnn DDaannnnssaa mmuu ddhheeiirreeaaddhh –– IIoonnaadd SSppòòrrss GGrraannggeemmoouutthh,, DDiihhaaooiinnee 1177mmhh aann DDààmmhhaaiirr –– 1111ff–– 44mm.. CCoossggaaiiddhh ttiicceeaaddaann ££1100,, gghheeiibbhheeaarr iiaadd aaiirr 0011332244 550066 885500.. BBiiddhh nnaa RReedd HHoott CChhiilllliiPPiippeerrss,, SSkkeerrrryyvvoorree,, SSkkiippiinnnniisshh && CCoommhhllaann CCèèiilliiddhh IIaaiinn AAoonngghhaaiiss MMhhiiccLLeeòòiidd aa’’ cclluuiicchh aaiirraann ooiiddhhcchhee sseeoo…… ggrreeaassaaiibbhh ooiirrbbhh mmaa tthhaa ssiibbhh aaiirrssoonn aa ddhhooll aannnn!!

  • 6 An Gàidheal Ùr, An Dàmhair 2008

    Chaidh seanal ùr na Gàidhlig a chur air bhogDihaoine an19mh dhen t-Sultain agus bhaFiona NicCoinnich na pàirt dhen tachartaseachdraidheil seo nuair a b’ i a’ chiad neacha-riamh a nochd air BBC ALBA.Tha an t-seirbheis ùr a-nis a’ coimhead airadhart ri clàr farsaing san Dàmhair, le roghainn de nithean inntinneach, bhophrògraman cloinne gu spòrs, prògramanaithriseil is naidheachdan agus seirbheischoileanta bhon Mhòd Nàiseanta Rìoghailanns an Eaglais Bhric.

    Tha clàr an là a’ tòiseachadh le prògramancloinne bho chòig uairean gach feasgar, nammeasg ‘Fiona ’s na Fuinn’, ‘Na Bonnachain’,‘Sgrìobag’, ‘Sailidh Mailidh’ agus ‘Òrainbho na Daoine Beaga’. Tha seann phrògraman ann cuideachd, a leithid‘Machair’ agus an sreath airson luchd-ionnsachaidh ‘Speaking our Language’.Gheibhear naidheachdan ionadail, nàiseantaagus eadar-nàiseanta ann ‘An Là’ agus e a’tighinn beò a-mach à Inbhir Nis aig ochduairean agus air a lìbhrigeadh le Iain MacIlleathain is Angela NicIlleathain. Agusgheibhear fiosrachadh coimhearsnachdbhon t-seirbheis ‘Dè tha Dol?’. Bidh ‘SeachdLà’ gach Didòmhnaich a’ toirt dhuinn cunntas air na prìomh sgeulachdan bho naidheachdan na seachdain.Tha am Mòd a’ gabhail àite bho Dhihaoinean10mh gu Disathairne an18mh dhenDàmhair. Bidh BBC ALBA agus Radio nanGaidheal a’ toirt thugaibh na farpaisean agusna tachartasan ciùil le prògraman beò gachoidhche aig naoi uairean bho Dhiluain guDihaoine air a lìbhrigeadh le Màiri AnnaNicUalraig.

    A thuilleadh air Mòd 2008, bidh barrachdphrògraman ciùil inntinneach ri fhaicinn fad na Dàmhair, a leithid ‘Rapal’, ‘HoroGheallaidh’, ‘Transatlantic Sessions’, ‘Bheir

    Dhomh am Fonn’ agus ‘Cèol Country’: sin

    gu lèir na dhearbhadh air mar a tha an

    seanal airson ceòl a chur am prìomhachas

    dhan luchd-amhairc.

    Cuideachd san Dàmhair, tha Cathaidh Bhàn

    a’ cur seachad là ann an cuideachd Irvine

    Welsh, Colin Montgomerie agus Ailig

    Salmond anns a’ phrògram aice ‘Cuide

    ri Cathaidh’. Bidh ‘Slighe gu Biadh’

    a’ meòmhrachadh air cuid den bhiadh

    Albannach as fheàrr. Bidh ‘Air an Rathad’ a’

    toirt sùil air saoghal nan càraichean agus

    bidh ‘A’ Chroit’ a’ clàradh bliadhna ann am

    beatha còig croitearan.

    Cha bhi luchd-leanntainn spòrs gann

    de rudan inntinneach a bharrachd, le

    geamaichean ball-coise bhon Phrìomh

    Lìog agus a’ Chiad Lìog am measg na

    chithear air ‘Spòrs’. Chithear an iar-chuairt

    dheirinneach de Chupa ALBA Challenge air

    Didòmhnaich an12mh dhen Dàmhair nuair

    a bhios Partick Thistle a’ cluich an aghaidh

    Airdrie United.

    Tha fo-thiotalan Beurla air a’ mhòr-chuid de

    phrògraman BBC ALBA ach am faigh gach

    duine toileachas à prògraman an t-seanail

    ùir. Airson tuilleadh fiosrachaidh thigibh gu

    www.mgalba.com no www.bbcalba.co.uk.

    Tha e againn a-nis! SPÒRS BBC ALBA A’TÒISEACHADH LEMÒR-SHOIRBHEACHAS

    ’S ann na fhìor shoirbheachas a bha

    sàr-sheirbheis spòrs BBC ALBA, a chaidh

    a chur air bhog Disathairne an 20mh an

    t-Sultain le aithris bheò de gheama Prìomh

    Lìog na h-Alba (SPL) Hearts an aghaidh

    Caley Inbhir Nis ann an Tynecastle.

    Tha an t-seirbheis spòrs na pàirt air leth

    cudthromach dhen chraoladh a tha ri

    fhaotainn air an t-sianal ùr Ghàidhlig

    Albannach is e air a thoirt seachad ann

    an co-bhonntachd le MNE Media.

    Chaidh cùmhnant a dhèanamh eadar

    MNE Media agus Prìomh Lìog na h-Alba

    gus aon gheama bho Phrìomh Lìog Banca

    na h-Alba a chraoladh gach oidhche

    Shathairne air BBC ALBA san ath dhà

    sheusan.

    Bidh MNE Media a’ taghadh aon gheama

    bho gach cuairt gheamaichean airson a

    shealltainn gu sònraichte ‘mar gum b’ ann

    beò’ mu thrì uairean a thìde às dèidh

    deireadh a’ gheama.

    Thèid agallamhan gu tur ùr a shealltainn

    cuideachd air an t-sianal le cuid dhe na

    h-ainmean as motha ann am ball-coise.

    Chaidh maoineachadh airson seirbheis

    spòrs MNE a thoirt seachad le MG ALBA

    a tha ann an co-bhonntachd le BBC

    Scotland gus prògraman Albannach air

    leth is aig ìre àrd a dhèanamh.

    Tha an t-sàr-sheirbheis spòrs, a bhios

    cuideachd a’ dèanamh aithrisean air

    rugbaidh is iomain Albannach, air a

    preasantadh le Evelyn Coull bho Thaigh an

    Spòrs, stiùidio eadar-dhealaichte a tha

    a’ gealltainn fealla-dhà, dibheirsean agus

    rudeigin diofaraichte gus freagairt air a

    h-uile duine.Sgioba An Là - Iain Maclleeathainn agus Angela Nicilleathainn

    Fiona NicCoinnich

    Air Sky Sianal 168 agus air Freesat Sianal110 gach latha!

    Tadhail airwww.mgalba.com

    nowww.bbc.co.uk

  • An Gàidheal Ùr, An Dàmhair 2008 7

    Tha an t-àm ann a-rithist dha Hands up for

    Trad agus pannal de bhreitheamhan a bhith a’

    breithneachadh air cò a gheibh Duaisean Ceòl

    Traidiseanta Albannach MG ALBA na bliadhna.

    Tha an fharpais air a bhith a’ ruith bho 2003 agus

    e a’ moladh nan cluicheadairean as fheàrr ann an

    ceòl traidiseanta na h-Alba bho air feadh na

    dùthcha.

    ’S ann a tha moit orra a ràdh, air sgàth

    co-bhonntachd ùr an 2008, gum bi oidhche nan

    duaisean am-bliadhna air a craoladh le

    BBC ALBA, an sianal ùr Gàidhlig.

    ’S urrainn do dhuine sam bith moladh no

    ainm a chur air adhart thuca agus gheibhear air

    seo a dhèanamh eadar 1–17 an Dàmhair air

    an làrach-lìn:

    www.handsupfortrad.co.uk/tradmusicawards/.

    Am measg nan 16 gnè tha an Seinneadair

    Gàidhlig as fheàrr, an Cluicheadair Beò as fheàrr

    agus an Cluicheadair Ùr as fheàrr [faic pàipear-taic

    airson tuairsgeul air gach gnè].

    Tha am pannal air a dhèanamh an-àirde le

    compàirtichean, companaidhean clàraidh,

    luchd-stiùiridh nan àiteachan cluiche,

    riochdairean ciùil is daoine eile bhon ghnìomhachas.Bhon 3mh dhen t-Samhain bidh cothrom aig ant-sluagh an co-dhùnadh mu dheireadh a dhèanamh air cò bhuannaicheas duais na bliadhna-sa a thèid a thoirt seachad air an 6mhdhen Dùbhlachd san Old Fruitmarket, Glaschu.Ghabh tachartas na bliadhna an-uiridh àite saGhearastan far an d’ fhuair Julie Fowlis dàdhuais, nam measg sin an clàr as fheàrr. An lùib an fheadhainn eile a bhuannaich tha Karine Polwart agus na Peatbog Faeries, a choisinn naCluicheadairean Beò as fheàrr ann an 2005.

    Mar dhòigh air na duaisean a chur air adhart bi “Hands up for Trad” cuideachd an lùib

    ‘Scots Trad Music Awards Spectacular Ceilidh’, a

    ghabhas àite air an 5mh dhen Dùbhlachd,

    cuideachd anns an Old Fruitmarket. Mar fhìor

    dheagh thoiseach-tòiseachaidh do mhìos na

    Nollaige bidh “The Occassionals” a’ tabhann ceòl

    agus gheibhear air “Strip the Willow” a dhèanamh

    ann an sàr àite-cluiche ann an deas-meadhan

    baile-malairt Ghlaschu.``

    Chuir Dòmhnall Caimbeul, ceannard

    MG ALBA, fàilte air a’ cheangal ùr. “Tha saoghal

    ciùil thraidiseanta na h-Alba air leth beothail le tàlant

    ùr agus is e seo rud a tha dha-rìribh freagarrach

    don lèirsinn againn air telebhisean Gàidhlig,”

    thuirt e. “Tha làn fhios againn gum bi an

    luchd-amhairc taingeil airson an cothrom pàirt a

    ghabhail anns na duaisean agus gum bi na

    duaisean rim faicinn air BBC ALBA.”

    Cuir a-staigh na molaidhean agad fhèin aig

    www.handsupfortrad.co.uk/tradmusicawards/ far

    am faighear fiosrachadh mu dheidhinn nan gnè ciùil

    air fad agus na tha riatanach airson gach duais.

    Duaisean “Trads” MG ALBA fosgailte airson molaidhean

    Tha BBC ALBA againn a-nis! A bheilsibh ag iarraidh ur beachd a chur an cèill air leasachadh telebhiseanGàidhlig? Bidh sgrùdadh air luchd-amhairc Gàidhlig ga atharrachadh airson sùil a chumail airmar a bhios an dearbh luchd-amhairca’ gabhail ris an t-seirbhis ùir seo.Tha Lèirsinn, ionad rannsachaidh Sabhal Mòr Ostaig, a’ dèanamh atharrachaidhean air a’ phannal deluchd-amhairc aca, agus iad a’ lorgluchd-cuideachaidh ùra. Chan eil agaibh ach ceisteachain sheachdaineach air prògraman telebhisein Gàidhlig a lìonadh a-steach.Gus buill a’ phannail a bhrosnachadhgu bhith a’ lìonadh nan leabhraichean-

    là seachdaineach gu cunbhalach, bidhtaghadh no crannchur mìosail ann luach £100 airson an fheadhainn a thaa’ freagairt gach seachdain.Cho math ri bhith a’ lorg luchd-amhairc didseatach ùra, bidhLèirsinn a’ cumail sùil air mar a thadaoine a’ gabhail ris na prògraman airBBC agus STV. Bidh iad sin fhathastrim faotainn anns an dòigh àbhaisteach.Mar sin, mas e neach-amhairc didseatach no neach-amhairc traidiseanta a tha annaibh, tha Lèirsinnag iarraidh cluinntinn bhuaibh. Airsoniarrtas a chur a-steach chun a’ phannail de luchd-amhairc, cuiribhfòn gu 01471 888550 no post-d [email protected].

    Dè ur beachd air telebhisean Gàidhlig?

  • Làrach-lìn ùr ga chur airbhog dha luchd-teagaisg

    8 An Gàidheal Ùr, An Dàmhair 2008

    A' CLEACHDADH DO SHEIRBHEIS

    ADHAIR IONADAILAIRSON SIUBHAIL SUAS GU 26MH DAMHAIR 2008

    •SSEEIIRRBBHHEEIISSEEAANN BBRRIITTIISSHH AAIIRRWWAAYYSSBu chòir don luchd-siubhail ticead fhaiginn san dòigh àbhaisteach aig www.ba.com, nodhaibhsan a tha clàraichte aig sgeama nam faraidhean saora, www-ba.com/ads

    AIRSON SIUBHAIL AS DEIDH 26MH DAMHAIR 2008

    •SSEEIIRRBBHHEEIISSEEAANN FFLLYYBBEEDhaibhsan a tha airson siubhal air seirbheisean Flybe, air an ruith le Loganair, no airsonceangal a dhèanamh le seirbheisean eile Flybe, bu chòir a dhèanamh tro www.flybe.com,no dhaibhsan a tha clàraichte le sgeama nam faraidhean saora, www.flybe/.com/ads

    Dhan luchd-siubhail a tha airson a dhol air seirbheis tro Obar Dheathain, Glaschu no DùnÈideann agus a tha a' dèanamh ceangal le seirbheisean British Airways a Lunnainn no nasfhaide bu chòir dhaibh a dhèanamh aig www.ba.com no www.ba.com/ads. Chan fhaighearseo ach le seirbheisean British Airways gu Lunnainn no tro Lunnainn gu àiteachan air feadhan t-saoghail

    Gheibh an luchd-siubhail cuideachd air ticead fhaighinn tro oifisean siubhail ionadailAirson fiosrachadh agus ticeadan gheibh luchd-siubhail ADS air a’ fòn: 0844 800 2855

    Às dèidh 26mh Damhair feumar cairtean aithne le dealbh airson siubhal.Airson tuilleadh fiosrachaidh theirig gu www.flybe.com

    SEIRBHEIS ADHAIR IONADAIL NA H-ALBA

    Thadhail teaghlach Gaeilge àLuimneach, Èirinn, air na h-Eileanan Siar mar phàirt de dhuaisa thug dhaibh cothrom sgìre deGhàidhealtachd fhaicinn thairisair còig làithean.

    Chaidh an fharpais a bhuan-naich iad a chumail le Colmcille, letaic bho Aer Arann —companaidhadhair a tha stèidhichte ann amBaile Átha Cliath — agus am pài-pear-naidheachd Gaeilge Foinse.

    Chunnaic an teaghlach anfharpais ann an earrainn shòn-raichte am broinn Foinse agusColmcille ag iarraidh cothrom athoirt do luchd-labhairt na Gaeilgetadhal air sgìrean Gàidhlig na h-Alba gus blasad fhaighinn dedhualchas nan Eilean Siar.

    Às dèidh dhaibh itealaich a-steach a Dhùn Èideann ràinig anteaghlach Steòrnabhagh an athmhadainn agus chuir iad seachadtrì làithean an uair sin a’ siubhal trona h-Eileanan, a’ tadhal ann anLeòdhas, na Hearadh agus Uibhistmus deach iad dhachaigh a-rithisttaobh Ghlaschu air a’ phlèana bhoBheinn a’ Bhaoghla.

    Chòrd an gnothach ri Séamus ÓFlaithbheartaigh air leth math. ‘Sann à Brasil a tha a bhean, Karina.

    “Chunnaic sinn an fharpais agusbha an dithis againn airson tadhalair Alba agus gu sònraichte air nah-Eileanan Siar gus eòlas a chur aira’ chultar agus air an sgìre fhèin,”thuirt Seumas.

    “Agus bha mi gu sònraichte a’coimhead air adhart ris air sgàthmo dhualchais fhèin. ’S ann à InisMór (fear de dh’Eileanan Árainn),a tha m’ athair. ’S e àite a bh’ annfar am bruidhneadh a’ mhòr-chuidGaeilge, agus ’s e a th’ ann fhathast.Chan eil Beurla a’ faighinn làmh anuachdair cho mòr sa tha i ann anàitichean eile. Bhitheamaid a’ dola-null an sin a h-uile samhradh.

    “’S ann à Luimneach a tha momhàthair, ach bha a seanmhair àCorcaigh an iar. Bha Gaeilge aiceseagus bha meas mòr aig a seanair

    don a h-uile rud a bhuineadh donàiseantachd nuair a thàinig anstàit gu bith. Bha an teaghlach acaa’ bruidhinn Gaeilge ann an sgìrefar nach robh mòran ga bruidhinn.Thog mo phàrantan ochdnar

    chloinne ann an Galltacht, no sgìreBheurla, ach b’ e Gaeilge a bhadaonnan againn a-staigh, ged asann do sgoil Bheurla a chaidhsinn. Mar sin bha tarraing mhòrann dhomh gus tadhal air Eileananagus Gàidhealtachd na h-Alba.”

    ’S e dachaigh dà-chànanach a th’ann an taigh Shéamuis mar a thae fhèin a’ mìneachadh:

    “Tha dithis nighean bhrèaghaagam fhìn is Karina, Sibéal, 22

    mìosan a dh’aois, agus Úna, 9mìosan,” thuirt e. “Bidh mise a’bruidhinn Gaeilge riutha agus bidhKarina a’ cumail Portagailis riutha.Tha Sibéal a’ fàs fileanta san dàchuid agus chan eil duilgheadassam bith aice ge bith cò dhe nacànanan a chleachdas i ri daoine.Chan eil luach sam bith ann an

    Gaeilge mura bi i air a cumail a’ dolagus dhòmhsa ’s ann air lethnàdarra a tha e a bhith a’ cumailGaeilge ri mo chuid chloinne.”

    Bha an duais a’ ciallachadh gund’ fhuair an teaghlach tiocaideanplèana eadar Èirinn is Alba aguseadar Dùn Èideann agus Glaschuagus na h-Eileanan Siar, cosgaiseansiubhail eile, càr air màl agus cuidna h-oidhche fhad ’s a bha iad airfalbh. Dh’fhuirich iad ann anSteòrnabhagh, na Hearadh agusUibhist a Tuath.

    Thuirt Oifigear nam Pròiseac-tan aig Colmcille ann an Alba,Màiri NicLeòid: “Tha an duais seoair cothrom a thoirt do theaghlachòg bho Èirinn tadhal air coim-hearsnachdan Gàidhlig sna h-Eileanan Siar agus cuid de naseallaidhean brèagha ansin fhaicinn.

    “Tha sinn a’ cluinntinn bar-rachd is barrachd mu dheidhinnturasachd chultarach, ach tha anturas seo air cothrom a thoirt doShéamus agus a theaghlach eòlasa chur air dualchas Gàidhlig nanEilean Siar agus na seallaidheanàlainn air an socair fhèin, agus bhacothrom aca cuideachdceanglaichean maireannacha dhèanamh ris an sgìre.”

    Farpais shaor-làithean a’ toirt nan Gàidheal còmhla

    An teaghlach Ó Flaithbheartaigh còmhla ri oifigear Alba Colmcille, MàiriNicLeòid

    Chaidh làrach-lìn ùr dhadaoine aig a bheil ùidh annan teagasg tro mheadhan naGàidhlig a chur air bhog aigFèis Ionnsachaidh na h-Albasan t-Sultain.

    Thawww.gaelicteaching.commar phàirt de dh’iomairteanBòrd na Gàidhlig a thaobhfoghlaim agus fastadh luchd-teagaisg.

    Bidh fiosrachadh air anlàraich mu fhoghlamGàidhlig, trèanadh luchd-teagaisg, ionnsachadh naGàidhlig, cothromanmaoineachaidh, cùiseanrannsachaidh inntinneachagus ceanglaichean feumailgu diofar làraichean foghlaimeile.

    Thuirt Rosemary Nic a’Bhàird, Àrd-oifigear Bòrdna Gàidhlig san eadar-ama:“’S e foghlam Gàidhlig aon dena roinnean ann am foghlamna h-Alba air an tàinig anleasachadh as luaithe ochionn còrr agus 23 bliadhnaagus tha e air fear dephrìomh amasan a’ Bhùird abhith a’ leantainn oirnn leisan leasachadh sin.

    “Leis an leudachadh seotha iarrtas airson luchd-tea-gaisg na Gàidhlig a’ sìor fhàsair feadh na h-Alba le cothro-man rim faotainn anns gachìre de theagasg.

    “Bu toil leinn aire dhaoinea tharraing do na cothromansin agus tàlant ùr a mhis-neachadh gu dreuchd athoirt a-mach ann an tea-gasg. Tha ùidh sa Ghàidhliga’ fàs agus tha e a’ fàs nasfhasa a bhith ga h-ionnsachadh, an dà chuidtro na sgoiltean agus trochlasaichean do dh’inbhich.

    “Tha am Bòrd air grunnphròiseactan a chur air

    bhonn gus leudachadh a’chànain a chumail a’ dol.Tha cothrom cho math ’s a

    bha ann a-riamh gus dosgilean a chur gu feum airsonGàidhlig a theagasg dhanath ghinealach. Gabh ancothrom sin agus thig a thea-gasg!”

    Thuirt Linda Fabiani,Ministear a’ Chultair: “Tha ena amas aig Riaghaltas na h-Alba cor na Gàidhliga neartachadh ann am fogh-lam, gus dèanamh cinnteachgum bi an cànan seasmhachsan àm ri teachd.

    “Tha an goireas ùr seo garcuideachadh gus an amassin a choileanadh le bhith a’toirt aire dhaoine gu nacothroman ’s gam bros-nachadh gu teagasg ann ansgoiltean agus ann an sgoil-tean-àraich air feadh nadùthcha.’’

    Am measg nan cothro-man teagaisg a tha rim fao-tainn tha:

    • luchd-teagaisg tromheadhan na Gàidhlig annan sgoiltean-àraich agus annam bun-sgoiltean

    • luchd-teagaisg airsonGàidhlig a theagasg mardhàrna cànan sna bun-sgoil-tean

    • luchd-teagaisg tromheadhan na Gàidhlig annan àrd-sgoiltean ann an cus-pairean leithid: cruinn-eòlas,nuadh-eòlas, eachdraidh,matamataig, eaconamasdachaigh agus saidheans.

    • luchd-teagaisg airsonGàidhlig a theagasg sna h-àrd-sgoiltean dha fileantaichagus dha sgoilearan a chaidhtro fhoghlam Gàidhlig, agus:

    • luchd-teagaisg airsonGàidhlig a theagasg sna h-àrd-sgoiltean dha luchd-ionnsachaidh.

  • B’ e sin a’ chiad nì anns an tàinig dùs-gadh. Agus bha mòran còmhraidh cuideachdmu thimcheall a bhith a’ coimhead ris na coim-hearsnachdan eileanach far a bheil co-dhiù bea-gan de chothrom a’ Ghàidhlig a chluinntinnann an suidheachaidhean làitheil nàdarrach.

    Ged a bha mothachadh ann gun robhmòran luchd-labhairt a’ còmhnaidh taobh a-muigh na Gaidhealtachd, bha faireachdainnlàidir ann gum bu chòir sùil gheur a thoirt airan t-suideachadh anns na h-eileanan.

    A rèir ministear na Gàidhlig Linda Fabiani,aon dhe na prìomh òraidichean, feumaidh iadsgìrean eile a chuideachadh cuideachd — maran fheadhainn far an robh a’ Ghàidhlig uairei-gin air a bruidhinn — ach dh’fheumadh iad athoirt air adhart ann an “dòigh ro-innleachdail”.

    “Tha mi smaoineachadh gu bheil cunnartann mura toir sinn gu leòr aire dha na sgìreanfar a bheil a’ Ghàidhlig ga cleachdadh gu nàdar-rach gum fàs sinn coma co-dhiù agus gumbàsaich a’ chànan sna àiteachan sin,” thuirt i.“Feumaidh sinn aire a thoirt dhan a sin antoiseach mus gluais sinn air adhart.”

    Chuir Fabiani cuideachd an cèill gum faig-hear £150,000 airson pròiseactan aig ìre nacoimhearsnachd a chuideachadh. Bidh Bòrd naGàidhlig an urra ris an stiùireadh.

    “Bheir an t-airgead seo an cothrom doBhòrd na Gàidhlig pròiseactan ùra a thoirt airadhart a tha cudthromach ann a bhith a’neartachadh na Gàidhlig aig ìre na coim-hearsnachd,” thuirt i. “Tha mi fìor thoilichteprìomhachas a thoirt dha a bhith a’ leasachadhagus a’ dìon na cànain aig ìre bhunaiteach sachoimhearsnachd.

    “‘S e cànan nàiseanta a tha anns a’ Ghàidhlig.Feumaidh sinn sin aithneachadh agus taic athoirt dha thairis air ar coimhearsnachdan gulèir, bho àiteachan far a bheil i làidir, gu

    àiteachan eile far a bheil i a’ fàs — mar chuidde bhailtean mòra na h-Alba.”

    Chuala a’ cho-labhairt gu bheil athar-rachadh a’ tighinn air suidheachadh nàiseantaluchd-labhairt na Gàidhlig, leis na h-àireamhansna bailtean mòra a’ leudachadh ach iad sin a’crìonadh ann an àiteachan eile leithid na h-

    eileanan.Thuirt Mgr MacCarmaig: “Ged a tha coim-

    hearsnachdan Gàidhlig traidiseanta againn, fara bheil a’ mhòr-chuid a’ bruidhinn na Gàidhlig,tha barrachd is barrachd choimhearsnachdanbeaga againn sna bailtean mòra far a bheileara’ cleachdadh na Gàidhlig gu bitheanta. Feu-maidh sinn dòighean a lorg air taic a thoirtdhan Ghàidhlig ann an roinn de dhiofarchoimhearsnachdan, ach gu h-àraidh le bhitha’ coimhead ri nithean sònraichte anns na coim-hearsnachdan Gàidhlig traidiseanta.”

    Sin e ma-thà: na coimhearsnachdan traidis-eanta agus an òigridh. Faodaidh sinn uile“Amen” a ràdh ri sin.

    ’S toigh leam seanfhaclan, agus tha mi cin-nteach gu bheil dà adhbhar air a shon sin— tha gliocas nan aoisean air an cruin-neachadh annta, agus tha iad goirid issmiorail.

    Tha mi fhìn a’ feuchainn anns nalàithean seo ri gluasad air falbh on rudmhòr a dh’ionnsaigh an rud bhig, agus marsin saoilidh mi gu bheil e iomchaidh na mochuid sgrìobhaidhean fhìn cuideachd glu-asad air falbh bhon eapaic chun an lioraic,bho spiorad an rud mhòir gu gliocas an rudbhig.

    Mar sin tha na seantansan agam nalàithean seo a’ sìor fhàs nas lugha. Tha nadàin agam nas giorra na bha iad a-riamh,agus tha an nobhail ùr a tha mi dìreach aircrìochnachadh airson Ùr-Sgeul nas tainena leabhar sam bith a rinn mi ron seo. “Lessis more”, mar a thuirt am fear eile.

    Tha mi a’ creidsinn gur e gu bheil iada’ glacadh fìrinn mhaireannach air chor-eigin a tha a’ fàgail seanfhaclan èifeach-dach; oir mura biodh iad a’ tasgadh fìrinnsheasmhach air choreigin cha mhaireadhiad idir. Ach a bharrachd air a sin, thagèireid cainnt cuideachd ceangailte ris a’chùis, oir mura bheil an abairt grinn agusgleusta cha tèid a chuimhneachadh. Agusmar as èibhinne a tha an seanfhacal, ’s annas fheàrr.

    Ach ’s dòcha gur e seo an rud as tar-raingiche mu sheanfhacal sam bith — guntèid agad air a ghabhail ann an dòigh no

    dhà. Tha e a’ ciallachadh siud, achcuideachd tha e a’ ciallachadh seo. Mar sin,dhomhsa co-dhiù, tha seanfhaclan daon-nan poileataigeach.

    Gu ìre cuideachd tha fàidheadaireachdgu tric an cois seanfhacail: tha na briathrana’ tighinn thugainn le rabhadh a bhith airar faiceall, no tachraidh an dearbh ruddhuinne agus a thachair anns an t-seanfha-cal fhèin — ‘thoir bean à Ifrinn, ’s bheir idha taigh fhèin thu’, mar eisimpleir.

    Saoilidh mi gu bheil seanfhaclan air lethfreagarrach cuideachd mar bhunait airsonbàrdachd — gu dearbha, ’s e bàrdachd a th’annta co-dhiù, ’s mar sin tha mi air oid-hirp bheag a dhèanamh seanfhaclan ùra(mas urrainn dhan leithid a rud a bhithann!) a dhèanamh suas.

    Oidhirp a th’ ann a bhith co-aimsireil,agus tha mi an dòchas gun toir iad gàirebeag agus toileachas-inntinn dhuibh co-dhiù. Agus cò a chanadh, anns na drochlàithean seo, nach b’ fheàirrde sinn uile bea-gan fealla-dhà!

    Fàisneachdan Choinnich Ghobhair isSeanfhaclan eile

    Nuair a nochdas a’ Bhratach Shìth air-son an treas uair,

    chì thu Peadar Mandelson.

    An latha a bhios preasan fo bhlàth annan Aimeireagaidh,

    thig breitheanas air an t-saoghal.

    Nuair thig an Seanal Ùr Digsiteach,cluinnidh sinn ma dheidhinn.

    Gluaisidh Clach an Truiseilma gheibh thu JCB mòr gu leòr.

    Am fear a bhios na thàmhbidh e aig a’ choimpiutair fad an latha.

    An latha nach bi MacLeòid an DùnBheagan

    cha bhi feum air.

    Nuair a thig am Mòd dhachaigh,thig e dhan Òban.

    Thig trì nithean gun iarraidh,

    agus gu cinnteach ’s e spam aonan dhi-ubh.

    Cho luath ’s a thig am post-dealain,cuir às no freagair.

    Dèan do ghnothach anns an taighmhòr

    mar a nì thu do chùis anns an taighbheag.

    Far am bi bò bi buacharagus far am bi buachar bi mathachadh.

    Far am bi bò cha bhi beanoir thàinig co-ionnanachd is riaghail-

    tean Eòrpach.

    Ged a bhios MacCoinnich an Cinn t-Sàile,

    cha bhi Gàidhlig aige.

    Gheibh na Caimbeulaich an rìoghachd,ach na Dòmhnallaich an glòir.

    Is fheàrr a bhith dhìth a chinnna bhith dhìth an i-pod.

    Is trom an t-eallach GOC is Dwelly.

    Chan e naidheachd a bhios annma bhàsaicheas a’ Ghàidhligair an aon latha ri geama an Old Firm.

    Laighidh a’ ghrian air cùl Dhùn Canaa h-uile feasgar.

    Ma thèid thu dhan Ròimhe,cuimhnich sun-tan lotion a thoirt leat.

    Mura h-eil thu clàraichte cheana airsonBroadband,

    mo thruaighe ort.

    Ruigidh each mall muileannfhad ’s a gheibh am muileanncead-dealbhachaidh sa chiad àite.

    Càise air a’ ghealaich,WMDs ann an Iorac agusCor na Gàidhlig: chi sinn,mar a thuirt an dall.

    Le Aonghas Pàdraig CaimbeulNeach-naidheachd Gàidhlig na Bliadhna

    An Gàidheal Ùr, An Dàmhair 2008 9

    “Nuair a thig dùsgadh air an sgrìobhaiche bi sinn uile sàsaichte”

    Beachd

    A neach dheasachaidh,

    Fàilte chridheil air BBC Alba!Mar neach-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha a’ fuireach anns a’ Chuim-righ, ’s e cothrom fìor mhath a th’ ann dhòmhsa mo chuid Ghàidhliga chleachdadh ’s a leasachadh. Agus tha mi an dòchas gun cordna programan ri Gàidheil na h-Alba agus gun toir an seanail ùr piseachmòr air saoghal na Gàidhlig air fad.Tha mi an dòchas cuideachd gum faigh Gàidheil na h-Alba air fad,agus chan e dìreach an fheadhainn aig a bheil saideal neo càbal,an cothrom an seanail ùr, snasail, tarraingeach seo fhaicinn! Abairgòraiche, ge-tà, nach eil an seanail ri fhaighinn dha na Gàidheil airfad air telebhisean àbhaisteach!Saoil am faod mi beachd eile a thoirt seachad mun t-seanailcuideachd? Mar a bha na h-aoighean ag ràdh air program Choin-nich an t-seachdain sa chaidh, carson a dh’fheumas sinn fo-thio-talan fhaighinn air an uiread de phrògraman?Bidh iad gam chur troimhe-chèile mar neach ionnsachaidh. ’S urrainndhomh Radio nan Gàidheal a thuigsinn gu math furasta mar as trice,ach ma bhios fo-thiotalan air an sgrion tha e ro fhurasta dhomh anleughadh an àite a bhith ag èisteachd ris a’ Ghàidhlig, agus tha edoirbh dhomh an dà rud a dhèanamh aig an aon àm.Tha mi a’ tuigsinn gu math gu bheil am BBC agus MG Alba ag iar-

    raidh an seanail ùr a dhèanamh cho so-ruigsinneach do luchd naBeurla ‘s a ghabhas, ach ’s urrainn dhaibh sin a h-uile duine ashàsachadh le teicneolas. Leis gu bheil BBC Alba didseatach, thae comasach fo-thiotalan sònraichte fhaighinn as urrainn dhut tion-ndadh air agus dheth, a rèir toil an neach-coimhid.Tha S4C, an seanail Cuimris, air a bhith a’ dèanamh seo fad bhli-

    adhnaichean agus tha iomairt air a bhith ann gus innse dha luchdna Beurla gun gabh seo dèanamh. Carson nach dèan BBC Alba aleithid?Le dùrachd,

    Ruairidh FrancisAfallonTanygrisiauBlaenau Ffestiniog

    A charaid chòir,

    Rinn mi toileachadh mòr nuair a leugh mi gur dòcha gum bi “Alba”ri fhaicinn air lèintean sgioba rugbaidh na h-Alba.Sgrìobh mi litir o chionn greis gu Andy Irvine, ceann-suidhe an SRUaig an àm, a’ cumail a-mach gum biodh an t-atharrachadh sin gumath freagarrach mar urram do dh’fhìor ghaisgeach Gàidhealachagus fear de na cluicheadairean a b’ fheàrr a bh’ aig Alba a-riamh.Chluich Seonaidh Mac ‘ill a’ Bhrataich (Johnny Bannerman) dodh’Alba 37 tursan eadar 1921 agus 1929. Bha e na bhall de sgiobaan “Grand Slam” ann an 1925 a rinn an gnothach air Sasainn annsa’ chiad ghèam a chaidh a chluich aig Murrayfield. Fhuair e bar-rachd cheapan na cluicheadair sam bith eile mus d’ ràinig HughieMacLeod anns na 60an. Bha e na chaiptean den sgioba airsongreis agus na cheann-suidhe air an SRU às dèidh an dàrna cogaidh.’S math dh’fhaoidte gum bi cuimhne nas fheàrr aig na Gàidheil air

    mar cheann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich, oir bha e a cheartcho làidir airson a chànain fhèin ’s a bha e airson sgioba rugbaidhna h-Alba.Sgrìobh Irvine air ais thugam ag ràdh gun robh iad deònachsmaoineachadh ma dheidhinn agus chuir e nam cuimhne gun dochluich Shade Munro, ogha do Mhac ‘ill a’ Bhrataich, iomadh turasdo dh’Alba.

    Mise le meas,

    Raghnall Camshron“Whinknowe”BanbhaidhAn GearasdanPH33 7PB

    L I T R I C H E A N

    Òigridh bho Sgoil Bhreascleit agus iad suidhichte annan coimhearsnachd thraidiseanta. Anns an dealbhcòmhla riutha chithear Linda Fabiani, an comhairlicheTormod Dòmhnallach, àrd-oifigear Bòrd na GàidhligRosemary Ward agus an comhairliche Agnes Rennie

    Prìomhachas ga thoirt do choimhearsnachdan

  • Bidh farpais crìochnachaidhÒran ùr do Mhuile a’gabhailàite anns an Talla Àrois annan Tobar MhoireDisathairne an t-ochdamhlà den t-Samhain. ‘S epròiseact ùr a tha seo airson70 bliadhna Mòd Ionadachna Dreòlluinn a chomhar-rachadh.

    Chuirear òrain a-staighbho gach ceàrn dendùthaich, agus bha e doirbhdo na britheamhan taghadha dheanamh airson anfharpais crìochnachaidh.Bha ceithir roinnean ann:

    1: (fo 18): a’cur ceòl airfacail a bh’ann mar tha

    2: (nas sine na 18): a’curceòl air facail a bh’ann martha

    3: (fo 18): a’deanamh andà chuid, facail agus ceòl

    4: (nas sine na 18):a’deanamh an dà chuid,facail agus ceòl

    Gu mì fhortanach, ged achaidh buthan obrach achumail anns an sgìre, chado chuir duine a-staigh air-son Roinn 1.

    Ann an Roinn 2, bidhòrain bho na leanas: AileanDòmhnallach, Dùn

    Èideann, Norma NicDhùghaill, Cille Brìghde anIar, Iain MacThòmais, TorrLoisgte, agus CoinneachMacThòmais, Glaschu.

    Ann an Roinn 3, bhuan-naich Shannon Nic IllEathain, Tobar Mhoire,agus ann an Roinn 4 bidhAilean Dòmhnallach, DùnÈideann, Iain AonghasMacLeòid, Na LeargaidhGhallda agus Ceitidh Nica’Ghobhainn, Caol LochAillse.

    Bidh na h-òrain ann anRoinnean dhà agus ceitheirair an cluich leis a’ chòmh-lan: Gillian Frame, Pòl Jen-nings, Màiri Anna NicUalraig, Dùbhghlas Milleragus Fionnlagh Napier, agusair an seinn le sein-neadairean Ciorstaidh NicFhionghain agus AlasdairMac ille Bhàin à Muilefhèin. Tha an luchd ciùilagus na seinneadairean aircoinneachadh mar tha air-son obair air na h-òrain,agus bidh iad a’clàradh CDtràth anns an Dàmhair.Bidh an CD ri fhaighinnanns an t-Samhain, agusbidh na h-òrain rin cluin-

    ntinn air Rèidio nan Gàid-heal tron t-seachdain ronfharpais crìochnachaidh air8 An t-Samhainn.

    Bidh an triùir a leanasa’beachdachadh air anfharpais crìochnachaidh –Anna Latharna nic ill Iosa,Eilidh nic Coinnich agus

    Calum Rothach. Ghaibhearticeadan £8/£5 air anlàrach-lìonwww.mullmod.org.uk nobhon Ionmhasair, Cnoc naSgillinn, Tobar Mhoire,Muile, PA75 6QA.

    Cuideachd, bidh FèisMhuile a’dol aig an aon àm

    – 8 agus 9 An t-Samhain –le clasaichean anns a’B-hocsa-ciùil, Feadan, Fid-heall, Orain Ghàidhlig,Giotàr, Sgrìobhadh òrainGhàidhlig agus Clàradhfuaim. Bidh clasaichean anngach là airson ceòl aguscànan, agus ma bhios e

    cothromach, bidh cla-saichean air leth airsonsgoilearan a tha ann amfoghlam tro mheadhan naGàidhlig. Airson tuilleadhfiosrachadh, leig fios guAnna Nic Dhòmhnaill, Fan-more, Tòrr Loisgte, Muile.

    Thàinig a’phroiseict seo

    gu bith le cuideachadh bhonluchd urrais a leanas:LEADER Earra Ghàidheal‘s na h-Eileanan, ComhairleEarra Ghàidheal agus Bòid,Bòrd na Gàidhlig, Fèiseannan Gàidheal, Scottish SeaFarms, TSL agus WyvexMedia.

    Òran ùrdo Mhuile

    10 An Gàidheal Ùr, An Dàmhair 2008

    Tha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) ag obair comhla ri daoine agus coimhearsneachdain air feadh na Gàidhealtachd. Tha an obair seo airson curam agus tlachd a’ libhrigheadh dhan n-àrainneachd agus fiadh-bheatha airson a h-uile duine air feadh na duthcha. Ma tha sibh ag iarraidh fiosrachadh mu dheidhinn na diofar seirbhisean, proiseactan agus cuideachadh a tha SNH a’ toirt seachad gu h-ionadail, theid gu làrach-lin againn agus mu chuireas sibh cuspair sonraichte anns am bocsa ‘lorg’ againn, ghabh sibh an fhiosrachadh a tha a dhith oirbh aig: www.snh.org.uk. no snh.org.uk/gaelic

    Mu tha sibh airson fònadh neo post-dealain a chuir thugainn tha na seolaidhean de na priomh oifisean againn anns a’ Ghàidhealtachd gu h-iosal:

    Oifis Taobh Tuath na Gàidhealtachd:

    Main Street, Goillspidh Caitibh KW10 6TG Fòn: 01408 633602 Facs: 01408 633071

    Oifis Taobh Siar na Gàidhealtachd:

    Taigh an Rianadair, Am Pairèid, An Gearasdan PH33 6BA Fòn: 01397 704716 Facs: 01397 700303

    Oifis na h-Eileanan Siar:

    Sràid Fhrangain,SteòrnabhaghEilean Leòdhais HS1 2ND Fòn: 01851 705258 Facs: 01851 704900

    Oifis Taobh Sear a’ Ghàidhealtachd

    Slighe Fodhraitidh, Pàirce Gnìomhachas, Inbhir Pheotharain IV15 9XB Fòn: 01349 865333 Facs: 01349 865609

    Oifis Naiseanta:

    Taigh a’ Ghlinne Mhòir Ràthad na Leacainn Inbhir Nis IV3 8NW Fòn: 01463 725000

  • An Gàidheal Ùr, An Dàmhair 2008 11

    £20.00

    £25.00

    £30.00

    £35.00

    Cha mhòr gu bheil là de ar beatha nach bi sinn a’ cluinntinn mu naidheachdan sgriosail munithean a tha a’ tachairt air feadh an t-saoghail. Chan eil teagamh nach eil na naidheachdan sincudromach, oir bidh cuid dhiubh, gu ìre, a’ deachdadh ciod an seòrsa saoghal anns am bi sinnbeò. Agus tha iad cudromach cuideachd san t-seagh ’s gu bheil iad a’ bualadh air daoine agusair coimhearsnachdan a tha fada bho ar suidheachaidhean fhìn. Murt is cogadh is aimhreit, alìonas na pàipearan-naidheachd le mìltean de fhacail. Agus is dòcha gu bheil e ceart gum bi nameadhanan a’ toirt fa-near dhuinn nan tachartasan sin a tha fada bhuainn ann an dòigh, achaig am bi buaidh oirnn ann an seagh eile. Chan eil an saoghal ach beag.

    Ach tha saoghal de ghnè eile ann cuideachd. Is e sin an saoghal pearsanta, a tha làn de naidheachdan pearsanta agus tlachdmhor. Saoil nach eil Crìsdean Whyte a’ cur sin an cèill gusoilleir san dàn bheag seo:

    (Bha Crìsdean Whyte a’ còmhnaidh san Eadailt bho 1975 gu 1985, a’ teagasg ann an Oilthigh na Ròimhe bho 1977. Is dòcha gu bheil seo a’ freagairt ceist a dh’fhaodadh a bhith oirnnmu thiotal an dàin. Chan eil diofar càite an deach a sgrìobhadh – is iad na briathran agus nasmuaintean a tha cudromach!)

    A rèir an dàin, bha am bàrd san oilthigh (san Ròimh), far an robh a h-uile duine a’ bruidhinn mun cheannairceas a thachair ann am Beirut. Aon de naidheachdan mhòra an t-saoghail aig an àm. Daoine air am murt. Daoine air an leòn. Ach bha naidheachd eile a’ feitheamhair nuair fhuair e dhachaigh, naidheachd nach fhaigheadh inbhe no eadhan iomradh ann am meadhanan an t-saoghail. Bha na gobhlain-ghaoith air tighinn, ag itealaich ’s a’ seinn muthimcheall a thaighe. Naidheachd thlachdmhor, phearsanta, a bha dhàsan gu pearsanta na bu

    AAnnnn aamm BBaarraaiill aa’’ BBhhààiirrdd

    chudromaiche na na h-uabhasan a ghabh àiteann am Beirut.

    Is cinnteach gu bheil naidheachdan taitneach againn uile, naidheachdan nach eilan eisimeil ceannairceas dhaoine. Tha CrìsdeanWhyte a’ cur sin an cèill dhuinn le ìomhaighshìmplidh, ach le ìomhaigh a bheir oirnn

    smaoineachadh mu cho math dheth ’s a tha sinn. Nach cudromach naidheachd nan gobhlan-ghaoith seach naidheachdan marbh-tach dhùthchannan cèine. Nach cudromachnaidheachd an nàdair seach naidheachd anduine!Dòmhnall Iain MacÌomhair

    AANNNNSS AANN RRÒÒIIMMHHChaidh mi don oilthigh a’ mhadainn udagus bha a h-uile duine sa chafaidha’ bruidhinn mu na thachair am Beirut:bom air sprèadhadh ann an Tosgaireachd nan Amaireaganachagus uiread a dhaoine air am murt ’s air an ciùrradh.Nuair thill mi dhachaigh aig meadhan-lathabha thu a’ deasachadh sa chidsin ’s tu ri aighear.Tha na gobhlain-ghaoith air tighinn, thuirt thu,nach cluinn thu iad mu thimcheall an taighe?Agus shaoil mi gum b’ e do naidheachd-sa a bu chudromaicheged nach rachadh a sgrìobhadh ’s na pàipearan.

    AAnnnn aamm BBaarraaiill aa’’ BBhhààiirrdd

  • 12 An Gàidheal Ùr, An Dàmhair 2008

    Ann am facail a’ chomataidh ionadail: “Tha am

    Mòd a’ tighinn dhachaigh.”Ged nach eil

    dualchas làidir aig a’ Ghàidhlig anns an Eaglais

    Bhric, co-dhiù an coimeas ri bailtean eile far

    am bithear a’ cumail prìomh fhèis na Gàidhlig,

    tha ceangal eachdraidheil cudthromach aice

    an dèidh sin ris a’ Ghaidhealtachd.

    B’ ann an seo, ann an teas-mheadhan na

    dùthcha, a b’ àbhaist na seann dròbhairean

    Gaidhealach a bhith a’ tighinn airson na

    beathaichean mairt aca a reic. ‘S iomadh cèilidh

    sona is oidhche dhòigheil a chaith iad anns

    a’ bhaile nuair a bhiodh iad deiseil dhen

    reic. ‘S dòcha dha-rìribh gur e na cruinneachaid-

    hean mòra seo a thug toiseach-tòiseachaidh

    dhan Mhòd.

    Agus ma bha sin-seanairean na h-Eaglaise

    Brice eòlach air na Gaidheil a bh’ ann,

    feumaidh muinntir a’ bhaile san là a th’ ann

    eòlas a chur air ais orra a-nis. Cha bhi crodh

    aca ri reic an turas seo, ach bidh gu leòr ceòl

    is bàrdachd is cultar nan cois.

    Cha bhi càil a dh’eagal nach bi cùisean beothail

    agus gu leòr ri dhèanamh, a thuilleadh air na

    farpaisean is cuirmean àbhaisteach, leis a

    h-uile càil an ìre mhath faisg air làimh.

    Tha bùthan gu leòr ann, taighean-bìdh gu leòr

    agus iomadach taigh-seinnse far am bi ceòl

    fad an là, fad na seachdain. Cumaibh sùil

    a-mach airson leann a’ Mhòid, airson

    lèintean-T a’ Mhòid agus iomadach òraid is

    bùth-obrach.

    Thuirt Aonghas Dòmhnallach, neach-gairm a’

    Mhòid: “Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’

    tighinn dhan Eaglais Bhric airson a’ chiad uair.

    Mar àite le coimhearsnachd bheag de

    Ghàidhlig tha dealas oirnn gus am Mòd

    a dhèanamh ruigsinneach is taitneach dha

    luchd-frithealaidh riaghailteach a’ Mhòid agus

    dhan choimhearsnachd ionadail. Tha sinn moiteil

    a bhith a’ toirt aoigheachd dhan Mhòd

    Nàiseanta, is toilichte pàirt a ghabhail

    gus dèanamh cinnteach gum mair cànan is

    cultar na Gàidhlig.”

    A’ RIOCHDACHADH NA COIMHEARSNACHD GHÀIDHLIG

    Fàilte do Mhòd na h-EaglaiseBrice

    AGU-OCT-08p1AGU-OCT-08p2AGU-OCT-08p3AGU-OCT-08p4AGU-OCT-08p5AGU-OCT-08p6AGU-OCT-08p7AGU-OCT-08p8AGU-OCT-08p9AGU-OCT-08p10AGU-OCT-08p11AGU-OCT-08p12