buannachd do thurasachd am measg nan duilgheadasan ......naidheachdan 2 an gàidheal Ùr, am...

12
Teachdaireachd bho Art duilleag 5 >> Làithean ùra air fàire sna Stàitean duilleag 9 >> Rathad Chaluim ann an Gambia duilleag 12 >> A’ RIOCHDACHADH NA COIMHEARSNACHD GHÀIDHLIG www.an-gaidheal-ur.co.uk AN ASGAIDH ! TOG FEAR AN-DIUGH AN ASGAIDH Am Faoilleach 2009 www.an-gaidheal-ur.co.uk Fon: 01851 706877 Facs: 01851 706467 Àireamh 134 An sianal Ghàidhlig Litir an luchd-ionnsachaidh a’ ruighinn clach-mhìle Duaisean film air fàire Aonghas Pàdraig Caimbeul Joy Dunlop www.an-gaidheal- ur.co.uk “Thig còmhla rinn” 6&7 >> Sùil air: Sgrìobhadh bho: Agus... carson nach sgrìobh sibh pèin. Faic an t-Àrd Ùrlar fosgailte air duilleag 9 airson £50 a chosnadh Tha coltas ann gu bheil na duil- gheadasan eaconmach a tha an-dràs- ta a’ cuairteachadh na dùthcha agus an t-saoghail gu bhith nam buannachd do gnìomhachas na turasachd, roinn a tha air leth cudromach don Ghàidhealtachd agus do na h-Eileanan. Leis gu bheil luach an not Shasan- naich a-nise mun aon ìre ris an Euro, tha e a’ ciallachadh gum bi barrachd is barrachd dhaoine a’ coimhead ri fuireach ann am Breatainn airson na saor-làithean aca a ghabhail, an taca ri bhith a’ teicheadh a-null thairis. Ged a tha crìonadh air an eacona- maidh air a thighinn le buille gu math cruaidh thairis air iomadach diofar àite, le mòran bhùthan is chompanaidhean a’ dol fodha, dh’fhaodadh e a bhith na thogail do ghnìomhachas na turasachd. Thuirt Scott Armstrong, stiùiriche roinneil VisitScotland: “Tha neart an Euro a’ ciallachadh gu bheil Alba, agus le sin a’ Ghàidhealtachd, ann an suid- heachadh làidir a-thaobh a bhith tàladh luchd-turais bhon dùthaich seo fhèin a bha gu traidiseanta a’ gabhail nan saor- làithean aca thall thairis ach a tha a- nise dol a dh’fhuireach nas fhaisge air an taigh airson luach an airgid fhaigh- inn. “Cuideachd, chan eil rian nach fha- ic sinn barrachd luchd-turais a’ tighinn bhon Roinn Eòrpa bhon bidh e nas saoire dhaibh-san a thighinn an seo a-nis. Tha an Roinn Eòrpa, a’ gabhail a-steach na Gearmailt is na Frainge, na prìomh mhargadh dhuinne agus tha cothroman ann an sin. “Tha an suidheachadh eaconamach a’ ciallachadh gu bheil VisitScotland air na h-amasan margaideachd againne atharrachadh — tha seo a’ gabhail a- staigh barrachd obair-shanasachd ann am Breatainn agus sna dùthchannan Eòrpach mar dhòigh air Alba, agus a’ Ghàidhealtachd, a thaisbeanadh mar àite as fhiach tadhal air agus tilleadh air ais thuige. “Tha sinne a’ brosnachadh gh- nìomhachasan airson nas urrainn dhaibh a dhèanamh gus brath a ghab- hail air a’ chothrom seo agus ag iarraidh orra a bhith ag obair còmhla airson làn bhuannachd fhaighinn às.” Aig an ionad sgithidh anns an Aghaidh Mhòir tha an luchd-stiùiridh ag ràdh gu bheil iadsan mar-thà a’ faicinn na buaidh agus iad nas trainge am-bli- adhna na bha iad mun àm seo an-uiridh. Thairis air seachdain na Bliadhna Ùire ann an 2008 thadhail 4,236 air na goireasan aca ach am-bliadhna dh’èirich sin gu 5,423. Bha na figearan airson an àm timcheall na Nollaige cuideachd an- àirde. Thuirt Tania Alliod, manaidsear-mar- gaideachd an ionaid, gu bheil iad air am brosnachadh le na h-àireamhan agus iad suas gu mòr bhon uiridh, bliadhna a bha leatha fhèin an ìre mhath soirb- heachail. “Bha an Nollaig agus a’ Bhliadhna Ùr an-àirde,” thuirt i. “Mar sin dheth, dhuinne co-dhiù, tha cùisean math dha- rìribh. Tha barrachd dhaoine tim- cheall agus tha mi a’ smaoineachadh gur e an t-adhbhar airson seo ‘s e nach eil uimhir a dhaoine a’ siubhal thall- thairis agus gu bheil iad a’ coimhead air- son rudeigin nas fhaisge air an taigh. “Chan eil dearbhadh sam bith agam airson seo ach tha fios gu bheil e nas cosgaile siubhal thall-thairis leis mar a tha suidheachadh na h-eaconamaidh an- dràsta.” A rèir Màiri Anna NicÌomhair bho VisitScotland anns na h-Eileanan Siar tha iadsan cuideachd a’ faicinn na buaidh a th’ aig an t-suidheachadh ea- conamach. “Tha sinn air a bhith nas sàmhaiche tron a’ gheamhradh seo ach chan e àm trang a tha sin dhuinne co-dhiù,” thuirt i. “Ach, mar-thà tha sinn a’ faicinn gu bheil barrachd dhaoine gu bhith tigh- inn thugainn as t-samhradh agus ‘s e an t-adhbhar airson sin ‘s e gu bheil bar- rachd dhaoine gu bhith fuireach san dùthaich seo fhèin agus ‘s dòcha bar- rachd a’ tighinn.” Sealladh trang... Tha coltas gum bidh goireasan turasachd air a’ Ghàidhealtachd, mar ionad sgì an Aghaibh Mhòir, gu bhith nas trainge ri linn gum bidh barrachd airson na saor-làithean aca a ghabhail aig an taigh Bidh an stòras luachmhor a thatar a’ cru- inneachadh fon phròiseact “Tobar an Dualchais” ga thaisbeanadh don chiad uair a-riamh aig fèis Celtic Connections ann an Glaschu. Thatar an-dràsta ag ullachadh 12,000 uair a thìde de sheann òrain is clàraidhean Gàidhlig is Albais airson an cur air an eadar-lìon, rud a bhios a’ cial- lachadh gum bi iad air an dìon airson an àm ri teachd. Gu seo, chan eil an seann stuth a thathas air a bhith cruinneachadh bho thasglann a’ BhBC agus Sgoil Eòlais na h-Alba air a bhith ga thaisbeanadh gu poblach. Ach, aig cuirm shònraichte nas fhaide air a’ mhìos cluinnear eisimpleire- an de chuid de na h-òrain a thatar air cruinneachadh. Thèid a’ chuirm a chu- mail ann an Ceàrnag an Naoimh An- ndra air Diciadain 28mh. “Tobar an Dualchais” air an àrd-ùrlar Bidh Mairead Stiùbhairt a’ taisbeanadh cuid de na h-òrain bho “Tobar an Dualchais” faic duilleag 8 Buannachd do thurasachd am measg nan duilgheadasan eaconamach

Upload: others

Post on 02-Jan-2021

2 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

Page 1: Buannachd do thurasachd am measg nan duilgheadasan ......Naidheachdan 2 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009 Cuin ‘s Caite An Gàidheal ÙrNeach-deasachaidh Murray MacLeòid murray@an-gaidheal-ur.co.uk

Teachdaireachdbho Artduilleag 5>>>>

Làithean ùraair fàire snaStàiteanduilleag 9>>>>

Rathad Chaluimann an Gambiaduilleag 12>>>>

A’ RIOCHDACHADH NA COIMHEARSNACHD GHÀIDHLIG

ww ww ww .. aa nn -- gg aa ii dd hh ee aa ll -- uu rr .. cc oo .. uu kk AN ASGAIDH !TOG FEAR AN-DIUGH AN ASGAIDH

Am Faoilleach 2009www.an-gaidheal-ur.co.uk Fon: 01851 706877Facs: 01851 706467Àireamh 134

An sianal Ghàidhlig

Litir an luchd-ionnsachaidh a’ruighinnclach-mhìle

Duaisean film air fàire

AAoonngghhaassPPààddrraaiigg

CCaaiimmbbeeuull

JJooyy DDuunnlloopp

wwwwww..aann--ggaaiiddhheeaall--uurr..ccoo..uukk

““TThhiigg ccòòmmhhllaa rriinnnn”” 6&7>>>>

Sùil air:

Sgrìobhadh bho:

Agus... carson nachsgrìobh sibh pèin. Faican t-Àrd Ùrlar fosgailteair duilleag 9 airson £50a chosnadh

Tha coltas ann gu bheil na duil-gheadasan eaconmach a tha an-dràs-ta a’ cuairteachadh na dùthcha agus ant-saoghail gu bhith nam buannachd dognìomhachas na turasachd, roinn a thaair leth cudromach don Ghàidhealtachdagus do na h-Eileanan.

Leis gu bheil luach an not Shasan-naich a-nise mun aon ìre ris an Euro,tha e a’ ciallachadh gum bi barrachd isbarrachd dhaoine a’ coimhead rifuireach ann am Breatainn airson nasaor-làithean aca a ghabhail, an taca ribhith a’ teicheadh a-null thairis.

Ged a tha crìonadh air an eacona-maidh air a thighinn le buille gu mathcruaidh thairis air iomadach diofar àite,le mòran bhùthan is chompanaidheana’ dol fodha, dh’fhaodadh e a bhith nathogail do ghnìomhachas na turasachd.

Thuirt Scott Armstrong, stiùiricheroinneil VisitScotland: “Tha neart anEuro a’ ciallachadh gu bheil Alba, agusle sin a’ Ghàidhealtachd, ann an suid-heachadh làidir a-thaobh a bhith tàladhluchd-turais bhon dùthaich seo fhèina bha gu traidiseanta a’ gabhail nan saor-làithean aca thall thairis ach a tha a-nise dol a dh’fhuireach nas fhaisge airan taigh airson luach an airgid fhaigh-inn.

“Cuideachd, chan eil rian nach fha-ic sinn barrachd luchd-turais a’ tighinnbhon Roinn Eòrpa bhon bidh e nas saoiredhaibh-san a thighinn an seo a-nis. Thaan Roinn Eòrpa, a’ gabhail a-steach naGearmailt is na Frainge, na prìomhmhargadh dhuinne agus tha cothromanann an sin.

“Tha an suidheachadh eaconamacha’ ciallachadh gu bheil VisitScotland airna h-amasan margaideachd againneatharrachadh — tha seo a’ gabhail a-staigh barrachd obair-shanasachd annam Breatainn agus sna dùthchannanEòrpach mar dhòigh air Alba, agus a’Ghàidhealtachd, a thaisbeanadh mar àiteas fhiach tadhal air agus tilleadh air aisthuige.

“Tha sinne a’ brosnachadh gh-nìomhachasan airson nas urrainndhaibh a dhèanamh gus brath a ghab-hail air a’ chothrom seo agus ag iarraidhorra a bhith ag obair còmhla airson lànbhuannachd fhaighinn às.”

Aig an ionad sgithidh anns anAghaidh Mhòir tha an luchd-stiùiridhag ràdh gu bheil iadsan mar-thà a’ faicinnna buaidh agus iad nas trainge am-bli-adhna na bha iad mun àm seo an-uiridh.

Thairis air seachdain na Bliadhna Ùireann an 2008 thadhail 4,236 air na

goireasan aca ach am-bliadhna dh’èirichsin gu 5,423. Bha na figearan airson anàm timcheall na Nollaige cuideachd an-àirde.

Thuirt Tania Alliod, manaidsear-mar-gaideachd an ionaid, gu bheil iad air ambrosnachadh le na h-àireamhan agusiad suas gu mòr bhon uiridh, bliadhnaa bha leatha fhèin an ìre mhath soirb-heachail.

“Bha an Nollaig agus a’ BhliadhnaÙr an-àirde,” thuirt i. “Mar sin dheth,dhuinne co-dhiù, tha cùisean math dha-

rìribh. Tha barrachd dhaoine tim-cheall agus tha mi a’ smaoineachadh gure an t-adhbhar airson seo ‘s e nach eiluimhir a dhaoine a’ siubhal thall-thairis agus gu bheil iad a’ coimhead air-son rudeigin nas fhaisge air an taigh.

“Chan eil dearbhadh sam bith agamairson seo ach tha fios gu bheil e nascosgaile siubhal thall-thairis leis mar atha suidheachadh na h-eaconamaidh an-dràsta.”

A rèir Màiri Anna NicÌomhair bhoVisitScotland anns na h-Eileanan Siar

tha iadsan cuideachd a’ faicinn nabuaidh a th’ aig an t-suidheachadh ea-conamach.

“Tha sinn air a bhith nas sàmhaichetron a’ gheamhradh seo ach chan e àmtrang a tha sin dhuinne co-dhiù,” thuirti. “Ach, mar-thà tha sinn a’ faicinn gubheil barrachd dhaoine gu bhith tigh-inn thugainn as t-samhradh agus ‘s ean t-adhbhar airson sin ‘s e gu bheil bar-rachd dhaoine gu bhith fuireach sandùthaich seo fhèin agus ‘s dòcha bar-rachd a’ tighinn.”

Sealladh trang... Tha coltas gum bidh goireasan turasachd air a’ Ghàidhealtachd, mar ionad sgì an Aghaibh Mhòir, gu bhith nas trainge ri linngum bidh barrachd airson na saor-làithean aca a ghabhail aig an taigh

Bidh an stòras luachmhor a thatar a’ cru-inneachadh fon phròiseact “Tobar anDualchais” ga thaisbeanadh don chiaduair a-riamh aig fèis Celtic Connectionsann an Glaschu.

Thatar an-dràsta ag ullachadh12,000 uair a thìde de sheann òrain isclàraidhean Gàidhlig is Albais airson ancur air an eadar-lìon, rud a bhios a’ cial-lachadh gum bi iad air an dìon airson

an àm ri teachd.Gu seo, chan eil an seann stuth a

thathas air a bhith cruinneachadh bhothasglann a’ BhBC agus Sgoil Eòlais nah-Alba air a bhith ga thaisbeanadh gupoblach.

Ach, aig cuirm shònraichte nasfhaide air a’ mhìos cluinnear eisimpleire-an de chuid de na h-òrain a thatar aircruinneachadh. Thèid a’ chuirm a chu-mail ann an Ceàrnag an Naoimh An-ndra air Diciadain 28mh.

“Tobar an Dualchais” air an àrd-ùrlar

Bidh Mairead Stiùbhairt a’ taisbeanadh cuidde na h-òrain bho “Tobar an Dualchais” faic duilleag 8

Buannachd do thurasachd am measg nan duilgheadasaneaconamach

Page 2: Buannachd do thurasachd am measg nan duilgheadasan ......Naidheachdan 2 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009 Cuin ‘s Caite An Gàidheal ÙrNeach-deasachaidh Murray MacLeòid murray@an-gaidheal-ur.co.uk

Naidheachdan2 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009

Cuin ‘s Caite

An Gàidheal ÙrNeach-deasachaidh

Murray MacLeò[email protected]

SeòladhTaigh à Mhorair Leverhulme

Ceàrnag PhearsabhailSteòrnabhagh

Eilean LeòdhaisHS1 2DD

Fòn: 01851 706877Facs: 01851 [email protected]

An Gàidheal Ùr

Disathairne 17 FaoilleachInbhir Nis – Nach tig sibh gu Ionad Dunbar, Sràid na h-Eaglaiseadar 12f – 2f an latha seo airson brot, ceapairean agusbèicearachd! Tha seo air a thoirt thugaibh le Comann Gàid-healach Inbhir Nis, a tha a’ togail airgid airson Mòd IonadailInbhir Nis. Thèid fàilte chridheil a chur oirbh uile.

Dihaoine 23 FaoilleachAn Gearastan – Bidh Balaich Bhatarsaigh a’ toirt thugaibhconsairt air an oidhche seo anns an Ionad Neibheis bho8f. Cosgaidh tiogaidean £12 agus gheibhear iad air 013977010 707 no cuiribh post-d gu [email protected].

Dihaoine 23 FaoilleachSrath Pheofhair – Thèid cuirm-chiùil a chumail le na RedHot Chilli Pipers ann am Pavilion Shrath Pheofhair bho 8fair an oidhche seo. Cosgaidh tiogaidean £17.50 agus gheib-hear iad air 01997 420 124 no cuiribh post-d [email protected].

Dihaoine 23 FaoilleachSteòrnabhagh – Thèid consairt a chumail anns an Lanntairan oidhche seo le Ivan Ilic bho 8f. Gheibhear tuilleadh fios-rachaidh aig www.lanntair.com no cuiribh fòn thuca air 01851703 307

Disathairne 24 FaoilleachInbhir Nis – Thèid cuirm-chiùil a chumail ann an Ironworksair Sràid Acadamaidh a’ tòiseachadh aig 7f le Balaich Bhatar-saigh. Bidh Torridon a’ cluiche còmhla riutha cuideachd.Cosgaidh tiogaidean £12 agus gheibhear iad air 0871 7894173. www.ironworksvenue.com

Disathairne 24 FaoilleachLunnainn – Thèid cèilidh agus dannsa Burns a chumail bho7.30f le Comann na Gàidhealtachd is nan Eilean an Lun-nainn, ann an Taigh Cecil Sharpe, Pàirc Regent. A’ gab-hail pàirt air an oidhche seo bidh Siobhán Miller (abhuannaich duais ceòl-dùthcha Rèidio 2 an-uiridh), MalcolmJones (bho Runrig), Calum Iain MacCorcadail agus PòlMacGilleathain, pìobaireachd agus mòran eile. Gheibhearcuideachd suipeir traidiseanta. Cosgaidh tiogaidean £25(£20 airson nam ball). Feumar na tiogaidean a cheannachro làimh bho Mhay NicDhòmhnaill air 020 8755 [email protected] www.hisl.org

Dihaoine 6 GearranInbhir Nis - Bidh oidhche mhòr ann an Eden Court le du-aisean FilmG, a’ cho-fharpais fhilmichean goirid aig MGALBA. Le filmichean goirid ùra bho air feadh saoghal nanGàidheal. Gheibhear tuil leadh fiosrachaidh aigwww.filmg.co.uk. Airson tiogaidean cuiribh fòn air 01463234 234 no [email protected]

Dihaoine 20 GearranAn t-Òban – Thèid Coinneamh Bhliadhnail a’ ChomainnGhàidhealaich a chumail air an oidhche seo anns an Taigh-òsta Rìoghail bho 7.30f. Thèid fàilte chridheil a chur oirbhuile.

Disathairne 21 GearranObar Dheathain – Thèid cèilidh a chumail le Comann Ceil-teach Oilthigh Obar Dheathain & Club Gàidhlig ObarDheathain air an oidhche seo bho 8.30f ann an Talla El-phinstone. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig www.ab-erdeengaelic.wordpress.com.

Am Faoilleach 2009

Aig toiseach bliadhna eilenuair a tha sinn uile a’ curfàilte chridheil air namìosan ùra a tharomhainn agus an dòchasgum faigh sinn a h-uile rudair a bheil sinn airidh, thae nàdarrach a bhith a’coimhead air an ùine a tharomhainn le barrachddòchais ‘s spionnaidh na‘n àbhaist. Chaidh geallaid-hean a chruthachadh geda tha fios againn uilenach mair iad fiù ‘s gudeireadh na mìos agus gednach eil a’ chiad lathaann an 2009 càildiofraichte bhon lathamu dheireadh ann an2008, cha mhòr nach ur-rainnear ach faireach-dainn nas misneachailemu ur beatha ‘s nalàithean ri teachd.

Sin mar a bha edhomhsa am-bliadhnaco-dhiù, ged nach dodh’fhairich mi gun robh mibuileach deiseil mo chùla chur ri 2008 fhathast,dh’fhàs mi cleachdte ris antè ùir ann am priobadh nasùla. Nach mi a bhaaotrom ‘s aighearach, bhafiù ‘s barrachd foighidinnagam le mo bhràithreanagus ged a bha i fuaragus fliuch a-muigh, chachuireadh rud sam bithstad air an toileachasagam. Cha do mhair sin

fada ged-thà. Rinn mi a’chiad mhearachd agamtràth ann an 2009 —dh’èist mi ris na naid-heachdan. An àite sgeu-lachdan brosnachail munt-slighe air adhart dhuinncha chluinnte ach sgeu-lachdan dùbhlain ledealbhan nan cois a bhacho truagh, cha mhòr gundo bhris iad mo chridhe.

B’ e an rud a bha snapàipearan-naidheachdionadail agus nàiseantacuideachd, sgeulachdantroma ‘s droch shealladhairson na h-ùine a tha rithighinn. Ach cha robh edaonnan coltach ri seo.Tha cuimhne agam ochionn ghoirid gun robhna ciad duilleagan làndòchais ‘s spòrs’, a’ seall-tainn dhuinn leanabhanùra a chaidh a bhreith airLatha na Nollaige nodaoine cracte làn dib-hearsain a’ snàmh samhuir reòthte Latha naBliadhna Ùire.

Am-bliadhna ged-thàchunnaic sinn dealbhan dedhaoine a’ sabaid anaghaidh a chèile air nasràidean agus leugh sinnmu choimhearsnachdanneo-chiontach a chaidh amharbhadh ann an Gàsa.Chuir na pàipearan-naid-heachd às an corp mudheidhinn cho gann ‘s atha ar cuid airgid, cho cu-gallach ‘s a tha an suid-heachadh eacanomachagainn ‘s cho faisg ‘s a thaBreatainn ri seacadh air-gid gach latha.

Bha na pàipearan ion-adail air an aon ràmh,leughadh mu bhùthan adhùin ‘s a dh’ fhalbh tharoidhche agus na h-obraichean a chaidh achur à bith. Chan ann a’

dol às àicheadh na th’aca a tha mi, tuigidh migur h-e fìor dhroch shuid-heachadh a th’ againnan-dràsta le nas miosa nasin fhathast ri thighinn achle bhith ag èisteachd ris nateachdaireachdan dub-hach seo a mhàin, tha efurasta smaoineachadhgu bheil cùisean an t-saoghail a’ dol am miosadcho mòr gu bheil sinn a-cheart cho math dol air aisinnte agus dùsgadh às ùrann an 2020.

Ach mus caill sinn ardòchas gu lèir, nach mathgun nochd rudan beagauair ‘s a-rithist a chuireasnar cuimhne gu bheilbeagan solais air fhàgailsna làithean dorchaagainn. Lorg mi am fuas-gladh seo beagan làitheanair ais agus nach mi a bhafeumach air aig an àm udàs dèidh sùil a thoirt airna cunntasan bancaagam. (Tha deagh theansgum feum mi cadal tromhìos no dhà leis na beat-haichean geamhraidh gussgillinn no dhà a shàbha-ladh.) ‘S cinnteach guncuala sibh uile an aonbhrath air na naidheach-dan mun triùir phàisteanbhon Ghearmailt adh’fheuch ri cuairt aghabhail a dh’Afraga gunfhios dha na pàrantanaca.

Air sgàth ‘s gun robhan dithis dhiubh ann an“trom-ghaol” (aig aoiscòig agus sia) dh’aontaichiad ri chèile gum bu chòirdhaibh pòsadh agus aig anaon àm, làithean- saora aghabhail ann an àite blàtha leithid Afraga. ‘S mar sin,lion iad trì màileideanleis a h-uile rud adh’fheumadh iad, biadh,

deiseachan-snàimh, speu-clairean-grèine agus lilo,thug iad air a phiuthartighinn cuide riutha abhith na neach-fianaisaig a’ bhanais agusdh’fhalbh iad air an turasaca. Gu mi-fhortanachdhaibh cha d’ràinig iad anceann-uidhe aca, chaidhstad a chur orra aigstèisean nan trèanaicheannuair nach robh airgeadno tiogaidean aca bhacothrom aca cuairt aghabhail timcheallstèisean nam poilis naàite.

Feumaidh miaideachadh nach b’ ur-rainn dhomh achgàireachdainn leis andealbh a bh’ agam nam in-ntinn dhuibh aig stèiseannan trèanaichean le speu-clairean-grèine orra aguslilo fon achlais! ‘S e an rudsònraichte mun sgeul seoged-thà gu bheil co-dhù-nadh toilichte aig a’ chùis,fhuair an triùir dàna seodhachaigh gun chron sambith (ach air nearbhan ampàrantan a mhilleadh thami cinnteach) agus chadeach an call no angoirteachadh anns an t-saoghal fhiadhaich annsa bheil sinn beò.

Chan eil nàire ormaideachadh gun d’fhuairmi togail agus sàsachdbhon sgeulachd seo, gu h-àraidh nuair a leugh mi gubheil iad fhathast a’ mi-annachadh air banaisAfraganach a bhith aca ach‘s dòcha, ann am beaganbhliadhnaichean nuair atha iad beagan nas sine.Saoil nan leanamaid uilean teoiric shìmplidh abh’ aca, am biodh na h-uiread a thrioblaideanagainn?

Le Joy Dunlop

Solas gu leòr ri lorg anns na làithean dorcha

Soirbheachas ann an Spòrs 2008 air BBCRadio nan Gàidheal

Tha am program Spòrs na Seachdain air BBC Radio nan Gàidheal, a’ toirt seachadSgiath Soirbheachas ann an Spòrs 2008. Air a’ bhliadhna seo, se sibhse, an luchd eisteachd a bhios a’ taghadh cò bu chòira bhith air a’ phrìomh liosta! Cò na h-ainmean a tha sibhse airson fhaicinn a’dol air adhart airson na duais?Thuige seo tha an luchd-spòrs ainmeil seo air an Sgiath a ghleidheadh.2005 – Sgioba ball-coise nan Loch a’ Leòdhas.2006 – Beth Nicleòid neach rugbaidh à Uibhist.2007 – Sgiath aon-neach do Chalum Iain MacCoinnich, neach draib hidh à

Leòdhas.Sgiath an sgioba co-ionnan eadar sgioba Snàmh agus Luth-chleasachd nan Eilean Siar.

Faodaidh sibh duine sam bith a tha an sàs ann an spòrs na ar coimhearsneachd fhèin a thaghadh, mar eisimpleir, fear neo tè a tha a’ cuideachadh,a’ trèanadh, neo a’ toirt taic gu saor-thoileach, gu fear neo tè a tha air a bhithsoirbheachail nan spòrs fhèin.Cuimhnichibh, is ann agaibhse, an luchd-èisteachd, a tha am facal mu dheireadhair cò bu chòir a’ bhith air an liosta airson na duais Soirbheachas ann an Spòrs2008!Cuiribh thugainn ar beachdan air cò bu mhiann leibhse fhaicinn air an liosta

air post-d: [email protected]ìobhaibh thugainn aig: Spòrs na Seachdain,

BBC Radio nan Gàidheal, Zone 3.07,40 Pacific Quay,Glasgow G51 1DA

air loidhne: bbc.co.uk/radionangaidheal

Feumaidh na h-ainmeanan a bhith againn ron 31mh dhen Dàmhair.Siuthadaibh, cò a tha sibhse a’ dol a thaghadh airson a dhol air an liostaairson duais Soirbheachas ann an Spòrs 2008!

Tha Comunn na Gàidhlig ann anco-bhonn ri Comhairle nanEilean Siar dol a chur air adharttaisbeanaidh anns na h-EileananSiar gus foghlam tro mheadhanna Gàidhlig a bhrosnachadh.

Thèid dà thachartas a chur airdòigh ann an Steòrnabhaghagus ann an Lionacleit gus fios-rachadh a thoirt seachad dophàrantan agus do chloinn munbhuannachd ann a bhith a’ curan cuid cloinne gu foghlamGàidhlig.

Tha dùil gum bi mòran dhena buidhnean Gàidhlig na lùib.Thèid an là-fiosrachaidh a churair adhart ann an Steòrnab-hagh Disathairne seo tighinn(17mh) agus ann an Sgoil Liona-cleit air an 31mh.

Thuirt neach-gairm nacomhairle Ailig Dòmhnallach:“Tha na Làithean-fiosrachaidhGàidhlig a’ toirt cothruimdhaibhsan aig a bheil ùidh sa chà-nan tadhal gus fiosrachadh abharrachd fhaighinn air foghlamtro mheadhan na Gàidhlig, cla-saichean Gàidhlig agusiomadach gnothach eile co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig.

“Bidh buidhnean bhoShradagan gu Stòrlann anlàthair agus bidh fàilte chridheilair duine sam bith aig a bheil ùidhsa Ghàidhlig neo aig a bheil ceistsam bith.”

Agus thuirt Eairdsidh MacIl-leathain, ceannard Chomunnna Gàidhlig: “Tha roghainnphàrantan a thaobh foghlaman cuid cloinne cudromach agusdh’fhaodadh gur e an taghadh ascudromaiche buileach an cànana thaghas iad gus foghlam alibhrigeadh, mar sin tha e deata-mach gu bheil cothrom aca fios-rachadh cunbhalach fhaighinnair foghlam tro mheadhan naGaidhlig gus cuideachadh leis antaghadh sin.

“Tha sinn an dòchas gun tigpàrantan chun nan tachartasanagus gun gabh iad an cothromfiosrachadh fhaighinn mu dè thaan lùib foghlam tro mheadhanna Gàidhlig agus mu na buan-nachdan don cuid cloinne abhith dà-chànanach.”

A’ taisbeanadh foghlam tro mheadhan naGàidhlig

Tha Comhairle na Gàid-healtachd a’ sireadh tha-graidhean bhophròiseactan cultarail atha ag iarraidh taic-airgidagus luach £500,000 acari thoirt seachad.

Chaidh Prògram Cul-tarail na Gàidhealtachd astèidheachadh mar oid-hirp air dìleab sheasmhacha chruthachadh bhonphròiseact mhòr High-land 2007.

Tha e na amas aig a’phrògram a bhith a’ bros-nachadh thachartasan,fhèisean is phròiseactancultarail tro bhith toirttaic seachad dhabuidhnean, luchd-ealain,stiùirichean nobuidhnean-òigridh issgoile. Feumaidh tagraid-

hean a bhith staigh ron6mh dhen ath mhìos.

Thuirt neach-gairm nacomhairle Sandy Park:“Aig Highland 2007 fhuairan luchd-stiùiridh air raonfarsaing de thachartasan ispròiseactan mìorbhaileacha chur air dòigh a bha a’taisbeanadh cultar traidis-eanta na Gàidhealtachdagus a’ chultair nuaidh.

“Chaidh Prògram Cul-tarail na Gàidhealtachd astèidheachadh mardhìleab don ùine fhadafhaighinn à Highland2007, a’ togail air nachaidh a dhèanamh marphàirt de bhliadhna chul-tarail na Gàidhealtachd.

“Fhuair sinn còrr air 50tagradh sa chiad chuairtdhen sgeama a bha fon

ainm Stòras Dìleab naGàidhealtachd 2007 agustha dùil gum bi a’ cheartuimhir a dh’fharpais sandàrna cuairt seo.

“A thuilleadh air a bhithtaisbeanadh cultarbeòthail na Gàidhealtachddhan t-sluagh agus doluchd-turais tha an stòrasair taic a thoirt dha raonde phròiseactan is dethachartasan inntinneacha bhios nam pàirt de‘Homecoming Scotland’2009’.”

Airson barrachdfhaighinn a-mach munstòras tadhail airwww.highland2007.com.no fòn Fiona Hamptonair 01463 702007.

Taic-airgid do phròiseactan cultarail

Thèid buidheann ùr achruthachadh anns an EaglaisBhreac. Tha seo a’ tighinn marthoradh air gun deach MòdNàiseanta Rìoghail a chumailanns a’ bhaile an-uiridh.

Bidh Fòram Gàidhlig Sgìre nah-Eaglaise Bhrice ag amas airrudan a chur air dòigh marleasanan cànain agus cuirmean-ciùil

Bidh a’ chiad choinneimhdhen bhuidhinn air a cumailDimàirt seo tighinn (20mh).

Thuirt an comhairlicheAonghas Dòmhnallach, a bha nachathraiche air comataidh-stiùiridh a’ Mhòid: “Dhearb-haich sinn an-uiridh gun robh

barrachd iarrtais ann airson antuilleadh chlasaichean Gàidhligagus barrachd chuimean-ciùiltraidiseanta agus cha bhi ansin ach pàirt dhe na bhios amFòram a’ cur air dòigh.

“Dh’iarrainn air a h-uileduine a tha taiceil dhan chànanGhàidhlig agus don chultarbrath a ghabhail air a’ chothromseo agus a dhol an sàs ann a bhitha’ brosnachadh ‘s a’ leasachadhcànan is ceòl na Gàidhealtachd.

“Fhuair sinn misneach gun tugBòrd na Gàidhlig dhuinn taic-airgid airson a’ bhuidheann a churair dòigh agus tha sinn airsoncùisean a ghluasad cho luath ‘sa ghabhas.”

Fòram Gàidhlig ùr na h-Eaglaise Brice

Page 3: Buannachd do thurasachd am measg nan duilgheadasan ......Naidheachdan 2 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009 Cuin ‘s Caite An Gàidheal ÙrNeach-deasachaidh Murray MacLeòid murray@an-gaidheal-ur.co.uk

tlachd a ghabhail à turas gu Sabhal MòrOstaig san Eilean Sgitheanach airsonseachdain de bhogadh ann anGàidhlig. Tha an turas air a bhith an-abarrach soirbheachail san àm achaidh seachad, le cuid de sgoilearana’ cur iarrtais a-steach airson cùr-saichean aig a’ cholaiste a fhritheal-adh, a’ leantainn air an turas.

• Chuir Naidheachdan Loch a

Tuath iarrtas a-steach airson £300 aguschaidh an t-suim iomlan abhuileachadh orra gus duilleag de dh’al-tan Gàidhlig a-mhàin a sholarachadhanns gach iris mhìosail den phàipear-choimhearsnachd.

• Bidh Cròileagan Bhaile Dhub-hthaich a’ tabhann bhùithtean-obrachdo theaghlaichean ann an ceòlGàidhlig, ann an òrain-ghluasaid no

bùithtean-obrach ceàirde gach dàrnaseachdain, gus buill teaghlaich abhrosnachadh gu Gàidhligionnsachadh agus a chleachdadh sandachaigh. Bidh iad a’ tairgsinn nambùithtean-obrach sin le cuideachadhbhon £500 a chaidh a bhuileachadhorra le Taic Freumhan Coim-hearsnachd.

Tha iarrtas mòr mu choinneimh stòrasairgid a chaidh a stèidheachadh le Bòrdna Gàidhlig gus an cànan a leasachadhann an coimhearsnachdan ionadail.

Tha luach £150,000 ann an TaicFreumhan Coimhearsnachd agus thatharair tagradh fhaighinn bho chòrr is 100pròiseact.

Chaidh an iomairt a stèidheachadh leLinda Fabiani, ministear a’ chultair, aiga’ chiad cho-labhairt nàiseanta Gàidhligsa Choimhearsnachd a chaidh a chumailann am Brèascleit, Eilean Leòdhais.

Bha a’ mhaoin fosgailte do dh’iarrtasanbho bhuidhnean-coimhearsnachd,buidhnean saor-thoileach, buidhneanbeaga agus buidhnean eile aig a bheil rùncleachdadh agus ionnsachadh naGàidhlig a neartachadh. Bheachdaich amBòrd air iarrtasan suas gu £5,000 gachpròiseact agus bhuilich iad maoineachadhair faisg air 75% de na h-iarrtasan uile.

Thuirt Linda Fabiani: “Tha Riaghal-tas na h-Alba a’ cur chùisean an gnìomhgus dèanamh cinnteach gum bi an cànanGàidhlig seasmhach san àm ri teachd.

Cumaidh sinn oirnn a’ dèanamh nas ur-rainn dhuinn gus taic a thoirt do na coim-hearsnachdan Gàidhlig agus tha micinnteach gun cuir maoin ùr TaicFreumhan Coimhearsnachd luach mòrair dèanamh cinnteach gu bheil a’Ghàidhlig ga faicinn agus ga cluinntinnair a cleachdadh ann am barrachd choim-hearsnachdan air feadh Alba.”

Thuirt Rosemary Nic a’ Bhàird, Cean-nard an Gnìomh Bhòrd na Gàidhlig: “Thasinn air leth toilichte a leithid de dh’ùidhdhearbhach fhaotainn sa mhaoin. Bheiram maoineachas a chaidh a bhuileachadhcomas do mhòran iomairtean coim-hearsnachd a’ Ghàidhlig adhartachadhagus aig an aon àm seirbheisean a shol-arachadh don choimhearsnachd.

“Tha e deatamach gun cùm sinn a’ dola’ cur taice ri fàs agus leasachadh naGàidhlig agus luchd-labhairt air feadh Al-ba. Tha am Bòrd toilichte maoineachasa bhuileachadh air grunn phròiseactana bheir comas dhaibh an cuid iomairteanadhartachadh.”

Bidh maoin Taic Freumhan Coim-hearsnachd ri faotainn gach bliadhnathairis air na trì bliadhna a tha romhainngus taic a thoirt do dh’iomairtean air anstiùireadh leis a’ choimhearsnachd atha ag amas air cleachdadh na Gàidhligann an Alba adhartachadh agus aneartachadh.

Seo eisimpleirean de dh’iarrtasan a bhasoirbheachail:

• Tha a’ bhuidheann roc Cheilteach,Sunrise not Secular, a’ planadh airìomhaigh na Gàidhlig àrdachadh ammeasg dheugairean leis a’ mhaoineachasa chaidh a bhuileachadh orra. Tha iad andùil tadhal air na h-àrd-sgoiltean gu lèirsna h-Eileanan an Iar gus an cuid òrana chur air àrd-ùrlar agus bidh iad a’tairgsinn CD ùr dà-chànanach de na h-òrain aca fhèin.

• Tha planaichean mòra aig Ionad Àrd-sgoil Lasswade ann am Meadhan Lodainnairson an £4750 a fhuair iad bho ThaicFreumhan Coimhearsnachd. Tha dùil aigbuidheann de 30 sgoilearan às an sgoil

An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009 3

A’ Ghearmailt — Chaidh stad a churair dithis leanabh, aig aois dìreach còigagus sia, bho bhith teicheadh adh’Afraga agus iad nam beachd fhèindol a phòsadh sa ghrèin.

Fhuair na poilis grèim orra aigstèisean-rèile ann an Hanover agusbagaichean nan cois le aodach-snàimh, glainnichean-grèine is tub-hailtean.

Chan eil fhios càite robh Mika isAnna-Lena (mar a chaidh an aith-neachadh gu h-oifigeil) a’ dol gu cin-

nteach ach cha robh fiù ‘s nach robh?piuthar Anna-Lena nan cois airson abhith na fianais aig a’ bhanais

Thuirt fear-labhairt nam poileas gunrobh an cupal òg “gu mòr ann an gaol”agus gun d’roghnaich iad pòsadhann an Afraga air sgàth ‘s cho math‘s tha an t-side ann.

Thatar an dùil gun tàinig ansmuain thuca agus an dà theaghlacha’ toirt a-steach na Bliadhn’ Ùireagus dh’innis Mika na sgeulachdanmìorbhaileach mu na saor-làithean a

bh’ aige anns an Eadailt.Nuair a bha na pàrantan nan

suain-chadal, dh’ullaich iad nabagaichean agus rinn iad air antrèana far an do mhothaich fear denluchd-obrach dhiubh agus chuir adh’iarraidh nam poileas. Chaidh in-nis dhaibh an uair sin nach fhaigheadhiad glè fhada às aonais airgid agusceadan-siubhail.

Chan eil fhios fhathast ged-tànach pòs iad gu brèàgha doigheil làair choreigin.

Am pòsadh òg...

Crathadh air an t-siostam-laghaAn Fhraing — Tha crathadh mòr dola thighinn are siostam-lagha naFrainge agus prìomhaire na dùthcha,Nicolas Sarkozy, dol a chur às dedhòighean-obrach a tha a’ dol air aisgu linn Napoleon.

Mar a tha an suidheachadh an-dràsta bidh gach cùis air arannsachadh le eòlaiche-lagha aig abheil làn chùmhachd gach nì a churair adhart agus fiù ‘s seasamh acacuideachd mar bhritheamhan neo-

eisimeileach.Ach tha Sarkozy airson cur às dhe

seo ach am bi poilis agus luchd-ca-said a’ chrùin an urra ri cùisean ul-lachadh — rud a tha gu math nascoltaiche ri siostam Bhreatainn — aguse a’ cumail a-mach gun toireadh seocùisean lagha gu ìre tòrr nas luaithe.

Tha cuid a’ cumail a-mach gu bheilcunnart ann an seo gum faigh luchd-poilitigs air barrachd buaidh a thoirtair cùisean oir aig a’ cheann thall bidh

na poilis agus luchd-casaid a’ chrùinfo ùghdarras ministear a’ cheartais.

Tha aonaidhean nan eòlaichean-lagha a’ cumail gun lagaich e seasamhneo-eisimeileach an t-siostaim-laghaagus tha cuid dhen bheachd nach eilann an seo ach Sarkozy feuchainn rilàmh an uachdar fhaighinn air na h-eòlaichean-lagha a tha rannsachadhchùisean an aghaidh an Riaghaltais.

Maitheanas dhan bhàrdAn Tuirc — Tha ùghdarrasan na

Tuirce ag ràdh gu bheil iad airsonmaitheanas a thoirt don bhàrd Naz-im Hikmet, nach maireann, a chaidha ruaigeadh às an dùthaich ri linn achuid sgrìobhaidh

Chaidh ballrachd na dùthcha athoirt bho Hikmet anns na cao-gadan ri linn nam beachdan poilit-igeach a bh’ aige a’ taobhachadh gumòr ris a’ làimh chlì.

Theich e dhan Ruis agus chaochaile ann an 1963. Chaidh na dàin aigeeadar-theangachadh gu 50 cànan agusbha e na mheadhan air ath-

bheòthachadh a thoirt air bàrdachdna Tuirce.

Thuirt iar-phrìomhaire anriaghaltais, Cemil Cicek, gun robh lànàm ann maitheanas a thoirt dha.

“Chan eileas an-diugh a’ faicinncàil ceàrr air na nithean a dh’adhb-haraich gun tug an riaghaltas ball-rachd na dùthcha bhuaithe,” thuirte.

Bha Hikmet airson gun deigheadha thiodhlacadh bho chraoibh ann anuaigh shònraichte na dhùthaichfhèin agus dh’innis Mgr Cicek gunrobh e an àirde ris an teaghlach aige

nan robh iad airson sin achoileanadh.

Thuirt an t-eòlaiche poilitigeach,Dogu Ergil, gur e oidhirp a bha seoair sealltainn mar a tha an Tuirc an-diugh nas deònaiche gabhail ri beach-dan eadar-dhealaichte.

“‘S e ceum a tha seo ann a bhithgabhail ri beachdan diofraichte, ri cà-nanan eile agus ri dualchasan eile, ruda tha riatanach airson ballrachdanns an Aonadh Eòrpach,” thuirt e.

Ceanglaichean amharasach EtaAn Spàinn — Chaidh cùis-lagha a

thogail an aghaidh ceannard anRiaghaltais Bhascaich agus e fo cha-saidean gun robh ceanglaichean aigeri pàrtaidh poilitigeach mì-laghail atha dàimh ris a’ bhuidhinn-cheannairc,Eta.

Nochd Juan Jose Ibarretxe sachùirt ann am baile Bilbao agus e foamharas gun robh còmhraidheanaige ris a’ phàrtaidh Batasuna ann an2006.

Chaidh na còmhraidhean a chumailaig àm nuair a bha pàrtaidh sòisealachna Spàinne feuchainn ri aonta fhaigh-inn bho Eta mu fhosadh-cogaidh. Cha

do shoirbhich leotha.Chaidh an aon seòrsa cùis-lagha

cuideachd a thogail an aghaidh dithisde bhuill a’ phàrtaidh shòisealaich —Patxi Lopez agus Rodolfo Ares — air-son mar a bha buntanas aca ri Bata-suna.

Dh’aidich an triùir fo chasaideangun robh iad air a bhith bruidhinn riBatasuna ach gun robh seo marphàirt de dh’oidhirpean air toirt airEta gun a bhith an sàs ann an cean-nairc.

Chaidh na cùisean-lagha a thogailan dèidh ghearan bho dà bhuid-heann phoilitigeach bhon làimh dheis

a tha gu tur an aghaidh còmhradh sambith a dhèanamh ri Eta.

Ma thèid binn a chur orra dh’fhao-dadh iad a dhol dhan phrìosan aguscasg a chur orra bho bhith gabhail pàirtann am poilitigs.

Tha dà fhichead bliadhna bhothòisich Eta a’ strì airson neo-eisim-ileachd fhaighinn dhan dùthaichBhascaich tro bhith cleachdadhfòirneirt.

Tha an sgìre, a fhuair fèin-riagh-ladh, a’ laighe ann an ceann a tuathna Spàinn agus ceann an iar-dheas naFrainge.

An Colbh Eòrpach

“Ge math an ceòlfeadaireachd,

fòghnaidh dhuinnbeagan dheth”

Is iongantach mur aontaicheadhmòran ris a’ bheachd nach eil cus derud sam bith gu math dhuinn, noeadhan gu bheil e doirbh dhuinndèiligeadh ri cus. Ged dh’fhaodassinn tlachd fhaotainn bho bheagande nithean is toigh leinn, chan eil eidir cho furasta cur suas le tuilleadh’s a chòir dhiubh. Fòghnaidh nadh’fhòghnas! Seadh, a dh’aindeoinmeud na tlachda. Is cinnteach gubheil seo fìor mu mhòran de nitheananns am bi sinn an sàs – obair, cur-seachadan, luchd-dàimhe,leabhraichean, pàipearan-naid-heachd, fiù biadh is deoch, iomadhnì nar beatha làitheil. Tha fios gurfheàrr sgur na sgàineadh, oir murasguir sinn uaireigin, sgàinidh sinn aira’ cheann thall. Sgàinidh an inntinnagus sgàinidh an corp, agus bidh cusa’ bualadh oirnn far an dèanadh bea-gan feum.

Agus tha sin gar toirt chun an t-seanfhacail: Ge math an ceòlfeadaireachd, fòghnaidh dhuinn bea-gan dheth. Chualas feadhainn agràdh nach ceòl feadaireachd, agusann am beachd chuid tha sin fìor.Cha dèan beagan feadaireachd cronsam bith oirnn, ach tha feadaireachdis feadaireachd ann. Coltach ri gachnì eile, is dòcha gur fheàrr am bea-gan na am mòran. Coltach ri iomadhseanfhacal, chan e aon bhrìgh a-mhàin a bheirear às a’ ghliocas.Thuirt Ruairidh Moireasdan, anclàrsair ainmeil, an dèidh dha suidhetro chluiche de cheòl fìdhle, de chuidde na fuinn a b’ ionmholta leis, nachrobh san inneal ach rud bìogach gunfheum. Rinn esan sgaradh eadarfìdhleireachd agus fidileireachd. Achtha diofar mhòr eadar an dà fhacal!Tha fios gun d’ fhuair an clàrsair aleòr de na chual’ e.Is caomh leinn uile beagan de nanithean is toigh leinn. Ach chachaomh leinn idir eadhan cus de nanithean is toigh leinn. Cuin a gheibhsinn gu leòr? Is iongantach murfhaigh, nuair bhios sinn air arsgreamhachadh. Is dòcha nuairbhios sinn air ar bòdhradh le tuil-leadh ’s a chòir de nithean matha,gun tionndaidh sinn nan aghaidh.San t-suidheachadh sin, mar their anseanfhacal, fòghnaidh dhuinn bea-gan dheth! An gliocas ceudna, uaireile.

Dòmhnall Iain MacÌomhair

Seanfhacalna mìos

Seanfhacalna mìos

Rosemary Nic a’ Bhàird

Iarrtas mòr air stòras coimhearsnachd a’ BhùirdNaidheachdan

Page 4: Buannachd do thurasachd am measg nan duilgheadasan ......Naidheachdan 2 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009 Cuin ‘s Caite An Gàidheal ÙrNeach-deasachaidh Murray MacLeòid murray@an-gaidheal-ur.co.uk

Kerry Anne NicLeòid, Sgoil MhicNeacail

Airson toiseach-tòiseachaidh achur air seo, chan eil x ann anaibidil na Gàidhlig. Chan eil feumagainn air an litir x anns an aibidilagainn agus chan eil feumagainn air prògraman a leithidX-Factor airson ‘s gum bi anseanail ùr againn soirbheachail.

Chan eil sinne aig Àrd-sgoilMhicNeacail den bheachd gumfeum sinn prògraman leithid X-Factor airson ‘s gun soirbhich leisan t-seanail Ghàidhlig. Chaneil mi fhèin ’s Fiona idir ag ràdhnach bu chòir dha prògramanmar an X-Factor Gàidhlig abhith ann, ‘s dòcha gum biodhiad glè shoirbheachail. ‘S e thasinne ag ràdh, gun soirbhich leisan t-seanail Ghàidhlig às aonaisair sgàth ‘s gu bheil gu leorphrògraman tarraingeach ann muthràth agus cothroman gu leòrairson prògraman den a h-uilegnè anns an àm ri teachd.

Gu dearbha fhèin, a chàird-ean, tha farsaingeachd de phrò-graman againn air an t-seanailùr. Tha teaghlach glè mhòragamsa agus bidh mo bhràthairbeag, a tha dìreach dhà, a’ coim-head phrògraman a leithid Màr-tainn MacDìomhair, bha mophiuthar bheag air a’ phrògramLeum is Danns agus abair gundo chòrd e rithe! Bha i chopròiseil a bhith ga faicinn fhèinair an telebhisean a’ dannsa! Aguscuideachd, tha mo mhàthairuabhasach dèidheil airFarpaisean Chon-chaorach agusnach e na naidheachdanGàidhlig a tha spaideil,proifeiseanta? Agus dè mu dhei-dhinn Eòrpa? Chan eil a leithid

ann an saoghal na Beurla. Nachdo bhuannaich Eorpa Bafta annan 2005?

Chan ann a-mhàin anns antaigh agamsa a bhios an sianailùr ga choimhead ach ann antaighean mo charaidean ‘s mosheann-phàrantan! Nar beachd-na, ‘s ann a bu chòir do naseanailean eile a bhith a’ lean-tainn eisimpleir an t-seanailagainne!

A bheil sibh dha-rìribh ag ràdhnach eil prògraman sam bith a’còrdadh ri daoine ach prògraman‘reality’ mar X-Factor agus a lei-thid?

Dè seòrsa prògraim a dh’iar-radh sibh a leithid X-Factor?Strictly Strip the Willow? BigBrother ann an taighean dubhanan Gearranan? Can’t GugaWon’t Guga? Tha mise nam ri-onnaig, leig a-mach à seo mi! Càitan cuireadh sinn na rionna-gan? Hiort? Neo, a dh’Uibhist?Far am biodh iad beò ag itheghràinneagan. Feamainn annan Sgalpaigh. Gugaichean annan Suilisgeir. No, fiù ’s adaganair a’ Bhac neo tunnagan às anRubha.

A chàirdean, gun teagamh,chan eil sinne ag ràdh nachbiodh prògraman mar sin glèmhath nan àite fhèin.

Ach nach eil M-Factoragainne mu thràth? Am MòdNàiseanta? Nach e rud soirb-heachail gu leòr a th’ anns a’ Mhòdmu thràth? Tha an seanail sna-sail ùr againn a’ dèanamh glèmhath às aonais phrògraman marX-Factor agus, cuimhnichibh,chan eil i ach dà mhìos a dh’aois.Chan eil e air na ‘solids‘ fhathastmar a chanadh mo mhàthair!

A bheil sibh idir a’ faicinn chomath ‘s a tha e mu thràth?

Tha sinne den bheachd gubheil gu leòr de chultar agus dethàlant againn fhèin. Nach eil guleòr sgeulachdan aguseachdraidh againn? ‘S iomadhprògram tarraingeach adhèanadh na sgeulachdan sin.Nach eil stiùrichean film mar MelGibson agus Spielberg a bhiodhair an dòigh le na tha dedh’eachdraidh mhìorbhaileach airGhàidhealtachd? Abairfilmichean!

A bheil earbsa idir agaibh nardaoine fhèin? Tha Gàidheil an-diugh aig an ìre as àirde ann ancraoladh ann an Alba. ‘S cin-nteach nach eil an sgioba eile agràdh, a-nise le seanail ùr againn,

nach urrainn dha na Gàidheil

seirbheis mhath a thoirt

seachad? Tha iad seo a’ dearb-

hadh gu bheil na Gàidheil co-

masach, gach cuid a’ craoladh

agus a’ sgrìobhadh.

Nise. Chan eil X-Factor ann

às aonais Simon Cowell. Ach tha

dìreach aon duilgheadas an sin.

Chan eil GÀIDHLIG AIGE,

BRÒINEAN! Dè tha sinn dol a

dhèanamh ma-thà? Feuchainn

ri Gàidhlig ionnsachadh do

chuideigin cho bragail ‘s cho fa-

da na cheann fhèin ri Simon Cow-

ell? Dè? No cò an Simon Cowell

a th’ againn ann an saoghal na

Gàidhlig? Cuideigin bragail le fi-

aclan brèagha geala phlastaig ‘s

le bhriogais shuas gu achlaisean?

Tha ainm no dhà a’ tighinn a-

steach orm. An e Coinneach

Mòr an Simon Cowell againne?

‘S dòcha gum faigheadh e às le

bhriogais suas gu achlaisean

ach chan eil mi air a bhith faisg

gu leòr airson fhiaclan fhaicinn!

No dè mu dheidhinn Mòrag

Dhòmhnallach? Bhiodh ise na

bu mhiosa na Coinneach fhèin!

Nach cuala sibh...Na tèid eadar

an tè ruadh ‘s a’ chreag!

Chan e a-mhàin Simon Cow-

ell ach britheamhan eile a

bhiodh deònach a bhith a’

càineadh dhaoine agus gan cur

a ghal, a chàirdean? ‘S ann a bhios

na Gàidheil a’ misneachadh

sheinneadairean, chan ann gan

càineadh. A bheil sibh fhathast

a’ smaoineachadh nach soirbhich

leis an t-seanail ùr Ghàidhlig mu-

ra bi prògraman a leithid X-Fac-

tor air? Tha sinn air faicinn cho

soirbheachail ‘s a tha e air a bhith

agus leanaidh sin.

Canaidh mi a-rithist e. Tha

sinne aig Àrd-sgoil MhicNeacail

gu deimhinne an aghaidh a’

mholaidh nach fheum sinn prò-

graman mar X-Factor air an t-

seanail ùr Ghàidhlig airson ‘s gun

soirbhich leis.

Megan NicRath,Sgoil Lionacleit

Mur eil prògraman mar “X-Factor” air an t-seanail ùrGhàidhlig, cha shoirbhich leis.

Èistibh ris an seo. Muracoimhid dà cheud gu leth mìleduine air an t-seanail ùrGhàidhlig gu cunbhalach gachseachdain anns an dà bhliadhnaa tha romhainn, thèid i à bith.Tha seo a’ dèanamh gu mathsoilleir dhuinn gur e an àireamhdhaoine a bhios a’ coimhead airprògram sam bith a tha gadhèanamh soirbheachail annan sùilean luchd-craolaidh.

Leis an sin, ma tha soirb-heachadh an t-seanail an urra risan àireamh dhaoine a tha a’ dola bhith ga choimhead, feumarprògraman a chur air a tha dola chòrdadh ris a h-uile seòrsaduine; sean is òg, fireann agusboireann.

Mar sin, feumar prògramana chur air a bhios tarraingeachdo dhaoine.

Bidh prògram tarraingeach gado thàladh a-steach agus a’ toirtort a bhith ga choimhead ge b’oil leat. Nach canadh sibh gu bheil“X-Factor” a’ dèanamh seo?

Nis, feumaidh sinn adhèanamh soilleir nach eil sinnidir ag ràdh gum bu chòir dha“X-Factor” a bhith air an t-seanail ùr. ‘S ann a tha sinn agràdh gum bu chòir do phrògra-man mar “X-Factor” a bhithair.

Dè tha ann am prògramanmar an “X-Factor” co-dhiù? Thasinne a’ faicinn “X-Factor” marghnè prògraim a tha gu matheadar-dhealaichte bho phrògra-man aotrom eile.

Ciamar a tha iad eadar-dhealaichte? Bidh iad a’ toirtcothruim do dhaoine mar a tha

mi fhèin ‘s tu fhèin cliù a chos-nadh airson sgilean sònraichtea tha againn. Chan ann tric agheibh daoine na cothroman seoa thaisbeanadh dhan mhòr-shluagh.

Tha prògraman mar “X-Fac-tor” a’ glacadh aire tòrr dhaoine.Bidh an t-uabhas a’ bruidhinnmun deidhinn, fiù ‘s nuair a bhiosiad seachad airson seachdain eile.Nach eil sin a’ dearbhadh gu bheiliad a’ glacadh aire agus ùidhdhaoine?

Canaidh feadhainn eile ge-tàgu bheil prògraman mar sin roaotrom agus nach eil iad a’ bros-nachadh ar n-inntinn. Ach dè thaceàrr air a bhith a’ suidhe air beu-laibh an telebhisein an dèidhseachdain thrang, a’ coimheadair rud a tha a’ còrdadh rinn gumòr?

Tha prògraman mar seo gartarraing air falbh bho ual-laichean ar beatha. Agus dètha ceàrr air beagan fois fhaigh-inn san dòigh seo?

Canaidh feadhainn gu bheilan t-airgead a tha na prògramanseo a’ togail a’ dol ann am pò-caidean nan ceannardan-crao-laidh. Ach am-bliadhnachlàraich cleasaichean “X-Fac-tor” òran airson airgead a thogaildha na saighdearan a tha air abhith a’ sabaid thall thairis. Guruige seo, tha e air còrr is mil-lean not a thogail. Nach e deaghrud a tha seo?

‘S ged a bhios ceannardan nanseanailean a’ faighinn pàirt denairgead a bhios na prògraman seoa’ togail, tha deagh chuidcuideachd air a cosg air prògra-man ùra a chruthachadh dhant-seanail.

Tha na prògraman seo air abhith a’ dol airson grunnd bh-liadhnachan agus carson abhiodh seanailean gan dèanamhsa chiad àite mura biodh tòrrdhaoine gan coimhead?

An-uiridh, choimhid 10 mil-lean duine air a’ chuairt dheire-annaich de dh’”X-Factor”.Carson a bhiodh leithid adhaoine gan coimhead murabiodh iad a’ còrdadh riutha?

Tha daoine fhathast ag iar-raidh phrògraman tarraingeachmar seo ‘s leis an sin, carson nachfheuch sinn ri deagh phrògramanmar seo a chur air an t-seanailGhàidhlig? Ma tha iad cho soirb-heachail ann an aon chànan, còtha ag ràdh nach biodh iadsoirbheachail ann an cànan eile?

Ma tha prògraman mar seo

gu bhith air an t-seanailGhàidhlig chan eil sinn idir agràdh gum feumadh iad a bhithcoltach ris na prògraman Beurlasa h-uile dòigh.

Cha bhiodh dad ceàrr airdreach ùr a chur air na prògra-man seo airson an dèanamh frea-garrach do luchd-amhairc ant-seanail Ghàidhlig.

Smaoinichibh air na buan-nachdan a bhiodh ann nambiodh prògram mar “X-Factor”ann airson saoghal ceòl traidis-eanta na Gàidhlig.

Tha luchd-ciùil air leth tàlan-tach ann an saoghal na Gàidhliggun for aig daoine gu bheil iadann. Nach e rud math a bhiodhann Julie Fowlis eile a lorg? Nocòmhlan-ciùil mar Runrig?

Tha na daoine seo air an t-uabhas a dhèanamh airson airedhaoine a thogail air feadh an t-saoghail. Tha tòrr a’ gabhailùidh ann an Gàidhlig agus a’dèanamh oidhirp a h-ionnsachadh air sàillibh nandaoine seo. Nach biodh e ceàrrgun cothrom sgoinneil mar seoa ghabhail?

Ged nach eil an aon suim dedh’airgead aig stiùirichean an t-seanail Ghàidhlig ‘s a tha aig ITV,chan eil sin a’ ciallachadh nachgabh prògraman math, a shoirb-hicheas, dèanamh le buidseat naslugha.

Aig deireadh an là, murafaigh daoine am prògram a thaiad ag iarraidh air aon seanail,tha e a-nis cho furasta tionndadhgu fear de na ceudan desheanailean eile ris a bheil an t-seanail Ghàidhlig am farpais.

Feumaidh an seanailGàidhlig a bhith comasach airseasamh ri taobh a h-uile seanaileile agus an aon dòigh anns abheil i a’ dol a dhèanamh sin, ‘sann le bhith a’ craoladh phrògra-man tarraingeach mar “X-Fac-tor”.

Chan eil math dhuinn a bhithgòrach agus a’ cur ar cùlaibh rirudan is urrainn inbhe ar cànana bhrosnachadh agus a leu-dachadh.

Feumaidh sinn a h-uilecothrom a tha an saoghal ùr te-icneòlais a’ toirt dhuinn achleachdadh agus ar dreachfhèin a chur air airson ‘s gunobraich e nar fàbhar. Ma tha sina’ ciallachadh gum feum sinn prò-graman mar “X-Factor” achleachdadh, cleachdaidh sinniad.

Deasbad nan Sgoiltean

4 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009

Chualas òraidean air leth inntinneach air fad farpais Deasbad nan Sgoiltean agus, mar a shaoileadh tu, bha singu sònraichte fìor anns a’ chuairt dheireannaich. Ann an seo tha sinn a’ clò-bhualadh dhà dhe na h-òraideanbho Kerry Anne NicLeòid, Sgoil MhicNeacail agus Megan NicRath bho Sgoil Lionacleit, a fhuair an duais airson an òraidiche a b’ fheàrr air fad san fharpais.

MMuurr eeiill pprròòggrraammaann mmaarr ““XX FFaaccttoorr”” aaiirr aann tt--SSeeaannaaiill ùùrr

GGhhààiiddhhlliigg,, cchhaa sshhooiirrbbhhiicchh lleeiiss..

AAiirr tthhòòiirr aann XX--ffaaccttoorr ddhhaann tt--sseeaannaaiill GGhhààiiddhhlliigg

Page 5: Buannachd do thurasachd am measg nan duilgheadasan ......Naidheachdan 2 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009 Cuin ‘s Caite An Gàidheal ÙrNeach-deasachaidh Murray MacLeòid murray@an-gaidheal-ur.co.uk

Ged is e bliadhna gu math ri-aslach a bh’ ann bho àm gu àmdo Bhòrd na Gàidhlig, thamòran air tachairt a tha mis-neachail agus dòchasach ann ansaoghal na Gàidhlig, a rèirCathraiche Eadar-amail a’Bhùird, Art MacCarmaig.

Le teachdaireachd Nollaigegu buidhnean Gàidhlig agusAithisg Bhliadhnail a’ Bhùird air-son 2007-8 air fhoillseachadh,thuirt Art: “Is dòcha nach b’ e seoa’ bhliadhna a b’ fhasa donBhòrd ach b’ e bliadhna mhatha bh’ ann airson na Gàidhlig —eadar sgoiltean ùra, leasachaid-hean telebhisein tro BhBC Albais eile.

“Tha mi misneachail gunurrainn dhuinn adhartas matha dhèanamh le taic leantainneachbho Riaghaltas na h-Alba, leis naleasachaidhean a thathas airstèidheachadh taobh a-staigh a’Bhùird agus leis na structaire-an ùra a thèid a chruthachadh.

“Cuideachd, bu mhath leamsmaoineachadh gum faigheadhsinn dòighean air ùidh a chumail

agus a thogail am measg a’phobaill anns na diofar choim-hearsnachdan a tha air feadh Al-ba agus thall thairis agus gumbi iad airson pàirt a ghabhail anna bhith a’ dèanamh cinnteach guntig ath-bheòthachadh air ìrecleachdaidh a’ chànain. Tha singu mòr an urra riutha fhèin agusfeumaidh sinn daoine a bhros-nachadh gus a’ Ghàidhlig achleachdadh anns gach suid-heachadh agus greimeachadh airgach cothrom.”

Thug Mgr MacCarmaig taingdo na diofar bhuidhnean a th’ aira bhith air leth taiceil do dh’obaira’ Bhùird rè na bliadhna agus thadòchas mòr aige gu bheil an t-slighe air adhart a-nis nassoilleire agus nas misneachaile.

“Tha fhios aig a h-uile duinegun robh an obair againn riaslachleis cho beag ’s a th’ air a bhithagainn de luchd-obrach muchoinneimh sin,” thuirt e. “Thèidsin a rèiteach agus tha mi airsongum bi daoine coimhead airBòrd na Gàidhlig mar bhuidhinnle sàr-oibrichean, a tha tar-

raingeach le dreuchdan cudro-mach, an sàs ann obair a tha ad-hartach, gnìomhach agusinntinneach. Thig piseach air sinann an ùine nach bi fada.

“Tha sinn a’ cur air adhart ath-bhreithneachaidh air obair a’Bhùird tro rannnsachadh a thaan t-Ollamh TormodMacGillÌosa a’ dèanamh agus thami air mo mhisneachadh mar-thà leis an dòigh anns a bheil nabuidhnean Gàidhlig air a bhitha’ dèiligeadh ris a’ choluadar sin.Thèid innleachdan ùra a chur ansàs airson dreach ùr a thoirt airobair Bhòrd na Gàidhlig agus air-son dòighean-obrach a’ Bhùirda dhèanamh nas èifeachdaiche.Tha am Bòrd dhen bheachdgun tig piseach air an dòigh annsa bheil buidhnean Gàidhlig gamfrithealadh an dèidh ath-bhre-ithneachadh a dhèanamh airdòighean-obrach agus gu h-àraidh an dòigh anns a bheileasa’ làimhseachadh cùisean ion-mhais.”

Ann a bhith a’ coimhead airais air na rinneadh air a’ bhli-

adhna a tha a’ tighinn gu crìch,thuirt Rosemary Nic a’ Bhàird,Ceannard an Gnìomh a’ Bhùird,gun robh ise cuideachd air to-gail fhaighinn bho na chaidh adhèanamh de dh’adhartas, adh’aindeoin gach duiligheadaisa bha mu choinneamh a’ Bhùird.

“Chan eil teagamh nach e àmgu math dùbhlanach a bha seodhan Bhòrd agus na h-uimhir deleasachadh anns an amharc,”thuirt i .”Bheir na h-athar-rachaidhean a tha sinn a’ cur ansàs agus an obair a thathas a’dèanamh tron ath-bhreith-neachadh agus tro choluadar lebuidhnean eile piseach air anobair againn gus am bi naceanglaichean againn leis a h-uileduine nas èifeachdaiche agus nasbuannachdaile.

“Is e bliadhna thrang, lànchothroman agus atharrachaid-hean a tha air a bhith ann doBhòrd na Gàidhlig. Tha adhar-tas math air a dhèanamh ann amfàs a’ chànain agus ann a bhitha’ togail aire dhaoine chun nampròiseactan is nan iomairtean atha a’ dol air adhart air feadh nadùthcha.

“Tha am Bòrd air a chuid ùineagus ghoireasan a chleachdadh

gus leantainn air a’ cur PlanaNàiseanta na Gàidhlig angnìomh agus ann a bhith a leas-achadh Planaichean Gàidhlignam buidhnean poblach. Guruige seo, tha na planaichean aigPàrlamaid na h-Alba, Comhair-le na Gàidhealtachd, Comhair-le nan Eilean Siar agusComhairle Earra-Ghàidheal isBhòid air a bhith air an aon-tachadh agus tha iad sin agobair a dh’ionnsaigh barrachdGàidhlig a chleachdadh anns na

buidhnean aca agus gus barrachdsheirbheisean a thabhann saGhàidhlig.

“Tha Riaghaltas na h-Alba,Comhairle Bhaile Ghlaschu,Ùghdarras Theisteanas na h-Al-ba, Ionnsachadh agus Teagasg na h-Alba, ComhairleMhaoineachaidh na h-Alba,Luchd-sgrùdaidh na Banrighairson Foghlaim agus Comhair-le Bhaile Dhùn Èideann trang agullachadh am planaichean athèid air beulaibh a’ Bhùird air-son aontachadh anns a’ bhliadhnaa tha ri teachd.”

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’coimhead ri barrachd adhartaisa dhèanamh ann a bhith a’libhrigeadh a’ Phlana Nàisean-ta air a’ bhliadhna a tharomhainn agus tha dùil gum bigrunn bhuidhnean eile air an ain-meachadh fo Achd na Gàidhlig,gan comharrachadh a thaobhleasachaidhean nan saoghalfhèin.

Tha Aithisg BhliadhnailBhòrd na Gàidhlig, a tha a’dèiligeadh ri cunntasan na bli-adhna airson 2007-8, ri faigh-inn air an làrach-linnbord-na-gaidhlig.org.uk.

An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009 5

Art MacCarmaig: ‘S e bliadhnaduilich a th’air a bhith ann

Cùisean a’ fàs nas misneachaile aig Bòrd na Gàidhlig

A’ sireadh na maraig’ as fheàrrann an saoghal nan GàidhealGàidhlig na h-Alba air a bhithmar phàirt de dh’Fhéile ChóilínSheáin Dharach, fèill bheag airGaeltacht taobh an iar na h-Èire-ann, thairis air na trì bliadhnaa dh’fhalbh.

Thachair seo oir bha seann-phàrantan aig a’ chathraiche, Ris-teard Dónal Mac Aodha, abhuineadh do na Siosalaichagus Clann ’ic an Tòisich, agusgun d’fhuaireadh taic mhòr bhoCholmcille Èireann is Alba, a’bhuidheann a tha ag amas air naceanglaichean a neartachadheadar luchd-labhairt na Gaeilgeis luchd-labhairt na Gàidhlig.

Tha an taic a thug iad aircothrom a thoirt don fhèiscuireadh a thoirt do dhann-sairean, sheinneadairean isluchd-ciùil Albannach a dhol a-null a Ros Muc, baile Gàid-healach, far a bheilear a’ cumailna fèise.

Tha Féile Chóilín SheáinDharach gu mòr na fèis dannsaseann-nòis, far am bi na daoinea tha an làthair a’ gabhail pàirt.Chan e fèis a th’ ann far am bina dannsairean a’ taisbeanadhan sgilean air àrd-ùrlar. Thatharan dùil gum bi luchd-tadhail agusmuinntir an àite le chèile a’gabhail pàirt, eadar a’ dannsadh,a’ gabhail òran no a’ cluichionnsramaid.

Leis gum bi a’ chuid as mothade mhuinntir an àite a’ bruidhinnna Gaeilge fad na h-ùine aig anfhèis seo (tha rannsachadhriaghaltais a’ sealltainn gu bheilmuinntir Ros Muc a’ labhairt annan Gaeilge còrr is 85% dhen ùine),faodaidh gum bi na Gàidheil Al-bannach a’ faireachdainn gubheil iad air an iomall.

Ach mar dhòigh gus naceanglaichean eadar an dà chà-nan a thaisbeanadh, bidh an fhèis

a’ cumail “Coinneamh Luchd-lab-hairt na Gàidhlig” airson filean-taich anns gach cànan a thoirtcòmhla, cuide ri feadhainn a thaag ionnsachadh na Gàidhligeile. Thathar an dùil gun gabha h-uile duine a tha an làthairpàirt anns a’ chearcall-chòmhraidh.

Anns a’ choinneimh anns anFhaoilleach sa chaidh, bhathara’ feuchainn blas uisge-bheathatro mheadhan na Gàidhlig, annsan do dh’fheuchadh trì seòr-saichean de mhac-na-braicheàs a’ Ghàidhealtachd, aon uisge-beatha math Èireannach agus aleithid cheudna à Alba.Fhuaireadh foghlam às agusbha an luchd-ionnsachaidh nabu dheònaiche a bhith a’ labhairtaig an deireadh na bha iad aigan toiseach! An turas seo, air 1Gearran 2009, tha dùil gum bit-hear a’ blasadh air marag — air-son faighinn a-mach dè a’mharag as fheàrr a bhuineas doshaoghal nan Gàidheal!

Tha a’ chomataidh air trìseòrsaichean de mharag a

thaghadh – agus deagh chliù or-ra uile. Tha iad a’ gabhail a-steachtè à Eilean Leòdhais, tè àUachtar Ard ann an Co. naGaillimhe agus tè a Cloich naCoillte, prìomh àite nan “drisín”ann an Corcaigh an Iar. Bitheara’ cur an sàs riaghailtean eadar-nàiseanta a thaobh blasadhdeuchainne, le luchd-amhaircclàraichte a’ cumail sùil air a’ gh-nothach air fad. Bidh neach aiga bheil deagh Ghàidhlig isGaeilge, agus a tha gu turonarach, a’ toirt beachdan anluchd-deuchainne còmhla.

Gheibh a’ chompanaidh aiga bheil a’ mharag as fheàrr annan saoghal nan Gàidheal teis-teanas a tha a’ dearbhadh sin bho“Gàidhlig ann an Èirinn” —buidheann a tha a’ cumail antachartais seo ann an co-bhuinnri Colmcille Èireann is Alba.

Gheibhear tuilleadh fios-rachaidh mun fhèis seo aigwww.damhsoir.ie damhsó[email protected] no 353 87 2729290

A bheil siubhse airson sanas a thoirta-mach a bhiodh gu ùidh a’ choimhearsnachd Ghàidhlig ann anAlba?Ma tha cur fios gu Murray MacLeòid aig An Gàidheal Ùr air 01851706877 No air post-dealan aig [email protected].

Faodadh siubh cuideachd tadhal air anlàrach-lìn againn:www.an-gaidheal-ur.co.uk

Page 6: Buannachd do thurasachd am measg nan duilgheadasan ......Naidheachdan 2 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009 Cuin ‘s Caite An Gàidheal ÙrNeach-deasachaidh Murray MacLeòid murray@an-gaidheal-ur.co.uk

DUAISEAN FILMG AIR AIRE !

Thèid na duaisean ann am farpais FilmG a’ thoirt seachad aig oidhche

sònraichte ann an Inbhir Nis tràth an ath mhios. Se MG ALBA a’ chur an fharpais

air dòigh leis an amas tàlantan ùr a thàladh do gnìomhachas film s telebhisean

agus na meadhanan. Fhuair an companaidh Cnan a bha stiùireadh an fharpais

as leth MG ALBA, barrachd air 50 film-goirid a steach bho sgoiltean, luchd-

proifeiseanta s eile ann an Alba, an Rìoghachd Aonaichte agus thall thairis. Chaidh

bualadh air an làrach www.filmg.co..uk 13000 turas agus fhuair na filmichean

barrachd air loidhne. Mar pàirt cudthromach den phròiseact FilmG thug daoine

ainmeil bhon gnìomhachas mar Iain Fionnlagh MacLèoid, Don Coutts agus

Robbie Friseal taic agus comhairle do na farpaisich. Thèid dhà de na filmichean

goirid air adhart gu farpais BAFTA Scotland New Talent Awards 2009. Thèid

oidhche na duaisean air adhart ann an Eden Court air an 6mh Gearran le

cleasaichean mar Greg Hemphill an làthair. Cuideachd air an oidhche gheibhear

ceòl bhon còmhlan Injuns, as an Eilean Sgitheanach.

Airson tuilleadh fiosrachadh mu dheidhinn Oidhche na Duaisean FilmG

cur fios gu Michelle Cotter air 01471 888500 no air [email protected]

www.mgalba.com www.bbcalba.co.uk

www.bbc.co.uk/iplayer

Sky 168 agus Freesat 110

Tuilleadh fiosrachadh bho www.mgalba.com no www.bbcalba.co.uk

Aithris Deilbh: (clì gu deas) Murchadh Moireasdan, Manaidsear Margaideachd MG ALBA,

Comhairliche Anna NicDhòmhnaill de Chomharile nan Eilean Siar, Catrìona Mhoireasdan

neach-còmhnaidh an dachaigh-cùraim Dùn Eisdean ann an Steòrnabhagh, còmhla ris an

neach-obrach, Chrisann NicCoinnich agus Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA.

Air BBC ALBA

Rapal

Diciadain 10fSreath ùr le ceòl beo bho’n

stiuideo, bhideo, naidheachdan

agus fiosrachadh.

Cuibhlichean an

Fhortain

Diardaoin 9fFarpais ath-ùrachadh chàraichean.

Gach seachdainn bidh dà sgioba

a’ strì an aghaidh ‘chèile gus am

prothaid as motha dhèanamh aig rup.

Horo Gheallaidh

Disathuirne 11fCeòl le measgachadh de

ghuthan, stoidhlichean agus

ionnstramaidean bho air feadh an

t-saoghail.

Thuige Seo

Diardaoin 8.30fDomhnall Moireasdan

a’còmhraidh le Gàidheal

iomraiteach.

MG ALBA A’ TABHANN COTHROM AIR BBC ALBA A CHOIMHEAD

ANN AN DACHAIGHEAN-CÙRAIM NAN EILEAN SIAR

Tha e na adhbhar aoibhneis do MG ALBA foillseachadh gu

bheil e air teannadh ris a’ bhogsa Freesat a sholarachadh do

dhachaighean-cùraim còmhnaidheil air feadh nan Eilean Siar. Ann

an aonta compàirteachaidh eadar MG ALBA, roinn obrach shòisealta

Chomhairle nan Eilean Siar, Bòrd Slàinte nan Eilean Siar agus an

‘League of Friends’, bidh bogsaichean Freesat gan solarachadh

do gach uile dachaigh-cùraim sna h-Eileanan Siar aig nach eil an

t-seirbheis telebhisean saideil dhidseatach.

Bidh Taigh na Hearadh agus Dùn Eisdean am measg nan ciad

taigheancùraim sna h-Eileanan Siar a gheibh am bogsaichean

Freesat, a’ leigeil leis an luchd-còmhnaidh faighinn air BBC ALBA a

choimhead, an sianal telebhisein ùr Gàidhlig. Bidh an iomairt, air a

bheil cosgais cho ìseal ri £140 airson am bogsa Freesat a chur an sàs,

a’ leantainn air adhart tron Fhaoilleach gus am bi cothrom aig a h-uile

neach-còmhnaidh ann an dachaigh-cùraim BBC ALBA fhaicinn.

6 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009

Page 7: Buannachd do thurasachd am measg nan duilgheadasan ......Naidheachdan 2 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009 Cuin ‘s Caite An Gàidheal ÙrNeach-deasachaidh Murray MacLeòid murray@an-gaidheal-ur.co.uk

Air BBC ALBA

LITIR DO LUCHD-IONNSACHAIDH AIG 500!

Dh’aidich ùghdar Litir do Luchd-

ionnsachaidh, Ruairidh MacIlleathain (clì)

nach robh beachd sam bith aige gun

ruitheadh am prògram cho fada no gum

biodh e cho soirbheachail. “Mhothaich

mi gun robh feum air goireas do luchd-

ionnsachaidh aig ìre adhartach a

dhèanadh ceangal eadar a’ chainnt agus

an cànan sgrìobhte. Saoilidh mi gur e as

coireach ri soirbheas a’ phrògraim gu bheil

e goirid agus gun toir e cuspairean beaga

a tha, tha mi an dòchas, inntinneach, don

luchd-èisteachd,” thuirt e. “Bidh daoine a’ faighneachd dhìom gu tric

cò às an tig na beachd-smuaintean agam agus chan urrainn dhomh sin

a fhreagairt le cinnt. Uaireannan bidh mi sa mhonadh no a’ coiseachd

leis a’ chù nuair a thig smuain thugam. Cha do dh’fhuiling mi call

smuaintean fhathast agus tha mi an dòchas nach tachair sin.”

Thug Ruairidh taing don BhBC airson an taic don phrògram, agus do MG

ALBA agus na buidhnean a bh’ ann roimhe airson a mhaoineachadh.

Mhol e Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, a th’ air an Litir a ghiùlain

bho thòisich i, airson taic a thoirt do phròiseact dà-mheadhanach a bha

rudeigin ùr-nodha ann an 1999; thug e taing cuideachd do dh’Observer

Shruighlea a tha cuideachd a’ giùlain teacsa nan Litrichean gach

seachdain. “Chan e a-mhàin luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha

a’ faighinn tlachd às na Litrichean,” thuirt Ruairidh. “Tha fileantaich

gu leòr air innse dhomh gum bi iad ag èisteachd.Agus tha luchd-

èisteachd agam air an eadar-lìon ann an grunn dùthchannan eadar

Alasga is Casagstan a th’ air a bhith a’ conaltradh rium gu cunbhalach

thar nam bliadhnaichean. Chan eil a leithid ann an saoghal an rèidio

anns na dùthchannan Ceilteach eile agus tha mòran de luchd-labhairt

na Gaeilge air innse dhomh gu bheil e gan cuideachadh ann a bhith a’

togail drochaid eadar an dà chànan. Ma dh’fhaodte, le deòin is fortan,

gun ruith e airson còig ceud prògram eile!”

Tha MG ALBA agus a BhBC a’cur mealla-naidheachd air Ruairidh

airson an clach-mìle cudthromach seo a ruighinn agus cuideachd

airson an obair ionmhalta a tha e air a dheanamh bho’n thòisich an

Litir. Gheibhear tuilleadh fiosrachadh mu dheidhinn Litir do

Luchd-ionnsachaidh air www.cli.org.uk

Tuilleadh fiosrachadh bho www.mgalba.com no www.bbcalba.co.uk

FILM’S CRAIC GU BHITH OIRNN!Tha moit air MG ALBA agus am

BBC gu bheil a’chiad fhèis fhilm

Ghàidhlig air Film ‘s Craic a riamh gu

bhithairacumaileadar22Faoilleach

agus 24 Faoilleach 2009 aig an

CCA ann an Glaschu, mar phàirt

den fhèis Celtic Connections. Bidh

prògram trì latha de dh’obair-ciùil

iongantach bhon chlub Ghàidhlig,

Ceól ‘s Craic a’ toirt taic dha Film ‘s

Craic. Thairis air na trì làithean, bidh

Film‘s Craic a’ taisbeanadh cuid de

na prògraman Gàidhlig a b’ainmeile

agus bu bhrosnachail a chaidh a

chraoladh sna bliadhnaichean mu

dheireadh.

Cuideachd bidh òraidean bho àrd luchd-fhilme, taisbeanaidhean airson

deasbadan a bhrosnachadh mu chùisean làithreach co-cheangailte ri

bhith a’ dèanamh filmichean Gàidhlig, agus cothrom air film drùidteach

Gàidhlig fhaicinn.

Tha na tachartasan gu lèir a’ gabhail àite aig an CCA air Sràid Sauchiehall

ann an Glaschu. Airson tuilleadh fiosrachadh mu dheidhinn Film‘s Craic

cur fios gu [email protected] DÈ UR BEACHD AIR TELEBHISEAN GÀIDHLIG?

Tha Lèirsinn, ionad rannsachaidh Sabhal Mòr Ostaig, a’ dèanamh

atharrachaidhean air a phanal luchd-coimhid aca, agus tha iad a’ lorg

luchd cuideachaidh ùra.

Chan eil agaibh ach ceisteachain seachdaineach air prògraman

telebhisein Gàidhlig a lìonadh a-steach.

Airson buill a’ phanail a bhrosnachadh

gu bhith a’ lìonadh nan leabharaichean-

là seachdaineach gu cunbhalach,

bidh taghadh mìosail luach £100 ann

airson daoine a tha a’ freagairt gach

seachdain.

Airson iarrtas a’ chur a-steach chun a’

phanal luchd-coimhid, cuiribh post-d gu:

[email protected] - 01471 888550

Earranan

Dimairt 8.30fNa h-ealain bhon tasglann agus bhon a là an diugh.

Bliadhna mhath ùr!

An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009 7

Page 8: Buannachd do thurasachd am measg nan duilgheadasan ......Naidheachdan 2 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009 Cuin ‘s Caite An Gàidheal ÙrNeach-deasachaidh Murray MacLeòid murray@an-gaidheal-ur.co.uk

Tha toiseach bliadhn’ eil’ againnagus gach duine a’ guidhe dha chèile“Bliadhna mhath ùr” mar a bahthaso chian. Nuair a chì sinn mar a thaan saoghal, le aimhreit san EarMheadhanach, staid eaconomachar dùthcha agus gnìomhachasanbeaga agus mòra a’ dol à bith le namìltean air mhìltean a’ call an cos-naidh, tha e duilich dhuinn a chrei-dsinn gur e bliadhna mhath a bhiosann idir. Tha “eòlaichean” den h-uileseòrsa gar rabhadh gur ann mar seoa bhios, airson deagh ùine fhathast.

Ach seall an-dràsta air aon bhli-

adhn’ ùir a chaidh a shnàileadh annan aignidhean sluagh nan eilean. Chaneil rian nach fhaca a’ mhòr chuidagainn na prògraman a bh’ air antelebhisean a’ comharrachadh call nah-Iolaire o chionn 90 bliadhna.Chan urrainn dhomhsa càil a ràdha chuireas ris na chaidh a ràdhroimhe ann an dàin agus eachdraidhagus beul-aithris dhèorach aguschan atharraich sgrùdadh sam bithna thachair. Tha e ceart a bhith a’comharrachadh an tubaist chianailseo oir bha e na bhuille-bàis do nacoimhearsnachdan, eadar còrr is dàcheud a chaidh às an rathad an oid-hche sin, mìle neach a thuit sachogadh fhèin, na chaill am beathaleis an fhlu mhòr agus na ceudan aircheudan a dh’fhalbh thar chuan a’sireadh dòchais goirid an dèidh seo.

Tha e gu sònraichte inntinneachan ùidh a tha òigridh a’ gabhail sachùis. Tha sgoilearan sa chiad bhli-adhna ann an Sgoil MhicNeacail air

a bhith an sàs ann am pròiseact a thaa’ sealltainn ri eachraidh, ceòl, bàr-dachd co-cheangailte ris agus a’bhuaidh a bh’ aig an tubaist air nah-Eileanan an Iar. Gu dearbha ‘s eglè bheag de eachdraidh ar n-eileana dh’ionnsaich mi fhìn san sgoil, charobh e air fhaicinn gun robh e chocudromach ri nithean a bha a’tachairt ann an àiteachan eile san t-saoghal. ‘S nach e an fheallsanachdsin a bha meallta.

‘S iomadh duin’ òg a thuirt riumnach robh iad a-riamh air cluinntinnmu dheidhinn agus tha e a-nis a’drùdeadh orra gun do chaill aneilean ginealach de dh’fhir òga. Saoilnach eil e gu math deatamach dhaibha bhith ag ionnsachadh mu na coim-hearsnachdan aca fhèin agus nadaoine bhon tàinig iad. Tha sinn annan cunnart gun dèan sinn dìmeas airan fheadhainn òga. Tha fios gu bheiliad beò ann an coimhearsnachd aneadar-lìon le YouTube is Bebo agus

rudan nach eil blèiream? sam bithagamsa agus mo cho-aoisean mu dhei-dhinn ach bu mhòr am beud ma thaan ginealach againn cho mòr nar cab-haig a’ tomhais rathaid an “rat race”,nach eil tìde againn a dh’innseas donàl mu na coimhearsnachadan acafhèin. Ciamar a tha dùil againn adh’iarras iad fuireach an seo mura bituigs’ aca air fèin-aithne Ghàid-healach. ‘ S e eòlas fhaighinn air cà-nan, eachdraidh, beul-aithris,sloinntearachd agus àrainneachdphrìseil nan eilean gu mòr as cud-romaiche gum biodh fios ac’ air nadè tha a’ dol ann am Big Brother.

Co-dhiù seach gu bheil mi air BigBrother, tha mi ‘n dòchas gum bi Tom-my Sheridan modhail, co-dhiù gungiùlain e e fhèin beagan nas fheàrrna rinn Seòras Galloway. Faire faire,bu bheag an t-iongnadh gu bheil ardùthaich mar a tha e le diol-dèirceanmar sin ann am poilitigs.

Anns an dealachadh, nach robh

e math gun robh ar Sianail fhèin a’toirt thugainn prògram à Steòrnab-hagh a’ cur fàilt’ air bliadhn’ eile. Nachbu mhath cuideachd an sreath air lethGruth is Uachdar fhaicinn a-rithist.Chan fhaca mi càil fhathast a tha a’còrdadh cho mòr ri na sgoilearan risagus tha sin fhèin na dhearbhadh gubheil ùidh aca sna làithean adh’fhalbh. Nach math cuideachd abhith a’ faicinn aon uair eile gòraichmhìorbhaileach Ran Dan agus abhith a’ coimhead air ais air prògra-man Gàidhlig o thus. Tha fìorthaghadh math de phrògraman airBBC Alba, agus bu chòir dhuinn abhith uasal às an fheadhainn a th’ aigan stiùir. Tha mi ‘n dòchas a-nis guncuir iad air Sam Smàlaidh, PàdraigPost agus Tarmod air Teilidh.

Seadh ma-thà, bliadhn’ ùr eile agus‘s dòcha gum bi i duilich ach tha fiosgum bi boillsgidhean de dhòchas agusde thoileachas againn cuideachd.

A’ toirt togail dhan òigridh tro eachdraidh

Cathaidh Màiri Nic a’Mhaoilein

8 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009

Bliadhna Mhath Ùr do na h-uile. Achcuimhnicheamaid air Bliadhn’ Ùr eile.Tha naochad bliadhna bhon uair sin.Aon de na tubaistean bu mhiosa athachair a-riamh ann an eachdraidh naRìoghachd Aonaichte. Chaill còrr air dàcheud am beatha. Bha an Iolaire a’ giùlansheòladairean, a bha air a bhith a’sabaid sa Chogadh Mhòr, gu Eilean Leòd-hais. Dh’fhàg i Caol Loch Aillse anmochfeasgar 31 Dùbhlachd 1918. Ach, mu leth-uair an dèidh dhà sa mhadainn air Làna Bliadhn’ Ùire, agus i a’ dlùthachadhair Steòrnabhagh, bhuail i anns na crea-gan ainmeil, Biastan Thuilm, agus mudheireadh chaidh i fodha. Tha fiosgun robh mòran a bharrachd na bu chòirair bòrd, ach cò nach deigheadh air bòrdagus sùil ri tilleadh dhachaigh mar dhuaisan dèidh aimhreit a’ chogaidh?

Nuair bhios sinne an sàs ann an sub-hachas na Bliadhn’ Ùire, le teine mòrguail, drama agus sàbhailteachd, isiongantach gu bheil ar smuaintean aircàil ach oirnn fhìn. Ach smaoinichea-maid air na thachair bho chionn naochad bliadhna, air an uabhas a bha na adhbhar airbriseadh-cridhe do dhaoine air leth agus do choimhearsnachdan anns na h-Eileanan. Bhaan cogadh seachad. Bha sìth air bilean dhaoine. Is cinnteach gur còir dhuinn a bhith a’cuimhneachadh.

Cha d’ fhuaireadh a-riamh mìneachadh cothromach air an uabhas. Bha làndheiseachan air na seòladairean agus brògan mòra cuideachd. Bha sin a’ ciallachadh gunrobh snàmh doirbh, eadhan ged chaidh aig aon ghaisgeach air ròpa fhaighinn gu tìr —nì a bha a’ ciallachadh gun deach feadhainn a shàbhaladh. Agus is iomadh bàrdachd agusdàn a bheir cunntas dhuinn air mnathan nam fear a bha a’ lorg an cuid chèilean air ansiabadh air a’ chladach ri solas an latha.

Ge air bith ciod a b’ adhbhar do na thachair, bhuail call eagalach muinntir Leòdhaisagus na Hearadh. Làmh an dàin? Cò aige tha fios? Is fhada bhon uair sin, a thaobh bh-

liadhnaichean co-dhiù. Chan aithne dhuinn ciamheud bliadhna a dhubhas às cuibhreann der n-eachdraidh a tha fhathast a’ buadhachadh air cuida tha an-dràsta beò, agus air ginealaichean a tha riteachd.

Smaoinichibh air cuid de thubaistean agus de eu-coirean mòra an t-saoghail. Is ro lìonmhor iad air-son an ainmeachadh. Smaoinichibh air pàrantan isair cèilean is air athraichean is màthraichean a chail-leas an luchd-gaoil ann an cogaidhean teagmhachair feadh an t-saoghail. Tha, agus bha, an cridheachan-san briste cuideachd.

Tha fios nach còir dhuinn gu bràth a bhith a’dìochuimhneachadh. Is iomadh beatha a chailleadh. Ach, cia mheud beatha a shàbhailna gaisgich ud, nach do ràinig caladh Steòrnabhaigh? Deich bliadhna eile ’s bidh ceudbliadhna ann. Is cinnteach gum feumar sin a chomharrachadh, ann an cuimhneachan,ann an rosg, ann am bàrdachd, is ann an dràma — agus gu h-iomchaidh le ar riaghal-tasan ionadail agus nàiseanta.

Barail a’ bhàird? Ar barail uile!Dòmhnall Iain MacÌomhair

AAnnnn aamm BBaarraaiill aa’’BBhhààiirrdd

AAnnnn aamm BBaarraaiill aa’’BBhhààiirrdd

CALL na h-IOLAIRE

’S mi g’amharc air na Biastan,’S am fiaclan corrach cruaidhLe an-iochd an dùbhlain,Tha ’g ùrachadh nam smuainAn oidhche dhubh Bliadhn’ ÙireChuir driùchd air iomadh gruaidh:An Iolair’ cha do ràinig i’S ràn-bàis aic’ air do ghruaig.

Sin aon rann le Aonghas Caimbeul (Am Boc-sair). Is iomadh dàn a rinneadh mun tubaist.Cha robh Am Bocsair ach deich bliadhna adh’aois nuair thachair an t-uabhas. Ach chaidhe a choimhead air an àite a-rithist, agus bha eair fàs gu fearachas nuair sgrìobh e a’ bhàrdachdseo. Agus rann eile:

Bha an t-athair caomh san àireamh,A sgaradh tràth bho chlann,Le taingealachd don Àrd-rìghGun robh gach càs aig ceann;’S e dèanamh dealbh na smaointeanAir bean a ghaoil sa ghleann,’S mar phògadh e gu gràdhach i,’S gach cridhe làn san àm.

An rann mu dheireadh den bhàrdachda sgrìobh Am Bocsair:

Cò an cridh’ tha blàth a’ bualadhNach leagh le truas rim beud?Cò an t-sùil a chunnaic luaidh airNach sileadh bhuaip’ an deur?An uair bu chinntich’ sàbhailteachd,’S iad làimh rin dachaigh fhèin,’S e am bàs a rinn am fàilteachadh’S a bhàth iad ris a’ Bhèist.

Tha mòran thachartasan co-cheangailteris a’ Ghàidhlig gu bhith rim faicinnaig fèis mhòr Celtic Connections, athòisich an t-seachdain seo fhèin annan Glaschu.

A thuilleadh air gum bi grunn denluchd-chiùil as fheàrr gu bhith cluicheaig an tachartas mhòr eadar-nàisean-ta, tha luchd-stiùiridh na fèisecuideachd air oidhche shònraichte achur air dòigh gus beatha agus dìleabdà ghaisgeadh bàrdachd nan Gàidheala chomharrachadh.

Thèid meòrachadh air obairShomhairle MhicGill-Eain, am bàrdas ainmeile a bha riamh ann ansaoghal na Gàidhlig, agus MurchadhMacPhàrlain à Leòdhas, a tha aithnichtemar Bhàrd Mhealaboist agus achruthaich dàin leithid “Cànan nanGàidheal”.

Tha fèis Celtic Connections a’ ruithgu toiseach na h-ath mhìos agus e a’tàladh cuid den luchd-chiùil Cheilteachas fheàrr san t-saoghal. B’ àbhaist gunrobhas gan càineadh airson cho beag

‘s dhen Ghàidhlig a bha na lùib ach thalàn choltas gu bheil seo a-nis airatharrachadh.

Thuirt stiùiriche-ealain na fèis,Dòmhnall Seathach, a bhios a’ cluichecòmhla ris a’ chòmhlan Capercaillie:“Bha cultar na Gàidhlig a-riamh dlùthdo chridhe Celtic Connections agus thae na phàirt cudromach dhen fhèis ah-uile bliadhna.”

Cuideachd, thèid tachartas a churair dòigh fad trì la ann an co-bhoinnri “Ceòl is Craic” gus comharrachadhan obair a thatar a’ dèanamh airsonna h-ealain sa Ghàidhlig a bhros-nachadh anns a’ bhaile.

“Tha na tachartrasan a bharrachdseo aig an CCA nan ceum inntinneachagus fèis 2009 a’ taisbeanadh anstòrais de dhualchas a th’ aig tàlant ciùilna Gàidhlig,” thuirt Mgr Seathach.

Bidh “Film is Craic”, a’ chiad fhèisfhilmichean Gàidhlig a chaidh a-riamha chur air chois, ga chur air adhart aigan aon àm, far am bi 16 diofar dhealb-han gan sealltainn.

Air oidhche nam bàrd, bidh cruin-

neachadh mòr de sheinneadairean

Ghàidhlig gus dìleab Shomhairle is

Mhurchaidh MhicPhàrlain a thais-

beanadh. ‘S iad sin Iseabail NicAsgaill,

Cairistìona Primrose, Brian Ó

hEadhra, Seumas Greumach, Jenna

Cumming, Alasdair Whyte agus

Kirsteen Dhòmhnallach. Thèid an

oidhche sin a chumail air Diluain 26mh

aig Talla Chuirm Rìoghail Ghlaschu.

Mar phàirt dhen fhèis àbhaisteach

cluinnear cuideachd Kathleen

NicAonghais, Julie Fowlis, Karen

NicMhathain, Mairead Stiùibhairt,

Catrìona Watt, Fiona NicCoinnich,

“Dàimh”, Màiri Sìne Laomain, Nao-

mi Harvey agus an seinneadair Èire-

annach Christine Tobin.

Àite na Gàidhlig ann an fèis CelticConnections

Thuirt stiùiriche Tobar an Du-alchais, Mairead Dhòmhnal-

lach: “Tha sinn gu math fortanach gund’fhuair sinn leithid de luchd-ciùil tàlan-tach airson pàirt a ghabhail ann agusgun robh uimhir de shàr stuth againnairson a chleachdadh.

“Bheir a’ chuirm blas do dhaoineair a’ bheairteas de dh’òrain is is dedh’fhuinn a bhios rim fhaighinn air aneadar-lìon, cuid a tha aithnichte aguscuid nach eil cho aithnichte.

“Tha sinn gu mòr a’ coimhead airadhart ris a’ chuirm aig Celtic Connec-tions agus tha làn dùil againn gum bie gu math soirbheachail.”

‘S e an luchd-ciùil a bhios a’ cluiche:Sheena Wellington, aon de na sein-neadairean traidiseanta as fheàrr;Steve Byrne, a bhios a’ cluiche anns a’chòmhlan “Malinky”; Mairead Stiùb-hairt, seinneadair Gàidhlig à Leòdhas;agus Iain Dòmhnallach à GleannUige, a tha a’ stiùireadh a’ chiùil gu lèir.

“Tobar an Dualchais”air an àrd-ùrlar

<<<<1

Steve Byrne, a bhios a’ cluiche anns a’chòmhlan “Mallinky”

Page 9: Buannachd do thurasachd am measg nan duilgheadasan ......Naidheachdan 2 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009 Cuin ‘s Caite An Gàidheal ÙrNeach-deasachaidh Murray MacLeòid murray@an-gaidheal-ur.co.uk

BeachdAn Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009 9

B’ àbhaist prògram cloinne telebhiseina bhith ann fon ainm ‘An t-OllamhSeileastair’, agus mas math mochuimhne b’ e mo dheagh charaid Crìs-dean Dillon nach maireann a bhiodha’ dèanamh nan sgriobtaichean. Cluin-nidh mi fhathast an glag-gàire aige namo chuimhne nuair a bhiodh e tarraingàs an fheadhainn a bha air fàs carranmòr asta fhèin agus gu h-àraidh nuair a bhiodh e ag atharrais nan Ollamhan mòra a tha sìor fhàs pailtnar latha.

Nach tric a thuirt Crìsdean còir seorium: “Hud, chan eil duine a-nis agobair le spaid; tha h-uile duine nis agobair ann an telebhisean!” Abair fàid-headaireachd, oir chan eil agad ach BBCAlba a chuir air, tro i-player air a’choimpiutair, gus faicinn dè tha h-uileduine dèanamh. Mar a thuirt fear rium an latha roimhe aig a bheil achlann ag obrachadh dha na mead-hanan — “Hud, chan eil misebodraigeadh fònadh thuca gus faigh-inn a-mach dè tha iad a’ dèanamh. Thami dìreach a’ cuir air an teilidh!”

Ach air ais chun nan Ollamhan.Nach iad a tha pailt! ‘S gann gun tion-ndaidh mi oiseann anns an latha th’ann gun choinneachadh ri ‘Proifeasair’air chireigin. Tuigidh sibh nach eil mian seo a’ bruidhinn mu Phroifeasaire-an ceart — sgoilearan cliùiteach a tha

làn-airidh air an tiotal urramach sinmar thoradh air an cuid obrachacaideamaigeach — ach air na ‘Proifea-sairean’ eile aig a bheil an tiotal ‘Ol-lamh’ ceangailte riutha mar earball airsròn-muice.

A fhuair an urram chan ann air sgàthan rannsachaidh a rinn iad neo air sgàthnan leabhraichean a dh’fhoillsich iadach mar dhuais ‘phoilitigeach’ o dhio-far instidiùidean: cuid mar dhuais air-son sliomaireachd, cuid mar dhuaisairson imlich, cuid mar dhuais airsonairgead is taic a thug seachad, agus cuiddìreach mar dhuais o chionn ‘s gu bheiliad eòlach air Àrd Cheannard Roinneneo air Prionnsabal an Oilthighe.

Tha an tiotal ‘Visiting Professor’ guh-àraidh inntinneach: airson an tio-tal sin fhaighinn, a rèir choltais, chanfheum thu bhith nad sgoilear idir achdìreach fiosrachail ann an dòigh airchoreigin air na cuspairean a tha airan teagasg an àiteigin. Mar sin,dh’fhaodainn-sa mar eisimpleir, abhith nam ‘Visiting Professor’ ann ambàrdachd, naidheachdas, nobhailean,craobh-sgaoileadh ‘s mar sin air ad-hart ged nach d’rinn mi aon lidedhen rannsachadh ‘s nach eil aon pher-cent dhen eòlas a bha aig UilleamMacMhathain, mar eisimpleir, agam.

Mar a thachair, tha mi air a bhithleughadh tro chuid dhe na sgrìobhaid-hean mìorbhaileach aig MaighstirUilleam nach maireann o chionnùine an seo agus abair gu bheilsgoilearachd, gliocas is ealain anns gachfacal a sgrìobh e riamh. Ach a dh’ain-deoin sin — fhad ‘s is aithne dhomh-sa cha d’ràinig Uilleam còir riamh ìreÀrd Ollaimh neo Proifeasair, gednach urrainn dhomhsasmaoineachadh air an aon duine eileann an Gàidhealtachd na h-Alba a bhacho airidh air an urram sin.

Feumaidh mi a ràdh gun toireadhsin fhèin ‘Visiting Professorship’ sambith a rachadh a thabhann dhomhsaa dhiùltadh anns a’ bhad: mura deachÀrd Ollamhachd riamh abhuileachadh air an sàr-sgoilear Uil-leam MacMhathain (neo air Somhair-le neo gu leòr eile a bharrachd), chabu chòir dha a bhith air a buileachadhormsa neo air iomadach glaoic dhe moleithid. Ach cha deach a thabhanndhomh agus tha amharas agam nachtèid a bharrachd. An e rudeigin a thuirtmi?

Fhad ‘s tha mi air a’ chuspair seo,feumaidh mi ràdh gu bheil mucuideachd air a bhith trang aig ceanneile an speactram a’ leughadh leabhaira thug a’ chlann dhomh airson na Nol-laige: ‘Man walks into a bar — the ul-timate collection of jokes andone-liners.”

Chan eil an tè seo ann ach ‘s dòchagum bu chòir — “Cò mheud Proifea-sair a bheir e airson fàd-mòine a churair an teine? — Trì: Aon airson adhèanamh agus a dhà eile son brei-thneachadh mu dheidhinn.”

Ach air eagal ‘s gu bheil na Proifea-sairean a’ fàs paranoid, tha fhiosagaibh fhèin gu bheil an joke sin (cean-gailte ri biùgain-solais sa Bheurla)sgaoilte am measg nan dreuchd. Marsin -

“Cò mheud duine bho Bhòrd naGàidhlig a bheir e airson fàd-mòinea chur air an teine? Fuirich bliadhnaneo dhà agus innsidh mi dhut.”

“Cò mheud preasantair bho BhBCAlba a dh’fheumas tu airson fàd-mòine a chur air an teine? Triùir —aon fhear airson grèim a chumail airan aon cheann dhen fhàd agus tè eileson grèim air a’ cheann eile, son gen-der balance. Agus cuideigin bho MGALBA airson press release a

dhèanamh mu dheidhinn”“Cò mheud duine bho Phròiseact

nan Ealain a bheir e airson fàd-mòinea chur air an teine? Na ceudan —cuimhnich gur e fàd mòr eadar-nàiseanta bhios an seo.”

“Cò mheud charismatic adh’fheumas tu son fàd-mòine a churair an teine? Dithis — aon fhear air-son am fàd a chur air agus am fear eileairson ùrnaigh an aghaidh an teine.”

“Cò mheud seinneadair Leòd-hasach a dh’fheumas tu airson fàd-mòine a chur air an teine? Dìreach aon— cuiridh e fhèin ann e fhad ‘s tha eseinn ‘The mi nam aonar a caoidh namònadh.”

“Cò mheud politician a dh’fheumastu airson fàd-mòine a chur air an teine?Triùir — fear airson am fàd a chur air;fear airson am fàd a thoirt dheth; agusfear airson gearan nach eil e air neodheth.”

“Cò mheud Nàiseantach adh’fheumas tu airson fàd-mòine a churair an teine? Mòine? Teine? Mura b‘e Westminster cha bhiodh feum airmòine neo teine.”

“Cò mheud Sgitheanach adh’fheumas tu airson fàd-mòine a churair an teine. Dithis — aon airson amfàd a thoirt a-staigh agus am fear eileairson dèanamh cinnteach gu bheil andealan dheth.”

“Cò mheud duine bho ScottishNatural Heritage a dh’fheumas tuairson fàd-mòine a chur dhan teine?Chan fheum duin’ idir: cha thachaire.”

...agus fàgaidh mi aig an seo e:“Cho mheud siceòlaich’ a

dh’fheumas tu airson fàd-mòine a churair an teine ? Aon — ach feumaidh amfàd a bhith ‘g iarraidh losgadh sa chi-ad àite.”

Le Aonghas Pàdraig CaimbeulNeach-naidheachd Gàidhlig na Bliadhna

Dè as coireach gu bheil e cho duilich fàd a chur air tèine na Gàidhlig

Dòmhnall Iain MacÌomhair

Is iongantach gun robh àm a-riamh annan eachdraidh an t-saoghail nuair nachrobh naidheachd no naidheachdan ann.Tha cuid dhiubh sin air a bhith cudro-mach, seach gun robh iad a’ buad-hachadh air beatha dhùthchannan agusair beatha an duine chumanta. Agus chaneil teagamh nach e sin a bhios a’ tachairtsan àm ri teachd. Bidh cunntasan agusbeachdan a’ frasadh oirnn bho phinn agusbho theangannan agus bho dhealbhan.

Is e neach gun shùilean is gun chlu-asan nach biodh mothachail air na bhaa’ tachairt anns na Stàitean Aonaichte bhochionn ghoirid, agus bhiodh faochadh anndo chuid nach b’ iad cogaidhean a bhaa’ dleasadh na prìomh àite aig an àm, geda tha connspaid mhòr eile mu chlaigeannan t-saoghail a-nise – san Ear-Mhead-hanach. Chaidh Ceann-suidhe ùr athaghadh anns na Stàitean. Bha anTaghadh seo eadar-dhealaichte bho

Thaghaidhean eile air a bheil cuimhneaig mòran. Bha an Taghadh eadar-dhealaichte airson caochladh adhbharan.

B’ iad na prìomh thagraichean fear atha gu math suas ann am bliadhnaichean,ro fhada suas airson a leithid de dhreuchd’s de uallach, theireadh cuid, agus fear atha gu math nas òige. Gus an deach naro-thaghaidhean a chumail anns nacaochladh stàitean, is dòcha nach cualamòran air taobh a-muigh Amaireaga tòrrmu dheighinn fear seach fear dhiubh.

A-nise, tha an Taghadh seachad, agusbidh làmh ùr air falmadair nan Stàitean.An ceathrad làmh ’s a ceithir ann aneachdraidh na dùthcha sin. Cha dodh’fhàsar sgìth a dh’innse gur e Taghadheachdraidheil a ghabh àite – is iongan-tach mur an robh iad uile eachdraidheilnan dòigh fhèin, ach their cuid gur e seoan Taghadh a b’ eachdraidheil agus a buchudromaiche a bha ann a-riamh. Car-son? Seach gu bheil craiceann dorch air

an fhear a bhuannaich!Tha feadhainn a’ smaoineachadh gu

bheil seo a’ riochdachadh saoghal ùr doAmaireaga, agus do dhaoine a bha air ancumail sìos fad linntean, gun chothromaca fàradh na stàite a dhìreadh. Bidh fiosaig eachdraichean air mòran mu thràil-lealachd agus mar a bha làmh an uach-dar aig an duine gheal air fulangas nantràillean. Chaidh tràillealachd is eile à bithbho chionn fhada, ach bheir cuid denithean ùine mhòr a’ dol à cuimhne. Agus

tha nithean ann nach bu chòir a chur àcuimhne. Ach, bithear an dòchas nachdeach Obama a thaghadh dìreach air sgàthdath a chraicinn.

A bheil na Stàitean a-nise air iomallna camhanaich ùire mum bi feadhainna’ bruidhinn? Chan eil teagamh nach dothionndaidh mòran an aghaidh a’Bhuisich, a chuir ochd bliadhna seachadsan Taigh Gheal. Bha nithean marchogaidhean agus mar ionmhas gubitheanta air bilean an t-sluaigh. Co-dhiù,dh’fheumadh e an inbhe a leigeil seachd,oir chan eil am bonn-stèidh a’ ceadachadhach dà thaghhadh, no ochd bliadhna, a-mhàin. Bhiodh e inntinneach beach-dachadh air ciamar a dheigheadh donBhuiseach an aghaidh Obama. Cha bhifios againne no an t-saoghal air sin, geddh’fhaodadh amharas a bhith againn muthoradh a leithid de cho-fharpais.

Is dòcha nach b’ e a-mhàin gun robhMacCàin ro aosta (agus cha cheasnaic-headh duine a chuid gaisgeachd rè abheatha) ach b’ e Obama a ghlac aire a’mhòrshluaigh. Bha sin follaiseach deaghghreis ron Taghadh. Ach cò aige an-di-ugh a bhiodh farmad ris? Feumarfuireach airson faicinn a bheil frea-gairtean aige do na tha ceàrr ann anAmaireaga, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta. Thuirt e fhèin gumbi an t-slighe fada agus an dìreadhcas.

An là ùr poileataigeachanns na Stàitean a bheirbuaidh oirnn uile

An t-àrd-ùrlar fosgailte

10>>>>

Tha An Gàidheal Ùr airson

cothrom a thoirt do

dhaoine aistidhean a

sgrìobhadh mu chuspair a

tha iad fhèin a’ taghadh. Bu

chòir an aiste a bhith mu

800 facal suas gu 1,200

agus thèid £50 a thoirt

seachad dha gin sam bith

a thèid a chlò-bhualadh.

Bhiodh sinn cuideachd

deònach dealbhan

freagarrach a ghabhail.

Feumar tuigsinn, ge-tà, gu

bheil an co-dhùnadh mu

dheireadh air co-dhiù an

tèid aiste a chleachdadh

gus nach tèid ann an

làmhan fear-deasachaidh

a’ Ghàidheil Ùir. Airson

tuilleadh fiosrachaidh

cuiribh fios gu

[email protected],

no fòn 01851706877.

An t-àrd-ùrlarfosgailte

Barack Obama

L I T R I C H E A N

Àrd DianCamas ChrosEilean IarmainAn t-Eilean Sgitheanach

A charaid,

Tha mòran anns an litir fhosgailteaig Niall MacRath do chogais MhgrSalmond (An Gàidheal Ùr, an Dùbhlachd) ris an cuirinn m’ aonta,gu h-àraidh Sabhal Mòr Ostaig aig a bheil na fo-thiotalan sàr-chliùteach: Colaiste Ghàidhligna h-Alba agus an t-IonadNàiseanta airson Cànan is Cultarna Gàidhlig. Mar fhear a bha thall‘s a chunnaic tha Niall còir air tighinn a-nall is ag aithris. Mobheannachd aige airson a ghaisge.Tha droch theansa gu bheil “cosnadh dha na balaich” a’feitheamh air-san!Cha thog mi an seo ach aon phuing bhon litir aig Niall, ‘s e singur e coup a bh’ ann am PrìomhMhinistear a thoirt dhan t-Sabhal.Chan eil sin na annas sam bith oirbha e a-riamh na amas aig na h-urracha mòra àrd-riochdaireanRiaghaltas na h-Alba fhiathachadhdhan “t-sàr ionad” airson a mholadh. Cha robh Ailig Salmond,cleas na chaidh roimhe, ach a’ coileanadh a dhleastanais. Facaldì-moladh bhuaithe — a dhuinebhochd, na bi cho faoin!

Le spèisF.M MacGhill-Fhinnein

Chan eil Salmond ach “a’ coileanadh a dhleastanais”

Page 10: Buannachd do thurasachd am measg nan duilgheadasan ......Naidheachdan 2 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009 Cuin ‘s Caite An Gàidheal ÙrNeach-deasachaidh Murray MacLeòid murray@an-gaidheal-ur.co.uk

Bha feadhainn a’càineadh Obama airsona bhith cho sàmhach

mun chòmhstri eadar Israelagus Gaza. Ach bhruidhinn e, nu-air bha an sgrios a’ dol ammeud, a’ foillseachadh gu bheiliomagain mhòr air mu leòintichagus mu bhàsan san dà àite.Agus gheall e gum biodh e agobair airson fuasgladh air a’cheist nuair ghabhadh e dreuchda’ Chinn-Suidhe os làimh, ’s abhiodh cothrom aige air poilea-saidh nan dùthchannan cèine annan Amaireaga a stiùireadh.

Tha e air a ràdh gun dhearbhan Taghadh gu bheil Amairea-ga a’ tilleadh gu afreumhaichean, a’ curlàmhachas-làidir am measg a slu-aigh fhèin air chùl. Sin dòchasmòran de Amaireaganaich, aguschan eil teagamh nach eil mòraneile san t-saoghal ag aontachadhriutha.

Ach cuimhnicheamaid nach

duine duine na aonar. Bidh iad-san a thaghas e airson nandreuchdan as cudromaiche sanriaghaltas aige cuideachd sòn-raichte ann a bhith a’lìbhrigeadh nam poileasaid-hean a chuir e an cèill. Cuimh-nicheamaid cuideachd gum biPrìomh Leadaidh ùr san TaighGheal. Is i sin Michelle Obama,agus bidh e an urra rithese guìre dè an seòrsa dealbh a bhiosaig an t-sluagh air an Taigh Gheal.Thuirt ise gun robh gach nì a’tòiseachadh agus a’ sgur le ais-ling. Thuirt i cuideachd gun robhi a-nise uasal gur e Amairea-ganach a tha innte.

Tha cuimhne aig feadhainnagainn air grunn Chinn-suidheAmaireaganach. Ach is fhada bhobha uiread de bhoil ann ’s a bhaann rè an Taghaidh seo. Chualasiomadh nì mu na tagraicheanagus mun fheadhainn a bha a’seasamh còmhla riutha airsondreuchd Iar Cheann-suidhe.

Rudan a bha tlachdmhor agusrudan nach robh chotlachdmhor. Ach, air a’ cheannthall, b’ iad sluagh na dùthchaa dh’fheumadh an roghainn adhèanamh. Agus rinn iad sin.

Is e eachdraidh a dhearbhasgliocas na roghainn. A dh’ain-deoin ciamar a thèid cùisean,chan atharraich beachd chuid guri Amaireaga an deamocrasaidhas ionmholta air an t-saoghal. Thafios nach aontaich na h-uile risa’ bheachd sin. Bidh e inntin-neach fhaicinn ciamar a dh’oib-richeas gnothaichean, oir thabuaidh nach beag aig ciod athachras anns na Stàitean Aon-aichte oirnne san rìoghachdseo, agus air daoine ann aniomadh rìoghachd air feadh ant-saoghail. Ann fhèin tha sin a’ciallachadh gur còir ùidh a bhithagainn sa ghnothaich. Agus co-dhiù, cha cheadaich na mead-hanan dhuinn gun a bhithmothachail air.

An là ùr poileataigeach anns naStàitean a bheir buaidh oirnn uile

<<<<9

10 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009

Coille an Fhàsaich,Dòmhnall MacPhilip,eadar-theangaichtele Anna LatharnaNicGillÌosa, Brìgh,£12 99.Tha mi den bheachd gur e

Fionnlagh MacNèill a’ chiadseinneadair a chuala mi a’ seinnCoille an Fhàsaich. Shaoil leamgun robh na faclan agus an ceòltiamhaidh, tarraingeach. Bha,agus tha fhathast, an t-òran aira sheinn air feadh an t-saoghailach cha robh fios agam gun dosgrìobh Dòmhnall MacPhilipuiread de dh’òrain gus an donochd an leabhar eireachdail,Coille an Fhàsaich.

Tha e air fhoillseachadh leBrìgh Productions, an com-panaidh aig Anna LatharnaNicGillÌosa agus an duine aiceCaoimhín Bree. Dheasaich agusdh’eadar-theangaich Anna a’bhàrdachd agus chuir Caoimhínna dealbhan, a tha air leth inntin-neach, air dòigh Air còmhdachan leabhair tha dealbh deBheàrnaraigh a tha brèaghaagus tha e sgrìobhte, “òrain, lefèin-eachdraidh ùidheil agustharraingeach air beatha ann amBeàrnaraigh na Hearadh bhochionn ceithir fichead bliadhnaair ais.”

Bha feadhainn de na dàinanns a’ phàipear Crùisgean aguschaidh an t-òran CabhsairBheàrnaraigh fhoillseachadhanns an Stornoway Gazette annan 1999 ach cha robh eòlas aigan t-sluagh air a’ mhòr-chuid dhi-ubh. Tha e comasach a-nis donleughadair sgrùdadh adhèanamh air cruinneachadh debhàrdachd le Dòmhnall, a tha mudhiofar chuspairean eadar ghaol,bhròn, chianalas, eachdraidhagus fhealla-dhà.

Rugadh Dòmhnall MacPhilip

anns a’ Phort ann amBeàrnaraigh ann an 1926.Chaochail athair sia seach-dainean mus deach a bhreith. Geda bha an teaghlach a’ còmhnaidhann an taigh beag tughaidh bhaiad cofhurtail oir bha an taighseasgair agus cha robh iad gannann an dòigh sam bith. Bha iasggu leòr anns a’ mhuir a bha mòr-thimcheall agus bha buntàtaann am pailteas a’ fàs air a’mhachaire.

Is e duine iongantach a thaann an Dòmhnall – bàrd, cìobair,eachdraiche, iasgair, maraiche,pìobaire, poileasman, sein-neadair agus sgeulaiche.

Air mo rathad dhachaigh,nuair a dhìreas mi Gualann a’Chlachain dìreach seachad airCnoc an Dùin, chi mi na trìeileanan — Lingeigh, Pabaidhagus Beàrnaraigh a tha ann anCaolas na Hearadh mar sheudananns a’ chuan. Tha Pabaidh,eilean torrach far am b’ àbhaistsluagh a bhith. A-nis fàs ged atha caoraich aig Caimbeulaich naHearadh air.

Ann an 1940, nuair a bhaDòmhnall ceithir bliadhn’ deug

agus e air an sgoil fhàgail, chaidhfhastadh leis na cìobairean annam Pabaidh, triùir bhràithreanàs na Hearadh airson ancuideachadh fad seachd mìosanbho thoiseach an Dàmhair gudeireadh a’ Ghiblein. Bha crodhagus fèidh air an eileancuideachd. Choisinn e nota samhìos agus a bhiadh agus chaidha phàigheadh nuair a thill e guBeàrnaraigh. Bha na bràithreaneirmseach, math air seinn agusair bàrdachd agus air sealg agusiasgach.

Tha Dòmhnall a’ dèanamh lu-aidh air an eilean anns an dànEilean Phabaigh:

Eilean Phabaigh, tric air m’aire,

Far ‘n glè òg a rinn mi tàmh:Bha mi geamhradh agus ear-

rachSan eilean a tha falamh fàs

Air tighinn dhachaigh àPabaigh, chaidh Dòmhnall guGleanna Comhan far an robh abhràthair Tormod agus fhuair ecosnadh anns an leaghadairalam ann an Ceann Loch Lìob-

“Coille an Fhàsaich”: cruinneachadh eirmseach

Ag ullachadh airson Mòd na bliadhna

Tha fiathachadh aig na coimhearsnachdanGàidhlig dealbh-cluiche thoirt chun a’ MhòidNàiseanta Rìoghail anns an Òban san Dàmhair2009.

‘S e Comann an Dràma a tha an urra ris a’ cho-fharpais agus an dèidh coinneamh bhliadhnail nabuidhne, thuirt an cathraiche Iain Dòmhnallach:“Lùigeadh sinn tuilleadh bhuidhnean fhaicinn a’tighinn air adhart. Chuireadh seo ri neartachadha’ chànain ‘s tha iomadh buannachd eile an lùibdràma coimhearsnachd, Tha sinn an dòchascluinntinn ò bhuidhnean a dh’aithghearr ‘s gumbi Fèis Roinn a Tuath a’ gabhail àite air a’ Ghàid-healtachd ron Mhòd.”

Feumaidh triùir a bhith sa bhuidhinn agus chanfhaod na dealbhan-chluiche seasamh càil nas fhaidena leth-cheud mionaid air a’ char as fhaide agusfichead air a’ char as lugha.

Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn òMhàiri NicPhàil,Taigh a’ Chnuic, Am Baile Àrd,Càrnais, Uibhist a Tuath HS6 5EH. 01876580260,post-dealain: [email protected].

‘S e 28 Gearran an ceann-là airson clàradh air-son na farpais.

AGUS tha cothrom aig sgrìobhadairean dealb-han-cluiche ùra a chur don co-fharpais litreachaisaig a’ Mhòd. Faodaidh an sgriobt a bhith air cu-spair sam bith agus tha barrachd fiosrachaidh rifhaighinn aig www.the-mod.co.uk

Bidh barrachd àbhachdais aig a’ Mhòd am-bli-adhna ri linn co-fharpais ùr. Seo far a bheileas atoirt cothruim do aon neach no do chàraid bruid-hinn fad còig mionaidean air cuspair èibhinn sambith.

Thuirt Iain Dòmhnallach “Tha cothroman aigdaoine cur ris an oidhirp a tha sinn a’ dèanamhairson dràma a chur air beulaibh an t-sluaigh. Eadarsgrìobhadh no iad fhèin nochdadh air an àrd-ùr-lar agus chan eil dith cothruim air cuspairean fad‘s farsaing”.

Fèill a’ Gheamhraidh

Bha “Clann an Là An-dè”, “Club na Grèine” agusna “h-Able Bodachs and Cailleachs” am measg nathàinig gu Fèill a’ Gheamhraidh air Taobh SiarLeòdhais air a’ mhìos a chaidh seachad.

Thàinig seachd buidhnean a chèilidh airdaoine a tha air an dreuchd a leigeil dhiubh agusfhuair iad uair a thìde de chur-seachadan annsa’ Ghàidhig. Bha bàrdachd ionadail ri cluinntinnagus dràma às na coimhearsnachdan aca fhèin rifhaicinn.

Thuirt tè de na bha an làthair “ ‘S math gu bheil

tachartas den t-seòrsa seo ann tron là, tha cuidde na daoine nas sine nach tig a-mach air an oid-hche. Bha cianalas anns a’ bhàrdachd a rinn samhailChaluim Sheòrais Bhrèascleit agus rinneastoileachas ris a’ bhàrdachd as ùire far an robh feara’ lorg mnatha air an eadar-lion”.

Chaidh Fèill a’ Gheamhraidh a chruthachadhleis a’ bhuidheann-choimhearsnachd B8011 agusfhuaireas taic ò ChnaG agus bho Sgioba naGàidhlig aig CNES.

Turas cultarail air Eilean Leòdhais

Thàinig buidheann de luchd-ionnsachaidh naGàidhlig à Loch Braoin air thuras a Leòdhas bhochionn ghoirid.

Chur iad car air an eilean ’s chur iad seachadfeasgar aig Taighean-tughaidh nan Gearrannan,far an deach eachdraidh a’ bhaile ‘s an dòigh- beat-ha a bh’ aig an luchd-chòmhnaidh a mhìneachadhdhaibh anns a’ Ghàidhlig.

Am measg na leth-cheud duine a bha anns a’bhuidhinn, bha daoine a bha fileanta, luchd-tea-gaisg, luchd-ionnsachaidh agus sia sgoilearan deuga tha a’ faighinn foghlaim tro mheadhan na Gàidhligagus am pàrantan nan cois.

Thuirt neach-labhairt à buidheann LochBhraoin “ Tha a’ bhuidheann againn a feuchainnri tachartasan a chur air adhart far am faigh daoinecothrom a bhith a’ bruidhinn ‘s a’ cluinntinn naGàidhlig.

“Chuala sinn mu eachdraidh an eilein air arturas mun Taobh Siar agus nuair a chaidh sinndo na Gearrannan bha na bhatar gar toirt tim-cheall a’ bhaile agus na bha ag obair anns a’ chafaidha’ bruidhinn rinn anns a’ Ghàidhlig.

“Chunna sinn breabadair a’ fighe a’ ChlòHearaich ‘s dh’ionnsaich sinn bhuaithe mar a bhaclann nan eilean a’ dèanamh beagan cosnaidh andèidh na sgoile a’ lìonadh iteachan.”

Thuirt manaidsear Taighean-tughaidh nan Gear-rannan, Màiri NicRisnidh: “Rinn mise toileachasnuair a thuig mi gun robh iad ag iarraidh an fhios-rachaidh anns a’ chànan againn fhèin. Sin an seòr-sa àite a th’ againn an seo, tha daoine a’ faicinngu bheil e sònraichte agus beairteach a thaobh du-alchas na Gàidhlig.”

Thuirt neach-labhairt Buidheann LochBhraoin: “Fhuair sinn taic bhon ChrannchurNàiseanta airson an turais seo agus chuir e gu mòrri Buidheann Luchd-ionnsachaidh Loch Braoin.Chòrd an latha rinn an cois na cloinne agus rinnsinn toileachas nuair a thòisich a’ chlann a’ seinnnan òran Gàidhlig dhuinn air a’ bhus. Bhiodh emath nam faigheadh sinn air seo a dhèanamh a-rithist.”

Dràma, le Magaidh Nic a’ Ghobhainn

hann. Chuir e eòlas air caileag òg bhrèagha a bhafuireach ann am Baile a’ Chaolais. Bha iad glè mhòraig a chèile ach an sin chaidh Dòmhnall a thogaildon Chabhlach Rìoghail far an robh e agus gune ach ochd bliadhn’ deug, anns na corvettes a bhacumail dìon air bàtaichean a bha a’ dol tarsainnair a’ Chuan Shiar. Nuair a bha an cogadhseachad phòs e nighean mhaiseach eile ach an sinan dèidh mòran bhliadhnachan agus an dithis acanam banntraichean, choinnich e fhèin agus a’chaileag à Baile a’ Chaolais a-rithist agus rinn iadpòsadh.

Ach bhon a ghabh mi sa Chabhlach RìoghailMar as trice gur fad’ o thìr miFar nach faic mi an dùthaich shìtheilAig Earra-Ghàidheal far ‘n tàmh mo nìghneag.

Bha Domhnall an sàs ann an iomadach seòr-sa obrach. A bharrachd air na dh’ainmich sinn bhae ri obair na h-ola ann an Àird nan Saor, greis aigan dam aig Loch Sluaigh agus tacan ann an Oifisnan Cìsean ann an Glaschu. Is ann air an adhb-har sin a tha farsaingeachd anns na cuspaireananns an dà fhichead ‘s a naoi dàn anns an leab-har.

Is e fhèin a chuir fuinn ris na h-òrain agus thaAnna air an ceòl airson seachd dhiubh a sgrìob-hadh aig deireadh an leabhair. Tha Anna agus

Caoimhín ri am moladh airson an leabhar sna-sail, feumail seo a thoirt am follais. Bu chòir dhi-ubh a cheannach.Tormod Dòmhnallach

A bheil siubhse airson sanas a

thoirt a-mach a bhiodh gu ùidh

a’ choimhearsnachd Ghàidhlig

ann an Alba?

Ma tha cur fios gu Murray MacLeòid

aig An Gàidheal Ùr air

01851706877

No air post-dealan aig

[email protected].

Faodadh siubh cuideachd tadhal air

an làrach-lìn againn:

www.an-gaidheal-ur.co.uk

Page 11: Buannachd do thurasachd am measg nan duilgheadasan ......Naidheachdan 2 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009 Cuin ‘s Caite An Gàidheal ÙrNeach-deasachaidh Murray MacLeòid murray@an-gaidheal-ur.co.uk

An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009 11

£20.00

£25.00

£30.00

£35.00

CDs

Bùth a’ Chomuinn

Ceòl

Òrain

Bùth a’ Chomuinn,Taigh à Mhorair Leverhulme, Ceàrnag Phearsabhail, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, HS1 2DD

Fòn: 01851 703487 Facs: 01851 706467 Post Dealain: [email protected]

Page 12: Buannachd do thurasachd am measg nan duilgheadasan ......Naidheachdan 2 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009 Cuin ‘s Caite An Gàidheal ÙrNeach-deasachaidh Murray MacLeòid murray@an-gaidheal-ur.co.uk

A’ RIOCHDACHADH NA COIMHEARSNACHD GHÀIDHLIG

ww ww ww .. aa nn -- gg aa ii dd hh ee aa ll -- uu rr .. cc oo .. uu kk AN ASGAIDH !TOG FEAR AN-DIUGH AN ASGAIDH

12 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2009

Air a’ chiadsealladh,chan ei lmòran cean-gai l eadarEileanRatharsaigh,an t-ei lean

Gàidhealach a thugdachaigh dhan bhàrd ainmeilSomhair le MacGi l l -Eain,agus dùthaich bhochd Gam-bia ann an Afraga.

Ann an coimeas ri dùthchan-nan eile air mòr-thìr Afraga, chaneil Gambia — a tha air a’ chos-ta an iar-dheas bho Shenegal —ach glè bheag, le dìreach 1.5 mil-lean duine. Agus tha mòranbochdainn ann, le daoine a’ fu-lang bho thinneas is dìth a’bhidhe.

Ach, tha muinntir na dùthchaa-nis a’ coimhead air Ratharsaighmar eisimpleir air ciamar asurrainn dhaibh cùisean adhèanamh beagan nas fheàrrdhaibh fhèin. Gu sònraichte,tha iad air misneach fhaighinnbho Rathad Chaluim, an sgeu-lachd ainmeil far an do thog fearde chroitearan an eilein, Calum

MacLeòid, rathad gu dhachaighiomallach fhèin an dèidhbriseadh-dùil fhaighinn bho nah-ùghdarrasan.

Tha pròiseact a-nis air a churair dòigh fon ainm “RathadChaluim ann an Gambia” gusairgead a chruinneachadh airsonrathad ceart a chur air dòigh abheir an comas do shluagh nadùthcha gu lèir faighinn gurudan mar sgoiltean is sheirb-heisean slàinte.

Chan eil an rathad a th’ annan-dràsta idir freagarrach aguscha ghabh e clleachdadh andèidh gun deach sgrios mòr adhèanamh air às dèidh tuilteanuisge. Ach, le cuideachadh bhonphròiseact, tha iad a-nis andòchas a leasachadh gu ìrecheart.

Dh’innis Màiri Leach, aon deluchd-cuideachaidh a’ phròise-ict, mar a thachair.

“Bha an Dotair Stella Mars-den, a bha a’ fuireach agus agobair ann an Gambia, a’feuchainn ri gach cuideachadha b’ urrainn dhi a thoirt donchoimhearsneachd anns an robha dachaigh, a dh’aindeoin ‘s gun

robh i gu math tinn aig an àm,”thuirt Màiri.

“Bha i mothachail gun robhan rathad eadar Kundang agusKintaur feumach air mòrancaraidh. B’ e an aon slighe donàrd-sgoil, do na clinics slàinte agusdo na margaidhean. Nuair a bhatìde an uisge anns an dùthaich,chaidh tuiltean thairis air anrathad agus chaidh mòran dhetha sguabadh air falbh cho dona‘s nach b’ urrainn e bhith air achleachdadh. Gu mì-fhortanachchaochail Stella mun d’fhuair iobair sam bith a chur air adhart.Ach, ghabh piuthar Stella,Heather Armstrong, amasanStella os làimh agus roghnaichi an toirt gu crìch.”

Tha Rathad Chaluim ann anGambia ag obair ann an co-bhoinn ri urras sònraichte abhios a’ toirt seachad each is asalas urrainn cairtean làn stuth ashlaodadh airson an rathad athogail. ‘S e dòigh-obrach ath’ann a bhiodh gu toilcheasChaluim MhicLeòid, a thograthad e fhèin an ìre mhath gulèir le làmhan is bara.

A thuilleadh air a bhith toirtseachad each is asal, tha an t-ur-ras cuideachd a’ toirt comhair-le seachad air nithean marghnothaichean leigheis isinnleadaireachd, rud air a bheilcruaidh fheum ma tha iad gubhith soirbheachail ann a bhithtogail an rathaid ùir.

Feumaidh iad £150,00 uile-gu-lèir airson am pròiseact achrìochnachadh agus a rèirMàiri tha e riatanach gum faighiad air seo a dhèanamh.

“Bidh mòran an crochadhair an rathad seo achrìochnachadh, chan ann a-mhàin dhan t-sluagh a thafuireach ann ach cuideachd dona beathaichean a tha a’ cur feumair rathad socair, sàbhailte air-son siubhal air,” thuirt i.

Chaidh sgeulachd ChaluimMhicLeòid a thoirt gu aire a’mhòr-shluaigh ann an leabhara sgrìobh Roger Hutchison bhochionn dà bhliadhna.

Tha e ag innse mar a bhaCalum, croitear bho cheann-a-tuath Ratharsaigh, a’ strì airson

toirt air a’ chomhairle rathad athogail chun a’ bhaile iomallaichfar an robh e a’ còmhnaidh mardhòigh air a’ choimhearsnachda chumail beò.

Nuair nach do dh’èist iadris, roghnaich e am pròiseact achur air dòigh le làmhan fhèinagus tha an rathad, a’ ruith dàmhìle suas gu ruige baile Arnais,fhathast ri fhaicinn agus air achleachdadh an-diugh fhèin.

Thuirt Mgr Hutchison, a thaa’ fuireach ann an Ratharsaigh:“‘S dòcha do chuid gun robhCalum MacLeòid, nach maire-ann, a’ fuireach ann an àite gumath iomallach, ach bha feall-sanachd eadar-nàiseanta aige.

Bhiodh e a’ sgrìobhadh gudaoine ann an trì no ceithirmòr-thìrean, nam measg Afraga.

“Tha mi cinnteach gum biodhe air a dhòigh gu bheiltuathanaich bheaga ann an Afra-ga air ùidh a shealltainn anns narinn e agus misneach fhaighinnàs.

“Tha an cuuspair mu dhaoinea bhith a’ strì agus a’ dìon andòigh-beatha is a’ chultairchugallaich aca fhèin gu mathcumanta anns an t-saoghal a th’againne an-diuigh, mar a tha lànfhios againn air a’ Ghàidhealtachdagus sna h-Eileanan.

“Tha na daoine ann an sgìre

Niammina ann an Gambia agaithneachadh na rinn CalumMacLeòid mar rud a tha freagar-rach airson na strì a tha iad fhèina’ dèanamh gus na coim-hearsnachdan aca a chumailbeò.

“A thuilleadh air an sin thamòran dhaoine nach do choin-nich a-riamh ri Calum ach a leughmu dheidhinn no a chuala mudheidhinn airson beagan dhiubhfhèin fhaicinn ann an Calum. ‘Se duine saoghalta a bh’ ann... anduine bho dheireadh aig a bheilseasamh ann an saoghal a tha aira shlighe a chall.”

RathadChaluim guruige Gambia

Chan eil cùisean idir furasta dhaibh ann an Gambia agus feumaidh iad feuchainn ris an rathad a thogail le bhith a’cleachdadh eich is càirtean

Chaidh mòran sgrios a dhèanamh air an rathad an dèidh tuiltean uisge Tha mòran bochdainn ann an Gambia, le daoine a’ fulang bho thinneas is dìth a’ bhidhe